[177]

[Vol . 2. No. 24. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 16, 1893. No. 24.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Tha muinntir Hogamah an deigh eaglais ur a chur suas. Tha ina tigh boidheach agus tha iadsan a thog i rim moladh air son cho sgiobaltasa bha iad ris an obair. Tha sinn a tuigsinn nach eil a bheag sam bith a dhfhiachan orra. Bhan eaglais air a fosgladh air an treas latha dhen mhios so. Shearmonaich an t-Urr E. S. Bayne, a Mabou, am Beurla agus an t-Urr. Coinneach Mac Coinnich an Gailig. Bhan latha briagha, agus bha co-thional mor cruinn.

Tha e coltach gu bheil an rathad iaruinn eadar Orangedale us Broad Cove ri bhi air a chur air adhart air an t-samhradhsa tighinn. Chan eil a bheag ri bhi air a dheanamh re a gheamhraidh ach a choille a ghearradhsa ghlanadh air an rathad agus am fiodhsa chlach a tharruinns gach ni a chur na aite fhein gus a bhi deiseil air choinneamh an t-samhraidh. ’Nuair a theid an rathad so a chriochnachadh ni e feum mor don duthaich troimhm bheil e dol.

Tha muinntir a bhaile sos nan aiteachan mun cuairt fo iomguin a thaobh bata-guail a tha air a dhol air chall. Dhfhag am bata-smuid Douglas H. Thomas Glace Bay maduinn Di-mairt sa chaidh air son a dhol gu Halifax a giulan leatha da bhata-guail. Chaidh gach ni gu ceart gus sn robh e faisg air maadhon oidhchenuair a bha iad mu choinneamh Gabarus. Thoisich an sin stoirm ghabhaidh air seideadh, agus thainig frasan sneachda leatha. Leis cho garbhsa bha ghaoth bhrist na ropan a bha ceangal nam bataichean guail ris a bhata smuid agus dhfhalbh iad leis an stoirm. Dhfhuirich am bata-smuide faisg air laimh gu maduinn, agus an sin chaidh i air thoir chaich. Fhuaradh aon diubh, agus thugadh a stigh gu Louisburg i, ach than te eile gum sgeul oirre fhathast. Dhfhalbh soitheach a Sidni an ath latha feuch am faigheadh i sealladh oirre, ach an deigh dhi bhi air an toir fad da latha thill i gun a faicinn. Tha duine mhuinntir Shidni, Caiptean Florian, agus ceathar eile air bord a bhata. Tha iad an dochas nach deirich olc sam bith dhoibh ach gu bheil iad beo slan, agus gum faighear iad fheinsan bata an ceann beagan uine.

Than grippe gle dhona an Kingston, Ontario. Tha e air a mheas gu bheil mile duine tinn leis an droch euslaint sin, ’s gu bheil cuid a theaghlaichean anns nach eil duine gun a bhi air laidhe na leapa.

Bha muinntir Eilean a Phrionnsa a taghadh bhall-parlamaid Dior-daoinsachaidh. Cha chuala sinn ceart cia mar a chaidh an latha ach tha gach coltas gum bin t-srian air a fagail anns na lamhansan robh i re nan tri bliadhna chaidh seachad.

Bhan soitheach-smuidHarlawaig Sidni Di-ciaduinn sa chaidh air a turus o Newfoundland gu Halifax. Bhan caiptean ag innse nach dfhairich e a leithid a stoirm air cladaichean Newfoundland on thoisich e air taghalsan duthaich sin. Cha chuale gun drinneadh call sam bith leis an stoirm. Than caiptean ag innse mar an ceudna gu bheil moran shoithichean a feitheamh ri sgadan aig Bay of Islands agus nach eil a choltas air an sgadan gn bheil e tighinn. Mur dig e stigh mar a bathaist da bidh e na chall mor do na h-iasgairean.

Than geamhradh air toiseachadh. Thainig reothadh agus frasan matha sneachda air an t-seachdain so, agus tha na sleigheachan nan siubhal air na roidean uaithe sin, agus cluinnear ceol binn nan clag a h-uile am dhen lathas dhen oidhche. Tha na h-aimhnichean is na lochan a toiseachadh air reothadhs a reir coltais cha bhi fada gus am feum gach bata agus soitheach gabhail mu thamh. Tha iad-san a bhios a gabhail as laimh fiosachd a dheamah mun t-side a cur an ceill dhuinn gu bheil geamhradh cruaidh, reota romhainn, agus bu choir dhuinn a bhi deiseil air a cheinneamh.

S iongatach cho saorsa tha biadh dhaoine air fas seach mar a bha e aireamh bhliadhnachan roimhe so. Chan eil an uine gle fhada on bhiodh tuathanach an duil gu robh e faighinn cunnradh mathnuair a gheobhadh e barailte fluir air leth-cheud mo tri-fichead punnd ime, ach air an fhoghar so dhfhalbh, ged nach robh pris an ime gle ardgheobhte barailte fluir air son cho beag ri coig puinnd fhichead ime, agus bha nithean eile a reir sin. Bha tuathanach an Siorramachd Ghuysboro, o chionn ghoirid a reic muc a mharbh e mun robh i gann da bhliadhna dhaois; chaidh e dhionnsuidh a cheannaiche bfhaisge air agus fhuair e deich barailtean fluir air a sonaran bliadhna air son aona mhuc.



[178]

[Vol . 2. No. 24. p. 2]

AMANNA FUILTEACH O SHEAN ANN AN GAEDHEALTACHD NA H-ALBA.

(Sgriobhadh an eachdraidh a leanas leis an Urr Alasdair McGriogair nach mairean agus air an drinneadh iomradh anns a MHAC-TALLA o chionn ghoirid.)

Is lionmhor cath fuilteach agus creach dheistinneach, air am feudadh cunntas a bhi air a thabhairt, a thachair anns na linntean a dhfhalbh, eadar na fineachan Gaidhealach. Cha robhGhaidhealtachd anns na h-amannan sin, air a dionadh le laghannaibh cruaidhagus cothromach mar a ta ian diugh; agus bhabhuil air aghnothach oir bha gach ni anns na linntean buaireasach sinan crochadh ri faobhar achlaidheimh; agus biad na fineacha bu chliuitiche, iasdan a bu diorrasaiche chum gach creach, agus sgrios a chur air an aghaidh.

Than fhirinn gun robh cuisean mar sin, air a deanamh soilleir leis an iomradh a ta againn ann an eachdraidh air gach aimhreit agus tagluinn a bha eadar na cinn-fheadhna Ghaidhealach o shean, ach is iomadh, gniomh cruadalach a rinneadh air am bheil eachdraidh na rioghachd gu turna tosd, agus air am bheil iomradh againn a mhain trid beul-aithris. Bha na gnothaichean cruaidh an uair a bha beatha agus bas ann an lamhan nan ceannfeadhna, agus an uair a dhaindeoin gach fuil a chaidh a dhortadh, nach burrainn lagh na rioghachd an toirt fo smachd.

Co-dhaingnichidh, an sgeul a leanas an fhirinn so, agus is iomad sgeul eile a dhfheudadh a bhi air aithris cosmhuil rithe

Goirid o cheithir cheud bliadhna roimhe so, rugadh oighre air Gart, gan dthugadh cioch le te de chloinn Diarmaid, aig an robh dithis mhac. Bha aon diubhna chomh-dhalta do oighre Ghart, agus am fear eile ni bu shine na sin. Dhfhas an t-oighre suasna oganach, sgiamhach agus gaisgeil, agus cha robh a chomh-dhalta a bheag sam bith air deireadh air a thaobh misnich agus tabhachd. Aig an am sin bha an earrannbu mho de Ghleann-Liobhainn le cloinn-Iabhair, cinneadh dalma agus cruadalach a chaill coir air an oighreachd, goiridan deigh don sgeul a leanas tachairt.

Dheirich aimhreiteadar am mac a boigebhaig ban-altrum oighre Ghart agus aon do chloinn-Iabhair, “Mar is beo mise, a Mhic Iabhair, bheir oighre Ghart ort, gun diol thu air son so fathasd.” Dhealaich na fir; agus cha do chaill an t-oganach agus a bhrathair uine air bith gus an do thog iad orra gu dol gu Caisteal Ghart, a chur an ceill don uachdaran mar a thachair. Chuala clann-Iabhair gun do ghabh na h-oganaich air an t-slighe gu Gart, agus chuir iad an ruaig orra. Thainig iad air an da bhrathair gun fhios doibh ach air dhoibhsan an cunnart fein fhaicinn, ghrad leum iad a stigh do linne dhomhain ann an Liobhainn, ’s an dochas nach leanadh clann-Iabhair leis an eagal iad. Ach ged nach deachaidh clann-Iabhair a stigh don amhainn gidheadh, thilg fear dhiubh saighead air na h-oganaich a bhas an linneleonadh comh-dhalta Ghart gu searbhthuit e sios do ghrunnd na linne, agus bhathadh e. Be Domhnull Mac Dhiarmaid a bainm dha, agus goirearLinne-Dhomhuillris an aite gu ruig an la an diugh. Fhuair an t-oganach eile comas teichidh, agus rainig e Gart. Dhinnis e don tighearna og mar a thachair, agus air dha a bhi lan corruich air son mar a bhuin clann-Iabhair ri chomh-dhalta, chuir e roimhe air ball aichmheil a thoirt a mach, agus a bhas a dhioladh. Chruinnich e gu h-ealamh a dhaone, agus rainig e Gleann-Liobhainn. Air do na seoid coinneachadh chuir iad failtair aon a cheile, agus labhair iad dhfheuchninn an rachadh cuisean a shocrachadh gun bhuille a bhualadh. Bha breacan air guaillibh Ghart, air an robh taobh dearg agus thubhairt e ra chuid daoine, iad a bhi deas gu bualadh air an naimhdean, gun mhoille, gun bhaigh, nan cuireadh esan taobh dearg abhreacain a mach! Is gann a thug e an aithne so seachd, an uair a rinn Mac Iabhair fead, agus ghrad leum moran dhaoine fon lan armachd, a mach a tom coille a bha goirid o laimh, agus sheas iad maille rin ceann cinnidh, agus ris na fir a bha comhladh ris alabhairt ri fear Ghart.

Co iad sin? (ghlaodh fear Ghart) agus ciod an gnothach an so?”

“ ’S iad sin (arsa Mac Iabhair) treud de na h-earbaichean agam-sa, a ta leumnaich air feadh nan tom agus nan creag.”

Direach ceart (arsan to-oigear eile) mas ann mar sin a tha chuis than n t-am agamsa bhigairm mo mhiolchon.”

Ghrad thionndaidh e an taobh dearg den bhreacan a mach, agus ann am priobadh na sula, bha na firam badaibh acheile! Car uine bhan tuasaid teith, agus garg: agus bha closaichean gun deonan luidhe gu tiugh air an raon! Mu dheireadh theich achuid a bha lathair de chloinn Iabhar. Thug iad na beanntan orra agus a mach on la sin, chaill iad am fearann. Tha e air innseadh nach bu mhor a chaill Gart da dhaoine anns an tuasaid sin, ach gun do thuit corrus sea fichead de na Liobhannaich.

Mun do thoisich na laoich ri cheile, thilg fir thighearna. Ghart dhiubh an cuarain a chum gun ruitheadh iad ni bu luaithe air toir an naimhdean, agus theirearLeac nan cuaranfathasd ris an aites an drinn iad sin. Tha mar an ceudnaRuisgeach,” “Lagan achatha,” agusCamus nan carn,” mar ainmean fathasd air na h-aithibh sin, far an do ruisg iad an claidheanan do chuir iad an cath, agus an dadhlaic iad na daoine a thuit?

Tha namhainn feinna cuimhneachan air an la gharg sin, oir roimh an am sin beDuibha bainm don ghleann. Ach an uair a phill fear Ghart agus a chuideachd on ruaig, “liobh,” no ghlan iad an claidhean fuilteach anns an amhainn, gus an robh an t-uisge dearg; agus an sin ghlaodh an ceann-cinuidh gaisgeal a mach, ag radh, “cha ghoirearDuibhmar ainm air an uisge so tuilleadh, oir

Bho latha liobhaidh nan arm,
BithidhLiobhainnmar ainm airDuibh. ’”

Tha aobhar mor taingealachd againne Dhasan a tariaghladh nan uile nithe lechaomh-fhreasdal fein, gu m bheil sinn air ar dionadh le laghanna cothromach ar ducha, agus nach ruig sinn a leas eagal a bhi oirnn roimh luchd-millidh agus sgrios, mar anns na h-amanna o chein.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan.



[179]

[Vol . 2. No. 24. p. 3]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUNN, M. A., D. D.

CAIB IV. —Air a Leantuinn.

Chaidh e suas air bord. Bha an stoirm fathasd gun lasachadh. Bha na tuinn na meallaibh a siuthal as deigh an t-soithich mar bhuidheann do mhadaidh-allaidh acrach. Chuir e chomhairle ri Tuigse, agus thainig iad dhionnsuidh a cho-dhunadh mar cuireadh iad an soitheach mur cuairt le h-aghaidh ris a ghaoth nach burrainn doibh bhi air an tearnadh. Ghairm Criosduidh Eudmhor da ionnsuidh, agus dhiarr e air na seoladairean bhi ullamh aig sanus araidh: uime sin nuair bhaSgeul a mhor Aoibhneisair mullach an ath thuinn, thug Tuigse man cuairt i gu h-obann le h-aghaidh ris a stoirm. An sin chunnaic Criosduidh meall neoil ann an cruth cosmhull ri duine on tainig guth Immanuel ag radh, “Carson a ta sibh eagalach sibhse air bheag creidimh?” Chuala na maraichean an guth, ach chan fhac iad duine. Bheachdaich air cuispear aig an robh a ghnuis thar coimeas maiseach, agus chual e E gradh ris na gaothan agus na tuinn, “Tosd bi samhach.

Bha samhchair mhor ann air ball. Dhfhiosraich an ur-mhaduinn on ionad as airde iad. An sin thubhairt Criosduidh, “A Thighearna Dhe, nan slogh co a ta cosmhuil riut? treun a ta thu, a Thighearn agus tha t-fhirinn mun cuairt duit. Riaghlaidh tusa onfha na fairge. ’Nuair a dheireas a tonnan coisgidh tu iad. An sin bha na maraichean subhach do bhrigh gu robh fhios aca, agus thog iad suas an guth a moladh Dhe agus ag radh. Thog na tuilte suas a Thighearna, thog na tuilte suas an guth, togaidh na tuilte suas an tonna os ceann toirm uisgeacha lionmhor; os ceann thonn neartmhor na mara, is neartmhor anns na h-ardaibh an Tighearna. Dhealraich, mar an ceudna, a Ghrian a mach. Ghabh Criosuidh an cursa mara agus thuig e gun d-rainig iad an rathad direach dh-ionnsuidh an t-saoghail nuadh: Mar so faodaidh na stoirmean a tha gar greasads gar seideadh o Fhein Earbsa bhi doilghiosach, gidheadh ar Cairdean as ferr.


Chaidh mise leigheas den loimidh leMINARD ’S LINIMENT.
ANDREW KING.
Halifax.

Chaidh mise leigheas den chuing leMINARD ’S LINIMENT.
LT. -COL. C. C. READ.
Sussex.

Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich leMINARD ’S LINIMENT.
C. S. BILLING.
Markham, Ont.


Naigheachdan a Toronto.

Aig coinneamh comuinn Gaidhlig Toronto air oidhche Dimairt den t-seachduinn so bha nithean air an cur air doigh airson ceilidh bhliadhnail a chomuinn, a bhitheas air a cumail mu thoiseach na bliadhnaair oidhche na seann challuine, no air oidhche freagarrach eile mun am sin. Chaneil teagamh nach bi oidhche shubhach, thaitneach, aig na Gaidheil aig a cheilidh so, aguss e durachd a chomuinn gum bi na h-uile neach as urrainn tighinn am mach, a lathair. Bithidh cuimhneachan air na seann laithean air am beothachadh agus gheibh a mhuinntir oga, nach robh riamhs a Ghaidhealtachd, ’s nach fhaca fior ceilidh an tir an fhraoich, blas den phiob-mhor, ’s den Ghaidhlig a reir na seana ghne. Tha fiughair ri car no dha den dannsa mar an ceudna. Tha na h-uile coltas gum bi cruinneachadh chridheal, chaidreach ann, le beagan mireus feala-dha; us moran do fhoir-thoilinntnn.

The fior seann charaid, Gaidheal fiughail, a chaith neart a laithean a searmonachadh an t-soisgeul da luchdduthcha ann an caochladh chearn do Ontario, air chuairt ann an Toronto an drasda, —an Urramach Mr. Gordon, a bha na mhinisteir ann an Gleanna-Garadhs ann a Harrington. Ged a than aois a laidhe air, ’s a dhruim a lubadh, tha e sgoinneil mar bu dual, agus tha e coltach gun liubhar e searman Gaidhligs a bhaile an uine ghoirid. Tha ena dheagh shearmonaich, agusn a dheagh breitheamh air ceol na Gaidhealtachd. Bha ministeirs an Taobh Tuath air uair, a bha maths a chubaid, ach aig nach robh cluas no meoir airson inneil ciuil. Rinn e oran don ribhinn a bha cumail a cridhe duinte air a ghaol, anns an dubhairt e:

Ged nach dean mi fidhleireachd
Gun dean mi sgriobhadhs leughadh;
Snam baill leat dheannainn searmau dhiut
Nach talaicheadh neach fon ghrein air’.

Ach tha araon an ceols an deas-chainnt aig a Ghordanach urramach. North American Scotsman.

Dheug Mr. Boyd, Rioghladair New Brunswick oidhche na Sabaid sa chaidh. Bha e annsan eaglais feasgar agus bha a na shlainte cho mathsa babhaist dha. Beagan an deigh neadhon oidhche bha e tri fichead bliadhna sa seachd a dhaois, agus cha robh esan dreuchd ach beagan us da mhios. Dhfhag e bantrach, ach cha robh duine cloinne aige.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

LeighsidhMinard ’s Linimentcnatan.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN



[180]

[Vol . 2. No. 24. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 16, 1893.

Cha mhor an aireamh Ghaidheal a than Canada aig nach eil a bheag no mhor de dheolas air Dain Iain IcIlle-Mhoire, no mar theirear ris am bitheantas, “Gobha na h-Earadh.” Bha aireamh dhe na laoidhean aige air an clo-bhualadh an Toronto anns a bhliadhna 1861, agus aireamh eile am Baddecksa bhliadhna 1885, da leabhran a tha nis air an craobh-sgaoileadh gu math am measg luchd na Gailig anns an duthaich so. Bha mar an ceudna cuid dhe na laoidhean aige air an clo-bhualadh uair us uair am baile Ghlascho. Ach gus a so cha robh na dain air an cur an clo gu h-iomlan ann an aon leabhar. Dhfhagadh an t-saothair sin a dhfheitheamh air Deorsa Henderson, M. A., foghlumaiche tapaidh a ghabh os laimh na dain a chruinneachadh as gach aitesan robh iad rim faotainn agus an toirt do luchd na Gailig air feadh an t-saoghail uile, mar chuimhneachan priseil air duine a bha na latha fhein na dhuine choisinn meas agus urram o a luchd-duthcha, agus mar bhardachd as fhiach a cumail air choimhne fhadsa bhios Gaidheil anns a labhras Gailig. Tha cheud phairt bhon leabhar so a nise mach. Tha dluth air ceithir cheud taobh-duilleig ann, tri ceudsa coig deug dhiubh sin fodh na laoidhean agus a cheud eile fodh eachdraidh beatha a bhaird. A reir ar barail fhein dhfhaodadh an eachdraidh sin a bhi air a cur sios anns a Ghailig a chainntsa bheil na dain air an sgriobhadh, agus air an eolaiche iad-san dham bitheadh iad feumail. Tha e fior thlachdmhor do na Gaidheil a bhi leubhadh Dain Iain Ghobha agus chan eil teagamh sam bith nach biodh e cheart cho tlachdmhor leotha eachdraidh beatha Iain Ghobha a leubhadhnan cainnt fhein. An aite sinsann a tha i ann am Beurla, cainnt air a bheil moran dhiubhsan aig am measaile bhios an leabhar, cha mhor gu tur aineolach. Ach chan e Mr. Henderson leis fhein a chaidh as an rathadsan doigh sin. Tha ena chleachdadh aig muinntir a bhios a cur a mach leabhraichean Gailig a bhicur an Roimh Radh ann an Beurla, ach mar as luaithe leigear an cleachadh sin seachads ann as fhearr. Duine sam bith a tha comasach air leabhar Gailig a leubhadh, bu choltach gum biodh e comasach air an roimh-radh a leubhadhsa chainnt sin cuideachd. A thuilleadh air a bhi toirt dhuinn nan dan than leabhar so luachmhor a thaobh an t-soluis a tha e cur air cleachdaidheans air cor an t-sluaigh anns na h-Earradh toiseach na naodhamh linn deug, agus tha sinn an dochas gu nochd na Gaidheil an taingealachd de Mhr. Henderson air son a shaothair le bhi ceannach an leabhair. Tha e na dheagh uidheam, le clo glan, soilleir agus comhdach gle mhath. Tha anns an toiseach, dealbh Tur Chliamain, faisg airn do chuir Iain Gobha seachad a chuid mhor de bheatha. The duil aig Mr. Henderson a chuid eile dhe na dain so a chur am mach cho luathsa bhios na chomas. Gheibhear an leabhar oArchibald Sinclair, 10 Bothwell street, Glasgow, Scotland;a phris 6s 8d.

Chaidh ionnsaidh a thoirt air cur as do cheann suidhe na Frainge an la roimhes e ann an tigh na parlamaid, a toirt aire do gnnothaichean na duthcha. Thilg fear a bha na shuidhe air an lobhta bomb air agus nam biodh e air a ruigheachd, mharbh e chan a mhain an cean-suidhe ach a chuid bu mho dhe na bha stigh. Mar a thachair, sgealb am bomb as a cheile mun drainig e, agus cha drinneadh cron mor sam bith leis. Chaidh an duine ghlacadh agus dhaidich e a chionta. Chan eil teagamh nach faigh eson a dheanamh ris mar a dhfheuch e fhein ri dheanamh ri muinntir eile.

Tha Nollaig us BliadhnUr a dluthachadh oirnn agus tha sinn uilen dochas a bhi cridheil sonanuair a thig iad. Tha suil againn ri aireamh mhor dhe na tha gabhail a Mhac-Talla achur airgid thug i n eadar so us deireadh na bliadhna, agus tha suil ogainn ri aireamh mhor a ghabhail as air. Ma ni ar cairdean an dichioll gu ar cuideachadh agus ma chuireas gach aon roimhe nach bi sgilinn ruadh a dhfhiachan aig a Mhac-Talla ri thilgeil air la na BliadhnUire, theid gu math leinn agus theid againn aira bhi nas deagh-dhurachdaichenuair a ghuidheas sinn Nollaig chirdheil agus Bliadhnmhath Ur dhaibh.

STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. H. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—

An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, 17mh.
An WORCESTER, 24mh.

An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.

A. BAIN,
Fear ionaid.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7 p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.



[181]

[Vol . 2. No. 24. p. 5]

Comhradh nan Cnoc.

LE TORMOID MAC LEOID.

(Air a Leantuinn).

MAIRI. —Ona tha thutighinn air na Sean fhocail, an cualthu riamh, “Gur sona gach cuid an comaidh, ’s mairg a [ ? ] loinnearsn a onrachd?”

BROCS michuala; ach an cuala sibhse, ’Mhairi, “Gur trom dithis air an aon mheiss gun acach an t-aon ghleus:” agus aon fhocal beag eile agus is fior e, “Cha robh miann dithis riamh air an aon mheis.” Ciod a thatoirt oirbh-setha posdabhi cho tigheach air buarach aphosaidh a chur air daoin eile?

MAIRICiod ach cairdeas, agus deadh un; ach tog de dchanranbfhearr leam geul fhaotainn uair.

BROCDean suidhen sin air do chliabhan beag agus gheibh thu sin. Bha sud ann roimhe so sionnach gleusda, agus chaid emach oidhche de na h-oidhchean a ruagadh nan uan mar a babhaist da, agus mar bha mishealbhan dan da, caillearearball dosach, ruadh ann an riba shuidhicheadh chum a ghlacadh. Cha robh comas air. La no dhaan deigh sin choinnich na sionnaich eile e. Ciod an tubaist a deeirich dhuit, a deir iad, caitam bheil dearball? Tubaist! arsesanan t-earball granda, sgud mi dhiom dam dheoin eciod am maith a bhann? Gabhaibh mo chomhairle-sa agus deanaibh an ni ceudna, ’s ann gu mor as fearr a dhamhairceas sibh, agus bithidh sibh cho sgiobalta, uallach seach mar tha sibh. Am bheil thug am thuigsinn?

MAIRI. —Bibruidhinntheid misa thogail abhuntata; ach ge donthu, na falbh gus an till mi.

PIOB. —Chuir thun teicheadh air Mairi, ach on a thuit duin tighinn thairis air aleithid so de chainnt, chuala mi gu-n robh suil agad ris achaile Ghallda thas an tigh-mhor. Mhothaich mi, ar leam, cuicheanachd eadar ruibh an la roimhe. Cha dinnis mi do Mhairi e, no chluinneadh tusen diugh air achluais bu bhuidhre.

BROC. —An i so an te a tha iad asamhlachadh rium an tra so? Bfhado cheile crodh laoigh ar da shean-athar. Thachaile choir maith gu leoir, ach na-n rachainn a dhiarraidh mnatha cha bann ga duthaich-se:—

S miann le triubhas a bhimeasg aodaich,
S is miann leam fhein a bhimeasg mo dhaoine.

PIOB. —Tha mig ad thuigsinn. Tha car eilen adharc an daimh.

BROC. —Car ann no as, cha tusa mo shagart, ’s cha dean mi mfhaoisid riut; ach da rireadh, ’s e posadh as lughathair maire. Tha amadain gu leoir ann ged dhfhuirinn sa air mais. Nacheil posaidhean gorachan deigh bochdainn a thoirt air Gaidhealtachd na h-Alba? A h-uile proitseach bhalaich a shaoileas gu-m bheil e ann an gaol air guanaig air am fas e eolach air feill no banais, cha-n fhoghainn leo ach posadh, gun aitan toir iad an cinn. Cordadh aca, mas fhior, ’s gun uiread na circe no choilich acagun tighinn air crodh no caoraich. Cuirear a bhanaisan sin air bonn. Co ach iadsan! riomhadh as gach buth, ach mas e fiach abhuideil e( ’s e baill leam a radh am pige beag ruadh, oir chaidh am buideal coir a fasan) cha neil asa na gheibh e, ach an dail, gun chuimhne gu-n tig dail gu dorus. Coma co dhiubh thanig la na bainnse. Hug air an dannsadh! hug air an ol? hug air na h-orain. Co ach iadsan! Straiceags a sron ri h-athar, le gun siodas le ribeinean riomhach. Esan, am burraidh! a breabadh nan cas, ’s acur nan car dheth. Lamhainnean geala, ’an ainm an aigh, air a chrogan granda! Fuiribh thall, ’s e fhein an gille? Hug so fheara, arsesan, suas e! Ach coma leat, thig an spaglainn so gu lar.

“ ’Nuair thig am bothan le chraos cam.
Am mal, achlann, ’s acheannachd orr’ .”

Cait, an sin am bi iad? Guanag mo ghaoiln a luid bhochd, gun sgrid, gun sgairt

Sin mar bhitheas luchd na straic,
Le curraichdean ards le calico,
Nim posadh bochd an toirt gular,
Mar shneachda ban na gaillinne.”

Cha-neil comas air, am fear nach amhairc roimhe, amhaircidh en a dheigh. ’S eigin a nis am bothan a thogail air cnoc an acrais, no am baile mor a thoirt orra far nach duraichd mi an leantuinn. Nach gasd’, ’Fhionnlaidh, an ni am posadh? Cait am faigh thu dhomhsa bean fhasanta? to aig am bi Beurla, ban-dannsair sgiolta, co dhiubhni, no nach dean i sniomh no calanas. Mur bi sgillin ruadh aices ann is fasanti. Ma tha an tochar a thafalbh aice foghnaidh e dhomhsa, ’s e sin an gun siodas an ad chonnlaich, ’san t-Shawl riomhach, ’s an Umbrella bhoidheach, na brogan aodaich agus cliabh beag nan cnamh, a theannaicheas an cneas cho dluths nach urrainn iad bar-iall am brog a dhunadh, no bonn oir a thogail on lar ged gheibheadh iad e air son an saoithreach. Sin agad, ’Fhionnlaidh, achaileag fhasanta, faigh dhomhsa te dhiubh sin, agus ni mise banais ghleadhrachaighearach, a chumas am feadan adphluic fad seachduin!

PIOB. —Ma ta ged is ann ri feala-dhatha thu, tha moran den fhirinn agad.

BROCSmior na firinn. Tha misag radh riut, gu-m bu choir reachd rioghachd a dheanamhan aghaidh nam posaidhean aimaideach. ’N e mis’, ’Fhionnlaidh, a rachadh a phosadh, agus mo mhathair bhochd, dhall agam ra cumail suas? Cha chuir misan comas te eile a rach rithe. Tha thun rathad na cloinne, non solus nan eun.

PIOB. —Mo bheannachd oirre, ged nach ann domhsa bu choir a radh, nach dubhairt riamh ris an te nach maireann, gu m bolc.

BROCTha mig ad lan chreidsinn, ach cha-n eil Mairi agad sa ra faotainn air taobh gach cnoic. Gur ro bhitheanta chi mi an t-atharrachadh atachairt; agus isfad on a chuala mi. “Is maith amhathair-cheile am foidagus ruigeadh e mo chridhe aon bhean a rugadh riamh a bhilabhairt gu sgaiteach ri mmhathair bhochd. Tha mnathan maithann, mar an ceudna, agus mar thubhairt an sean-fhocal,

Is diu teine fearn ur,
Is diu duine mi-run,
Is diu dibhe fion sean,
Achs e diu an domhain droch bhean.

PIOB. —Gun teagamhs i; achs i leug as priscile a fhuaras riamh deadh bhean. An cluinn thu mi, ’ghoistidh tha treis a nis on a phosadh mi, ach faodaidh mi le focal na firinn a radh, nach do ghabh mi riamh aithreachas.


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.



[182]

[Vol . 2. No. 24. p. 6]

Marbhrann de Iain Mac Illeathain

A DHEUG AM MIOS MEADHONACH A GHEAMHRAIDHSA BHLIADHNA 1844.

LE UILLEAM MAC LEOID.

Gur a rois tha fo mhulad,
Gur trom an cudrom thair mintinn,
Gu bheil mo sgeul cho ro chraiteach
S gur goirt a rainig i sgireachd.
A bhi coimhead na fardoich,
A tha fuar fas air a dibreadh,
Scha chuir min ceill le caint beoil dhuibh,
Meud mo bhroin bhi ga innse.

Chan eil aon thig air astar
Gu trom airsnealach sgitheil,
Nach doir suil chianail a dhfhaicinn
Far na chleachd iad bhi direadh.
A dhiunnsaidh fardroich na fialachd
Tha diugh a crianadh fodhn dile,
Bu tric aighear le nail ann
Sa leig luchd buairte a sgios dhuibh.

Sbochd lium gaoir a luchd eolais
Sa nosna bhronaich nuair chi iad,
An tulach aoighail a babhaist
A bhi na Stage aig a sgireachd
A bhi gun deatach gu smuid
Ach a dorsan duinte le mighinn,
Is luchd ghabhail a curam,
A bhi san uir air a sineadh.

An teaghlach measail bha ainmail
Gur fhada dhfhalbh air deagh innse,
Gad thainig sgriob air a laraich
Sa faigheadh cach an tol intinn.
S gad bha dibhail gun aireamh
Sa n-te dharaich on chich iad,
So chreach mu dheireadh chraidh iad
Sa chuir na thainig air diochuuimhn.

Ach iain mhic-sheumais
Gur goirt a sgeul leam ri innse,
Nach faic mi tuilleadh gu brath thu
Fhir a naduir bu shiobhalt.
Com na maise sna h-uaisle
Bhi anns a n-uaigh air a shineadh,
Sa gaordain treun bu mhor tabhachd
Nach cuir thu spairn air ge direadh.

Bu du fiuran na feileadh
Bu dreachar eiridh as direadh,
Sa phearsa cheutach ro dhealbhach
Gur gann nach ainmicheadh righ ort.
An t-aodan tlachdmhor ri shealtuin
Cha n-fhaichte greann air le miothlachd,
Ach aoidh is tlachd agus uaisle
Rud a bhuain thu s-nach d-dhiobair.

Nuair a rachadh du d-chomhdach
Gu m aobhar sholais led shinnsreadh,
A bhi gad fhaicinn comhlan
Sgun do sheorsa ann ri innse.
Chon do mhullaich gun sgod ort
S gur beag bha phrois ann ad intinn,
Ach cridhe faolidh neo-chealgach
Sa chom na shealbhaich an fhirinn

Sgoilt tha cridhe do bhraithrean
Gur duilich aireamh an dibhail,
Gu bheil do phiuthar cho craiteach
S gun chuir do bhas an droch ire i.
Gur beag an t-ionadh le cach sid
Gur ann tha fath a toil-intinn,
Sa chiste chaoil air a charadh
Gun duil gu brath ris gun till e.

Fhir na muirn sa cuiul ghaire
Fhir thug bar air na ciadan,
Ann an treine sa n-gaisgeadh
Gum bfhearr nach fhaca sinn riamh thu
Fhir a sheasadh na cairdean
Nuair chuireadh cach iad go deuchann,
Sgad bha tha ciuin ann ad nadar.
Gur e do ghairdean gun diseadh

Stric ma smuaintinn na laraich
A bhios gu brath lium ro chianail,
Nuair thanig teachdair a bhais ort
Snach dthug e dail dhuit go liathadh
Do chuislean craobhach a traghadh
Sdo neart ga dfhagail be deuchain,
A bhi gad fhaicinn a traghadh
Sgad thoirt od chairdean do t-shiorrachd.

On nach urrain mi aireamh
Na chuir air paipir le sgriobhadh,
A liughad tlachd a bha fas ort
O bu paisd air a chich thu,
Ach fighidh mo bheanachd gu breath leat
Is beanachd aireamh do chiadan,
Sgu bheil mo dhuil anns an ard righ
Gu bheil u sabhailt bhon trianaid.


Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[183]

[Vol . 2. No. 24. p. 7]

Gilleasbuig Caimbeul.

Thug thu dhuinn o chionn ghoirid rainn a rinneadh ic Gilleaspuig Caimbeul nach maireann: “Gur mise tha dheth bronach La-nollaigs mi nam onar.” Dhfheudadh moran a bhi air innsidh mun duine chluiteach sin, air am bheil cuimhne mhath fathast ann an Caep Breatuinn. Rugadh e ann am Minginishan Eilean a Cheo anns an bhliadhna 1830 agus thog e fearann ri cladach Loch Ainslie ann an C. B. —an t-aon loch cho boidhches a chunaig suil, an uair a chiotar eann a madainn chiuin cheitean’ ’s a ghrian ag oradh thar nam beann. Anns an aite sin shoirbhich leis gu math agus thuinich e ann gu am a bhais.

Bha Gilleaspuig Caimbeul a reir gach cunntais a fhuair sinn air, na dhuine geur-chuiseach agus tuigseach, aig an robh eolas agus breithneachadh os ceann a chumantais. Bha e na sheanchaidh math, na dhuine aig an robh intinn thoilichte agus a bha fuathach air an h-uile ni suarach agus olc. Bha deidh aig oige is aig aois air a bhi na chuideachd a thaobh suilbhireachd inntinn. Dhinnseadh an oigridh dha an spors neo-lochdach a bhiodh aca na miosg fein, agus, nam biodh aobhar air a shon, ghabhadh e pairt maile riu nam fearas-chuideachd. Bha mar sin buaidh shonraichte aige thairis orra, gan treorachadh agus gan comhairleachadh a chum a leas ni nach robh e dearmadach a dheanabh.

Tha dha deth chuid oran anns a chloth-bhualadh a thainig a mach anns an duthaich so deShar-obair nam Bard Gaelach,” marbh-rann do leanabh gille leis fhein, a chaochail ann an Alba, agus marbh-rann eile do n cheud bhean a bha aig Alastair a mhac. Tha Alasdair fathast beo slan. Dheug Eoghann, am mac bu shine aig a bhard, o chionn faisg air coig bliadhna. Bha e na mhinisteir ann an Leoghas iomadh bliadhna, gu am a bhais. Chuir sinn seachad beagan uine maile ris, le mor thaitneas, na dhachaidh shuilbhir fhialaidh an samhradh mun do chaochail e. Cha dhi-chuimhnich sinn gu brath gach coimhneas a nochadh dhuim leis-san agus leis an og-bhean uasail chliuitich nighean a bhrathar, a bha aig an am ud a cumail tighe dha, ach a tha bhon uair sin a cumail tighe dhi fhein ann an C. B. Rinn Mr. Caimbeul iomadh duanag lurrach re a bheatha anns an robh blathas agus daimhealacd intinn gu soilear rim faicinn, ach tha iad ach beag uile air an call do bhrigh nach robh iad air an sgriobhadh sios. Choinnich e uair ri moran alabains e air thuras dhachaidh a Halifax. Thoisich e mu dhearadhtha e coltach, air cur an teagabh an ruigeadh e idir dhachaidh beo. Agus a thaobhs gum be Eoighan am mac bu shine, chuir e rainn ri cheile ag earbsa an teaghlaich ris. Bha Mr. Eoghann gan gabhail dhoth ann an Leoghas. So an da rann mu dheireadh:—

Seas thusa le sgoinn
Do mhathairsa chloinn
Dean sin agus toill mo bheannachdsa.

S nuair ruigeas sibh thall
Bith mise airur ceann
S bidh coineachadh ann gun dealachadh.

Tha Anna, Alastair, Iain-Tearlach agus Peggie a tha air an ainmeachadh anns an dan a thug thu duinn air a mhios a dhalbh, uile a lathair agus tha dochas againn gum bi iomadh latha fathast mun cluennear am bas. Thug an t-iomradh a thug thu air Gilleaspuig Caimbeul mo smuaintinn air ais a dhionnsuidh na laithean a dhaom, agus chuir sin mi a sgriobhadh so.

Do charaid,
C. C.
Strathalba, P. E. I.


Fhuaradh gille og, aois thri bliadhna deug, marbh ann an Charlottetown oidhche Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh. Bha egol gu trom fad latha no dha roimhe sin. Be an treas fear a bhasaich anns a bhaile leis an deoch laidir air an t-seachdain sin.

Tha Ruaraidh Munroe, am Mira, a cosnadh deagh ainn dha fhein mar dhotair cansair. Thoisich e air leigheas an tinneis sin o chionn beagan us da bhliadhna agus anns an uine sin bha tri casan deuga aige, ’s leighis e a h-uile h-aon dhiubh.

Dheug D. N. Shaw, ceannaiche, aig a dhachaidh ann an LArdoise Di-mairt air an t-seachdain sa chaidh. Bha e 68 bliadhna a dhaois. Bha cruinneachadh mor sluaigh air an toriadh aige.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.

Irrs na gabh achMinard ’s Liniment.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[184]

[Vol . 2. No. 24. p. 8]

Gun Chrodh Gun Aighean.

Gedtha mi gun chrodh gun aighean,
Gun chrodh laoigh gun chaoraich agam;
Gedtha mi gun chrodh gun aighean,
Gheibh mi fhathast oigear grinn.

Fhir a dhimicheas thar chuantan,
Giulain mile beannachd uamsa
Dhionnsaidh oigear achuil dualaich,
Ged nach dfhuair mi e dhomh fhein.

Fhir a dhimicheas am bealach,
Giulain uamsa mile beannachd;
S fhaods tu innseadh do mo leannan,
Mi bhim laidhe so leam fhein.

Fhleasgaich thainig nall a Suaineart,
Bu tu fhein an sar dhuin’ -uasal;
Gheibhinn cadal leat gun chluasaig
Air cho fuars gam biodh an oidhch’.

Ged tha mi gun chrodh gun chaoraich,
Chan eil mi gun mhaisem aodann;
Dhfhthinn breacan a bhiodh caol dhuit,
S dheanainn aodach a bhiodh grinn.

Naile! ’s misetha fo mhulad,
Us mi tamhs an t-seomar mhullaich;
An leanam bhagamsa an uiridh,
Sann than diugh rium cul a chinn.

Naile! ’s mistha dubhach, deurach,
N seomar ard a fuaghal leine;
Chaidh mo leanan do Jamaica,
S ciod am feum dhomhbhig a chaoidh.


Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile,

Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:

Iain Mac Gilleain, Gleann-a- Bhaird N. S.
Gilleasbuig Mac Gille-Mhoire, Boston .
Iain Mac Illinnean, Cow Bay.
Ailain Mac Gille-Mhoire, Big Pond.
Bean I. ’Ic Ille Mhaoil, Avonmore , Ont.
R. A. Mac Gille-Mhoire, Bute City Montana.
D. I. Mac Ille-Mhaoil, Cow Bay.
Aonghas Mac Leoid, do,
Aonghas Mac Dhomhnull, Glace Bay.
R. Mac Fhioghain, Amegadies Pond.
Alastair M. Mac Leoid, Framboise .
D. I. MacLeoid, Stirling .
Iain Mac Dhomhnuill, Glengarry , C. B.
Alasdair Caimbeal, Strathlorne .
Aonghas Mac Asguill, Munroe ’s Point.
Iain Mac Thearlaich, South Gut.
Bean IainIc Nimhein, Catalone .
Uilleam C. Mac Aonghais, Ferry Landing.
Ailain Mac Aoidh, U . S. W. Margaree.
Domhnull Mac Amhlaidh, Grand River.
Iain Mac Ille-Mhaoil, Chicago .
Iain Mac-a- Phi, Bridgeville , N. S.
J. W. Domhnallach, Malagawatch .
D. A. Mac Gilleain, Stirling .
An t-Urr Coinneach Mac Coinnich, Halifax .
A. D. Mac Suain, Glascho, C. B.
Bean DhomhnuillIc Neacail, Roseburn , C. B.
Ruairidh Mac Neill, Glace Bay.


CumMinard ’s Liniment ’san tigh.


LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


Nollaig Chridheil!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son na Nollaige.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.


SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 24
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 24. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page