[Vol . 2. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 8, 1893. No. 2.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUTH, C. B.
H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mc Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHD ANASEACHDAINN.
Chaidh nighean bheag le Mr Iain Johnston an Ont., aois da bhliadhna, a bhathadh an la roimhe ann an [ ? ]man bainne.
Chaill Iain Mac [ ? ]ealain , an Grand Mira, a thigh- comhn[ ? ]n air an t-seachdain s’a chaidh le teine. Chaidh sradag as an t-simileir air mullach an taighe, agus mu’n dugadh e fa near bha e air greimeachadh air dhoigh ’s nach gabhadh e cur as. Chaidh na bha de dh’airneis ’san tigh a shabhaladh.
Chaidh Dr. Iain H. Mac ’Ille-Mhaoil, dotair og a mhuinntir Phictou, gu St. John, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh dha bhi sa bhaile sin fad dha no tri laithean, fhuaireadh e aon mhadinn-marbh na leoidh. Thugadh a chorp dhachidh gu Pictou, agus bha e air adhlacadh Di-luain s’a chaidh. Cha robh e ach mu choig bliadhna fichead a dh-aois.
Tha fiar cho gann air tir-mor na Roinn-Eorpa ’s gu bheil iad ’ga thoirt a null a Canada, ’s tha e reic cho ard ri ceithir dolair dheug thar fhichead an tunna. Ann an Lunninn tha tunna feoir ’ga reic dolar nas daoire na tunna dhe’n fhlur-cruithneachd a’s fhearr a tha ’sa mhargadh. Tha mar so biadh nan each na’s daoire na biadh nan daoine; agus ged a tha biadh dhaoine cho saor ’s iomadh aon a th’ anns a bhaile mhor sin air nach eil a ruigheachd ach cuibhrionn gle bheag dheth.
Tha an nathir-uisge air tigh’nn air lom aon uair eile. Bha soitheach a dol seachad air Judique an la roimhe, agus tha ’n caiptean ’s an criu ag innse gun deachidh a bhiast mhor sin seachad gle fhaisg orra. A reir am barail-san bha i eadar sia fichead us seachd fichead troigh a dh’fhad, agus ceann oirre cho mor ri barailtemolasses. Tha iad ag radh mar an ceudna gu facas i le seachd soithichean eile, agus chan e sin a mhain ach gu’n deachidh aon de na soithichean seachad os a cionn, ach nach do dh-eirich sgiorradh sam bith dhith air a thaileabh. ’S iongatach am beathach a th’ ann, cho tric sa thatar ’ga faicinn, agus cho ain’mig ’sa gheibhear duine a ghabhas ris gu bheil e creidsinn gu bheil a leithid ann idir!
Rinn na tuathanich uile aoibhneas mor ris na frasan troma uisge a thanig madinn Di-ciadinn. Ma thig tuilleadh dhe’n t-seorsa cheudna, faodidh barr math a bhi ann fhathast, ach tha’m fiar air a mhilleadh o chionn fhada. Tha na tuathanich an caochladh aitean a spealladh an fheoir cheana, an dochas ma thig uisge gu’m fas an ath bharr romh thoiseach a gheamhridh.
Fhuaireadh corp duine air an rathad-iarinn an Gntario Di-haoine s’a chaidh, ’s chan eil teagamh sam bith nach ann air a mhort a bha e. Bha slige a chinn air a bhristeadh an aite no dha, mar gu’m b’ann le tuaigh, agus bha aodunn air a mhilleadh. Tha iad a deanamh a mach gu’m bu cheanniche mhuinntir Winnipeg a bh’ann, ’s gu robh e air a mharbhadh air son a chuid airgid.
Aig Richmond, Quebec, an la roimhe, bha Pierre Robideaux air a ghlacadh air son a bhi fiachinn ri banca a bhristeadh, agus dh-fhalbh maor leis air carbad gus a thoirt do’n phriosan. Ach air an rathad fhuair e cothrom air aon de na h-uinneagan fhosgladh, agus nuair a bha ’n carbad aig a luaths leum e a mach, agus bha e air a dhochunn cho dona ’s gun dh-eug e an ceann beagan uairean. Bha e tri fichead bliadhna sa sia a dh-aois.
Aig Renfrew, Ont., an la roimhe, bha dithis nigheanan beaga a tilleadh dhachidh bho bhi buain shuidheagan; bha iad a dol seachad air an rathad-iarinn, agus thanig an carbad orra gun fhaireachadh. Chaidh an te a b’ oige dhiubh na boil, agus thoisich i air ruith air falbh gun a dhol bhar an rathaid idir. Chaidh an te eile as a deigh, agus dh-fheuch i ri toirt a thaobh, ach, nuair a bha i deanamh sin, bhuail an carbad iad agus chaidh am marbhadh le cheile.
Aig Sidni-a- Tuath Di-domhnich s’a chaidh, bha fear de mhaoir a bhaile a dol air a chuairt abhisteach agus air dha tighinn gu aon de na laimhrigean(wharves)chunnic e duine anns an uisge a greimeachadh ri maide ’ga chumail fein an uachdar. Chaidh am maoir gu grad ’ga chuideachadh agus fhuair e a thoirt gu tir ann am bata. Bu sheoladair an duine bhar aon de na soithichean a bha ’san acarsaid. Thuit e d’an uisge ’s cha robh doigh aig air faighinn gu tir beo mur biodh gu’m facas e an am. Bha e gu toirt suas leis a sgios nuair a thugadh gu tir e.
[Vol . 2. No. 2. p. 2]
GAOL GAIDHEALACH.
SGEULA FIRINNEACH.
Le Naill MacLeod,
IV.
“Cha d’ thug mi gaol a dh’airgiod,
Cha d’ thug mi gaol a dh’or,
Cha d’ thug mi gaol do shioda,
Cha d’ thug mi gaol do shrol,
Cha d’ thug mi gaol dha ’n fhion dhearg
A lionar anns an stop,
’S nach neonach leibh an gaol sin
Tha daonnan na m’ fheoil.”
An sealladh mu dheireadh a bha againn air Seonaid, ’s ann air a glasadh ann an seomar daingeann de thigh bhrathar-a- h-athar a bha i, gus an tigeadh a muinntir g’a h-iarraidh. Bha nighean og, thapaidh ’n a searbhanta ann an tigh a’ Bhaillidh, aig an robh co-fhaireachadh laidir ri suidheachadh Seonaid, agus a tha mi ’creidsinn aig an robh Domhnull i fein, nach bu toigh leatha dhealachadh rithe le ainneart. Fhuair i cothrom air dol a stigh far an robh Seonaid, agus thuirt i rithe, ni air bith a bha ’n a comas-se a’ dheanamh air a son, gu’n robh i lan thoileach a dheanamh, agus nach cluinneadh duine gu brath e. Thug Seonaid taing dhi air son a tairgse agus a caoimhneis, agus thuirt i rithe, gur e an t-aon ni a b’urrainn di ’dheanamh as a leth, na’n tigeadh Domhnull faisg air an tigh ro na h-oidhche, na’m biodh i cho math agus innseadh dha an seomar dhe’n tigh anns am biodh i ’tamh, agus na’m feuchadh i ris na dorsan fhagail fosgailte.
Cha robh am Baillidh cinnteach as ciod a dh’ fhaodadh Domhnull feuchainn ris, agus air son a bhi dearbhte as a chuis, chuir e Seonaid a chadal an oidhche sin le ’bhean fein, ann an aon de sheomair-mhullaich an taighe. Bha moran sheirbhiseach aig a’ Bhaillidh, gillean agus nigheanan, agus thug e rabhadh laidir dhaibh, na’n cluinneadh iad gluasad air bith mu’n tigh air feadh na h-oidhche, iad a bhi air am bonn.
Mu dha uair an ath mhadainn bha Domhnull le ’chuid ghillean air a’ chladach fodh thigh a’ Bhaillidh, agus chuir iad an comhairle ri cheile co dhiubh a b’fhearr dhoibh gabhail suas thun an taighe agus na dorsan a’ bhriseadh agus “prannadh nam meanbh-chuileag” a dheanamh air a h-uile duine a bha stigh a chuireadh ’n an aghaidh, no an e feuchainn ri Seonaid a thoirt a mach le sith a b’fhearr dhoibh, na’n gabhadh sin deanamh.
Is e an co-dhunadh gus an d’ thainig iad mu dheireadh gu’n rachadh Domhnull thun an taighe leis fein, feuch ciod a ghabhadh faicinn no cluinntinn, agus bha cach gu laidhe am falach faisg air an tigh; oir cha robh fios aca co dhiubh bha Seonaid an tigh a’ Bhaillidh fathast no nach robh, agus mur a bitheadh, cha robh iad a’ dol a dheanamh dragh air bith, ach gabhail dreach a dh-Uidhist air a toir; ach ma bha i ann an tigh a’ Bhaillidh, bhiodh fios co na claiginn a bu [ ? ]aidhe mur faigheadh iad i.
“Is fhearr caraid s’ a’ chur na crun ’s an sporan.” Thachair bana-charaid Seonaid a gheall deanamh [ ? ] a leth, ri Domhnull a muigh, agus th[ ? ] i lan fhios dha air mar a bha cuisean air thoiseach air: dh’innis i dha ni a thachair [ ? ]o Sheonaid bho ’n dh’fhalbh e, agus gu’n robh i ’n a laidhe aig an am ud le bean a’ Bhaillidh ann an seomar-mullaich dhe’n tigh. Thug i beachd sgeula dha air mar bha gach seomar dhe’n tigh air a suidheachadh agus an doigh air am faigheadh e gu Seonaid; “Ach,” ars’ ise, “Bheir thu uine dhomh-sa air dol a stigh, ag dol a laidhe mu’n gluais thu, oir na’m faigheadh iad a mach gu’n robh mi na m’ mheadhon air do threorachadh ’s a’ chuis so bhiodh mo bheatha ’n a gheall.
Thug Domhnull moran taing dhi, agus bonn no dha air son a saoithreach, agus thuirt e rithe, nach biodh i gu brath gun charaid agus esan beo. An uair a shaoil leis a bha i ’n a laidhe, ghabh e ’stigh, agus suas an staidhir gu bog, balbh. Leis gach seoladh a fhuair e rinn e mar an seomar anns an robh Seonaid, gun moran dragh. Ghabh e stigh do n’ t-seomar gu fearail agus thuirt e “Am bheil thu an so, a Sheonaid?” Cha luaithe a thubhairt na leum Seonaid a mach as a leabaidh, agus bha iad ann an tiota, mar a thuirt Uilleam Ros—
“Ann an glacan a cheile
Le mor speis mar bu miann.”
Ma dh’eirich Seonaid, d’ eirich bean a’ Bhaillidh, agus ghlaodh i gu’n robh daoine air feadh an taighe, agus ma ghlaodh, bha h-uile duine stigh air am bonn. Thoisich an upraid shios agus shuas, “am fear nach beireadh air a bhogha, bheireadh air a chlaidheamh.” Ghlaodh am Baillidh na dorsan a chrannadh, ’s na bha ’stigh biodh iad a stigh, ’s na bha ’muigh biodh iad a muigh, ach ged e bha barail aige air neart na bha stigh, cha robh fios aige air neart na bha muigh. Chuir Domhnull a cheann a mach air uinneig, agus ghlaodh e ri ’chompanaich. “Fhearaibh,” ars’ esan, “tha mise ’n am phriosanach an so.” “Ma tha,” ars iadsan, “cha bhi thusa fada mar sin.” Thainig Iain mor Domhnullach le roid thun an doruis a b’ fhaide mach agus chuir e ’stigh ’na spealgan e le ’dha shail; ghabh iad a stigh air feadh an taighe, agus cha b’ ann gu sith; thoisich an upraid, a’ ghleadhraich agus an tua[ ? ]aid , “gach fear a’ toirt sgairbh a creagan dha fein.” Chuir am Baillidh gille air falbh a thional dhaoine, ach thug cuid de chompanaich Dhomhnuill an aire dha falbh, ruith iad ’n a dheigh, chaidh breith air agus a cheangal cho cruinn ri molt. Bha gille tapaidh eile de sheirbhisich a’ Bhaillidh a thug amh air gunna leis an robh e ’dol a’ dheanamh cuchd mor; ach mu’n d’ fhuair
A CHARAID
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig
Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain.
ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1883.
[Vol . 2. No. 2. p. 3]
e losgadh leis, bha e fein agus a ghunna ’n an laidhe ann an cuil gun a h-aon aca ro dheas air son cogaidh.
Ghabh Iain mor Domhnullach suas an staidhir agus rug e air Seonaid ’n a ghlacan mar gu’m biodh paisde aige, agus rinn e air a’ chladach leatha. Thug Domhnull agus cuid eile dhiubh leo na gnothaichean a bh’ aice air son na slighe. Cha robh aig a’ Bhaillidh, agus aig na bha dhe ’theaghlach air chomas gluasaid, ach seasamh anns an dorus a’ tachas an cinn agus ag amharc ’n an deigh. An uair a thog iad na siuil ris a’ bhata, agus a ghluais iad a mach bho thir, thoisich piobaire a bh’ anns a’ chuideachd air cluich—
“Gabhaidh sinn an rathad mor.
Olc air mhath le cach e.”
Sheid a’ ghaoth gu fabhorach ’n an deigh, mar gu’n gabhadh i aithreachas air son cur ’n an aghaidh ’n uair a dh’ fhalbh iad roimhe agus mar gu’m biodh i ’tuigsinn nach robh ann ach diomhanas agus peacadh do ghaothan agus do dhaoine a bhi feuchainn ri dealachadh a chur anns a’ charaid oig so, aig an robh an aigne agus an cridhe cho fuaighte ri cheile; agus a rinneadh air son a bhi ’n an aon fheoil.
Chuir na gillean air tir ann an Gearrloch iad, agus rinn iad an rathad a sin mar a b’fhearr a chaidh ac’ air gu taobh deas Alba. An ath mhadainn an deigh dhaibh falbh, thainig brathair Seonaid a Uidhist le sgioba dhaoine g’a h-iarraidh, ach bha an nead air a chreachadh mu ’n d’ rainig iad, agus cha robh ach tilleadh dhachaidh a dh’innseadh mar a thachair.
Ma chaidh an teaghlach gu dragh ’n uair a chaidh a h-ionndrainn an toiseach, cha b’ ann a nise bu lugha an dragh. Dh’fhalbh earraidean agus daoine air gach rathad, gu h-araidh do ’n Eilean-Sgiathanach; cha d’ fhag iad uamha, coire, na doire nach do rannsaich iad, agus maille ri sin, bha airgiod cinn trom air a thairgseadh do neach air bith a gheibheadh greim orra.
Is e cheud iomradh a fhuair iad orra gu ’n robh iad posda. Dh’ fhalbh lad beagan an deigh sin do na Rioghachdan thall, far an d’ thainig iad air an aghaidh gu gasda. Ghabh an Sasunnach a’ chuis gu cridhe cho mor ’s gu’n do chuir e dheth a’ bhaillidheachd, thug e Sasunn air, agus cha chula mi riamh ciod a’ chrioch a thainig air.
An latha a sgaoil an naigheachd air feadh nan eileanan, mar a thachair do Dhomhnull agus do Sheonaid, bu lionmhor searrag a chaidh a thraghadh ag ol an deoch-slainte; bu lionmhor dorn gaoisneach, feitheach ’g a sgailceadh air bord; agus bu lionmhor sgornan fallain Gaidhealach a’ seinn—
“ ’S e mo run an Gaidheal laghach,
Is tu thaghainn ’s cha b’e ’n Gall,
Ort a thig na h-airm gu sgibidh,
Os cionn adharc chrios nam ball,
Failte dhuit ’us slainte leat!
(A CHRIOCH)
Lizzie Borden.
Tha Lizzie Borden air a leigeil ma sgaoil an deigh dhi a bhi fad naoidh miosan ’sa phriosan, ’sa dhol troimh chursa lagh cho deuchinneach ’sa ghabhadh a bhith. Bha amharus gle laidir air a chur oirre cho luath ’sa rinneadh am mort, ach an deigh a bhi rannsachadh na cuise uine mhor, dh’fhairtlich air na fir-lagha ’bha [ ? ] h-aghidh fianuis a thoirt air adhart a dheadh i no eadhon a shealladh le cinnt sam bith gu robh fhios aice co rinn am murt. Air an laimh eile chan eil e air a dhea[ ? ]hadh idir gu bheil i neochiontach. Thug an luchd deuchinn a mach mar breith nach robh i ciontach, ach tha moran dhe’n bharail fhathast gu bbeil i ciontach, agus gu dearbh bha nithean ann a bha gle fhada na h-aghidh ged nach b’urrinn an lagh feum sam bith a dheanamh dhiubh. Ach a nise tha i air saoradh leis an lagh agus aon uair ’s gu bheil, chan fhaodar dragh sam bith a chuir oirre tuilleadh. Ged a gheibhte mach am maireach gur h-i mharbh a [ ? ]athir ’sa muime, cha n-eil de lagh do de dh-fhir-lagha ’sna Staitean na dh-fhaodas am meur a chur oirre. Tha iad a nise gun fhios aca co ’rinn an gniomh oilteil ’s cha m-eil moran coltais air gun gabh e faotinn a mach. Ach co rir bith a tha coireach cha n-eil dad is cinntiche na gu’n tig e ’m folais air uair no uair-eigin.
Facal no dha a Hogomah.
Fhir-Dheasachidh, —Is taitneach leam a bhi cluinntinn gu bheil cairdean na Gailig deonach gu’m bi do phaipear air a dheanamh na’s mo agus tha mi an dochas gun dean iad anns gach aite an cinn a chur ri cheile gus a chuideachadh.
Aig an am so tha mi cluinntinn gu bheil am mathan ri call air a Mhullach. A cheud chuairt a thug e, mharbh e caora ’s uain air Gilleaspig Domhnullach. Chaidh triuir as a dheigh gach fear le ’ghunna air a ghuallinn, ach tha e coltach gu robh e na bu sheolta na iad, ’s gun dug e ’n car asda. Lean iad air a thoir moran mhiltean, gus ’n do chuir e mu’n cuairt ’s thill e, ’s dh-ith e pairt de’n chaora cheudna air a dhinneir, mu’n do phill luchd an t-seilg dhachidh. Air oiche araidh o chionn ghoirid bha gill’ og a dol dhachidh o bhi cur eolas air nionagan a bhaile, agus mar a bha crois an dan dha, co ’bha roimhe air an rathad ach am mathan ceudna! Gh[ ? ]d thug Domhnull na buinn’ dha ’s ghabh e surdag leis a bhruthich,—
Cha do sheall e as a dheigh
Cha do dh’ eigh e air cuilean,
Ach ghabh e an ratreud!
Di-ciadinn s’a chaidh thug e ’n darra cuairt. Tha e coltach gu’m b’e uachdar a bha dhith air, oir dh-ol e da chreamer air aon do mo nabaidhean. So agibh sgeul a mhathain cho fad ’s a fhuair mis i. An ’la ’chi ’s nach fhaic, is mi ’ur caraide dileas.
LAMH AMAIDEACH,
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 2. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh ’n am sin.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney , C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 8, 1893.
Tha Ard-chomhairle Chuan Bhering aig fois a mise, tha na fir-lagha an deigh an cuid oraidean a liubhirt, agus tha na breitheamhan a cnuasachadh nan cuisean a chuir iad fa’n comhair, ’s an saoghal uile a feitheamh ris a bhreith a bheir iad a mach. Bidh a bhreith sin air a toirt a mach mu dheireadh na seachdain s’a tighinn, ’s bidh fhios an uair sin de’n duthich, a reir am barail-san, aig a bheil an ceart air a taobh. Tha lan dhuil aig sluagh Bhreatuinn gum bi i air a toirt a mach air a taobh fein, ’s tha corr us leth amharus aig muinntir nan Staitean fhein gur h-ann mar sin a bhitheas, ach cha n-eil fhios de dh-fhaodas an Ard-chomhairle a dheanamh.
Tha aireamh mhath de dh-orain ’s de mharbh-rainn ’s de nithean eile aginn air laimh nach urrinn dhuinn a chlo-bhualadh cho luath ’s bu mhath leinn, no idir cho luath ’s bu mhath leotha-san a chuir thuginn iad. Tha sinn a fiachinn gach seachdain ri aon us aon diubh a chur as an rathad le ’n cur an clo, ach tha cuid diubh cho fada ’s nach bitheamid a toirt ceartas d’ar luchd-leubhidh le sin a dheanamh idir. Ach so rud a bhitheas sinn gle thoileach fhaighinn agus a chuireas sinn an clo cho luath sa bhios ’nar comas. ’Se sin litir bheag sgiobalta, ag innse naigheachdan an aite, no sgeulachd ghoirid a’s fhiach a leubhadh, no ni eigin eile dhe’n t-seorsa sin. Ma chuireas tu sin thuginn, cha n-eagal nach teid e ’sa MHAC-TALLA.
Dh’fhiach duine ’mhuinntir Montreal da’n ainm Bridgeman ri ’bhean a mharbhadh o chionn ghoirid le losgadh oirre. Chaidh a thoirt gu cuirt air an t-seachdain s’a chaidh, agus an deigh eisdeachd ris na fianisean, ’s ris an luchd-lagha, thug am breitheamh dha ceithir bliadhna deug dhe’n tigh-oibreach.
Tha e air tighinn gu solus a nis gu bheil call na “Victoria,” ri fhagail gu buileach air an Admiral Tryon, aig an robh na soithichean uile fo ordugh. Bha e air bord na Victoria, agus thug e ordugh do na soithichean tionndadh mu’n cuairt, ni nach robh comasach dhaibh a dheanamh leis cho faisg ’sa bha iad air a cheile. Chuir an t-ordogh a leithid de dh-ioghnadh air na ceannardan eile ’s nach robh fhios aca co dhiu a bheireadh iad geill dha no nach toireadh. Tha riaghailtean na Cabhlich Bhreatunnach a toir cead do chaptean long-chogidh diultadh ni sam bith a dhianamh a chuireadh an long an cunnart, ach bha uiread earbsa aca so a breithneachadh an t-admiral ’s gu’n d’ rinn iad a reir aithne, agus air tailleabh sin chaidh an Victoria do’n ghrunnd le corr us leth na bha air bord. Cha robh Tryon ach air tilleadh gu obair a cheart mhadainn sin an deigh dha bhi na laidhe tinn air an leabidh, agus cha chualas e riamh roimhe a toirt ordugh sam bith a chuireadh na soithichean an cunnart cho mor. Tha e mar sin gle choltach nach robh an t-admiral bochd aige fhein nuair a thug e ’n t-ordugh cronail so. Nuair a bhual na longan na cheile ’sa bha ’n Victoria gu dhol fodha, dhiult e gluasad as aite, ach chaidh e sios maille ri ’dhaoine, a choinnich am bas cho treun ’s cho foghainteach ris, fein. Cha do leum a h-aon diubh a mach gu iad fein a thearnadh gus an d’ fhuair iad aithne sin a dheanamh, a nochdadh mar sin gu bheil na Breatunnich, ann an cas, cho treum sa bha iad riamh. Tha call na Victoria, san riaghilt a bha ’measg nan daoine gus a mhionaid mu dheireadh a toirt gu cuimhne call na Birkenhead, nuair a chaidh aon de na reiseamaidean Gaidhealach a shlugadh suas leis a mhuir. Sheas iad uile nan sreathan air clar-uachdar na luinge, an coirneal air an ceann, gach duine na aite fein, fodh lan armachd, gun ghluasad, gun charachadh, gun fiamhachd eagail ri fhaicinn an gnuis a h-aon. Agus aig a mhionaid mu dheireadh, nuair a bha ’n cuan mor a fosgladh a bheoil ’gan gabhail a steach, thog iad uile an cuid ghunnachan agus mar aon duine loisg iad urchair, a gabhail an cead deireannach de thir nam beo. Bi’dh cuimhne air call na Birkenhead, fhad sa bhios eachdridh ann gus a chumail air chuimhne, agus bi’dh call na Victoria a cheart cho iomraiteach, air son an sgiorridh uamhasich a dh’aobharich e agus air son rian agus treine nan daoine a chaidh a dhith.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. . .1.00
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 2. p. 5]
Trod Iain Oig.
An cuala tu riamh mu throd Iain Oig?
Bha Iain Oig na dhuine coir, siobhalta, tuigseach; agus air do mhinisteir ainmeil tighinn rathad Baile-nan-leac, shearmonaich e air a’ bhlar-a- mach, agus bha Iain Og am measg na chaidh ga eisdeachd. Co bha ann am broileach a’ cho-thionnail ach Domhnull Mor, agus bha e fein agus Iain Og ro mhor aig a’ cheile. Theireadh naimhdean Dhomhnull gu’n gabhadh e deur math ’s gu’n robh e fein agus “Mac-an-Toisich” na’n deagh chairdean. Coma co dhiubh, caraid ann no as, thuit do’n mhinisteir choir facal rabhaidh a thoirt do’n cho-thional, mu iad a bhi air am faicill mu’n uisge’ bheatha. Ars’ esan “Ma ni da ghloine coire dhuit na gabh ach a h-aon, ’s ma ni h-aon coire dhuit na gabh gin idir.” Cha do chord so idir ri Domhnull Mor, agus thuirt e “Fhalbh, fhalbh! thoir seachd do dh’ Iain Og a’s dhomh-sa ’s dean do roghainn mu’n chor.” ’N uair a chuala Iain coir so cha mhor nach do leagh e leis an naire, agus bhoidich e gu’n tugadh esan air Domhnull e, air son mar a naraich e esan. Cha chuala duine Iain Og a’ trod riamh, agus bha gach h-aon a’ feitheamh gu foighidneach gus an cluinneadh iad trod Iain, agus a’ cumail suil air an da cheatharnach, feuch c’ uin a’ thigeadh iad tarsuinn air a cheile. Thachair iad gu goirid air sgaile an rathaid mhoir, agus ’s e na fhuair Domhnull de throd— “Idir, idir, a Dhomhnuill! naraich thu mise.” Bho sin gu so tha cuimhn’ air “trod Iain Og.”
Tha Cleveland an deigh am mod bliadhnail ris an canar an “Congress,” a ghairm gu bhi cruinn air an t-seachdamh latha de’n fhoghar. Cha n-eil e ag innse de ’n t-aobhar air son a bheil e deanamh so, oir cha n-abhist do’n mhod cruinneachadh ach aon uair sa bhliadhna, agus sin ’san earrach, ach cha n-eil teagamh sam bith nach ann a chum cuisean a chuir ceart a thaobh cuinneadh an airgid, mi air a bheil na Staitean aig an am so gle fheumach. Tha na h-uiread de dh-airgiod ’ga thoirt as na meinnean gach bliadhna ’s gu bheil e air tuiteam ann am pris. Nuair a chaidh an dolar airgid a chuinneadh an toiseach b’fhiach e uiread ri dolar oir, ach a nise cha n-fhiach e ach beagan us leth-dolar, agus tha dragh mor us call air aobharachadh leis. Tha Cleveland, co-dhiu, a cur roimhe gu’m bi gach ni air a cheartachadh agus gum bi creideas nan Staitean air a chumail suas.
Chaidh an tigh aig Raonul Mac Fhionghain, ’sa Bhras D’ or Bheag na theine oiche Di-sathairne s’a chaidh. Chaidh na bha ’san tigh a dhusgadh air feadh na h-oiche le faileadh teine, ’s cha b’urrinn daibh dad a dheanamh ach eirigh ’san tigh fhagail. Cha n-eil fhios cia mar a thoisich an teine.
Alasdair ’s na Moirearan Dearga.
O chionn iomadh bliadhna, air do na Moirearan dearga tighinn a nuas a Duneideann, mar is gnath leo bhi deanamh gus an la ’n diugh, do chuid de bhailtean na Gaidhealtachd gu bhith toirt tagraidhean doirbhe as an rathad, thachair doibh tighinn do bhaile araidh far an robh luchd lagha, tha e coltach, cho aineolach air a’ Ghailig riubh fein. M[ ? ] thainig gach tagradh air am beulthaobh thainig aon tagradh air son reic uisge-bheatha gu’n ordugh. Dh’eigheadh air Alasdair Ban a stigh, oir b’e ’m fear-diona ’sa chuis so. Dh’ fheumte mhionnachadh ’s an t-seasamh bonn. Nuair a chual’ Alasdair so ghabh e eagal. Ged a bha e ’na dhuine anabarrach fuasgailte cha tugadh e mionnan-eithich airson ni sam bith. Thionndaidh Alasdair ris a’ Mhoirear ’s thuirt e, “I canna swear in England. I swear in Galic. Galic is the best lankage that was ever porn. ”Nuair a leig e air mar so nach robh beurla aige, dh’iarr am Moirear air Mr Caimbeul—an ’aon fhear-lagha aig an robh beagan Gailig, a thoirt air Alasdair mionnachadh anns a’ Ghailig. Thionndaidh Mr Caimbeal ri Alasdair ’s thuirt e, “Alasdair, cha ’n’ eil a dhol uaith agad, feumaidh tu mionnachadh ’s a Ghailig.” Thionndaidh Alasdair ri Mr Caimbeul ’s thuirt e, “Am beil duine an so a thuigeas Gailig ach mi fhein ’s tu fhein? “Cha’n’ eil,” arsa Mr Caimbeul.” “O mar eil” arsa Alasdair, “mionnaichaidh mise.” Nuair a thog Alasdair a’ lamh ’s a dh’eisd e ri briathra na mionnan, ’se thuirt e ri Mr Caimbeul, “Gu’n tugadh an donus leis gach’ uile mac mathar a tha ’n so ach mi fhin ’s tu fhein,” ’s leag e lamh. “An do mhionaich e nis” arsa ’m Moirear? “Mhionaich e gu dearbh” arsa Mr Caimbeul. Thoischeadh air Alasdair a cheasnachadh, ’s ma thoisica cha chuireadh iad ite as.
Bha Mr. Calmbbeul gu math eolach air Alasdair ’s air a chleasan fada roimhe so, agus o nach robh e ach na fhear-eisdeachd ’sa’ chuirt leig e leis a dhol air aghart mar a thogair e fhein. Leis a so tha sinn a faicinn gu’m biodh e ro fheumail do’n luchd-lagha iad fhein gu’m biodh iad comasach air Gailig a thuigsinn. Mu’n aon duine tha mar so a’ buanachd air an luchd-lagha bhi gun Ghailig faodaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil a fichead a’ call ris.
Chaidh bean og a mhuinntir Halifax a mharbhadh air an rathad-iarinn faisg air Amherst, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha a corp air a gharradh na phiosan leis na cuibhlean.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnallach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aainn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Suabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 2. p. 6]
Turus a Mharaiche.
Le Eobhan Mac Laomuin M. A., D. D.
Bhuanaich Talamh Dearg, agus a theaghlach re na h-oidhche ud ann an urnuigh. Dh-amhairc a chlann le geur-aire air an seilbhean.
Moch sa mhaduinn, dh fhag Talamh Dearg a bhean sa chlann gach ni as an deigh, choisich iad troimh shraidean Bhabilon, agus thionndaidh iad an aghaidhean dh-ionnsuidh a chladaich. Chuala Bhan-righinn Scarlaid uime so, ach fhreagair i: “Tha m’ baile gu math dheth bhi cuiteas a phlaigh duine so.” Thubhairt iadsan a ghabh beachd dheth idir. “Tha cuid a dhaoine ann aig nach eil fios nuair tha iad gu math dheth.”
Dh’fhan Talamh Dearg samhach agus air dha bhi di-chuimhneachadh na nithe bha air a chul agus ga shineadh fein chum na nithe a ta air thoiseach agus ghreas e air adhar-t ged bha bhi fagail Bhabilon mar bhi spionadh suil dheas. Bha ’n t-slighe gu Port an Aithreachais anabarrach doirbh. Dh-eirich a ghrian le teas loisgeach, bha’n talamh garbh scaipte le dris agus cuairtichte le fiadh-bheathaichean, agus sheid gaoth scaileach neul de ghainmheach. Bha Talamh Dearg agus a mhac Tomas crabach le casan goirtach air do Mhuire Rut a ghabhail air laimh-choisich iad gu luthor agus gu sunndach.
Ruith Peadar gus an robh e cion-anail, agus thainig e gu marbh stad aig aite far an robh da rathad a coinneachadh, aon diubh leathann agus furasda, an t’aon eile aimhleathan agus duilich; An so bha meur-phosta, agus air aon taobh dheth bha na briathran so. “Tha slighe ann a chithear direach le duine: ach is iad a crioch slighean a bhais.” Air an taobh eile; “Ach is cumhann an dorus agus is aimhleathan an t-slighe a ta treorachadh chum na beatha agus is tearc iad a ta g’ amas oirre.” ’Sann ainmig a chithear na briathran so leosan tha nis deidheil air ruith cabhagach an aite bhi roghnachadh gu maith. Thainig a chuid bu mho dheth na Babilonich an fhad so uair no uair eiginn na ’m beatha, ach do bhrigh gu ’n roghnaich iad an t’ slighe leathann fhuair iad iad fein air ais na ’m baile fein, a’ cuir an ceill gu ’n d-rinn iad spairn chum Port an Aithreachais a ruigheachd agus gu’n dh-faritlich so orra: Mar so thugadh droch theisd air an t’ slighe aimhleathan. Chordadh an t’ slighe leathan ri Talamh Dearg ach bha fios aige gu’m bi so slighe e bhais. Shuidh e sios aig na rathaidean tarsuinn gus na dh-fhas na h-uillaich rag anns an uisge agus a cho. Fhras na gaothan a nios duilleagan marbha, dh-ealraich an dealanach o aon ionad fo neamh a’ soillseachadh gus an ionad eile, bha guth an Tighearna ri taireanaich ach roghnaich a chlann o’n aon a b’oige gus an aon bu shinne an t’shlighe aimhleathan, am paisde Rut air thoiseach orra uile—ni a ghairm gu cuimhne Talamh Dearg na briathran,— “Agus ni leanamh beag an stiuradh, maille riu so.” Gu deimhin a ta mi ag radh ribh, ge be neach nach gabh rioghachd Dhe mar-leanamh beag, nach teid e air chor sam bith a steach innte. Dh-eirich e air a chasan, agus ghabh e cheud ceum anns an t’ slighe aimhleathan, bha ’n ath cheum ni b’usa, ach aig fheothas, bha ’n rathad garbh, air mhodh araidh dhoibsan bha trom ann a feoil.
ThaMRS . ALVA YOUNG, Waterford, Ont. ,a sgriobhadh, “Bha mo leanamh gle thinn leis an tinneas shamhridh, agus cha d’ rinn ni feum dha gus na dh’fheuchDr . Fowlers Extract of Wild Strawberry,a leighis e gun dail. ’Se leigheas cho math ’sa dh’fheach mi riamh.
LeighsidhMinard ’s Linimentcannabhrist.
LeighsidhDr Fowlers Extract of Wild Strawberry,cholera, cholera morbus, gearrach agus a h-uile euslaint eile dhe’n ghne sin. A phris 35 cent.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
ThaMinard ’s Linimentri reic ’s gach aite.
Bi cuibhteas do dhroch stamag
mu’n tig an cholera, Leigsidh
K. D. C.
am miar a’s miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 2. p. 7]
An Uiseag.
(Tha so air a thoirt a Irisleabhar na Gaidhlige, agus bha e air a sgriobhadh le aon de na sgoilearan Gailig a’s fearr a tha ’n Alba. —An t-Urr. Iain Mac [ ? ]uridh , ’san Eilean Sgiathanach.)
Cha’ n’ eil eun anns an ealtuinn air an robh uiread de mheas aig luchd-aiteachaidh nan Eileanan an Iar ’s a bh’ aca air an uiseig. Ri mo cheud chuimhne fhein bha meas mor aig daoine oirre. Ach tha leithid a dh’ atharrachadh air tighinn air beachdan agus air cleachdaidhean dhaoine ’s gu bheil moran dhe ’n t-sluagh os cionn a bhith ’toirt fa near eunlaith an adhair. Tha eagal mor orm nach ’eil daoine a’ bheag air thoiseach an gliocas agus ann an tuigse, no idir ann an caoimhneas agus ann an caranas, air na daoine a bh’ ann ’san aimsir a dh’fhalbh, ged a tha iad ’gam meas fhein moran ni’s glice na na daoine ’dh’fhalbh.
An uair a bha mi og bha an uiseag air a meas ’na h-eun beannaichte. Cha chreachadh duine sam bith a thainig gu gliocas an nead aice air son rud sam bith. Bha mo an eadhon a’ meas gu robh e ’na pheacadh nead na h-uiseig a chreachadh. An am an treabhaidh, ’nan tachradh gu ’m biodh nead na h-uiseig ann an talamh a bha gu bhith air a threabhadh, rachadh am ploc dhe ’n talamh anns am biodh an nead a thogail leis a’ chaibe, agus a chur an aite sabhailte air uachdar an treabhaidh. Nam biodh an uiseag air toiseachadh ri gur air na h-uighean, cha ’n fhagadh i uaipe idir iad; ach mur bitheadh, cha rachadh i ’nan coir tuilleadh.
Is e ceithir uighean a bhios aig an uiseig mar is trice. Ach uair is uair bidh a’ coig aig te is te dhiubh. Is e, An Uiseg-Mhuire, a theirear ris an uiseig aig am bi na coig uighean.
Gu math tric bidh fear dhe na h-uighean anns nach bi eun. An uair a thig na h-eoin as na h-uighean eile, theid an t-ugh anns nach robh run a chur as an t-sealladh air dhoigh eiginn; agus theireadh daoine o shean gur e chur anns an deachamh rinn an uiseag air. Tha so a’ nochdadh gu soilleir dhuinn gu robh an uiseag air a meas ’na h-eun beannaichte aig an am ud.
Is e an t-aobhar sonraichte air son an robh mear cho mor air an uiseig, a chionn gu robh i a’ toiseachadh ri gairm anns a’ mhaduinn Latha Fheill Bride. Bha i mar so ag innseadh gu robh an t-Earrach air tighinn. Tha daoine gu nadurra toilichte an uair thoisicheas an latha ri fas fada. Aig toiseach an Earraich tha ’n cruthachadh gu leir mar gu’m biodh e ’dusgadh as a chadal, agus a ’teannadh ri cumhachdan naduir a chur an ceill. Tha cuimhne gle mhath agam an toileachadh a bhiodh air sean is og an uair a chluinneadh iad an uiseag a’ gairm. Ach ma bha an uiseag a’ failteachadh an Earraich le oran binn, bha na daoine a bh’ ann o chionn da cheud bliadhna a’ failteachadh na h-uiseig mar an ceudna le briathran cho math agus cho freagarrach ’s a b’ urrainn daibh a chur ann an altaibh a cheile. Bheir an rann a leannas gne de bheachd dhuinn air a’ mhor-mheas a bh’ aig daoine air an uiseig. Tha dearbhadh agam gu bheil dluth air da cheud bliadhna o’n a rinneadh an rann so. Bha e mar chleachdadh aig daoine a bhith ’ga ghabhail anns a’ mhaduinn Latha Fheill Bride, an uair a chluinneadh iad an uiseag a’ gairm. So ma ta an rann:—
“Air sgiathaibh siubhlach an aird nan speur,
Tha ’n uiseag bheusach, bhreac-bhallach, chliuiteach,
A’ seinn a ciuil dhuinn le deadh ghleus;
A’ toirt sgeul an Earraich as ur dhuinn,
An deigh a ciurradh le fuachd breun;
A’ taisbeanadh maise, agus umhlachd
Do’n Triuir a tha ’n aird nan neamh;
Mar fhianuis an aghaidh nan slogh,
’S mar dhearbhadh air gloir nan neamh.
Tha ribheid a cleibh a’ toirt urraim air gach ceol.
Truailleachd naduir no gniomh lamh
Cha chuirear mar thair air a h-eoin.
Craobh mheangannach, dhosrach
O dhuslach na talmhainn,
Mar sin an duine ’s e ’falbh ann an ceo;
Gun subhailc, neo-bheusach lan truailleachd,
Tha ’n duine fo bhuaireadh mar sgleo.
A Thi phriseil, nam buadhan caomha,
Ceadaich dhuinn aomadh gu ceol
A sheinn do na naomhaibh,
’Tha ’comhnuidh an saoghal nam beo,
Far nach fuaraich an gaol,
’S am maireann an ceol—
Muire nan gras,
Peadar is Paul agus Eoin.
Amen.”
Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing leMINARD ’S LINTIMENT.
MRS. A. LIVINGSTONE.
Lot 5, P. E. I.
Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN MADDER.
Mahone Bay.
Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois leMINARD ’S LINIMENT.
JOSUA WYNACHT.
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colberne Sts Toronto, Can.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 2. p. 8]
Iain Dubh na h-Uamha.
FONN.—
“Tha ghaoth an iar cho caithreamach.”
Is oganach deas suairc thu
Ged thuirt cach Iain Dubh na h-uamha riut;
Is tric an comunn uaislean thu
An uair a bhios tu ’g ol.
Is tric an comunn &c .
Ag ol gu sunndach, suigeartachd,
Gun stuirt, gun ghruaim gun bhriogaireachd;
Cha stop a ghlaodhar idir leat
Ach slige mar-ri corn.
’S ann dh’fhiosraich a bhean-sheinnse dheth
’Ga fharraid, is i faighneachdail,
“Co e’n duine uasal aoibheil so
Tha cur a chaoimhneis oirnn?”
“Ma ’s i do thoil ’s do shiobhaltachd
Do staoileadh fearainn innse dhomh,
Gun doir mi botul fiona duit
Is seilbh air nioionaig oig.”
An Uamha Mhor an Ile
’S i mo staoileadh fearainn chinntich i;
’S bho Chlann Mhic Dhiarmaid shiolaich mi
’S bho Anna nighean Mhic Ceol.
Is cinnteach ma ’s fear fearainn thu
Nach gabh thu bhuamsa a chailinn ud,
Ged bheirinn ceud bo bhainne dhuit.
’S da dhusan gearran og.
Cha ghabh mi-fhin ’s cha’n fhiach leam i,
’S gur h-iomadh maighdean shiobhalta
Lo’ h-aid ’s le guintean sioda
Tha gu cinnteach orm an toir.
Mo lamh gur sgiobair mara thu
’Ad shuidhe air stiuir gu h-ealanta,
Ga h-iarraidh ’suas neo-aineolach,
’S i ceangailte ’na sgoid.
Thig cota’ dh-aodach Sasunnach
Mu d’ ghuaillibh shios a spaisdearachd;
Thig spuir is botuinn ’s ad ort,
Gruag mu d’ mhuineal ’s car dhe’n t-srol.
Air son cuideachadh le bantraich ’s le dilleachdain nan daoine a chaill am beatha air a Victoria, tha muinntir Bhreatuinn a cur airgiod cruinn, agus tha suim mho air a ghealltinn cheana. Chuir luchd-riaghlidh Bhreatuinn ann na b’urrinn daibh, agus tha moran de dhaoine cothromach an deigh am fialuidheachd a nochdadh air an doigh cheudna. Tha luchd-riaghlidh Chanada a cur mile punnd Sasunnach no coig mile dolair ann mar chuideachadh leis an tional, agus a nochdadh a cho-fhaireachdain a th’aig sluagh na ducha so ri cairdean nan daoine a dh-fhalbh.
LeighridhMinard ’s LinimentDeideadh.
An Tim a Bh’ ann bho Chian.
(Auld Lang Syne. )
’M bu choir sean eolas dhol a cuimhn’
’S gun teachd a chaoidh gu miadh?
’M bu choir sean eolas dhol a cuimhn’
’S gach turn a bh’ ann bho chian?
Air son na tim a bh’ann bho shean,
Air son na tim bho chian,
Gun olar cupan caoimhnis leinn
Air son na tim bho chian.
Bhith’mid a ruith air feadh nam bruach,
A buain nan ur-fhas miadh’,
Ach rinn sinn iomad ceum fo sgios
Bho’n tim a bh’ann bho chian.
Bhith’mid a luidrich anns an allt
Bho mhaduinn gu am diot,
Ach eadaruinn bha gairich cuain
Bho ’n uair a bh’ ann bho chian.
So dhuit mo lamh a charaid ghasd,
’S fair dhomh do lamh gu fial,
’S gun ol sinn cuach de’n tarruing bhlasd
Air son na tim bho chian.
Gu cinnteach gheibh thu stopan dibh,
’S gheabh mise fear mo riar,
’S gun olar cupan caoimhnis leinn
Air son na tim bho chian.
ALASDIR AN RIDSE.
S’e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotinn air son droch stamag.
LeighsidhMinard ’s Linimentlosgidhean.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear-ionaid.
Mac Gillios & Mac Fachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin.
title | Issue 2 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 2. %p |
parent text | Volume 2 |