[Vol . 2. No. 25. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 23, 1893. No. 25.
Dr. G. T. Mac Gilleain.
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.
Tha MAC-TALLA a’ guidhe Nollaig chridheil, shona dh’a luchd-leubhaidh uile.
Tha ’n geamhradh air toiseachadh da-riseadh anns an Iar-Thuath. Tha stoirmeannan mora sneachda aca ann an Dekota ’s ann am Minnesota.
Dh’ eug seana bhean da’m b’ ainm Mairearad Dhomhnullach aig Gabarus o chionn ghoirid. Bha i ceud bliadhna ’sa ceithir a dh’aois. Cha’n eil gle fhada o’n dh’ eug fear Domhnullach ’san aige cheudna a rainig ceud bliadhna ’sa sia.
Tha faisg air ceithir fichead mile sa deich de dhaoine ’nan tamh an Boston. Tha moran de mhuinntir na duthcha so ’san aireamh sin, agus tha moran eile an deigh am baile fhagail. Cha’n eil moran coltais air gum bi leasachadh sam bith air staid nan Staitean re a gheamhraidh.
Cha do mhair an sneachda bha againn air an t-seachdain s’a chaidh ach beagan laithean. Tha nis an talamh ruisgte rithist agus tha e gle choltach gu’n bi Nollaig uaine ann air a bhliadhna so. Tha cion an t-sneachda a cumail nan rathaidean mora gle dhona.
Bidh am foghar a chiadh seachad agus toiseach a gheamhraidh, ainmeil ’s na bliadhnaichean ri tighinn air son na bha de stoirm ann, agus air son na rinneadh de chall air soithichean. ’S ainneamh foghar no toiseach geamhraidh a rinn a leihtid de sgrios air muir.
Chaidh na sgoilean air feadh na duthcha so air fad a leigeil ma sgaoil Di-haoine. Bidh iad nan tamh gu ceann da sheachdain. Tha mar sin cothrom air a thoirt do’n oigridh a tha dol do’n sgoil air a bhi cho creidheil, sunndach air an Nollaig ’s air a Bhliadhn’ Uir ri muinntir eile.
Dh’ eug Michael Doherty, aois cheud bliadhna, anns a phriosan am Belleville, Ontario, Di-mairt s’a chaidh. Bha e air a chur a stigh air son a bhi beagaireachd air feadh an aite gun a bhi feumach. Air an latha sin fhein chaochail an t-Urr. Mr. Wastell sig Clinton, Ont., ’s e ceud bliadhna dh’aois.
Chaidh Tomas Eagan, duine mhuinntir sronamachd Chumberland a chur do’n taigh oibreach air son each a ghoid. Tha e gu ceithir bliadhna chur seachad anns an aite chuingeil sin. ’Nuair a gheibh ma sgaoil saolaidh sinn ma bhios each a dhith air, gur fhearr leis fear a cheannach.
Choisich fear Edward A. Williams eadar New York us New Orleans ri tri fichead latha ’sa tri deug gun sgillinn airgid a chosg air fhein fad an rathaid, ach a faighinn a bidh ’s gach goireas eile o shluagh na duthcha troimh ’n robh e dol. Rinn e so air son geall agus choisinn e coig ceud deug dollar.
Cha d’eirich olc sam bith do’n t-soitheach ghuail a chaidh air chall toiseach s’a chaidh. Rainig i faisg air Halifax feasgar Di-domhnaich agus chaidh a thoirt a stigh do’n acarsaid an ath latha. Bha’n caiptean ’san ceathrar dhaoine bha comhla ris beo, slan. Bha aoibhneas mor air muinntir Shidni nuair a chual iad an deagh sgeul.
Tha fear Aonghas Mac-Illemhaoil, a mhuinntir Lochaber an Antigonish, air chall o chionn corr us seachdain, ’s ge do rannsaicheadh gach aite. cha d’ fhuaras sguel air. Tha iad a deanamh a mach gu’n thuit e bhar drochaid air an robh e dol seachad agus gu’n ghiulan struth na h-aibhne air falbh e. Bha e leth-cheud bliadhna ’sa coig a dh’ aois.
Bha mulchag mhor chaise aig Canada air Feill an t-Saoghail, agus tharruinn i moran aire. An deigh do’n fheill sgaoileadh, chaidh a cur a null gu Sasuinn, ach mu’n d’ rainig i thoisich i air grodadh, tha i gu bhi air a call gu buileach. Chaidh a tolladh uair no dha aig an fheill feuch an robh i falain agus fhuaradh gu robh, ach a reir coltais fhuair na cuileagan ’na rathad agus ’se sin a chuir a dholaidh i.
Tha moran aca ri radh am Parlamaid Bhreatuinn anns an am so mu na soithichean-cogaidh. Tha aireamh mhor dhe na fir-pharlamaid a deanamh a mach nach eil iad idir cho lionmhor no cho math air an cho lionmhor no cho math air an deanamh ’s bu choltach dhaibh a bhith, agns nan tolsicheadh cogadh gu’n faodadh na rioghachdan eile droch ria[ ? ]ladh a thoirt de Bhreatuiunn.
[Vol . 2. No. 25. p. 2]
BLAR WATERLOO.
LE LACHUNNI MAC GILLEAINN.
Tha fios aig a chuid is mo do’r luchd leubhaidh gu n’ deach Bonaparte, an deigh iomadh blar mor agus fuileachdach, a chiosnachadh, agus a chur air fogradh do Eilean Elba. Air an dara mios de ’n bhliadhna 1815, rinn e saod air teicheadh a’ Elba, le coig soithichean, agus mu thuairm mile fear. Air a cheud la de ’n treas mios, thilg e acair air cursa na Frainge; agus air an fhicheadeamh la bha e ann am baile-mor na Frainge, air do ’n ochdamh-glun-deug de Luathais an crun a threigsinn agus teicheadh. Bha ’n roinn-Eorpa gu leir a nis bho thaobh gu taobh aon uair eile fo ghluasad. Cha robh cinneach na treubh nach robh a’ dol ’nan arm. Bha picean ’gan geurachadh—piobean ’gan gleusadh—fudar a ’s luaidhe a ’m miagh—agus an saoghal, mar gu ’m biodh air chorrabiod! Mu ’n d’ thainig ach beagan laithean, bha Wellington air cheann 120,000 fear, Blucher air cheann 120,000, Schwartzenburg ar cheann 300,000, Trimont ar cheann 80,000 gu leir 620,000 fear. Chuir an armailt mhor so romhpa, ma ’n d’ thughadh iad claidheamh a’ truaill, gu ’n tugadh iad comas do rioghachd na Frainge Bonipart a thoirt suas dhaibh; agus mar tugadh, gu ’n doirteadh iad air an Fhaing mar thuil sgriosaich, bha gach cearn’, g’ a smaladh ma choinneal. Co na, fhad ’s a bha iadsan a’ tional ’s a runachadh, cha robh Boniparte ’n a thamh. Chunnaig e nach robh mionaid ri chall. Chuir se e fein, uime sin, air cheann tri-cheud-mile fear cogaidh, blath agus gaisgeadh na Frainge; agus air tri uairean ’s a mhaduinn Di-luain, air an dara-la-deug do mhios mhiodhonach an t-samhraidh dh’fhag e Paris is aghaidh air na Netherlands far a robh Wellington ’s Blucher, an duil gu ’n doirteadh ’e orra mu’m biodh iad nan omhail, agus mu faigheadh an da sheanalair eile, le ’n cuid milltenn, tighinn gu’n cobhair. ’S ann marsin a bha ’chuis. An ceann beagan lathean thainig e air s uit de na Pruissianaich; chuir e ’n ruaig orra; mharbhadh deich ceud dhiubh agus chaidh deich ceud eile ’ghlachadh. Air aghaidh a ghabh e; agus air a choig-la deug rainig an naigheachd Brussels, far an robh Wellington agus oifigich an airm Bhreatunich, uile cruin aig Bull dannsa, gu ’n robh an t-arm Frangach mar fhichead mile dhoibh, agus gu ’n do ghlacadh an daingneach laidir Charleroy; Sheid an nis an trompaid, bhuail an druma, dhuisg am baile, ’s thoisich gach coirneal ri reisimeid a chuir an ordugh meirsidh. B’ iad na reisimeidean Gaelach, an dara te ’s an da fhichead (42), agus an dara te deug ’san ceithir fichead (92) a bha deas an toiseach. B’iad a thog e cheud [ ? ]llach , ’s a mheirs fo ’m brataichean, ’s am fichead piob mhor a cluich. “Thigibh an ’so, chlanna nan con.” Bha ’n cath a cheana air toiseachadh eadar Boniparte agus Prionns’ Orange. A chuile reisimeid mar rainig an larach uime sin, cha robh dail ann, ach toiseachadh ris an luagh-lamh. Far an robh an t-arm Breatunach, bha, air a char bu lugha tri Frangaich mu ’n aon; ach ged a bha s’ iad na Breatunnaich, nach do ghaoh meathadh. Thainig an namhaid orra nan tonnan; ach thachair earraig riutha— ’n uair a choinnich iad an staillin fhuar, bu bhuidh leo teicheadh. Thill iad a rithisd; ach ma thill, b ann gu teicheadh a rithisd. Thainig iad an treas uair le tuilleadh agus tuilleadh feachd, le eachraidh ’s gu leir. ’N uair chunnaig an Seanalar so, dh’ orduich e an reismeid rioghail agus an da-fhichead- ’sa dha gu coinneamh a thoir dhaibh. Rinn iad so gu duineil; ach ma rinn cha b’ ann gun diobhail. Bha obair a bhais, gun lasachadh, a dol air aghaidh ’s an aite so fad tri uairean an uaireadair, gun bhuinginn air air taobh seach taobh. Ma dheireadh thuit an Diuc, ceann nan Gearmailteach, ’s e ’brosnachadh a dhaoine fo mhothar nan canan. ’N uair chuinaic na Gearmailtaich gun do thuit an ceatharnaich gabh iad miapadh ’s thoisich iad ri dol air an ais. ’N uair chuinaic an namhaid so lean e iad le buaidh chaithream, an duil gu robh an latha leis. Ach bha e ’m mearrachd; bha reisimeid dluth, ’s cha Ghearmailtich nach fhac’ iad, ullamh gu di-beatha ’thoirt dhaibh—bha ’n 92d reisimeid Mhorair Shundai, le ’n eileadh ’s le ’n osain ghearr. Leig an reisimeid so na Gearmailtich seachad orra; agus an nis dh’ fhosgal iad an lamhach uamhasach air an namhaid, a thug air a chuid nach do thuit dhiubh an cul an nochdadh! Mu cheithir uairean, thill iad a rithisd le feachd ur; ach ma thill, fhuair iad an tomhas ceudna. Bha reisimeid Ghaelich eile aig laimh a nis—an 78th. Thug iad so aon dararach dhaibh; agus an sin, le rinn na stailinn mar gharadh aon fhailt a lubadh a ghaoth, chaidh iad troimh bhalla an namhaid. Fhuair an commandair, Coirneal Douglas tri peileirean ’na chorp air a la so, ach air a shon sin, sheas e aite gu feasgar. Dhoirt cho liuthad de ’n namhaid aon uair air an Reismeid Dhuibh, ’s gun saoileadh neach gun slugadh iad suas i. Am measg chaich, thainig reisimeid each le ’n clogada cruadhach, ’s le ’n eideadh staillinn, ’nan crainn-leum. Dh’ fhosgal an reismeid dhubh ’s leig i troipe iad: agus ma leig, cha d’ o thill a h-aon dhuibh beo—ghearr iad fhein agus na h-Eich-Ghlas ’nam bloidhibh iad? Mu sheachd uairean ’s an fheasgar, ghabh an namhaid mire-chatha. Chunnaic Wellington troimh ’n toit an fhudair iad a tighinn, sreath air shreath ’s ghlaodh e ’mach ris an 92nd. “A 92nd cuiribh stad air na balaich ’s gabhaibh ur doigh fein!” ’S iad na Gaidheil nach obadh. Nochd iad rinn na staillinn dhaibh; agus ’n nuair a chunnaic iad an coirneal (Iain Camshron an Fhaisidh-fhearna) a tuitean, chuir e ’n cuthach orra gu buileach. Bhruchd iad air an namhaid a thoirt am mach eirig-fhola, agus chuir iad an ruaig orra mar dhealan ri oiche dillinn, a sior iomain rhomp’ na naimhdean, ’snial fal’ air rinn nam picean! Chaidh fear de na piobairean a leon; ach cha do sguir e do chluich, na shuidhe air an lar, ’s an fhull a craobhadh bho ’chreuchdan! Thuit a nis an oidche. Mharbhadh do na Frangaich air an latha so eadar Ligney agus Quartre Bras, coig-mile-deng; agus cha ’n eil Waterloo fathast ach a toise-chadh! Sheas Wellington agus an t-arm Breatunnach an larach fad na h- oih[ ? ]che ; ach ’n nuir thainig a mhaduinn, ’s a fhuair e fios mar thachair do Blucher smaointaich e dol air aghaidh gu frith-bhaile ris an canar Waterloo, mu thuaiream naoidh mile bho Bhrussels. Ann an so leag e ’chairtealan ann an tigh osda suarach re na h-oidhche; agus bi sin an oidhche le stoirm, le dilinn ’s le dealan ’s le tairneanach? Dh’ eirich a nis maduinn an ochdamh-la-deug; ach ma dh’ eirich cha d’ eirich grian. Dh’ fhalaich i ’h aghaidh, mar gu ’m b’e, bho’n chasgairt a bha dluth! Bha fathast an laithir de ’n arm Fhrangach 150,000. Dhiubh so, bha 25,000 ’n an eachraidh cho treum ’s cho deas-lamhach ’s a chaidh riamh sios do bhlar. Cha robh air an taobh againn ach ma thuairm 75 000 gu leir beo! Mu naodh uairean, ’n uair ’bha ’n camp Breatunnach a deasachadh am biadh maidne, cunnacas an camp Frangach fo ghluasad mar thom sheangan. Bha iad dol an ordudh cho luath ’s a ghabhadh iad. Chualas a nis sgal na trompaid ag eigheach, “Seasadh gach fear ri arm!” Shuidhicheadh na gunacha mora air beulthaobh nan daoine mar neoil dhubh, ’s gach aon diubh torrach le bas! Mu aon-uair-deug thoisich an iomairt. Thug Bonipart a cheud ionnsuidh air aonach, ris an abrar Hougonmont( ’s e sin Beinn-houg) ach dh’ fhosgal na gunacha-mora Breatunnach air le lamhach cho millteach ’s nach tigeadh a dhaoine ni b’ fhaide air an aghaidh. Dh’ orduich e’ nis a ghunnacha-mora gus an dion. Bha ’n cath ’s an aite teth re iomadh uair; ach sheas na Breatunnaich an larach. ’N uair sguab a ghaoth leatha toit an fhudair, chite na mairbh ’nan dun breac air muin a cheile nam miltean. Ma bha iomairt aig Beinn-houg, cha robh an lamhan a’m pasgadh ’s a chuid eile do’n laraich; oir bha sreath a bhlair corr ’us da mhile gu leth air fad. Cha robh aite am faiceadh Boniparte a dhaoine dol air ais, nach orduicheadh e reisimeid fhuar ’gan cuideachach. Bha aite araidh far an robh Seanalalr Ponsonby a’ dol air aghaidh ’s a sgathadh sios roimhe. ’N uair a chunnaic Boniparte so dh’ iarr e na Cuirassiers a leigeadh annta. B iad so
[Vol . 2. No. 25. p. 3]
eachraidh a shaoil e a bha do-chiosnaichte. Cha robh marcaich dhiu fo shia troidhean air airde; agus b’ eiginn gu robh thu ann an tri b’air, agus da bliadhna deug ’s an arm mu ’n gabhte idir thu. Bha gach ach dhiubh air an eideadh ann an clogad ’s an luirich mhaile bho mhullach gu ’n rumpull, air chor ’s nach deanadh peileir na claidheamh aideacheadh orra! Bha ’n eich air an taghadh, agus cho ionnsaichte ’s a ruith riamh an aodan teine. ’N uair thainig iad so air an arm Bhreatunach, rinn iad sgrios a bha uamharra! Mu dheireadh dh’ orduicheadh reisimeid nan each glas Albanach thoirt steamadh asda. Ach mo chreach! cha deannadh an claidheamh mor ach gliong air an eideadh, gus na ghlaodh fear, “Gearramaid an speirean!” Thoisich iad a nis ri gearreadh speirean nan each Frangach, agus an ceann leth-uair chuir iad an ruaig orra. ’N uair ’chunnaic Bonaparte so, thoisich e ri ’lamhan a shuathadh, agus ri oiteagan snaoisean an deigh oiteag a gabhal, mar gun abradh e ’na inntinn, “Chaill sinn an latha!” Tha fear a bha lathair ag rath nach urrainn duine smaoineachadh sealladh bu mhoralaich na ’n coinneachadh so; eadar eubh nan daoine leointe—tairneanach a’ bhomb ’s a chanain—gleadhraich agus slachdraich nan claidhean—gaireachdaich agus stirich nan each huza nan arm— “Gum bu fada beo an t- ’Impire,” an sud, “Gum bu fada beo an Righ,” an so—Albain gu brath ’s treas aite—bu mhoralach an ceol! Bha ’n sgathadh muladach so a dol air aghaidh a nis ceithir uairean an uaireadair. Bha buaidh mar gum beadh meidh air mheidh. Chunnaic Wellington reisimeid a dol air an ais. Ruith e thuchda, a’ glaodhach— “Illean ciod e so! Ciod a their iad an Sasunn!” Thainig aon uair seanalair thuige ag gradh gu feumadh iad an anail a tharruing oir nach robh an treas duine da ’chuid daoine-san beo. “A bheil an cuthach ort?” ars an Diuc. Tuitaich tusa agus mise, agus gach Sasunnach a tha ’n diugh air Waterloo maille ruinn, mu ’n dean sinn striocadh. An deigh ceithir uairean thainig buidheann na dha de na Prussianaich fo chomanda Bhlucher, a bha mearsadh fad a latha. Thoisich iadsan air na Frangaich; ach mu thoisich bu bheag a sga[ ? ]h orra. Ma sheachd uairean, chuinaic an Diuc nach robh mionaid ri chall. Thug e ordugh gu ’n rachadh gach mac mathair an sas annta. Gabh e ad ’n a laimh, agus ga cuir ma chuairt a chinn, thug e huzza aird a chinn. ’N uair chunnaic an t-arm Breatunnach so, rinn iad an ni ceudna; agus an nis thug iad an sas ’s an namhaid duine ri duine le mire chatha cho oilteal ’s gun do gabh an t-arm Frangach bristeadh! Threig iad an gunnacha-mora; thilg iad uatha an airm ’s thng iad an aghaidh air a rathad-mhor ni ’n uair chunnaic an t-arm againn, thug iad aon ghaoir-chatha iollagach, a reub an t-athar. Chluich gach buidheann ceol a dhuthcha; agus bu bhinn air a mhionaid sin, Di-domhnaich mar a bha, “Gilean an eillidh” air a phiob. Lean Wellington ’us Blucher an ruaig fad choig mile, sgith agus acrach mar a bha iad; agus ma lean ’s ann an sin a bha ’n dortadh falla, ’sann an sin a bha ’n casgradh! prionnsan, ’us seanalearean, ’us ofigich us saighdearan, ’gan saltairt fo chasan na miltean! Mu-dheireadh chuir Wellington roimhe gu ’n gabhadh e fein agus ’arm fois na h-oiche (cha b ioghnadh e, an deigh naoidh uairean da dhearbh obair); ach lean na Prussianaich an ruaig le solus na geallaich. ’N uair rainig na Frangaich baile mor Genappe, chrann iad na geatachan; dhruid iad suas na sraidean le cairtean ’s le carbadan ’s gnnacha-mora, an duil gu ’m faigheadh iad fois na h-oidhche, agus caileginn r’ a itheadh. Ach cha robh iad a bheag ’a ’s leth uair air an cluasaig, ’n uair a b’ eiginn leum suas—chualas gunnasha-mora nam Prussianach! Thoisich an nis greadan goirid nach robh fion-fhuair. Mu dheireadh gheill na crainn ’s ghabh Blucher seilbh air a bhaile. ’S ann a so a theich Boniparte le ’anam a’ fagal a charbad le shia eich lurach, ad ’s a chlaidheamh, ’s a cleoc impireil ’s a ghlaine-phoca ’n a dheigh, an lamhan an namhaid. Tilemaid a nis agus gabhamaid gearr-shealladh air larach a bhlair—air a laraich fhuileachdaich Waterloo! Ged tha iomadh mile treum an so a caitheamh na h-oidhche gu samhach ciuin fo throm chadal a bhais tha miltean ann mo chreach! nach do chath i ach gu h-shocrach! Tha fhios aig an t-shaoghal gu ’n do chaill na Frangaich an la so cor ’s tri fichead mile fear, agus an taobh againn ma thuairm deich-mile-fichead. Abramaid, mata, gu bheil a nis a caith na h-oidhche ’nan sineadh air an fhliucheraon—marbh, da-fhichead mile; agus da-fhichead mile eile leointe, a ’m breislich a toirt ordugh commanda, ag eubhach air son boinne dibhe, na a tilgeadh an deo, gun chairaid na fear cinnich a chuir na corraig air an suil! Cuir ris a so corr ’as coig-mile-fichead each eadar marbh us leointe agus ar-leam gun aidaich thu nach obair bheannaichte an cogadh. ’N uair a dh’ eireich a mhaduinn b’ uamhara, gun bhreig, an sealleadh! Cha ’n e amhain gu ’n robh na mairbh air an rusgadh, ach bha na miltean dhiubh air am pronnadh fo chasan nan each, air a riasladh as a cheile le cubhlean nan gunnacha-mora, na air an tolladh mar chriathar leis na peilearean an deigh dhaibh tuiteam. Thug e gu leoir ri dheanamh do mhiltean de mhuintir na duthcha fad iomadh latha an amhlac. Chladhaich iad sluic mhora, a chumadh da na tri dhusain. Mu dheireadh, bha uiread do dh’ eagal orra na closichean breota a laimhseachadh, ’s gu ’n d’ rinn iad cromagan mo iarruinn, leis na shlaod iad na cuirp, ’gan tilgeadh ’san t-sloc, mar gu ’m biodh tu scaradh moine. Cha robh tobar, na sruthan, na abhainn, mar mhiltean mu ’n cuairt nach robh a ruith le fuil fad iomadh latha. Cha robh craobh air an robh duilleach; cha robh achadh nach robh mar fhas bhuainn? Bha e ceithir latha gu leth ma ’n d’ fhuaireas an t-iomlan do na daoine leointe a thoirt bharr na laraich; ach ma dheireadh lionadh gach sabhal, gach bathach, ’s gach eaglais a ’m baile-mor Bhressels agus mar mhiltean ma’n cuairt. Dh’ ialaidh iomad dhiubh fein air am magan, cuid dhiu’ trian de’n rathad ’s cuid dhiu leth an rathaid, ach an so a leig romhpa, rgus a thilg an deo! Chladhaicheadh sluic dhaibh so ri taobh an rathaid, fad nan naoidh mile gu Brussels—baile ann ’s an robh a cis tri-mile-fichead do shaighdeeran leointe, iomadh dhiubh a tighinn beo air cuirp mharbh an companaich! Thigeadh sibhse an so, a luchd duthchadh; ’s fhiach e ’n t-saothair. Ma tha ’ur cridhe lan cheanna, mar a tha cuiraidh e thairis ’n uair thig sibh an so. Chi sibh fathast mar chaidh an larach a threabhadh le peileirean chanan. Rinn an soc, their sibh, ’obair fein; cha robh di sannt air a choltar; ach bha aon chuid, an donus no ’n daorach air an airean a bh’ air a chrann. Chi sibh mile polag dhomhail cha phollagan buntata, ach uaighean nan treum. Chi sibh fiar fada uaine; talamh reamhar sultmhor air a thodhar, cha ’n ann le inneir chaorach na ghobhar, ach le fuil laochraidh cho neo-mheachranach, cho misneachail ’s a sheas riamh air balt broige. Chi sibh— (c’ aite a sguir mi) —chi sibh clach chuimhneachan, air a bheil air a ghearradh mar so: “Air a choisrigeadh mar bhuan-chuimhne air Captain Nial Caimbeul, Caiptin Iain Sinclair, Captin Iain Camshron, Lieut. Iain Kynock, Lieut. Iain Rowling, Lieut. Eobhan Kennedy, agus naoidh oifigich og eile agus tri-fichead- ’s a-deich saighdear de ’n reisimeid Ghaelaich an 79th a thuit eadar Quartre Bras agus Waterloo—blar anns a deach a leonadh de ’n reismeid so a thuilleadh orra so a chaidh a mharbhadh, ceithir- ’ar-fhichead oifigach, agus tri cheud tri-deag ’us tri-fichead saighdear! Chaidh an leac so a thogal, mar chuimhne air an euchd fo n arm, le oifigich eile na reisimeid nach do thuit
“Cia samhach cadal trom nan treum
A thuit—ma thuit, cha b’ann gun euchd!
Nuair thuit na h-uiread so do aon reisimeid Ghaelach bheir e beachd dhuinn air na thuit do chach—an dara te ’s an da-fhichead (42nd) agus daraste-deug ’s an ceithir-fichead (92nd). Chi sibh garadh mor Beinn-houg, no cnochd na h abhain sgiath-dhion an airm Bhreatunnaich, far an robh Jerome brathair Bhoniparte, ag obair fad an latha le ’dheich mile saighdear guinneach, ach a thug dulan da, gu
(Ri leantuinn air taobh 7.)
[Vol . 2. No. 25. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 23, 1893.
AN T-INNSEANACH MATH.
Bha Innseanach latha a gabhail troimh fhearann duine mhoir ann am Pennsylvania. Air do’n latha bhi teth dh-iarr an t-Innseanach deoch de bheer air an duine mhor. “Cha’n fhaigh thu beer,” arsa ’n duine mor. “Ma ’se do thoil e ma ta, thoir dhomh deoch uisge, oir tha’m padhadh mor orm,” ars an t-Innseanach. “Cha’n fhaigh thu deoch uisge nas mo; bh mad’ ghnothuch, a choin Innseanaich.” Tharruinn esan ceum no dha air is, dh amhairc e gu math geur an odann an duine mhoir us dh’ imich e oimhe gun ghuth a radh ris. Beagan uine ’n deigh sin chaidh an duine mor a mach a shealg agus gu turragach chaidh e air chall feadh na coille. Bha an oidhche tighinn us bha e ’gabhail eagail. Choinnich Innseanach e. Gu de cho fada ’sa tha mi o leithid so a dh’ aite?” dh’ fheoraich e. “Tha thu ceithir mile deug o’n aite dh’ ainmich thu, tha e cunnartach dhuit coiseachd cho fada feadh na h-oidhche; tha fiadh-bheathaichean an fhasaich tighinn a mach air son cobhartach. ’S e do bheatha fo fhasgadh an tighe agamsa re na h-oidhche, agus ’se do bheatha gu gabhail dhe na bhios air ullachadh. Thug an eigin air an duine gheal an tairgse ghabhail, agus chaidh e do’n bhuth. Thug an t Innseanach ’sa bhean dha aran us bainne us ni sam bith eile a thachair a bhi aca. An deigh na suipeir, rinn iad suas leabaidh do bhein, ’nuair a laidh an duine geal sios chomhdaich iad e le tuileadh bhian, gheall iad fois mhath dha is gheall iad a ghusgadh ’sa mhaduinn. Aig eirigh na greine a reir sin chum an t-Innseanach ri fhacal. “Eirich, tha ghrian air eirigh, tha na fiadh-bheathaichean air pilleadh, faodaidh tu coiseachd a mise tearuinte. Dh’ eirich an duin’ -uasal is ghabh e beagan bidhe o’n Innseanach choir, is thog e air dhachaidh. Leag an t-Innseanach a ghunna fhein, chuir e air a ghuallainn e, ’s choisich e da mhile dheug roimhe. Thionndaidh e us dh’ amhairc e air an duine gheal ’san aodann us thubhairt e ris gu fearail, “Am bheil thu ’gam aithneachadh?” Bha duil a nis aig an duine gheal nach robh tuilleadh saoghail aige. Chaidh e air chrith o bhonn gu mhullach. “Tha mi deanamh gu faca, mi d’ aghaidh,” ars esan. “Is tua a chunnaic. Is mise an duine a dh’ iarr deoch ort nuair a chaidh mi seachadh air do gheata. Bu diomhain ni iarrtus, ach na gabh eagal, tha thu gle shabhailte. ’Se da mhile eile tha agad ri dhol. Slan leat, ach na abair cu Innseanach tuilleadh ri do cho-chreutair. Shniag an duine geal dhachaidh fo naire ma bha naire ann. Chaidh an t-Innseanach dhachaidh le gairdeachas an deigh buaidh a thoirt air an olc leis a mhath. —Eadar-thean, le D. C.
A SEALG NAN CARRIBOO. —Chaidh dithis dhaoin’ oga mhuinntir Bhaddeck, Iain Mac Rath, agus Domhnull Mac Illinnean, do’n mhonadh a tha eadar an Abhainn Mheadhonach us Ceap Nor, a shealg nan Carriboo. Air an 11mh latha dhe’n mhios so chunnaic iad mu fhichead dheth na beathaichean sin, ach cha d’fhuair iad gin dhiubh. An ath latha chunnnaic iad tri, agus mharbh iad a dha dhiubh, beathaichean briagha. Bha aon dhiubh air an robh croic eireachdail. Tha aireamh mhath dhe na creutairean taobh tuath an eilean so fhathast, ach a reir gach coltais tha’n aireamh a dol nas lugha gach bliadhna. Bhiodh e na chall mor do’n eilean nan rachadh iad as gu buileach, agus tha sinn an dochas nach bi na sealgairean a cur as do mhoran dhiubh. Bhiodh e gle iomchuidh do Riaghladh na duthcha lagh a dheanamh gan dion. ’Se ’n carriboo beathach cho boidheach ’s cho neo-chronail ’s tha de bheathaichean fiadhaich ’san duthaich so. Bidh am mathan ’san sionnach cronail gu leor air uairean, ach tha ’n carriboo gun chron sam bith, agus tha e deanamh a dhachaidh ann an garbhlaichean anns nach dean mac an duine tamh am feasda.
Tha cuideachd laidir air a chur air chois an drasda air son an Abhainn Mheadhonach a’ thionndadh o ’cursa nadurra, agus toirt oirre sruthadh an ait eile. ’Se mi a tha air aire mam feara moran oir a tha air grunnd na h-aibhne a scriobadh as. Cha chuala sinn gu’n d’fhuaras a bheag dhe’n stuth phriseil sin fhathast, ach tha creideamh laidir aig a chuideachd. Tha sinn an dochas gu’n soirbhich nas fhearr leotha na shoirbhich leis an duin uasal a bha dol a thraoghadh Loch Ainslie aireamh bhliadhnachan air ais.
Be Dior-daoine s’a chaidh an latha bu ghiorra dhe’n bhliadhna. Bha e ochd uairean us seachd mionaidean deuga a dh’ fhad. Bidh latha na Bliadhna Uire ochd mionaidean nas fhaide na sin.
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun, Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov.17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7 p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
[Vol . 2. No. 25. p. 5]
Aoir a Mhathain.
LE AILEIN AN RIDGE.
Mo mhallachd le durachd
Aig an udlaiche mhathain,
’S e cho dlu ri cu badhail
Nach siubhlach e,
A bhrisetas gach comhla
’S e n comhnaidh ga n tathaich
Fear tholladh nan taighean
’S gun spunneadh e,
An dearg robair s a meirleach
Anns nach d’fhas bonn de dh’onair
Fear duth an droch nadair,
Ann s gach aite ri dolaidh
Na n cluinnte gur bas dhut
’S e dh’fhagadh mi toilicht,
Bhi gad ith aig na coin
Air na dunanan.
’S olc an cliu th-aig gach duin ort
Fhior bhurraidh gach ainmhidh,
Cha chluinnear ach ainnig
Fear gaoil agad,
A shloightire bhradaich,
Bhios a slaid air a mheanbh-chrodh,
Nuair thigeadh an t-anmoch
Cha shaorinn thu;
B e do choltas ri innse
Fear fior-bhuiceach lachdunn,
Gu ’stiorlagach, grimeach,
Bu tu m picair ri t-fhaicinn,
Gu dubhanach, ioghnach,
Gur miapaidh cur chas ort
’S tu gun sin ach mi-mhais
Us droch aogas ort.
Ort tha coltas na beiste,
Leam a b’ eitigh bhi t-amharc:
Cha n eil beus no mac-samhuil
Ri fhaotuinn dhut;
Nuair a ghabhadh tu bhreine
Bhidh drein ort gu t-amhaich,
’S gu bu deisneach leam
Coimhead san aodunn ort.
Cha robh riamh du cho grad ann
’S cha ’n fhas iad a feasda,
Bhidh a mhuc na fior Bhanrinn
’S a cuir lamh riut no seasamh,
A phliutaire spagaich
Tha t-fhaileadh ro sgreataidh,
Bidh cach uat a teicheadh.
’S cha taobh iad thu.
Bu tu sglamhaidh ’s ar trusdar
’S e muisean a b ainm ort.
Fhior ghlutaire
’S cealgadair craosach thu,
’S a bheil nadar an uilce
Lan murt agus marbhaidh,
Feadh shluichd agus garbhlaich
Gad aonagail.
H-uile mathan ’san aite
Thoiraibh sraid an null-thairis
Gu deanain na Stairean
Far nach ardaich a ghaillionn,
’S bithibh ladarna dana
Toirt gu brach bhon a geancaich,
Mar a tharras sibh dh-aideoin,
’S na caonaibh iad.
Tollaibh taighean us croidhean,
Bristibh comhlaichan s glasan
Cumaibh beo gach droch fhasan
Mar dh’ fhaodas sibh;
Gheibh sibh muiceoil us feoil ann,
Gheibh sibh geoidh agus cearcan,
’S tha gu leor de mhalasas
Ri fhaotuinn ann.
Gheibh sibh muilteoil us laoigheoil
’S bha sibh aon uair s bu tagh luibh,
’S b fhearr sud no bhi n taobh so
Bhon tha daonan aghainn ann.
Ach mar h-aisaig sibh n caolas,
Cha bhi bhur saoghal ach goirid
Bhon as aoig a chuir gainn
Air na caorich sibh.
A Framboise.
Tha na thainig de’n gheamhradh a fantuinn gle bhriagha ach latha no dha a thug oirnn a bhi suathadh nan cluasan agus tha sinn an dochas gu mair an t-side blath tacan fhatast, ged tha sinn a creidsinn gur fearr an geamhradh a thighinn na am fein na e tighinn an am an earraich.
Chaidh gill’ og da’m b’ ainm Domhnull mac Asguill a mhuinntir an aite so, a mharbhadh le tuba guail ga bhualadh sa cheann ann a meinn Low Point bho chionn ghoirid. Cha robh e ach ma mhios an sud mu’n do mharbhadh e. Bha e mu sheachd bliadhna deug a dh’ aois ’s na ghille coir a choisinn meas nan uile d’am baithne e.
Tha Mr. Hooper tha fuireach laimh da’n aite so a deanamh deiseil gu soitheach seolaidh eile a thogail. Tha daoine aige mu thrath sa choille a snaigheadh an fhiodha agus tha an duil toiseachadh ri togail deireadh an earraich. Si so an ceathramh soitheach deug a thog Mr. Hooper agus cuid duisin air an duair e pris mhor. S mor a feum a ni leithid sin de dhuine ann an aite.
Tha loch beag a muigh air cul an aite so ris a cainear loch nan coig eilein agus ma tha e fior ma tiomchioll as i loch cho ainmeil sa tha ann sa t-siorrachd mur i sa eilein. Tha e air a radh s air a chreidsinn le cuid gu facas caochladh uairean beisd mhor cosmhuil ri muic mhara a snamh sa stealladh an uisge air feadh an loch, agus tha e air a radh mar an ceudna gu facas air an t-seachduinn sa chaidh coltas bata beag ochd ramhach a suibhal sios is suas air a feadh le luas do chreidsinn agus iomadh sealladh eile nach urrain sinn animeachadh an drasda. Tha mi fein a toirt creideas doibh, ach sann a thuirt cuid rium gur a math a thuig Padruig Grannd an seorsa ud nuair a thuirt e
“Bhitheadh eagal mor orra roimh na bochdain
S iad a faicinn moran dhuibh nach bitheadh ann.
CEANN LIATH.
Rann Calluinne.
Iain Dhomhnallaich nan beann.
’Tha tamh san ait so,
Na bitheadh oirbh gruaim no greann
Ri neach ’tha saraicht’,
Le bhi ’leum s a ruith na dheann
Troimh shneachda gabhidh
A shealltuinn oirbh aig an am s’,
’S a ghuidhe slaint’ dhiubh.
Thoiribh dhe’n dorus an crann
Gun tuilleadh dalach,
’S bhon is i nollig a th’ ann,
’S mi sgith is paitaach,
Thoiribh gu h-ealamh dhomh dram
De ’n stuth mhath laidir
A chuireas neart am fear fann
S a dh’ fhagas blath e.
1857.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
[Vol . 2. No. 25. p. 6]
Na Gnath-Fhacail.
LE IAIN.
A’ h uile cu air a’ chu choimheach.
Cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged a bhiodh an nadur so anns na h-ainmhidhean, oir cha ’n eil miann a’s airde na miann talmhaidh annta. Ach an uair a chi sinn daoine aig am bu choir nadur caoimhneil, cairdeil a bhith, a’ ruith sios choigreach, a chionn gur coigrich iad, cuiridh e ioghnadh oirnn. Tha Dia ag iarraidh oirnn a bhith caoimhneil ri coigrich, agus aoidheachd a thoirt dhaibh; agus iadsan uile a tha ’labhairt gu h-olc mu choigrich, no a deanamh eucoir sam bith orra, tha iad a’ deanamh an ni a tha tur an aghaidh aithne Dhe.
A’ h uile latha sona dhut,
’S gun aon latha dona dhut.
Is ann a beul neach aig an robh gradh d’ a charaid a thainig na briathran so air tus. Tha iomadh neach ann nach guidh aig am sam bith gu ’n tigeadh sonas a dh’ ionnsuidh muinntir eile. Tha iad coma co a bhitheas gus nach bi a’ soirbheachadh, mur bi soirbheachadh, aca fein. Ni soirbheachadh aimsireil agus spioradail dhaoine eile feum dhuinn; ach cha ’n fhaigh sinn buannachd sam bith o mhi-fhortan dhaoine eile, no idir o bhith ’g arach spiorad a’ ghamhlais agus a’ mhi ruin dhaibh.
A’ h uile ni thun a’ bheoil.
Tha na briathran so gu h-araidh fior a thaobh nan naoidheadan. Ged a b’ an t-or a gheibheadh ’s ann ’s a bheul a chuireadh. Tha iad fior mar an ceudna a thaobh dhaoine a rainig aois. Tha, agus bha, daoine ann nach iarradh de shonas anns an t-saoghal so ach a bhith ’g itheadh agus ag ol. Is i am bru a’s dia do na daoine so.
Irr ’s na gabh achMinard ’s Liniment.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
LeighsidhMinard ’s Linimentcnatan.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 25. p. 7]
mu dheireidh na ghlaodh e gu ’m bu dee na deamhean a bha ann am balaich an fheile bhig a bha ’ga’n dion. Theagamh gnn abair cuid, “Nach briagha ’chaidh Wellington as? Ma chaidh an duine ard so as, cha b’ ann le sian na le gealtachd! Cha mhor gu robh seanalair dluth dha nach deach a thilgeadh na leon. Bha Coirneal Gordon aon uair a guidhe air gun e fein a chuir an cunnacd mar a bha e ’deanamh, ’n uair thainig peileir ’s an fheadearsaich, ’s a chaidh e troimh cheann. ’N uair bha Coirneal Canning dluth dha le teachdairachd bho sgeith de ’n arm, thainig peileir gunna-mhoir ’s rinn e da-leth dheth. Chaidh peileir thro’ lethcheann Sheanalair Picton bho thaobh gu taobh, agus mar sin sios; air chor ’s ma chaidh an Diuc as, gu ’m b’ ann a chionn nach robh ’uair fathast air teachd.
Chaidh mise leigheas de’n loimidh leMINARD ’S LINIMENT.
ANDREW KING.
Halifax.
Chaidh mise leigheas de’n chuing leMINARD ’S LINIMENT.
LT. -COL. C. C. READ.
Sussex.
Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich leMINARD ’S LINIMENT.
C. S. BILLING.
Markham, Ont.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 25. p. 8]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB IV. —Air a Leantuinn.
Bha an latha ud uile air a chaitheadh cur an t soithich air doigh. Bha Doctair Saor-ghras mar an ceudna anabarrach driopail air feadh nam maraichean, agus bha iadsan air a neartachadh leis an uile neart a reir a chumhadh ghloirmhoir-san, chum an uile fhoighidin agus fhad-fhulangais maille ri gairdeachas. ’Sann a nis a thoisich iad air bhi tuigsinn brigh na ’m briathran, “Cha’n ann aig a’ mhuinntir a ta slan a ta feum air an leigh, ach aig a mhuintir a ta euslan. A mheud sa chaidh dh-ionnsuidh Doctair Saor-Ghras ri bron thainig iad air ais le gairdeachas oir do’n chuid mhor dhiu thug e an deoch ainmeil sin ris an obrar Ghradh-Chriosd. Bha guth na h-urnuigh sa mholaidh rithisd air a chulinntinn; shealbhaich iad gairdeachas agus aoibhneas agus dh-imich bron agus osnaich air falbh.
CAIB V.
Nuair thainig na maraichean comhlath rithist bha iad fo mhor imcheist mu thimchiol a mheall neoil. Dh’innis Criosduidh dhoibh gu’m be ’n Tighearna bh’ ann—gu’m buineadh an fhairge dhasan ’s gun do chruthaich E i ’sgur e lamh-san a dhealbh an talamh tioram. Chreid cuid, agus rinn iad mor ghairdeachas thubhairt cuid eile: “Is cruaidh a’ chainnt so; co a dh-fheudas eisdeachd rithe. Bha Tomas agus Ceann-Cruaidh fo theagamh. Chreid Eudmhor le uile chridhe.
“Feumaidh sinn tuilleadh dearbhadh” thubhairt Faicill “Cha’n eil Cuisean a reir a’n coltais” arsa’ Dearsadh. “Tha ’n naigheachd tuille ’s math gu bhi fior” arsa Cuilc-Bhruite. Ach fhreagair Timoteus: Is fior an radh so, agus is airidh e air gach aon chor gabhail ris, gu’n d-thanig Iosa Crisod do’n t-shaoghal a thearnadh pheacach d’am mise an ceud-fhear. “Bheil thu creidsinn faoin—sgeulachda a dhealbhadh gu h-innleachdach mar so “dh-feorarch Dearsadh. Dh’amhairc Timoteus mu’n cuairt air le corruich agus thubhairt e: Tha mi creidsinn gu robh Dia air fhoillseachadh anns’ an fheoil, gu’n dh-fhireanaicheadh e san spiorad, chunnacas le ainglibh e shearmonucheadh e do na Cinnich: chreideadh ann air an t-saoghal, ghabhadh suas e chum gloire.
Chaidh fear Tearlach Luckey a chrochadh ann am Brockville, Ont., Dior daoin an ceathramh latha deug dhe’n mhios so. Bha e air a chrochadh air son athair ’sa phiuthaa ’sa mhuime a mhort. Rinneadh an ginomh oilteil o chionn corr us bliadhna, agus ged nach fhacas Tearlach Luckey ris, bha dearbhaidhean cho laidir na aghaidh ’s gun deachaidh a dhiteadh. Cha d’ aidich e chionta riamh, agus tha moran a nis dhe’n bharail gu’n deach a chur gu bas neo-chiontach.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Nollaig Chridheil!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son na Nollaige.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 25 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 25. %p |
parent text | Volume 2 |