[217]

[Vol . 2. No. 29. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 10, 1894. No. 29.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
SIDNI, C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.


Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RI N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


NAIGHEACHDAN.

Bham barr fiona cho pailt anns a Fhraing air a bhliadhna sa chaidhs gu bheil ann an caochladh aitean am fion air a reic air an aon phrissa tham bainne.

Chaochail Domhnull Mac Aoidh, a bha na phiobaire aig Priunnsa Wales o chionn cor us fichead bliadhna, air a mhios sa chaidh. Aig a thorradh bha ochd piobairean a cluich, agus bham Priunnsa fheinsa theaghlach a lathair.

Fhuaradh seann duine, Uilleam Jeffrois, marbh aig Petit de Grat, faisg air Airchat, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Tha iad a deanamh a mach gu robh n daorach air agus gu robh e air a mheileachadh leis an fhuachd.

Than t-Urr. J. F. Forbes an deigh an gairm a chuireadh thuige a Sidni a ghabhail, agus tha Chleir ri bhi cruinn Di-ciaduinn, an ceathramh letha deug, chum a phosadh ris an eaglais. Bidh an t-seirbheis a toiseachadh air seachd uairean feasgar.

Tha foghlumaichean oga Cheap Breatuinn an deigh aireamh mhath dhuaisean a thoirt am much anns an Oil-thigh ann aHalifax. Anns a chlass as airde, choisinn Domhnull H. Caimbeal a Arichat a cheud duais, agus Jeane A. Benoit as an aite cheudna, an darra duais; agus anns an ath chlass thug I. W. A. Mac Neacail, duinog a mhuinntir an Obain am mach acheud duais. Tha sinn toilichte chluinntin gu bheil gillean Cheap Breatunn a deanamh cho math.

Mas fior na thatar ag innseadh, tha duine ann an Sydney Mines airm bu choir don lagh greim a dheanamh. Deireadh a mhios sa dhfhalbh, phos Uilleam Bonner, Barbara Nic Amhlaidh, nighean og a mhuinntir na meinne, agus a nis tha e air fhagail air gu bheil bean eile aige ann an Nanaimo, an Columbia Bhreatunnach, agus gu bheil i aig a cheart am air an rathad gu Ceap Breatunn. Cha drinneadh dad, fhathast gus a chur an greim; than luchd-ceartais a feitheamh gus an tig a cheud bhean air lom, oir mur tig i chan urrainnear a chionta dhearbhadh air.

Chaidh aireamh mhath dheth na caribous a mharbhadh air a gheamhradh so anns ma beanntan a tha tuath air Ingonish, ach than t-am dhen bhliadhnasam faodar na beathaichean sin a mharbhadh, seachd, agus faodaidh na sealgairean an cuid ghunnachan a chrochadh air na tairnnean gu toiseach an ath gheamhraidh.

Tha speuradair ann an Austria a deanamh faisneachd gu bheil runnag-smuide dol a bhualadh anns an talamh toiseach a gheamhraidh sa tighinn. Tha daoine nis air fas cho eolach air an t-seorsa fhaidhean sos air an cuid faisneachd, ’s nach creid a mhor chuid dhiubh gu bheil olc sam bith ri eirigh don talamh gus am faic iad e tachairt.

Chan eil gu bhim parlamaid Eilean a Phriunnsasan am ri tighinn ach aon tigh. Tha tigh nan Comhairleach air a chur as gu buileach. Tha deich buill fhichead anns a pharlamaid uir, agus dhiubh so is Gaidheil us Gaill Albannach an darra leth, is Sasunnaich deichnear, Eirionnaich triuir, agus Frangaich dithis. Rugadh a h-uile mac mathar dhiubh air an eilean ach aon fhear.

Tha Riaghladh Chanada an deigh laghannan uradheanamh a thaobh glacadh nan eisirean. As deigh so chan fhaodar gin a ghlacadh eadar a cheud latha de mhios meadhonach an t-samhraidh agus an coigeamh latha deug de mhios meadhonach an fhoghair. Agus chan fhaodar gin a ghlacadh a tha fodh thri oirlich a dhfhad, agus chan fhaodar poll-maoraich a thoirt a aite sam bith ma bhios eisirean beo cho faisg ri da cheud slat dha.

Chan eil sluagh air an domhan, ach muinntir China a mhain, a thag ol uiread ti sa tha sluagh Bhreatuinn. Tha cuid dheth na fir-parlamaid an drasd ag iarraidh a chis a thoirt bhar na ti air son an tuilleadh cothrom a thoirt dhaibh air a h-ol. Tha ceithir sgillinnean am punnd de chis oirren drasda, agus ma bheirear sin dhith caillidh an rioghachd tri muillein gu leth punnd Sasunnachsa bhliadhna. Tha mar sin, da cheud us deich muillein (210,000,000) punnd ti air ol am Breatuinn gach bliadhna.



[218]

[Vol . 2. No. 29. p. 2]

Taillear Ghearraidh-bo-stig.

LE IAIN.

Bha taillear Ghearraidh-bo-stigna dhuine gun bhith mor ann am bodhaig; agus bha e cheart cho luath ris an nios. Cha robh mac aigathair ach e fhein, agus cha robh mac aig a sheanair achathair. Chaochail a mhathair an uair a bha esan beag. An uair a thainig e gu dad a dhires gun deanadh e feum leis an t-snathaid, thugathair air toiseachadh comhladh ris fhein ris an taillearachd. Cha bann mar a tha taillearan an lathan duigh a bha iad an uair ud air am beathachadh no air am paigheadh. Bha aca ri taillearachd na duthcha mun cuairt a dheanamh ge be uair a chuirteadh fios orra. Bha meargsabhliadhna aca rifhaotainn o na h-uile teaghlach aig an robh fearann uachdarain; peice de mhin fhurraraidh, agus peice de mhin ghradanaidh, agus tri bidhsan latha comhladh ris an teaghlach, ge be air bith seorsa bidh a bhiodh an teaghlach acleachdadh a bhith aca.

Mar a bhan taillear afas suas ann an laithean agus ann an neart duine, bha etighinn air agart anns acheaird mar an ceudna. Cha robh taobh a rachadh an t-athair nach biodh am mac maille ris. Cha robh breid a ghearradh an t-athair nach fuaigheadh am mac. An uair a bhiodh obair an latha seachd, agus a bhiodh an solus gann, ben cur seachad oidhche a bhiodh aig daoines an am ud, ’gabhail oran agus sgeulachd, abruidhinn air droch-shuils air droch runs air tathaisgs air treubhantas ghaisgeach, agus air mort is marbhadh.

Mar a bha am mac afas suas ann an laithean agus ann am bliadhnachan, bhan t-athair acromadh sios le aois agus le lapaiche. Dhfhas an t-athair bliadhna dhe na bliadhnachan cho lapachs nach burrainn da a dhol a mach air dorus fad agheaamhraidh agus an earraich. Ach gidheadh fhuair copag na Feill Padraig greim airs an anail am barran nan cluas aige, agus leis cho fior mhaths a bha ecordadh ris an tuath-cheathairn, cha robh bean aig an drug mart no gobhar eadar dha cheann na duthcha nach robhdol le im agus le bainne thun an taillear. An uair a thainig an samhradh a steach gu math bhan seann taillear cho mireagach ri piseag chait, agus cho math gu seinn ri seillean ann an gathan na greine. Bhan taillear og o thaigh gu taigh mar eun o thom gu tom. Ach do bhrigh gu robh an seann taillear air fas mallna fhradharc, cha burrainn e taillearachd a dheanamh ged a bhiodh e cho dluth air a mhac a h-uile taobh a rachadh es a bhiodhfhaileas as deigh a shalach ri latha grianach. Fad aireamh bhliadhnachanna dheigh sin bha am macga chumail fhein agus acumailathar ann am biadh agus ann an aodach cho maths ged a bhiodhathair slan, fallain.

Cha robh fear iomanach anns na tri duthchannan a dhfhaodadh breith air caman, no burrainn a dhol as deigh buill cho math ris an taillear og. Bha e cho beachdaidh ann an sealladh a shul, agus cho cinnteach a buille a laimhe, agus cho supailte ris an casgainn; agus an uair a gheibheadh e aon uair am ball roimhn chaman, cha bhiodh fears achuideachd a ruigeadh a leas a dhol ga thoirt uaithe. Cha bhiodh latha Fheill Micheil, no latha Nollaig, no latha Bliadhnuire, no latha Tri Righrean nach biodh an taillear aig iomain an ait-eiginn.

Bha ena dhuine aig an robh deadh nadur, agus nach gabhadh fearg ri nighinn no ri gille, ri bodach no ri caillich no ri cromaich. Ach nan rachadh tuaireapadh sam bith a chur air a nadur, bann le a chomadh fhein. Gidheadh bha aon ni fuaighte ris le dualchas a thaobh nan aithrichean on dthainig e, agus na ceairde a bha e leantuinn, agus be sin, gu robh beagan de bhleid agus de sgeig ann an uair a bhiodh a chridhe amireag ris.

Bhaathair an comhnuidh ag iarraidh air posadh, ach cha robh buaidh sam bith aig briathranathar air nis mo na bhiodh aig smugaid air iarunn teith tailear. Bhaathair afas mall agus lapach, agus anochdadh nan comharran a bha gu nadurraleigeadh ris gu robh edluthachadh ris an dachaidh bhuain; ach ged a bha, chan aontaicheadh an taillear og gum posadh e. Cha robh nighean bodaich chur-sil no bodaich ruith-spreidhe nach robh cron aige oirre. An tenach robh fiar-shiuleach bha i stream-shuileach, agus an te nach robh stream-shuileach bha i croma-shronach, agus an te nach robh croma-shronach bha i storachsan deud. An tenach robh beag bha i mor, agus an tenach robh mor bha i aobrannach, uinneanach, ordagach, failmeanach gun chalpa fogluin. Cha robh tochra sam bith ann a thoilicheadh an taillear, do bhridh nach robh e air a thogail ri obair fearainn, no ri sealbh, no ri spreidh.

An uair a chunnaic an seann taillear gu robh deireadh a latha dluth air, chuir e fios air a ghoistidh, Micheal Mac Lachlain, a chum gun tugadh e beannachadh mairbh dha fhein, agus beannachadh beo dhamhac, agus comhairle gu posadh. Thainig a ghoistich air DIhaoine am beul an aths an anamoich; agus an uair a chrom e fon ard-dorus, thug e dheth a chomdach-cinn, agus thuirt e ann am briathran seimh, ciun, “Dia So.” Thuirt am fear a bhana laidhe air leabaidh na h-iarguin agus an tinneis, “Diaga dheonachadh sin.” Ghabh e suas a dhionnsuidh na leapadh, agus chaidh e air a dha ghluin a ghabhail urnuigh, agus ghuidh e as leith na muinntir a bha marbh agus a bha beo. An uair a chriochnaich e a dhleas-danas mar ghoistidh don fhear a bhair leabaidh an tinneis, dheirich e, agus rug e air laimh air, agus dhaidich an seann taillear dha uile lochdan cho fads a bfhiosrach e. Dhaithn is dhearbh an sean taillear righoistidh comhairle dhileas agus dhiomhair a thoirt air a mhac gu posadh; agus nam bes gum bu bhas dha fhein e mun rachadh an Domhnach seachad, a chorp a charadh ri taobhathar ann an Cladh Challuim Chille, am Baile-Mhanaich, agus am ploc mu dheireadh a charadh le a laimh fhein air an naigh os cionn a shroine. Mar a thubhairt bfhior. Chaochail e mun deachaidh an Domhnach seachad. Gu moch Diluain rinn iad gach ulluchadh a burrainn iad air son an taillear bochd a charadh fon phloc air Diciadain a reir gne agus cleachdadh na duthcha. Mochs amhaduinn Diciadain cha robh bodach, no lasgaire, no gille og ann am meudachd fir eadar da cheann na duthcha nach robh cearta, crninne, comhladh gun chuireadh gun iarraidh aig taigh an taillear an Gearraidh-bo-stig. Chuireadh an corpsachistidh lemhac agus leghoistidh, agus bhuail saor beag nan ordag na tairnean gu h-ain-deonach, a lamh air chrith agus na deoir oshuilean ag ionndrainn an taillear. Bha achiste air a giulan on dorus air tri laimh-chroinn, agus iall ghlasgan ceangal, leis an t-sianar bu



[219]

[Vol . 2. No. 29. p. 3]

shine a bhanns achuideachd; agus bha a mhac aig a cheann agus a ghoistidh aig a chasan.

Dhfhalbh iad leis aghiulan a dhionnsuidh na cille le ceum socair, comhnard, agus an cridhe trom, bronach. Olcs mar a bhan rathad agus an t-side rainig iad gun tuisleadh gun sgiorraig a dheiridh dhaibh. Ghearr a mhac agus a ghoistidh acheud phloc an ainm an Athar agus aMhic agus an Spioraid Naoimh, agus thug iad na sluasaidean do ghillean calama, tapaidh, nach robh fadatreachaid na h-uaghach. Cha robh snaithle air duine a bha air an torradh ach aodach a ghears a dhfhuaigh am macs an t-athair; agus mun deachaidh aghrian as am fianuis fadan iar air Bunacha-bac bha am ploc mu dheireadh air a charadh gu ciatach leghoistidh air uaigh an tailleir.

An deigh dhaibh a dhol air an gluinean air an lic agus an urnuigh a ghabhail, agus iad dalla-bhronach, chuir gach seann duine agus duine ogaghaidh air iuils a chul ri ainiuil, gu bog, balbh, samhach, gun ghuth mor gun droch fhacal.

On a bha taigh an taillear gun teine gun tuar, thug Mhicheal Mac Lachlainn leis a dhalta dha thaigh fheinsa Ghearraidh-Bhuidhe. An uair a rainig iad bha gealbhan mor, briagha air cagailte Micheil mar a babhaist, agus biadh gun ghanntur bruich, blath aig a mhnaoi afeitheamh orra. An uair a ghabh iad na chunnaic iad fhein iomchuidh den bhiadh, bhruidhinn Micheal ris an taillear gu seimh, socair, agus chomhairlich e dha posadh. Ach am bog non cruaidh cha gheilleadh an taillear dha gu sid a dheanamh. Bha bean Mhicheil mar gum biodh balgum falana beul, gun smid atighinn as a ceann ag ionndrainn a goistidh, agus i fo throm churam ciod a dheireadh dhamhac mur posadh e. Ged a bha ina boirionnach aig nach robh moran ri radh uair air bith, bha spiorad na bardachd innte le dualchas. Bhacainnt cho geurs gun tigeadh gach facal o a beul le leithid de chudthroms gur gann nach gearradh i an t-iarunn fuar air a tharsuinn. An uair a chunnaic i nach robh eifeachd aig cainnt Mhicheil air a dalta, thuirt i ris gu robh ise agus Micheal fo bhoidean mar a mhuime agusoide gu sealladh iad as a dheigh gus am faigheadh e bean dha fhein; agus gu feumadh e geilleadh dhaibh; agus gu faigheadh ise bean dha a chordadh ris gun teagamh. An sin labhair i anns na briathran a leanas:—

Maighdean bhan an fhuilt shleamhuinn;
Croma-shron fo chaol-mhala;
M-oirean mar iteachain bainfheich
Fiaclan fad, air dhath achanaich;
Gun chalpa le luirg dhirich, thana,
Aobran mor os cionn sail bhirich;
Cha ghabh thusa, ’ghraidh nan gillean.

Te chrasgach, ruadh, nan sul geala,
Cha bhi buar aic’ ’s cha bhi glainaic;
Breacadh sionain air a malaidh;
Druim cho direach ri crann-galain;
Spleadhach, pliathach, pleatach, fearail:
S fuathach leam gach fear a sheallas
Air an t-seorsan cuirt nan ainnir.

Te dhubh, shliogach, shleamhuinn, lachdan,
Ailleagan a cluaismar chairtear;
Inean crommar spuir an fhithich;
Dheadraigeas am poll o nigheadh;
Nach dean sniomh no cardno fighe;
Cha robh gin riomh dhiubh sgith de bhruidhinn;
Chan eisd iad ri ceol le bruidhinn;
Chluinnear a gloc air bhair tobhta,
Aig bun gach tuims air bharr gach cnocain;
Cha toir deirc do na bochdan,
No biadh a dhfhear-turuis gortach;
Bidh i trics achiris chaithris;
Banarach gun im gun bhainre;
Bidh a laoigh adol don bhuailidh
Nan cuis-cagailmeasg spreidh tuath-chearn;
Am blian acmar fheanntag bealtuinn;
Le geum caol mar cum an calltuinn;
Cha bhi sonas te dhe samhladh.

Maighdean shiobhalt’, shocair, chomhnard;
Falt tiugh, donn, le stiomga chomhdach;
Suil ghorm, mheallach fo rasg mothar;
Glan-chraicneach mar eun geal mointich;
Gun ghuth mor obeul Didonaich;
Siobhalta ri aoiss ri oige;
Fiaclan goirid, geala, comhnard;
Bileans gruaidh air dhath nan rosan;
Smig ghoirid os cionn a sgornain;
Tiugh-uchdach mar tholman coinich;
Seang mun chneasn uair theid in ordugh;
Calpannach, taiceil, ’s ceum mothar
A leumas thar linne an fholaich;
Bas min, geal, tana, le meoirean goirid
Air an comhdach le inean cruinne;
Gun roc an deireadh a sul;
Gun phreasadhna gruaidh;
Gun chlaisena bathais;
Nach dean gaire ri mart a nabuidh
A bhithm poll non eabar;
A chromas a ceann an uair a
Chluinneas i gloc gaire
Chaidhs an eadradh.”

An uair a chriochnaich i an rann dhaontaich an taillear gum posadh e nam faigheadh e tea reir a mhiann; ach gu tur dona, bhan taillear duilich a riarachadh. Beagan uinena dheigh sin shonraich a mhuime a mach nighean deadh athar agus deadh mhathar air an robh na subhcailean a dhainmich i agabhail comhnuidh.

An uine ghearrna dheigh sin dhfhalbh Micheal Mac Lachlainn agus an taillear aig deireadh seachduin a chordadh ris an nighinn; agus chaidh gabhail rompasan taigh le lamhan sgaoilte. An uair a chuireadh airdair an taigh, agus a shuidh iad sios aig abhiadh, chuir Micheal an geill a theachdaireachd a dhfhear an taighe agus do bhean an taighe. Agus thug iadsan an lan-aonta gum biodh gach cuis mar bu mhiann leotha, nam be s gum biodh an nighean fhein deonach. Aig an am cha robh an nighean a staigh. Bha in taigh na baineich ag iarraidh aodaich a bhaga fhigheadh ann. Agus mar a bha chama-chodhail an dan co a thigeadh dhachaidh comhladh ris an nighinn ach abhaineach, a chum gu faigheadh i an greim gearr. Oir mur faigheadh i an greim gearr cha bhiodh rath no sonas air an neach a chaitheadh an t-aodach.

Chaidh teachdaireachd Mhicheil innseadh don nighinn. Agus an uair a chualabhaineach an teachdaireachds duil aice fhein ris an taillear, ’s ann a thuirt i gu dalma ri fear an taighe gum bu bhochd an rud dha a dhol a thoirtaon ghineil seachad do mhacs a dhogha fir aig nach robh mart no caora; agus gu robh an truaighes an dolas afeitheamh oirre mur faigheadh i fear a bfhearr na taillear aig nach robh de chrann-arain ach siosar is meuran is snathad; agus ged a gheibheadh e i, nach biodh e tri oidhche gu brath an deigh a cheile aig a cagailte comhladh rithe; agus gur ann a bha e coltach ri cu o ghleann gu gleann as deigh chlosnaichean.

Dheisd an taillear ris na chuale gu math foighidneach, agus thuirt e, lapachs mar a bha a chrann-arain-san, agus ged a bha e gun stoc gun mhor storas nach dthainig aghorta steach riamh air dorusathar nosheanar; agus nach bionnan sins mar a bhanns an duthaich, gu robhghortagabhail comhnuidh aca seachd bliadhna fo chasachain nam beartan-fighe.

An uair a chualan nighean agus a mathair na chuir abhaineach dhith, o nach robh moran eolais aca air an taillear, ’sann a chaidh iad a mach a dhiuchd ri taobh na cruaiche moine. Chuir iad an cinn richeile agus ge be air bith comhradh a bheatorra cha d

Air a leantuinn air taobh 6.



[220]

[Vol . 2. No. 29. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB. 10, 1894.

THA muinntir China a cur dragh mor air na duthchannan a tha air cladach an iar America. Tha iad a tighinn nan sgaothan thairis air a Chuan Chiuin gach bliadhna, agus bha choltas orra aon uair gun cuireadh iad na daoine geala a obair gu buileach, oir ged nach dean aon diubh faisg uiread oibreach ri duine geal, gidheadh oibrichidh iad air tuarasdal cho beags nach bi ach fear gle ainneamh dhiubh gun obair, air cho lionmhors gum bi iad. A bharr air sin chan eil iad, mar mhuinntir dhuthchannan eile, nan daaoine a shuidhicheas agus a ghabhas comhnuidh ann an duthaich dan tig iad, agus a bhios mar sin nam buannachd dhi; ’s ann a tha h-uile h-aon diubh a cruinneachadhsa gleidheadh gach sgillinn air am faigh e greim gus a thoirt leis air ais da dhuthaich fhein, ’s cha cheannaich e ach ni nach urrainn dha deanamh as aonais. Tha uime sin, muinntir nan duthchannan mun do labhair sinn, a gearan gu mor orra, agus fior dheonach air an cumail air falbh gu buileach. Tha na Staitean an deigh cluas a thoirt dan sluagh fein agus an deigh laghannan a dheanamh a tha cha mhor adunadh muinntir China a mach. Tha Canada an deigh cis a leagail orra, agus chan eil a chridhe aig aon dhiubh cas a chur air tir gun a dhol troimhn tigh-chuspuinn mar bhathar eile, agus leth-cheud dollar am fear a phaigheadh. Ged tha chuis mar sin fein, tha iad a sior thighinn, agus tha riaghladh Cholumbia Bhreataunach, mor-roinn a tha air a sarachadh leotha, a cur impidh air Riaghladh Chanada tuilleadh ciseleagail orra; tha iad a smaoineachadh gum bu choir, air a chuid bu lugha, ceud dollar am fear a bhi orra. Tha moran ann an Canada a bhios an aghaidh so, ’sa tha cur an aghaidh an lagh a thann cheana len uile neart, ag radh gu bheil e neo-airidh air sluagh a thagabhail orra bhi riaghladh an duthcha le laghannan cearta, Criosdail. Faodar moran a radh taobh air thaobh, agus chan eil teagamh air bith nach bi e air a radhnuair thig iarrtus parlamaid Cholumbia Bhreatunnach air beulaobh parlamaid Chanada. Tha fhios gun sealladh e na bfhearrs na bu choire don duthaich so lan chead a thoirt do na daoine buidhe tighnnnar measg, ach chan urrainn do neach sam bith a radh cuin a gheibh iad an cead sin, no gum faigh iad idir e.


A Acarsaid Chloinn Fhionghain.

FHIR DHEASACHAIDH, —Ceadaich dhomh aig an am so beagan fhacal a sgriobhadh gu do phaipeir luachmhor, an dochas gu toir thu oisean beag do mlitir ann an sreathamh a MHIC-TALLA.

Tha tinneas gu math pailt air feadh an aite so, a nis bho chionn corr as mios.

Than galair mosach sin, an grippe fuasach pailt air feadh na duthcha.

Sann le fior bhron a tha mi a toirt iomraidh air bas a ghille ghrinn, Domhnull R. Caimbeul, a chaochail air maduinn Di-donaich an ochdamh latha fichead dan mhios sa chaidh. Bha e ma ochd bliadhnfichead a dhaois, ’s na shar ghille modhail siobhalta, o thus oige. Cha robh e tinn ach beagan laithean.

Tha sneachda neo-chumanta trom air an talamh am bliadhna, agus an t-side cho stoirmeils gu bheil e cumail nan rathaidean cruachte le sneachda, ’s nan cuis eagail. Ach an deigh so, bithidh e nas docha an tside a dhol air a h-ais. Ged a than teach iaruinn cho luath laidir sa tha e, gidheadh, tham beathach bochd a faotuinn a leoir sarachaidh iomadach latha o chionn mhios.

Tha iasgairean nan cladaichean so an dochas gu faidh iad a mach a dhiasgach an truisg air an deigh mhor am bliadhna. Ma dhfhanas an t-side reota, bithidh deadh dheigh air Loch mhor a Bhras dOir an uine ghoirid.

Chaidh each a ghoirteachadh gu dona aig Beinn Chain an latha roimhe. Bha gille beag a tarruinn connaidh leis agus air dha a bhi tighinn dachaidh an am a bhi a cromadh le beinn chas a bha gle shleamhuinn aig an am thainig an t-eachsa h-uile rud a bha ann le luaths dealanaich a nuas leis a bhruthaich, gus na bhual iad san tigh. Chaidh a beathach bochd a chur as a ghullainn leis a bhuille.

Thainig aireamh mhor de ghilleans do nigheanan dachaidh as na Staitean Aonaichte air a geamhradh so, na measg faotaidh sinn ainmeachadh Ambrois S. Mac Fhionghain a thainig dhachaidh le bean og, air ur phosadh, te Mairi Nic Eachairn a mhuinntir Mhira. Bidh sinn a guidhe-saoghal fadas toilachadh laithean don charaid oig.

Ged nach robh sinn idir a tallach air an deise a bha air MAC-TALLA roimhe, tha sinn ro thoilichte chluintean gu bheil an tailleir a deanamh deis ur dha, ’s gum bi i deiseil air an t-seachdain so. “Gun meals gum caith e i!

Is mise do charaid,

IAIN D.


Leighseadh mise on Ghrip leMINARD ’S LINIMENT.
C. I. LAGUE.
Sydney, C. B.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LINIMENT.
TEARLACH PLUMMER.
Yarmouth, N. S.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
LEWIS S. BUTLER.
BURIN, Nfld.

Di-luain chaschail Bean ThearlaichIc Fhionghain, boirionnach og cliuiteach, aois cheiteach bliadhna fichead. Chachail e air a cheart latha na mhios air na phos i o chsonn bliadhna.

LeighsidhMinard ’s LinimentGrip.

Bham bas gu math trangnar measg air an t-seachdain so. Dior-daoin sa chaidh, chaochail ceathrar; Martin Howley, BeanIc Amhlaidh, gille beag le Alfred Boutillier, agus leanamh gille le Tearlach Townsend.



[221]

[Vol . 2. No. 29. p. 5]

Litir as an Eilean Sgiathanach.

FHIR MO CHRIDHE. —Is mor an toilinntinn a tha mifaotainn o bhithleughadh aMHIC-TALLA o sheachduin gu seachduin. Ach fhuair mi mor-thoileachadh eile air a thailleamh, air am bheil mi a nis adol a thoirt beagan iomraidh. Anns acheud litir a chuir mi dor n-ionnsuidh, dhinnis mi co mi. Thug mi mar an ceudna iomradh gu robh moran chairdean agam araon ann an Eilean aPhrionnsa agus mar an ceudna ann an Ceap Breatunn. Ciod a biongantaiche leam na litir fhaotainn o Dhomhnull MacIllLeallain, a thafuireach ann an Narrows Creek, an Eilean aPhrionnsa, no, mar a theirteadh ris ann am Beinn-a- bhaoghla, Domhull mac Ruairidhic Iain bhain. Dhfhalbh an duine so gu ruige Americasabhliadhna 1845. Tha ena mhac peathar seanamhar dhomh. Dhinnis e dhomh anns an litir gu bheil Mairi piuthar mathar fhathash beo, slan, agus gu bheil moran eile dhe mo chairdean beo, slan mar an ceudna. O chionn beagan sheachduinean fhuair mi litir eile, ’s i air a sgriobhadh ann am fior dheadh Ghailig, o sheann duine coir, caoimhneil a thafuireach ann an Lorway. Dhfhalbh an duine so a Beinn-a- bhaoghla mun drugadh mi. Bha eolas math aige air cuideachd mathars mo mhathar. Is eainm, Micheal Domhnullach, no, mar a theirteach ris gu cumanta, ann am Beinn-a- bhaoghla, Micheal mac Dhomhuill ruaidhic Sheumais. Tha e tri ficheal bliadhnas a h-ochd deug a dhaois. Is gann is urrainn dhomh cainnt a chur air aghairdeachas a rinn mi an uair a leugh mi litir Mhicheil. Cha do dhichuimhnich e riamh aGhailig mhilis, bhlasda a dhionnsaich e air Sliabh na h-Airde, ged a tha corr is leith cheud bliadhna on a dhfhalbh e a duthaich a bhreith is araich. Agus idir cha do dhichuimhnich e na cairdean agus an luchd-eolais a dhfhag ena dheigh. Than dithis dhaoine so on dfhuair mi na litrichean, aleughadh aMHIC-Talla gu riaghailteach. Is fhearr leamsa an da litir a fhuair mi uapa na fichead dollair, ged a chuirteadh air mo bhois iad an ceart uair. Fhuair mi litir eile o bhur deadh charaid, an t-Urr. C. Caimbeul, Strath-Alba. Thug e mor thoileachadh dhomh cluinntinn uaithe. Cho luaths a gheibh mi as mo dhrip sgriobhaidh mi da ionnsuidh.

A nis, innsidh mi dhubh car son a tha mi ag innseadh mu na litrichean a fhuair mi o mchairdean a America. Tha miga innseadh, a chionn gu bheil mi creidsinn, nam biodh na Gaidheil air gach taobh den chuan aleughhadh aMHIC-TALLA, agus asgriobhadh da ionnsuidh an drastas a rithist mar a tha mi fhein adeanamh, gu faigheadh iad eolas air iomadh aon den cairdean, mu nacheil iad acluinntinn iomradh aig am sam bith.

Tha min dochas gum bi soirbheachadh mor aig aMHAC-TALLA air abhliadhna so. Bha buaidh-larach aig na Gaidheil riamh anns gach cath anns an do sheas iad gu treun, duineil, gualann ri gualainn. Ma sheasas iad air taobh aMHIC TALLA mar is coir dhaibh, chan eagal dha. Is ann aca tha so ri dheanamh. Chaneil cuid no gnothach aig na Gaill ris. Buaidh is piseach leibh gach lathas uair.

Is mi bhur caraid,

IAIN.
Latha seann Nollag, 1894.


A Framboise.

Bliadhna Mhath ur dhuit, Mhic-Talla, agus mas math a tha, gum a seachd fearr a bitheas tu!

Chaidh latha na bliadhnuire so a chur seachad gu cridheil, toilichte san aite so; an oigridh a cruinneachadh an ceann a cheile a cur seachad na time le cleasans le fearas-chuideachd neo-chronail, a seinn orain bhlasda Ghailig, agus a guidhe soirbheachadh agus buaidh leis an duin’ -uasaltha na chomhnuidh aig taobh na mara.

Tha tuathanach a fuireach an Sruileigh aig am beil lair a tha coig bliadhna deug air fhichead a dhaois, agus i comasach, a cuid fhein a dhobair an aitedheanamh; agus ged tha e fhein suas ri ceithir fichead bliadhna, gidheadh ni e fheinsan lair turus air cheann-gnothuich cho ealamh ri daoines eich nach eil idir cho sean.

Tha fiosan a Boston ag innseadh gu bheil deich air fhichead de Ghaidheil Cheap Breatuinn ann an aon tigh-eiridinn sa bhaile sin tinn leis a bhric, agus an co-lorg sin tha naigheachdan bronach a teachd gu muinntir mun cuairt dhuinn. Chaochail Catriona, nighean do Ruairidh Mac Philip a mhuinntir an aite so, agus chaochail Mor, nighean do Nial Moireastan a mhuinntir Loch Lomoud, agus chaochail Mairi, nighean do Thormoid Moireastan a mhuinntir St. Esperit, faisg air an aon am, triuir nigheanan oga aig an robh meas agus urram nan uile dam baithne iad air an gearradh air falbh ann am blath an oige. Tha co-fhaireachduin againn ri teaghlaicheans ri luchd-daimh nan dubhachas, ged nach eil an sid ach guth a thag eigheach ris gach neach a tha beo,— “Cuir do thigh ann an ordugh, oir gu cinnteach gheibh thu bas.”

CEANN LIATH.
Ian. 6. ’94


Minard ’s Linimentair son Loinnidh.
Minard ’s Linimentair son an fhuilt.


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[222]

[Vol . 2. No. 29. p. 6]

Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean againn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


fhuair neach eile mach e. Ach aon ni a fhuaradh a mach, agus sin gu math follaiseach air feadh na duthchadh, gun do sheas an nighean gu bailceanta air bathais an urlair, agus gun dubhairt i ris an taillear, ged nach biodh fear eadar Hirst is Peairt ach e nach gabhadh i nasgaidh e.

(Ri leantuinn.)


Turas a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. V. —Air a leantuinn.

An sin thainig Chriosduidh, agus a bheansa chuid eile den chloinn, chum fios fhaotuinn ciod a dh-aobhraich a mhi riaghailt. Ghairm e Peadar air ais agus thubhairt e ris; “na tugaibh aite don theirg;” ma dhi-chuimhnich thu Esan a labhair, is leam-sa dioghaltas; iocaidh mi? Leag Peadar sios a bhall-airm. Bha Tomas air ti a thoirt uaithe, ach thubhairt e ris, “dh-eisd usa mar-an-ceudna ri droch bhriathran an t-Seann Duine.” Chrom Tomas a cheann oir bhamhathair dluth. An sin shin Criosduidh a lamhan dha na maraichean, agus thubhairt e. “An dean sibh ar a-mach an aghaidh ceannard bhur slainte a ghradhaich sinn le gradh siorruidh? Thugaibh an aire, a bhraithre air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mi-chreidimh ann an treigsinn an De bheo.” Am feadh a theirear, an diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruaidh-cihibh bhur cridhe; uime sin na tilgibh uaibh bhur muinghin, aig am bheil mor dhiol-thuarasdal. Oir a ta feum agaibh air foighidin; chum an deigh dhuibh toil De a dheanamh, gum faigh sibh an gealladh. Oir fathast seallan beag, agus an ti a ta ri teachd thig e, agus cha dean e moille. A nis bithidh am firean beo tre chreidimh; ach ma philleas nach sam bith air ais, cha bhi aig manam-sa tlachd ann. Oir ma dheasaicheas sinn do ar toil fein an deigh dhuinn eolas na firinn fhaotainn, chan fhagar tuilleadh dhuinn iobairt airson peacaidh, ach duil eagalach ri breitheanas, agus fearg-theinnteach, a sgriosas na h-eascairdean. Is ni eagalach tuiteam ann an lamhaibh an Deo bheo.

(Ri leantuinn.)


De n aois a tha thu?” ars am breitheamh. “Tha mi fichead,” ars ise bha na fiannis. “Innis an fhirinn; ’den aois a tha thu?” “Tha mi eadar fichead us deich air fhichead.” “Cinn a bhios tu deich air fhichead?” “Am maireach,” ars ise.



[223]

[Vol . 2. No. 29. p. 7]

A Gleann Uilleam.

FHIR-DHEASACHAIDH IONMHUINN

Tha a nis lan am agam do dholar a chur thugad. Bha mi a deanamh dail an dochas gu faighinn beagan de luchd-gabhail dha dphaipeir. Gu dearbh, cha robh idir cabhag orm do bhrigh, mar tha fios agad, gu robh urras mhath agam. ’S mi tha fada na chomain air son mo bhrosnachadh gu cur a dhiarraidh MHIC-TALLA. Is iomadh comhairle mhath a thug e orm riamh, agus gu dearbh bann dhiubh i sid. Tha mi anabarrach toilichte leis a phaipeir: chan eil Gaidheal air bith ceart as aonais. Tha miltean de Ghaidheil ann an Canada a chuireas a dhiarridh MHIC-TALLAuuair gheibh iad eolas air. Chan urrinn gu bheil clann nan gaisgeachs nan sonn a dh fhalbh air fas cho neo-dhileass gun iarradh iad canain an aithricheans eachdridh an duthcha leigeil bas. ’Sann air son an dilseachd a fhuair na Gaidhil ainm nach basach an eachdridh nan linntean a chaidh seachads tha mi creidsinn gu bheil comhas mor den spiorad cheudnanam measg an diugh. Chi sinn Gearmailtich, Frangich, Eadailtich us muinntir dhuthchannan eile a seasamh gu duineil air an canain fein, us am bheil sinne dol a phasgadh ar lamhansa dhunadh ar beoil, ’nuair tha Ghailig bhinn, bhlasda, ’ga stampadh fodh chaean a naimhdean? Chan fhaod a bhith. Bliadhna mhath ur dhuit feins do uile luchd-leughaidh a MHAC-TALLA!

MHIC-TALLA tog do ghuth le neart,
S na biodh ort geilt no sgath,
Tha miltean Ghaidheal dileas dhuit
S cha threig iad thu gu brath,
Tog iollach ait an cainnt nan sonn
Gun cluich gach cnoc us gleann
A Ghailig mhilis, bhlasda, bhinn,
Seadh canain Tir nam Beann.

Do Charaid Dileas,

S. D. Mac P.
Gleann Uilleam, E. P. I.


Ann an Japan, chan eil na dotairean a cleachdadh innealan sam bith air son draghadh fhaclan ach am meoriean, agus tha e air a radh gur e fiacail gle ainneamh a dhfhairtlicheas orra. ’Nuair theid iad a dhionnsachadh, toisichidh iad le bhi spionadh phinneachan a bords o sin theid iad air adhart gu nithean is duilghe gus mu dheiradh an spion iad tarrunn a bord cruaidh gun strith sam bith.

Se dleasanas gach uile neach a thagabhail a phaipeir so fhaicinn gu bheil en deigh a phaigheadh. Chan urrinn do neach sam bith paipear a leughadh le cogais ghlan mur do phaigh e air a shon. A charaid, cia mar tha do chogais-sa?


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheilsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach buriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[224]

[Vol . 2. No. 29. p. 8]

ORAN.

LE GILLEASBIG MAC-PHAIL.

Do Chalum Caimbal, Tighearna Bharmholich, agus Fear Bhaile-Phetris an Tireadh.

LUINNEAG.

Togamid fonn, ’s neo-throm gun togamid,
Togamid fonn le furan gun eislean;
Togamid fonn, ’s neo-throm gun togamid.

Gu ma slan do na h-uaislean,
Air Di mairt a rinn gluasad,
[ ? ] an sgioba math, fuasgailteach,
Dras, cruadalach, gleusda;
Dhol air tir ann san Oban,
Far an cruinnich iad comhla,
Air an tarruinn gu h-eolach
Ann an ordagh fon eideadh.

Cha n-fheil leithid bhur caiptin
Furasdfhaotuinn air chneasdachd;
Fear a ghiulain is fhasain,
Fear a chleachduinns a cheutibh,
Fear ard aignidhs a chruadail.—
Se nach tilleadh roimh fhuathas,
Gum bu ghaisgeil a ghluasad
An am bualadh nan geur lann.

M Baramolach do staoileadh,
S aig do mhac gum biodh toighreachd,
Fhir a fhuair do chuid saibhris,
Saor bho fheill is bho eucoir.
Gu bheil tfhearann fo dhion dhuit
Le bann daingeann bhon righ air;
Is bha barantas cinnteach
Aig do shinnsireachd fein air.

Tha thu spioradail, meanmnach,
Foinnidh, daicheil, deas, calma;
Tha thu smachdail, neo-chearbach:
S mi gun earbadh a dthreinid.
Bhiodh na Frangich fo airsneul,
S tu gan ruagadhs gan sgapadh,
Is gam fagail fo dchasibh,
S iad gun chlaisteachd, gun leirsinn.

S truagh nach glacadh tum posadh
Baintighearneibhinn lan storais,
S i am folachds am foghlum
Anns gach doigh air do reir-sa.
Is nan deanadh i arach
Mac a thigeadh at aite
Bu toilinntinn le dchairdean
S leis na Gaidheil gu leir e.

Ann ad thalla mor riomhach
Gheibhteadh ceol is ol fiona
Agus aighears toilinntinn
Is gach ni air a reir sin.
Bhiodh daoinuaisle gach latha
A tighnn ort as gach rathad,
S dheantle solas am beatha
An taigh-tathich nan ceudan.

Cha n-e chuirm gun an comhradh
Gheibheadh aoidhean mu dbhordibh.
Bhiodh a bhranndi gur deoin ann,
S sibh ag ol air a cheile,
S uisge-beatha nam feadan;
Ni na fearibh a leagadh,
Sa bheir bodich gu beadradh,
Is gu freagairtean geura.
S iomadh botul a thraighteadh
Leis a chomunn chaomh, chairdeil,
Den leann fhallan mhath, laidir
Ann am fardach na feile.

Gum biodh iomirt gu dian ann
Air na cairteans na disnean,
Agus seirbhisich dhileas
A sior-dhioladh luchd-feuma.


SeMinard ’s Linimentas fhearr.


POSAIDHEAN.

Aig I-Chaluim-Chille, Ian. 31mh, leis an Urr. Ruairidh Mac Neill, Ruairidh Mac Fhionghain is Catriona Dhomhnullach, a Washabuck Ard.

Air an Eilean Mhor, Ian. 30mh, leis an Urr. D. Drummond, D. F. Friseal, us Anna, nighean DhomhnuillIc Aidh, a Kempt Head.


BAIS.

Aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, Ian. 30mh, Mairi, bean NeillIc Neill (Niall Mor). —R. I. P.

Aig Washabuck Ard, Feb. 1, Catriona Dhomhnullach, bantrach Ruairidh Dhomhnullaich. —R. I. P.

Aig Boulardaire Centre, Ian. 27, Murachadh Mac Pharlain, da fhichesd bliadhna dhaois, a fagail bantrach us ceathrar chloinne.

Aig an Acarsaid Dheas, Ceap Nor, Ian. 21mh, Mairi Dhomhnullach, leth-cheud bliadhnasa sia a dhaois.

Aig Sydney Mines, Feb. 6mh, Iain Domhnullach, tri fichead bliadhna sa sia a dhaois, a fagail bantrach us sianar chloinne.

Aig Intervale Chloinn Fhionghain, Ian. 28mh Domhnull R. Caimbeal, Mac do Ruairidh Caimbeal ochd bliadhna fichead a dhaois. —R. I. P.

Aig taobh deas nan Narrows Mhora, Ian. 6mh la, Iain Mac Dhonuill, (Iain an t-saighdear), tri fichead bliadhna sa h-ochd deug a dhaois. —R. I. P.


Tha na dotairean as fhearr a moladh
K. D. C
air son droch Stamag
Samqull a nasgaidh
K . D. C. Co
New Glasgow, N. S.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 29
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 29. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page