[Vol . 2. No. 26. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 30, 1893. No. 26.
Dr. G. T. Mac Gilleain.
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.
Ghearr bean an an Alberton, E. P. I., a meur an la roimhe, phuinnseanicheadh a fuil leis agus an ceann beagan uine dh’ eug i.
Tha ubhlan Chanada a faighinn pris mhath ann an Lunnuinn. Tha pris gu math nas airde na bha i beagan uine roimhe so.
Tha ceud ’sa deich air fhichead de thaighean-oil ann an Halifax aig a bheil cead o’n lagh a bhi reic deoch-laidir. Cha’n eil teagamh nach eil aireamh mhath ann aig nach eil cead idir.
Ged nach d’ rinn an cholera uiread call air feadh na Roinn-Eorpa ’sa bha daoine ’n duil, cha deoch i bas fhathast. Tha i fhathast ann an Ruisia agus a deanamh sgrios air feadh na duthcha.
Oidhche Di-sathaime s’a chaidh, chaidh an tigh aig Howard Marshall, Digby, N. S., a bhristeadh agus chaidh ceud dolar a ghoid. Bha Marshall fhein aig an tigh ’nuair a bha na meairlich ris an obair, ach cha chual e diog.
Tha sinn fior thaingeil dha na cairdean a rinn ar cuideachadh air a bhliadhna so ann an cumail suas a MHAC-TALLA, agus tha sinn an dochas gum bi iad uile beo agus comasach air a chuideachadh cheudna dheanamh leinn air a bhliadhna tha tighinn.
Ann an New Zealand a nis tha cead aig ua mnathan vote a thoirt seachad aig am taghadh fir-pharlamaid. Thug an Riaghladh an cead sin dhaibh air an t-samhradh s’a chaidh. Bha taghadh aca air a mhios s’a chaidh agus chaidh na mnathan a mach nan neart.
’S neonach da rireadh an ni nach dean daoine air an latha ’n diugh air son ainm a chosnadh dhaibh fein. Bha te Mrs. Ann Cook ann a Philadelphia o chionn ghorrid a ghabh na ceann gu feuchadh i de cho fada ’sa rachadh aice air bhi beo gun ghrenn bidh itheadh. Dh’ fhan i na trasg tri fichead latha sa dha agus an sin thilg i ’n anail. Nuair a thoisich i air trasg thomhaiseadh i faisg air da cheud gu leth punnd, ’s mu’n do sguir i cha robh dad air fhagail dhi ach na cnamhan.
An Comunn Ceilteach, Oilthigh Obaireadhain.
Choinnich an Comunn so air Di-haoine mar a b’ abhaist Mgr. Alasdair Caimbeull anns an chathair. Be am bonn deasboid “Am bheil na Gaidheal a dol a mugha?” Chuir Mgr. Ailean MacPhail an ceill am briathraibh ro-chomasach gun bheil, ag radh gun deachaidh linn na bardachd seach, gu’n bheil neart cuirp, cruadalas, caoimhneas agus baighealachd nan Gaidheal a fas nis lugha; agus gun bheil iad a leigeal sios canan an duthcha. Na ’m biodh na cothroman air son iunnsachadh a th’againne aig ar n-athaireachean cha ’n eil teagamh nach d’ thugadh iad bar oirnne an litreachas mar ann an nithe eile.
Labhair Mgr. Aonghas Urchadan air an taobh eile, a dearbhadh gu greimeal gun bheil Gaidheal an la diugh a cheart cho ainmeal ri’n sinnsiribh ann doigh sam bith san d’ theid an gabhail. Gheibhear iad sgach cearna gan deanamh fein aithnichte an calmachd, agus an gnothuichean saoghalta.
Sa cho-dhunadh fhuaradh gun robh a mhor cuid do bhuil a chomainn dheth na bharail nach eil na Gaidheal a dol a mugha.
Thainig fear Seumas Brinkman a mhuinntir Winnipeg ri bheatha fhein o chionn ghoirid; chaidh e sios chum na h-aibhne ’s ghearr e toll troimh ’n deigh agus chuir e e-fhein sios ann sin ’s bha e air a bhathadh. Dh’fhag e sgian us piob-thombacca ri taobh an tuill agus a reir coltais ghabh e ceo as a phiob beagan mhionaidean mu’n do chuir e crioch air fhein.
Tha ’n tigh-osda a thatar a togail sa bhaile so a dol suas gu bras. Tha ’n taobh a mach cha mhor ullamh agus tha na saoir a nis ag obair air an taobh a stigh. Tha ’n tigh so air a thogail ann an aite boidheach agus cuiridh e sealladh briagha dhe’n bhaile ’nuair a bhios e air a chriochnachadh. Tha e ri bhi air fhosgladh air lath’ -Fhir-Padruig.
Fhuair maor ann an Columbia Bhreatunnach litir o fhear-lagha an Eirinn an la roimhe ag innseadh dha gu robh caraide dha air caochladh agus an deigh dileabach a dheanamh dheth. ’S fhiach an dileab a dh’ fhag e suas ri da fhichead mile punnd.
[Vol . 2. No. 26. p. 2]
GAIDHIL CHARALINA.
Tha do luchd-leughuidh an comain “Ailain an Ridge” air son an cunntas athghearr a thug e dhuinne mu Dhomhnullaich Carolina-a- deas. Bu mhor am beud gu n deach ainneart a dheanamh air Gaidhil cho dileas d’ an cainnt ’s d’ an eideadh. S cinnteach gun d’fhuair iad air aghart gu math ann an Carolina. Bu mhath leinn tuilleadh a chluinutin mu n timchioll-san agus mu thimchioll iomadh eile a chaidh imrich do na Staitean ud. Chaidh moran Gaidheal do dha Chartrina eadar ceud is ceud gu leith bliadhn’ air ais; cuid a Ile, a Duraidh, a Cinntire, as an eilean Sgiathanach agus a Uidhist, a thuile air na chaidh a null a tir-mor Alba. Shuidhich iad an aitean fallain de n duthaich agus shoirbhich leis a chuid mhor dhiu gu math. Thainig aireamh dhiu gu bhi ’n ard-inbhe aroan anns an Stait agus anns an Eaglais. Nuair dh’eirich na Staitean ann an ceannairc an aghaidh Bhreatunn, cor is ceud bliadhna air ais, cha thogadh na Gaedhil, ’s iad beo, an lamh an aghadh duthaich am breith, agus se rud a bh’ ann gu n do chaill moran diu, do brigh sin, an cuid an t-saoghal Na misg san a dh’ fhuilig cruaidh-chas anns na h-amana trioblaideach ud bha Iain Mac Mhurchaidh, am bard a Cintaile. Ghabh e taobh Bhreatuinn anns a chomh-stri a bh’ann. B’fheudar dha teicheadh ’s a bhi fo n choill uine mhor. ’S ann an uair sin a rinn e “Tha mi sgith ’n fhogradh so,” &c . Ghlac iad mu dheireadh e, ’s chuir iad ann an droch tholl priosain e far na chaochail e ann an uine ghoirid. Bha iad ro naimhdeil dha a chionn gun robh e le chuid bardachd a brosnachadh suas a luchd-ducha gu bhi dileas do Bhreatuinn. Bhuin iad mar sin an-iochdmhor ris ’nuair thuair iad nan inean e.
Anns a bliadhna 1774 chaidh Fionnaghal Dhomhnullach maille ri fear posda Ailean Chinnse-Borg do Charolina a-tuath. (Tha Fionnghala Dhomhnullach iomraiteach ann an eachdraidh air son na pairt a ghabh i ann an teanachdas a Phrionnsa ’o na Sasunnaich ’s iad an toir air air son a ghlachdadh, ’s a tairgse £30 ,000 do neach air bith a bhrathadh e.) Anns a bhliadhna 1775 thogadh reisimeid Ghaidhealach an Carolina gu cogadh air taobh Breatunn agus fhuair Ailean Chinnse-Borgh a bhi na cheann feadhna. Air an ath bliadhna bha iad ri aghaidh teine. Nochd na Gaidhil treubhantas mar bu dual dhaibh. Ach cha do sheas Breatunn an cul mar a dh’ fheumadh iad agus uime sin b’ fheudar geilleadh, ged nach b’ e n deoin e. Ghlacadh Ailean agus iomadh eile ’s rinneadh priosainich dhiu. Phill Fionnghal air a h ais do thir a duchais anns a bliadhna 1779 agus an uair a ghairmeadh an t-sith phill a companach mar an ceudna a dh’ Alba far na chuir iad seachad a chuid eile dheth ’m beatha.
Bha Gaelic air a labhairt ’s air a searmonachadh anns na Carolinas fad iomadh bliadhna an deigh an am ud. Bha moran de na Gaidhil nan luchd cumail thrailean agus chluinnte na daoine dutha e labhairt Gaelic cho glan ’s ged a b’ann an tir nam beann a bhearte ’s a thogte iad. Tha fichead bliadhna na cor o n sgriobh an t-Urr. Iain Mac-na-ceardadh a Philadelphia cunntas ath-ghear mu Ghaidheal Carolina anns an dubhairt e gum b’ esan an t-ochdamh ministear agus an t-aon mu dheireadh a shearmonaich Gaelic anns na Staitean sin. Thubhairt e mar an ceudna gum e bheachd-san nach biodh Gaelic tuille air a searmonachadh am an Carolina. Ma tha sin mar sin tha e a dearbhadh gu bheil an sluagh uile ionnsuichte ann am Beurla, ach cha’n eil e dearbhadh gu m beil iad air an Gaelic a leigeil air di-chuimhne. Bha e air aithris doth gu n robh Gaidheal a mhuintir C. B. air thurus tre phairt de n duthaich ud, o chionn uine nach eil gle fhad air ais, agus air dha tadhal ann an tigh tuathanaich ri taobh na rathaid dh’iarr e deoch, ann am Beurla. Dh eirich boirionnach a bha stigh a thoirt da an ni a dhiarr e. Bha sean-bhean na suidhe taobh thall an seomair, agus ars ise, ann an sar Ghaelic, “Faighnich dheth an gabh e deoch bhainne.” Nuair chuala an Gaidheal bochd a Ghaelic ’s e air ainiul, thug e chridhe leum le toileachadh ’s air ball fhreagair e an Gaelic, “Gabhaidh ’s mi a gabhas agus taing do’n te a thairgeadh doth e.” Thuair e sin, is biadh is cuid na h-oiche agus gach caoimhneas eile a b’ urraim iad a nochdadh da a thaobh gum a Gheadheal e a thuigeadh ’s a labhradh Gaelic.
Rinneadh an t-oran a leanas le Iain Mac Mhurchaidh ’nuair bha e fo’n choill ann an Carolina ri am Cogadh America:
FONN: —Tha mi sgith ’n fhogradh so,
Tha mi sgith dheth an t-strith;
Se an tim dhoruinneach.
Ged a tha mi fo’n choille
Cha’n ’eil coire ri chomdach orm;
Tha mi sgith, &c .
Mi air fogar bho fhoghar
Deanamh thighean gun cheo annta.
Ann am bothaig bhig bhanaich
Cha d’ thig caraid dha ’m fheoraich ann;
Ach na’n robh mi n Cintaile
Gheibhinn cairdean ’s luchd-eolais ann.
Ach na’n tigeadh Cornwallas
Sinn a gluaiseadh gu solasach,
Gu sgrios thoirt air beisdean
A thug m’ eideadh ’s mo storas uam
Thoir mo shoiridh thar linne,
Thun a ghlinne ’m bu choir dhomh bhi;
Far am minig a bha mi
’G eisdeachd gairich laoigh og aca,
Sios ’a suas troimh Ghleann-seile.
’S tric a leag mi damh croic-cheannach.
Thoir mo shoiridh le durachd
Gu Sgurr-Urain, ’s math m’ eolas ann.
Gur a tric bha mi dluth dhi
’G eideachd udlaichte cronanaich:
’S do ’n bheinn ghuirm tha mu coinneamh
Leam bu shoillear a neoineanan.
Thoir mo shoiridh le caoimhneas
Gu Torloisich nan smeoraichean.
Far ’m bu tric mi mu bhuideal
Mar ri cuideachda sholasach.
Cha b’e an t-ol bha mi ’g iarraidh,
Ach na b’fhiach an cuid oranan.
C. C.
Strathalba, P. E. I., Dec. 20, 1893.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
[Vol . 2. No. 26. p. 3]
Na Gnath Fhacail.
LE IAIN.
A h-uile rud a theid ’ian lion ’s iasg e.
Cha ’n ’eil ni air an t-saoghal anns nach ’eil feum, nam b’ aithne dhuinn feum a dheanamh dheth. Ach tha cuid ann a gheibh feum do gach ni a chi iad; agus tha cuid eile ann a mhiannaicheas gach ni a chi iad, ged nach biodh fios sam bith aca ciod am feum a dheanadh iad dheth.
A lion beagan is beagan, mar a dh’ith an cat an sgadan.
Tha a’ chuid mhor de nithean an t-saoghail so a’ dol as an t-sealladh beag air bheag. Tha ar n-uine ’falbh gun fhios gun fhaireachadh dhuinn, a chionn nach ’eil sinn cho curamach mu na h-uairean agus mu na mionaidean ’s bu choir dhuinn. Ma gheibh ana-miannan na feola greim oirnn, ithidh iad suas sinn a lion beagan is beagan.
A reir do mheas ort fhein, measaidh cach thu.
Cha tig an latha, agus cha chian an trath a bhios meas aig daoine eile oirnn, mur bi meas againn oirnn fhein. Ma ’s math leinn measg a bhith againn oirnn fhein, feumaidh sin a bhith ’smaointean air nithean measail, a bhith labhairt mu nithean measail, ar lamh a bhith ann an obair mheasail, agus a bhith ann an cuideachd dhaoine measail. Mar is trice, cha mholar na daoine aig am bi meas orra fhein idir. An uair a dh’iarras duine suarach oirnn a dhol a steach do ’n t-seomar-oil comhladh ris, ma dhiultas sinn a dhol maille ris, cainidh e sin.
A’s t-Earrach, an uair a bhios a’ chaora caol bidh am maorach reamhar.
Ann an riaghadh glic a’ Chruithfhir tha a shuidheacnadh agus a ghe fhein aig gach creutair. Tha amannan soirbheachaidh aig na creutairean a’s isle anns a’ chruthachadh, cho math ris na creutairean a’s airde a th’ ann. Tha na nithean a dh’ ulluich Dia air ar son, a’ tighinn do r n-ionnsuidh agus a’ deanamh feuma dhuinn, an uair a tha sinn anns an t-suidheachadh anns an d’ orduicheadh dhuinn a bhith.
Tha an gnath-fhacal so mar an ceudna a’ teagasg dhuinn gu bheil cuid dhe ar beathachadh ri tighinn as an fhairge. An uair a bhios toradh na talmhainn gann, ar ner mi-fhreagarrach air son beatha do’n duine, is coir do’n duine oidhirp a thoirt air a bheathachadh a thoirt as an fhairge. Anns na bliadhdachan a dh’ fhalbh bha barrachd de dhaoine bochda na duthcha a’ tighinn beo air maorach a’ chladaich na bha ’tighinn beo air feoil nan caorach.
A’ greasad an eich ’n a fhallus.
Ged nach ’eil anns an each ach an t-ainmhidh cha bu choir a bhith trom air an uair a tha e ’deanamh cho math ’s ’is urrainn e. Tha cuid ann, agus ged a bhristeach an luchd-muinntir an cridhe ag obair dhaibh o mhoch gu dubh, cha bhi iad riaraichte leis na nithean a dh’ obair dhaibh.
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB V. —Air a leantuinn.
Tuilleadh fos; iadsan uille nach coimhead an Creidimh agus deadh choguis ni iad gu cinnteach long-bhriseadh. Dh’fhas Tomas agus Ceann-Cruaidh neoshocrach—chiadh iad suas dh-ionnsuidh a chlar—uachdair, agus labhair iad comhlath mu thimchioll taisbeanadh an Tighearna Chriochnaich Ceann-Cruaidh le bhi gradh “Feudaidh a bhi Feudaidh a bhi.” Choimh-neartich a’ bhriathran teagamhan Thomais, air leithid de dhoigh, ’s an uine ghearr gu’n cual e ann a fiuran gach tonn na briathran, “Feudaidh a bhi” Sheol iad le gaoth fhabharaich fad na h-ath sheachduin. Bhuanaich Criosduidh ann bhi fas ann an gras agus ann an eolas an Tighearna; bha chairt-iul agua leabhar na Beatha ainmig as a lamhan; sguabh e ’n ghloine-amhairc agns, iomadh uair re an latha, thug e suil air a chompaisd. Dhearlaich e na maraichean am beatha a chaitheadh gu stuama, gu cothromach, agus gu diadhaidh, agus rinn e cinnteach iad nach eireadh dosgainn do’n t-Soitheach. Na ’m fhiosrach e gu robh cuid de na maraichean teagmhach ma theachd an Tighearna bhitheadh e neo-fhoiseal. Air feasgar araidh, bha iadsan a bha teagmhach nan seasamh comhla aig toiseach an t-soithich—nuair chunnaic iad bata cuir le gaoith beagan an ceann orra.
Bha seann duine na shuidhe ’sa ’n deireadh, le ghairdeanan sinnte mach a giudhe comhnaidh. Thilg Tomas, nach de chuir a comhairle ri neach air bi, ceann ruip thuige—air na ghreimich e le luathas do—chreidsinn air son aon co aosda thog iadsan bha cuir an teagamh, air dhoibh bhi cruinn comlath, steach do’n soitheach e—chaidh am bata leigeil fa sgaoil. Nuair thainig a seann-duine air bord—oir se so a b’ainm dha—cosad ainneartach—mar gu’n reubadh e na mhirean.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
LeighsidhMinard ’s Linimentcnatan.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 26. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 30, 1893.
Cha’n eil teagamh nach bi a bhliadhna tha nis a criochnachadh iomraiteach ann an eachdraidh an t-saoghail ’sna linntean ri teachd. Bha rioghachdan na Roinn Eorpa gle anshocrach fad na bliadhna ged nach robh cogadh ann idir. Bha’n Fhraing ’san Eadailt a sor-atharrachadh an luchd-riaghlaidh, cha luaithe bhiodh aon duine air an stiuir na dh’ fheumadh e ’fagail agus rum a dheanamh do neach eile. Bha stri mhor anns a pharlamaid Ghearmailteach toiseach na bliadhna; a phairtidh rioghail a feuchann ris an armailt chogaidh, a tha cheana tuilleadh us mor, a dheanamh na bu mho, agus ged a thug cairdean an t-sluaigh ionnsaidh laidir air an achd sin a chumail o bhi na lagh, chaidh neart thar ceart agus tha barrachd shaighdearan anns a Ghearmailt an diugh na bha innte riamh roimhe, agus cis nas truime air an t-sluagh air tailleabh sin. Anns a pharlamaid Bhreatunnach thug Gladstone ionnsaidh air Fein-Riaghladh a thoirt a dh’ Eirinn, ach chuir na Morairean stad air. Bha cogadh beag aig Breatuinn ann an Africa, agus mur robh cogadh aig an Fhraing ann an Siam, ’sann a chionn nach leigeadh, rioghachdan eile leatha. Cha robh feill riamh ann an duthaich sam bith a choisinn uiread aire ri Feill an t-saoghail ann a Chicago air a bhliadhna so. Bha’n fheill so air a cumail mar chuimhneachan air Columbus agus air an turus-cuain a thug e air an d’fhuair e America. Ann an greadhnachas agus ann an saoibheas thug an fheill barr air cruinneachadh a chunnaic an saoghal riamh. Rinneadh call mor air muir re na bliadhna. Bha stoirmeannan mora ann ris na chaill moran dhaoine treuna am beatha. Chuir call na Dorcas leis na bh’ air bord gruaim air an eilean so. Agus chuir call na Victoria le corr us ceithir cheud duine crith air feoil na chuala mu dheibhinn. A bharr orra so bha call mor am measg measg shoithichean beaga. Cha robh a bhliadhna so na bliadhna shoirbheachail do mhuinntir nan Staitean Aonaichte; tha timeannan cruaidhe aca ’san duthaich sin agus ’sann a sior dhol na’s cruaidhe tha iad. Tha sinn an dochas gum bi leasachadh air cuisean an uine ghearr; mur leasaich bidh an sluagh bochd air an droch charadh. ’Nuair a bheir sinn suil air ais ’sa chi sinn na thachair re na bliadhna chi sinn gu robh an duthaich againn fhein a soirbheachadh gu math, agus ged tha sluagh ann an duthchannan eile a fulang le fuachd us acras, gun fhios aca ’n diugh am bi greim ri ith aca maireach, tha sinn ann an Canada am mealtuinn pailteas agus ’ga mhealtuinn ann an sith.
Tha bhliadhna ochd ceud deug ’s ceithir fichead ’sa tri deug gu teirgsinn. Tha Bliadhn’ Ur a tighinn, agus ’se guidhe a MHAC-TALLA gu’m bi i na bliadhna shona agus shoirbheachail do na Ghaidheil anns gach cearna dhe’n t-saoghal ’sna thuit na crannchur. Tha e guidhe gu h-araidh gu’m bi sith, sonas agus soirbheachadh leotha-san a tha deanamh uaill as gur-a Gaidheil iad, agus a tha deanamh an dichill air cainnt agus cleachdaidhean an sinnir a chumail air chuimhne, muinntir aig a bheil baigh ri tir an fhraoich ’s ris na laoich chalma dha ’m bheil an tir sin na dachaidh. Tha sinn an dochas gu’n lean iad air a bhi cho dileas dha’n duthaich ’s dha’n canain ’san am ri teachd ’sa bha iad ’san am a dh’ fhalbh, agus gum bi an aireamh a sior dhol am meud. Tha moran Ghaidheal anns an duthaich so nach eil a deanamh uaill sam bith as a bhi de shliochd nan sonn, agus nach eil a deanamh strith sam bith ri bhi cumail suas cliu an cinnidh, ach tha sinn an dochas gu’m bi suilean na feadhnach sin air am fosgladh, agus gu faic ’s gu’n tuig iad gur fhiach canain agus cliu nan Gaidheal a bhi air an cumail air chuimhne.
A Amhainn Dhennis.
Tha Nollaig a nis seachad—an t-am bhitheadh aoibhneas agus cridhealas na’r measg, ach am bliadhna bha a againn an an so bron oir bha an “teachdair gun truas” air chuairt agus ann an aon seachdain dh’ fhag e aite falamh ann an tri teaghlaichean agur cridheachan goirt nan deigh.
Tha sinn feitheamh le foighidinn ri eachdraidh an Urr. Ruairidh Macilleod ma thurus gu tir nam beann.
Tha “na gnath-fhacail” aig “Iain” cordadh ruinn taghta math agus tha mi an dochas gum bith iomadh latha fathast mu’n teirig naighechdan dha.
Bu math leam crathadh—lamh a thoirt do uile luchd-leubhaidh a MAC TALLA agus BLIADHNA MATH UR fhailteachadh orra ach tha mi d’ an bharail gu bheil iad nis cho lionmhor agus gu’m bitheadh mo lamh gu’n feum iad uine, or cha’n eil na feithean idir cho laidir sa bha iad an gairdean President Lincoln nuair a chrath e lamhan nan tri mile saighdear leonta agus an deigh sin, a leigeal fhaicean nach robh e sgith rug e air tuaigh agus thug a faram air gearradh connaidh.
X. Y. Z.
Dec 27mh ’93.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. H. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 26. p. 5]
COMHRADH EADAR AM MAIGHSTIR SGOILE AGUS CALUM POSTA.
(A Cuartair nan Gleann.)
MAIGHSTIR SGOILE. —Tarruing do cheum a Chaluim, cha fhreagair do ghillean na Banrinn, a bhi cho maimealach leisg; tha thu fad air deireadh an diugh.
CALUM. —Tha, s’ann agam a tha fhios, ach na’m bitheadh mo mhaileid air do dhronnaig sa agus d’ anail a’ d’ uchd, mar thachair dhomhsa cha bhitheadh tu cho ealamh gu achmhasan a thoirt don t-seann Phosta.
M. SG. —S’ann da rireadh a tha mi. So So tarriung ort, —bha gille beag a Bhaillidh an so o cheann da uair a feitheamh ort, thug e cheardach air a sheideadh a bhuilg a dh’ fhuchainn blas a chur air fhein, ach ’s mor m’eagal gu’n deachaidh e dhachaidh.
CAL. —Ma chaidh maith dha, tha mo bhalgsa cho mor air a sheideadh ri aon bhalg ceardach san duthaich. Ged ro am baillidh fhein an so agus am ministeir comhla ris, gun tighinn air gille na brigise buidhe; cha robh comas air.
M. SG. —Ma ta on a thachair dhuit ainmeachadh bha ministear an so cuideachd—chaill e fhoighidinn agus chaidh e dhachaidh cha robh e idir toillichte.
CAL. —Nach robh ’s neonach leam sin. ’S iomadh latha thug daoin eile breabadh an sailtean aig ceann na h-eaglais a feitheamh ris an duine coir ’s gun a chridh agad fhein ged is seorsa do phears eaglais thu a radh ris gum b-olc, agus a thaobh fhoighidinn a chaill e is suarach an ulaidh i dha-san a dh’amaiseas oirre; bha i gu maith air a caitheamh.
M. SG. —So, So, fosgail do bhroilleach s’ thoir dhomh na litrichean.
CAL—Mo Bhroilleach Fhir mo chridhe chaidh e bhuaithe sin a nis, cha deachaidh cliabh moine riamh air mo dhronnaig cho trom ris a mhaileid uir so.
M. SG—Maileid a Chaluim?
CAL.— ’Seadh Maileid, no sac ma s’ e is fearr a thuigeas tu, sac eich ’s cha shac air son criosduidh. Cha b’ionann s an leobag bheag leathraich a b-abhaist a bhi agam le sreing ma Muineal, cho soirbh na giulan ri aon spliucan tombaca chuir duine riamh n a phoca, ’s ged nach robh moran litrichean innte bha iad luach-mhor. Ceir uasal dhearg orra cho cruinn leathann ri bonn cruin, tri no ceithir air son a mhinisteir agus leobag bheag an ceann gach raithe air son a cheannaiche bhain, agus da rireadh b’fhiach e a pris, bhraoisg fhaicinn a chuireadh e air ga leughadh. Chunnaic mi sinn a tarruing barrachd airgid air son tri litrichean ’s an am sin na ni sinn a nis air son carr cum sin, de n seosa ur a thug mi duigh leam, cailc nuadh air a h-uile aon duibh paighte air clar gach aodain duibh, agus air son phaipeirean na dheach, cha n eil balach a thug foid moine fo achlais do n sgoil an duigh nach faod paiper naidheachd a thoirt daichaidh n a aite. Cha n fhoghnadh an t seann fheadhainn, ach fear ur, fear Gaidhealach ma s fhior, Cuairtear nan Gleann, ach chan abair mi tuilleadh, sin agad a mhaileid ’se fichead litir agus cuid dubh air son feadhainn nach d fhuair litir riamh.
M. SG. —Fuiribh air ur nais gus an seorsaich mi na litrichean—cha n fhaodar laimh a chur air a h-aon duibh.
CAL. —Cha chuir sinne corrag orra, ach faodaidh an cat amharc air an righ. Co dha tha i sid na h-uile litir air a cul cho reamhar gharbh ri m ludaig s cho cam ri iomaire n amadain, stad fhuair mi e. “Donald McLucas, Esquire,” Shooter of Wild Beasts, Big Craig. Esquire.Thug so barr air na chunnaic mi riamh. Ach co i so Miss Christiana Mac O Shenag, Old Wife’s Point, Mull. ubh, ubh, ubh, co i so. Feuchaidh so riut fhein ge h-eolach thu an aithe dhuit i Old Wives Point Sin aite nach cuala mise ri m linn no fear eile romhan. O! Bheurla, Bheurla. Mar tha i tolladh a stigh.
M SG. —Nach cum thu do theanga Chaluim an e nach aithne dhuit i, Cairistiona mhor aig Rudha na Caillich.
CAL—Rudha na Caillich! Old Wife’s Point! Mo chreach, mo creach. Cait an stad so ’s culaidh spuirt so gun teagamh, ach stad tha mi tuigsinn co bh-uaithe tha litir Cairistiona, Cuiridh mi geall gur e bodach na brigise cainbe bha ’g iasgach nan Cruban s nan giomach air son an t-Sasunnnaich mhoir sa chaisteal a dh fhag a chleibh sa lin ann an tigh Cairistiona ach tha i mach a cladadh s bidh greis mun ruig an litir i.
M. SG. —Uist a Calum air neo cuiridh tu fhein us mise mach air a cheile s cha bhi sin freagarrach.
CAL. —Cha chuir gu dearbh cha chuir b’e sin an ordag an aghaidh na glaice. Mise bhi stri riutsa. So agad Eoghan figheapair ag iarridh litreach. Eoghan. Feuchaibh am faic sibh te air mo shon o sa bho Ailein mo mhac s fhad o na chuala mi bhuaithe. Bha e ann an Sasnnn nuair a thainig an te mu dheireadh. S tha mi fo mhor iomaguin.
M. SG. —Tha i ann an so Eoghain. Am fosgail mi i.
EOGH. —Ciod eile fhir mo ghraidh nach sibh fhein mo pheann sa ’s mo shuilen.
M. SG. —Tha e slan, fallain gun dith gun deireas, agus gu dearbh se fhein aig am bheil an gnothach ri sgriobhadh. An gille gasda, tha sodan orm litrichean cho poncail cheart agus laimh sgriobhaidh cho eireachdail bhuaithe. Fuirich an deigh chaich agus leughaidh mi air fad e.
EOGH. —So agaibh na dh-fhuasglas i. Reic mi n. Coileach ruadh ri Cailleach nan uibhean sar leam gur e tri sgillean deug s bonn a se bha n te mu dheireadh a thaining.
M. SG. —Cum d airgoid ad sporan Eoghain, cha ne’eil dad ri phaigheadh dh fhalbh an latha sin agus thanig riaghaithean a’s fhearr.
(Ri leantuinn)
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
[Vol . 2. No. 26. p. 6]
AN CLAG BALBH.
Cha’n eil air an t saoghal ach aon chlag a tha tuilleadh us mor air son fuaim a thoirt as. Tha am fear sin ann am Moscow, baile mor a bha re iomadh linn us bliadhna na cheanna bhaile aig na h-Iompairean Ruiseanach, agus a tha ’n diugh ’na bhaile cho mor ’s cho briagha ’sa bha e riamh ged tha ’n teaghlach rioghail agus luchd riaghlaidh na duthcha an deigh fhagail. Tha daighneachd mhor ann am Moscow ris an abrar an Kremlin, agus duine sam bith a dh’fhagas Moscow gun an Kremlin fhaicinn, tha e ’ga fhagail gun fhios aige de chaill e. Tha ’n daighneachd mhor so iomraiteach ann an eachdraidh agus tha deigh mhor aig muinntir a bhi dol ’ga amharc as gach cearna dhe ’n t saoghal. Tha i lionadh corr us da cheud deug acaire fearainn, tha ochd tuir dheuga a stri co ’s airde, tha na ballachan a tha ceithir-thimchiol oirre tri fichead troidh o bhonn gu mullach, agus gheobhar a stigh troimh choig geataichean, ’s gach fear dhiubh cho laidir ’s cho briagha ’sa thigeadh dhaibh a bhi ’na leithid a dh’aite. Tha fear dhe na geataichean sin ris an canar Geata ’n Fhir-Shaoraidh; bha e air a thogail ’sa bhlaidhna 1491, bliadhna mu’n d’ fhuair Columbus America. Faisg air a gheata so tha Tur Ivain Mhoir. Anns an tur so tha moran chlag an crochadh, tri deug air fhichead air fad. Tha ’m fear a’s mo dhiubh tri fichead tunna ’sa ceithir a chudthrom, agus tha na dha a’s lugha air an deanamh air airgiod, agus tha’n gliongarsaich anabarrach binn. Aig bonn an tuir so tha clag na’s modha na gin de chach as nach d’thainig gliong riamh. Tha e da throigh a thiuighead, tri fichead troigh ’sa h ochd mun cuairt, ’s sia troighean fichead a dh’ airde. Goirid an deigh dha bhi air a thilgeadh an toiseach, thuit e as an aite ’n robh e ’n crochadh agus bhrist e. Chaidh a thilgeadh an darra uair ’sa bhliadhna 1654, agus chrochadh suas e fichead bliadhna ’n deigh sin. Ach thainig an teine rithist, loisgeadh an tigh, thuit an clag agus sgealb e na phiosan ’sa bhliadhna 1706. Mu cheithir fichead bliadhna ’sa deich chuir a Bhan-Iompaire Anna mu dheaghainn an clag a thilgeadh aon uair eile. Rinneadh sin le moran greadhnachais. Bha bhan iompaire i fein sa chuid bu mho dhe na h-uaislean a lathair agus chan fhoghnadh leotha ach or us airgiod us aireamh mhath de clachan luachmhor a chur am measg an stuth dhe’n robhas a deanamh a chluig. Ach mo chreach! cha d’ rinn an t or ’san t-airgiod ’s na clachan luachmhor ach an clag a thur mhilleadh; ’nuair a dh’fhuairich e cha robh ceol no binneas ann agus uime sin cha deach a chrochadh. Chaidh tigh a thogail uime a chumail fasgaidh, ach an ceann aireamh bhliadhnachan chaidh an tigh sin na theine, ghabh an clag teas, agus thainig sgealb as. Tomhaisidh an sgealb so aon tunna deug agus tha ’n clag a coimhead gu math bearnach as a h-aonais. Fad ceud bliadhna ’n deigh sin bha e air fhagail air an talamh, gun churam sam bith a ghabhail dheth, agus bha e sior dhol fodha gus na smaoinich an t-Iompaire Nicholas, ’sa bhliadhna 1836, go’m bu choir suil a thoirt air. Thog esan e agus chuir e air bun carraigh e ’san sgealb a dh’fhalbh as na laidhe ri thaobh. Tha e ’na shuidhe an sin air an latha ’n diugh, an clag a’s modha ’s as modha chosg a tha air ur uachdar an domhain, ach tha e cho balbh ri claich, agus cho beag feuma ri uiread de sheann iarunn.
Chaidh mise leigheas de’n loimidh leMINARD ’S LINIMENT.
ANDREW KING.
Halifax.
Chaidh mise leigheas de’n chuing leMINARD ’S LINIMENT.
LT. -COL. C. C. READ.
Sussex.
Chaidh mise leigheas de loinidh chaothaich leMINARD ’S LINIMENT.
C. S. BILLING.
Markham, Ont.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 26. p. 7]
IAIN MAC CODRUM.
Bha Iain Mac Codrum, ris an abrar ain Mac Fhearchuir, beo ann an linn Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Bha e ’na bhard’ do Shir Seumas Mac Dhomhnuill a dh eug anns an Roimh. Bha Mac Codrum ainmeil airson a dheagh Ghaidhlig agus bha e ’na chleachdadh aige ’bhi cluich air na facailibh aig an rodh da chiall. Nuair a bha Seumas Mac a’ Phearsoin a’ tional sgeulachdan Oisein, thachair e air Iain Mac Codrum ged nach robh fios aige gu ’m b’e am bard a bha ann. Chuir Mac a’ Phearsoin a’ cheist so air “Am beil dad agad air an Fhein?” fhreagar Mac Codrum “Cha’n eil, ’us ged a bhithead cha ruiginn a leas iarraidh nis.” Cha do chord so ri Mac a’ Phearsoin agus dh-fhalbh e gun an corr a radh ris. Tha e air a radh gu’n deachaidh Alasdair Mac Mhaigstir Alasdair aon uair a dh fhaicinn Iain. “An aithne dhut Iain Mac Codrum?” ars Alasdair. “Is aithne gu ro mhath” ars Iain. “Am beil fios agad am beil e ’staigh?” Ma ta, bha e ’stiagh nuair a bha mise, agus cha d’ rinn mi ach tighinn a mach.” “Caithidh mi an oidhche nochd maille ris ma’s abhuist aoidhean a bhi aige.” Tha mi ag creidsinn nach bi e falamh dhiubh ma bhitheas na cearcan a’ breith,” a dianamh cluich air an fhacal “aoidhean.” Bha e aon uair air turus mara agus chaidh am bata ’steach do phort Thobar-Mhoire ann am Muile. Thainig muinntir a’ bhaile a nuas gus a’ chladaich, a dh-fhaicinn ciod e am bata a thainig gu port. “Cia as a thug sibh an t-iomram a’ ghillean?” arsa fear de na Muilich. “As na gairdeanan” ars’ Iain. “An ann bho thuath a thainig sibh?” dh-fhoighnich feat eile. “Cuid bho thuath agus cuid bho thighearnan” ars am bard. Cha robh a chuid orain riamh air an clodh-bhualadh ach aon no dha a bha air an cur ann an leabhar Mhic Mhaighstir Alasdair agus mar sin tha moran bardachd a rinn e, air a call. Tha moran de’n t-seanachas aige air chuimhne ann an Uidhist fathast; agus is mor am beud nach robh iad air an tional, agus air an cumail air chuimhne mu’n teid an call uile gu leir. Bha e beo anns a’ bhliadhna 1766 ach cha’n eil fios cinnteach cuin a chaochail e.
Oran do’n Teasaich.
LE IAIN MAC CODRUM.
’S mise chaill air geall na carachd,
Bha eadar mi-fein sa chailleach.
Gu’n tug i dhiom brigh mo bharra,
Cul mo chinn a chur ri talamh.
M’ fhuil ’us m’ fheoil thug i dhiom,
Chuir i cronan am chliabh,
B’e ’n droch codhail domh ’bhiasd,
Gu’n robh toireachd ga diol.
Chuir i boil am cheann is bu mhor i,
Faicinn dhaoine marbh ’us beodha,
Coltas Hector mor na Troidhe,
’S nan gaisgeach bha ’m feachd na Roimhe.
Cailleach dhuathsach, chrom, chair,
Bha lan tuaileis
Chuir mi ’m bruailean ’s gach iall,
’S chuir i ’m fuadach mo chiall.
’S bochd a fhuair mi bhuat am foghar,
’S mi gun luaigh air buain no ceanghal,
Mo cheann iosal ’us mi am laidhe,
Bruite, tinn ’us sgios am chnaimhean.
Bha mo chnaimhean cho sgith,
’S ged do sgathadh iad dhiom,
Gu’n robh am padhadh gam chlaoidh,
’S gun traighinn abhainn le mhiad.
’S bochd an t-aite leap’ am fiabhras
Dh-fhagas daoine fada, riabhach,
Glagaich lag le fada ’n iargainn,
Gann de dh-fhalt ’us pailt de dh-fhiasaig.
Pailt de dh-fhiasaig gu’n tlachd,
Chuir am bial air drochd dhreach,
Deoch no biadh theid a steach
A dha thrian innte stad.
Do chota fas is e gun lianadh,
T[ ? ]oaan rocach air dhroch fhiaradh,
Caol do choise nochdaidh pliathach,
Ionan cho fad ri cat fiadhaich.
Casan pliathadh gun sugh,
Fo’n da shleasaid gu’n lugh,
Gur pailt liagh dhaibh no lunn,
Cha bhean fiar dhaibh nach lub.
Bithidh do mhuinneal fada; feathach,
’S faisnichean mar chabar cleibhe,
Easgadan glagach gun speirid,
Gluinean ri tachas a cheile.
Gluinean geura gun neart,
’S iad cho ciar ris a chairt,
Thu cho creubhi ri cat,
B’ fhearr an t-eug gad sgath as.
A bhonaid da uiread sa b’ abhuist,
Air uachdar currachd nach aluinn;
Cluasan gu’n uireasbhaidh fasa,
Ceann cho lom ri cre na dearnaidh.
Cha b’e ’n companach caomh,
Dh-fhag cho lom mi ’s cho maol,
Rinn mo chom mar phreas caoil,
Mar mhac-samhla do’n aog.
Bithidh tu coltach ri fear misg,
Gun dad ol gun aon mhir ithe,
Chionn nach bi lughs nad’ dha iosgaid,
Bithidh tu null ’sa nall mur chlisnich.
Bidhidh tu d’shiachaire lag,
’S ceann do shithe gun neart,
Ann ad ghniomh cha bhi tlachd,
Na d’ chus mio-loinn air fad.
Irr ’s na gabh achMinard ’s Liniment.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 26. p. 8]
CUMHA.
Do Dhonnachadh agus do dh-Alasdir Cauimbeal, clann Baillidh thiritheadh, a chaidh a mharbhadh ann san Spain.
LE GILLEASBUIG MAC PHAIL.
FONN.—
Mort Ghlinne Comhann.
’N Aird nan Cros tha sgeul tursach,
’S tha sin bichiont’ ’tigh’nn ur oirnn an drast;
Fhad ’s bu mhaireann na daoine
Bhiodht’ a’ feoraich leinn daonnan mu ’n slaint’.
An nis dh’fhalbh iad gu buileach,
Ach an t-aon ’tha ’sa chunnart ’n robh cach;
O, gu’n comhnadh Mac De leis
Anns gach rathad ’san deid e gu brath.
Gu ’m b’ iad sid na fir smearail,
A bha foghainteach fearail neo-chrion
A bha misneachail, dana,
Is nach tilleadh roimh namhaid gun sith.
Gur h-e ghiorraich ’ur laithean,
Cho fior dhileas ’sa bha sibh do’n righ;
’S e bhur treine ’n am cruadail
’Chuir cho tric bhur luchd-fuath ’air bhur ti.
Cait an robh ann an Albinn,
Ged is iomad laoch calm’ ’tha ’san tir,
Leithid Dhonnachaidh oig Chaimbeil,
’Na chomanndair an armailt righ’.
Ann san Spain ’s e toirt ordaigh,
Chuirt’ gach ni mar bu choir ann an gniomh,
B’ fhear a leanadh an ruaig e,
’Se nach tilleadh romh fhuathas san strith.
Ghabh do naimhdean sar bheachd ort
Ann an toiseach a bhaiteil ’dol sios;
Bha iad faireil sgad chuallach
Mar gu ’m bitheadh ann buachaille dion’;
Ghabh iad cothrom gu h-uaigneach
Air tighinn mu’n cuairt dhuit a risd.
Le neart fudair is luaidhe
Gus ’n do rinn iad do bhuaiadh fo ’n chich.
Thuit thu ’n sin, ’s gu ’m be ’n diubhail,
Bha na Gaidheil fo thursa ’nad dheigh;
’S fad’ a chluinnt’ iad a gairich,
’S iad mar uain ’bhiodh gun mhathair air threud:
Aca fein a bha ’n riasan,
Chaill iad urrainn gu’n tiarnadh bho bheud;
Dha ’n robh comhairle ’s riaghailt,
Moran tuigse ’s deagh chiall air a reir.
Cha be measa Gilleasbig,
An am cruadail ’s e sheasadh ri feum;
Is aig Admiral Nelson
Gu ’n robh moran de mheas air thar cheud,
’S glan a dhearbh e a ghaisge
’Nuair a chuir e ’suas battri leis fhein,
’Se a ’giulan ’na achlais
Na chuireadh fo shac da fhear dheug.
’N uair a fhuair thu na canain
Chur ’san ordagh ’bu mhath leat gro feum;
Chuir sibh seisd ris a bhaile
’S thug sibh air tigh’nn gu h-ealamh fo gheill.
Ghabh thu dh’ ionnsidh do luinge,
’S gu ’n do chuir thu mach fuil air do bheul;
Leis mar sgain thu do chridhe,
’S truagh a dh’ fhag thu do chinneadh ’ad dheigh.
ThaMinard ’s Linimentmath do’n fhalt.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Nollaig Chridheil!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son na Nollaige.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 26 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 26. %p |
parent text | Volume 2 |