[209]

[Vol . 2. No. 28. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-STHIRNE, FEBRURIADH 3, 1894. No. 28.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Se Di-ciadinn sa tighinn a cheud latha dhen Charghas.

On dhuin an acarsaid tha carbad-iaruinn a ruith eadar Sidni us Sidni-a- Tuath tri laitheansan t-seachdaid, ach chan eil e idir cho feumail sa dhfhaodadh e bhi a thaobhs nach eil fhios aig darra leth an t-sluaigh de na h-uairean air a bheil iad a ruith.

ThanNorth Sydney Heraldag innseadh gum facas aireamh mhor de roin anns an acarsaid re na seachdain a chaidh seachad. Than acarsaid aig a bhaile sin fosgailte fhathast; than lan a tighinn a rtigh cho laidir on chuan mhors gu bheil e bristeadh na deighe mar a reothas i.

Bha seorsa de shabaid eader lucnd-daoraich ann an Aspy Bay o chionn ghoirid, agus loisg fear-eigin urchair agus chaidh am peileir an sas ann an lurga fear Dughallach a bha measg chaich. Thug an siorram a Baddeck cuairt don aite sin air an t-seachdain sa chaidh a ghlacadh nan cionntach.

Tha e air a radh gu bheil an trosgs an sgadan anabarrach pailt mu na cladaichean an drasd, nas pailte na bha iad riamh roimhe mun am son bhliadhna, ach than t-side cho greannachs nach eil a dol aig na h-iasgairean air moran dhiubh a ghlacadh.

Air a mhios a dhfhalbh, a cheud mios dhen bhliadhna, fhuair an duthaich so a cuid fhein an gheamhradh. Cha robh reotachd neo-obhaisteach sam bith ann ach bha stoirmeannan mora sneachda ana, a dhomhlaich na roideansa chum daoine gun chothrom gluasaid. Thainig a cheud stoirm air Di-haoine an naodhamh latha deug agus thuit meall cho mor de shneachdas nach dfhuair an carbad-iaruinn a dhfhag Sidni a mhaduinn sin air ais gu oidhche Di-luain an coigeamh latha deug. Thainig stoirm eile air an t-seachdain so a chum an carbad air ais o mhaduinn Di-mairt gu maduinn Dior-daoin. Bha na raidean mora air an aon ruith ris an rathad iaruinn ach tha iad an nis air an deagh bhristeadh agus tha comas gluasaid aig muinntir na duthcha aon uair eile.

Tha muinntir Mor-roinn Nobha Scotia a toiseachadh air bruidhinn mu thaghadh bhall air son parlamaid ur. Tha a pharlamaid a than drasd na suidhe an deigh a reis a ruith. Anns an t-siorramachd so tha Mr. Mac-a- Phearsain agus Mr. Domhnullach a tha cheana stigh a dol a ruith a rithist agus than Dotair Mac Aidh agus Mr. Iain Mac Carmaic a dol a ruithnan aghaidh.

Rinneadh iomadh bathadh on thainig an geamhradh le cion faicill air deigh. Tha muinntir og gu h-araidh tuilleadh us deigheil air a bhi dol a mach a cheud deigh a thig air na lochans air na h-aibhnichean, ’s tha moran dhiubh air tailleabh sin a call am beatha. ’S coir do mhuinntir feuchainn ri bhi faiciollach mun deigh; ’s glice gu mor dhaibh feitheamh gus am bi iad cinnteach aisde na dhol a chur deuchainn oirre tuilleadh ns luath, agus am beatha mar sin a chur an cunnart.

Chaidh Lachuinn MacIlleathain, fear-iuil a charbaid iaruinn a tha ruith eadar Sidni us Bridgeport a ghoirteachadh gu dona air an 28mh latha dhen mhios a chaidh. Ba e fuasgladh da charbad o cheiles iad a falbh agus thuit e fopa. Chuireadh stad orra gun dail, ach bha e air a dhroch mhilleadh mun dfhuaradh e thoirt a sas. Bha a lamh air a cur as a ghuallainn, agus bhristeadh dha no tri dheaisnean. Tha sinn a cluinntinn gu bheil e dol gu math nas fhearr.

Bha duinog am Baddeck an oidhche roimhe a coimhead air a leannan agus anns an dealachadh rug ise air daga a bha faisg air laimh agus chuir i ri ceann a ghilli a bagairt gu sporsail losgadh air. Ghabh esan nadar eagail agus dhfheuch e ris an daga thoirt uaipe, ach anns an t-stri a bheatorra dhfhalbh an urchair as an daga agus chaidh am peilear seachad eadar sgornan a ghille agus a chraicionn, a fagail lot granda air. Fhuaireadh dotair agus chaidh an lot a chur air doigh, ’s thug an gillen tigh air, taingeil na chridhe gud dfhuair e air falbh lebheatha. Cha robh fhios aig an nighinn gu robh peilearsan daga idir, ach saolaidh sinn gum bi lathas bliadhna mun cuir i daga ri ceann duine rithist.



[210]

[Vol . 2. No. 28. p. 2]

FRECEIDEAN A CHOIRRE DHUIBHAGUS TIGH DIGE NAN GORM-GHLAC.

(Bhan sgeul so muchreichann an Lochaber anns na laithean a dhfhalbh air a sgriobhadh le Mr Alasdair Mac Coinnich, fear-deasachaidh an Scottigh Highlander. Fhuair e i o Choinneach Friseal, seann duine a mhuinntir Ghearrloch.)

Bha uair-eigin ann an Lochaber, fear dham bainm, Domhnull Mac Dhomhnuill Duibhduine crosda, agus taghadh a mheirlich, agus bha brathair aige, ris an canadh iad Iain Geal Donn, agus cha robh meirleach feola ann an Alba a bfhearr na e ach an dara mac do Mhac Dhomhnuill Duibh. Chuir Mac Dhomhnuill Duibh fios gu tighearna Ghearlocham fear sin diubh ris an can sinn ann a seanna-chainnt ur n-aithricheanAlastair Breac” —gun tugadh Mac Dhomhuill Duibh creach uaithe, agus neor-thaing dha. Se sin do bhrighs gun do dhfhairtlich air a toir uaithe roimhe. ’S ann a chuir Alastair Breac an sin fios air duine cho treums air an cual e iomradh anns na tri Siorrachdan, agus be sin am fear ris an abradh iad, Alastair Buidhe MacAoidh, ann a Strath Oicill, talamhbha na luidhe eader Cat-thaobh agus Ros, gu bhi na cheannard Freiceadan aige, mun tugadh na h-Abraich a spreidh bho chuid tuatha, cuide ris na tharadh e fhein a dheanamh chobbair ris. Se sin do bhrighs gun robh spagairean do dhaoine neo-umbhailleach aige fhein ann an Gearrloch a dheanadh cobhair ri Alastair. Smuainich Iain Geal Donn a nise, le deichnear dhaoine agus e fein, a dhol gu tuath, cho fad ri aite ris an canair, gus an lathan diugh, an Amailt; agur mar than sgeulachd ag innse, thog na meirlich Abrach, as a sin aon mhart diag agus tarbh; agus choisich iad leis a chreich troimh mhonaidhnean Rois, agus choisich iad toimh aite, ris an canair, gus an lathan duidh, Stra-bhathaich; agus chaidh iad a steach air Stra-chonnan, a cumail air an aghart, ach an dthainig iad agus gun do stad iad air an oidhche aige aite ris an can iad gus an lathan diugh, a Sgaird-ruadh; aguss iad fhein a thug an t-ainm air an aite anns an do stad iad do bhrighs gun do chuir iad na bruidean thuige cho mor, ’s gur e fuil a bha iad a cur uatha dar a stad iad air an oidhche.

Uaithe so a mach rothais Alastair Buidhe MacAoidh, ceannard freiceadean tighearna Ghearrloch, gun robh meirleach morIain Geal Donnair tighinn a steach an tir, le creach a Siorrachd Rois; agus mar a thuit air a chuis a bhidh cho mi-chinnteach, thachair gur e gille Abrach a bhaig Alastair Buidhe MacAoidh; ach ghluais e gu socrach an deighe na feudail, agus an am tuiteam na h-oidhche; bha fios cinnteach aig Alastair gun stadadh na meirlich aig bothanan-airidh na Sgairde-ruaidhe; agus dar a dhorchnaich an oidhche, char Alastair Buidhe, gu seolta, anns a chromail air aruinn (fhaguisg?) nam meirleach; agus dar a bha iad mar uighe beagan astair dha na bhothan, chuir en gunna ri corp a ghille Abraich aige fhein, ag cuir mionnan air gum biodh e cho dileas ris fhein, air neodh gum biodh e marbh air ball. Mhionnaich an tAbrach gum biodh, agus ghluais iad an sin, le cheile, air ionnsuidh a bhothain; agus chuir Alastair mionnan a rithist air a ghille Abrach, se dha chur gu doras a bhothain, nach leigeadh e mach duine dheth na bha steach. Dar a rainig iad am bothan, bha na h-Abraich, gu neo-umhailleach, a rosdadh cuibhroinn dheth an tarbh. Thug an gille Abrach an dorus air, agus char Alastair Buidhe MacAoidh gu ceann a bhothain; thog e earball sgrathan, agus thug e suil gu de bha sa deanamh steach. Bha Iain Geal Donn, gu neo-mhuladach, na sheasaidh, a deanamh garadh chul-chas air fhean ris an teine. Thionndaidh e ris na fir a bha mun cuairt don teine a rosdadh na feola, agus thubhairt e riu, “Fhearabh seallaibh a mach, the misefaighinn faladh fudair;” agus mun do thar en ath fhacal a chantainn, bhan luaidhe troimh na chaoldruim aige, bho na ghunna aig Alastair Buidhe. Leig e sud thuige, ’s thug en dorus air, a chobhair an Abraich. Thainig na fir a a bha steach a mach, agus cha do leig na fir a bha muigh duinas diubh, ach aon fhear a fhuair as le altapadh; ach chuir iad sail na coise dheth an fhear sin fhein. Lean iad e ach an do ghabh iad sgios; ach cha drug iad air. Thill iad an sin a dionnsuidh nam marbhan a bhanns a bhothan agus dhith iad na bha feumail doibh do shithinn an tairbh; agus dar a dhith, rug iad air Iain Geal Donn, na mharbhan, agus dhfhuaigh iad e ann a seichen tairbh agus chur iad an cabar rosdaidh a bhaig na h-Abraich tarsuinn na bheul. Dhfhag iad mar sud e fhein sa chompanaich, marbh; agus dhfhalbh Alastair Buidhe MacAoidh, an latha na mhaireach, gu tighearna Ghearrloch, agus dhinnis e dha mar a thachair. Chord a sheirbhis ro mhath ri Alastair Breac; ’s cha luaithefhuair en naigheachd, na chuir e gille-ruithe do Bhrathainn, a dhinnse do MhacCoinnich, gun deach a leithid a dheanamh air a leithid so do dhuine. Dar a rainig an sgeula Mac Choinnich, mar bhan gnothuich iongantach co thuit air a bhi cuide ris aig a dhiathad, ach gum be Mac Dhomhuill Duibh. Far a leugh MacChoinnich litir tighearna Ghearloch, thilg e null gu Mac MacDhomhuill Duibh i; agus thubhalrt e ris, “Fuil oirbh thall a sin a mheirleachaibh.” Marbhun a chuis gu dosgainneach ri Mac Dhomhuill Duibh, cha dfhuirich e ris an diathad na bfhaide. Dhfhalbh e da Lochaber; agus chuir e gillean gu ruige braighe Sthrath-chonnan, gu bothanan-airidh na Sgrairde-ruaidhe, agus thug iad Iain Geal Donn leo, gu Corpach Lochabar; ’s tha carn cuimhne air an sin gas an lathan diugh.

Dar a fhuair MacDhomhuill Duibh air a dhoigh ann an Lochabar, ’s ann a smuanaich e cur gu cruaidh ri tighearna Ghearloch, agus creach e thoir dheth a chuid fearainn. Dar a chual tighearna Ghearrloch so, thional e beagan (ceithir fichead fear) dheth a chuid daoine, gu cumail nan Abrach air an ais. Bha iad cuide ris fhein fad ua h-oidhche ann an seann tigh an Teampuill, mar theirte ris. Dar a thainig a mhaduinn, dhfhalbh na fir, agus ma dhfhalbh, gu dearbh bham prasgan gle neo-sgeadachail, ach bha iad calma, neo-sgathach. Cha bfhada gus an drainig iad Coire Dubh Laighaich mar theirear ris gus an lathan diugh, agus mar a bha chuis gun chinnte, bha bothanan-airidh air urlar a Choire, agus cha robh fios aig na Gearrlaich nach robh na h-Abraich nan luidhe anns na bothanan, ri foill folaich. Cha robh fios co a reitheadh a rannsachadh an robh iad annta gus nach robh; ach thubhairt fear treun, tapaidh, dheth na bha anns a chuideachda, ris an cainte Alastair Ros, dheth an LonmhorTheid mise ann.” Ged a bha Alastair gle neo-sgeadasach na chruth, cha robh easbhuidh misneachd air. Dar a rainig am bothan, thubhairt e, an aird a ghuth, “Ma tha thu steach an so, a mhic diolain a choin, bi mach an so”; ach ma thubhairt cha dfhuair freagar. Mar bha chuis gu math air taobh nan Abrach, cha dthainig iad air an aghart; agus fhuair na Gearrlaich sgeula gur ann mar so a bha, bho mhuinntir Coir MhicCromail, ann an Teireardan, aig an aon am ag innseadh dha na Gearrlaich, nan dthainig na h-Abraich, gur iadsa na fir a dheanadh cobhair ri muinntir Ghearloch. Nuair a chualiad mar a bha, thill am prasgan neo sgeadasach, gun phrois, gun ghealtachd, air an ais a Ghearrloch, agus chaith iad an oidhche ann an tigh an Teampuill, aig tighearna Gearloch ag ol, sa ceol, sag aidhis. Dar a bha iad a tighinn dachaidh, troimh Cheann-Loch-iugh, co thachradh riu ach Ruairidh Breac, Mac Dhonnachaidh Bhain, seann bhard a bha anns a Chromasag, ann ann Braighe Cheann-Loch-iugh, ’s rinn en t-oran a leanas doFhreiceadan a Choire Dhuibh” :—

Tigh-Dige Nan Gorm Ghlac.

Oidche dhomhs an Tigh-Dhige
Mhearanach, fhuranach, rioghail,
Oidche dhonair mo shaoghail,
A chuir mo dhorain air di-chuimhn’.
Fuaim brollaich air piob ann,
Cainnteach, sgoilearach, gniomhach,
Coinnleach, solusach, piobach,
Gheibhte solas, is fion ann ri ol,
Gheibhte solas, is fion ann ri ol.



[211]

[Vol . 2. No. 28. p. 3]

Tigh-Dige nen Gorm-glac,
Far am biodh miadh air luchd-falbhn,
Gheibhte piob agus orghan,
Urram, sith, agus seanchas,
Uisge, brigheil na tairgne,
Ga chuir am piscan don airgiod,
Uath na laochanaibh meanmnach
Uath lamh mhaoinich an airgiods an oir,
Uath lamh maoinich an airgiods an oir.

Lionte lan iad gun umhail,
Air deagh shlainte Mhic Ian,
A chraobh is airde ri h-amharc
Ann an garadh an abhuil,
S i cho laidir nacathair.
S nach dean failbheirt a chathadh,
Fasgadhs blaths ris a chathadh,
Do na tharus i gheidheadh fo meoir,
Do na tharus i ghleidheadh fo meoir.

Mo na tha ladh dhomhthighinn,
Do dthigh-tabhairn-sathighinn,
Chon am bi mailleagan dibhe,
So do dheoch-slainte sfhir chridhe.
Taghadh an oganaich chridheil;
Cuirte doigh air an fhidheil,
Agus seol air an fuidheil,
Is air dortadh na dibhe,
Sochair solais bu tighearnail oirnne,
Sochair solais bu tighearnail oirnne.

Bu ceann na filidh, ’s fear-tighe,
N am na feisde ga caitheamh.
Bha thu treun anns gach rathad,
Ann an ceill, ’s ann an tamail,
Ann am foghlum, ’s an labhairt,
S ann riut a dheisdeadh na maithean;
Bu tun dreagan nach athadh,
Nuair a dhfheumadh tun claidheamh na ddhorn
Nuair a dhfeumadh tun claidheamh na ddhorn.

Se do bhord a bhiodh rioghail
An am poite na fiona,
S lionmhor corn agus pise,
N obair or-cheird bu daoire,
S bhiodh na seoid air gach taobh dhiot,
A cumail coir riut, as dhfhaodadh,
S nan tigeadh baoghalls an rioghachd,
Bu tu sail-bhroilleach an t-Siphortaich oig
S tu sail-bhroilleach an t-Siphortaich oig.

S tun laoch furanach, fialaidh,
Bho fhrith mhullaich an fhiadhaich,
Dham bi aidhean gam biathadh,
Agus greidheanan lianmhor;
Chuir thu cisteachan iasgaich,
Air do bhuinneachan fiona.
S iomadh urram thug Dia dhuit,
S tu burrainn gan riaghladh a sheoid,
S tu burrainn gan riaghladh a sheoid.

S tun laoch urramach, ainmeil,
Uathn tir fhuranaich, airmeil,
Nach dfhuair di-meas, no garbheirt:
Gach cis leat an Alba,
Ri tim aisith, no aimhreit,
Fhuair righ Shasuinn ort dearbhadh,
Nach bu dual duit bhi leanbaidh,
Nuair a dheireadh an fhearg air do shroin
Nuair a dheireadh an fhearg air do shroin.

S tu triath mheanmnach na heilid,
Dom bun bein, dom bun coille,
Dom bun iasg, dom bun eisear,
Dom bun fiadh, dom bun gaodhar,
Leat bu mhiann bhi gan taoghal,
Le dchuid giomhanach laghach.
Leism bu mhiannach an adharc,
Ri an cliathaichga faighinn,
S gunna-gniomhach fon fhradharc,
Tolladh bhian far an taghail an ceo,
Tolladh bhian far an taghail an ceo.

Tha gach buaidh air do bhaile,
Le chuid bhuacaichean geala,
S do chuid planaigeadh ainneamh,
Treobhair ard air a h-earradh
Le fiodh, sgliat, agus balla;
Dearsaidh ghrian troimh na ghlaine
Na do sheomraichean geala,
S bithidh eoin chainnt nam meangan.
Seinn ciuil duit air crannaibh;
S gur leat iasgach air Cearraidh,
Agus fiadhachs a bhaile-sa sheoid,
Agus fiadhachs a bhail-sa sheoid.

Thu theaghlach urramach, teisteil,
S an cluinnte farum nam feudan,
Sa thuair barrachd am Breatuinn,
Air ceol is ealan bu deise,
Uath fhearabh nam fleasgach,
S e do bhalla gum freagradh,
Fo mheoir Iain gaspreigeadh,
S tu gun togadh le beadradh do sheoid,
S tu gun togadh le beadradh do sheoid.

N am bhi maoitheadh nan creachan
Thoir a Gearrloch le cabhaig,
S mise chunnaic do phrasgan,
S cha be seorsa nan casag
A bhaig pola do bhrataich,
Ach na h-oganaich ghasta,
Dom bu chomdach am breacan,
Osan gearr fo na ghartan,
Agus brogan an astair,
S gunna comhradh nan glasan,
S claidheamh mora chinn-aisnich nan dorn.
S claidheamh mora chinn-aisnich nan dorn.


Thugaibh Fanear.

Anns a chuil a bhios air a cur air leith air sonMinard ’s Linimentre na bliadhna so, bidh moran dhaoine a labhairt mun fheum a rinn an leigheas ainmeil sin dhaibh.

C. C. RICHARD & CO.


Minard ’s Linimentri reics gach aite.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[212]

[Vol . 2. No. 28. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI DI-SATHAIRNE, FEBRUARIDH 6, 1894.

LITIR AS AN EILEAN SGIATHANCH.

Fhir mo chridhe, —Tha am MAC-TALLA atighinn do mionnsuidh gu riaghailteach, agus ged nacheil e ach beag ann an coimeas ris na paipearan-naigheachd a tha tighinn ugam a Duneidionn, is ann air a bheir mi lamh an toiseach, an oidhche a thig e. Mar a than sean-fhacal ag radh, “Is fhearr am beag seadhach nan draghaiche mor mi-ghniomach.” Tha min dochas gum bi am MAC-TALLA gu math nas mo mun tig crioch air abhliadhna. Ma bheir gach fior Ghaidheal, araon air an taobh so agus air an taobh thall den chuan an iar, failte chridheil, chaoimhneil don MHAC-TALLA, chan eagal nach soirbhich leis. Bha na Gaidheil riamh ainmeil air son an caoimhneis, araon ri ri cach a cheile, agus ri coigrich. Feumaidh miaideachadh gum baithne dhomh feadhainn dhe na Gaidheil a bha cho mosachs nach duraigeadh iad greim debhiadh a thoirt do fhear-duthcha. Ach feumaidh mi mar an ceudna a radh nach robh beannachd Dhe no beannachddhaoine riamh air cinn na muinntir a bha mosach, spiocach. Chan eil fior Ghaidheal aon chuid ann an America, no ann an Alba, no ann an cearn sam bith eile den t-saoghal, a bhiodh an aghaidh dollair a chosg ri fear-duthcha cridheil, caoimhneil, a thigeadh ga amharc. Tha micreidsinn gu n aontaich luch-leughaidh aMHIC-TALLA gu bheil mi ag radh na firinn. A nis, an ni a bheireadh ormsa dollair a chosg ann an bithnochdadh caoimhneis do charaid, do dhfhear-eolais no do dhfhear-duthcha, is e acheart ni a bheireadh orm dollair a phaigheadh air son MAC-TALLAbhithtighinn do mionnsuidh uairsan t-seachduin fad na bliadhna. Chan fhaic mi ach ainneamh fear don aithne mun MHAC-TALLA, ach fear a their, “Gu dearbh is gu firinneach, is math is airidh an Gaidheal og tapaidh, a thana onar adeasachadh agus acur a mach aMHIC-TALLA o sheachduin gu seachduin, air misneach agus cuideachadh fhaotainn o gach fior Ghaidheal fon ghrein.” Ged a their iad so riumagus tha micreidsinn gu bheil iad ag innseadh staid an cridhe aig an amis ainneamh fear dhiubh a chuireas a lamhna phocaid agus a phaigheas an t-suim bheag a tha sibhse, fhir mo chridhe, ag iarraidh air son am MAC-TALLA a chur don ionnsuidh fad na bliadhna. Tha e gle mhath a bhithmoladh dhaoine, agus aguidhe gum biodh mor-shoirbheachadh acanan obair; ach is mo gu mor is fhearr an durachd agus an deadh-run sin a thaisbeanas an duine bochd a chuireas dollair dor n-ionnsuidh, agus a leughas bhur paipear grinn, gasda gach seachduin. Is e gniomh a dhearbhas co dhiubh a tha gus nacheil muinntir da rireadh an uair a their iad, “Tha sinn an dochas gu soirbhich leis aMHAC-TALLA gu mor.” Is e mo bheachd fhein air achuis, ma tha gus nacheil mi ceart, gur e cion smaointeans cion toirt fa near is coireach nach robh miltean air mhiltean de Ghaidheil an t-saoghail aleughadh aMHIC-TALLA. Cuireadh gach Gaidheal a lamh anns an obair, chan ann a mhain le a dhollair a chur dor n-ionnsuidh, ach mar an ceudna le bhithbrosnachadh chaich gus an ni ceudna a dheanamh. Is iomadh Gaidheal gasda a tha fada air falbh o thir a bhreith is araich a bheireadh leith dollair air an naigheachd eibhinn mun bhaicear cham agus mun buidsear bhreac, a thug sibh dhuinn anns an dara aireamh mu dheireadh a fhuair mise den MHAC-TALLA. Gu ma fad beo Iain Mac Faidean coir, a thug dhuibh an naigheachd. Ged nacheil mi leitheach dhe na bheil agam ri sgriobhadh, feumaidh mi crioch a chur air an litir so. Tha mi aguidhe bliadhna mhath ur, agus moran dhiubh, araon don MHAC-TALLA, agus do a luchd-leughaidh air feadh an t-saoghail mun iath aghrian. Is mi bhur caraide dileas an lathachis nach fhaic.

IAIN.
Latha na BliadhnUire, 1994.


Fhuair sinn iomadh litir us fios re nan tri seachdainean a chaidh seachad o luchd-gabhail a Mhac-Talla ag innseadh dhuinn nach robh am paipeargan ruigheachd mar a babhaist da. Dhfhaodamaide radh mar a thuirt fear roimhe nach robh fhios aig duine sam bith air sin cho mathsa bhagainn fein. Cha dthainig am paipear a mach re na h-uine sin idir; bham fear-deasachaidh tinn, agus cha robh e mar sin comasach air an obair a dheanamh. Tha fhios againn nach bi gin dar luchd-leughaidhgarn agairt nuair a thuigeas iad an ni bu choireach. Thig an tinneasnuair as lugha bhios a dhuil ris agus feumar gabhail ris ge be uair a thig e. Air an t-seachdain sa tighinn thig am Mac-Talla mach ann an deise nas fhearr na bhair on chunnacas an toiseach e. Bidh barrachd leughaidh annsa bhann riomhe, agus bidh an clo glan, soilleir, air chors nach bi e duilich do neach sam bith, sean no og, a leughadh.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. H. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

Re a mhios November, seolaidh na longan so mar a leanas,—

An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 10mh.
An CARROL, Di-haoine, Nov. 17mh.
An WORCESTER, Di-haoine, Nov. 24mh.

An deigh a 24mh la cha sheol iad tuilleadh air a bhliadhna so.

A. BAIN,
Fear ionaid.


LEABHRAICHEAN GAILIG.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. E. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[213]

[Vol . 2. No. 28. p. 5]

Bas an Urr. Uisdean Mac Leoid, D. D.

Chaochail an Dotair Mac Leoid, Athair na h-Eaglais Chleireicheil an Canada, aig a dhachaidh anns a bhaile so, Di-mairt an treas latha fichead dhen mhios a dhfhalbh. Rugadh e ann an DuthaichIs Aoidh, an Alba, air an treas latha fichead a dhAprilsa bhliadhna 1803. Bha e mar sin ceithir fichead bliadhnasa deich us naoi miosan a dhaois. Bu mhac e do thuathanach Gaidhealach agus bha e air fhagail na dhilleachdannuair a bha e gle og. Nuair a chaidh e don sgoil bha e comharraichte air son a thapachd, agus cha robh esa cholaiste uine mhornuair a thug e mach duais a chumsan oil-thigh fad cheithir bliadhna. Bha e anabarrach ionnsaichte ann an Laidinn, agusnuair a fhuair e cead searmonachaidhsa bliadhna 1831 rachadh aig air oraid a liubhairt anns a chainnt sin na bfhearr na dheanadh e am Beurla no nGailig. Bha e air a shuidheachadh agus shaothraich e fad aireamh bhliadhnachan ann an tri sgireachdan Gaidhealach eadar sin us 1845, ’nuair a thainig e air a cheud chuairt a dhAmerica. Bhan Eaglais Shaor air dealachadh ris an stait da bhliadhna roimhe sin, agus chuireadh an Dotair a mach a mhisneachadh agus a neartachadh nan co-thionalan a bhuineadh don eaglais sin an Canada. Rinn na Gaidhil a bheathas gach ait an deach e, agus shaoithrich enam measg le uile chridhe; bha e mar bu trice a searmonachadh a h-uile latha a bharrachd air seirbhis dhubailte air an t-Sabaid. ’Sa bhliadhna 1848 thainig e mach air chuairt eile, agus bliadhnan deigh sin chuireadh gairm da ionnsaidh a Mira, agus thainig e fheinsa theaghlach a mach. Riamh uaithe sin gus na leagadh sios le tinneas e, shaoithrich e gu dileas air son math spioradail agus timeil an t-sluaigh, agus le mor shoirbheachadh.

Nuair a bhan Dotair Mac-Leoid na neart cha robh searmonaiche no fear-labhairt ach gann a thigeadh suas ris. Bha guth laidir, fallain aige, agus bha a sheanchas a ghnath pongail, ordail. Bha e cho fileanta, sgairteil, ri duine sheas riamh an cubaid, agus mar a thurrt neach eile, “nuair a sguireadh e labhairt bhiodh gach aon san eisdeachd a durachduinn gun leanadh e na bfhaide.” Bfheudar dha, o chionn aireamh mhath de bhliadhnaichean, sgur a shearmonachadh; dhfhas e gu math dona leis a chuing, tinneas nach do chuibhlich e tuilleadh gus latha na dha man do chaochail e. Saor uaithe sin bha e cho laidir na bhodhaigs na inntinns gum biodh e lan chomasach air a bhi searmonachadh gus an robh e fada seachad air ceithir fichead bliadhna. Cha robh ni a tachairt, air am bfhiach iomradh a thoirt, anns an duthaich so no an duthchannan cein air nach robh e ga chumail fein geur-fhiosrach, agus ged nach robh e mach air dorus a thaighe o chionn bhliadhnachan, bha e na beolaiche air na bha dol air adhartsa bhaile na bha mhor-chuid dhe na bha air an t-sraid a h-uile latha.

On fhuair e cead searmonachaidh an 1831, shearmonaich e corr us sia mile searmon, bhaist e corr us da mhile pearsa, agus phos e sia cead gu leth caraid. Bha e na cheann-suidhe air Cleir fichead uair ceithir uairean air an t-Seanadh agus aon uair, an 1879, air an Ard-sheanadh.

Chaidhadhlacadh Di-haoine 26mh latha. Bhan t-seirbheis gu leir fo laimh na Cleire. Thugadh an giulain do Eaglais St. Andrews anns an robh co-thional mor a feitheamh. Liubhair an t-Urr. Domhnull Mac-Ille-Mhaoil, ministeir Sydney Mines, oraid ghoirid anns an dthug e cunntas air beatha agus obair an Dotair Urramaich, agus anns na chuir en ceill am beagan bhriathran taghta a chliu mar shearmonaiche agus mar dhuine. An deigh dan t-serbhis a bhi air a criochnachadh, fhuair an sluagh uile cothrom air amharc air an aghaidh air an robh moran dhiubh cho eolachsna laithean a dhfhalbh, agus an sin lean iad an giulan dhionnsaidh a chladh aig Hardwood Hill far an robh e air a charadh fodhn fhod.


Bha moran bruidhinn air a dheanamh re nam miosan a chaidh seachad mun t-sabaid a bha gu bhi eader Corbett us Mitchell, agus thainig i mu dheireadh. Choisinn Corbett agus nochd e nach robh moran iochd no duinealais a ghabhail tamh na chom. Bhan t-sabaid na ni anabarrach bruidail, mar a bhasa bhitheas a h-uile gin dhethn t-seorsa, ’s cha robh duine lathair aig an robh meas ceart air fhein. ’Nuair a theid dithis dhaoine a shabaid air son geall agus a shabaidicheas iad nas bruideile na na bruidean fhein than t-am aig daoine beusach a bhigan seachnadh.

Tha fear Michael Mac-a- Phi a mhuinntir Sidni-a- Tuath an deigh a dhol a Bhoston far am bheil aige ri cuirt a sheasamh; agus ma choisinneas en cas gheibh e suim mhor airgid. Bha eg obair am Boston bliadhna no dha roimhe so agus anns an obair a bhaige chaill e da mheur bhar na laimhe deise, agus air dha bhi dhen bearail gum be chuideachd aig air robh eg obair bu choireach ris an sgiorradh a thachair dha, chuir esan lagh iad a tagairt coig mile deug dollar air son call a mheoirean. Tha chuis aig na fir-lagha a nis uine fhada, agus chan eil teagamh nach bi breith air a toirt gun dail.

Tha tigh Parlamaid Nobha Scotia na shuidhe o chionn ceithir seachdainean a nis agus tha na fir ag obair air deanamh reachdan us laghannan mar as fhearr a dhfhaodas iad. Thugadh ionnsaidh air an turus so air cead a thoirt do na mnathan votadh an am a bhi taghadh fir pharlamaid, ach bha chuid bu mho dheth na thanns an tigh na aghaidhs cha drinneadh lagh dheth idir. Tha moran dhen bharail nach bu choir do na mnathan a bhi gabhail gnothuch sam bith ripolitics, ”agus tha e coltach gu bheil a chuid as mo dheth na than tigh na parlamaid dhen bharail sin.


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.



[214]

[Vol . 2. No. 28. p. 6]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC-LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB V. —Air a leantuinn.

Nis a chionn nach robh fearannsan t-sealladh, agus gun do dhuisg aSeann Duinenaigheachd gu robhm biadh a fas gann, thug na maraichean cluas ealamh dha briathran a mhealltair; bha eadhon cuid a gra gu robh Imanuel marbh agus chomhairlichCearsadhgun ceasnicheadh iad Criosduidh mun chuis. Uime sin chaidh esan agus Deann-Cruaidh air an cuir a dh-ionnsuidh deireadh na suinge: Thuair iad Criosduidh a spaisdearachd air a chlar-uachdair le gnius dhubhach. Thuig esan air boll gu robh air teachd le sgula mhi-thaitneach. Nuair sheas iad an lathair a sgiobair theirig cainnt dhiobh; agus philleadh iad air an ais gun facal a labhairt, ach bha eagal orra roimh sgeig chaich, agus uime sin ghlac iad misneachd agus thubhairt iad: “Tha sinne air ar cuir a dh-feorach am bheil dochas air bith gu ruig sinn an duthaich air son an d falbh sinn?” Ghabh Criosduidh mor eagal, ach an dochas gum pilleadh freagradh min corruich, thubhairt e riuth, “Na bitheadh eagal oirbh, mo dhaoine; ruigidh sinn tir ann an deagh am.” “Ach dh-fhag Imanuel sinn,” fhreagair Ceann-Cruaidh. “Ni h-eadh,” thubhairt Criosduidh, “nach do thaisbean E e fein duinn annsan stoirm?” “Chan fhaca sinn e,” arsa Ceann-Cruaidh, “ciamar uime sin a chreideas sinn?” Bha Criosduidh fo dhoilghios airson cruas an cridhe agus air faicinn da a Seann Duine tarrung dluth chum eisdeachd cheasnaich e e. “Am bheil thu labhairt so uat fein nan dinnis neach eigin dhut e?” Dhfan Ceann-Cruaidh na thosd: An sin ghabhDearsadhmisneachd agus thubhairt eTha na h-uile coltas nach ruig sinn Tir a Gheallaidhthubhairt Criosdudh ris. “Mar creid thu briathan Imanuiel, cha chreid thu briathran air bith.” Thuig a so chuidich an Tighearna leinn, thainig gach ni math bhuaithsan, agus gach olc do bhrigh nach d-thug sinn geill da reachd-san. Ach ciod an comharra bheir thu dhuinn gu bheil E fathasd beo. Cha bhi comharra air a thoirt dhuibhfheagair Criosdudh; thugaibh aire air eagail air dhuibhse mar an ceudna bhi air bhur tarruing air falbh le seacharan nan daoine aindiadhaidh, gun tuit sibh o bhur seasmhachd fein. Cuid eile air dhiobh bhi air am buaireadhthuislich iad agus bha iad air an sgrios leis a mhilltear. Thionndaidh Criosduidh air falbh agus dh-fag e iadsan nan seasamh. Thainig a Seann-Duine dluth agus chuir e cagar nan cluais. Chaidh iad air ais dhionnsuidh an chomh-mhairichean, agus chuir iad Cainnt a Sgiobair anns an t-solus bu mhiosa. Bha farum mor na measg. Labhair gach duine a ni sin bha ceart na shuilean fein, ’s gann a dh-feoirich neach ciod i toil an Tighearna. Chuir Timoteus agus Cuilc bhruite an ceill gu robh Imanull, cha ne mhain beo, ach gum b E Righ Neamh agus na talmhuinn. Bha chuid eile fo theagamh agus a mheud dhiubh aig nach robh creideamh ann an Dia labhair iad gu h-olc ma Chriosduidh.

(Ri leantuinn)


Tha daoinen lathan diugh gle dheigheil air a bhisan fhasan, ach nan tigeadh air duine a mhuinntir na duthcha so dhol gu China dhfheumadh e iomadh rud neonach a dheanamh mum biodh esan fhasan. Anns an duthaich sin, tha na mnathan a cosg bhriogaisean agus na fir a cosg ghuintean. Tha falt fadair na fir agus falt goirid air na mnathan. ’S iad na fir a bhios ris a bhan-taillearachd agus tha aig na mnathan ris gach obair throm a dheanamh. Aig torraidhean, bidhn sluagh air an eideadh an geal, agus aig posaidhean, ann a dubh, agus cha nighean og a bhios na maighdinn aig bean-bainnse aig an stol phosaidh ach seann chailleach.

Tha e air a radh gu bheil naoi mile deug punnd Sasunnach ( £19 ,000) de theachd-a- steach bliadnail aig Mr. Gladstone. Tha so uilethiginn mar mhal fearainns mar riadh airgid. Ged tha e na Phriomhair air Breatuinn chan eil sin a cur sgillinn ruadh na phoca.


Na feith gu earrach gun deuchainn a chur air
K. D. C
Glanidh agus neartaichidh e an corp gu h-iomlan. Gabh an drasd e.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN



[215]

[Vol . 2. No. 28. p. 7]

ORAN BLIADHNUIRE.

AIR FONN: —Ochain an uair a dhfhalbh sinn.

Tha bliadhna ris an aireamh
A shonruicheadh on aird dhuinn,
Bu choir dhuinn gum biodh fas oirnn
Le tuille graisnar nanmaibh.

Bham freasdal ruinne caomhail
On thug e sinn don t-saoghal
Gar teasairginn o bhaoghal
A h-uile taobh a dhfhalbh sinn.

An ti a ghabh dhinn curam,
Bidh esan na cheann-iuil dhuinn,
Do ni e fhein ar stiuireadh
Gun ruith sinn cursar n aimsir.

Nuair chriochnaicheas ar laithean,
Sa ruigear Iordan bais leinn,
S ro-mhath an caraid graidh e
Chan fhailnichs cha dean dearmad.

Mo thruaighe! ciod a dheireas
Don t-sluagh sin nach dthug geill dha?
Co theasruigeas nam feum iad?
Nuair threigeas gach ni talmhaidh.

Cha toir na creagan eisdeachd,
Cha toir na beanntan geill daibh,
Chan fholaich ni fon ghrein iad
On t-suil tha geur gu tearbadh.

Ach sonachaoidh don aireamh
A fhuair an creidimh slainteil,
Bidh oighreachd ann an Paras.
Fad al nan al mar sheilbh dhaibh.

Us on tha ghealladh mor dhuinn
Uach failnich air a throcair
Bidh sinne fad sas beo sinn
A cur ar doighs arn earbsann.

S aig toiseach na bliadhnuire,
S ro mhath an t-am dhuinn dusgadh,
A crathadh dhinn gach dusal
Gu durachdach ga leanmhuinn.

O cum sinn air ar gluinean,
Gu caithriseach ag urnuigh,
S cuir Foin a nuas an driuchd-sin
A dhuraicheadh ar nanmaibh.

C. C.


Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.

Sin agad a Phadruig rud a bheir dhuit cail air son do dhinneir.” “Ma ta ler cead, chan e sin a tha dhith orm idir, ach rud a bheir dinneir dhomh air son mo chail.”

LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air

Irrs na gabh achMinard ’s Liniment.

LeighsidhMinard ’s LinimentCranna-bhrist.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air an laimh daonnan.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[216]

[Vol . 2. No. 28. p. 8]

Piobaire Thighearna Chola.

FHIR-DHEASACHAIDH, —ThugBartimeusa Malagawatch freagairt, ann am pairt, do cheist an Urr. A. Mac G. Sinclair a thaobh piobaire Thighearna Chola. Tha Lachuinn Mac Faidein am Bai Bhaddeck ag innseadh dhomh-sa gun robh e ann am Montague, ’n Eilean a Phrionnsasa bhliadhna 1851, agus gun thachair e an sin air mac a phiobaire. Thug e dha aoidheachd car da la us oidhche ann an tigh athar. Tha mac so a phiobaire beo fhathast, agus a comhnuidh sia mile tuath air drochaid Mhontague. Tha dithis anns an t-siorramachd so (Victoria) a dhfhaodas da it a churnam boineid mar a thuirt Mr. Sinclair; ’s iad sin Seonaid bean NeillIc-Ille-Mhicheil a Baddeck agus a brathair, clann DhonnachaidhIc Neill brathair Lachuinn a Ceap Eoin, a dhainmichBartimeusa bhi na mhac brathar athar do Eachunn Johnstone am piobaire. A reir so, be an sinn-seanair brathair athar a phiobaire.

Bhithinn toilichte cluinntinn o neach sam bith eiletha nas dluithn daimh don phiobaire na so. Slan leat aig an am so.

COINNEACH.


Facal no dha a Boston.

A MHIC-TALLA IONMHUINN, —Cha chuala mi o chionn seachdain achsiuthad, siuthad, cuir dollar dhionnsaidh a MHAC-TALLA, agus sgriobh litir phongail thuiges math as fhiach e sin.” Air a mhodh so bha mi air mo bhrosnachadh le mo mhathair ghradhach, gus mu dheireadh am bheil mi atogail mo phinn, a dhain-deoin mo dhrips mo chabhaig a chum fois phaotainn dom anam.

Tham paipear Gailig a toirt mor sholas dom pharantan nan seann aois, aguss fhiach e dollar uair air bith eisdeachd ris an toileachadh a ni iad ris. Bidh an aon bhraoisg orra le cheile, bhon am a nochdas am posta leis gus an leubhar am facal mu dheireadh dheth.

Tha nigheanan agus gillean Gaidhealachsa bhaile so a caochladh aitean a bhios a taghal oirnn o am gu am, agus dam beil mor speis againn. N uair a thig a h-aon diu so, ’s e leubhadh a MHA-TALLA roinn mhor der caitheamh aimsir. ’Se bhios na bhonn comhraidh dhuinn aig am na na snipeireach, agusga leubhadh earann dar sporsnuair a shuidheas sinn mun ghealbhain chridheil. Thug an comhradh eadar Fionnladh Piobaire, Mairi a bhean, agus am Brocair mor shubhachas dhuinn latha Nollaig. Bha Niall Mac Aonghais, (Mac Thormaid) a Maira, duine coir agus eildeirsan eaglais Ghaidhealaich; coimhead oirinn a agus cha mhor nach do sgaoil sinn agaireachdaichga leubhadh.

Gun siorbhich leis a MHAC TALLA an la chis nach fhaic.

Everett, Mass.
A. MAC C.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Nollaig Chridheil!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son na Nollaige.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Sidni, Dec. 9mh, 1893.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 28
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 28. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page