[Vol . 2. No. 27. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IANUARY 6, 1894. No. 27.
Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.
Tha ’n grippe air tighinn rathad Shidni a rithist.
O’n thainig a bhliadhna 1894 a stigh tha’n t-side gle bhriagha, cho briagha ’sa dh’ iarramaid. Thainig uisge trom oidhche Dior-daoin a thug air falbh roinn mhath dhe’n t-sneachda.
Chaidh corr us muillein tunna guail a chur a mach a meinnean Cheap Breatuinn air a bhliadhna s’a dh’fhalbh, barrachd sa chaidh a chur asda an aon bhliadhna riamh.
’Se gaol an airgid freumh gach uilc, ach cha’n e ’gaol an airgid a tha cur dragh oirnne idir ach cion an airgid. Mur biodh cion an airgid oirnn, cha chluinnte sin toirt iomradh air eadar dha cheann na bliadhna.
Tha soitheach beag seolaidh le fear Kelly aann an lamhan fear an tigh chuspuinn aig Lingan, air son a bhi ruith eadar St. Pierre ’s an Bras d’Oir gun fhios do luchd na cuspuinn.
Chruinnich Parlamaid Nova Scotia Dior-daoin s’a chaidh. Tha so gu math nas traithe ’sa bhliadhna na b’abhaist dha’n tigh a bhi cruinn. Bidh Parlamaid Chanada cruinn air an 15mh la dhe’n ath mhios.
Tha’n rathad iaruinn a thatar a thogail eadar Cow Bay us Louisburg na thamh; tha na daoine a ghabh an obair as laimh air toirt suas, ’s tha e air a rathad gu bheil moran dhe’n luchd-oibreach as aonais an tuarasdail.
Tha moran litrichean ’gar ruigheachd a a bu togh leinn a fhreagairt ach cha’n eil e ’nar comas sin a dheanamh. Ged nach urrainn dhuinn am freagairt, faodaidh iad-san a sgriobh iad a bhi cinnteach gu bheil iad a toirt toileachadh mor dhuinn agus gu bheil sinn fior thaingeil air an son. Tha aon neach ag radh:— “Thug caraide dhomhsa ’m Mac-Talla air a bhliadhna s’o chaidh, agus a nis cha’n urrainn dhomh deanamh as aonais. Gheibh thu an sa dollar air son na bliadhna so.” Tha sinn an dochas gur h-ann mar so a their an chuile h-aon d’ar luchd-leubhaidh nuair a bhios a bhliadh’n aca suas.
Tha bhreac gu math pailt am Boston. Tha moran a mhuinntir nan duthchannan so anns a bhaile sin, agus on tha moran dhiubh a tigh’nn dhachaidh an drasd, bhiodh e iomchuidh a bhi gle fhaicilleach mun tig an droch ghalair sin ’nar rathad.
Theabas duin’ og a bhathadh aig an International Pier Di-haoine s’a chaidh. Bha beagan dhe’n deoch air aig an am, agus air dha fhein ’sa dh’ fhear eile bhi coiseachd air an laimhirg thuit e dh’an uisge. Thnaras a thearnadh agus be sin uile.
A cheud dollar a thainig gu MAC TALLA air a bhliadhn’ uir, thainig e o Chalum Caimbeal an Kinross, Eilean a Phrionnsa. Agus a cheud ghabhalaich’ ur a fhuair e air a bhliadhna, b’e ’n t-Urr. Iain Mac-a- Phearsain, Sagart L’Ardoise, an Ceap Breatunn.
Chuir co-thional St. Andrew’s ’sa bhaile so gairm air an t-seachdain s’a chaidh a dh’ionnsaidh an Urr. J. F. Forbes, an Durham, N. S. Shearmonaich Mr. Forbes ann an Sidni uair no dha agus le mor thaitneas do na h-uile bha ’ga eisdeachd. Tha sinn an dochas gu’n gabh e ris a ghairm.
Chuir fear deanamh caise ann an Quebec, botull beag am broinn mulchaig a bha e deanamh, agus litir bheag am broinn a bhotuill ag iarraidh air an fhear a gleobhadh e fios o chur thuige ag innseadh c’ait an robh an cais air itheadh. Fhuair e am fios bu mhiann leis an la roimhe o cheannaich an ceann an iar Shasuinn.
Tha muinntir Eilean a Phrionnsa an deigh a nochdadh gu’m bu mhiann leo cur as do’n deoch laidir gu buileach. Nuair a bha iad a taghadh fir-parlamaid air a mhios s’a dh’ fhalbh, chuireadh a cheist ris gach duine an robh e dhe’n bharail gu’m biodh e chum math na duthcha bacadh a chur air reic na deoch laidir? Bha corr us deich mile gu leth dhe’n bharail gum bitheadh, agus cha robh ach beagan thairis air tri mile dhe’n bharail eile. Bha cheist cheudna air beulaobh muinntir Ontario latha na Bliadhn’ Uire, agus thog iad an guth air rn aon doigh ’sa rinn muinntir Eilean a Phrionnsa.
[Vol . 2. No. 27. p. 2]
BHO MHARGAREE GU SYDNEY.
Air an t-seachdamh la deug do’n mhios ma dheiradh an t-samhraidh dh’ fhalbh Calum ’us mi fhein air chuairt gu ruige Sydney. Thug sinn leinn each agus carbad agus ghabh sinn sios taobh Abhuinn Mhargaree gu ruige Coinneachadh nan Uisgeachan no na Forks. Thog sinn as deigh sin ar cursa suas an Abhainn Rossach, null Lake O’Law agus sios an Abhainn Mheadhonnach gus an d’ rainig sinn Baddeck.
Bha ’n latha anabarrach briagha, —a ghrian a’ soillseachadh gu’r miann; na paircean feoir, grain agus buntata le’n dreach aluinn air gach taobh; gach preas ’us craobh fo bhlath agus a deanabh cubhraidh na tla-ghaoth shamhraidh ’bha ’g iathadh mu’n cuairt duinn. A bharrachd air a sin bha ’n rathad tioram, cruaidh, comhnard; bha’n t-each a bha ’gar guilain sunndach, aigeannach, gleusda agus bu ghoirid an uine gus an robh sinn a toirt ar cuil ri gleannan Mhargaree ’sa toirt beannan arda siorrachdVictoriama’r fradharc.
Bha sinn a seanachas a chuid bu mho dhe’n uine mu ailleachd ’us maise na ducha mu’n cuairt, —mu na beannan mora ’tha ’geiridh an sud ’s an so air an comhdach le coille ioma dhathach a dh’ ionnsaidh a’ bhinnein a’s airde; mu na sruthanan fonnmhor ’tha ruith tro na glinn agus a’ bruchdadh gu suigeartach, brisg-geal ma na rathaidean agus mu na h-eoin bheaga, bhoidheach a bha seinn gu ceolmhor, solasach am barrabh nan craobh.
Thachair moran de Gheancaich agus de dhaoin-uaisl’ eile oirnn a bha ’g iasgach bradain ’an aibhnichean Mhargaree aig an am so. Bha na h-uisgeachan gle iosal le meud an-t- uraidh, dh’ fhag sin am bradan gann agus mar so cha robh turus nan coigreach cho taitneach na idir cho saibhir-sa dh’ fhaodadh e bhith na’m biodh cuisean’ cho freagarrach ’s is minig a bha iad.
An deigh dhuinn Margaree fhagail, thainig sinn a stigh air Gleann Lake O’Law. Ge nach robh mise riamh anns an t-seann duthich, ’si mo bharail gu bheil an gleann so gle choltach ri pairt de na Garbh-chriochan. Tha e mu chuairt de thri mile air fad ach cha’n eil ach beag an cheadan slat far am mo a leud. Tha tri lochan boidheach as deigh a cheil’ ann, agus tha na beannan ag eiridh gu direach na ceudan troigh air airde ’sa tilgeadh an cuma ’s an dreach cho nadurra air an uisge chiuin aig am bonn.
“Gur saol an t-suil gur ann sa ghrunnd
Tha dealbh gach ioghnadh aghor,
Am bun o cionn nan luibh ’s nan crann
’S na bheil ’sa ghleann ga’n arach.”
’Nuair a chuir sinn an gleann so as ar deigh, theann na beannan bho cheile agus thainig sruth boidheach na h-Abhuinn Mheadhonnach na’r sealladh. Bha na tuathanaich a toiseachadh air spealadh an fheoir; bha iad a’ gearain gu’n robh e gle aotrum le tiormaid na side, ach bha coltas gle mhath air gach barr eile. Tha aiteachan briagha aig na tuathanaich an cois na h-aibhne so, agus tha e coltach gu bheil a mhor chuid diubh gu mnath air an caradh. Is Gaidheil gu beag an sluagh; tha iad fialaidh, caoimhneil; agus ma bhios deireas air coigreach na measg, gu dearbh ’s ann aige fhein a bhios a choire.
Dhirich sinn Beinn t-Sealgair trath ’s an fheasgar. Tha moran de rathad na beinne so garbh, clachach, ach tha roinn de thalamh math ann agus tha e coltach gu bheil na daoine ’tha tamh ann ro-thoilicht’ as an crannchur. Rainig sinn Baddeck mu dhorcha na h-oidhche. Chuir an dotair agus an gobhain dithis Dhomhnullach gasda ’tha fuireach anns a beaile, faillt’ ’us furan oirnn. Eadar iad fhein sa Frisealach is Mac Illeathain bha’n “tim dol seachad air sgiathan solais,” agus thainig meadhon oidhche uair gu leth na bu luaithe na bha duil againn. ’Se baile beag a th’ ann am Baddeck ach tha e fior bhoidheach. Tha e air a shuidheachadh air sliabh ’tha ’geiridh gu socrach bho thaobh meur de dh’ uisge a Bhras d’Oir. Tha’n Ceann Dearg a’ direadh suas gle ard as an uisge air an darra taobh agus tha gnuis ghruamach Washabuckt a’ tighinn an uachdar ma choinneamh air an taobh eile. Tha beannan mora na seasamh mar fhreiceadain ann an astar air a chulthabh agus a’ sealltainn sios mar gu’m b’eadh le tlachd agus curam air sgach ni ’th’aig am bonn. Is ro thoil le luchd-cuairte mios no dha ’chur seachad anns a’ bhaile so an am an t-samhraidh, agus tha tighean bordaidh cho math sa tha’ ann an Nova Scotia ri’m faighinn ann.
Air an ath latha bha picnic gu bhi aig camus nan Eirionnach goirid bho na h-Eileannan Dearga. Is ann gu airgiod a chuir crinn gu paigheadh eaglais tha iad a cuir suas a rinn muinntir a pharaisd’ an crunneachadh so. Smaointich sinn bho nach cuiridh e ’bheag far ar cursa sinn gu rachadhmid ga ionnsaidh. Ged a bha ’m baite toite, amMay Queen, a falbh gle mhoch anns a mhaduinn bha sinn fhein ’us feadhainn eile air bord ann an am. Bha a’ mhaduinn ciuin, soilleir agus bu taitneach da rireadh ’bhi air bord a bhaite ’gluasad sios an caol, a ghrian a’ dearrsadh ’sa dannsadh gu solasach air uachdar an uisge ’bha cho ceidh-ghorm ciuin ri sgathan. Bha piob agus fidheall air bord; thoisich an dannsa agus lean e gu caithre mach gus an d’rainig sin an Caolas Mor mu ochd uairean. Dh’ fhuirich sin ann an so mu dha uair a’ feitheamh ris a’ charbad iaruinn a tighinn bho Shydney. Ghabh sin sar bheachd air an drochaid mhoir tha tarsuinn air a chaol agus air na tigh[ ? ] [ ? ]daidh ainmeil sin ’tha lamh rithe. Tha so na fhior aite-tathaich aig luchd-cuairte bearteach an am an t-samhraidh. Tha glinn, srathain, beannain ’s deagh rathaidean-mora mu’ cuairt los gu’m beil e gle fhurasda do dhuine a thoileachadh a ghabheil air feadh na ducha; tha a rithisd bataichean beag ’us mora an comhnuidh deiseal leis am faod neach a dhol a’ luingearachd air feadh an loch ’sa dhol mu’n cuairt air gach rudha is eilean boidheach a tha ro lionmhor ri’m faicinn an uisgeachan a Bhras d’Oir. —Ach chaidh mi far mo chursa. Co dhiu thainig an carbad iaruinn, bhruchd an sluagh amach as agus thug iad sios orra’ dh’ ionnsuidh an uisge far an robh an da bhata-smuid, am May Queen agus am Blue Hill ’gam feitheamh gus an giulain thun an aite an robh ’m picnic. Chaidh mu sheachd ceud pearsa air bord na’m bataichean agus ann am beagan mhionaidean bha iad a’ gluasad gu reidh sunndach taobh ri taobh sios a dh’ ionnsaidh camus nan Eirionnach. Bha da bhand air bord gach bata; agus eadar an ceol ’san aighear ’s gach tlachd eile ’bh’ air a chuis, cha dug sinn moran ceill gus an d’ rainig sinn an ceann-uidhe ge’d a bha mu’n cuairt de dha mhile dheug anns an astar. Chaidh sinn air tir agus dhirich sin uchdan cas a dh’ionnsaidh an ionad anns an robh an sluagh-cruinn. Bha gach toileachadh is greadhnachas a’s gnath ’bhi ’n cleachdadh aig an leithidean so de chruinnichean ann gu pailt agus bha gach ni gu h-ordail, doigheil mar a dh’ earbainn as a cheannard thapaidh agus deagh bhuachaille a pharaisde sin—an t-Urramach Ruaridh Mac-Aonghais. Bha deich no dusan de shagairt eile a mhninntir an eilean am measg na cuideachd agus earran mhath dhe’n cuid co thionalan comhla riutha. Cha robh caomhn’ air airgiod agus chaidh an latha seachad gu ciatach. Mu shia uairean feasgar thill a mhor chuid air a Bhlue Hill. Chaidh mu choig ceud air bord agus bha sinn, gun teagamh, gle dhomhail. Bha gach cuis a falbh gu ceart gus an robh sinn a teannadh faisg air a Chaolas Mhor, nuair a chuir an eigheach “duine far bord!” gloa[ ? ]g[ ? ]ro gach neach a chual e. Is ann an sin a bha ’bhreisleach ’sa luasgan! Chaidh mnathan ’us clann gu caoineadh agus fir gu gluasad. Mar a biodh beagan de dhaoine agus mhnathan tapaidh ceannsalach a bha na’r measg a bha cumail rian ’us smachd air an t-sluagh, tha mi gle chinnteach gun rachaidh am bata ’chuir thairis le miad na troi-cheile a bh’ air bord anns an am. An gille mi-fhortanach a thuit amach theabas a bhathadh oir bha e mu fhichead mionaid anns an uisge ma’n d’ fhuaradh a thoirt air bord. Rainig sinn an caolas ma dhorcha na h-oidhche agus ann an tiota bha sinn air bord a charbaid iaruinn a ghuilain sinn ann an uair no dha de thim gu ruige Sydney Tuath.
[Vol . 2. No. 27. p. 3]
Rinn ar caraide Aonghas Mor agus a bhean ar beatha gu suilbhearra, cairdeil agus d’fhuirich sinn comhla riutha earran de thri latha. Fhuair sinn eolas math air roinn de mhuinntir a bhaile anns an uire sin. Bha’n acarsaid lan de gach seorsa shoithaichean agus bha moran guail ga chuir air falbh gu bailtean-mora gach rioghachd. Bha moran sluaigh air ghluasad anns an am agus bha h-uile coltas gun robh an t-airgiod paillt na’m measg. Thug sinn sgriob do Sydney Deas a choimhead MHIC TALLA. Thuair sinn esan na fhior Gaidheal mar ’tha fios aig a h-uile neach ’tha leughadh a phaipeir aige; agus ma chuidicheas Gaidheil na ducha so leis mar is coir daibh a dheanamh, cha n-eil aon teagamh agam nach cum esan suas a thaobh fhein na chuis.
DOMHNULL.
Tha duine faisg air Butte City, am Montana, a tha ’n deigh doigh ur fhaotainn air saoibhreas a thional. Mharbh e eireag en la roimhe agus nuair a thug e ’n sgroban aisde fhuair e measg nan clachan beaga leis an gnath le eunlaith a bhi cnamh am bidh, aireamh mhor de chnapan beag oir. Reic e an t-or agus fhuair e deagh phris air agus an sin thoisich e air marbhadh tailleadh dhe na cearcan ’s air rannsachadh nan sgroban aca. An deigh dha deich ’ar fhichean a mharbhadh, bha faisg air ceithir cheud dollar aige. Gun dail sam bith cheannaich e aireamh mhor de chearean eile agus tha e ’n duil gu’m bi fhortan deante an uine gun bhi fada.
Tha Sir Robert Ball, speuradair cho fiosrach ’sa tha ann air an latha ’n diugh, ag radh, nam biodh comas againn air telegraph a chur eadar an talamh ’sa ghrian, gun rachadh fios air an astar sin ann an deich mionaidean; ach gu bheil cuid dhe na reultan cho fad air falbh, ’s ged bhiodh fios air a chur air falbh an latha ’rugadh Criosd nach ruigeadh e iad fhathast!
Aig Burkesville, anns na Statean, Di-haoine sa chaidh bha duine dubh ’sa bhean air falbh o’n tigh, agus am feadh ’sa bha iad air falbh chaidh an tigh na theine agus loisgeadh gu bas dithis chloinne a dh’ fhag iad a stigh. Nuair a chuala mathair na cloinne mar a thachair dhaibh ruith i gu abhainn a bha faisg air laimh, thilg i i-fhein innte agus bhathadh i.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air
Irr ’s na gabh achMinard ’s Liniment.
LeighsidhMinard ’s LinimentCranna-bhrist.
Oran do Fhear-Deasachaidh a Mhac-Talla.
AIR FONN:— “Birlinn bhan a’ Chubair” no “An t-sobhrach Mhuileach”
Fhir a bhroillich bhain,
Thu bhi slan is fallain,
H-uile la gu cheann
Le do pheann na dheannaibh.
Failte na Bliadhn’ -Uire
Do na Ghaidheal runach
A rinn gniomh tha fiughail—
Thug e dhuinn Mac Talla.
Chuir an diumhlaoch og so
Sinn o chomain shonruicht’:
Chum ar cainnt a chomhnadh
Chuir e ’n clo Mac Talla.
Sud am paipear aluinn,
’S e gu leir an Gaelic,
A chainnt mhilis adhmhor;
An te ’s fearr air thalamh.
Cuid cha chuir ga iarraidh
Tha dollar ri dhioladh;
Leughadh iad e ’n iasad—
Spiocairean—nach can mi.
Ach tha sar-dhaoin uaisle,
Bhos is thall thar chuaintean,
A sheasas ri d’ ghuallainn
A chur uat gach smalain.
B’ aithne dhomhsa pairt dhiu,
B’ eolach air an gnaths mi,
’S cha b’e ’n doigh gn fagadh
Iad an gabhadh caraid.
Thig Mac Talla ’m ionsuidh
Ann an cainnt mo duthcha;
Co nach cuireadh uidh ann?
Fear gu’n diu nach gabh e.
Thig e nall cho cairdeil
Ann an cainnt mo mhathar;
Co nach cuireadh failt air?
Fear gun bhaigh nach gabh e.
Ach ’Ic Fhionghain ghradhaich
Dha ’m budual bhi baigheil
’S leat le durach failte
S furan blath gach caraid.
Thugaibh Fanear.
Anns a chuil a bhios air a cur air leith air sonMinard ’s Linimentre na bliadhna so, bidh moran dhaoine a labhairt mu’n fheum a rinn an leigheas ainmeil sin dhaibh.
C. C. RICHARD & CO.
Minard ’s Linimentri reic ’s gach aite.
BATHRA SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun, 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 27. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IANUARY 6, 1894.
Bha Mr. Gladstone ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Tha e fhathast slan fallain, agus ag obair moran nas cruaidhe anns a pharlamaid na daoine nach eil a leth cho seann ris. Nuair a bha Gladstone fhein og bha e dhe’n bharail nach bu choir do neach sam bith a bhi na phriomhair air Breatuinn an deigh dha tri fichead bliadhna dh’ aois a ruigheachd. Theagamh nach biodh e air a bharail sin a thoirt do’n t-saoghal nan robh fhios aige gu robh e ’n dan dha fhein a bhi ’san oifig sin an deigh dha ceithir fichead bliadhna ’sa ceithir fhaicinn.
IOMPAIRE NA GEARMAILT. —Is ogha do bhanrigh Victoria iompaire na Gearmailte. Ia duin’ og e, fodh dheagh chliu, ach cha’n e cho math no cho glic ’s nach fhaodadh e bhi na b’ fhearr. Anns an duthaich so tha daoine criedsinn nach eil righ no ban-righ ach nan seirbhisich do’n t-sluagh, agus gu bheil iad air an cur air caithrichean rioghail air son math an duthcha bhi ghnath san amharc aca. Tha ’n t-iompaire Uilleam a reir coltais a a dh’ atharrachdh beachd. An deigh sgrioba de shaighdearan ura mhionnachadh a stigh o chionn ghoirid, rinn e oraid bheag mar a leanas:— “Tha sibh a nis an deigh mionnan a thoirt an lathair Dhe a bhi dileas dhomh sa, agus le sin tha sibh ’nur saighdearan agus ’nur companaich dhomh. Tha sibh ri bhi ’nur geard dhomhsa, agus bidh sibh air ur suidheachadh mu’n aite ’sam bi mise comhnuidh, na mo cheanna-bhaile. ’Se ur ceud dleasanas mise dhion o gach uile namhaid a stigh ’sa mach. Bithibh dileas, agus coimhnichibh gur e ur ’n onair-se m’ onair-sa mar an ceudna.” Nach ann am Breatuinn a bhiodh an iorghail, agus nach luath a ghabhadh a pharlamaid mu chul an teaghlaich Rioghail nan toisicheadh a bhan righ air labhairt mar gu’m bu leatha fein an Iompaireachd Bhreatunnach air fad agus nach robh dad na b’fhearr aig na saighdearan ri dheanamh na bhi ’ga dion o a naimhdearan. Ged tha na Gearmailtich ainmeil air son am foghluim ’san gliocais, tha e coltach gu bheil iad fad air dheireadh ann an cuisean riaghlaidh.
Bha cruinneachadh mor ann an Sidni Di-ciaduinn air an t-seachdain s’a chaidh aig na Saor Chlachairean. Bha ’n lodge a tha ’sa bhaile leth-cheud bliadhna dh’ aois air an latha sin agus thainig iad fein us moran dhe’n braithrean cruinn air son an iubilee a chumail. Bha’n t-Onarach Uilleam Ros, aig a bheil ard ofig anns a chomunn a lathair agus thug e seachad oraid no dha ris na dh’ eisd na h-uile le mor thaitneas.
Fhuair Iain Lackey ceannaiche bochd an Toronto, fios an la roimhe gu robh brathair mathair dha air caochladh an Wisconsin ’s gu’n d’fhag e $35 ,000 aige-san. Thuair e litir eile latha no dha an deigh sin ag innse mu fhear Lackey a dh’ eug an Eirinn ’sa dh’fhag $40 ,000 aig cairdean dha an Toronto, agus tha e ’n duil gu faigh e chuid fhein dhe sin mar an ceudna.
BAS ATHGHEAR. —Dh’eug Mrs. McKeen anns a bhaile so maduinn latha Nollag. Bha i an deagh shlainnte na lathaichean roimhe sin, agus bha i ’san eaglais feasgar na Sabaid mar b’abhaist dhi. Bha i tri fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’ aois.
Chaidh stor a losgadh an Cow Bay an la roimhe a b’fhiach coig mile deug dollar eadar bhathar us eile. Bha deich mile dollar a dh’ airgiod-urrais oirre.
Nollaig Chridheil!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son na Nollaige.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.
An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.
A. BAIN,
Fear ionaid.
LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 27. p. 5]
FRANCES SCLOCUM.
Air bruachaibh na Susquehannah ann an America, bha baile beag boidheach d’ am b’ ainn Wyoming. Thainig buidhann de na h-Innseanaich a stigh air, chreach agus loisg iad am baile, agus mhort iad a’ chuid bu mho de na bha chomhnuidh ann. Theich na chaidh fhagail beo, agus dh’ fhag iad an t-aite. Ach an ceann tri no ceithir de mhiosan thill aon an deigh aon o na beanntaibh, agus bha iad a’ togail thighean gus an robh baile beag a suas aca rithist—ach cha d’ fhag na h-Innseanaich fhathast a’ choimhearsnachd. Bha iad a’ tearnadh an drast ’s a rithist, agus a’ mort ’s a’ creachadh nan teaghlaichean a bh’ air ur chruinneachadh—Bha aon teaghlach ann d’ am b’ ainm Sclocum, ris an do bhuin iad ann an doigh eagalach an-iochdar. Aon latha agus na fir air falbh o’n bhaile, thainig na h-Innseanaich thun an tighe. Bha stigh a’ mhathair, nighean a bha naoi bliadhna agus caileag eile bha coig bliadhna—mac a bha tri-bliadhn’ deug, agus fear eile a bha bliadhna gu leth. Bha gille og a stigh agus balachan do ’m b’ ainm Kingsley leis, a’ geurachadh sgeine. B’e cheud ni rinn na h-Innseanaich an gille so a leagadh le urchair, agus mullach a chinn a rusgadh dheth leis an sgithin a bha ’na laimh. Thug a chaileag a bha naoi bliadhna am balachan beag leatha mach air dorus-cuil. Ruag na h-Innseanaich i astar beag agus bha iomad gaire cridheil aca ag amharc oirre a’ teicheadh le brathair! Thug iad an sin leo am balachan Kingsley, agus Frances, a’ chaileag bheag a bha coig bliadhna. Bu chraiteach an sealladh sin do ’n mhathair bhochd, agus cha b’ urra dhi iomradh a thoirt air fad ioma bliadhna gun bhi sileadh nan deur. Chunnaic i Innseanach a’ tilgeadh an leinibh thar a ghualainn—a h-aon lamh aice a’ cumail a fuilt as a suilibh agus an lamh eile sinte thun a mathar, i ’caoineadh agus ag iarraidh cuideachaidh. Chaidh an t-Innseanach a stigh do’n choillidh agus b’e so an sealladh mu dheireadh dhi, ach cha deachadh e a beachd na mathar gu latha a bais. Mios an deigh sin thainig na h-Innseanaich a rithist a dh’ ionnsuidh an tighe, mhort iad an seann duine, seanair na cloinne, loisg iad air a bhalachan bu shine agus chuir iad peileir ’na chois a bha innte fhad ’s bu bheo e. Rugadh an leanabh a b oige beagan mhiosan an deigh so. ’S iomadh bruidhinn a rinn a’ mhathair bhochd air Frances, ’s iomadh barail a thug i ciod bu chor di, ach mo thruaighe! cha’n fhac ise i ni’s mo.
’Nuair a chinn na balachain agus a thainig iad gu bhi ’nan daoine, rinn iad rannsuchadh anns gach aite air son am peathar. Chaidh iad air thurus ceithir uairean, feadh Chanada agus fasaichean fiadhaich nan Innseanach, ach bha gach uile oidhirp a thug iad diomhain—cha chualas smid mu deibhinn fad thri fichead bliadhna. Anns a’ bhliadhna 1835—o chionn 59 bliadhna, bha duin-uasal de mhuinntir America air thurus feadh fhasaichean Indiana; thainig an t-anmoch air agus a chionn gu’n robh e fein agus ’each anabarach sgith, smuaintich e ’n oidhche chuir seachad ann am bothan Innseanach a thachair air. Bha’n teaghlach so air a mheas saoibhir leas na h-Innseanaich. ’Nuair a bha e greis a stigh thug e ’n aire gu ’n robh falt na mna agus a craicionn soilleir. Leis a so thoisich e air comhradh rithe, oir bhruidhneadh e cainnt nan Innseanach; dh’ inns i dha gu ’m buineadh i do na daoine geala, ach gu’n deachadh a toirt air falbh ’nuair bha i ’na caileig bhig—Bha cuimhne aice gu’m be Sclocum a h-ainm—gu’n robh i ’chomhnuidh ann an tigh beag air bruachaibh na h-aibhne Susquehannah, co mheud a bha ann an teaghlach a h-athar agus an ainmean, ach cha robh cuimhne aice air ainm a’ bhaile.
Nuair a thill an duin-uasal dhachaidh dh’ innis e ’n neigheachd so d’a mhathair. Dh’ iarr ise air a sgriobhadh agus a chuir anns na paipeiribh naigheachd. Rinn e sin, ach luidh am paipeir da bhliadhna gun a chur a mach—mu dheireadh chaidh a chlobhualadh agus fhollaiseachadh. An ceann beagan lathan thainig am paipeir-naigheachd gu laimh Mhr Sclocum a bha ’na bhalachan da bliadhna gu leth ’nuair a chaidh a phiuthar a thoirt air falbh. Thug e leis a phiuthar an te a chuidich leis teicheadh, agus sgriobh e a dh’ionnsuidh a brathar ann an Ohio, an coinneachadh agus dol leo a dh’iarraidh am peathar. Bha nis an da bhrathair agus am piuthar air falbh a dh’ fhaicinn Frances—cothromach tri fichead bliadhna an deigh a giulan air falbh. Choisich iad tri chiad mile romh ’n fhasach gu duthaich nan Innseanach. Fhuair iad an bothan mar a dh’ innseadh dhoibh. ’Nuair a bha iad a’ dluthachadh air, thuirt a phiuthar ri ’brathair “aithnichidh mise mo phiuthar a chionn chaill i ionga na corraig’ agus ’s tusa a chuir dhi i le ord anns a’ cheardaich ’nuair a bha i ceithir bliadhna bh’ aois.” Chaidh iad a stigh, agus fhuair iad seana bhean air a lan-uidheamachadh a reir doighean nan Innseanach. Cha robh ni ach a craicionn agus a falt a dh’ innseadh i. Fhuair iad eadar-theangair agus thoisich iad air comhradh rithe. Dh’ innis i c’ aite ’n d’ rugadh i—a h-ainm, agus gach ni eile mu theaghlach a h-athar. “Ciamar a chaill thu n ionga?” thuirt a’ phiuthar bu shine “Chuir mo bhrathair dhiom i le ord nuair bha mi am chaileig bhig.” Dh fheoraich iad a ceud ainm dhi ach cha robh cuimhne aice air. “An e Frances e?” Rinn i gaire, agus thuirt i gu ’m b’e. B’i sin a chaid uair a chual i a h-ainm o chionn tri fichead bliadhna. Bha iad a nis lan chinnteach gu’m b’i am piuthar a bha aca, a bha o chionn fhada air chall—Bha iad lan chinnteach air gach taobh gu’m bu bhraithrean agus peathraichean iad; ach mo creich! ciod an t-eadar-dhealachadh! Bha na braithrean a’ coiseachd feadh an tighe gun chomas smid a labhairt. Bha ’phiuthar bu shine a’ caoineadh gu goirt—ach shuidh a’ phiuthar Innseanach bhochd gun deur air a suil—cha d’ thainig uiread agus tiomadh oirre. Bha i mar nach biodh daimh idir aice dhoibh!
Feudar a h-eachdraidh innseadh ann am beagan fhocal. Dh’fhan i leis na h-Innseanaich a thug air falbh i gus an d’ thainig i gu meudachd—an sin phos i aon diubh. Fhuair esan bas agus phos i fear de na cinn-fheadhna aca. Tha da nighin aice a tha le cheile posda agus a’ tighin beo ann an uile chleachda nan Innseanach. Tha iad air fad tur aineolach. Cha ’n eil focal Beurla aca. Cha ’n eil fios aca gu bheil latha sabaid ann. Dh’ fheuch na braithrean iompaidh a chuir air am piuthair tilleadh leo agus a clann a thoirt leatha; bheireadh iad i ris gu bruachaibh na Susquehannah far an do chaith i tus a laithean, ach cha rachadh; bha i riamh leis na h-Innseanaich. Bha iad ro chaoimhneil rithe, agus gheall i do’n fhear mu dheireadh a bh’ aice nach fagadh i na h-Innseanaich ri ’beo. Dh’ fhag iad an sin i fein agus a cuideachd ann an staid fhiadhaich inneolaich-sliochd nan daoine crabhach a bha ’n Sasunn, a dh’ fhuiling arson a’ chredimh! Ach ged a dh’ fhag iad i air an am so bha iad a’ cur rompa tilleadh a rithist g’a faicinn. Bha iad air an cradh arson am peathar. Bha iad ris ’a chuis a chur fa chomhair ard chomhairle America, agus iarraidh nam b’e agus gu’n rachadh na h Innseanaich sin fhogradh as an an aite gu ’n rachadh fearann fhagail arson am peather agus a cloinne. Cha chualas focal riamh nu’n bhalachanKingsley.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
[Vol . 2. No. 27. p. 6]
AISEIRIGH NA GAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. D. B. BLAIR, D. D.
1.
“Togaidh na Gaidhil an ceann
Cha bhi iad am fang nas mo,”
Ruisgte fo chasaibh luchd sannt,
Nan truaghanaibh fann gun treoir;
Bidh daoin’ a’ siubhal nam beann,
Air srathaibh nan gleann gu leoir;
Chithear ann mnathan us clann
A’ mireadh le dannsadh ’s ceol.
2.
Teichidh na caoirich ’s na feidh
Nuair chluinneas iad eibh an t-sluaigh,
Ruithidh ’s cha seall iad ’nan deigh
’S iad uile gu leir ’nan ruaig;
Theid Ciobairean mora nan treud
Nam breislich a spleuchdadh suas
’S Forsairean luinnseach, gun feum,
’Nan deannaibh a’ leum nan cruach.
3.
Tha ’m fearann fada ’na thamh
Gun duine gu aiteach ann;
Chuireadh an sluagh as an ait
Air fogradh thar saile thall;
Tha caoirich mhaol-cheannach bhan
Air srathaibh us aird nam beann.
Us uain a’ mireadh ’s a’ leum
Mu’n tulaich s am b’ eibhinn clann.
4.
Far an robh soisgeul nan gras
’Ga sheirm ann an cairdeas dhuinn;
Pobull a’ tional gach trath
Air laithibh na sabaid cruinn
Cha chluinnear ach langanaich fhiadh
A’ buinich air sliabh ’s air beinn,
’S comhartaich chon air an leirg
San ait an robh sailm ’gan seinn.
5.
Theid cuibhlean Freasdail mu’n cuairt,
Bidh ’n taobh a tha ’n uachdar shios,
Us eiridh an t-iochdar suas
Le ceartas bith bhuan an Triath
Togar na laraichean aosd’,
Na h-ionadan sgaoilt o chian,
Bailtean tha fasail us faoin
’S tha nise lan fraoich us ian.
6
—Cairdean nan Gaidheal le fonn
Tha nis air am bonn ’s gach ait,
Cothrom gu fhaotainn do’n sluagh
An deas agus tuath gun dail,
Le run gun aisigear dhoibh
Am fearann a chaill iad fein
Nuar a dh’ fhogradh mach iad gun taing
Le h-ain-iochd us ainneart geur.
7.
Theid Clanna nan Gaidheal gu leir
An guaillibh a cheile cruinn,
Mar anns na laithibh o chein
Rinn Calgach an treum, ’s na suinn
A chog ri Aighriochol garg
’S ri cumhachd armailt na Roimh
Le comhrag faileachdach searbh
Air slios a’ Gharbh-mhonaidh mhoir.
8.
Gaidheil America thall
’S a’ chlann a thainig ’nan deigh,
Cuidichidh leotha san am,
Mar chairdibh nach meall ’s nach [ ? ]eig :
Togaidh so ’m misneach o’n lar,
Us ni iad co spairn le cheil’,
A chum gum faigh iad air ais
Gach coir a bha aca bho chein.
9.
Slan gu robh Gladstone an aigh
A’s caraid a ghnath do ’n Tuath,
An t-uasal ainmeil thug barr
Le ghliocas ro aid gun uaill:
Deonaicheadh Freasdal nan gras
Mor aois dha le slainte bhuain,
Gu ceartas fhaotainn do chach
Le reachd na Parlamaid nuaidh.
10.
Ceud failt! air gaisgeach nam buadh
An Inbhear nan stuadh aig Neis,
A thionnsgail Sgeuladair nuadh;
Ar durachd-ne buaidh bhi leis
’Na oidhirp a chobhair an t sluaigh
An aghaidh nan uaibhreach borb,
A chreach iad le foireigin chruaidh
Gun chairdeas, gun truas ’nam bolg.
11.
’S le Dia an talamh ’s a lan
Us chuir e sliochd Adhaimh ann,
Dh’ ullaich e ’n Cruinne so dhoibh
Mar oighreachd dhiongail nach gann;
Cha d’ aithn e chur fo na feidh,
No fhagail aig spreidh us eoin;
Ach chuir e gach ni fo’n ghrein
Fo riaghladh sliochd Eubh’ le coir.
12.
Co a thug comas na truaigh’
Do dhaoinibh tha uasal ard
Fearann a thabhairt o’n t-sluagh,
’S am fogradh thar chuan gun bhaigh?
Nach b’fhearr bhi faicinn nan gleann
Lan bhan, agus clann ’nan laimh,
Na bruidean fiadhaich gun cheill
A’ siubhal an t-sleibh le ’n al?
Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 27. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB V. —Air a leantuinn.
Ghabh na maraichean truas dheth. Ruith Dearsadh—leis mu mhiannach bhi air a mheas na fhear cul-taice—dh’ionnsuid Doctar Saor-ghras air son cungaidh-leighis, ach ’se freagradh a thuair e, “Cha ’neil cungaidh agam air son a leithid-san.” Bha Dearsadh fuidh ioghnadh agus chaidh air ais a dh’innse do na maraichean gu robh Saor-Ghras na dhuine cruaidh. Thug iad a Sean-Duine gu seomar toisich na luinge—chuir iad fa chomhair agus dh’iarr iad air bhi dheth deadh mhisnich. Nuair chuala Criosduidh uime so, dh-feorich e de Thuigse ciod bu bhrigh dha. Fhreagair esan, “Coimhidibh sibh fein ’o’n t-Seann-Duine agus a ghniomharan.” Bha Criosduid fo thrioblaid, gidheadh bha eagal air a thilgeadh a mach, gu h-araid do bhrigh gu’n d’innis Tomas dha gur e seoladair a bha ann a chaidh a long-bhriseadh a sheol iomadh bliadhna ann an “Uaill a Chuain” ach gun do bhuail i air creig, agun gu’n deach i na sgealban ’s gu robh esan na aonar air a thearnadh, ’s gu’m bitheadh e caillte mar bitheadh gu’n ghabh iad air bord e. Nuair thainig a Seann Duine thuige, bha eagal aig Timoteus roimhe, agus thubhairt e ris fein, “Tha droch thinneas a dluth-leantuinn ris an t’ Seann Duine so” gidheadh chuimhnich e air na briathran “Fuiligidh gradh na h-uile nithe, creididh e na h-uile nithe, bithidh suil aige ris na h-uile nithe;” uime sin dh-fheith e ach a faiceadh e ciod a bheireadh latha mu’n cuairt. An sin labhair an Seann Duine ris na maraichean—ann am briathran a bha min mar im, ach a bha tolladh mar chlaidheamh—agus dhuisg e teagamhan air an siubhal mu thimchioll Captean Criosduidh. Niheadh, ach tuilleadh fos, rinn e dearbht iad nach robh Babilon air a sgrios, agus gu robh aireamh mhor dhuibhsan a dh fag i, dol air an ais: Na’n tachradh soitheach ris fein a bhithead a dol dachaidh, philleadh esan gu toilichte. Cha robh na seoladairean a chuala na briathran so nis mo durachdach anns an spiorad a deanamh seirbheis do’n Tighearna; chaidh cuid co fad ’s gun dubhairt iad, “itheamaid olamaid, agus bitheamaid subhach.” Air do’n t-Seann Duin fhaicinn gu’n do rol iad a bhriathran mar grein milis fo’n teangaidh, chaidh e ceum ni b-fhaide agus chomhairlich e aramach a dheanamh, Sheas Timoteus ’na aghaidh as an eudan. Dhion na seoladairean an Seann Duine agus d-anamhiannaich iad Babilon, ach cha’n eireadh aon aca ’n aghaidh Criosduidh—gidheadh sheas iad nan paithrichean ’s na irisean a cagairsich ri cheille air a chlar-uach lar. Bha nis f[ ? ]th nan cun ann. Nuair a chearnaich na maraichean a Seann Duine mu thimchioll Immanuel fhreagair e mar so, “Creididh mi gu’n choisich e air an uisge nuair chi mi e ga dheanadh.”
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 27. p. 8]
Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile
Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:
Alasdair Mac Ceigain, Everett , Mass.
Iain A. Domhnullach, Kerrowgare , N. S.
Carastiona Fhriseal, Stellarton , N. S.
Ailain Mac Naughton, South River Lake, N. S.
Uisdean Mac Leoid, Braidalbainn, P. E. I.
Domhnull B. Mac Leoid, Elliots P. O., P. E. I.
Tearlach Mac Coinnich, Elliots P. O., P. E. I.
Seumas N. Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews, N. S.
Alasdair Domhnullach, Thedford , Ont.
A. J. Domhnullach, Dorchester , Mass.
M. B. Mac Coinnich. Braigh Waipu, New Zealand.
Ruaridh D. Domhnullach, Springhill , N. S.
Iain Mac Coinnich, Lunnuinn, (10 air.)
Mrs. Johnstone. Rowenstall, Sasuinn.
Cailein Siosal, Lunnuinn, do.
U. Mac Ghriogair Stoddart. do.
Calum Caimbeul, Kinross , P. E. I.
An t Urr. Ruairidh Mac Gilleain, Valleyfield , P. E. I.
Nial Caimbeul, North Wiltshire, P. E. I.
Dughall Mac Gilleain, Priceville , Ont.
Domhnull Mac Illemhaoil, do.
Uilleam Mac Aoidh, Little Bras. d’Or.
Coinneach Mac Dhiarmaid, Ceann Dearg.
Nial Mac Cuispic, Grand River.
Domhnull Domhnullach, River Dennis Road.
Tormoid Mac Leoid. Narrows Bheaga.
Ailain D. Mac Gilleain, Valley Mills.
Coinneach Mac Coinneach, River Dennis.
Bean Alasdair ’Ic Rath, Sydney.
Ruairidh A. Mac Coinnich, Sydney Forks.
Cailein Comhnullach, Round Island.
Gilleasbuig Mac Illemhoire, Horne ’s Road.
Alasdair Mac an t-Saoir, Canoe Lake.
Raonul Domhnullach, Kempt Road.
Iain Cameron, Grand River.
Catriona Nic Fhearghais, New Boston.
Domhnull Mac Fhearghais, Carriboo Marsh.
Michael Mac Ille-Mhaoil, Beavers Cove
An t-Urr. Iain Mac Phearsain, L ’Artleise.
Iain Ros, (clachair), Glace Bay.
Eachunn Mac Fhionghain, Sydney River.
Ailain Nac Amhlaidh, Kennington Cove.
Samnel Mac Gilleain, St . Esperit.
Seoras Mac Neacail, Beavers Cove.
Gilleasbuig Mac Phail, Malagawactch .
Domhnull Mac Illinneainn, Boulardarie .
Tha’n t-Urr. Domhnull Domhnullach an deigh paraisde Port Hastings a leigeil dheth. Tha Mr. Domhullach na shearmonaiche tapaidh agus tha m’ paraisde ’san do shaothraich e o chionn aireamh bhliadhachan a call deagh mhinisteir. Tha sinn an dochas nach caillear e do’n eilean so, ach gu’m bi e air a shuidheachadh an uine ghoirid ann an aon de na paraisdean a tha falamh.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.
Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid a’s lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us Bliadhn’ Ur, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn chean’ e. Agus mar is luaithe thig iad ’s ann is fhearr.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
title | Issue 27 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 27. %p |
parent text | Volume 2 |