[Vol . 2. No. 23. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 9, 1893. No. 23.
Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Domhnull us Iain ’s an da Choileach.
Ann an cearn araidh de’n eilean so tha dithis thuathanach, Iain us Domhnull, a comhnuidh, agus bithidh iad daonnan a stri feuch co aig a tha na beathaichean a’s fhearr. Thachair do Dhomhnull gu robh coileach breagha aige agus bha deigh mhor aig air a bhith ga mholadh, agus bha e dhe’n bharail nach robh coileach ’sa choimhearsnachd a ghabhadh air. Bha Iain, aig an am cheudna a togail coileach og dha fhein agus bha chuis coltach, na’n leanadh e air fas, nach b’ fhada gus an gabhadh e air coileach Dhomhnuill. ’Se bh’ ann chuir na fir geall. Thuirt Domhnull, “Cuiridh mise geall punnd ti, Iain, gu’n gabh mo choileach air d’ fhear-sa.” “Cuiridh mise ’Dhomhnuill uiread eile ’n geall nach gabh,” ars Iain, “ach gu’n gahh mo choileach s’ air d’ fheas-sa.” Chaidh a chuis fhagail mar sin car tamuill agus bha Domhnull a gabhail eagail gu’n cailleadh e an geall; ach air dha bhi muigh leis fhein latha a cur sil ann an lagan beag eadar an da thigh, chunnaic e cearcan Iain air an raon faisg air, agus air smuain tighinn ’na cheann, ghairm e nall iad agus thilg e beagan sil da’n ionnsaidh agus ghrad ruith e dhachaidh a choilich aige fhein, agus chuir e ’n dithisd a shabaid. Ghabh coileach Iain air an fhear eile gu dona, agus cha mhor nach do chuir e na suilean as. Thug Domhnull leis dhachaidh a choileach agus chum e stigh e fad da sheachdain a cumail ris a h-uile biadh a b’ fhearr na cheile, agus ’nuair a bha e ’n duil gu robh e laidir gu leor, chuir e fios gu Iain tighinn air adhart le choileach ’s gu’m faiceadh iad co ’m fear a ’b fhearr. ’Nuair a thainig a latha suidhichte, chainh Domhnull gun fhios a dh’Iain agus chrath e fras mhath de phiobar dubh ann a iteana choilich aige fhein, agus air a cheud ionnsaidh a thug am fear eile anns na h-itean. bha e air a dhalladh leis a phiobar ’s cha robh sgaoinn ann gu sabaid tuilleadh, agus chaidh gabhail air gu dona le coileach Dhomhnuill, agus mar sin choisinn Domhnull an geall.
I. K.
Oidhche na Sabaid s’a chaidh bha soitheach da’m b’ ainm an Adventure air a bristeadh air a chladach aig Souris, P. E. I., agus bha seoladair agus boirionnach og a bha air bord air am mealachadh leis an fhuachd. Cha d’ fhuaras bata chur a dh’ ionnsaidh an t-soithich gu seachd uairean maduinn Di-luain. Bha ’m boirionnach marbh an uair sin agus dh’ eug an seoladair beagan uine ’n deigh a thoirt gu tir. Bha’n caiptean agus a phiuthar gle fhad air ais ach thig iad air adhart ri beagan uine. Bha’n stoirm gle dhoirbh aig Souris. B a sneachda ’s uisge ’sileadh agus bha na tonnan a sguabadh thairis air an t-soitheach cho garbh ’snach robh doigh aig am fheadhainn a bh’ air bord air fuireach air a chlar-uachdair gun iad fhein o cheangal.
Dithis dhaoine na bu treine na Uilleam Wallace us Robert Brus cha robh riamh air an domhan, agus bi’dh an cuimhne nas cubhraidhe anns na linntean ri teachd na cuimhne Alasdair Mhoir us Napoleon. Bu Ghaidheal gu chul Uilleam Wallace agus bi a Ghailig e chainnt mhatharail. Ged bu Ghall Brus, labhradh e Gailig math gu leor, agus ’nuair a bha pharlamaid Albannach na suidhe ann an Ard-Chattan, liubhair e an oraid rioghail anns a chainnt sin. Co so a bha ’g radh nach bu chanain uasal a Ghailig? B’e ’n duine gun naire gun eolas e!
Tha Comunn Gaidhealach ann am baile Antigonish o chionn aiream bhliadhnachan a tha ’g obair air son cuid de sheann chleachdaidhean nan Gaidheal a chumail suas. Bha choinneamh bhliadhnail aca air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a cur rompa cluichean Gaidhealach a bhi aca air an t-samhradh so tighinn agus tha bal ri bhi aca beagan an deigh na Bliadhn’ Uire.
Tha fiosan as gach cearna dheth na Staitean ag innseadh gu bheil timeannan cruaidhe aca, obair gann agus moran ga h-iarraidh, agus biadh us amhlan cho daor ’s nach eil doigh aig daoine gun airgiod a bhi beo. Tha moran de mhuinntir an aite so a bh’air falbh ’san duthaich sin air tighinn dhachaidh.
Tha ’n grippe a cur as do mhoran de mhuinntir Alaska, gu h-araidh dhe na h-Esquaimaux. Tha e na chleachdadh aig an t-sluagh sin na cuirp a losgadh. Tha ’n talamh cho cruaidh reota ’s nach gabh iad adhlacadh.
[Vol . 2. No. 23. p. 2]
An Sluagh Sithe.
(Air a thoirt a Iris-leabhar na Gadhelge.)
Co iad an sluagh sithe?
’Nar suidhe fa chomhair an teine anns a gheamheadh gharbh ghoimheil eisdidh sinn le deagh aire ris na sgeulachdan uamhasach, uamharach a tha air an innseadh mu’n timchioll agus tarruinnidh sinn nas giorra dha cheile ’nuair a chluinneas sinn tonnan na fairge a bristeadh air na sgeirean no oiseag gaoithe a sguabadh a nuas o na cnocaibh, tha ’n uiread sin a dh’ eagal oirnn rompa, no ruithidh crith fhuachd troimh ar feithean air eagal gum beirear oirnn ’n trath bhitheas sinn a dol dhachaidh chum ar taighe fein. Cha tearc na sgeulachdan a dh’ aithrisear orra, ach an deigh sin cha’n eil moran fiosrachaidh againn da’n taobh.
Tha e air a radh gur h-ionnan an Sluagh Sithe agus Dream an Uabhair, no na h-aingil a bha air am fogradh a Flaitheas De air son an uamhair. Goirear mar an ceudna Na Daoine Matha dhiubh. Cha’n eil fhios cia am fath air an d’ thugadh Daoine Matha orra, oir tha cead aca math us olc a dheanamh, agus cha chuala mi riamh gu’n d’ rinn iad moran mathais do neach air bith ged is cinnteach gur mor meud an olcais. Mur a bitheadh suil a bhith aca dol gu flaitheanas cha ghabhadh cur sios air an olc a dheanadh iad.
Tha iad air a mhuir cho math ’sa tha iad air tir, ach is lionmhoire iad air an fhairge na air an talamh thioram. Togaidh iad stoirm air uairibh leis am baithear moran dhaoine, agus air uairibh eile cuiridh iad ciuineas air a mhuir mhoir. Anns na h-oidhcheannan aluinne ri soillse na gealaich chi na h-iasgairean a bat aireachd iad. Iarraidh iad teine ma bhios e dhith orra agus bheir na h-iasgairean dhaibh e le ro-thoil, oir nan diultadh iad sin a dheanamh thigeadh iad suas riutha uair eigin, agus bhiodh bathadh no muchadh an dan dhaibh luath no mall.
Ma dh’ eugas daoine oga—naoidhean boidheach, cailm chaomh, balachan briagha, mathair leanabanan mo athair teaghlaich, cha chreid na seann daoine gur bas caart ach atharrachadh beatha a fhuair iad, agus gu’m b’iad an sluagh sithe a thug leotha iad. Is eigin do na daoine matha ’n uair a bheir iad oidhearp air neach a ghoid leotha, duine beo a bhith ’nan cuideachd—fear no bean ach ’si bean a’s minice bhios aca. Tha mi ’g radh ’nuair a bheir iad oidhearp, oir fairtlichidh orra air uairibh gach duine is miann leo thoirt leo. Bithidh da bhuidheann diubh ann a cathachadh an agaidh a cheile, dream a bhios a deanamh an dichill an neach a ghoid, agus an dreom eile, cairdean do ’n neach a thatar a goid ag iarraidh gun a leigeadh leotha. Cuirear cath an sin eatorra. Theid iad fa chomhair a cheile. Buailear buille. Le sin toisichidh an cogadh cruaidh colgach. Crithidh an talamh fo’n cosan, agus bheir fuaim agus farum am buillean mac-talla as uaigneas na h oidhche. Ruithidh fuil na struthaibh air feadh machair an air. Fa dheoidh bidh an taobh a’s laige cho marbh, meaite, tursach claoidhte ’s gun toir iad suas an eu-dochas agus buannaichear an cath orra. Ann sin togaidh an dream a bheir buaidh ard iolach agus caithream, agus ma’s iad a mhiannuich an duine a ghoid theid iad far a bheil e, cuiridh iad am bior suain an cul a chinn agus bheir iad a mach e. Air dhaibh teachd as an tigh an deigh dhaibh an t-olc a dheanamh, bidh a’ bhean a’s daimheile dha a’ feitheamh a muigh agus guilidh si gu fada tursach agus cha’n fhaodar casg air bith a chur oirre.
Air uairibh gheibh an duine ghoideadh bas an ceann beagan uine; air uairibh eile bidh e a’ seargadh ’sa dol as re uine mhor; latha gu math agus latha gu h-olc, latha gun ghearan gun chradh, agus latha eile ris a bhas. Tuitidh cuid aca as an seasamh, agus cuid eile a bhios air an caitheamh as mar choinneal a gabhail.
Ach cha ’n ann san oidhche a mhain a nithear goid mar so: is minic a ni iad e air gach am dhe’n latha, gu h-araidh ma bhitheas duine an ait uaigneach. Tha tri trathan ann a tha mi-fhabharach dhaibh; tuiteam na h-oidhche, am gairm a choilich agus meadhon an latha.
Nuair ghoidear duine cuirear duine eile na aite no rud eigin an cruth duine, oir theid aig na daoine matha air cruth duine a thoirt do ni air bith is ail leo; ach is minic gur a bad fraoich a roghnaicheas iad. Chaochail caileag aluinn uair, agus mar bu ghnath ’san am sin bha a mathair agus a muinntir gu leir ’g a caoineadh. Thuirt a bhean ghlic, no a bhean beo a bha’n cuideachd an t-sluaigh sithe gu robh na daoine matha ri gaire agus a fanaid air a chaileig air son e cairdean a bhith cho beag ceille ’s gu robh iad a’ gul agus a caoidh os cionn rud cho suarach ri luachair. Uair eile bha duine breagha og a dol tarsuinn air cnoc mu chomhradh na h-oidhche san fhoghar. Dh’ fhag e a thigh fhein gun ghearan, gun chradh, ach mun d’ ranig e ceann a thuruis, dh’ fhairich e mar gu’m biodh ualach trom air a chridhe; thainig e dhachaidh a ris air an oidche sin; laidh e air a leaba agus an ceann da latha bha e marbh. An la mu’n d’ eug e; ghearr a mhathair bad de fhalt agus phaisg i ann an criomaig phaipair e gus a chumail. An deigh dh’a mac a bhi air adhlacadh dh’ amhairc i air an fhalt, agus an ait e bhith cho dubh ri fitheach, bha e cho liath ri luch ged nach robh am fear leis ’m bu leis e thairis air fichead bliadhna dh’ aois.
(Ri leantuinn)
ThaMinard ’s Linimentmath do’n fhalt.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 23. p. 3]
NA GNATH-FHACAIL.
LE IAIN.
A’ chaor’ a theid do ’n chreig, cha ’n ’eil aice ach tighinn aisde mar a dh’ fhaodas i.
An uair a chuireas duine e fhein ann an crois le ghoraiche fhein, cha ’n ’eil aige ach bhith ’feuchainn ri e fhein fhaotainn aisde mar is fhearr is urrainn e. Is tric a chuala sinn iomradh air ruaig na caorach do ’n dris. Tha cuid de dhaoine ro bhuailteach air tuiteam ann am fiachan, agus an uair a bhios iad gu ’n amhaich anns na fiachan, cha bhi a’ bheag de thruas aig neach sam bith riutha. Biodh iad a’ tighinn asda mar a dh’ fhaodas iad.
A’ chlach nach tachair ri m’ chois cha chiurr i mi.
Faodaidh iomadh cnap-starra tachairt ri duine eile nach tachair ruinne gu brath. Cha ’n ’eil e glic dhuinn a bhith gabhail eagail roimh nithean nach do thachair ’s nach tachair ruinn. Is iomadh neach a thuit ann am mi-mhisnich le bhith ’gabhail eagail gu ’n tigeadh mi-fhortan dhaoine eile ’na rathad fhein.
A’ chuid nach gabh na leandbain gabhaidh an t-seana-bhean fhein.
Rud sam bith a bhios milis, blasda, faodar a bhith cinnteach gu ’n ith neach eiginn e. Tha so fior gu leor a thaobh cuisean an t-saoghail so; ach tha iomadh ni math air an cur ann an tairgse dhaoine, nach gabh aon chuid og no sean. Is minic a chuir an t-og agus an sean cul ri comhairle na corach.
A’ chuil a bhios fosgailte theid na coin innte.
Tha ’n t-olc, mar is trice, ’na sheasamh aig na dorsan a’ feitheamh feuch c’ aite an leigear a steach e. Bu choir dhuinn ar ceart aire thabhairt nach fhag sinn rathad reidh aig droch dhaoine gu tighinn a steach do ’r n-ionnsuidh. Tha e moran ni ’s fhusa an droch chleachdadh a chumail a muigh na chur a mach an uair a thig e steach.
A’ chuirm a’ s luaithe ’bhios ullamh, suidheamaid uile g’ a gabhail.
An uair a chuirear ni math sam bith nar tairgse, is e ar gliocas an tairsge ghrad ghabhail, An obair ghabhadh deanamh an diugh, is docha uach gabh i deanamh idir am maireach. Is iomadh fear a chaill gu mor air a’ cheud tairse a dhiultadh.
A’ chuiseag ruadh a dh’ fhasas ’san otraich, ’s i ’s airde a thogas a ceann.
Tha e gu tric a’ tachairt gur iad na daoine a dh’ araicheadh far an robh pallteas de thruailleachd agus de neo-ghloine, a ’s proseile agus is mo asda fhein na daoine sam bith eile. Tha cuid de dhaoine gle shuarach a’ faotainn suas gu bhith ann an inbhe aird anns an t-saoghal, agus mar is trice tha iad so cho lan de ’n mheudmhoir ’s a tha ’n t-ugh de ’n bhiadh.
A’ sgaoileadh nam boiteinean ’s a’ cruinneachadh nan sop.
Tha ’n ghath-fhacal so a’ toirt cleachdaidh fa ’r comhair a tha anabarrach cumanta ann am measg dhaoine, a tha ’gam meas fhein gle ghlic, curamach a thaobh ghnothaichean an t-saoghail so. Ann an cuid de nithean nach ’eil a chum feuma dhaibh fhein no do neach sam bith eile, tha iad a’ deanamh ana-caitheamh air am maoin. Ach ann an iomadh ni eile tha iad air son greim a dheanamh air nithean nach dean a bheag a dh’ fheum dhaibh. Tha iad ro fhialaidh air an dara laimh, agus ro spiocach air an laimh eile.
A’ cur a bhodaich as a thaigh fhein.
Bha daoine bochda, lapach, a’ fulang foirneirt o ’n co-bhraithrean anns gach linn o thoiseach an t-saoghail. Ged nach ’eil foirneirt a’ togail a chinn cho ard ’san am so ’s a bha e aon uair, tha e soilleir dhuinn uile gu bheil e ri ’fhacinn ann an iomadh alte ’san t-saoghal. Cha bu choir a chuid fhein a thoirt o dhuine bochd sam bith. Ach ann an seadh spioradail, b’ fhearr gu ’m biodh an seann duine maille ri ’ann-tograidhean agus ana-miannan air a chur a mach as gach aon dhinn gun dail.
A’ snaim nan sop.
Obair gun fheum. Is iomadh fear is te anns an duthaich a tha ’caitheamh moran uine ri obair a tha cheart cho beag feuma ri bhith ’snaim nan sop.
Naighechdan a Amhainn Dhennis.
Tha an t-ait so car aonranach aig an am so. Tha moran d’an oigridh anns na Staitean agus tha sinn air ar fagail gun mhinisteir, ach tha mi an dochas gur fior mar thuirt am bard “nach d’thainig traigh gun mhuir lan ’na deigh,”
Chaidh moran eisirein a thogail anns a loch so bho thainig am foghar ach a nis tha fuachd cho mor agus an t-side ro stoirmeil air son an iasgach.
Tha am bata-toite “Merrimac” a Sidni-a- Tuath a thoirt leatha fiodh bho Iain A, Mac Amhlaidh air an t-seachdain so. Cha’n eil e na iongantas an duigh le muinntir an ait so a leithid fhaicinn ged bu mhor an clisgeadh a ghabh cuid bho chionn aireamh bhliadhnachan nuair thainig a cheud aon an rathad. Air dhi teachd am fradharc dh’ eubh neach sonruichte— “Thigibh a chuideachd ’s gu faic sibh a chuis uamhais, —coltas an droch-spioraid a burach a stigh a Lake u’s toit as a dhruuim!”
X. Y. Z.
Dec, 2ra, 93.
Tha e air a radh gu bheil na mucan-mara anns a Chuan a Tuath air a bhliadhna so, aona chuid nas pailte no nas furasda ’n glacadh na bha iad o chionn fhada. Tha na soithichean a bha air an toir air an fhoghar so chaidh seachad an deigh airgiod mor a dheanamh orra.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND. & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
[Vol . 2. No. 23. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 9, 1893.
Bha cas air beulaodh aon de na cuirtean Gaidhealach air a mhios s’a chaidh, agus thugadh breith a mach a bheir, ma sheasas i, cuisean gu bhi air atharrachadh doigh sa tha iad an diugh anns a chearna sin de dh’ Alba ’sa bheil cainnt nan laoch o shean air a labhairt. Bha croitear a mhuinntir Loch-Carrunn da’m b’ ainm Coinneach Gillios air a thoirt gu cuirt air son a bhi cur sios air fear de choimhearsnaich, Alasdair Mac-Coinnich. Bha e air fhagail air gu’n robh e labhairt gu h-olc mu ’n fhear eile, agus bha na briathran a labhair e air an cur sios anns an t-sumanadh. Air do’n fhear-lagha aige a bhi ceasnachadh aon de na fianuisean dh’ fheoraich e dheth an ann am Beurla no ’n Gailig a bha ’n seanachas. Fhreagair an fhianuis gu’m b’ ann ’sa Ghailig a bha h-uile facal o thoiseach gu deireadh. Ann sin thagair am fear-lagha ris a bhreitheamh gu robh a chuirt mi-laghail a chionn gu robh an sumanadh mi-laghail. Bha na briathran a labhair Gillios air an labhairt ann an Gailig ach na briathran a bha ’san t-sumandh ’sann a bha iad am Beurla, agus dhearbh e gu soilleir gu’m b’e ’n lagh agus an cleachdadh na leithid so de chas na briathran a bhi air an cur sios ’san t-sumanadh mar a bha iad air an labhairt. Dh’ aontaich am breitheamh gu robh ’n tagradh ceart agus laghail, agus sgaoil e a chuirt.
Tha e nise gle shoilleir gu feum cuisean a bhi air an atharrachadh ann ’sna cuirtean Gaidhealach. Tha na daoine a tha ’sna caithrichean breathanais anns a Ghaidhealtachd an diugh, agus tha na fir-lagha a tha tagradh fa’n comhair cha mhor uile gun facal Gailig ’nan cinn. Feumar mar sin aona chuid an lagh so a sguabadh air falbh le achd parlamaid arneo feumaidh a h-uile breitheamh us fear-lagha a th’ anns a Ghaidhealtachd a bhi air an cur a dreuchd mur teid iad a dh’ obair gun dail ’s gun ionnsaich iad a Ghailig a labhairt a leubhadh ’sa sgriobhadh. Tha sinn an dochas gur e so a thig orra dheanamh. Tha e na ni gle neonach do luchd-riaghlaidh ducha sam bith a bhi cur breitheamhan a roinn ceartas sluaigh agus gun iad comasach air cainnt an air t-sluagh sin a thuigsinn. Ach se sin an dearbh ni a tha Breatuinn a deanamh ris na Gaidheil.
Chaidh duine mhuinntir nan Staitean a null a dh’Alba air an t-samhradh s’a chaidh agus an deigh cuairt mios no dha a thoirt air feadh tir nam beann thainig e air ais cho mion eolach air an duthaich, air an t-sluagh, air an canain s’ air an cleachdaidhean ’s a bha e cho aineolach orra roimhe. Cha’n e mhain gu bheil fhios aige air gach ni da’n taobh air a bheil fhios aig na Gaidheil iad fhein ’s aig a chuid eile sin de’n chinne-daonna a tha eolach orra, ach tha fhios aig air moran de nithean air nach eil fhios aig duine beo ach e-fhein. Fhuair e mach air dhoigh eigin gu bheil a Ghailig a cumail nan Gaidheal air ais nan staid ’s nan crannchur, ’gan cumail nan sluagh borb fiadhaich do nach gabh a bheag sam bith de bheannachdan ’s do shochairean na naodhamh linn deug a chonh-pairteachadh, agus gu’n lean iad air a bhi mar sin fhad ’sa leanas iad air labhairt na Gailig. Cha’n eil a bheag sam bith de litreachas aca, cha’n eil cunntas air bard Gailig a bhi ann riamh ach aon fhear, Domhnull Mac-an-t- Saoir! Agus anns na h-Eaglaisean sam beil Gailig air a searnonachadh tha nithean anabarrach neonach a dol air adhart a h-uile latha Sabaid, ach le leithid de dhiomhaireachd ’s nach d’fhuaradh a mach riamh le muinntir eile na ceart nithean a th’ann. Tha ’e g innse mar an ceudna gu bheil muinntir Chataoibh ’s nan siorramachdam a tuath a labhairt, cha’n e Gailig, ach cainnt co-ionnan ri cainnt nan Suaineach, agus moran de nithean eile air nach urrainn dhuinn tighinn thairis an drasd, nithean ma tha iad fior a tha fior iongatach agus air nach cuala duine beo iomradh riamh ach e fhein. Fhuair e fiosrachadh mor air a thuirs agus chuir e litir mhor an aon de phaipearan Chicago ’ga chur fa chomhair a luchd-duthcha. ’Sann do dhuine tapaidh geur-thuigseach coltach ris fhein a thigeabh a dhol air cuairt, agus ’sann aige bhiodh luach a shaoithreach a tilleadh. Ach ’n uair a chluinneas e na tha na paipearan ag radh mu dheibhinn, ’sa thiugeas e gu bheil e na chuis-bhurt aig an t-saoghal, faodaidh gum bi e dhe’n bharail nach eil e ach mu’n fhicheadaibh cuid cho tapaidh ’sa bha e’n duil.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. H. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
[Vol . 2. No. 23. p. 5]
Na Gaidhil a thainig gu Carolina a Deas.
Mu dheireadh na seachdamh linn deug, chuir Mac-a Phearsain Bhaideinich cul ri Eaglais na Roimhe agus ghabh e ris a chreideamh Phrotstanach. Bha aig a cheart am agus uine mhath an deigh sin, coig teaglaich dheuga de Dhomhnullaich air a chuid fearainn a paigheadh mail dha. Lean iad-san ri creideamh an athraichean agus air an aobhar sin dh’ fhas iad fhein us Cloinn a Phearsain gu math searbh an aghaidh a cheile Thuair Cloinn-a- Phearsain eich leis na Domhnullaich air an cuid fearainn, agus chuir iad ann am punnd iad, agus dh’fhag iad aireamh dhaoine faisg air laimh gus na Domhnullaich a chumail air falbh. Ach thainig na Domhnullaich agus chuir iad an ratreud air a ghearasdan agus thug iad leotha ’n cuid each. Air son na cionta so ged bu bheag i, rinneadh greim orra agus chaidh am fogradh gu Carolina a Deas. Bha ceithir fichead ’sa seachd ann dhiubh eadar shean us og. Anns a bhliadhna 1746, chaidh dithis mhac Fhear-Bhothuintinn, Iain Og agus Domhnull Glas, fhogradh gu Carolina a Tuath air son lamh a bhi aca ann an ceannairc na bliadhna riomhe sin, ’nuair a thug Prionnsa Tearlach ionnsaidh air crun athraichean a chosnadh. Ach chaidh an long anns an robh iad a bhristeadh air cladach Carolina-a- Deas, agus air an aobhar sin dh’ fhuirich iad comhla ri cach.
Thachair Eirionnach ormsa anns na Staitean ’sa bhlidhna 1851, a bha gle eolach ’sa chearna ’sa bheil sliochd nan Gaidheal ud a comhnuidh. Bha iad aig an am sin ann an aite air leth leotha fhein, agus a cheart uiread Gailig aca ’s bh’aig an athraichean ann am Baideanach. Cha robh ach beagan bhliadhnachan o’n sguir na fir a chosg na feilleachan-beaga.
Tha eachdraidh mhionaideach air cas nan Domhnullach agus mar a dheilig an lagh riutha air a ghleidheadh am baile Inbhirnis, an Alba.
AILAIN AN RIDGE.
As an Eilean Mhor.
A MHIC TALLA GHRADHAICH, —Bho’n a thoisich mi air MAC-TALLA fhaighinn, cha’n fhaca mi ach aon litir ann as an Eilean Mhor, is cha robh mi airson gum biodh e air ais ann a sgriobhadh thun a MHAC TALLA. Anns a cheud aite faodidh sinn a ghrath gum beil an t’side fas gle fhuar. Bha stoirm mhor shneachd againn air an 10mh latha do ’n mhios so chaidh. Ach bhiodh a mhuinntir aig am beil eich luatha coma ged a mhaireadh am fuachd gu toiseach an t-samhridh cho fad sa tha “feur gu leor” is coirce gu leoir san duthich.
Chaidh moran do’n mhuinntir oga (gillean is nigheanan) do na Staitean san t-samhradh sa chaidh. Thill moran de na gillean ’s tha sinn an dochais gun tig nigheanan a duthich air choir eiginn airson na gillean so a chumail na’n aite fhein.
Tha sinn gle thoilichte a bhi faotainn a MHAC TALLA s’ bidh fadachd oirnn gus a faigh sinn e a h’uile seachdain. Bha storaidh a chord ruinn gle mhath mo dheidhinn Paruig ’ic an Tuairneir, ’s b’fhearr leinn gun cuireadh tu tuille ann dhe ’n t’ seorsa iad, feach an cuireadh e saod air na Bachelors (a tha fas gle phailt san duthich so) te fhaighinn dhaibh fein, gus nach bi iad an eismeil gobha no laire glaise.
Slan leat an drast dh’faodadh gun cluinneadh thu bhuainn fhathast. Buaidh is piseach le MAC TALLA.
Bho do charaid,
S. S.
Litir a Boston.
A MHIC-TALLA CHOIR, —Bha mi iomadh uair an duil beagan fhaclan a chur dha d’ ionnsuidh, ach bha ’n comhnuidh ni eigin a tighinn ’san rathad. Ach air dhomh dolar fhaotainn air do shon sgriobhaidh mi aig an am so litir bheag, gloirid. Thachair orm an la roimhe mo dheagh choimhearsnach, Gilleasboig Mac-Ille-Mhoire agus thug sinn treis a comhradh. Bha mi ag aithris dha cuid de naigheachdan a MHAC-TALLA, agus ars esan “Am beil thusa ’g radh gur-a paipear Gailig a th’ ann” “ ’Se,” arsa mise, “cha ’n eil facal eadar a dha cheann ach Gailig.” “Agus gu de tha e cosg ’sa bhliadhna?” “Tha e cosg coig tasdain,” arsa mise. “So agad e,” arsa Gilleasbuig,” agus e sineadh an airgid dhomh, “cuir fhein ’ga ionnsaidh e agus mo bheannachd-sa maille ris air son a dhilseachd do’n Ghailig.”
Cha’n urrainn mi aig an am so moran naigheachd a thoirt dhuit. Faedaidh mi innse gu robh againn o chionn ghoirid cruinneachadh cho math ’sa chunnaic mi riamh am Boston. Tha obair gle ghann air a gheamhradh so, tha moran ’nan tamh gun char idir aca ri dheanamh. Tha duil agam fhein cuairt a thoirt an uine ghoirid dha’n airde ’n iar mar a their sinn. Tha duil agam an Nollaig ’s a Bhliadhn’ Ur a chur seachad air Cladach a Chuain Chiuin, agus ma dh’ fhaoidte gu’n cluinn sibh bhuam as a sin an uine ghoirid.
TEARLACH.
Tomhaiseachain.
Freagairtean nan Tomhaiseachan a bha ’sa MHAC-TALLA air an t-seachdain s’a chaidh—
(1) An t-earball. (2) An seillean. (3) Gath na greine. (4) Am beul. (5) Bior a chaidh ’sa’ chois. (6) Spain no glaine. (7) A dha. (8) A mhac fhein.
Bhitheamaid toileach tuilleadh thomhaiseachan fhaotainn o neach sam bith aig am biel gin air chnimhne.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
[Vol . 2. No. 23. p. 6]
Aingeal An Dochais.
LE NIALL ROS.
A’ ghrian gu glormhor anns an iar
Chaidh sios air cul a’ chuain.
An oidhch’ a falluinn ghruamach, chiar,
Ghrad dh’ iath mu bheinn is cluain;
Is dhealraich ann an uchd nan speur
Gach reul a’s glaine tuar.
’S an uair sin fein bho shaothair theann
Thug mi gu fann mo lamh.
Air cluasaig leig mi sios mo cheann
A chum gu’m faighinn tamh.
A doimhneachd suaimhneis dh’ eirich suas
Gu h-aoibhneach bruadar aigh!
Ar leam gu ’n robh mi fein a’ falbh
Air astar doirbh is mor;
Bha ’n turus deuchainneach is searbh,
Bha ’n t-ana moch air mo thoir;
Is aite-fasgaidh cha robh ann,
’S mi claoidhte, fann gu leoir.
Bha m’ imeachd lamh ri amhainn sheimh,
Fodh sgaile sgeimh nan craobh.
A nuas air osaig thlath nan neamh
Sheol iomhaigh fhlathail chaomh.
Gu m’ ioghnadh mor, bha aingeal dheas
’N a seasamh ri mo thaobh!
’Nauir ’phaisg i ’sgiathan riomhach glan
Fodh ’duail air dhreach an oir,
Dhealraich a gnuis ’bu shuairce gean.
Shin i a slat a’ m’ choir
Is dhuisg i solas ’n a mo chliabh,
Le briathran binn a beoil.
“Biodh agad misneach agus neart
Ged tha do thurus searbh.
Bu mhiann leam thu ’bhi siubhal ceart
’S an astar mhor gu dearbh;
Oir thainig mi le baigh is treoir;
Aingeal an Dochais m’ ainm.
Tha mise ’ghnath a’ frithealadh
Gach duile breoite, sgith,
Bho chian air feadh nan ginealach,
’An cogadh no ’an sith.
A’ m’ bheachd tha ’n deoraidh iriosal
Co-ionann ris an righ.
An uair ’bhios trioblaidean na cradh
’G ad sharuchadh gu cruaidh;
No ’thuiteas t-inntinn sios gu lar
A mhain air m’ ainm-sa luaidh—
Is thig mi fein le tlachd is deoin
’G ad threorachadh gu buaidh.”
’Sin sgaoil i ’sgiathan glormhor geal,
’S gu ciatach sheol i uam.
A h-iomhaigh eireachdail gun smal
Chaidh as mo shealladh suas.
An uair a dh’ fhag i beachd mo shul
Ghrad dhuisg mi as mo shuain.
A nis a leughadair mo dhain,
Ma thig ort amhghair gheir,
Gairm air an Aingil ud ’tha ’tamh
Le fabhar dhuinn gu leir,
A measg nan neul a’s dorch’ tha ’snamh
Thar fasach g’eann nan deur.
Bha sraidean Irusalem air an cumail glan le gach fear taighe a bhi sguabadh s a glanadh a dhoruis fhein. ’S ann air a cheart doigh sin a bhios paipear-naigheachd air a chumail suas, Ma ni gach duine tha ’ga ghabhail a dhleasanas fhein agus gu’m paigh ’se e o am gu am, gun a bhi cur dail ann uair sam bith, bidh gach ni gu math. Ach mur dean gach duine mar sin cha’n urrainn am paipear a bhi ach fad air ais. A charaide, cia mar a tha thusa deiligeadh ris a MHAC-TALLA?
Chaidh mise leigheas de’n loimidh leMINARD ’S LINIMENT.
ANDREW KING.
Halifax.
Chaidh mise leigheas de’n chuing leMINARD ’S LINIMENT.
LT. -COL. C. C. READ.
Sussex.
Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich leMINARD ’S LINIMENT.
C. S. BILLING.
Markham, Ont.
Chaidh soitheach Geancach da’m b’ainm J. S. Tappin a bhristeadh air sgeir eadar Glace Bay us Schooner Pond. Bha i air a turus gu Newfoundland a dh iarraidh luchd de sgadan reota. Tha i mise lan uisge ’s tha e ro choltach nach gabh feum san bith a dheanamh dhith.
Irr ’s na gabh achMinard ’s Liniment.
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
LeighsidhMinard ’s Linimentcnatan.
[Vol . 2. No. 23. p. 7]
Dan na H-Iuinndrain.
S fad air chuairt mi o’n taobh-tuath
S-ann uam tha aobhar m-iunndrain
Maighstir Ruairidh ceann nam buadh
Nuair reagh e suas na chubaid,
Bhiodh a theagasg a cur snuadh
Air anama buairte neo shunntach
’S iad o bhuaireadh ruith a ruaig
Gu faigh iad buaidh o’n umhlachd.
O’n thainig mise so air chuairt
Gur truagh a tha mi g-iunndrain
An teagag fallain bheireadh buaidh
Air anama truagh gun churam,
Dheanadh spioradail an gluasad
Measg an t-shluaigh gun churam,
Bheireadh aiteamh air an cruas
Sa chuireadh ruaig air dulachd.
’S mis tha mothachadh a bhais
O dh’ fhag mi tir mo dhuthchais,
A measg nan Canaanach san aite
’S gun na braithrean dluth dhomh,
Gun ghuth a cholumain ann ri chlaistinn
Na idir failte an turtuir,
Cha chluinn mi facal ann mu’n airc,
Seann E i cha ’n eil dluth dhomh.
Ach cliu gu siorruidh dha ’n Ti as airde
Gu bheil iad fathasd san duthaich
A fhuair an anail bheo is bhlath
San airc aca fo’n gluinean
Ga toirt na ’n uchd gu cathair grais
Far am bi iad a ghnath ri urnuigh,
A cur an athchuinge na lathair
’Si dol an aird tre ’n tuiseir.
Far och! nan och! nach robh mi ’m thamh
Measg pairt do luchd na h-urnuigh,
Oir sann a gheibheadh ’m anam fas
Ged theireadh cach nach ’b ’fhiu iad
Bhiodh faile an anail leam ro bhlath
’Nuair thigeadh a mhain an driuchd orr’
Mar dhealt air Hermon ’s ’e o bhlath
Bhiodh toradh grais as ur ac’.
Cha ’n ann an dhiomhanas gun sta
Tha adsan caitheamh an uine,
Ach ann an cainnt air Fear-an-graidh
Tha gach la dhoibh cubhra
Sa gabhail iongatais bho lathair
Nach d’ rinn gu brath a sgiursadh
Mach as fhianuis gus an aite
Bheil teine craidh nach muchair.
Ach ’s athair Dia an Criosd lan baigh
’S gach al do chloinn a chumhnant
Cha bhris e chocheangal riu gu brath
Ged a tha iad cosnadh a dhiombaidh;
Air Fear a dheas-laimh bidh a lamh
Is adsan fanadh dluth ris
Oir ’se a ghealladh nach fag
’Snach cuir le grain air chul iad
Ach oh ’s’e m’ eagal ’s m-aobhar craidh
Nach dh’ fhuair mi ait’ ’sa chumbnant
Gu bheil mi fathasd air an aireamh
Tha gun chail do churam,
Ged theid iad sios gu Iordan bais
Mar thuit ann Adhamh o thus
Gun aithne air Criosd na air a shlainte
’S iad lan do chiont an diultaidh.
Oh! nach cuir thu ’nuas an sabh
A dh’ fhosgladh fathasd mo shuilean
Chum aithne thoirt dhomh na thrath
Air Criosd a tha air ungadh
Mar Righ mar Shagart is mar Fhaidh,
Thoir dhomh le gradh ris dunadh
Gu’n seinnean fathasd air a chlarsaich
Chroch mi ’n aird na buird i.
Air geugan seilich chroch mi suas i
Measg an shluaigh gun churam
Dheanadh fanaid air a fuaim
Ach thig i nuas ri uine
’Nuair gheibh mi ’n comunn treud an Uain
Bidh nuair sin seinn as ur aic
Gheibh na h-Anacaich an ruaig
Bidh ’m fuaim aice mar sgiurs dhoibh.
S mithich dhomh nis sgur dheth ’m chanran
Agus fas nis sunntaich,
Chi mi fathasd luchd mo ghraidh
Ma thig an t-shlainte a ’m ionnsaidh
Ruigidh mi iad ge be aite
A bheil an tamh san duthaich,
’S truagh nach greasadh air an la
Bhiodh caraid as gach cuil dhiu.
Ni mi rithisd rann na dha
A chur air Dan na h-iunndrainn:
Dh’ aiseag thu dhomh tomhas slainte
’Nuair ’s e am bas bha ’m shuil ris;
Thug thu tearuint as gach gabhadh mi
’S tha ciud a cnamh san uir dhiom,
O nach iongatach dhomh t-fhabhar
Ruin fathasd mise chaomhnadh.
Nis o thug thu dhomh an t-slainte
Thoir dhomh gras na h-umhlachd,
Gras an ioraislichidh ’s na fein aicheadh
Agus gras nas h-urniugh
Gras a chreideamh bhi mar lamh dhomh
Tarrunig a ghnath a’m ionnsaidh
A stor na ’m beannochd a thu lan
Gach al a chloinn a chumhnant.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith us tha na prisean gle iosal.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 23. p. 8]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. IV. —Air a Leantuinn.
Dh’fhas an suilean codalach, agus bha iad dluth dha dorsaibh bais. Cha b’ urrain Tomas bhi fo theagamh, agus cha deanadh Peadar uaill. Cha b’ urrainn Marta frithealadh, agus cha b’ urrainn Mairi urnuidh a dheanamh; bha a Mathair mar an ceudna fo mhor dhoiligheas.
Chum Criosduidh fein air a chlar uachdair, a greineachadh gu teann air a chrann mhor ach fadheoidh bha e air a cheannsachadh—cha b’ urrain da ach a mhain glaodh a mach “Teasairg a Thighearna, tha mi caillte.” Chomhdaich tuigh dhorachadas aghaidh na doimhne, dhealraich an oidche le tairneanach coltach ri iolach Mic Dhe. Chrub Criosduidh dh-ionnsuidh na cliathaich; bhruchd tonnan buaireasach seachad na ’n cnapan arda, geala, ’s cirein air am barr. Chriothnaich a soitheach agus bha diosgan a sailean mar gu ’m bitheadh iad a seoltadh as a cheile. Bha na maraichean—cuid dhiubh ceangailte ris a chrann, agus greim aca air ropan—fo eagal ro mhor agus dh-iobair iad iobairt do’n Tighearna. Gidheadh sheas Tuigse neo-ghluasadach aig a stiuir, agus an uine ghearr bha Criosduidh fein o anmhuinneachd air a dheanamh neart-mhor. Shaothraich an soitheach gu cruaidh ann an tulg-tuinn na fairge bha na crionn air an sniomh ach sheas iad direach mar crhaobhan daraich Lebanoin. Nuair thainig lasachadh air an stoirm chaidh Criosduidh fo chlar a dh-amharc anns a chairt-iuil. An so fhuair e Tomas le dha laimh tiomchioll a chinn, am feadh bha Peadar—a dh’feuch ri staidhir an t-seomar a dhireadh—a thilgeadh air a chaol-druim air an lar; dh-fhan a nigheanan tinn na’n leabuidh ach ciod an t-iognadh a ghabh e an leanamh. Rut fhaotinn slan agus sona “Nach eil eagal ort roimh an stoirm;” thubhairt e rithe. Dh amhairc i na aodann a gradh, “Rinn Dia na gaothan agus rinn Dia mise.” Ghabh Criosduidh ioghnadh airson a briathran, ach chuimhnich e gu bheil e scriobhta: “O Iehobhadh ar tighearn, cia oirdheirc t’ ainm air feadh na talmhainn uile? a shocraich do ghloir os ceann nan neamh. A beul naoidhean agus chiochran dh-orduich thu neart, air son do naimhde, chum gu coisgeadh tu an namhaid agus an dioghaltach.
Tha e air innse dhuinn an nis gur-a Gaidheal agus Leathanach a tha na cheannard air na Moorich anns a chogadh ris na Spainntich, agus gu bheil na Leathanich mar sin dearbh-chinnteach gu’m bi a bhuaidh leis na Moorich. Tha aon de na paipearan Gaidhealach ag radh gu’m bu choir fios rabhaidh a chur dh’ ionnsaidh nan Spainnteach!
A HOGAMAH. —Aig Milford Road, Hogamah, chaochail Caorsti, nighean Chalum Domhnullaich. Bha i o chionn fhada tinn leis a chuing ach bha i comasach air a bhi aig a h-obair gus o chionn ghoirid. Air a mhios sa chaidh dh’ fhailing a slainte gu mor is dh n fhas i na b laige cuid us cuid. Ri uchd sin bha i stolda striochde do thoil an fhreasdail gus ’m do chriochnaich i ann an sith air an naodhamh latha de ’n mhios so chaidh aig aois ochd bliahna deug ’ar fhichhead. Bu nighean i bha coimhneil teo-chridheach agus gle mheasail aig na h-uile da ’m b’ aithne e.
D. M.
Tha ’m bata smuid Marion a bha riuth eadar Sidni us Caolas Chanso fad an t-samhraidh an deigh gabhail mu thamh air son a gheamhraidh.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
Nollaig Chridheil!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son na Nollaige.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 23 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 23. %p |
parent text | Volume 2 |