[137]

[Vol . 2. No. 19. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 11, 1893. No. 19.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Tha troidh de shneachda air tuiteam am Manitoba cheana agus tha reothadh cho mor acas na laithean so sa bhios againnsan duthaich so an teis-meadhon an fhaoilich.

Than geamhradh a bagairt tighinn. Thainig a cheud fhras shneachda Di luain sa chaidh, agus bha mullach nam beann geal leis fad an latha Di-mairt. Thainig frasan chlacha-meallain a rithist Di-haoine.

Tha muinntir St. Johns Newfoundland, an deigh ceuds tri fichead dolarsa coig deug a chur cruinn air son cuideachadh bantraicheans dileachdain nan daoine chailleadh air an Dorcass air an Etta-Stewart.

Than trosg gu math pailt mu chladaichean an eilean so air a mhios so. Tha rionnach mar an ceudna ri fhaotainn. Chaidh carbad lan de dhiasg reota a chur gu Philadelphia a Ceap Breatuinn an la roimhe.

Rinneadh mort graineil ann a Halifax Di-mairt sa chaidh. Loisg duine dam ainm Richard D. Savage, air a bheans mhabh e i, loisg e an sin air an aon phaisde gille bhaca, ’s mharbh e esan, ’s an sin chuir e crioch air fhein.

Tha e air innseadh a nis gum bann a mhuinntir Chanada a bha Pendergast, am fear a mharbh Mayor Harrison ann an Chicago. Rugadh e an Toronto agus nuair a bha e gle og chaidh e maille ri pharantan gu Chicago.

Bha duine dam ainm Lavoie, maille ribheans ri phiuthar a dol thairis air an abhainn aig St. Agnes, an Quebec, beagan laithean air ais agus nuair a bha iad gu bhi thairis chaidh e ann an laigse den tinneas thuiteamach, chaidh am bata thairis agus bha iad nan triuir air am bathadh.

Chaidh Iain C. Domhnullach, duinog a mhuinntir Cheap Breatuinn a mharbhadh leis na carbadan ann am Boston o chionn ghoirid. Bha ecoiseachd air an rathad, nuair a bhuail iad ann; bha e air a thilgeil fodh dhrochaid, agus nuair a fhuaireadh e cha robh e beo ach beagan uairean.


ORAN DON AOIS.

LE AILEIN MAC AN T-SAOIR.

Sealgair Shionnach a Bhann an Ceann Tire.

(Than t-oran so air a thoirt a leabhar Gailig a bha air a chlo-bhuoladh an Glaschosa bhliadhna 1829. Fhuair sinn e on Urr. Domhnull MacIlleathain, an sgireachd Dhiuranissan Eillan Sgiathanach. —Deas. M. T.)

AIR FONN. —Laoidh Mhic Calair.”

Mile marbhaisg air an aois,
Siomadh caochladh bheir i oirnn,
Fagaidh i gu-seachdaidh cruaidh
A ghruaidh a bha co deargsan ros.

Am falt a bha gu sleamhuinn, min,
Nuair chirteadh e air lith an oir,
Fasaidh e caiteineach, ciar,
S cuid eile cho liath ri cloimh.

An t-suil a bha gu soilleir, glan,
Toirt soluis don chorp gu leir,
Tairngidh an aois oirre smal
S cha leir dhuit gu cearc do mheur.

Achluas a bha gu furachair, geur,
Leis an cluinntam feur afas,
Rinn an aois a druideadh suas,
S cha chluinn thu gun nuallan ard.

An deud a bha mar ibhri shnaight’,
Cho geal ri cailc ann adbheul,
Cnamhaidh ise am buns am barr
S bidh an cairein lomna deigh.

An teanga bha gu sgiolta, grinn,
Cho binn ri smeorach air gheig,
Mar thrombus a teanga brist
Chinn ina gliogan ad bheul.

An gairdeansan robh spionnadh mor,
Leis an tilgteadh ordus clach,
Tairngidh an aois uatha an luths
S trom leis a bhi giulan bat’.

Na casan bha gu laidir luthar,
Leis am buinteadh cliusan reis,
Cha dean iad ceum gun am bat’.
S gun feumadh iad taicnan deigh.

Goididh i do chuimhne uait,
S tairngidh i ort snuadh an aoig,
S gheibh thun sin tigh comhnuidh buan,
S neo-shuairc an leannan an aois.



[138]

[Vol . 2. No. 19. p. 2]

As na h-Eileanan Coille.

Fhir deasachaidh MHIC TALLA:

Tha mi a gabhail a chothram so air sgriobhadh thugad, agus led chead faigh dollar anns an litir so, air son MAC-TALLA urachadh dhomh, fad bliadhna eile, oir tha nise bliadhna bhon a fhuair mi an toiseach e, agus thainig e gu re riaghailteach fad na bliadhna, agus sin air a dhublachach bho chionn aireamh mhiosan. Tha mi a faighinn ceitheir paipairean naigheachd Beurla, ach ni mi barrachd mor toilleachadh inntinn ri MAC-TALLA na ni mi ris an iomalan dhiubh. Agus mar sin tha mi a guidhe saoghal fada buaidh as piseach leat fhein agus le MAC-TALLA.

Feudaidh mi radh gur ent-aobhar nach do sgriobh mi roimhe so, gun robh dochas agam gum faighinn caraid no dha eile gus anainman agus an dollar a chur comhladh rium, ach air eagal s gum biodh tu smaonteachadh fadalach dhiam, thug mi an ionnsaidh so leam fhein, ann an dochas gun tig iad air an aghaidh am an uine gun a bhi fada. Faodaidh e bhi gun robh aobhar eile gam chummail air ais, agus se sin nach eil mi cleachdadh a bhi scriobhadh na Gaidhlig, do bhridh snach eil mo choscriobhairean comasach air a leubhadh no a scriobhadh, agus feudidh e bhi gum bi cuid dhe na facail so ann sam bi mearachdan ach gabhidh sibh mo leigeul. Tha e toirt gum chuinne seann fhleasgach a thainig a mach as an t-seann duthaich bho chionn aireabh bhliadhnachan, agus chaidh e a dhionnsaidh a mhinisteir gu litir a sgriobhadh adhionnsaidh brathair dha a bhathall, agussann an Gaidhlig a bhan litir. Bha eginnseadh don mhinisteir choir, mara chuireadh e innte agus gu sonrichte eadhiarraidh air ma bha suil aige ri tighn a mach don duthaich so gun e dheannabh mar a rinn esan tighinn na luideanach bochd gun bhana-chompanach agus ma bha te sam bith thall a bha sothainn sam bith aige dhith, e ga posadh mas fagadh e. Tha e coltach gun robh am ministeir coir a fas sgith dheth, agus thubhairt e, “ma ta Dhonnachaidh chan eil fios agam fhein ciamar a spellas mi am facal sinsothainn.” “Oh,” arsa Donnachadh, “a Mhaistir Ian cha ruig sibh a leas a bhi ga spelligeadh idir ach cuiribh sios e direach mar a tha e.” Agus sin mar a dheirich dhomhsa; tha mi a feuchain ri chur sios mar a tha e, agus air eagal s gum bi cleas a mhinisteir choir oirbhse agus gum fas sibh sgith dhem litir sa feumidh mi a bhi a tighinn gu codhunadh. Ach bha dhith orm beagan a radh mun ioghnadh agus an duilichinn a tha orm cho beag agus a tha ag ionnsadh a Ghailig a leubhadh dhiubhsan a bu choir sin a dheanabh, ged nach biodh ann ach na leasain Ghaidhlig a thug an tUrramach Maighstir Sinclair dhoibh ann am MAC-TALLA, agus comas a labhairt agus leubhadh beurla le beagan de thur nadair bu choir dhoibh a bhi comasach air a leubhadh. Guidheam slan leibh an la a chi snach fhaic.

Is mi ur caraide dileas,

SHEUMAS A. MAC ILLEMHAOIL.
Na h-Eileanan Coille, Eilean Phrions Iomhair.


A Framboise.

Oidhche Shamhnasin an oidhchetha air a cur air leth le oigridh an aite so airson spors agus cridhealas dhaibh fein. Dhaoidte am faicinn oidhche Di-mairt sa sa chaidh a falbh nam buidhnean gu samhach, stolda gun dad a chron fodhn aire, mur a toireadh iad stocan cail bho bhodach a sudsa so; agus ged a bheireadh cha bu chor dhuinn gruaim a bhi oirnn gu h-airidh nuair a smaoinicheas sinn gu robh sinn fein og roimhe.

Chan eil am buntata idir cho math sa bha en uiridh aig neach air bith; tha moran deth grod agus gun fheum. Chan eil mar an ceudna a bheag a dhfheum ann an arbhar na bliadhna so leis an t-side fhluich a bhaginn aig am a bhuainn, agus an co-lorg sin feumaidh sinn cur as don bharrachd spreidhe na bha sinn an duil aig co iosal sgam bi a phris.” Bidh sinn uaireannan mar sin buailteach air a bhigearain air ar staid, achsann is coir dhuinn foghlum a bhi umhail fodh laimh an fhreasdail a ni gach aimsir is am is aill leis.

Is iongantach an cumail ris a thaig Boston a thann,” arsa Peggi an la roimhe, ’si faicinn feadhainn a falbh do na Staitean. Agus tha mi fein an duil gun dubhairt i gu freagarrach, —tha moran air falbh a so air an fhoghar so a Bhoston. Bu tlachdmhor ani leam fein nam burrainn oigridh Cheap Breatuinn fantuinn an tir an duthchais agus tha mi an dochas gu bheil an t-am am fagus anns a faod Ceap Breatuinn a chlann a chumail cho doigheil sa dhfhaodas iad a bhi ann an tir choigrich air bith.

CEANN LIATH.


LeighsidhMinard ’s Linimentdeideadh.

Tha cuid de dhaoine ann aig am bheil beul sioda agus cridh cainbe. Na biodh cuid no gnothuch agad ris na daoine sin.

Is e h-uile fear as giorra, foighidin as fhaide teanga. Thabhith fadasan teangaidh aclallachadh a bhith abarta, luath-bheulach.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun, 1, 1893.



[139]

[Vol . 2. No. 19. p. 3]

Droch Ghuidhe do Chlann-Domhnuill.

Anns an t-seann aimsir bha cuid dhe na fineachan Gaidhealachnan naimhdean gle mhor dha cheile. Bhiodh aon Fhine atogail creiche on Fhine eile. Tha cuimhne gle mhath aig iomadh neach air a bhithcluinntinn mun doigh anns an robh aon Fhinefeuchainn ri lamh an uachdarfhaotainn air Fine eile.

Bha stri mhor eadar Clann Domhnuill agus Clann Leoid fad iomadh linn. Bhachuid bu mho dhen Eilean Sgiatdanach aig Clann Domhnuills aig Clann Leoid eatorra. Theirear Duthaich Mhic Leoid, agus Duthaich aMhorofhir, ris an da earrann as mo dhen Eilean Sgiathanach gus an lathan diugh, ged nach ann leis aMhorofhear Dhomhnullach, no le Mac Leoid Dhunbheagain, a tham fearann so gu leir an drasta. Anns an am mum bheil sinn asgriobhadh bha na h-Earradh aig Clann Leoid, agus bha da Uibhist aig Clann Domhnuill. Bhiodh an da Fhine threun so gu tric a sasna cheile air muirs air tir, agus thachuis coltach gur e Clann Domhnuill a bhiodh an uachdar mar bu trice. Thachuis coltach mar an ceudna, gu robh an sluagh aig an am atoirt creideis gu robh buaidh ann an droch run agus ann an droch ghuidhe, a chum cur as do dhaoine, mar a bha buaidh ann an deadh ghuidhe agus ann an deadh dhurachd, a chum a bhithmisneachadh dhaoine. An uair bu mhiann leotha duine bhith gu math soirbheachail anns an t-saoghal theireadh iad;— “Tapadh leibh,” noGu robh math agaibh,” no, “Buaidh is piseach oirbh,” &c . Ach an uair bu mhiann leotha olc a thighinn an rathad dhaoine theireadh iad;— “Gu ma h olc a dheireas dhaibh,” “Droch bhas orra.” “Droch comhdhail orra,” Sgrios gun fhuigheall orra,” “Bial sios orra,” &c . Cha tugadh duine aig an am ud iomradh as a bheul air ainm an droch spioraid. So, ma ta, an droch ghuidhe a rinn fear de bhaird Chlann Leoid do Chlann Domhnuill:—

Gaoth an iar-dheas thun na Feisde, Ceo is uisge,
Clann Domhnuill air bhordaibh briste, Leam cha mhisde:
Seol ard, binneach,
Eathar caol, corrach,
Tuim gu tobhtaidh,
Luchd de bharaillean falamha,
Sgiobadh fann, frithir,
Gun urram caib dha cheile.”

Nan dfhuair am fear so a ghuidhe cha bhiodh Clann Domhnuill fada gun dol don ghrunnd. Tha rudha na Feisde air taobh an iar an Eilean Sgiathanaich, agus tha sruth anabarrach laidir air, gu h-araidh an uair a bhios aghaoth on iar-deas. An uair a bhios ceo is uisge ann bidh e duilich do na seoladairean a dheanamh a mach ciod e cho dluthsa bhios iad don chladach. Ma bhios seol ard, binneach, ri eathar caol, corrach, cuiridh oiteag gle bheag thairis i. Ged nach biodh eathar aon chuid caol no corrach, bidh i gle neo-shocrach anns an fhairge ma bhios tuim gu tobhtaidh innte. Cha deachaidh luchd riamh ann an eathar a dhfhagadh cho neo-shocrach i ri luchd de bharaillean falamhe. Ged a bhiodh an t-eathar cho math anns a h uile doigh ri eathar a chaidh riamh air saile, cha tugadhsgiobadh fann, frithir, gun urram caib dha cheilesabhailte gu tir a chaoidh i. An uair a bheir sinn so fa near, tuigidh sinn gum buamhasach an guidhe a rinn an Leodach do na Domhnullaich.

Is math gun dfhalbh na h-amannan cunnartach a bhan sud. Ged a tha iomadh ni fhathast cearrnar measg anns aGhaidhealtach is math gu bheil lagh na rioghachd cho laidirs nach leig e leis na Fineachan Gaidhealach a bhith an amhaichean a cheile mar a bha iad o shean.

IAIN.


Tomhaiseachain.

(1) Fear liaths a chuils da shuil dhiag air

(2) Am fear mor fada dubh a bhios am muigh a h-uile oibhche.

(3) Cearc bheag bhiorachs a mionach slaodadh rithe.

(4) Tri chasan nach gluais
S da chluais nach cluinn.

(5) Chaneil emuighs chaneil estaighs tha e eadar an da thaigh.

(6) Taigh beag, taigh beag, crodh-liogan,
A rinn mi fheins mo Dhomhullan,
Gedthoilleas ciad nan ciadan ann,
Cha toillinn fhein nam onar ann.

(7) Taigh beag, taigh beag, ’s solus as
S a dha dhorus duinte.

(8) Tha e biorach, biorach,
Tha e binneach, binneach,
Tha e luath, luath,
Tha e liath, liath,
S gocan beag as a dheigh
S eg eibheach, “Geadh reamhar,
Geadh raamhar.”

(9) Theid e null air an amhainn
S thig e nall air on amhainn,
S gearraidh e feurs chan ith e e.

(Gheibhear feagairtean nan tomhaiseachainsan ath aireamh.)


Minard ’s Linimentri reicsgach aite.


Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis Ry, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha dfhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dhfheuch i K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis en uine gle ghoirid i.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSED & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[140]

[Vol . 2. No. 19. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 11, 1893.

Tha e air aithris am measg nam Gaidheal gu robh breitheamh mor ann uair de Chloinn-an-Toisich, agus nach robh latha abhiodh cuirt no mod aige nach robh cuid-eigin ri chrochadh, co-dhiu bha duine ri fhaotainn a thoill a chrochadh na nach robh. Rinn e so air son ainm a dheanamh dha fhein, agus chaidh leis gu math, oir gus an lathan diugh cluinnidh sinn ainm anns an t-sean fhacal,— “chan ann a h-uile latha bhios mod aig Mac-an-Toisich.” Tha, a reir coltais, breitheamhan ann san lathan diugh aig a bheil a cheart nisan amharc. Ann an New Brunswick an uiridh thug breitheamh araidh a mach breith air nach robh, ma chreideas sinn an sgeul, moran sam bith de dhreach a cheartais, agus air do dheasaiche paipear-naigheachd am baile St. John sin a thoirt gu aire an t-saoghail, ’s ann a rugadh air fheinsa chuireadh don phriosan e, ’s tha aige ridhachaidh dheanamh an sin gus am bi Ceartas riaraichte. Bha rithist, air an t-samhradh sa chaidh seachad tuathanach coir a toirt aoidheachd dha chairdean a bha deanamh gairdeachas maille riss te dhe nigheanan air posadh. Thainig duine suarach eigin an rathad agus bhrist e stigh don tigh, chuir e chuideachd ma sgaoil le lamhachas laidir, ’s rinn e gach diol a thogair e air, gach ni us neach a bha stigh. Chuir so an caothach air an tuathanach, ’s thug e lamh air seann mhusgaid a bha stigh, chuir e urchair innte, ’s leig e ris an fhear eili, ’ga leonadh air chora gun do dheug e an uine ghoirid. Chaidh an tuathanach a chur an sas, agus an la roimhe sheas e cuirt. An aite leigeil ma sgaoil, no uine bheag dhen phriosan a thoirt dha mar bu choltach, ’s ann a thug am breitheamh dha coig bliadhna dhen tigh-oibreach! Nuair a tha duine bochd a dion a thaighesa theaghlaich o dhuine a thainig an rathad air son olc a chur an gniomh, ged dheanadh e cur as da, shaolamaid gun gabhadh an lagh, ’s an luchd lagha a leisgeal. Ach cha drinneadh sin sa chas so. Than t-am aig cuid-eigin gabhail, ma chul breitheamhan New Brunswicksan cur as na caithrichean-breitheanais; tha e ro choltach nach eil cuid dhiubh airidh air a bhi annta.

Tha fhios againn gu bheil aireamh mhath nach eil a gabhail a MHAC-TALLAn drasda a cur rompa gun cuir iadga iarridh toiseach na bliadhnuire. Air son iad so a ghreasad agus air son cothrom math a thoirt daibh an am dhaibh a bhi cur an ceud eolas oirnn, tha sinn a dol a thairgsephaipeir dhaibh on am so gu deireadh na bliadhna so tighinn air son pris aon bliadhna. Gheibh iad mar so na h-aireamhan a thig a mach eadar so us BliadhnUr a nasgaidh, agus a bhliadhna shlan na dheigh sin air son aon dolar. Tha so na dheagh thairgse agus tha sinn an dochas gum faigh sinn aireamh mhor de luchd-leubhidh ur an uine ghoirid. Agus a chuid sin den luchd-leubhidh a thagainn cheana nach do phaigh an dolar, tha sinn an dochas gun cuimhnich iad oirnn, agus gun dean iad an dleasanas gun dail. Tha sinn gle fheumach air airgiod aig a cheart ams tha fhios againn nach bu mhath le aon dhe ar cairdean a chuis a bhi mar sin. Cuireadh gach aon air adhart a dholar fhein air a chuid as lugha; mas urrainn da dolar no dha fhaighinn o mhuinntir eiles math, mur urrainn cha bhi arach air.


Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile,

Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:

An t-Urr. J. J. Siosal, Sagart Phictou, N. S.
Domhnull Mac Coinnich, Orwell Cove, P. E. I.
Donnacha Mac Connich, Mitchell Rlver, P. E. I.
Iain T. Mac Coinnich, Ch ’town, P. E. I.
Iain G. Mac Leoid, Eileanan Coille, P. E. I.
Iain M. Domhnullach, Pinette , P. E. I.
An t-Urr. I. W. Mac Coinnich, Midgell , P. E. I.
An t-Urr. A. King, Murray Har, P. E. I.
Mrs Jessie Bruce, Valleyfield , P. E. I.
Mary A. Dhomhnullach, College Hill, Mas.
A. S. Mac Neill, Kingston , Ont.
Iain Mac Phiocair, Strathroy ’ Ont.
An t-Urr. R. Mac Leoid, Dunbheagain, Ont.
Seumas Mac Ille-mhaoil, Finch . Ont.
Niall MacIlleathain, Eildear, Roseb ’n, C. B.
Tearlach Mac Fhionghain, New Canada.
Calum Mac Amhlaidh, Cow Bay.
An t-Urr. Uilleam Grannd, do.
Domhnull Mc Aidh, do.
Iain M. Mac Fhearghais, do.
Aonghas Mac Fhearghais, do.
Alasdair Mac Neacail, do.
Gilleasbuig MacIlle-mhoire, do.
Lachuinn Domhnullach, Milton ,
Iain C. Mac Neill, Grand Narrows.
Calum Mor Gillios, Beinn nan Sgiathanach
Iain Battleman, Sydney Forks.
Stephen Mac Neill, Beaver ’s Cove.
Calum Mac Neill, Reserve Mines,

Fhuair Ontario cliu mor aig Feill an t-Saoghail air son a cuid meala. Bha tri fichead duaissa h-aon air an toirt seachad air son saothair an t-seillein, agus thug Ontario leatha fhein a mach fichead dhiubh. Bha ochdar fhichead air an roinn air feadh nan Staidean, agus tri deug an duchannan eile.


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. . .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.



[141]

[Vol . 2. No. 19. p. 5]

COMHRADH NAN CNOC.

LE TORMOID MACLEOID.

(Fionnladh-Piobairen a shuidhe aig ceann an tighe, acaradh seanna bhrogan a mhnatha: na paisdean acleasachd air an ailein; Eoghan Brocair adluthachadh air an tigh, lechoin air lothainnn a dheigh, agus luinneagn a bheul mar bu ghnath leis.)

BROCAIR
Gur iad mo ghaol na fleasgaichean,
Am feasda nach dean posadh,
Gur ann thabheatha sheasgair
Aig na fleasgaichean an comhnuidh.

PIOBAIRE. —Sin thu, ’Eoghain; hug air na h-orain mar is gnath leat. Co as meamnaiche na thusa?

BROC. —Innsidh mi sin duit. An cualthun Sean-fhocal:—

Mac bantraich aig am bi crodh,
Searrach sean larach air greidh,
Nighean muilleirg am bi min,
Triuir as meamnaichair bith.

Agus chaneil fhios agam nach faodainn Piobaire spreigeil air banais chridheil a churs achuideachd. Am bheil thu fhein, ’Fhionnlaidh, agus do chuideachd gu sunndach?

PIOB. —Tha sinn mar a dhfhaodas sinn, ’s cha-neil an righ fhein mar bu mhaith leis.

BROC. —Ciod so a tha thu adeanamh le dmhinidhs le dbhuaicein-iall? An do sgain mala do phioba?

PIOBCha do sgain, ach sgain brogan mo mhnatha; agus tha mi ann an so acur fraochain oirre. Na-m biodh beanus clann agad-sa, Eoghain, cha bhiodh tu cho uallach, eutroms a tha thu, le ddhuanagan agus le dShean-fhocail.

BROC.— ’S ann agam a thafhios: gum meal thus, ’Fhionnlaidh, do bheans do phaisdean, ach cha-neil mo shuil-sa annta. An cualthun t-oran.

Na fleasgaichean bidh aighearach,
Na fleasgaichean bidh ceolmhor;
Bidh drip, ’us donas agus dris,
Cur ris na daoine posda.

PIOB. —Deireadh nan seachd Sathurn’, ort, a bheist, is fada ghabh donas agus dris uamsa. Is tusagus do leithid a thas an dris air nach cinn blath. Adsgaomaire bochd, asiubhal o bhaile gu baile le dchuilbhear fada, caol air do ghualainn, agus donnalaich nan con adchlusaibh, gun fhios ciod an t son toilinntinn a thagad.

BROC. —Co dhiubh is binne donnalaich nan cons amhaduinn, atogradh gu Creig-nam-faobh, no burralaich nam paisdean ag iarraidh am brochain; agus a thaobh mo chuilbheir fhada, chaoil, cha chuir i fhein agus misa mach air a cheile, cha robh canran-teallaich riamh eadar ruinn. Meudail! ’s ann aice nach biodh am focal mu dheireadh; is uallach a shiubhalas mim monadh leatha, agabhail mo dhuanaig;—

Ho-ro mo chuid chuideachd thu,
Gur muladach leam uam thu,
Ho-ro mo chuid chuideach thu,
S mi direadh bheannus uchdanan,
Bait leam thubhi cuide rium,
S do chudthrom air mo ghualainn.”

PIOB. —Tog dheth, ’Eoghain. An ann acoimeas do ghunna granda, meirgeach agus do chuid chon ri mmhnaoi agus ri mphiasdean lurach a tha thu? Marbh aisg air an olc, na cluinneam aleithid.

BROC. —Cha chluinn, cha chluinn. Gun teagamh sam bith is binne sglamiruinn ard do mhnas amhaduinn no langan an fheidhs achreachann; ach so itighinn. “Mairi bhan og, an oigh thair daire.” tha uam doln a co-dhail.

Ho mo Mhairi laghach
S tu mo Mhairi ghrinn,” &c .

Failtair bean aPhiobaire, lecliabhan beag agus le grapadol a thogail abhuntata, Am bheil sibh, lor cead a Mhairi, ’nur slainte air an fheasgar bhoidheach so?

MAIRI. —Am bi thu glic gu brath? cuin a sguireas tu de dsgeig agus ded orain?

BROC. —Innsidh mise sin duit, ’n uair a gheibh mi beanus paisdean. An sin suidhidh mimach aig ceann an tighe, acaradh bhrog, cho soirbh ri each Gallda agus cairt slaoda ris; gun fhocal as mo bheul, ach cho trom-cheannach, stuama ris abhodach chrom a thanns aghealaich, no Fionnladh agad fhein an sud acaradh do sheana bhrog. ’S fhada mun cluinn thu luinneag no oran uaithsan, ach ag osnaich mar dhuinair charn; chan ionannus mise.

MAIRI. —Cha-neil mFhionnladh fhein muladach no trom-chridheach, ged nach bi e ri gleadhraich oran agus amaideachd mar bhios tusa. Nach i so an fhirinn, ’Fhionnlaidh, ’eudail?

PIOB. —Nach gorach thu, ’Mhairi! car son a bheireadh tu feairt air aBhrocair; ge mor a sgeigan aghaidh posaidh, “Is minic a dhi-moil an ceannaicham bathar a bu mhaith leis a bhi aigen a mhaileid;” agus is minic a rinn neach dochair air fheinabuain nan airneagan searbha, ’us esaltairt air na ciribh meala.”

BROC. —Ciribh meala! ’S e sin am posadh, mas fhior: bitheadh e mar sin, achs fhadon a chualas e, “Ge milis amhil codhimlicheas bharr da drisi?”


Cha mhor gu bheil seachdain a dol seachad gun sinn a dhfhaotainn sgeul air soitheach-smuid eigin a thainig thairis air a chuan mhor na bu luaithe na thainig soitheach riamh roimhe. ’Sin Campania an te mu dheireadh a chluich an cleas sin, rinn i an t-astar a theadar Queenstown an Eirinn us New York ri coig latha, da uair dheug us seachd mionaidean. ’S mor an t-atharrachadh a thainig air an t-saoghal anns an doigh so o chionn leth-cheud bliadhna. ’San am sin cha robh na soithichean smuide ach gle ghann ma bha gin idir ann dhiubh, agus bheireadh na soithichean seolaidh uine mhor a tighinn a nall sa dol a null, cuid a bheireadh, mios, cuid sia seachdainean, ’s cuid a dha no tri mhiosan. ’S aithne dhuinn aon duine coir nach eil fad as, agus nuair a thainig e air imrich don duthaich so, thug an soitheach air an robh e sia miosan eadar fagail thall us fearann a bhualadh air an taobh so. ’S math gu bheil na h-amannan sin seachad.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.



[142]

[Vol . 2. No. 19. p. 6]

CUMHA.

Do dh-Alasdir Stiubhart a mharbhadhsa mheinn oir aig Sherbrook sa bhliadhna 1862.

LE TEARLACH MAC-GILLEAIN

Be so bliadhna na dunach
Rinn ar leonadh le mulad.
S iomadh aon dhfhag i dubhach fo bhron.

S ann mu mheadhon an earrich
Fhuair sinn sgeul’ ’rinn ar sgaradh
Gun do mharbhadh an t-Alasdir og.

S ann ri sgealbadh nan creagan
Leis an fhudar chruaidh spreigeant
Fhuair thubhuille a leag thu gun deo.

Nam bhi calcadhs a dunadh
Naitsn do chuir thu am fudar,
Dhfhalbh an t-sradrinn an diubhail ro mhor.

S be sud srad a mhi-fhortain,
Las im fudar an toiseach,
S sgealb i chreag rinn do dhochunns do leon.

S beag an t-ionghnadh do chairdean
A bhi eisleineach, craiteach,
Bho na rinn iad do charadh fon fhoid.

Si do mhathair tha truagh dheth,
S tric suighair a gruaidhean,
Sebhid chumha-sas dual dhi ri beo.

Gu bheil tathair dhe deurach
Le bhi smaointinn mu ddheinibh,
Fhuair e saighead a chreuchd e gu mor.

Tha do pheathrichean craiteach,
Iad fo mhulads fo phramh dheth,
Is an cridhe gu sgaineadh le bron.

Bu tu cridhe na feille
Riamh nach diobradh nam feum iad;
Is cha leigeadh tu eucoirnan coir.

Bha thu caoimhneil ri dchairdean,
S bha thu aoibheil nad nadar;
Se bhi fialidh bu ghuaths dhuit bho toig’.

Bha thu foghainteach, calma,
Laidir, misneachail, meanmnach,
Bha thu fearail neo-leanabaidhs gach doigh.

S aobhar smaointinn an drasd dhuinn,
An trom chis thug am bas dhinn;
Is cha dean e neach fhagail tha beo.

S coir dhuinn daonnan bhig urnigh
Gum biodh Criosda gar stiuradh,
Bhon tham bas a tighnn dluth oirm gach lo.

Nuair thig an teachdaire gruamach
Bheir e sios leis don uaigh sinn,
S theid an t-anam gu suaimhneas no bron.


LeighsidhMinard ’s Linimentlosgadh.

Mar is giorrd dfhalt, ’s ann is fhusa dhut a chireadh. Mar is lugha do chuids ann is lugha do churam.

LeighsidhMinard ’s Linimentloine.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

Chaidh mise leigheas de phian craiteach leMINARD ’S LINIMENT.
BYARD MCMULLIN.
Chatam, Ont.

Chaidh mise leigheas de dhroch at leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. W. W. JOHNSON.
Walsh, Ont.

Bha mis air mo leigheas de dhat a bhair maodann leMINARD ’S LINIMENT.
J. H. BAILEY.
Parkdale, Ont.


Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLINADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[143]

[Vol . 2. No. 19. p. 7]

Naidheachdan Braidhe Mhargaree.

Saol a bheil e ceart gun a thoisich iad air an rathan-iarinn eadar Orangedale agus an Camus?

Tha bata-toite beagga uidheamachadh air Loch Ainslie. Bidh e deas an uine ghoirid.

Tha sinn dol a dh-fhaighinn drochaid ur air an abhuinn aig stor MhicIlleollain. Gu dearbh tha sinn feumach oirre. ’S fhada bho na bha an t-sheann te na culaidh mhagaidh.

Thaur caraidh Domhnull Camshron an ire mhath don taigh. Tha taigh Iain Bhain Ghillis e fein a tighnn air adhart. “ ’Illean bitheabh surdail, tha dubhlachd sa chomlaidh.”

Bhan t-Urr. D. Pringle gaar sealtuinn an lathroimhe. Chaidh a phiob-mhor a sheinn dha, ’s thug sud toil-inntinn mhor don Chriosdi.

Ged a tha droch chunntas a tighnn air na Staitean, tha feadhainn a falbh uchdas an so gach seachdain. Sear miann uile gun teid leothaagus theid.

Tha ant-shamhainn le eallach ghisag, againn. Chan fhuirich i ach oidhche co-dhius gheobh i feins cachfuaragsaite beadraidhs tamha ma ghabhas iad sin. Bidh i sin a triall mar a dh-fheumas sinn uile gu uair eile mar d-thuirt Giorsailseadh air feobhas air crannchur.”

FLOIRI.


Co an Gaidheal nach cuala iomradh air an uasal urramach Mr. Alasdair Mac Griogair a bha na mhinistearsan Eaglais-an-Iar an Inbhirnis, agus a bha iomraideach air son a dhilseachd do na Gaidheal agus dan cainnt. So cuid de na nithe a labhair e anns a cheud oraid Ghailig a bha air a toirt do Chomunn Gaidhealach Inbhirnis. Bha an oraid air a liubhairt fichead bliadhna air ais. “Do gach cainnt thugamaid an t-urraim don Ghailig. Tha i liath-aosda, gidheadh is lughmhor, laidir, lurach, —is fallain, fiachail, fior-glan i. Mar oigh gheamnuidh, chan aill leatha gnothuch a bhi aice ri ni sa bith a tha truaillidh, no drabasda, no droch mhuinte. Ann am beul nan laoch is binn blasda a fuaim; agus is tiamhaidh, trom-a guth ann an gearan gach dream a ta fo bhron. Air Laidinn, ’s air Greugais bheir i barrachd, agus chan fhaighear a leithidga labhairt fon ghrein.

A chanain a bha riamh
Feadh bheanntan agus shliabh,
Ban-oighre dhligheach fhior
Chaledonia!

Is lionmhor oran, iorram, dan, duan, rann, agus laoidh a rinneadh leis na bardaibh aig na fineachaibh fa leth; orain de gach gne agus cumadh, orain-gaoil, orain-molaidh, orain-cogaidh, orain-cumhaidh agus broin, orain-luaidhe agus iomraidh, agus buain, marbhranna, agus an leithidibh sin. Tha na fuinn agus na luinneagan as boidhichesaGhailig a gheobhar ann an cainnt sa bith eile. * *

Tha iomadh gne phiobaireachd ann. Tha cuid ann ris an abrar Cruinneachadh, cuid eile Brosnachadh cuid eile Cumha cuid eile Failte, agus cuid eile Tuireadh mar a bha aphiobaireachd thiamshiadh, mhall, bhronach, a bu ghnath bhi cluicheadh aig adhlacadh nam marbh. Bha duil aig na Gaidheil, gun robh a phiob mar gum bann alabhairt bhriathra na Failte, no an Tuiridh, mar a dhfheudadh achuis a bhith. Mar so ann an Cumha Mhic Leoid, bha phiob ag radh,—

Cha till, cha till Mac Cruimein
Cha till e gu brath gu la na cruinne,

Bha Clann Mhic Cruimein, a bhan am piobairibh aig Siol Leoid, Dhunbheagain o iomadh linn air ais, a sgriobhadh na piobaireachd sios ann an leabhar, gu bhi ga cumail air chuimhne, ach chan ann air an doigh air am bheil ceolga sgriobhadh a nis. Bha iadsanga dheanamh le focail bheaga, ghoirid a bha iad a cur an altaibh acheile chum fuaim an fheadain agus na puirt a chiallachadh. Bha e rud eigin cosmhuil ri innleachd an Sol-fa. Dhfheudadh moran a bhi air a chur an ceill mu fhearachas-taighe, cleachdanna-duchail, inneala-treabhaidh, buill-acfhuinn agus airneis nan Gaidheal. Tha moran ann aig nacheil fios ciod is ciall do na nithibh seo a leanas a ta air an gnathachadh gu sonraichte anns na h-Eileanaibh-an-iar; mar a ta cas-chrom, cas-dhireach, Slachdan, Graideallan, Racan, Poit-Uirearaidh, Leac-gradain, Muilean-leth-coise, Muilean-bradh, Bord-luaidh, Plocan, Oisean, Iris, Siomaid, Cliabh, Caineag, Plat, Sgonnan, Tallan, Sunnag agus mar sin sios.” Anns an Oraid so bhrosnaich e Comunn Gaidhealach Inbhirnis gu bhi dichiollach agus dileas. Nochd e gach strith a rinneadh chum na Gaidheil a theagasgnan cainnt fein leis an Teachdaire Ghaidhealach, a ris le Caraid nan Gaidheal, a ris le Cuairtear nan Gleann, a ris le Fear-tathaich nam Beann agus na h-uiread eile, ach chaidh as doibh gu leir, agus bolc an airidh e.”

Chaochail Mr Mac Greogair air an 19mh de mhios mu dheireadh an fhoghair 1881. Bha e tri fichead bliadhnasa coig aig am a bhais. Bu mhac e don Urr Raibeart Mac Griogair ministeir Chille mhoiresan Eilean Sgiathanach. Bha e air tus na fhear-cuidich aigathair an Cille-mhoire as a sin bha e, goirid an deigh bas athar, air a ghairm don Eiglis Ghaidhealichan Duneideann, as a sin chaidh e do Inbhirnis anns a bhliadhna 1858, far an do shaoraich e le mor-mheas gu am a bhais. Cha robh neach beo ri a latha rinn barachd air son cumail suas na Gailig na Mr Mac Griogair. Bha e measail chan ann a mhain an Albinn ach anns gach aite anns an robh eolas air a chuid sgriobhaidhean Gailig, air an toirt seachad on ainmSgiathanach,” noAlasdair Ruadh.”

C. C.
Strathalba, P. E. I.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[144]

[Vol . 2. No. 19. p. 8]

MO RUN CEAL, DILEAS.

SEISD.

Mo run geal, dileas, dileas, dileas,
Mo run geal, dileas, nach till thu nall?
Cha till mi fein riut, a ghaoil chan fhaod mi;
Ochoin a ghaoil sann tha mise tinn.

Is truagh nach robh mi an riochd na faoillinn
A shnamhadh aotrom air bharr nan tonn;
Us bheirinn sgriobag don eilean Ileach,
Far bheil an ribhinn dh fhag minntinn trom.

Is truagh nach robh mis mo rogha ceile,
Air mullach shleibhte nam beanntan mor,
S gun bhi gar n-eisdeachd ach eoin na speuran;
S gun tugainn fhein di na ceudan pog!

Thug mi corr agus naoi miosan,
Anns na h-Innsean a bfhaide thall;
S bean boidhchead daodainn cha robh ri fhaotainn
S ged gheobhainn saoghal chan fhanainn ann.

Thug mi mios ann am fiabhrus claoidhte,
Gun duil rium oidhche gum bithinn beo;
Be fath mo smaointean a las a dh-oidhche,
Gum faighinn faochadhus tu bhim choir.

Cha bhi mistrith ris achraoibh nach lub leam,
Ged chinneadh ubhlan air bharr gach geig;
Mo shoraidh slan leat ma rinn thu mfhagail.
Chad thainig traigh gun mhuir-lanna deigh.


Fhir deasachaidh MHIC TALLA.

A Charaid, —Ged nach faca mise riamh thu gidheadh tha mi faicinn an trath so sa rithis am paipeir naigheachd laghach Gaidhealach a tha thucur a mach uairs an t-seachduin. Tha naire orm nach robh mi le mairgiod agus mo pheann gad chuideachadh fada roimh a so. Faodaidh a mach uaithe so gun dean mi suas an call ma bheirear an cothram dhomh. Bithidh an t-airgiod luachmhor co dhiubh ge be air bith mar a bhitheas sgriobhadh sam bith a dhfhaodas mi a chur do dionnsuidh a bhi air a lucahachadh. Faigh an dollar am broinn na litreach co dhiubh agus ma shaoileas thu an litir so airidh air aite sa MHAC-TALLA feudaidh tu oisean cuileach air chor eigin a thoirt dhi.

Tha moran eolach agumsa ann an Ceap Breutainn ann am measg nan Gaidheal. Ged a tha mi fada uatha sa choluinn cha do dhi-chuimhnich mi fathast iad. Nam bitheadh e taitneach do fhear sgriobhaidh a MHIC-TALLA agus ionmhianaichte do na udan Gaidheal a tha ga fhaotain feadh Cheap Breatuinn agus nan caochladh chearnan eile feadh an t-saoghail, bheirinn cunntas dhuibh seachduin a deigh seachduin air turas thri miosan as thug mi don Ghaedhealtachd air an t-Samhradh a dhfhalbh. Tha fios agam gum biodh an t-iomradh taitneach don mheud do luchd leughaidh a MHIC-TALLA as a thainig a eilean Leoghais agus na h-Earradh, agus mar an ceudna don mheud agus aig am bheil meas air soirbheachadh nan Eaglaisean Presbiterianach anns a Ghaidhealtachd. Feithidh mi ri fios freagairt bho luchd sgriobhaidh litrichean a MHIC-TALLA.

On a than t-anamach ann bithidh mi a dunadh na litreach so le bhi guidhe oidhcho mhath le uile luchd leughaidh a MHIC TALLA agus gu sonruichte le Ughdar.

Is mise do charaid,
RUAIRIDH MACILLEOD.
Dunbheagan, Canada Uachdach, Oct. 27.


Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an tor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.

A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 19
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 19. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page