[Vol . 2. No. 21. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 25, 1893. No. 21.
Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & AIAHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.
Tha parlamaid Eilean a Phriunnsa air sgaileadh agus tha aig an t sluagh ri fir-parlamaid a thaghadh as ur air a cheathramh latha deug dhe’n ath mhios.
B’e Dior-daoin s’a chaidh Latha Taingealachd. Ann an Sidni ’san Sidni-a- Tuath bha na storaichean uile duinte, agus bha seirbhis anns na h eaglaisean.
Tha ’n t-Urr Aonghas Mac ’Ille-mhaoil an deigh an gairm a fhuair e o cho-thional a Bhai- ’n-Iar a ghabhail, agus bi’dh e ’n uine ghoirid air a shuidheachadh san sgireachd sin.
Tha sia mile mulchag chaise a falbh a Eilean a Phrionnsa gu Sasuinn an uine ghoirid. Beagan bhliadhnachan roimhe so cha robh factoridh chaise eadar da cheann an eilein.
DEAGH FHAS. —Chaidh tuirneap a reic ann am Baddeck Di-luain s’a chaidh a thomhais seachd puinnd deug. Dh fhas i air Beinn an t-Sealgair air fearann Alasdair Chaimbeil.
Cuimhnich gu bheil sinn a toirt deagh thairgse do neach sam bith a tha air son am MAC-TALLA a ghabhail as ur. Cuireadh e ’n dollar thugainn agus gheobh e ’m paipear gu ceann na bliadhna so ’tighinn. Tha sinn an dochas gu’n gabh moran ris an tairgse so.
Thaghail boirionnach air an robh coltas bean uasail aig an Tigh Gheal ann a Washington an la roimhe agus dh’fheoraich i an robh Cleveland, an ceann-suidhe aig an tigh, Thuirt e gu’m b’e Ban-righ Victoria a b’ainm dhith, Air dhaibh a radh rithe nach robh an Ceann-Suidhe aig baile thuirt i gu’n taghladh i a nithist agus gu’n leanadh e i air taghal gus am beireadh i air a stigh.
Chaidh an stor aig Iain A. MacAmhlaidh aig Amhainn Dhennis a bhristeadh oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair na meirlich a stigh troinh uinneig agus a reir coltais cha robh dad uapa ach an t-airgiod, oir cha do bhean iad do ni sam bith eile. Gu fortanach, bha ’n t-airgiod fo ghlais nach robh ro fhurasda fosgladh, agus cha d’ fhuair iad an lamh a shineadh air idir.
Bha soitheach beag a mhuinntir Arichat air acair aig laimhrig ann an Sidni-a- Tuath an oidhche roimhe agus air feadh na h-oidhche, chaidh fear fad-lamhach eigin air bord agus ghoid e corr us fichead dollar a poca triubheair a chaiptein. Cha ’n eil fhios co ’m fear a bh’ann.
Thainig a cheud stoirm shneachda a fhuair sinn air a gheamhradh so Di-luain s’a chaidh. Bha ghaoth a seideadh gu math laidir o’n airde ’n ear agus chuir i dragh mor air soithichean a bha muigh air a chuan, ach cha chuala sinn gu’n d’ rinneadh call sam bith air na cladaichean so. Cha do mhair an sneachda uine mhor sam bith; thug teas na griene agus na frasan uisge a thainig deireadh na seachdain air falbh gu buileach e. Tha na roidean gu math dona e poll.
Bha stoirm mhor aca ann an ceann a deas Shasuinn ’s an ceann a tuath na Frainge deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha moran longan air am bristeadh, ’s na ceudan de na maraichean air am bathadh. Bha ’n caolas eadar an da dhuthaich cho stoirmeil ’s nach toireadh gin de na soithichean-aiseig ionnsaidh air a dhol thairis, agus tha ’n cladach air gach taobh lan de na soithichean air an cur nam piosan leis an doinionn. Air tir bha dortadh mor sneachda aca agus bha na carbadan iaruinn air an stad leis ann au caochladh aitean.
Tha dithis dhaoin’ oga, tuathanaich a mhuinntir Glenboro’ am Manitoba air chall o chionn corr us mios ’s cha’n eil fhios de thainig riutha. Bha fearann aca agus bha iad air an deagh dhoigh, gun sgillinn fhiach orra, agus beagan airgid mu seach aca. Dh’ fhag iad an tigh air an 16mh latha a dh’ October agus cha’n fhacas bhuaithe sin iad. Bha sporan math airgid air an siubhal, agus tha ’n droch amharus aig cuid gu robh iad air am mort. Tha loch beag air an ait aca, agus tha sgioba dhaoine a sgriobadh a ghrunnd feuch am faigh iad na cuirp. Fhuaradh duine air a chrochadh air an aite cheudna ceithir bliadhna air ais, agus b’i bharail choitchionn a measg nan coimhearsnach gu robh e marbh mu’n deachaidh an rop mu ’amhaich, ach cha robh fear-ceartais faisg air laimh agus chaidh a thiodhlaiceadh.
[Vol . 2. No. 21. p. 2]
EACHANN TIRISTEACH ’S CARBAD NA SMUIDE.
Comhradh Eadar Eachann us Cuairtear nan Gleann.
CUAIRTEAR. ’Nann a rithist Eachainn. Cha chreid mi nach ’eil leannan agad ’sa bhaile mhor: Cha’n urrainnear do chumail as.
EACHANN. —Cha’n ’eil cha robh, ’s cha bhi. Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad, ’s ged bhithinn og ’s air toir mnatha, da-rireadh cha’n ann am measg ghuanagan a bhaile mhoir a rachainn a shuiridhe; ’s olc a fhreagradh iad do’m leithid, ach suidhidh mi le ’r cead air a chathair—tha mo cheann ’san tuainealaich.
CUAIR—Ciod so a dh’eirich do d’ cheann, Eachainn?
EACH—Thig e bhuaithe ri uine tha dochas agam, ach cha seasadh ceann iaruinn gun ghuth air eanchainn chumanta ’san aite ’n robh mise ’n diugh.
CUAIR. —C’ait an robh thu, ’Eachainn?
EACH. —An robh mi! Ma ta, le’r cead, cha’n ann gu droch fhreagairt a thoirt duibh, ach ’s coma c’ait an robh mi; bithidh latha ’s bliadhna mu’m bi mise ’san aite cheudna rithist. Nach robh mi ann am Paisley air carbad na smuide: ach c’ar son a bhithinn a gearan, ’s ann agam tha ’n t-aobhar taingealachd gu’m bheil mi beo ’s nach do sheideadh suas mi am bhloighdean anns na speuran. O! b’e bhi buaireadh an Fhreasdail do dhuine sam bith na bheachd, cuid a chunnairt a ghabhail da leithid a dh’ aite fhad ’sa tha comas nan cas aige no dh’fhaodas e suidhe air cairt shocraich, chiallaich air boitein connlaich.
CUAIR.— ’N ann mar sin a tha thu labhairt mu’n aon doigh shiubhail a’s innleachdaiche fhuaras riamh a mach le mac an duine?
EACH. —Cha ’n eil ceist nach eil i innleachdachd. Cha’n ann an sin tha ’n fhaillinn idir, ach an cluinn sibh mi; b’ fhearr leam latha ghabhail ’ga choiseachd na dol an dail na h-upraid cheudna rithist! Cha robh mi tiota air falbh innte ’nuair a bheirinn na chunnaic mi riamh gu robh mi aon uair eile air bonn mo choise air fonn, no ged a b’ ann suas gu m’ amhaich a mach air a’ mhuir. Fheara ’sa ghaoil! b’e sin an carbad siubhlach! tha mi ’m barail na’n gabhadh e air adhart uair an uaireadair na b’ fhaide gu’n robh m’ eanchainn mar bhrochan an claigeann mo chinn.
CUAIR. —Seadh, Eachainn, innis domh mar thachair.
EACH. —Tha mac agam, mar tha fhios agaibh, ’san aite so, gille deanadach, glic, grunndail. Tha mi deanamh dheth gu bheil suil aige ri mnaoi fhaotainn ann am Paisley, ’s cha’n fhoghnadh leis gun mise dhol a mach ’ga h-amharc. Cha robh mi deigheil air carbad na smuide, ach bha Niall( ’se sin ainm mo mhic) agus buirdeasach og eile, sgaomaire mhuinntir an Obain a bha maille ris, deigheil air feala-dha bhi aca air mo thailleadh. A stigh do charbad na smuide charaich iad mi, ag radh rium gu’m bithinn cho socrach, samhach, foisneach ’s ged a bhithinn ann an cathair mhoir taobh an teine, Ghabh mi beachd air a charbad. Chunnaic mi fear na stiurach a gabhail ’aite le ailm iaruinn ’na laimh agus fear eile ’san toiseach mar gum biodh fear innsidh nan uisgeachan ann, ag amharc a mach. Bha smuid as an t-simileir ’s na h-uile ni samhach, socrach na’s leor. Chaidh mi stigh agus shuidh mi dluth do’n uinneig chum sealladh a bhi agam air an duthaich. Tiota beag na dheigh sin chuala mi bruc mor nan tuchanach ard agus an sin fead oillteil. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. Rinn esan ’san Latharnach gaire. “Sud agaibh athair,” arsa Niall, “sitirich an eich iaruinn ’s e togairt falbh.” “Sitirich na h-oillt,” arsa mise, “leig a mach mi,” ach bha ’n dorus air a dhruideadh. Thug an t-each stadag, bhuail an carbad san robh sinne ’s cha mhor nach do phronnadh m’ fhiaclan an aghaidh a cheile. Thug e ran eile agus fead agus an sin leig iad siubhal a chas da ’s thar e as. Thoisich an stairirich, ’sa ghleadhraich, “ ’Ni so a chathair mhor a Neil?” arsa mise. Bha e dol a nis ’na shiubhal, ’s cha b’e suibhal an eich no luas an fheidh; cha tugadh ceithir chasan riamh do bheo chreutair air an talamh a bhos, no sgiathan do dh’ eun ’s na speuraibh shuas na chumadh ris. Cha d’ thubhairt mi fhein diog; rinn mi greim bais gun fhios c’ar son air an aite-shuidhe. Dhuin mi mo bheul, chas mi m’ fhiaclan mu’n cuirinn troimh ’m theangaidh iad, dh’ fhorc mi mo chasan gu daingeann, ’s bhithinn ceart shuarach ged robh mo chlaistneachd sa chiste ruadh ann an Tirithe ’s mi fhein cho bodhar ri Iain Balbhan. Chuir Niall a bheul ri’m chluais. “Athair,” ars esan, “am bheil sibh ’nur cadal?” “Uist,” arsa mise, “bi samhach.” Chuir an t-Obanach og a cheann ri’m chluais. “Eachainn,” ars esan, “nach e ’n t-each iaruinn fhein an gille.” “Uist,” arsa mise. Bha mi nis a tighinn gu seorsa de thur, ghabh mi misneach ach bha seorsa de nair’ orm, oir bha bean mhor, shideach, ribeineach, reamhar ’sa charbad, agus ge b’e ard gleadhraich an eich iaruinn bha a guth cho ard agus a teanga neo-ar-thaing cho luath. Bha ’n uinneag fosgailte agus dh’amhairc mi mach a ghabhail seallaidh air an t-saoghal, ach ghrad spion iad air ’m ais mi. “Thoir an aire dhuit fhein,” ars iadsan. “Cum a stigh do cheann, air neo theagamh gu’m fag thu mile ’d dheigh e mu’n ionndrain thu o ’d ghuaillibh e.” Ghrad tharruing mi air ’m ais, ’s bu mhath gun do tharruing, oir chuala mi geumnaich agus ranaich oillteil
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 21. p. 3]
a dluthachadh oirnn. Cha robh a mhuc mhara sin riamh air cuan a dheanadh seidrich coltach ris. Thainig seorsa de bhreislich orm, —ach ghrad chaidh steud each iaruinn eile seachad oirnn, na ruith ’s na dheann-ruith, a seidrich ’sa feadalaich le boile ’thug orm criothnachadh le oillt. Bha na ficheadan carbad na dheigh ach cha deachaidh peileir riamh o bheul a ghunna mhoir le luas a bu mho na chaidh iad seachad oirnn. Cha robh duil agam gu’n robh leud na ludaig eadar an da charbad, ’s nam biodh iad air a cheile bhualadh c’ait an sin an robh Eachann? Tharruing mi m’ anail. “Tha’n sid aon rudha fodhainn,” arsa mise rium fhein. Dh’ fheuch mi nis beachdachadh air an duthaich mu’n cuairt, ach cha robh so comasach; cha robh a bheag air am b’ urrainn an t suil socrachadh, ach a h-uile achadh us craobh us cnoc us tigh a ruith mu’n cuairt an deigh a cheile, tighean mor a tighinn ’san t sealladh, ach g’e b’ fhada bhuainn iad cha b’fhada ’gan ruigheachd; ann am prioba na sula bha sinn seachad orra. Chunnaic mi achadh air an robh moran mhulan us ruchdan feoir. Bha iad a ruith mu’n cuairt, a h-uile h-aon air a bhonn fhein mar ghille-mirein, ’s an t-iomlan mar gu’m biodh iad a dannsadh ceithir chuir fhichead Ruidhle Thullachain, Dh’fheuch mi an aireamh, ach mu’n do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an t-sealladh. Bha mi nis ’gam fhaireachduinn fhein rudeigin socrach agus an t-eagal ’g am fhagail ’n uair a thainig an dubhdhorchadas oirnn. Cha robh grian no leus soluis ann, creag mhor dhubh ri cliathaich a charbaid, agus an aon fhuaim fhasail, eagalach, air chor agus eadar ranaich an eich iaruinn, gleadhraich na h-acfhuinn agus co-fhreagradh mhic talla ’san uaimh dhuirche tre ’n robh sinn a dol, gu’n robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha mi fhathast, air mo bhodhradh, air mo dhalladh ’s mo cheann ’san tuainealaich. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. “An Tunnel,” ars esan. “Be’n donnal e gu dearbh,” arsa mise, “an donnalaich a’s grainde chuala mi,” ach am prioba na sula bha sinn a mach taobh eile chnoic. Tharruing mi m’ anail agus thog mo chridhe. Bha nis mar a shaoil leam an anail an uchd an eich iaruinn. Thug e ran. “Fhalbh,” arsa mise, “cha’n iongatach leam pathadh a a bhi ort.” Chuala mi beuc us fead, bha ’n siubhal a fas na bu mhoille. “Cha’n urrainn sud seasamh,” arsa mise ri Niall. Stad an carbad. “Leig a mach mi,” arsa mise, oir smaointich mi gun deachaidh mionach an eich iaruinn air aimhreit, ’s gun sgaineadh an coire mor anns an robh ’n t-uisge goileach. “Leig a mach mi,” arsa mise. “Air ur socair, athair,” arsa Niall. Dh’ fhosgail duine modhail agus cuairt oir mu aid an dorus. “Thigibh a mach, a dhaoin’ uaisle,” ars esan. “ ’Ne gu bheil sinn ceann an rathaid?” arsa mise, “ochd mile ann an ochd mionaidean deuga!” Chaidh sinn a mach ach ’s gann a b’ urrainn domh seasamh leis an tuainealaich a bha ’m cheann. Ciod a th’agaibh air ach gu faca mi leannan Neill, ’s air m’ fhacal, caileag eireachdail. ’Nuair a bha e fhein ’s an t-Obanach ag innseadh mu’n eagal a bha orm, sheas i mi gu gasda agus chain i an carbad iaruinn gu foghainteach. Sin agaibh mar thachair dhomh.
Chaidh mise leigheas de phian craiteach leMINARD ’S LINIMENT.
BYARD MCMULLIN.
Chatam, Ont.
Chaidh mise leigheas de dhroch at leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. W. W. JOHNSON.
Walsh, Ont.
Bha mis air mo leigheas de dh’at a bh’ air m’ aodann leMINARD ’S LINIMENT.
J. H. BAILEY.
Parkdale, Ont.
Cuidichidh eolas le irioslachd. An t-arbhar a’s truime siol is e ’s cruime ceann.
LeighsidhMinard ’s Linimentloine.
Is ann an pocanan beaga a bhios na seudan a’s luachmhoire. Is fhearr am beag seadhach na’n draghaiche mor mi-ghniomhach.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
LeighsidhMinard ’s Linimentlosgadh.
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSED. & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
[Vol . 2. No. 21. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 25, 1893.
Tha “Gaidheal” a sgriobhadh thugainn agus a feo ach car son nach cumadh Gaidheil Chanada coinneamh mhor Ghaidhealach an ait-eiginn air a bhliadhna so tighinn mar a bh’ aig Gaidhil na seann ducha air an fhoghar so chaidh seachad. Co bheir dhuinn a bharail air so?
A reir seanachais an t-sluaigh theid aig a mhathan air an geamhradh a chur seachad le bhi deothal a spoige, agus tha e coltach gu bheil cuid a dhaoine dhe’n bharail gun teid aig deasaiche paipear air a bhi beo air an doigh cheudna. Tha aireamh mhath dhe na tha gabhail a MHAC-TALLA o’n thainig a cheud a aireamh a mach o nach d’ fhuair sinn sgillinn ruadh fhathast! Cia mar a tha iad sin an duil a bhios am paipear suas?
IRIS LEABHAR NA GAEDHILGE. —Thainig an leabhran tlachdmhor so d’ar n-ionnsuidh aon uair eile. Tha e loma lan de naigheachdan mu’n Ghailig as gach cearna de’n t-saoghal, agus tha facal molaidh aige do gach paipear us duine a tha deanamh a bheag no mhor air son an canain fein a chumail beo. Faodaidh e bhith gu bheil cuid dhe ’r luchd-leughaidh aig nach eil fhios gu bheil a Ghailig Eirionnach ’sa Ghailig Albannach gu math cairdeach dha ’cheile. Tha iad mar dha mheur air an aon chraoibh; dh’fhas iad as an aon stoc. B’aon chanam iad air tus, ach ’nuair a dhealaich an sluagh a labhair i o cheile, thainig atharrachadh na’n canain.
Tha deigh mhor aig muinntir a bhi faotainn a mach nithean air nach eil fhios aca fhein no aig feadhainn eile, agus gu tric tha iad a curam beatha ’s an cuid an cunnart an sgath eolais. ’S iomadh neach a thug galair a bhais a bhi feuchainn ri ruigheachd air ceann a tuath an t-saoghail; cha d’ rainig iad fhathast e, agus cha’n eil moran coltais air gu’n ruig iad air a dh’aith-ghearr, ach cha luaithe bheir aon fhear suas an deo na tha fear eile deiseil gu falbh air a ghnothuch cheudna. Dh’fhalbh dithis Shuaineach a Newfoundland an uiridh ann an soitheach beag, air an turus gu Greenland. Cha chualas a bheag mu’n deaghainn o’n dh’fhalbh iad, ach toiseach a mhiosa so thaghail soitheach a bha ’marbhadh mhuca-mara aig Baffin Bay agus fhuair iad an sin soitheach briste air a chladach agus faisg oirre, ri taobh carn chlach, bha cnamhan dithis dhaoine. Tha iad a deanamh a mach gu’m be na Suainich a bh’ann, agus gu robh iad air an tilgeil air a chladach le stoirm, agus air dhaibh a bhi gun bhiadh gun aodach gu’n do bhasaich iad le fuachd us acras.
CEIST.
Leugh sinn ann am paipear-naigheachd araidh beagan bhliadhnachan air ais gu robh a Ghailig air a labhairt le moran sluaigh ann an Carolina-a- Deas, aon de na Staitean, agus gu robhas ’ga searmonachadh anns na h-eaglaisean; gu robh mar an ceudna na daoine dubha ’san aite sin cho fileanta anns an t-seana chanain Ghaidhealach ris na Gaidhil fhein. Tha sinn deonach fhaotainn a mach am bheil so fior agus ma ’s urrainn aon air bith d’ar luchd-leughidh solus sam bith a chur air a chuis bi’dh sinn fior thoileach cluinntinn uaithe. Tha ’m paipear air a chraobh-sgaoileadh gu math air feadh nan Staitean agus tha e gle neonach mur eil fear no fear-eigin dheth na tha e ruigheachd gach seachdain comasach air innseadh dhuinn am bheil no nach eil a chuis mar a leugh sinn.
CARN-CHUIMHNE NELSOIN.
Tha triuir ghillean oga ’sa phriosan am Montreal an drasda air son ionnsaidh a thoirt air carn-chuimhne Nelsoin a sheideadh suas le dynamite. Is Frangaich iad nan triuir, agus is mac fear dhiubh do Honore Merceir, a bha uair na Phriomhair air mor-roinn Quebec. B’e Nelson an sar shaighdear-mara a thug buille bus do chabhlach na Frainge aig Trafalgar sa bhliadhna 1805 agus tha gamhlas aig na Frangaich dha fhein ’s dha charn-chuimhne riamh uaithe sin. B’e ’n gamhlas sin a ghluais na daoine oga so, agus nam biodh iad air an gnothuch fhaotainn leotha, cha’n e mhain gu’m biodh carn Nelsoin air a chur dha na h-iarmailtean, ach bhiodh gach tigh us eile bha mu fhaisg cairteal mile dha, air a dhol suas comhlath ris. Ach mar a thachair e, cha deachaidh e leotha. Fhuair maoir a bhaile sanas air na bha na’m beachd agus dh’ fhalaich leth-dusan dhiubh iad fhein faisg air an aite oidhche na Sabaid s’a chaidh. Mu mheadhon oidhche chunnaic iad na seoid a tighinn agus a dol mu’n obair, agus ann an tiotadh rinn iad greim orra. Tha ’n carn chuimhne so am Montreal air sraid air nach eil duine comhnuidh ach Frangaich agus tha iad a deanamh a mach nach bu choir carn a leithid de dhuine bhi na’m fianuis idir. Tha e ro choltach nach robh na gillean a tuigsinn ro mhath gu de bha iad a dol a dheanamh, agus nach robh fhios aca gu robh ’n lagh cho trom nan aghaidh. Tha iad a dol a dh’ fheuchainn ri dheanamh a mach nach robh cron sam bith na’m beachd ’nuair a rugadh orra.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteahidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
[Vol . 2. No. 21. p. 5]
NA GNATH-FHACAIL.
Tha e air innseadh dhuinn gu bheil gnath-fhacail ri am faotainn anns gach cainnt fo’n ghrein. Cha ’n ’eil moran eolais againne air a’ bheag de ghnath-fhacail, ach na bheil againn anns a’ Bhiobull, agus na ’s aithne dhuinn de ghnath-fhacail na duthcha do ’n buin sinn.
Cha’n ’eil na gnath-fhacail idir cho measail againn ’s bu choir dhaibh a bhith, agus air an aobhar sin cha ’n ’eil ar comhradh o latha gu latha cho taitneach, no cho geur-chuiseach, ri comhradh nan daoine o’n d’ thainig sinn.
Cha ’n e mhain gu ’m biodh gach aon dhinn ni bu deas-bhriathraiche, agus ni bu deadh-chainntiche na tha sinn, nam biodh barrachd eolais againn air na sean-fhacail na th’ againn; ach bhiomaid moran ni bu tuigsiche na tha sinn. A chum ar n-aire a tharruinn ni’s dluithe a dh’ ionnsuidh na bheil de ghliocas agus de thuigse anns na gnath-fhacail a tha cho cumanta am measg ar luchd-duthcha, bheir sinn beagan mineachaidh air cuid dhiubh o am gu am.
A’ bheairt nach fhaighear ach cearr, ’s e foighidinn a’s fhearr a dheanamh rithe.
Tha so gu soilleir a’ teagasg dhuinn a bhith ’cleachdadh foighidinn aig gach am. Co an latha air nach teid ni eiginn cearr an co-cheangal ri ar n-obair? An uair a theid na duirgh ’s na dubhain air feadh a cheile, tha fhios aig an iasgair gur ann le foighidinn a theid aige air an reiteach. An uair a theid ni sam bith cearr air a’ bheairt-fhighe, is ann le foighidionn is fhusa gach ni a chur gu ceart ’nan aite fhein. Agus an uair a theid na seirbhisich agus na searbhantan cearr, is e bhith foighidneach riutha moran is fhearr na bhith greannach, cas, crosda riutha. Gheibh caise cothachadh; ach gheibh foighidinn furtachd.
A’ bheinn a’s airde ’san tir. ’s ann oirre s trice ’chi thu ’n ceo.
Tha moran de dhaoine bochda na duthcha an duil gu’m biodh pailteas de shonas agus de sholas aca anns an t-saoghal so nam biodh iad ann an inbhe ni’s airde na tha iad. Tha iad ro thric a’ dichuimhneachadh nach cum inbhe ard anns an t-saoghal so bron, no bas, no dragh-inntinn, no iomaguin spioraid, air falbh o neach sam bith. A reir riaghladh an Ti a tha uile-ghlic, tha ’smudan fhein a ceann gach foid, agus a bhron fhein aig gach neach. Cha ghabh cuisean a bhith air atharrachadh doigh.
A’ bheist a’s mo ag itheadh na beiste a’ s lugha, agus a’ bheist a ’s lugha ’deanamh mar a dh’ fhaodas i.
Tha cuisean mar so anns gach aite ’san t saoghal mu’n lath a’ ghrian. Air muir ’s air tir, tha ’n creutair a’s treise a’ feucheinn ris a’ chreutair a ’s laige a chur gu bas. Ach feumaidh sinn a chumail ’nar cuimhne gur iad na creutairean a tha nam beistean gu nadurra, ar neo a tha air tuiteam gu bhith, cha mhor, cho iosal ri beist, a tha ris an obair so. Ni an duine truagh, truaillidh, foirneart air an duine bhochd, lapach, ma dh’ fhaodas e; ach an duine anns am bheil an spiorad ceart, cothromach, ’s ann a thogas e suas an duine truagh, bochd, a tha air a leagadh fo na casan le luchd-deanamh na h-eucorach. A’ mhuinutir bhios a’ caineadh ’s a’ smadadh dhaoine air chul an cinn, faodar a radh gu bheil iad nochdadh gu bheil spiorad an uilc annta.
A bhith gu dana modhail, sin lagh na cuirte.
Tha e air a radh gu mill danadas modh; agus tha e fior gu leor. Ma gheibh danadas tuilleadh ’s a’ choir de bhuaidh air modh, bidh am modh air chall! Ged a tha bhith ro dhana gu h-olc do dhuine, cha n e bhith diuid moran is fhearr. Is iomadh duine a dh’ fhaodas a radh gu’n do chum an diuideachd air dheireadh e ann an reis na beatha. Am fear a bhios cho diuid ’s nach leig an naire leis a dhol do chuideachd dhaoine a’s airde na e fhein, bidh e air dheireadh ri’ bheo. Ach ma bhios danadas air a riaghladh le modh, cha ’n eagal nach teid aig duine air aite fhein a chumail ann an cuideachd sam bith am bi e.
A’ bho a’s miosa ’th’ anns a’ bhuaile, ’s i ’s cruaidhe geum.
Is iad na daoine a’s lugha a ni dh’ obair a’s mo a ni de bhruidhinn ’s de bhoilich. Is labhrach na builg fhas. Mar is miosa chaitheas fear a bheatha, is ann is deise e gu bhith ’faighinn coire do dhaoine a thuiteas ann an cionta gu h-obann. Is ann far am bheil an t-uisge tana is mo a ni an amhainn a dh’ fhuaim. Mar is mo a gheallas fear is ann is lugha theid aige air a cho-ghealladh.
A dheadh charaid: Faigh dollar anns an litir so air son MAC-TALLA thoirt dhomh fad bliadhna eile. Tha e toirt toileachadh dhomh bhi leughadh naidheachdan na duthcha gach seachduin nam chanain fein, agus on tha mi car aonranach le bhi as eugais cuideachd bithidh fadal orm gus an tig maduinn Di-Mairt agus gu’n dean mi tacan seanachais ri mo chairdean Gaidheal ach tha sgriobhadh ’sa MHAC-TALLA.
Tha moit orm gu bheil an t-urram agad air son an aon peaipear Gailig seachdaineach a th’ air an t-saoghal agus gu firinneach us nair do na Gaidhil nach dean do chuideachadh. Leis gach deadh dhurachd dhuit fein agus do MHAC-TALLA an la a chi a’s nach fhaic,
Is mise do bhana charaid,
A. M.
Valley Mills, C. B., Nov. 17mh 1893.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
[Vol . 2. No. 21. p. 6]
ORAN DO’N GHREIN.
Ghluais mi le sealladh o’n lar
Suas ri carbad ard nan nial,
Chuir Phoebus, fear iuil nan tra,
Mi air ghleus gu dan chur sios.
Is ged chuirinn mo dhan dhuibh sios
Gu eolas iarridh bho gach rann,
Cha ghluaisear gu mosgladh leam
Am ceann-trom tha duinte, dall.
O! nach duisg sibh as ’ur suain,
’S nach mol sibh gach uair an triath,
Air son lionmhorachd a ghrais
A thug do ghineal Adhamh a ghrian.
’Sa lochrain ghil chuine na speur
Tha as ceann na reub-ghaoith ghairg,
Ort cha’n fhacas caochladh gnuis
Is tu mar iunntas dhuinn gach la.
Bha thu ann bho chian nan cian,
Is ghleidh thu t-iomhaigh riamh gun smal,
Is tha thu ’n diugh mar do cheud thus,
’Nad oigh aluinn chubhraidh ghlan.
O ghrian ghloirmhoir thig air chuairt
Do’n taobh a tuath us fag an deas,
Is aisig dhuinn do ghathan blath’
’S na fag sinn sa chas sa bheil.
’S tu righ nam planaid gu h-ard
Tha do bhuaidh thar chaich ’s do chliu,
’S tu tabhairt solais daibh gu leir
O d’ ghnuis aluinn, eibhinn, chiuin.
Ghabh an duldachd seilbh ’san tir
O’n thug thu do sgriob a null
Ghlas gach sruth mar stailinn chruaidh
Gu d’ theachd buadhmhor oirnn as ur.
B’e sin teachd nam mile buadh,
Do cheile do’n taobh tuath le sith,
A thabhairt aimsir na cranntachd uainn;
’Sa chur lon air snuadh gach ni.
Ged chite ’n iarmailte fo ghruaim,
Le buaireas na luath-ghaoith dhian,
Cha ghluaisir bho d’ shorachan ard
Do gheal aigh a’s aile fiamh.
Ged bheucadh tormanan na speur
Le dealan gheur-bheumach garg,
Tha thusa ad ghloir os an ceann
Is tu ’cur t-iunntais fhein gu lar.
Is caoin do dhearrsadh air an fheur
Anns an og-mhios cheitein chiuin,
Is gach lus maoth air cluain a bhlair
Ag eirigh suas rid’ bhlas troimh ’n uir.
Tha flora nan neoineanan grinn
Air a deanamh riomhach tla,
A cur fo sgeimh aig teachd do chuairt
Air feadh chluan us bhruach bheann ard.
Sgeadaichear gach glac us bruach
Theid obair nadair suas a muirn
Ath-nuadhaichear le t-iochd bho’n eug
Gach lag us meanbh de’n treud as ur.
’Nuair dh’fhalaichear do ghnuis ’san iar,
Theid ianlaith bheag nan sgiath gu tamh,
Us iarrar leotha aitean dion
’S iad ag ionndrain meud do bhlais.
Gus an sgaoil do ghathan ciuin
Ann san ear aig tus an la,
’Gan cuireadh le failt as ur
Gu seinn dhuit ’s an driuchd air lar.
Thug Iehobhah, Righ nan dul,
Aileachd dhuit os cionn nan reul,
Amhuil mar e fein na ghloir
Ann an cosraidh ard nan neamh.
Chreideadh le cuid de’n t-sluagh
Gu’m bu leatsa buaidh nan ard,
’S gum bu tusa ’n cumhachd treun
Thug riaghladh gu leir do chach.
’S ann bho oirdhearcas do ghnuis
Thogadh suas do chliu a ghrian
Leis na chreid na t-uile ghloir,
Gu’m bu leatsa morchuis Dhia.
Is do-thuigsinn do’n umbal dhall
Meud na buaidh mor tha ’nad neart
’S da mhaise tha thu leigeadh bhuat
Anns gach uair do’n t-sluagh ma seach.
Co thug dhuit do ghloir ’s do chrun
A ghleidh ’sa chum thu riamh gun smal?
Co ach riaghladair nan dul,
A dhealbh do ghnuis heal churaidh ghlan.
Ged is ard thu anns an speur
Is iosal teann do threud a lair
Is tu le iochd ’gar dion o’n fhuachd
Le d’ ghathan caoin-gheal laidir blath.
’S diomhaireachd mhor thu os ar cinn.
Tha thu toirt dulan do gach neach
Eolas fhaotainn air do ghloir
A ghleidh thu riamh fo d’ chleoca taisgte.
O! nach mise ’s cach gu leir
A ghleidh ar cuisean fein cho glan,
’S ged dheante gairm oirnn leis an eug
Cha b’ aobhar gruaim do d’threud do theachd.
Ach Fhir a dhealbh gach ni bho thus
Thoir eolas dhuinn le tur gun airc,
Gu siubhal glan troimh ghleann nan deur
Mar ghleidh thu riamh a ghrian fo dhreach.
Rinneadh an t-oran so le Alasdair Domhnullach, a rugadh an Gleann-Uige am Muideart mu’n bhliadhna 1819. Thainig e do’n duthaich so ’nuair a bha e deich bliadhna dh’aois, agus shuidhich e an Antigonish. Abrair ris am bitheantas, “Bard na Ceapaich.”
LeighsidhMinard ’s Linimentdeideadh.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLAIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 21. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB IV. —Air a Leantuinn.
Dh’fuathaich an t-Seann Nathair Tighearna na Cogais le fuath iomlan oir spion e moran as a crogan. Tuilleadh fos bha e na chomas toirt air cnoc Gloir Dhiomhain losgadh le teine, agus bas a fhrasadh a nuas air uile naimhdean. Chunnaic Peadar na choltasa aon cosmhuil ri Emmanuel agus eadhon air dha bhi air a sgiursadh, ghradhaich se e agus chuir e earbs’ ann. Ach bha ’n t-seann nathair a toinneamh ’sa sniomhadh measg na ’n uaighean ag imlich an duslaich ’sa sputadh mach puinnsean marbhtach. Thilg Delilah smugaid air Peadar, agus mhallaich i Tighearna na Cogais. An sin Peadar—air dha chorp bhi air a neartachadh agus a shuilean air am fosgladh le Cuip Tighearna na Cogais—dh’eisd e agus chual e monmhor na fairge.
Thionndaidh e agus theich e dha ionnsuidh reub dris a’s droigheann fhalluinn, shil fhuil sios dh ionnsuidh an talamh; gidheadh ghreas e air aghart le eagal o Chuip Tighearna na Cogais. Ruig e ’n cladach leth mharbh agus fhuair e bhrathair Tomas na chadail ’s na shuain air na creagan; a lamhan lan do shligean agus a muir-lan a comhdach a chasan. Thug Peadar crathadh dha agus ghlaodh e, “Duisg!” ach bha esan a monmhar na chadal “Feallsanach Tomas,” Feallsanach Tomas” dh fosgail e shuilean agus dh feoraich e an robh e ri tairneanaich. Ghlaodh a bhrathair. “Teich airson t’ anama” oir chual e guth Tighearna na Cogais a measg na’n chraobhan. “Gabh cuisean gu sochrach” arsa Tomas agus e na shuidhe suathadh a shuilean.
’Sa ’n ath mhionain thug slat Tighearna na Cogais air leum o’n talamh; dh’feuch e ri reusonachadh ris, ach thionndaidh iallan na slaite reusonachadh gu caoidh. Bha a ghnuis co borb, ’s gu’n tug na gillean suas iad fein airson a bhais; ach ghairm Immanuel nuair ghabhadh do’n t’ soitheach e, agus ghlaodh e airson trocair.
’Nuair chuala Tighearna na Cogais ainm Immanuel, thuit a lamh ri thaobh; thionndaidh e do’n fhridh, agus cha’n fhac iad e tuilleadh; ach dh’fhan na lotan a rinneadh le ’shlait.
Bha Peadar agus Tomas a nis co togarrach bhi fagail Fein-Earbsa sa bha iad roimhe so a dhol air tir air. Rinneadh urnaigh a ghnath air an son le ’mhathair agus le Mairi a ghuidh air Criosduidh an “Gealladh” chur air toir na ’n gillean. Dh’orduich e dha Eudmhor a’m bata fhuasgladh agus a leigeil air faontradh, air dha fios bhi aige do bhrigh gu’n d’ sheid a ghaoth dh’ionnsuidh a chladaich gu ruigeadh i a thiota na gillean. Chaidh Peadar agus Tomas steach do’n “Ghealladh” agus as deigh mor luasgadh rainig iad “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Chuidich “Timoteus” agus “Cuilc-Bhruite” iad an am teachd air bord. Air do’n athair bhi feargach cha’n fhaodadh iad teachd na lathair; threoraich a mhathair iad dh-ionnsuidh seomar Doctair “Saor Ghras” —a fhuair iad na ’n torr leointean, agus dhung e iad le “Ioc-shlainte Ghilead.” Dhinnis e dhoibh nach robh cunnairt bais na’n tugadh iad geill da bhriatha-san; gidheadh gu fanadh na creuchdan moran laithean.
Tomhaiseachain.
(1) Each mor dubh,
A’ mireadh ris an t-sruth,
Cha’n ’eil an Alba no’n Eirinn
Na leumas air a mhuin.
(2) Is cruinne e na ball,
Is fhaide e na long.
(3) Illeachdan is ailleachdan
Air bharr na slaite ruaidhe,
Mac a’ tighinn o’ mhathair
Is a mhathair a’ tighinn uaithe.
(4) Rugadh e gun anam,
Bhasaich e gun anam,
’S bha anam ann.
(5) Cailleach bheag a’ tighinn do ’n bhaile, chreagada-chreag air a muin; casan oirre ’s i gun lamhan, ’s pocan cathadh ’na h-uchd.
(6) Thuit ubhail ’san amhainn ’s thog coignear i, chagainn ceathrar ar fhichead i, s cha do shluig i ach an aon fhear—
(7) Bean an taigh e ’ghliogain,
Bean an taighe ’ghlagain.
Bean an taighe nach d’ ith biadh
’S nach d’ rinn riamh a h-altachadh.
(8) Maide caol cam
Eadar da ghleann
An uair a ghluaiseas am maide cam
Gluaisidh an da ghleann.
(9) An rud nach ’eil ’s nach robh ’s nach bi, sin do lamh ’s chi thu e.
Bi’dh freagairtean nan tomhaiseachan so air an toirt san ath aireamh.
So freagairtean nan tomhaiseachan a bha ’san aireamh mu dheireadh,—
(1) Litir. (2) an Deatach. (4) Bo na ruith ’s i geumnaich. (6) A chliath-chliathaidh. (7) A chlach-mheallain. (8) An t-seilcheag.
Tha Addison Le Cain, Windsor & Annapolis R’y, a sgriobhadh. Bha mo bhean tinn le droch stamaig aireamh bhliadhnachan, agus cha d’ fhuair i ni a chuireadh am feobhas i gus na dh’fheuch K. D. C. Agus rinn e feum iongatach dhi. Leighis e ’n uine gle ghoirid i.
Minard ’s Linimentri reic ’s gach aite.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 21. p. 8]
TAIGH-AN-DROMA
Rannan le drobhair a bha diombach airson na bha aige ri ’phaigheadh an Taigh-an-Droma.
LUINNEAG.
’Si mo dhuthich ’tha ’tigh’nn air m’ aire,
’Si mo dhuthich ’tha ’tigh’nn air m’ aire,
’Si mo dhuthich ’tha tigh’nn air m’ aire,
An t-Eilein Muileach ’thu lurach beannach.
Taigh-an-droma gun dean mi ’fhagail,
S cha bu chruaidh leam e bhi na fhasach;
Fhuair mi feoil ann ’s cha ghearradh sabh i,
’S cha dugadh m’ fhiaclan mir as a chaise.
’Nuair a chaidh mi staigh do’n t-seombar,
Bha na trinnseirean ann an ordagh,
Is bha brot ann gun ghraine feola,
’S air leam fhin gum bu phris dha grota.
’Nuair a chaidh air gairm gu cunntas
Cha robh agam bonn airgid muthidh;
Thug mi not dh’ i ’s bu mhor mo shuil innt,
’S cha do thill thugam ach aon chrun d’i.
’S e ’n t-Eilein Muileach an t-Eilein aghmhor,
An t-Eilein ciatach mu ’n iadh an saile;
’S beag an t-ionghnadh gach ni a dh’fhas ann,
Gheibhteadh biadh ann ’s’ cha n-iarrteadh paigheadh.
ORAN.
Le Gilleaspuig Caimbeul, a rinn e na shean-aois ’nuair bha a theaghlach air sgapadh.
FONN. —Ochoin tha mi muladach,
Cha ’n urrainn mi ga fhuadach;
Tha m’ intinn trom ’s cha’n iongantach.
A smaointinn air a chuideachd
A bhiodh cuireadach mun cuairt dhomh.
Gur mise tha dheth bronach
La-nollaig ’s mi na ’m onar
Na fir a bheireadh solas
Gur fad’ air fogradh bhuam iad.
Tha Alasdair air posadh
Is Eobhann ’s an Roinn Eorpa
Tha Cursti fo na feidean
Is Domhnull fo na stuadhan.
Cha ’n eil an diugh am dhail diu
Ach Anna agus Iain-Tearlach;
Is beag an rud a dh’fhagadh
Mo larachs’ air a sguabadh.
Tha chuis an diugh ro chearbach
Is Anna bagairt falbh oirnn
Na h-oghaichean nan leanabain,
’S an t-sean-bhean air toirt suas oirnn.
Ach o’n tha Peggie dluth dhomh
Cha ’n ion dhomh bhi ga h-ionndrainn;
Oir thig i mar bu duchas
A chur air cul mo ghruamain.
Cha dean mulad sta dhuinn,
’S e cridhealas a’ s fhearr duinn;
Mo shoraidh leis na cairdean
Le m’ b’ abhaist a bhi suairce.
Chaochail Gilleasbuig Caimbeul mu’n bhliadhna 1867. Bha Alasdair a mhac a tha air ainmeachadh san oran so, fad ioma bliadhna na Bhall Parlamaid air son Siorramachd Inbherneis, C. B. Agus tha Eobhann na Mhinistier an’ Eilean Leobhais ’an Albainn.
Chaidh seachd ionnsaidhean a thoirt o chionn mios air an carbad iaruinn a chur far an rathaid aig Lorette, Quebec. Thugadh an ionnsaidh mu dheireadh oidhche Dior-daoin air an t-seachdain s a chaidh. Tha chroich a dh’ fheitheamh air cuid-eigin.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
STOR MHOR UR!
Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,—
MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.
A h-uile seorsa Bhrogan,
am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.
Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.
Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 21 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 21. %p |
parent text | Volume 2 |