[Vol . 2. No. 22. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 2, 1893. No. 22.
Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.
Chaill Uilleam Goodim, an Digby, a lamh ann am muillean sabhaidh an la riomhe agus an ceann latha no tha dh’ eug e.
Chaidh tigh-airneis a losgadh ann a Yarmouth, N. S., oidche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh, agus bha fiach deich mile dolar air a chall.
Bha teine mor ann am Montreal air an t-seachdain s’a chaidh. Bha tigh ceannachd a b’ fhiach leth cheud mile dolar air a losgadh gu lar. Chaill aon duine a bheatha.
Tha e air a radh gu’n tainig litrichean gu Quebec o chionn ghoirid a taobh tuath Labrador ag innseadh gu’n do bhasaich da cheud a dh’ Innseanaich an aite sin le gort air a gheamhradh s’a chaidh. Ma tha so fior tha e ma ni muladach.
Bha crith thalmhainn ann am Montreal ’s anns an duthaich mu’n cuairt Di-luain s’a chaidh. Bha i air a faireachadh ann an caochladh aitean ’sna Staitean a Tuath agus a mach air an duthaich an ear ’s an iar air Montreal, ach bha i a reir coltais na bu truime mu’n bhaile na’n aite sam bith eile. Thainig a chrith beagan romh mheadhon latha, agus, ged nach do mhair i leth mionaid chuir i eagal an gonaidh air gach duine beo a bha ’sa bhaile, ged nach deachaidh leon no marbhadh a dheanamh idir. Bha na sgoilean, na taighean curtach, ’s na taighean ceannachd loma lan sluaigh, gach duine air ceann a ghnothuich fhein, agus ’nuair a thoisich na taighean air luasgadh ’s air bragadaich mar gu’n tigeadh iad ma’n cinn, thug iad uile an aghaidh air na dorsain agus thug iad a mach an t-sraid cho luath sa ghabhadh sin deanamh dhaibh. Ann an storaichean thuit moran dhe’n bhathar air an urlar, agus far an robh soithichean glainne no creadha bha iad air am bristeadh nam piosan beaga, agus bha cisteachan mora iaruinn air thuraman a null ’sa nall mar bhiodh bataichean ann an stoirm. Ann an aon de na taighean-curtach bha chuirt na suidhe agus am breitheamh ’sna fir-lagha a feuchainn ri breith a thoirt air duine ’bha air am beulaobh air son suim mhor airgid a ghoid. Ach nuair a thoisich an tigh air crith thog iad rithe ’s eagal orra gu robh breitheanas a tigh’nn orra fhein, ’s thog an shuagh rithe nan deigh. Dh’ fhalbh am maor am measg chaich agus leig e cead a choise leis a phriosanach.
Am Bodach ’s an Cu.
Bha duin’ uasal ann uair eigin aig an an robh a chleachdadh a bhi dol air chuairt a h uile samhradh do’n Roinn Eorpa agus aon bhliadhna nuair a dh’ fhalbh e dh’ fhag e cu agus bodhachan beag de dhuine a ghleidheadh an taighe. Bha cathair mhor anns an rum agus bha’n cu gle dheigheil air a bhi cadal ann. Bha’m bodach e fhein a sanntachadh na caithreach, oir bha i anabarrach socair, ach bha ’n cu na bheathach garg ’s cha leigeadh an t-eagal leis ionnsaidh a thoirt air a chur as. Ach smaointich a gu’n toireadh e an car as. Chaidh e dh’ ionnsaidh na h-uinneig agus thoisich e air miagail mar gu’m biodh cat. Nuair a chuala ’n cu sin, thug e roid as deigh a chait, agus mu’n d’fhuair e mach nach robh cat ann bha’m bodach sa chathair. Rinn e ’n cleas so air uair us uair, ach aon latha bha e na shsidhe gu socair sa chathair ’nuair a thainig an cu a stigh, ’sa chunnaic e mar a bha gnothuichean. Chuir e dha spoig air sgeilp na h-uinneig agus thoisich e air comhartaich mar gu’m biodh cuid-eigin a muigh. Ruith am bodach a dh’ fhaicinn co bh’ ann, ach ma ruith, ruith an cu ’s chaidh e an chathair. Nuair a sheall am bodach a mach cha robh ni no neach ri fhaicinn.
Chaidh duine ghlachdadh an Sidni a Tuath oidhche Di-luain agus a chur do’n phriosan air son a bhi na sheasamh air an t-sraid anmoch ’s an oidhche gun fhios c’ar son. Cha tugadh e suas ainm idir, agus fhuaradh daga, da uaireadair, agus pasg iuchraichean air a shiubhal. ’Sa mhaduinn thugadh gu fear-ceartais e, agus air dha innse co e ’s co as a bha e leigeadh ma sgaoil e an deigh an daga thoirt uaithe.
Chaidh duin’ og da’m b’ainm Vincent Mac Carmaic a mharbhadh anns a mheinn am Bridgeport Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e ’n deigh sgur a dh’ obair ’s e faibh dhachaidh nuair a thuit clach air. Bhuail i air ’sa cheann ’s bha e marbh am beagan mhionaidean.
Mharbh fear da’m b’ainm Iain Foster a bha fuireach ann an Uniontown, N. S., a bhean ’s a thriuir chloinne an la roimhe agus an sin chuir e daga ri ’cheann fhein ’s thaing e ri ’bheatha. Tha iad a deanamh gu robh e as a rian.
[Vol . 2. No. 22. p. 2]
BAKER CAM AGUS BUIDSEIR BREAC.
Bha aun an baille Ghlaschu bho cheann aireamh math do bhliadhnachan da ghille og Ghaidhealach ag ionnsachadh an ceirde. Bha fear dhiu d’ am b’ ainm Uisdean, agus b’ e ainm an fhir eile Calum og, agus air dhaibh a bhi gabhail sraid feadh a’ bhaile air feasgar araidh, thachair boirionnach orra agus i a’ caoineadh. Sheall Calum og as a dheigh an uair a chaidh i seachad agus ars’ esan, “ma ta, cha chreid mi nach i boirionnach Gaidhealach a chaidh seachad oirnn an sud.”
“Cha ’n ’eil a h-uile te air am bheil currachd geal Gaidhealach.” “Coma leat i,” ars’ Uisdean.
“Cha ’n eil,” arsa Calum, “ach tha mi meallta am bharail air neo tha i sud ann; tiugainn agus theid sinn ceum seachad oirre ’rithist.” Thill iad air an sail, agus an uair a bha iad a’ dol seachad oirre thuirt Calum, “Ciod e tha cearr oirbh a bhean?” “Oh, eudail nan gillean,” ars’ ise, ’s i breith air bhroilleach a’ chot’ aige mar nach biodh a mhiann oirre a leigeil as tuilleadh, “nach ’eil mis’ air chall.” “Cia mar a chaidh sibh air chall?” arsa Calum. “Ma ta,” thuirt ise, “chaidh leis an dalmachd. Tha mi fuireach le m’ nighinn an Glasachu bho cheann bhliadhnachan agus thainig caileag bheag, odha dhomh, agus dh’ fhag i ann an tigh bean-eolais mi, agus bha i ri tilleadh air mo thoir an uair a thigeadh i as an sgoil, agus an uair a bha mi gabhail fadail nach robh i tighinn’ thuirt mi ris a’ bhoirionnach gu ’n rachadh agam fheinn air mo rathad a dheanadh dhachaidh, agus so agad is deireadh dha.”
“Co an ceann do ’n bhaile ’s an robh sibh a’ fuireach?” arsa Calum. “Cha ’n ann ’n a cheann a bha mi fuireach idir, eudail, ach ’n a theis-meadhoin,” ars’ ise. “Nach ’eil ainm na sraide, na aireamh a chlous agaibh?” ars’ Uisdein. “Cha ’n ’eil, mo ghaol,” ars’ ise, “ainm sraide, ’s a’ bhaile agam, ach tha Baker cam agus buth aige air an dara taobh do’n chlous, agus Buidseir breac agus buth aig air an taobh eile.” Rinn Calum gaire ’s thubhairt e, “ ’s iomadh Baker cam agus Buidseir breac a dh’ fhaodadh a bhi an Glaschu, ach co-dhiu, feumaidh sinn oidhirp air chor-eigin a dheanamh air ar faicinn dhachaidh.” Thoisich an iarraidh agus b’ e sin an iarraidh gun a leithid, feuch am faighte Baker cam agus Buidseir breac; ged a gheibhte an dara fear cha deanadh sin math sam bith mar biodh am fear eile laimh ris. Fhuair iad aon uair Baker cam, ach cha b’e sud an duine ceart. Fhuair iad uair eile Buidseir breac, ach thubhairt am boirionnach nach b’ e sud an duine idir. “Cha ’n eil an snd ach duine caol, glas, ach ’s ann a tha ’m fear a tha sinne ag iarraidh mor reamhar; thogadh e an triuir againn na ’m biodh e air an dara ceann do’n mheigh, agus sinne air a’ cheann eile.” Ach thachair gille og Gaidhealach orm air an robh Calum eolach agus thoisich iad as ur air iarraidh Baker cam agus Buidseir breac, agus le comhnadh fir a’ chota ghuirm, agus cuid d’ a chompanaich a bha ’tachairt air, fhuair iad, an deigh da uair do thim a chosd g’ an iarraidh, am Baker cam agus am Buidseir breac; agus an uair a chunnaic i iad cha b’ urrainn i tuilleadh gairdeachas a dheanadh ged a chitheadh i Gomastra. Ach bha Uisdean ag radh mar bhith an t-am do ’n bhliadhna bh’ ann gu ’n abradh daoine gur ann a bha iad air ghogaireachd.
An uair a chunnaic na gillean gu’n robh am boirionnach aig a h-aite comhnuidh bha iad air son beannachd fhagail aice, ach cha deanadh sud feum. ’S e dh’ fheumadh iad dol suas thun an tighe; ’s an uair a chaidh iad a stigh rinn muinntir an tighe moran othail riutha a chionn gu ’n tug iad grannie dhachaidh, bho ’n bha eagal orra nach faiceadh iad beo tuilleadh i. Thubhairt bean-an-tighe nach do dh’ fhag iadPolice Officean Glaschu nach robh iad ann, “Ma ta,” thuirt an t-seanabhean, “cha ruigeadh sibh a leas a bhi g’am iarraidh sa ’s a’ Police Office, agus triuirPoliceman ’n am freiceadan orm a falbh na sraide; ach mar bhiodh na gillean coire so, cha’n eil fhios cia mar a rachadh dhomh idir. Tha uait,” ars’ ise, ’s i tionndadh ri ’h-ighinn, “sealltainn am bheil deur a stigh agad a’s soilleire na ti.” Thug bean an tighe air lom am botul, agus an uair a chaidh a chuir mu’n cuairt thuirt an t-seana-bhean ’s i ’n a suidhe lamh ri Calum. “Air leam gu’n d’ thubhairt thu gur saor a a bh’ annad.” “Thubhairt mi sin,” ars’ esan.
“An cuala tu,” ars’ ise. “iomradh riamh air an t-saor Mac-Pheidh?” “Chuala mi an t-ainm, ach ’s e sin uil’ e,” ars’ esan.
“Bha an saor Mac-Pheidh, ars’ ise, “na latha ’s na linn fuasach ainmeil ann an Albalnn. Chualas a chliu eadhon an Sasunn, agus thainig da shaor Sasunach a dh’ aon obair g’ a fhaicinn. Chuala ’n saor Mac-Pheidh gu ’n robh iad a’ tighinn agus ’s a rinn e a chuid ghillean a chur air falbh as a’ bhuth taobheigin eile, agus chuir e fhein dheth a chota agus chuir e air an t-aparan agus thoisich e. Thainig na Sasunnaich a stigh agus dh’ fheoraich fear dhiubh am b’ e sud am buth aig an t-saor Mac-Pheidh? Thuirt Mac-Pheidh gu ’m be’ e. Am bheil e aig an tigh an diugh? thuirt an Sasunnach? Cha ’n ’eil, thuirt Mac-a- Pheidh, tha e air falbh leis na gillean a’ togail caisteil, cho math ri leth-cheud mile as a so. An tusa, ars’ an Sasunnach, a tha sealltainn as deigh a ghnothaich fhad ’s a tha e air falbh? Cha mhi, arsa Mac-Pheidh, tha neach eile ris’ a sin. Cha ’n ’eil mis ach ag ionnsachadh mo cheirde.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun, 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN.
[Vol . 2. No. 22. p. 3]
“Fad ’s a bha ’n seanachas so dol air aghart, bha MacPheidh ag obair air deanadh cas tail. Bha e anns an dara ceann do ’n bhuth, agus bha iarunn an tail ann an glamus anns a’ chean eile. An uair a bheireadh e sgriob no dha do ’n lochdair air cas an tail chuireadh e ri ’shuil i ’s chaogadh e ris an iarunn a bha cho math ri fichead slat uaithe. Bha na Sasunnaich ’s am beoil ’s an suilean fosgailte ag amharc an duine, ach rug Mac Pheidh air cas an tail air theis-meadhoin agus bhuail e gnogag do ’n ord oirre fo chul a laimhe agus dh’fhalbh i mar gu ’n tilgte a gunn’ i, agus thug i glag ann an suil an iaruinn a bha ’s a’ ghlamus an ceann eile a bhuth, agus an uair a thug e as i bha an tal deas, glan, air son dol a dh’ obair leatha. Falbh, falbh, ars’ an Sasunnach, dhachaidh sinn! ’N uair a ni am fear a tha ag ionnsachadh a cheirde sud, gu ’n seachnadh am fortan oirnn a mhaighstir.
“Tha eagal orm,” ars’ Uisdean, “gu’n robh tuilleadh ’s a’ Chreud ’s a’ Phaidir aig MacPheidh.” “Tha sin agaibh a nis sgeulachd,” ars’ an t-seanna-bhean, “ach bheir mi dhuibh maigheachd fhior.”
“Bha anns a’ bhaile ’s an d’ rugadh ’s an do thogadh mise, duine ris an abradh iad an “Cartan;” mar fharainm, ged nach b’ urrainn iad ainm eile cho mi-fhreagarrach a thoirt air, a chionn ’s e ’s cleachadh leis a’ chreutair ris an abair iad an “cartan” greimeachadh gu daingean, anns an aite ’s am faigh e greim; ach bha Murrachadh calg-dhireach ’n a aghaidh sin—tha mi ’m beachd gur e an gobhlan-gaoithe e b’ fhearr a fhreagradh air, a chionn cha robh e riamh fada ’s an aon aite. Cha do phos e riamh a choinn “cha ghabhadh e na coisichean ’s tha ’n fhaighe na marcrichean.” Bha tri eaglaisean ’s an sgireachd agus bha an Cartan greis ’na bhall daingean anns a’ h-uile aon diubh. ’S e theireadh Iain Mac Ailein, bard na sgireachd, na mar theireadh an Cartan fhein ris ‘ceard na sgireachd,’ co dhiubh, ’s e theireadh Iain gu ’m b’ e an t-aobhar a chuir nach robh an Cartan anns a’ cheathramh eaglais, a chionn nach robh i ann. Ach air latha do no laithean, ged nach cualas iomradh riamh roimhe aig air, thug an Cartan an togail ud air fhein bhar an aite ’s an robh e ’n a shuidhe, agus, ars’ esan, Co bhiodh a dol bas ’s a’ bhaile so, agus obair gul leor an Glaschu? agus gun an corr mu dheibhinn a mach a ghabh e ’s thug e Glaschu air. Bha brathair aige ’s a’ bhaile mhor a bha posda agus a theaghlach togta, agus b’ ann an tigh a bhrathar a bha ’n Cartan a fuireach. Bha caraid dhaibh a bha ag obair aig feadhainn aig an robh stor dibhe, agus b’ ann ris an duine so a bha ’n Cartan ag earbsa obair fhaotainn dha. Thubhairt am fear so ris nach robh na daoine acasan a toirt obair do neach nach robh do ’n aon chreideamh riutha fhein. Ciod e an creideamh a tha ’n sin? ars’ an Cartan ’s ann dona tha e air neo tha e na ’s fearr na ’n fheadhainn a tha dol.
“Thoisich a charaid agus thug e dha ann am briathran snasmhor, agus ’s ann dha b’ aithne, mheudaich agus leudaich e air a h-uile beannachd a bha sruthradh bho’n chreideamh so. Bha e ur is bha e eireachdail.
“A nis ’s e an creideamh a bh’ann, beachd a bh’ aig aireamh bheag do ’n tsluagh mu dheibhinn staid an duinne an deigh a bhais. Bha bhuidheann a bha sud a’ creidsinn cho luath ’s a dh’ fhagadh an anail neach gu’n robh e tighinn beo an atharrachadh cruth. Math dh’fhaoidte an riochd feidh, na earba, na coileach peucaig, ’s a h-uile creutair eile bu bhoidhche na cheile. Ach co dhiubh, cha robh an Cartan fada faotainn a stigh anns gach diomhaireachd a bha mu’n cuairt air a chreideamh a bha ’n sud.
“Bha e ri obair fhaotainn an ceann lath no dha bho ’n duinne mhor ud, agus thubhairt a charaid ris gu’n robh duine fuasach foghluimte do’n chuideachd aca a dol a thoirt seachad oraid gu goirid air ‘cruthachadh an duine, agus co a dh’ ionnsaich bruidhinn do Adhamh,’ agus gu ’m feumadh e dol g’ a eisdeachd, agus gun teagamh rachadh an Cartan g’ a eisdeach ged nach tuigeadh e an treasamh trian do na bhiodh an duine ag radh. An uair a thainig e dhachaidh feasgar ’s a thoisich e air innseadh mar a chaidh dha ’s gu’n robh e dol an ath oidhche a dh’eisdeachd an duine ainmeil a bha dol a dh’ innse co a dh’ionnsaich bruidhinn do Adhamh.
“Nach ’eil fhios aig a h-uile duine co dh’ ionnsaich bruidhinn do Adhamh, arsa Ruairidh og, mac a bhrathar. Cha ’n eil, ars, an Cartan, fios aig neach an Glaschu, no ’n Albainn co dh’ ionnsaich bruidhinn do dh Adhamh, ach aig aon fear, agus ’s e sin am fear a dh’ ainmich mi. So, so, ars Rdaraidh, na bithibh a deanamh culaidh-bhuird dhibh fhein air an doigh sin, nach ’eil fhois aig gach balachan beag ’s a’ bhaile co dh’ ionnsaich bruidhinn do dh’ Adhamh. Agus co dh’ ionnsaich dha i ma ta? Nach do dh’ ionnsaich a bhean,” arsa Ruaraidh. Tha mi creidsinn mur bristeadh a ghaireachdaich air a h-uile neach a bha a stigh, gu ’m foghnadh an fhreagairt ud fhein leis a Chartan. Cha ’n eil fhios agam, ars’ esan, nach bi mi fhathasd ann am uiseig ’s mi seinn anns a’ speur os ceann a’ Choire Bhain. Cha ’n ’eil fhois agam, arsa Ruairidh, nach bi thu a’ d’ chirc-fhraoich ’s an Leabaidh-lathrich agus nach cuir an Sasunnach caol urchair annad. Cha ’n eil fhios agam nach be mi ’m bhradan ’s mi leum an Eas a Bhric, ars’ an Cartan. Cha ’n ’eil fhios agam ars Ruairidh, nach bi thu ann ad nathair ’s cha bhi duine thachras ort, leis nach bu mhath an t-eanachainn a chur asad. Dh’ fhaoidte, gur ann a bhios mi am fhiadh, ars’ an Cartan. Dh’ fhaoidte, arsa Ruairidh, gur ann a bhios thu a’ d asail ’s tu slaodadh barra guail air sraidean Ghlaschu.
“Ach co dhiubh, fhuair an Cartan obair. Bha aige ri bhi dol a mach le barra air uairibh. Bha balach beag aig gu falbh leis gus am fasadh e fhein eolach. Shiu fear an stoir dha botul; agus thuirt e ris ol. Air fad? ars’ an Cartan. A h-uile deur dheth ars’ am fear eile, cha teid sin a’ d’ cheann. Ach an uair a dh’ fhuasgail e an t-sreang dheth, cha do dh’ fhuirich deur dheth nach do spread ’n a shuilean, agus an uair a sheall e mu ’n cuairt air, ars’ esan, nach be ’m fortan a shabhail mi nach do dh’ ol mi stuth an uamhais. Thugadh an so am barra air lom, ach cha do chord e idir ris a’ Chartan. Cha b’ e sud an seorsa barra bh’ aca ’s a’ Ghaidhealtachd. ’S ann a bha sud ni bu choltaiche ris a’ chairt uir a fhuair Lachunn nan sgrath, agus dh’ fheumadh e bhi ’dol an comhair a chuil ann, direach mar a chuireadh Lachunn an lair bhan anns gach crios ’us iall a bha ’n crochadh ris a’ bharra, sheall e mu’n cuairt air ’s cha robh e idir toilichte. ’S ann a bhuail an t-eagal e gu ’n robh e dol a dh’ atharrachadh cruth mu ’n tigeadh am bas idir air. Agus bha an asail ’s i a’ slaodadh a’ bharra ghuail, mar a dh’ainmich Ruairidh, a tighinn tuilleadh ’s a choir teann air tachairt. Nach ann air an t-saohgal a thainig e ’n uair a bhiodh mac mo mhathar ’us m’ athar air a chuir ann an cairt mar gu ’m biodh seann each odhar ann ars’ esan, agus thilg e uaithe am barra. Dh’ fhag e ’n stor ’s na bh’ ann an sud, ’s thug e dhachaidh air, agus cha do dh’ fhuirich e an Glaschu ni b’ fhaide na b’ eudar dha.
LeighsidhMinard ’s Linimentcnatan.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
[Vol . 2. No. 22. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 2, 1893.
Fhuair sinn aireamh mhath de ghabhaltaichean ura o chionn ghoirid a ghabh ris an tairgse a thug sinn dhaibh, am paipear a chur d’an ionnsaidh gu deireadh na bliadhna s’a tighinn air son pris bliadhna, aon dolar. Tha suil againn ri aireamh mhor fhathast. Cuireadh iad an ainnean air adhart gun dail agus an t-airgiod nan cois.
Anns an aireamh mu dheireadh thug sinn da’r luchd leubhaidh beagan fhaclan a mineachadh cuid de shean-fhacail nan Gaidheal. Bu choir dhuinn a radh gu robh e air a sgriobhadh leis an Urr Iain Mac Ruairidh, no mar a their e ris fhein “Iain”. Bha ’n sgeulachd a gheibhear ’san aireamh so. “Baker cam agus Buidsear Breac” air a sgriobhadh le Iain Mac-Faidein an Glascho.
Tha e air a radh gu bheil Mr. Gladstone a sior dhol air ais na shlainte. Tha a choltas a fas nas miosa gach latha ’s tha e air a radh gu’n deachaidh e as barrachd anns na deich seachdainean a chaidh seachad na anns na h-ochd bliadhna roimhe sin. Cha’n eil e gabhail fois sam bith mar bu choir dha bhith gabhail, tha e gach latha ann an tigh na parlamaid agus a labhairt air gach ceist a thig fa chomhair an taighe. Cha’n eil a choltas air an tigh gu sgaoil e gu’n deigh na bliadhn’ uire, agus tha eagal air cairdean Ghladstoine gu’m brist an obair ’s an curam air a shlainte gu buileach. Bha dotair aige roimhe so anns an robh lan earbsa aige agus bha a fhrithealadh a cuideachadh leis gu mor. Ach dh’ eug an dotair air an fhoghar so agus tha e nise air fhagail gun fear-sgile sam bith a gabhail curam dheth, agus mur urrainn a chairdean toirt air fois a ghabhail tha a laithean air an aireamh. Tha Gladstone a gabhail moran as laimh agus cha’n eil a neart a reir na h-oibreach ge do bhiodh gach ni a dol leis gu math, rud nach eil. Cha bhiodh e mar sin iongatach ge do bheireadh e suas an uine gun bhi fada. ’S ann a tha e ’na iongatas nach tug e suas o chionn-fhada.
Tha na Gaidheil ann am baile Chicago a toirt oidhearp air Comunn Gailig a chur air chois. Cha’n eil duine gu bhi dhe’n chomunn sin ach muinntir a labhras Gailig. Bi’dh e ’san amharc aig a chomunn clanna nan Gaidheal sa bhaile a thoirt gu bhi nas eolaiche air a cheile na tha iad, agus gu bhi a chur barrachd luach air canain, air deise, ’s air cleachdaidhean an sinnsear. Tha sinn a’ guidhe soirbheachadh le Gaidheil Chicago agus an dochas gum bi an comunn aca na reul dhealrach am measg Chomunnan Gailig an t-saoghail. Tha nise air an taobh so dhe’n Atlantic ceithir comunnan a bha air an cur air chois air son cainnt nan Gaidheal a chumail beo, —aon an Toronto, aon a Hamilton, aon am Montreal agus aon an New York, Co their gu bheil a Ghailig a dol bas?
Tha na h-Albannaich air an latha ’n diugh a riaghladh cha’n e mhain Alba ach Sasuinn agus an Impireachd Bhreatunnach air fad. Is Albannach Gladstone a thaobh athar. Is e Albannach a tha na ard-riaghladair air Canada agus ’s e Albannach a tha ’na ard-riaghladair air na h-Innsean an Ear. Tha Albannaich nan riaghladairean an Australia, am Figi agus anns na h-Innsean an Iar. Is Albannach Morair Rosebery aig a bheil dreuchd ard ann an Riaghladh Bhreatuinn an diugh. Faodair a radh le firinn gu bheil Alba, air son a meudachd, a deananh a cuid gu bhi cumail suas an t-saoghail agus ga dheanamh gu math.
Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile,
Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:
Iain Mac Gilleain, Gleann a Bhaird, N. S.
Eoghan Mac Dhomhnuill, Sasuinn.
Lachuinn Mac-a Phearsain, Kinross , P. E. I.
Bean Chalum ’Ic-Leoid, Springfield Que.
Mrs. Matheson, Valley Mills, C. B.
J. D. Mac Pharlain, Knappa , Oregon.
Coinneach Mac Aonghais, Baddeck .
An t-Oileir A. G. Domhnullach, Truro ; N. S.
Uillean Domhnullach, Marion Bridge.
D. Mac Neill, South River Lake, N. S.
Donnacha Domhnullach, Bridgeport .
M. R. MacNeil, Benacadie .
Bean Iain Buchananan, Cow Bay.
Seumas Mac Gilleain, Morleys Road
D. F. Domhnullach, Calumet Michigan.
Gilbert Brown, Shetland , Ont.
Uisdean Mac Leoid, Harriston , Ont.
An t-Uir Iain Friseal, Cladach-a Tuath C. B.
Ma phaigh neach sam bith air son na blaidhna so dhe’n MHAC-TALLA ’s nach do chuireadh ainm ’sa phaipear, cuireadh e fios thugainn agus bheir sinn creideas dha gun dail.
An duine tha gun chiall gun reusan tha e ’n duil gu bheil daoine eila cho mi-reusanta ris fhein.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. H. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
[Vol . 2. No. 22. p. 5]
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB IV. —Air a Leantuinn.
Bha Criosduidh fein a nis fo mhor-thrioblaid. Sheid gaoth laidir dh’ionnsuidh a chladaich; Na ’n diobradh an acair bhitheadh an soitheach air a longbhriseadh. Tuilleadh fos, thuig e nis brigh an radh, “cha ’n eil maitheanas peacaidh aig gaothan no tonnan.” Dh’at an fhairge, dh’iath neulaibh dorch thairis air Fein-ghloir; thuit an oidche ro-mhithich. An sin thubhairt Criosduidh—air da spiorad bhi air irisleachadh an taobh stigh dheth—ri Tuigse, “Cos urrainn fuasgladh oirnn? Fhreagair Tuigse agus thubhairt e ris, “Bitheadh Creidimh agad ann an Dia. “Ach pheacaich mi an aghaidh soluis fhreagair Criosduidh. Chaidh a fhreagadh “ma dh’irislicheas tu thu fein air lathair an Tighearna gheibh thu maitheanas.
An sin ghairm Criosduidh na maraichean mu’n cuairt air agus dh-aidich e fa chomhair an Tighearna an t-olc a rinn iad. Air dha Tuigse thoirt fanear gu robh iad an ioma-chomhairle dh’orduich e dhoibh an acair a thogail agus na siuil a chur ri Crann. Ghabh e fein a stiuir agus ach gann a seachnadh na’n creagan—rainig iad a’n cuan fosgailte.
Ach cha robh a’ n trioblaidean fathasd aig crioch, mar a ta e sgriobhta: “Bha amadain air son an eusaantais agus air son an eucearta, fo amhghar. Do gach biadh ghabh an anam grain, agus thainig iad dluth do gheataibh bais. Nuair a dhuisg a ghaoth dhoinionnach agus a thog i a tonnan. Theid iad suas do na neamhaibh, theid iad sios do na doimhneachdaibh: le h-amhgar leaghaidh an anam. Theid iad thuige agus uaith agus tuislichidh iad mar dhuine air mhisg; agus theid as da’n ceill uile. An sin glaodhaidh iad ris an Tighearna, nan airc, agus as an teanntachdaibh bheir e iad.
Cuiridh e an doinionn gu feith; agus bithidh a tonnan na’n tamh. An sin bithid iad ait, a chionn gu’m bi iad samhach; agus bheir e iad do’n chaladh a’s miannach leo.
Tomhaiseachain.
(1) A bhun suas ’s a bharr sios ’s e fas mar sin.
(2) Bodach beag a’ tighinn do’n bhaile,
Ged is beag e bidh srann aige,
Currachd uime ’s currachd aige
’S cota fada frangach.
(3) Theid e ’s a’ mhuir ’s cha bhathar e
Theid e ’s an teine ’s cha loisgear e
’S theid e gu bord an righ ’s cha bhacar e,
(4) Cro lan de chaoraich gheala
’S aon chaora dhearg ’nam measg.
(5) Chaidh mi do’n bheinn ’s fhuair mi e, shuidh mi air cnoc s dh’ iarr mi e, nam faighinn e dh’ fhagainn e ’s o nach d’ fhuair mi e thug mi leam e.
(6) Nighean righ ’s a’ bhall’ ud thall.
Eadar Ghaidheal agus Ghall,
Dh’ oladh i fion bhar a boise
’S caol a coise troimh a ceann.
(7) Chunnaic mi fitheach air cnoc,
Da fhitheach air cnoc,
Fitheach ag amhrac gach fithich,
Co mheud fitheach a bh’ air a’ chnoc?
(8) Cha mhac athar no mathar dhomh e, cha mhac peathar no brathar dhomh e, ach is i mo mhathairrsa bu mhathair dha’ mhathair-san.
Gheibhear fragairtean nan to-mhaiseachan so san ath aireamh.
Freagairtean nan tomhaiseachan a bha san aireamh mu dheireadh.
(1) Roth mor a’ mhuilinn. (2) An latha ’s an oidhche. (4) A mhuc-mhara ’s an robh Ionah. (5) A’ chearc. (6) Na coig meoirean na fiaclan, agus an slugan. (7) Na h-iuchraichean. (8) A’ mheidh-thomhais. (9) Meoirean do lamh ’s aon fhad.
Litir a Lunnuinn.
Tha mi cinnteach gu ’m bi leughadairean MHIC-TALLA gu leir gle fhad’ an comain ar caraid “Iain” airson na litreach ghasda ’chuir e thuca bho ’n Eilean Sgiathanach agus bithidh iad ni ’s fhaide na chomain nuair a gheibh iad cothrom air na tomhaiseachain air am beil e deanamh luaidh. Tha mi de ’n aon bheachd ri “Iain” gu ’m bitheadh e na ni gle ghasda na ’n cuireadh na Gaidheil anns gach cearn de America agus de ’n Ghaidhealtachd na h-uile sean-fhacal agus tomhaiseachan a tha na ’n cuimhne ’dh’ ionnsuidh MHAC-TALLA oir cha ’n e mhain gu ’n d’ thoireadh so mor thoileachas do luchd-leughaldh a phaipeir ach bhitheadh e na mheadhon air iomadh radh brioghmhor a ghleidheadh bho dhol a’ cuimhne buileach.
So agaibh ordugh airson £1 ,10s. —mar phaigheadh airson na h-aireamhan a tha sibh a cur thugam de MHAC-TALLA gu ruig toiseach Iulaidh. An aite ’n cur uile thugamsa mar tha sibh a deanamh a nis am bi sibh cho math agus aon a chur a dh’ionnsuidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so, agus leanaidh sibh air an corr a chur thugam fhein.
Bhur caraid dileas,
CABAR FEIDH.
Tha aireamh de nithean air laimh againn air son an cur an clo a bha air an dunadh a mach as an aireamh so le cion rum. Gheibhear cuid diubh anns an ath aireamh.
[Vol . 2. No. 22. p. 6]
CUMHA.
LE DUGHALL MAC EACHARN.
So an tir ’tha fo mhulad,
Tha gach duin innt’ fo ghruaim
Mu na dh’ fhalbh air an turas
’Bhi fo iomain nan stuadh;
Na fir fhoghainteach thlachdmhor
’Bu mhath cleachdadh ’measg sluaigh;
Na fir chruadalach, thapidh,
Nach biodh meat air a chuan.
’S ann a chiad mhios’ de’n gheamhradh,
Gle theann air a chrich,
’N ceathramh latha de ’n t-seachdain,
’S math mo bheachd air an tim,
’Thug mi suil thar na mara
’Suas an taice ri tir,
’S gu’n robh ’m bata caol darich
A dol seachad ’na sgriob.
An am ciaradh do ’n fheasgar,
’S mi nam sheasamh leam fhin,
Chualas fuaim ’s cha bu bheag i,
B’ aobhar eagil an t-sid;
Soirbheas cunbhalach seasmhach,
’Tigh’nn o ’n deas ’s cha b’ann cli;
A chuir crioch air na fearibh
’Dh ’fhag an cala so shios.
Air Dihaoine sa mhaduinn
’S mi ri gabhail an roid,
Chunnacas bat’ a dol seachad
Gun chroinn, acair, no seol,
I for iomain an traghaidh,
Agus strachdt thar a beoil;
Gun robh ’n t-oganach sar-mhath
Air a clar ’s e gun deo.
Bhi gad ghuilan aig fearibh,
’S tu gun aithne, gun treoir.
Dhuisg sin umlad dha t’ athir
’Bhios ’na aire ri bheo.
Is mor m’ urram dha ’n mhathair
A rinn t’ arach ’s tu og;
Chuireadh misneach an cach leath’,
Ged bu chraiteach a leon.
Bha mi ’n de ann san tulich,
’S b’ aobhar mulaid an ceol;
Gun robh maighdeanan tursach,
’S fir a lubadh le bron,
’Caoidh an oganich ur ghlain
’Bha fo dhunadh nam bord,
Nuair a chuireadh san uir thu
Shil mo shuilean le deoir.
’N Ti thug bhuainn an t-og aluinn
’S ann na laimh a tha ’n sgod,
’S thigeadh dhuinne ’bhi taingeil
Ged tha ’n call do cho mor,
’S sinn an dochas gu laidir
Air sgath bas Righ nr gloir’
Gu bheil anam am Paras;
’S tha chorp sabhailt’ fo’n fhoid.
Ach a Dhomhnallich cheanalt’,
Cha robh mearachd ad thurn.
Bha do bhata grinn snasmhor
’S air a calcadh gu dluth.
Bho a guallinn gu sliasid
Bu ghlan garadh a buird;
Tha do chairdean dheth clanail,
’S tu a’ m fiannis sa ghrunnd.
Tha do cheile na h-onar,
’S tric na deoir ’ruith le ’gruaidh;
S gearr a mheal i a coir ort,
Cha robh ’m posadh dhi buan.
Dh’fhalbh a h-aighear ’s a solas,
Laigh dubh-bhron air a snuadh,
Chi i t’ fhiodhull na seomar,
Ach a ceol cha n-fheil bhuaise’.
A dheagh Dhnuhnuill mhic Raoniull,
’S goirt is don tha do bhas
Dha do bhantraich ’s dha d’ theaghlach
Tha gad chaoidh-sa gach la;
’S iad mar uain ’bhiodh air faontrath
Air an sgaoileadh ’s gach ait,
Is nach dig thu ’chur saoid orr’,
’S truagh an glaodhich ri traigh.
A shar Chaimbalich ghasda,
’S iomadh tlachd ’bh ort a fas.
’S mi nach deanadh de mheuradh
Dhol ort seachad ’nam dhan,
Bha thu ’shiol nam fear sgairteil
’Mach a Barra nam ba’gh,
’Thogadh siuil ris na crannibh
’Nuair nach caricheadh cach.
Gu bheil t’ og-bhean dheth craiteach
’S guileag bais aic’ fo leon
’S beag an t-ionghnadh mar tha i,
’S gun a cairdean na coir,
Cha robh cron ort ri aireamh
Mur a traigheadh tu stop;
’S iomadh combanach sar-mhath
’Dheanadh pairt riut ’san ol.
Tha do pheathrichean saricht’,
’S e do bhas rinn an leon;
Thanig gruaim air an fhardich,
Sguir an abhachd ’s an ceol.
Gu bheil Domhnall ’s cha nar dha
N impis traghadh le deoir;
Gur lag guallan gun bhrathair,
Rinn thu fhagail gle og.
A mhic Eoghin mhic Eileig,
Cha bu mhios’ thu na cach;
Ged a thug mi dhuit deireadh,
Cha n-e leth-phairt a b’ fhath.
Gabhidh t’ oige mo leth-sgeal,
’S mar a fhreagras d’o m’ dhan;
Ged bha m’ eolas sa cho beag ort,
Cha n-fheil teagamh mu d’ ghnaths.
Fhuair mi teisteanas cuil ort,
’S mor do bhiathas aig cach;
Bha do ghiulan lan uaisle,
Dh’ fhas i suas leat mar ghnaths.
Dh’ fhag thu t’ athir gun sunnd air,
’S trom a dhruidh air do bhas,—
Thu bhi ’d chadal gun dusgadh
Ann sa ghrunnd far nach traigh.
’S iomadh maighdean ’tha bromach
Is bean choir ’tha fo chradh
A sior chaoidh nam fear oga
Ann san rod a tha ’tamh.
Bithibh danigean an dochas
’San Ti mhor tha gu h-ard
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 22. p. 7]
Gun do shealbhich iad solas
Ann an comhnidh nan gras.
Cha b’ e luigead am mismich,
No an sgioba ’bhi fann
Rinn na treunfhir a mhilleadh.
Ach an gloine ’ruith gann.
Thanig snaithean am beatha
Grad gun fhios daibh gu ceann,
Leis m teachdaire sgiosail
’Tha na thighinn cho meallt’.
Bha iad cruadalach, sgairteil,
Bha iad tlachdmhor, fior shuairc;
Nam dhaibh suidh ’s taigh-osda
Cha b’ e ’n t-ol a bhiodh bhuats’;
Ach an t-eolas ’san tailneas
’S comhradh blasda mu’n cuairt.
Tha mi ’n dochas ’s am barail
Nach robh mearachd nan Duais.
Chaidh mise leigheas de’n loimidh leMINARD ’S LINIMENT.
ANDREW KING.
Halifax.
Chaidh mise leigheas de’n chuing leMINARD ’S LINIMENT.
LT. -COL. C. C. READ.
Sussex.
Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich leMINARD ’S LINIMENT.
C. S. BILLING.
Markham, Ont.
Thachir am bathadh mu ’n do rinneadh an cumha aig a Chamus Mhor, no ’n Gulf, an Antigonish. Bha Dughall Mac-Racharn a cunnail sgoile air a Ghulf aig an am. Thug a iomad bliadhna an deidh sin a cumail taigh-bordiadh am Picto. Chaochail e am Boston.
Na biodh fiachan aig neach sam bith ort, ma d’ fhaodas tu idir. Agus ma tha fiachan aig neach ort grad fheuch ri’m paigheadh. Thuirt fear roimhe, “Cha phaigh mi sgillinn fhiach gu brath, oir cha’n eil ’s cha robh sgillinn fhiach aig duine orm.
ThaMinard ’s Linimentmath do’n fhalt.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Irr ’s na gabh achMinard ’s Liniment.
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 22. p. 8]
Litir a Michigan.
Chuir an t-Urramach A. Mac-Gilleain Sinclair an siathamh aireamh deug de MHAC-TALLA do ’m ionnsaidh. Cha robh fios agam gu’n robh an sgeulaiche seachdaineil so ann am bith gus an d’fhuair mi an aireamh so. Gabhaidh mise Mac-Talla, s mi a ghabhas agus failtichidh mi le solas e. Gheibh thu dolar bhuam ann am broinn na litreach so. Ma ’s urrainn thu coig deug de ’n aireamh a fhuair mi a chur do m ionnsaidh cuir ugam iad, agus do chunntas maille riutha.
Bha mi aig a chruinneachadh mhor a bha aig Cloinn-Ghilleain ann an Chicago. S e a cheud duine airson a d’ fhaighneachd mi an t-Urram. A. M. Sinclair. Bha lan chinnt agam gu ’m faicinn e; ach bha mi air mo mhealladh gu mor. Bha iomad duine aig a choinneamh Leathanach a bha air a mhealladh sa cheart doigh. Bhiodh e na thoileachadh leinn sealladh fhaicinn de ’n duine a sgriobh urad de nithean luachmhor mu na Leathanaich, cinneadh a mhathar.
Chunnaic mi iomad duine tlachdmhor aig a chruinneachadh Leathanach, ach cha ’n urrainn mi a radh gu’m faca mi neach ann bu chalma coltas na Eachann Mac-Gilleain. Is ann as a chearn agaibhse a bha e, —as na mor-roinnean’ iochdrach. Is ann an Eilean Ruim a rugadh e.
Bha mac aig mo sheanair bu shine na Lachainn na Gaidhlig. Se Murchadh a b’ ainm da. Tha mic aig Murchadh an Cola ’s an Canada. Chaochail Iain brathair mo mhathar an Kansas bho chionn corr is bliadhna. Bha e ceithear fichead ’s a deich de dh-aois. Bha coignear de chuid mac aig a choinneamh Leathanach. Sheinn fear dhiu, Iain oran Gaidhlig dhuinn aig a chuirm mhoir a bh’ againn. Tha triuir do chloinn Lachainn brathair mo mhathar, no Lachainn na Gaidhlig, beo ann an Australia, Tormaid, agus dithisd nighean.
Bha Sir Fitzroy a coimhead gu math aig Chicago. Bha e ’g amharc mar cheann cinnidh ’s mar thriath ’s gach oirleach dheth, agus gun teagamh bha e faireachdainn mar sin le coig piobairean a cluich air thoiseach, ach tha e na ghnothach bochd nach h-eil sgriob de dh-fhearann aig ann am Muile.
Is mise, an la a chi ’s nach fhaic, do charaid dileas, Domhnull mac Dhomhnuill Thuairneir mhic Ailean Mhuilleir as a chaolas Thiristeach. Ach ’s fhearr dhomh m’ ainm a thoirt dhuit anns a Bheurla. Mur a tabhair tha eagal orm nach dig Mac-Talla. Is mise, mata, ann an cainnt nan Gall.
D. T. MACDONALD.
Calumet, Michigan.
Ma tha airgiod agad feuch gu’m bi thu ’nad mhaighstir air agus nach bi e ’na mhaighstir ortsa.
S bochd an sgeul a thainig a Eilean Phoil air an t-seachdain so, gu robh Robert Muirhead fear-gleidhidh an tigh-sholuis an deigh tighinn ri bheatha. B’e Caimbealach a tha ’n drasda ’deanamh a chomhnuidh am Baddeck a bha gleidheadh an taigh-sholuis o chionn faisg air fichead bliadhna, ach chaidh a chur as an dreuchd o chionn ghoirid, agus chaidh Muirhead a chur na ’aite, gle fhada ’n aghaidh toil Mhuirhead fhein. An latha ’n deigh do’n Chaimbealach an t-eilean fhagail chaidh e mach trath sa mhaduinn, an deigh an orduighean a thoirt do na seirbhisich, agus mu choig ceud slat o’n tigh chuir e crioch air fhein.
Tha duine og da’ ainm Walter Hill ri bhi air a chrochadh ann a Winnipeg air an ath mhios air son tuathanach da’m b’ainm Graves a phuinnseanachadh. Bha Hill air tighinn a mach a Sasuinn o chionn bliadhna no dha agus bha e na sgalaig aig Graves.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
STOR MHOR UR!
Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,—
MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.
A h-uile seorsa Bhrogan,
am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.
Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.
Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 22 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 22. %p |
parent text | Volume 2 |