[145]

[Vol . 2. No. 20. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 18, 1893. No . 20.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Dior-daoin sa tighinn Latha Taingealachd.

Tha Cuideachd a Ghuail a dol a dhobair air leasachadhs air cur ris an laimhrig gual a bhuineas do na h-International Mines. Tha e dol a chosg eadar ceithir fichead us ceud mile dolar, ’s tha da cheud fear oibreach a dhith orra.

Choisinn Coinneach I. Domhnullach, duinog a mhuinntir Cheap Breatuinn, duais as fhiach tri fichead dolar sa deich ann an Oil-thigh na Ban-righ an Kingston, Ontario. Thug am ballach ceudna mach duais mhath air son a chuid Gailig tri bliadhna roimhe so.

Chaidh meinneadair dam bainm W. P. Walsh, a mharbhadh ann an Sydney Mines air an t-seachdain sa chaidh. Bha eg obair air gearradh guail agus thuit cnap mor dheth air a mhuinga ghoirteachadh cho donas gu robh e marbh an ceann beagan uairean.

Chi ar leughadairean gu bheil na Longan smuide a bha ruith eadar Hawkesbury us Boston ri sgur a ruith an deigh a cheathramh latha fichead dhen mhios so. Tha na Longan so cho comhartails cho sabhailte ri gin den seorsa, agus tha am faradh gle shaor, —coig dollar air ais no air adhart.

Dheug bean dam ainm Mrs Ann Seaman ann anNew Yorkair a bhliadhna so agus dhfhag i fichead muillein dolar aig na dileabaich. Tha ceuds ceithir ficheadsa seachd deug dhiubh sin ann, agus tha ceuds da fhicheadsa seachd eile a feuchainn ris an tiomnadh a bhristeadh. Than t-suim mun bheil iad a stri mor, ach cha rachamaid an urras nach ann aig an luchd-lagha a gheobhar an earann as monuair a theid gach nina aite fhein.

Chaidh duine mhuinntir Charlottetown gu Montreal o chionn ghoirids chaidh e gu tigh-osda a ghabhail cuid na h-oidhche. Chaidh a thoirt gu rum No. 99 agus ghabh e mu thamh. An ath latha thug e suil ann an leabhar-latha bhair a shiubhal, agus fhuair e mach gu robh e anns an tigh da bhliadnair fhichead air ais agus gun do chuir e seachad an oidhche anns a cheart rum.

Cum air chuimhne gu bheil am MAC-TALLA air a thairgse do neach sam bith a thig a stigh as ur, uaithe so gu deireadh na bliadhna sa tighinn air son aon dollar.

Chaidh seann bhantrach Albannach den ainm Mairi Chleireach a chur as a phiosan beag fearainn air an robh ifuireach ann an Dumfries, agus chuir i roimpe gun rachadh i a h-uile ceum gu Windsor a chur a cas air beulaobh na Ban-righ. Dhfhalbh i-fheins a h-ighean; aois choig bliadhna deug, agus an ceann shia seachduinean rainig iad. Chaidh an cas a rannsachadh le oifigeach a bha sa chaisteal, agus an deigh gach caoimhneas a nochdadh rithe, leigeadh air falbh i air a turus dhachaidh a dhAlba.

AOIS MHOR. —Tha bean choir a fuireach air taobh tuath an Eilein Mhoir a than deigh aois mhor a ruigheachd. Tha i thairis air ceud bliadhna sa h-ochd a dhaois, agus gus o chionn bliadhna no dha bha i gu laidir, tapaidh. Thainig i mach a Alba comhlath ri a fear, Amhlaidh Mac Amhlaidh, o chionn tri fichead bliadhna sa h-ochd. Tha clann, oghaichean, us iar-oghaichean aice, chan ann a mhain an iomadh cearna de Cheap Breatuinn, ach mar an ceudna an Columbia Bhreatunnach, ’s na Staitean Aonaichte, agus eadhon an New Zealand.

OIDHCHE SHAMHNA. —Tha sinn a tuigainn gu robh cleasan oidhche shamhna air an cluich tuilleadh sa choir an an cuid a dhaitean air an t-samhainn so chaidh seachad. Tha caraide a cearn eigin don eilean a sgriobhadh thugainn ag innse sagearain air mar a dheilig na gillean ris fhein oidhche na fearas-chuideachd sin. Tha e toirt iomradh air dortadh uisge, daoine leth-bhathte, agus nithean eile nach eil sinn uile gu leir a tuigsinn, agus tha e soillear gun dfhuair e tuilleadhsa chuid fhein dhen t samhainn, agus gun deachaidh na gillean o bhi sporsail gu bhi mi-mhodhail, mur-a deachuidh gu bhi cronail. Tha e iomchaidh gu leor, ma dhfhaoidte, do na gillean a bhi ri spors dhaibh fhein, ach bu choir dhaibh fhaicinn nach deanadh iad cron no mi-mhodh air duine sam bith no air a chuid. ’S math am modh a bhi modhail.



[146]

[Vol . 2. No. 20. p. 2]

CEATHARNACH-COILLE LOCH CUAICH.

Ann am meadhon Loch Cuaich fo dhubhar nam beanntan ardathag eiridh air gach taobh dhe, tha eilean beag, mar leth-acair fhearainn air mheudachd, air abheil corr chraobh bharraich afas. Than t-eilean beag so mar cheithreamh-mhile do thir, agus tha e uile gu leirn a aite co uaigneach, aonarach, dhiomhair, ’s as urrainnear a smuainteachadh.

Air an eilean bheeg so tha seana Ghaidheal achomhnuidh; duine colgarra, gruamach, a tha cur laghana na rioghachd agus na duthcha gu dulan. ’S ainm don duine so Eoghan Macafi. Tha nis os ceann da fhichead bliadhna bhon a ghabh an duine so an t or agus a chuir e suas abhoineid ghorms an ite ann an i risimeid Ghaidhealaich anns an robh uachdaran an fhearainn air an robh e chomhnuidhna oifigeach. ’Nuair a ghabh e an t-or, ghealladh dha, mar is tric a nitear, nach bfhada bhiodh ena shaighear, gun eireadh e ceum air cheum gus am biodh babag oir air gach gualainn. Bha Eoghan Macafis an am sinna cheatharnach co luthor, easgaidh, fhoghainteachs a bhas an duthaich uile. Bha en a shaighdear inich, glan, eireachdail, dreachmhor, agus ealanta, teom, anns gach car agus gluasad a chuireadh ma choinneamh; ach ged a bha, cha dfhuair e na bairde na bhi na shaighdear singilte. Latha de na laithean, ghabh e a chasan agus stad cha d rinn e gus an drainig e tir nam beann. Chuireadh as a dheigh agus ghlacadh e; chuir na saighdearan a bha air a thoir glas lamh air, agus thug iad air falbhna phriosanach e. Mar bha iad asiubhal leis troimh Shrathearraig, air seorsa do cheum aimhleathan ri taobh beinne, thug e a chlisge an dui-leum thairis air ard chreig chorraich chas, agus thar e as. Loisg na saighdearan as a dheigh; ach ma loisg cha do bhean iad da. Bhuail e a ghlas-lamh ri creig, agus bhrist e gach cuibhreach. Bha e nisna dhuine saor, am measg gharbhlaichean nam beann, an tiroige.

Thog e bothan-airidh dha fein anns aChoire-bhuidhe, air fearann Mhic-Dhomhnuill-duibh, aite cho uaigneach dhiomhair sa bha ra fhaotainns aGhaidhealteachd uile. ’S an diomhaireachd so dhfheuch se e fein a cleith car uine fhada, ag iasgachds asealgaireechd, agus ag arach ghabhar, gun duine ag radhainn ri Eoghan gum bolc, gun duineg iarraidh mail air, no afeoraich dhe ciod achoir a bhaige air fuireachs an ait ud. Ach bha Eoghanna aonaran bochd trom-chridheach; dhfhiosraich e nach robh e math do dhuine bhi leis fein, agus chuir e, uime sin, roimhe bana-chompanach fhaotainn. Thug e a chridhe do dhainnir og aluinn, aois cheithir-bliadhn’ -deugruith e air falbh leatha, phos iad, agus a nis tha coigear chloinne aca. Ach mo dheireadh bhuadhaich an laghna aghaidh, agus beiginn da an Coire-buidhe fhagail. Thog e air; cha robh an imrich doirbh ra inlan. Dhiarr e fasgadh ann an Loch Cuaich, far abheil e gu tearuinte seasgair. Thog e bothan beag dha fein, tigh-slaite, anns abheil e feins atheaghlach atuineachadh. Rinn e seorsa do bhats beag anns an gabh e an t-aiseagnuair is aill leis gu tir-mor. Tha aige leth-cheud gabhar ag ionaltradhs na beanntaibh mun cuairt; tha iasgach maths an loch, agus tha sithionns na monaidhnean; air alt agus nacheil dith no uireasbhuidh am bitheantas air Eoghan; ach anns agheamhradh cha-neil cor an teaghlaich bhig so air uairibh ach bochd nis leoir. Tha Eoghan air eidean lebhreacans lefheile; agus tha e fathasdna dhuine co curanta, threum, thlachdmhor ri amharc airs a chitears an duthaich uile. Cha teid e mach latha gun a bhiodaig air a chliathaich. Tha seorsa do sgath air muinntir an aite roimhe; tha cuid fo sgath a thaobh ainm curanta, gaisgeil an duine, agus cuid asmuainteachadh gu bheil beagan do dheolas aige nacheil ro-mhath seorsa do bhuidseachd agus fhiosrachd, do nacheil e cneasda oilbheum a thoirt.

S ann uaithe so tha e gu tric atachairt gu bheil bolla mine, mulachag chaise, cuman ime, ceithreamh muilteolach, agus ioma ni eile air an cur a dhionnsuidh Eoghain don eilean leis na coimhearsnaich air gach taobh do Loch-Cuaich. Tha a fein fo bharail gu bheil seun araid aige a chumas air falbh gach olc; ach a dhaindeoin so cha teid e oidhche da leabaidh gun an gunna bhi ra thaobh, deas gu losgadh ma thig fa cunnairt air. ’Nuair chaidh an t-uachdaran ur a cheannaich am fearann so o Mhac- ’ic-Alastair, suas don duthaich so an uraidh a dhamharc an aites a ghabhail seibh ann, chaidh Eoghan Macafi, ga choimhead, agus thairg e cumhnant a dheanamh ri Mr. Ellis, an t-uachdaran, mur cuireadh Mr Ellis dragh air-san nach robh esan toileach dragh air bith a chur air Mr. Ellis. Chuir coslas an duine so mor iongantas air an t-Sasunnach choir; chuir e roimhe gach gne chaoimhneis a thaisbeanadh do Eoghan, agus tha sinn lan chinnteach gun dean e sin. Chan fhiach an t-eilean so a bheag do neach air bith ach Eoghan a mhain; agus is lan-dearbhta sinn fhad s is beo e nach cuirear dragh air, ’s gu bheilaonta don aite co fada ra laithibh. Tha e nis os-ceann tri-fichead-bliadhna dhaoistha a theaghlach afas suas ann an aineolas mor, tha a bheanna boirionnach tlachmhor maiseach ra fhaicinn, laidir fallain; tha beagan sgoil aice a fhuair ina h-oige, agus tha dochais againn leis a so gun toir i nas urrainn di don teaghlach. Tha baigh mhor aig Eoghan da mhnaois da leanaban. Chaochail aon de na paisdean air an eilean uaigneach so,


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.



[147]

[Vol . 2. No. 20. p. 3]

gun lighiche gun choimhearsnach dluth, gun chuideachd gun solas. Bha Eoghan bochd anabharrach dubhach bronach; chaidh e thairis gu tir-mor, rainig e bothan airidh bha air an taobh thall, far an robh buachaille chaorach a chomhnuidh agus ghuidh e air tighinn maille ris agus cuideachadh leis chum ciste mhairbh a dheanamh don phaisde; “Oir,” arseasan, “tha crith co mor am lamhsa leis abhrons a bhriste-cridhe, ’s nacheil e an chomas tal no tuadh a laimhseachadh.” Chaidh am buachaille leissgoilt iad cuid do chraobhan beithe, agus theannaich iad ra cheile iad mar a bfhearr a burrainn iad le cranntairngean, agus thiodhlaiceadh an leanabh bheag so ann an eilean beag far abheil cladh an aite, aig ceann an loch, far abheil cnamhan agus uir nan daoine treun on dthainig Eohan air an caramh.

Mar so tha sinn afaicinn gu bheil a h-aon fhathasd do na seana cheatharnaich Ghaidhealach beo, daoine ard-inntinneach, colgarra, treun, do-cheannsuichte. Car son nacheil ministeir no maighstir-sgoile, no duine iochdmhor, a thaobh eiginnatoirt foghlum do Eoghan bochd, leis am faodadh e an Leabhar-naomh a leughamh, a dheanamh solasach ena uaigneas, agus a dhfhosgladh a suas da sealladh air saoghal as fearr? —AS A CHUAIRTEAR.


LeighsidhMinard ’s Linimentloine.

Bidh an duine leisg, slaodach na chabhaig an comhnuidh an uair a thig am feasgar. Am fear a bhios fada gun eiridh bidh ena leum fad an latha.

LeighsidhMinard ’s Linimentlosgadh.

Chan eil iuchair ann as fhearr a dhfhosglas cuid de ghlasan na iuchair airgid. Ach an dorus nach gabh fosgladh ach le iuchair airgid, feumaidh gu bheil ni eiginn cearr air a ghlais aige.

Chaidh mise leigheas de phian craiteach leMINARD ’S LINIMENT.
BYARD MCMULLIN.
Chatam, Ont.

Chaidh mise leigheas de dhroch at leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. W. W. JOHNSON.
Walsh, Ont.

Bha mis air mo leigheas de dhat a bhair maodann leMINARD ’S LINIMENT.
J. H. BAILEY.
Parkdale, Ont.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.

Minard ’s Linimentri reics gach aite.


Tomhaiseachain.

(1) Theid e null air an amhainn
S thig e nall air an amhainn,
S innsidh e sgeuls cha labhair e.

(2) Is airde e na taigh an righ,
Is mine e na sioda.—

(3) Muc dhubhsabheinn
Gun sugh gun saill
Gun cheann cnamha.

(4) Ceathrar nan ruith
Ceathrar air chrith
Dithis ag amharcsan adhar
Dithis adeanamh an rathaid,
S aon fhear ag eibheach.

(5) Fear cruinn cnaparra, cruaidh;
Gur cruaidh craicionn a lamh,
A shuil am meadhon a chleibh,
Isfheoil am meadhon a chnamh.

(6) Chunnaic mi ioghnadh an diugh
S mig iomradh air mnir
Ceithir daimh gun fhuil gun fheoil,
Spionadh feoir a talamh dubh.

(7) Chi mi, chi fada uam,
Da mhile dheug thar achuain,
Fear gun fhuil gun fheoil gun anam
G imeachd air an talamh chruaidh.

(8) Chi mi, chi mi fad mo sheallaidh
Seachd mile thar abheallaich
Te gun fhuil gun fheoil gun fheithean
Siubhal sleibhair talamh dubh.

Bidh freagairtean nan tomhaiseachan so air an toirtsan ath aireamh.

So freagairtean nan tomhaiseachan a bhanns an aireamh mu dheireadh,— (1) An Criathar. (2) An rathad mor. (3) An t-snathad bheag. (4) Aphoit. (5) Glut-lionaidh abhalla. (6) Suil na brathann. (7) An t-ugh. (8) Achuibheal-shniomha; (9) Am peillear.


Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSED. & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[148]

[Vol . 2. No. 20. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.

SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 18, 1893.

Chan eil gnothuichean anns an Roinn-Eorpa ach car an-shocrach aig an am so. Tha eagal air aon rioghachd gu bheil am beachd rioghachd eile a bhi na bad an uair a shaoileas i gu bheil i lag. Tha Ruisiasan Fraing mar gum beadh an guaillibh a cheile air son am math feins ma dhfhaoite air son cron chaich. Than Eadailts a Ghearmailt nan cairdean mora da cheiles nan naimhdean don Fhraings do Ruisia. Tha Breatuinn a seasamh na h-aonar, gun i gabhail gnothuich ri taobh seach taobh, Tha Ruisia a sanntachadh tuilleadh fearainn, agus tha toil mhor aig an Fhraing dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son na thug i uaipe de dhfhearann anns a chogadh mu dheireadh. Tha toil aig an Eadailt gabhail air an Fhraing, ge air bith car son, ach tha i ro lag, ’s thaGhearmailtga sior neartachadh fheinsa cur roimpe gum bi i nas laidir ena gin sam bith eile de rioghachdan na h-Eorpa. Tha cogadh leibideach ann an Africa a cur dragh air Breatuinn, cogadh anns nach urrainn dhi moran sam bith a chosnadh, agus anns am faod i roinn mhath a chall. Tha duil aice mar an ceudne ri tuilleadh trioblaid anns an Eiphit, am fear aig a bheil ainm a bhi na righ air an duthaich sin a feuchainn ri bhi cur an aghaidh a h-ughdarais: agus a thuilleadh orrra so tha na h-Eironnaich acumail suas na h-aon iorram mu Fhein Riaghladh, ’s eagal orra ma gheobh Gladstone bas nach toir iadsan a theid naaite Fein Riaghladh dhaibh. Than Spainnsa leor aice ri dheanamh a cogadh ris na Moorich ann an Morocco, gun fhios cuin a bheir i fo chis iad. Tha na rioghachdan eile beag us mor, ’s an cuid fhein aca dhen troimhe cheiles dhen an-fhois a thameasg chaich, air chors nach eil fhios caiten rachamaid a dhiarraidh sith no socair. Faodaidh cogadh bristeadh a mach latha sam bith, agus faodaidh nach buailear buille gu ceann bhliadhna chean, ach than sluagh uile a tha giulan na cosdais a fhang. Chan aithne dhuinn gu bheil duthaich air an domhain an diugh anns am bheil an sluagh air fad a mealltuinn sith, saorsa, sonas agus pailteas ann an [ ? ]mh [ ? ]s cho mor ri Canada, an duthaich fhuar, thuathach againn fhein, ged is tric [ ? ] a talach an gearan air ar crannchur.

THA cogadh a ghuail, mar a theirear ris, a sior dhol air adhart ann an Sasuinn. Tha chuid mhor de na meinneadaireans an teaghlaichean an imis basachadh leis a ghort a tha cion na h-oibreach an deigh a thoirt orra. Tha airgiod us biadh a dortadh a stigh don ionnsaidh as gach cearna de Bhreatuinn, ach cha riaraich en darra leth dhiubh, ’s tha ghainnesa ghortadol nas miosa gach latha. Tha sealbhadairean na meinne a cur rompa nach fosgail iad meinn, ’s nach deanar car oibreach annta gus am bi na daoine gu leir air an toirt gu striochdadh. Tha e coltach gu bheil luchd-riaghlaidh na rioghachd a dol a dhfheuchainn ri stad a chur air an t-stri sgriosail so, agus gu dearbh tha iad na am. Chan e mhain gu bheil na meinneadairean a fulang, ach muinntir na ducha air fad a fulang leis cho ganns cho daorsa than gual air fas an sguir an obair. Ged thoisicheadh na meinnean an drasd chan eil dochas sam bith gun tig pris a ghuail eadar so us BliadhnUr na isle nas seachd dollair an tunna. Ma bhios a chuis mar so fada thig am geamhradh gu math trom air sluagh nan tri rioghachdan air fad, agus gu h-araidh air na daoine bochda.


Tha i fo Dheich.”

Bha tuathanach na croitear anns an Annaid latha de na laithean, agus bha aige ri dol thun Feile a reic lair a bha aig, agus a chunnaic sea-bliadhn-dheug na sheirbhis. Bhan fheill gu bhi air an la-mhaithreach, agus bha an croitear ag ullachadh air son na faidhearach le bhi gabhail foid no dha mhonas le bhi sior-labhairt nam briathra. “Tha i fo dheich, tha i fo dheich.” Cothanaig air ach a ministear, neach a dhfhiosraich dhe ciod a bha e adeanamh.” “Tha mireic na lara baine,” fhreagair am bodach. “Agus carson nach fhuraich thu air an fhirinn,” thubhairt a ministear.” “Agus nach drinn mi sin,” thuirt am bodach, “nach fhaca tu na deich meoir agum sinte tharis oirre.”

Bhan Soitheach-SmuidHarlawanns an acarsaid Dior-daoin, air a turus gu Newfoundland, agus chaidh aireamh mhor de mhuinntir a bhaile air bord a dhfhaicinn grunnan beag de na h-Esqui maux a bha air an turus dhachaidh o Fheill an t-Saoghail, far an robh iad fad an t-samhraidhsan fhoghair. Tha iadnan daoine gun a bhi ro mhor, agus gu math dorcha sa chraicionn, car beag coltach ris na h-Innseanaichnan dreachsnan cumadh, ged a tha luchd an fhoghluim a cur an ceill dhuinn nach eil cairdeas sam bith aca dhaibh, ach gu bheil iad nas dluithe do na Mongolianich an ceann a tuath Asia.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—

An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.

An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.

A. BAIN,
Fear ionaid.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. . .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.



[149]

[Vol . 2. No. 20. p. 5]

Lrtir Bheag Thaitneach o Shagart Mhargaree.

A Charaid Ghaolaich, —Cuiridh sibh an t-suim bheag so ( $2 00) ri mchreideas. Tha migabhail a MHAC TALLA bhon chiad aireamh a thainig a mach dheth. Tha edol nas docha leam gach seachduin. Piseach oirbhse agus fad shaoghal do MHAC TALLA!

RAONULL DUGHALLACH.


Facal oChabar-Feidh.”

Tha min dochas gun gabh sibh mo leisgeal airson a bhi cho fad gun sgriobhadh thugaibh, oir tha urrad de sgriobhadairean matha Gaidhlig a nis a cur litrichean gur nionnsuidhs nach fhaod sibh a mhaoidheadh ormsa ged a leiginn manail car tacain.

Tha mi duilich a radh nach dfhuair min aireamh 13 den phaipeir: ma bha e air a chlo-dhbhualadhs e as coltaiche gun deach e air chall air an rathad. Ma tha aon no dha den aireamh so agaibh thairis bithidh mi toilichte ma chuireas sibh thugam iad, oir bu mhath leam gun aireamh sam bith a bhi air chall orm aig ceann na bliadhna.

Thoisich an class Gaidhlig air obair a gheamhraidh air oidhche Diardaoin agus tha na h-uile coltas air gum bi e nis soirbheachail am bliadhna na bha e fhathast. Tha muinntir a tighinn gu bhi sealltaim air a Ghaidhlig anns na t-solus cheart mu dheireadh.

CABAR FEIDH


Gaidhil Chanada Uachrach.

Choinnich Buidheann Foghluim na Gaidhlig air oidhche Dhi-Sathuirne mu dheireadh, ann an Toronto fo threorachadh riaghladair agus runadair a Chomuinn Ghaidhlig. Tha sinn ag earbsa gum b soirbheachadh air leth aig na h-oileanaich re na bliadhnas gum bi eolas air ar cainnt adol gu mor am meud.

Air a cheud la thar an fhichead don mhios so bithidh deasbaid Ghaidhlig air a cuir ann an Talla Richmond, Toronto, fo thearmunn Comunn Gaidhlig a bhaile sin, eadar an Doctair Wylie agus Alasdair Friseal iar-riaghladair a chomuinn. ’S en cuspair: “Am bheil e iomchuidh gum biodh uisge-beatha, ’s gach seorsa do dheoch laidir air an toirmeasg, ’s air an diteadh le lagh na duthcha?” Chaneil teagamh nach bi deasbaireachd fhileanta, deas air an da thaobh, ’s nach bi oidhche thaitneach air a cur seachad. Thigeadh na Gaidheil a mach nan neart!

Tha sinn acluinntinn gu bheil Gaidheil Hamilton, beo, tapaidh, air a bhliadhna so. Bu dual doibh sin. Na h uile la dhaibh; misneachdus piseach leo anns gach ni a ghabhas iad a n laimh, ’s an ni ceudna do gach neach aig bheil deagh run da luchd-cinnidh. —Mac-Huistein, ’sanNorth American Scotsman.


Facal a Malagawatch.

Gu Fear Deasachaidh a Mhac-Talla:

Anns an aireamh mu dheireadh tha an t-Urr. A. Mac G. Sinclair ann an eachdraidh airLeathanich Cholaa faighneachd a bheil duine sam bith ann an Cheap Breatunn as urrinn iomradh a thoirt dha air Eachann Johnstone, piobaire Thighearna Chola. Ma cheadaicheas sibh dhomh, bu mhath leam innse dha gu ro e comhnuidh ann a so aireamh bliadhnaichean, maille ri athair. Bha e posda ri Uillina Nic Aoidh a Taobh Deas a Bhain Iar agus chaidh iad a so gu Caolas Chanso agus a sin, an deigh beagan uine, gu Baile-Sheorais an Eilean PhrionnsIomhair, far an robh mac brathair athair dam ainm Eachann Johnstone a comhnuidh. Bha mhac brathair athair eile dha (Lachinn) ann a Ceap Eoin an Siorramachd Phictou. Dheug am piobaire ann am Baile-Sheorais agus tha mi creidsinn gu bheil a shliochd ann sin fathast. ’S math mo chuimhne air Eachann Johnstone a chluinntinn a piobaireachdsa bliadhna 1827 aig Caolas a Bhoom anns a choimhearsnachd so, an am bhi cur air snamh long ur a dhainmich iadJames and Tomainmean da mhac a chaiptean a Liverpool an Sasunn, agus tha cuimhne shonruichte agam air e chluich na co-sheirim— “Bhirlinn aig Tighearna Chola, tha i corrach, caol,” &c , &c . Thainig mise a Cola sa bhliadhna 1820 agus tha eolas agam air moran a thainig thairis on am sin agus air farna shuidhich iad.

Is misecaraida MHAC-TALLA.
BARTIMEUS.


Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile,

Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:

Calum Mac Neill, Barachois, Iron Mines.
Iain Mac Iomhair. Baddeck Bay.
D. R. Mac Coinnich; Plaster Mines.
Mairi A. D. Nic- ’illeolain, Margaree .
Eoghan Gillios, Margaree .
Donnacha Mac Kinley, Bradalbane , P. E. I.
Eoghan MacIlleolain, Narrow ’s Creek, P. E. I.
Ailain R. Domhnullach, Albany , N. Y,
Alasdair Mac Fhearghais, Grand River.
An t-Urr. D. Siosal, B . C. Chapel.
Uisdean Domhnullach, Gabarus Lake,
Iain I. Mac Fhearghais, Cow Bay.
Peigi M. Dhomhnullach, Margaree .
Mairi Kennedy, Westville , N. S.
An t Urr. R. Dughallach, Margaree .
Domhnull Mac Neacail, Catalone .
D. C. Friseal, New Glasgow.
Fionnladh Mac Coinnich, Flat River, P. E. I.
An t-Urr. I. F. Forbes, Durham , N. S.
Ruairi R. Mac Coinnich, S . S. Boulardarie.
Coinneach F. Mac Asguill, Loch Lomond.
Gilleasbuig Mac Aonghais, Roseburn .
Alasdair Caimbeal, Strathlorne .


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.



[150]

[Vol . 2. No. 20. p. 6]

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.

Rugadh Alasdair Domhuullach ris an abrarMac Mhaighstir Alasdairann am Muideart, mun bhliadhna 1710. Bhaathairna mhinistear den Eaglais Easbuigeach. Fhuair Alasdair ionnsachadh ann an oil-thalgh Ghlascho. Phos e Seonaid Domhnullach de theaghlach Dhail-an-eas ann an Gleann Eite. Bha ena mhaighstir-sgoil sgireach Airdnamurchann, agusna fhoirfeach anns an Eaglais. Ghabh e ann an arm aPhrionnsa, agus thainig e troimh mhoran chruaidh-chasannuair a bha e am folach bho na Saighdearan Sasunnach an deigh Blar Chuil-fhodair. Bha e gle ionnsaichte anns aGhaidhlig. Chuir e a mach achiad Fhoclair Gaidhlig a bha air a chlodh-bhualadh, anns abhliadhna 1741. Bha ena bhard cumhachdach, liomharra, agus rinn e moran bardachd a bha air a chur a mach anns a bhliadhna 1751. Bha e beo moran bhliadhnachan an deigh Blar Chuil-fhodair agus bha ena sheann duinenuair a chaochail e aig Sandaig. Rinn e an t oran so leanas mar mholadh air an t-seana chanain Ghaidhealach.—

Gur h-is crioch araid
Do gach cainnt fon ghrein
Gu ar smuaintean fhasmhor
A phairteachadh ra cheil
Ar ninntinnean a rusgadh
Agus run ar cridh,
Ler gniomhs ler giulan,
Surd chuir air ar dith.
S gu laoidh ar beoil
A dhiobradh Dhia nan dul,
S e h-ard chrioch mhor,
Gu bi toirt dosan cliu.
S en duine fein
S aon chreutair reusant ann,
Gun tug toil De dha,
Gibht le bheul bhi cainnt:
Gun chum e so,
On uile bhruid gu leir;
O ghibht mhor phriseil s
Dhealbh na iomhaidh fein!
Nam beirte balbh e,
S a theanga marbh na cheann;
Bi n iarguin shearbh e,
Bfhearr bhi marbh no ann.

S ge h-iomadh canain,
O linn Bhabel fhuair
Asliochd sin Adhamh
S iGhaidhlig a thug buaidh
Don labhradh dhaicheil,
An t-urram ard gun tuairms’,
Gun mheang, gun fhailinn,
Is urrainn cach a luaigh.
Bha Ghaidhlig, ullamh,
Na gloir fior ghuineach cruaidh,
Air feadh a chruinne
Man thuillich an Tuil-ruadh.
Mhair i fos,
S cha teid a gloir air chall
Dhaindeoin gho,
Us mi-run mhor nan Gall.
S i labhair Alba,
S Galla-bhodaiche fein;
Ar flaith, ar priunnsai,
S ar diucannan gun eis,
An taigh-comhairle sn righ,
Nuair shuidheadh air beinna chuirt,
Si Ghaidhlig liobhta,
Dhfhuasgladh snaim gach cuis
S i labhair Calum allaill a chinn-mhoir,
Gach mithus maith,
Bhan Alba beagus mor.
S i labhair Gaillus Gaidheal,

Neo-chleirich, ’us cleir
Gach fearus bean
A ghluaiseadh teangam beul.
Si labhair Adhamh,
Ann a Parrais fein,
S bu shiubhlach Gaidhlig
O bheul aluinn Eubh.
Och tha bhuil aun!
S uireasach gann fo dhith,
Gloir gach teanga
A labhras cainnt seach i.
Tha Laideann coimhliont’,
Toirteach, teann nis leoir;
Ach sgalag thrailleil i
Don Ghaidhlig choir,
San Athen mhoir,
Bha Ghreuguis cor na tim,
Ach bion di h-ordag
Chuir fo h-or chrios grinn.
S ge min, slim, boidheach,
Cuirteil, ro bhog liobht’,
An Fhraingeis loghmhor,
Am pailis mor gach righ;
Ma thagras cach orr’,
Pairt dan ainbhfheichfein,
S ro bheag a dhfhagas
Iad de dhagh na cre.

S in aon chanain
Am beul nam bards nan eisg,
S fearr gu caineadh,
O linn Bhabel fein.
S is fearr gu moladh
S as torrunnaiche gleus,
Gu rann no laoidh,
A tharruinn gaoth trobheul.
Ss fearr gu comhairl’,
S gu gnodhach chuir gu feum,
Na aon teangEorpach,
Dhaindeoin bosd nan Greug.
Ss fearr gu rosg,
S air chosaibh a chur dhuan;
S ri cruaidh uchd cosgair,
Bhrosnachadh an t-sluaigh;
Ma chionneamh bar.
S is tabhachdaich bheir buaidh,
Gu toirt a bhais
Don eucoir dhaicheil, chruaidh.
Cainnt laidir, ruithteach,
Is neo-liotach fuaim;
S i seadhail, sliochdmhor,
Brisg-ghloireach, mall, luath.

Chan fheum i iasad
S cha mho dhiarras bhuath;
On t-sean mhathair chiatach,
Lan do chiadamh buaidh!


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLINADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[151]

[Vol . 2. No. 20. p. 7]

Tha i-fein daonnan,
Saibhir, maoineach, slan;
A taighean taisge,
Dhfhaclan gasda lan.
A chanain, sgapach,
Thapaidh; bhlasda, ghrinn!
Thig le tartar
Neartmhor, o beul cinn.
An labhairt shiolmhor,
Lionmhor, ’s milteach buaidh
Sultmhor, brioghor,
Fhir-ghlan, chaoidh nach truaill!
Bin teanga mhilis,
Bhinn-fhaclachs an dan;
Gu spreigeil, tioram,
Ioraltach, ’s i lan
A chanain cheolmhor,
Shogmhor, ’s glormhor blas,
A labhair mor-shliochd
Scotas Ghaidheil ghlais.
S air reir Mhic Comb,
An t-ughdar mor ri luaigh!
S is freumach oir,
S ciad Ghramair gloir gach sluaigh.


COMHRADH ANNS ACHEARDAICH.

SEUMAS BAN. —Tha thunad fhallas, a ghobha. Is iongantach leam fhein nacheil thufas cho tioram ris an teanachair leis na bheil thucur dhiot a dhfhallus.

DOMHULL GOBHA. —Fallus orm no dhiom, beir thusa air an ord-mhor, agus thoir buille no dha air an iarunn so, s cabhag orm, Greas ort.

S. B. —Bha mi fhein cinnteach gun tugeadh tu an ceilidh-ceardach asam. Is ann dhut a dheirich e, seach aon duine a chunnaic mi riamh. Cha bhi fois no diobradh ort. Nach gabh thu an saoghal air do shocair?

D. G. —Tha gu leor agabhail an t-saoghail air an socair ged nach bithinnsaga ghabhail air mo shocair. Nan gabhadh a h-uile fear an saoghal air a shocair fhein, cha bfhada gus am biodh cuisean gle fhada cearr. Thoir a nis greis air seideadh abhuilg, agus an uair a gheibh mise an car so as mo laimh seallaidh mi dhut rud nach fhaca thu riamh roimhe.

S. B. —Ciod e an rud a thann, a ghobha?

D. G. —Air do shocair, a dhuine. Dhfhan do mhathair ri dbhreith. Tha thu ro laidir. Chan fhag thu srad den ghual air an teallach agam. Thoir a nis greis eile air an iarum so leis an ord mhor, agus na caomhainn do chorp air.

An uair a fhuair an gobha an obair a bhaige deas, thug e iuchair as a phocaid agus dhfhosgail e am preasa beag a bhan taobh na ceardach, agus thug e mach am MAC TALLA as, “Sin agad a nis, a Sheumais, paipear-naigheachd Gailig. Tha mi cinnteach gun aidich thu nach fhaca thu a lithid riamh.

S. B. —Ma ta gu dearbh chan fhaca. Ach tha mi gle thoilichtefhaicinn an diugh fhein. Chunnaic mi na Miosachain Ghailig a bha daoine uaisle acur a mach an Ionarnis agus an Glasacho, ach cha chuala mi gus a so gu robh aon phaipear-naigheachd Gailig air a chur a mach uairsan t-seachduin. Co air an t-saoghal a thaga chur am mach?

D. G. —Tha duine uasal a thann an Ceap-Breatuinn, ris an canar, E. G. Mac Fhionghain, smior aGhaidheil, tha e coltach.

S. B. —Is fhada on chuala min t-oran anns an robh na briathran so. “Iain Macic Fhionghain, ghleidh en urram air na bhann.” Agus gu cinnteach ceart ghleidh Mac Fhionghain Cheap-Breatuinn an urram air Gaidheil an t-saoghail mun iath aghrian. Tha min dochas gun cinn leis. Saoileam fhein an ann de chloinnic Fhionghain an t-Srath a tha e?

D. G. —Sin rud nach urrainn mi innseadh dhut. Is e mo bharail nach robh e riamh an Alba. Than urram aig na h-Americanaich fhein, a Sheumais. Ann am moran nithean tha iad air thuar muinntir h-Alba fhagail buileach glan as deigh.

S. B. —Ma ta, ghobha, tha lan mo chinn de mhoit orm air son an ni a than duine uasal coir adeanamh. Tha min dochas gu bheil Gaidheil America aseasamh gu treum, duineil air a chulaobh, agus aceannach agus acraobh-sgaoileadh aphaipear air feadh an t-saoghail gu leir.

D. G. —Ma tha fiach prine de mheas aig na Gaidheil air an cainnt mhathaireil cumaidh iad suas am MAC TALLA. Tha mi fhein air a h-aon suidhichte gun cuir mi airgiod thun an duine uasail gan dail. Cuiridh mi 6s. 3d. da ionnsuidh. Paighidh sin am paipear fad bliadhna.

S. B. —Cuiridh mise uiread eile da ionnsuidh. Ni an aon litir agus an aon ordugh airgid feum eadrainn. Nach dean?

D. G. —Leugh fhein am paipear, agus fuilingidh mi achluas a thoirt on chlaigionn agam mur aidich thu gu bheil moran fiosrachaidh agus toil-inntinn ann.

IAIN.


LeighsidhMinard ’s Linimentdeideadh.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

Am fear aig nacheil de mhisnich na bhuaileas a dhorn ort, cainidh e thu thun do bhrog air chul do chinn.

Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis Ry, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha dfhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dhfheuch i K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis en uine gle ghoirid i.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[152]

[Vol . 2. No. 20. p. 8]

MARBHRANN.

Do dh-Alasdir mac Dhughill Mhic-Eachairn, a chaochailna dhuine og ann am Pictu an samhradh na bliadhna 1859.

FONN.— ’S tearc an diugh mo chuis ghaire.

Tha mo chridhe-sa ciuirte,
Chaidh mo shugradh gu lar,
S tric na deoir air mo shuilean,
Tha mi tursach gach la.
Fhuair mi naidheachd neo-aobhachd,—
Fath mo chaoinidh an drast
Gu bheil carid mo ghaoil
An cis e chaoil nan lom chlar.

Fhiurain eireachdail aluinn,
A bha blath-chridheach, coir,
Duineil, cinneadail, cairdeil,
Fialidh, baigheil, gun phrois,
Seirceil, iriosal, fiachail.
Measail, siobhaltgu leoir,
S fuar an nochd do chorp priseil
N ciste dhionich fon fhoid.

Nuair a bha thunad shlainte
Gum bu lan, dearg, do ghruaidh;
Ach an nochds ann a tha i
Tana, ban, air dhroch shnuadh.
N t-suil a shealladh gu caoimhneil
Chan fheil soillsinnt’ ’s cha ghluais;
N teanga labhradh an fhirinn
Than nis ciosnaicht’ ’san uaigh.

A Mhic-Eachairn oig, shuairce,
Bha thu uasalnad bheus,
Is fuil fhallan, neo-thruaillte,
Dol mun cuairt ann ad chre.
Bha thushlochd nam fear uaibhreach,
Ghuineach, chruadalach, threun.
A bha ainmeil air bualadh
Leis na cruaidh lannan geur.

Cha robh duina bhort eolach
Ann sa Mhor-roinn sgu leir
Nach robh measail gu leoir ort,
S nach robh bronachad dheidh;
Ach tha mise gu sonricht
Gad chaoidh, eganich ghleust;
Gum bu tricbha sinn comhla
Cridheil, solasach, reidh.

Tha do chairdean neo-eibhinn,
Thug iad speis dhuits gum bfhiu;
Tha do pheathrichean eisleineach,
Bochd deurach, gun sunnd;
Is tha tathairs do mhathair
H-uile la fo throm thurs’,
Gun cheol, aighear, no manran,
Ga dchaoidh, ailleagain uir.

S beag an t-ionghnadh ged tha iad
Dubhach, craiteach, gun chli,
S an ciad mhac air a charaidh
N deise bhain gun sa chill.—
Och! och! Alasdir ghaolich,
Chaoimhneil, fhaoilidh, neo-chrion,
Seallach tuilleadh dhe taodunn
Air an t-saoghal schan fhaic sinn.

March 7, 1860.


A Montana.

Gu DeasaicheMhac Talla:

A Charaid, —Ceadaich dhomhsa facal no dha a chur siosnad phaipear gasda. Tha math mo chairdean an Gauada nas dluith dom chridhe nas urrainn domh innse, ged a tha mi annsna Staitean a nis o chionn sia bliadhna. Chan fhacas a leithid de dhroch thimeanan sa bhaile so riamh on chaidh a thogail an toiseach. Agusnuair a dhfhas an obairs an t-airgiod gann an so smaoinich moran gu robhn t-am a bhiga fhagail, agus chuimhnich iad, mar a rinn am Mac Strodhail o shean, gu robh gu leor agus ri sheachnadh an tigh an athar. Dhiarrainn orra-san a tha aig an tigh an drasda iad a dhfhuireach aig an tigh, an cuid fearainn a threabhadhsa chur, agus an t-seam dachaidh a dheanamh na aite maiseach taitneach dam parantannan sean aois; agus iad mar an ceudna a dheanamh gach cuideachadh is urrainn daibh leis gach deagh aobhar. Agusnuair a chluinneas iad gu bheil gnothuichean gu maths gu ro-mhath an duchannan fad air falbh, thugadh iad an ceart aire gur a firinn e mum paigh iad am faradh: dhfhaoidte gun caomhainn e moran dragha us trioblaid dhaibh. Tha min dochas nach eil an latha fad asuuair a bhios taobh an ear Chanada, agus gu h-araidh Eilean Cheap Breatuinn a deanamh gairdeachais agus fodh bhlath mar an ros! ’S mise do charaid agus caraid na Gailig,

MAC-GILLE-MHOIRE.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.

A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 20
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 20. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page