[Vol . 2. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 15, 1893. No. 3.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
[ ? ] H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHD AN NASEACHDAINN.
Fhuair soitheach a bha ’dol suas Abhinn St. Lawrence, an la roimhe, muc-mhara mharbh anns an uisge agus shlaod iad gu tri i. Nuair a thomhais iad i, fhuair iad gu robh i leth-cheud traigh a dh-fhad.
Tha sinn an deigh cordadh ur a dheanamh riuthasan a tha cur a mach an“Scottish Canadian, ”agus theid aginn air an da phaipear a thoirt fad bliadhna, maille ri leabhar oran, air son da dholair.
Tha am bradan gle phailt ann an cearnan de Nova Scotia. Ann an aite ris an abrar Hall’s Harbour bha corr us coig tunna dhe’n iasg bhriagha sin air a ghlacadh an da latha. Chaidh a chuid bu mho dhe a chuir gu Boston far a bheil deagh pris air.
Tha suas ri da mhuillean gu leth dolair aig muinntir Eilean Phriunns’ Iomhair ’sa bhanca. Tha ’n t-suim sin a fagail dolair thar fhichead mu choinneamh gach duine, bean us paisde a th’ air an eilean air fad, neo ceud dolair mu choinneamh a h-uile teaghlach.
Tha soitheach-smuid chruadhach ’ga togail ann anNew Glasgowair son a bhi ’g aiseag a charbaid-iarinn thairis air Caolas Chanso, ’s tha i nise cha mhor air a criochnachadh. Tha i ri bhi air a cur do’n uisge mu mheadhon-latha an diugh, ’s ann am beagan laithean bi’dh i aig a h-obair.
Dh-fhag dithis bhraithrean, Tearlach us Albert Cann, an dachidh aig Westport, N. S., air madinn an latha mu dheireadh dhe’n mhios s’a chaidh, agus cha chualas iomradh orra riamh bhuaithe sin. Chaidh iad a mach a dh-iasgach agus tha e ro choltach gu’n deachidh iad fein ’s am bata do’n ghrunnd. Bha ’n dithis aca posda agus teaghlichean aca.
Ann an Gearrloch, an Siorramachd Phictou, Di-mairt s’a chaidh dh-eug Domhnull Domhnullach, seann saighdear Gaidhealach a rinn a chuid fein gu Bonapart a thoirt gu umhlachd am Blar Waterloo sa bhliadhna 1815. Bha e ceud bliadhna ach aon nuair a dh-eug e, agus tha cuid dhe’n bharail gu’m be am fear mu dheireadh dhe’n aireamh mhor a bha ’sa bhlar iomraiteach sin.
Bha stoirm mhor thairneanach us dhealanach aig taobh an iar an eilean Dior-daoin s’a chaidh. Bha i anabarrach trom aig Hawkesbury. Ranig an stoirm eadhon gu Sidni ach cha robh neart sam bith leatha, agus cha robh ach fior bheagan uisge na cois.
Oiche na Sabald s’a chaidh, bha duin-uasal a mhuinntir na Frainge am Montreal, agus ghoideadh maileid a bh’ aige anns an robhdiamondsa b’fhiach coig mile doiair. An ath latha fhuaireadh a mhaileid ann am stor far an deachldh a reic air son da dholair. Cha robh aon de nadiamondsair an call.
Tha bean ann an Eureka, an siorramachd Phictou, an deigh dileab mhor fhaighinn a Sasuinn. Air an t-seachdain s’a chaidh fhuair i mile dolair, ’s chan eil an sin ach suim bheag an taca ris na tha tighinn fhathast. Thanig i guNew Glasgowan deigh dhi an t-airgiod fhaighinn ’s tha iad ag radh nach robh soradh aic’ air.
Bha soitheach aig an robh luchd cruidh air bord air an t-slighe gu Sasuinn an la roimhe, agus bhuail i air cruach deighe faisg air Newfoundland, a mhill i cho dona ’s gum b’ fheudar a ruith gu tir. Cha mhor gu bheil am dhe’n bhliadhna nach eil na cruachan deighe ’sa chuan aig Newfoundland, agus tha iad nan cunnart mor do shoithichean.
Tha an t-ard-riaghladair a dol a dh-fhagail Chanada toiseach na seachdain s’a tighinn. An deigh dha a chead a ghabhail de mhuinntir Ottawa, taghlidh e am Montreal ’s am Quebec ’s bheir e latha ’s gach baile a gabhail a chead dhiubh-san. Bi’dh e an sin a togail air falbh gu buileach, ’sa dol gu Sasuinn far a bheil oighreachd a shinnsir a feitheamh ri bhi air a sealbhachadh leis.
Feasgar Di-ciadinn, chaidh Tearlach Robinson duin’ og a mhuinntir Truro a mharbhadh leis a charbad iarinn mu dha cheud slat bho ’dhachidh. Bha e fein us nighean og a coiseachd cuideachd nuair a thanig an carbad orra; chaidh iad gu taobh an rathaid air ball, ach a reir coltais cha deachidh esan fada gu leor, agus bhual oisein a charbaid ’na cheann, ’ga ghrad mharbhad. Fhuair e a bhuille cho trom ’s gu robh larach a chinn air fhagail anns an fhiodh air a charbad.
[Vol . 2. No. 3. p. 2]
MAC FIR A’ CHOIRE.
Tha ann an aon de na h-eileanan Earra-ghaidhealach aite ris an abair iad an Coire Gorm, agus b’e Eachann a b’ainm do’n mhac a b’oige bh’ aig Niall, fear a’ Choire.
Theirerdh cuid gu ’n robh Eachann air a mhilleadh le ’pharantan agus le daoine eile, agus nach ruigeadh a leas fiughair a bhi aig neach gu’n tigeadh turn maith uaith air aghaidh an t-saoghail so. Ach biodh sin mar a thogras e tha aon ni cinnteach agus ’se so e, gu’n robh Eachann cho lan innleachdan—agus de droch innleachdan cuideachd— ’sa bha ’n t-ubh de ’n bhiadh. Cha rachadh tamh no fois air ach a’ cluich chleas air cuid-eigin, agus bha e cho docha gur ann air ’athair a thoisicheadh e ris a’ bhalachan bhuachaille. Ach ’s e deireadh gach comunn sgaoileadh, agus thainig an t-am ’s am feumadh Eachann falbh agus rud-eigin ionnsachadh leis an coisneadh e a lon saoghalta coltach ri daoine eile, chionn cha b’urrainn da bhi daonnan an Tigh a’ Choire. Chualas gu’n robh Eachann a’ falbh do’n airde deas, agus gur ann a dh’ ionnsachadh na doctaireachd a bha e ’dol.
“O eudail! b’ e sin doctaireachd na dunach,” arsa Mairi Mhor, “marbhaidh e daoine.” Mharbh e coileach air Mairi beagan roimhe so le bhi ’ga thumadh ’san stuth anns am biodh iad a’ tumadh nan caorach.
Bha seann duine coir anns a’ bhaile ris an abradh iad Calum Tailear, na Calum Peanseanair ’s e bu bhitheanta theireadh iad ris. Bha e bliadhna thar fhichead ann an arm an Righ, agus ge b’e ’sam bith eile a dh’ ionnsaich e ann, dh’ ionnsaich e an taillearachd, agus thainig e dhachaidh gu duthaich ’oige agus bha e ’na thailear anns a’ Choire Ghorm.
Bhitheadh Eachann a’ Choire gu math tric air cheilidh air Calum. Bha moran sgeulachdan aige, agus bu mhath a rachadh aige fein air an innseadh, agus, neo-ar-thaing, ranndachd—agus bha Eachann gle ghaolach air na gnothaichean sin air fad. Thainig e air feasgar sonraichte a dh’fhagail beannachd aig Calum mu’m fagadh e an duthaich. “Am bheil an ceum so gu Galldachd, Eachainn?” asa Calum.
“Mur am bheil, cha ’n fhada gus an uair a bhitheas!” arsa Eachann.
“Ma ta,” arsa Calum, “is iomadh rann-sgeul faoin gun bhrigh ri san d’ eisd sibh uamsa bho cheann ionadh bliadhna, ach tha rann no dha an so agus bu mhath leam sibh g’ an ionnsachadh agus gu’m bi iad agaibh nan cuimhneachan orm. Cha bhi mise daonnan ’s a’ Choire Ghorm na ’s mo na sibh fhein.”
“Cha chreid mi gu ’n di-chuimhnich mi iad aon uair ’s gu’m faigh mi greim orra!” arsa Eachann.
Ach co dhiubh, dh’fhalbh Eachann agus dh’fhag e dachaidh o’ge. Bhiodh e tighinn dhachaidh sgriob anns an fhoghar daonnan, agus tha iad ag radh gu ’n cuidich an t-ionnsachadh an t olc cho math ’s a chuidicheas e am math, agus tha eagal orm gu ’n robh sin soilleir gu leoir do neach ’s am bith a bhiodh a’ gabhail beachd air Eachann. Ciod ’s am bith a bha e ’deanamh an uair a bha e air falbh’ cha robh a chluich agus innleachdan dad na b’ fhearr an uair a bha e aig an tigh. Bhiodh e toirt ionnsramaidean iongantach mi-nadurra dhachaidh leis, agus bha daoine gle ghlic anns a’ Choire ag radh nach buinneadh iad do ni math ’s am bith.
Cha ’n ’eil neach ’s an aite air an cuireadh iad moran iongantais an diugh, ach thainig iomadh car agus caochladh air an t-saoghal bho cheann deich bliadhna fichead, agus cha ’n eil an Coire Gorm saor bho na caochlaidhean sin na ’s mo na aiteachean eile. B’ e aon de na h-innleachdan sin an rud ris an abair sinn anns a’ Bheurla, “Galvanic Battery, ”agus cha robh neach a fhuair deuchainn de ’n rud a bha ’n so nach robh cinnteach gur ann do chumhachd an dorchadais a bhuineadh e.
Bha boirionnach ’s an aite ris an abradh iad Mairi an Uillt, agus ged nach robh innte ach boirionnach bochd a bha trusadh a codach feadh na duthcha, cha robh neach ’s an aite cho neo-eismeileach rithe. Cha robh te no fear ’s an sgireachd d’am b’fhearr a b’aithne neach achaineadh na i, agus cha robh e ’gu muthadh co dhiubh bhiodh ann an t-uachdaran no am ministeir, an righ no ’n ridire, ma thoill e a chaineadh air Mairi ’s ise an te nach caomhnadh e. Ach air latha de na laithean chunnaic Eachann Mairi tighinn a nuas a dh’ionnsuidh an tighe, agus thug e leis an ionnsramaid air an d’ thug mi iomradh cheana, agus da chathair, agus dh’fhalbh e mach agus chaidh e crioman beag bho’n tigh, leig e na cathraichean sios agua chuir e an ionnsramaid ’n a suidhe air aon dhiubh agus bha ropaichean aige aisde a bha e ceangal ri aon de na cathraichean. Bha e fuasach trang ma b’ fhior e fein, ’s cha do leig e air gu ’m fac e Mairi gus an do bhruidhinn i ris.
“O, m’ eudail air do cheann dualach donn!” ars’ ise, “ ’s mor an toilinntinn d’ fhaicinn aon uair eile!”
“An sibh a th’ ann a Mhairi?” ars’ Eachann, “Cia mar a tha sibh? Nach math a tha sibh a’ cumail ris!”
“Mise a’ cumail ris eudail nam fear, ’s ann a theab mo mharbhadh bho cheann mhios; cha robh mi mach air an dorus fo cheann coig seachdainean.”
“Tha mi duilich sin a chluinntinn” as Eachann; “Ciod e ’bha ’cur oirbh?”
“O ciod e ach an loinidh! An rud a
A CHARAID
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig
Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain.
ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1883.
[Vol . 2. No. 3. p. 3]
bhios a’ cur orm gus an cuir e as mo chiall mi, air neo as an t-saoghal, ach ciod e’n gnothach iongantach a th’ agaibh an so?
“Tha an so,” ars’ Eachann, “acfhuinn-iasgaich. Am beir sibh air a Mhairi gus am faigh mi a chur air doigh?”
“Ni mi sin” ’arsa Mairi, “agus cuiridh mi geall nach misde a bhuaidh e” —agus i a breith air na cnagain ud ’n a lamhan, ’s i gabhail a’ chronain so dha:—
“Buaidh le m’ cheist air ear na eathar
Lannaibh t-eisg air tiur ’s air lic;
Mogul teann mu cheann an sgadain
’S mordha an giuir a’ bhradain bhric.
Ach ghearradh an cronan aig Mairi goirid, agus cha robh glaodh a bheireadh i aisde nach cluinnte far nach faicte i. Cha robh duine beag no mor an Tigh a’ Choire nach robh a nach mar gu’m biodh an tigh ri theine mu na cinn aca. Ach mu’n d’fhuair iad guth radh leig Eachann Mairi a sas, agus bha ise ’n a seasamh ’s i suathadh a basan, agus an uair fhuair i a h-anail thionndaidh i ri Eachann ’s e pasgadh nan gnothaichean ud gus a chasan a thoirt as cho luath ’s a b’urrainn da, agus thubhairt ise, “Mata gu’m bu droch coinneamh ’g ad amas a spadaire spuachdaich gun tur! Cha b’ iongantach an ainm an aigh ach iad gad chur air falbh gu ionnsachadh. Cha ruigeadh iad a leas cha ’n eil am fear a tha ’gad ionnsachadh fada uait uair ’s am bith. Ach cha chuireadh ord mor a’ ghobhainn caomhalachd no cneasdach ann ad spolachd-cheann carrach, glog-shuileach, craosach, gun tuigse, inisg air a h-uile duine bho ’n d’ thainig thu agus air an duthaich a dh’araich thu!”
“Coma leibh, a Mhairi;” arsa te de na searbhantan, “cha dean e coire ’s am bith oirbh.”
“Cha dean e coire ’s am bith orm!” arsa Mairi, “cha robh ann ach gu’n robh mi ag euladh mar a bha, ach tha mi nis mar gu’m bithinn air mo shlugadh ’s air mo chagnadh aig muic mhara agus air mo sgeith air an traigh as a dheaghaidh sin!”
“Ach ’s ann a ni e feum dhiubh,” arsa te eile de na searbhantan, “tha e math air an loinidh.”
“Dh’fhaoidte gu ’m bheil,” arsa Mairi, ’s e mo bharail-sa gu ’n cuireadh e an loinidh ann an spagan a’ chroinn-threabhaidh, no an lorg suiste!” Ach fhuair iad Mairi a thoirt a stigh agus saod a chur oirre, agus thiodndaidh Eachann aire air gnothaichean eile.
(Ri Leantuinn.)
A DHAOIN UAISLE, —Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn.
Turus a Mharaiche.
Ghabh Tomas an sealladh mu dheireadh air Babilon: Nuair a choisich Talamh Dearg astar araidh le ceum sunntach, thoisich e air beachd mhaith bhi aig uime fein, agus thuislich e; thainig ceo air a shuilean, smeurich e airson na slighe mar dhuine dall, bha an solus air tionndadh gu sgail a bhais, agus tiugh dhorchadas.
Air do chach fhaicinn a tuisleadh dh’fhas iad lag-chridheach.
Bha Tomas ann an teagamh co dhiu bha iad air an t-slighe cheart. Labhair Peadar mu dhireadh beinne; ach thubhairt a mathair, “Tha mi cluinntinn borbhan na ’n tuinn.” “Cha n-eil ann ach nualan na gaoith” fhreagair Talamh Dearg. Air dh-ise bhi dheth speorad ciun agus macanta dh-fhan i na tosd. Beagan as deigh so thubhairt an leanabh Rut ris, “Tha mi cluinntinn fuaim na fairge.” Dh-eisd iad uile agus chual iad, ach Tomas a mhain, a bha air uairibh bodhar air aon chluais. Mar is mo dh-fhas a fuaim ’sann bu mho a’m bron airson peacaidh, agus a’ m fadal gu bhi glan ’nan cridhe.
Bha iad a nis aig stucan ’Bron ’Diadhaidh, direach os cionn Port an Aithreachais.
Uime sin ghreas iad an ceuman agus an uine ghearr, rainig iad a spuir a b’airde dheth na stucan agus, feuch! an fhairge fhosgailte.
Bha soitheach air acair air na h-uisgeachan. ’S e b’ainm dhi Sgeul a Mhor Aoibhnis.”
Leum a’ moridheachan le gairdeachas. Gidheadh cha robh an soitheach a sealltuinn co mor ’sa bha iad an duil; ach mar a’s mo a dh-amhairc iad sann bu mhaisich a dh-fas i.
Chaidh meinn ghuail ann an SiorramachdYork, an Sasuinn, na teine air an t-seachdain so, agus leis an spreadhadh a dh-aobharich e, bha corr us ceud de na meinneadairean air an dunadh a stigh, agus aireamh mhor air am marbhadh.
’M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadh ’sa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum do’n chorp uile.
Dh-eug Sir Uilleam Mac Fhionghain ann an Sasuinn air an darra latha fichead de’n mhios s’a chaidh. Bha e na dhuine gle bheairteach, agus bha e gach bliadhna a toirt seachad moran airgid air son gach deagh aobhar. B’e ceann-cinnidh Chloinn Fhionghain agus bha tlachd mor aige ann a bhi rannsachadh a mach ’s a faotinn gach eolis a b’ urrinn da air a luchd-cinnidh air feadh an t-saoghd.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 3. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 15, 1893.
Tha e ro choltach nach eil feill an t-saoghil gu bhi na ni cho math do mhuinntirChicagosa bha iad an duil. Chuir muinntir a bhaile sin suas moran thaighean agus rinn iad gach ullachadh eile air choinneamh na feille an duil gu robh iad a dol a dheanamh aigiod mor nuair a thigeadh i. Ach an aite buanachd a dheanamh, ’s ann a tha iad a dol a chall gu dona. Chan eil idir uiread sluaigh a dol thun na feille sa bha air a smaoineachadh an toiseach, agus mar sin chan eil an t-airgiod a tigh’nn a stigh na thaoman cho mor sa bha am beachd na feadhnach a bha togail thaighean air a shon. Tha iad a nise deanamh a mach gum bi eadar seachd us ochd de mhuilleinean dolair air a chall. Bi’dh an t-suim sin ri dheanamh suas leotha-san a chuir an fheill air chois. Cha n-fhaigh iad an t-suim a bha air a ghealltinn dhaibh le Riaghladh nan Staitean idir, oir bhrist iad an cumhnanta air an robh iad ri fhaighinn, ’s e sin, an Fheill a bhi duinte air an t-Sabaid.
Tha muinntir Newfoundland ’s na Frangich an deigh a dhol far a cheile aon uair eile. Beagan us mios roimhe so thug na h-iasgairean Frangach moran bathair as an Fhraing gu Newfoundland, agus dhiult iad cis a phaigheadh air, a chionn nach robh coir ac’, a reir am barail fein, air cis a phaigheadh. Ach cha robh dhol bhuaithe aca, agus nuair a dhiult iad as us as, chaidh am bathar a thoirt bhuapa ’sa reic. Thanig am t-admiral Frangach gu acarsaid St. John’s beagan laithean an deigh sin agus bha e dol a dh fhuireach ann gu deireadh na seachdain so. Tha ’n ceathramh latha deug de dh-Iulaidh na latha feille aig na Frangich, agus bha esan a dol ’ga chumail aig St. John’s, ’s bha e air a chuireadh gu cuirm mhor a rinn an Riaghladair. Ach air dha bhi aig a bhaile beagan uine chuir e fios gu luchd-riaghlidh na ducha iad a chur air ais a bhathair a thugadh bho na h-iasgairean. So cha deanadh iad, agus ’nuair a dhiult iad chuir an t-admiral a thagradh air beulaobh an Riaghladair, ach bha esan cho rag ri cach. Ghabh an t-admiral so san t-sroin agus thog e an t-acaire air ball ’s sheol e air falbh, ag radh nach robh esan gu bhi fuireach an sid na b’fhaide gu oifigich Bhreatunnach a bhi ’deanamh fanaid air fhein ’s air a dhuthich. Bha ’n riaghladair ’s na h-uaislean eile air am fagail aig a chuirm leotha fhein, gus an ni a b’fhearr a b’urrinn daibh a dheanamh ris na nithean matha a bh’ air an ullachadh. Cha chuala sinn de’n car a chuir an t-admiral dheth an deigh dha St. John’s fhagail, ach cha n-eil teagamh nach cluinnear bhuaithe fhathast.
Litir a Camp nan Saor-thoileach Gaidhealach an Inbhir-Ghordon.
A MHIC-TALLA IONMHUINN, —Shaol leam gun cordadh e gu math riut beagan fhacail a chluinntinn bho’n champa mhor so, bho nach robh a leithid an Alba riamh, ach a mhain aig Dun-Dheorsa sa bhliadhna 1891. Bha na coig reiseamaidean a leanas ann, Reiseamaid Rois, Chataoibh, Mhoraidh, Bhanibh, agus Inbhirnis. Bha corr us ceithir mile fear ann gu h-iomlan, ’s bha ceithir fichead piobaire us tri drumairean deug air fihichead a cluich comhladh air la an rannsachaidh. Bha ’n camp uile fo chomannda Chluanaidh ’Ic-a- Phearsain, seann saighdear iunnsaichte, agus bha na piobairean na bu lionmhoire na bha iad an camp an Alba riamh, oir cha robh ach da fhichead dhiubh a cluich aig an aon am aig Dun-Dheorsa, an 1891. Thainig mor shluagh as gach ait gu Inbhir-Ghordan air la an rannsachaidh, agus theid mi ’n urras nach fhaca moran dhiubh cruinneachadh cho mor de shaighdearan Gaidhealach riamh roimhe. Co-dhiu cha deid an sealladh so as an cuimhne gu luath. Chruinnich an camp air 21d latha de mhios meadhonach an t-samhraidh, agus sgaoil e air an 28mh latha dhe’n mhios cheudna.
CREAG-AN-FHITHICH.
Ann an Quebec ’s an Ontario, tha ’m fiar ’s am barr a tighinn air adhart gu briagha agus tha e ro choltach gu’m bi iad gle mhath. Tha na tuathanich a toiseachadh air an fhiar cheana, ’s tha ’n cruithneachd a gealltinn a bhi na bharr gle throm nuair a thig am a bhuain. Chan eil am fiar no idir am barr an Ceap Breatuinn, an Nova Scotia ’s an Eilean-a- Phriunnsa, gu bhi faisg cho fad air ais sa bha duil ris beagan roimhe so. Tha na h-uisgeachan a thanig air an t-seachdain ’sa chaidh an deigh gach ni ath-nuadhachadh, agus ma leanas na frasan air tighinn, ni iad tuilleadh feuma, ’s bidh an tuathanach an sin ag radh ris fein nach eil an duthich so cho dona an deigh a h-uile rud.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. .. 1.00
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 3. p. 5]
Clann Illeathain.
Tha Clann Illeathain air feadh tir-moir America ag deanadh ghairdeachas ’s a cumail cuirm an los turus an Ceann-cinnidh do’n tir so. Bha cruinneachadh mor aig an fhine aig Chicago air a mhios so agus thainig an Ridre Mac-Illeathain, na h-uile ceum bho Dhubhairt gu bhi comhla riu. Fhuair e deagh chomhail agus failte nach di-chuimhnich e am fad ’s as beo e. Thug a luchd-cinnidh aoidheachd dha fein agus do bhaintighearna Dhubhairt, a bha maille ris, a bha cliuiteach dhaibhsan agus ciatach dhasan. Cha do chaoin iad cosdais; bha ailghios, gun struidheis, toilinntinn gun a bhi anameasara, agus bha an co-chruinneachadh mor, anns na h-uile doigh, airidh air ainm agus inbhe Clann Illeathain. Air a shlighe air ais thaghail e ann an Toronto far an d’fhan e fad seachdainn am measg a luchd-cinnidh ’s a bhaile sin. Ghabh an Comunn Gaidhlig an cothram failte a chur air ann an ainm nan Gaidheal, anns na briathran so:
COMUNN GAIDHLIG TORONTO.
DO’N RIDRE FITZROY DOMHNULL MACILLEATHAIN.
TRIATH DHUBHAIRT,
AGUS
CEANN-CINNIBH CLANN ILLEATHAIN.
A RHIDRE Inbheach—Air feadh an t-saoghail, air an la’n diugh, gheibhear Gaidheil agus an sliochd a tha comharraichte airson an gradh do’n luchd cinnidh, ’s do thir ghaolach an aigh, tir an fhraoich ’sa mhuirein, ’s an d’ araicheadh iad fein no an sinnsearean.
ANN an Toronto tha aireamh lionmhor do Ghaidheil aig a bheil cridheachan blath do’n Ghaidhealtachd ’s do na daoine a tha, ann an sin, a’ cumail suas cliu agus canain an athraichean. Do’n aireamh chliuiteach sin tha sibhse, Cean-Cinnidh Clann Illeathain, a bhuanaich inbh’ ard ann an arm ’ur duthcha, a dhearbh sibh fein mar shar shaighdear; treun agus ealanta, mar bu dual do oighre Lachainn Mor; a tha baigheal, teo-chridheach do’n sluagh a tha ag giulan ’ur n-ainm; agus fos, aig a bheil gradh do chanain, do cheol agus do dheagh chleachdaidhean nan Gaidheal.
AIR an aobhar sin tha Comunn Gaidhlig Toronto air an son fein agus ann an ainm Gaidheil Chanada ag cur faillt oirbh. Tha iad a’ toirt furan duibh do’n duthaich so ’s gu h-araid do’n bhaile so, far a bheil moran do bhur fine. Tha sinn a’ toirt fainear le gairdeachas an t-urram a tha Clann Illeathain, air an taobh so do’n chuan, a’ nochdadh dhuibh mar an Ceann Cinnidh; mar Ghaidheal airidh tha sinn a’ sineadh ar lamh dhuibh ’s a guidhe slainte, sonas agus soirbheachadh dhuibh ge b’e cearn ’s am bi sibh.
IAIN CATANACH MAC ILLEMHAOIL,
Riaghladair.
NIAL MAC FHIONNGHAINN,
Run Chleireach
Air oidhche Di-luain do’n t-seachdainn so, ’n uair a chaidh am Failte so a chur air Triath Dhubhairt, bha cuirm air a toirt dha le Clann Illeathain, Toronto. Bha leth-cheud duine a lathair agus aireamh choir do mhnathan uaisle. Bha an Ridre agus cuid eile do’n chuideachd ’s an deise Ghaidhealach agus dh’oladh deochean slainte Gaidhealach agus sheinneadh orain Gaidhlig gus an saoileadh neach gu robh e air traigh a Chaoil Muileach ’s beanntan creagach na Moraine mu choinneamh. Bha an cridheachan subhach leis a chuirm, agus ghluaiseadh inntinnean ’n a bha lathair le iomradh air eachdraidh agus cliu Chlainn Illeathain leosan a bha tabhairt nan tosd. ’N uair a thugadh “Deoch an Doruis,” bha na coilich a’ goir air na sparran ’s bha na neoil a’ bristeadh ’s an aird’ an ear.—
Mac Huistein, ’sanScotish Canadian.
Slainte do na Gaidhil Ghasta
a phaigheas am MAC-TALLA. So ainmean muinntir a phaigh dolar air a shon gu toiseach Iulaidh, 1894.
I. D. Domhnullach, Great Bend, Pa.
Capt. Mac Amhlaidh, Gloucester , Mass.
Niall Mac Leoid, (Eildeir), Cow Bay.
Aonghas Mac Aoidh, Providence , R. I.
Domhnull C. Mac Neill, Gd . Narrows.
Domhnull Mac a-Phersain, Gd . Narrows.
Muracha Mac Rath, Ottawa.
Bean Iain ’Ic Gilleain, Eilean Phictou.
Uilleam Buchanan, (Siorram,) Sidni.
Iain Mac Odrum, Sidni
Tormoid Mac Neil, Sidni
Tearlach Caimbeal, Boston.
A. J. Domhnullach, Cambridge , Mass.
Iain G. Mac Eachinn, Woburn , Mass.
Alasdir Domhnullach, An Abhinn a Deas, N. S.
Donnacha Mac Griogar, An Abhinn a Deas, N. S.
Mairi Chamaran, Pitcher ’s Farm, N. S.
Gilleasbig Mac Phail, Orangedale.
Alain Domhnullach, Salmon River.
Aonghas Gillios, Hogamah.
D. C. Mac Leoid, Beinn Leodhis.
A. Bain, Port Hawkesbury.
Capt. A. I. Moireastan, do.
An t-Urr. Calum Mac Leoid, Ceap Nor.
Thanig duine air an robh coltas duin-uasail gu Truro air an t-seachdain s’a chaidh agus rinn e bargan ri ceanniche an sin air son suim mhor de dh-airgiod meallta a bh’aige. Bha aig a cheanniche ri da cheud us fichead dolair a thoirt dha, agus air son sin gheibheadh e fiach da mhile dolair de’n airgiod mheallta. Phaigh e an da cheud ’san fhichead do ’air sios, ach cha d’ fhuair e an da mhile fhathast, ’s chan fhaigh fhad a’s is beo e. Ma theid e chur an fhir eile ’s an lagh theid e-fein ann, ’s cha n-fhaigh e as gun a dhol troimh ’n tigh oibreach. Tha am fear eile a spaisdearachd air feadh a bhaile ’se na’s coltiche ri duin uasal na bha e riamh. ’S iongatach na bheil de dh-amadain ’s an t-saoghal.
GHLEIDH E ’BHEATHA. —Molidh miseDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberry,oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh’aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois.
FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aainn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Suabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 3. p. 6]
Am Bard ’s Mac Talla.
Air an t-seachdain s’a chaidh thanig thuginn leis a phosta an litir a leanas, a dh-innseas a sgeul fein.
A MHIC TALLA, —Chuir mi cran beag thugad an uirikh s cha dug sibh suil air, agus chuir mi oran beag eile thugaibh am bliadhna s cha dug suil air no bu mhu. Sheall sibh beag orm; agus bho n rinn sibh se sin rinn mise so.
AOIR MHIC TALLA.
Bo, bo, Mhic Talla bu mhath thu dhol bh’uainn
S thu dh’fhuirach aig baile feadh talamh a ghuail
Bo, bo, Mhic Talla bu mhath thu dhol bh’uainn.
Bu mhath leinn do thuineadh
Bhi thall thar a mhuniadh,
S nach cluinn-a- mid tuille
Do bhurrol no t-fhuaim.
Bo, bo, &c .
Ged dheanadh iad mor thu,
Cha dean e do chomhnadh,
S ann ni e do leonadh
S do stor a thort bhuat
Ged thig thu thar caolas
As imeachd an taobh so,
Cha n’fhaigh thu ann daoine
Bheir aonta dhuit buan.
Ged dheanadh tu chleachdadh
Bhi tighinn gach seachdain,
Bu shuarach an eachdraidh
Bhiodh leatsa ga luaidh,
Ged thig thu da n bhaile
Cha tachair ort caraid
S cha n-eisd iad ri t-ath-ghuth
No caireal do dhuan.
Ged sheinnas tu cronan
Le facail neo chomhnard
Air m’ fhirinn cha ch-eole
Thoirt solas da’r cluais,
Aon de na h’oighean
A rachad ga d chomhnadh
Gu milleadh nan oran
B’i n oiseach gun bhuaidh
ALASDAIR.
Fhreagir sinn an latha sin fein, a gabhail ar leisgeil fein cho math sa dh-fhaodamid, agus a gealltuinn an t-oran a chur an clo an uine ghearr, rud a rinn sinn. Latha no dha an deigh sin fhuair sinn an darra litir bhuaithe, agus ’s ann mar so a ruith i,—
A CHARAID, —Fhuair mi do litir. Tha mi a chur thugad dolar air son bliadhn’ eile dhe’n MHAC-TALLA.
Do Charaide Dileas, Alasdair.
Agus an sim chuin e sios oran a Moladh MHIC TALLA.
Deoch Slainte MHIC TALLA so thainig air chuairt.
Thar caolas na mara bho thalamh a ghuail
Deoch slainte Mhic Talla so thainig air chuairt.
Nuair thig thu do ’n bhaile
Air ni fhirinn bu mhath leam
Bhi ag eisdeachd ri d’ t’ath-ghuth
Ga airis a’m chluais.
Nuair thig thu gun seachran
Mu tho’seach na seachdain
Gur h-eibhinn gach eachraidh
Bhios leatsa ga luaidh.
Nuair thig thu go’d chardean
Sa labharas tu an Gailig
Gur subhach an gaire
Mu d mharan grinn suairc.
Nuair sheinnas tu oran
Gu binn fhaclach ceolmhor
Bidh cuanal de dh-oighear
Ged chomhnadh leis suas.
Gu faighar gun dearmad
Gach neigheachd neo chearbach
Mu ghaisgich na n garbh-chrioch
Bha Calma san ruaig.
Tha thu eolach s gach aite
N robh clannabh nan Gaidheal
Mu n cleachdadh s ma n abhaist
Fo sgath na m beam fuar.
LeighsidhMinard ’s Linimentcannabhrist.
Tha Dotairean ag radh nach dig Cholera ’nad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh
K. D. C
do stamag ’s cumidh e air falbh an Cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botuil.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 3. p. 7]
Sgeul a Margaree.
A MHIC TALLA RUNAICH.— ’N uair a sgriobh mi ugaibh mu dheireadh bha sinn ann an curam mor mu dheibhinn an bharra, le fior thiormachd na side. Uaithe sin sann air ais a chaidh a feur agus roinn dhe’n bhuntata. Rinn fior dhearrsadh na greine a feur a losgadh, agus tha e na ’s tainne ’n diugh na bha e o chionn da sheachduinn. Thainig reodhadh air oidhche araid a mheath barr a bhuntata ann an aitichean nochta sa rinn moran milleadh air. Ach tha chuid nach d’ rug an reodhadh air a coimhead gle mhath, agus ma bhios an t-side fabhorach a so suas agus an daolag a dh’fhuirach air falbh tha misneach mhath aginn as a phor sin fathast.
Bheirinn cagar do “Sheonaid” bhochd ann a so gu bheil mor aille sgaoilte fathast ma ghleannan Mhargaree, agus nach do chaill iad a bheag dhe riomhadh air tailleabh a cuid-sa atamachd ri “Beinn-na-Gaiseid.” Tha Bheinn sin boidheach gu dearbh le crun ioma-dhathach ’s le tla-ghaoth fheasgair, ’s ma’ dh’fheudte le leannan Seonaid a tamh oirre, ach ann an coimeas ri gleann Mhargaree, cha ’n’ eil i ach mar bhealamas na cuilm. Tha Riaghladair na Mar-roinn, Daly, a tamh nar measg o chionn da sheachduin, agus tha gach ni cordadh ris cho math agus nach eil teagamh nach doir e cliu air a cheairn so do’n tir ’n uair a thilleas e air ais go Halifax. Bha e san eaglais againn Di-domhnaich, agus bha mor thlachd aig na h-uille dha irioslachd, dha chaoimhneas, ’s dha choltas gu leir. De do bharail, a “Sheonaid,” cia mar a chordadh e ris an Urramach so da sheachduinn a chath air “Beinn-na-Guiseid.” Ged tha mi gle chinnteach gu faighadh e daoine fialaidh ann agus Gaidheil gu’n cul, tha amharus agam nach biodh inntinn gu tur riaraichte. Ach tha mi creidsinn gu’n abair Seonaid; “Tha fear as fhearr no e fureach ann.”
Tha fuathas do nigheanan a tilleadh dhachaidh a Boston air an t-samhradh so moran diu chaill an coltas agus beagan a chaill a Ghaihhlic. Ach tha mi creidsinn gur i Ghaidhlic as giorra chaidh uatha.
Tha sin uile bosdail a bhi faicinn MHIC TALLA air a dhubladh ann a meudach, agus tha sin gle chinnteach gum bidh gach neach anns a bheil fuil Gaidheil a toirt an chuideachaidh dha mar as cor, agus se’n cuideachadh as fhearr an dollar a phaighidh roi-laimh. Duine sam bith a leubhas MAC-TALLA fad bliadhna ’snach cuir air adhart am beagan a thathas ag iarraidh air a shon, ’sneach gun treidhireas, gun spiorad Gaidheil a than, fear a chumadh a chlaidheamh san truaill an teis comhraig. Mur d’thig pradhainn teann orm cluinnidh sibh uam fathast an uinne ghoirid.
CAORSTAIDH.
ThaMinard ’s Linimentri reic ’s gach aite.
’Siongatach cho coltach ’sa tha Palestin, seann duthich na Iudhach, a fas ri duchannan na Roinn-Eorpa ’s America. Tha rathad-iarinn a ruigheachd Ierusalem, tha ’ntelegraph ’s antelephoneair obair ann, ’s tha ’n duthich uile mar gu’m b’eadh a dusgadh as an t-suain chadail ’s an robh i o chionn chiadan bliadhna, agus a toiseachadh air oidhirp a thoirt air eirigh suas gu bhi toirt aire ’n domhain gu leir, mar nach dug i riamh o’n sgriosadh Ierusalem. Tha am baile mor sin, a tha cho ainmeil ann an seann eachdridh an t-saoghil, a fas nas mo a h-uile bliadhna, agus tha ’n aireamh Iudhach a tha comhnidh ann a dol an lionmhoireachd, agus an diugh tha deich mile dhiubh a tuathanachas an tir an aithrichean, agus a deanamh beolaind mhath, far nach robh aon deich bliadhna roimhe so. Tha moran de nithean ’gan toirt do’n duthich nach eil idir a co-fhreagirt ris an ainm a tha sinne toirt di, —An Tir Naomha. Tha ’n t-slighe gu Sliabh nan Crann-Olla air a fagail mi-dhreachor le paipearan mora bana bhi ’n crochadh ris na craobhani ’s ris na creagan, a comhairleachadh do gach aon a ghabhas an rathad a bhi ’g ol an uisge-bheatha thatar a deanamh am Bail-a- cliath Eirinn. Agus a h-uile latha Sabaid tha ceol us dannsa air a chumail suas o mhoch gu dubh ann an Garadh Ghetsemane!
Bha mis air mo leigheas de Bhronchitis ’s de’n chuing leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. A. LIVINGSTONE.
Lot 5, P. E. I.
Bha mis’ air mo leigheas de dhroch loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN MADDER.
Mahone Bay.
Bha mis’ air mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois leMINARD ’S LINIMENT.
JOSUA WYNACHT.
Aig Richmond, Indiana, feasgar na Sabaid s’a chaidh bha carbad anns an robh Mrs Ganz agus a dithis chloinne air a bhualadh leis a charbad-iarinn, agus chaidh an triuir a mharbhadh.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son dolair gu leth.
Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri fichead ’sa h-aon deug dhe na h-orain a’s fhearr ann an lebahar ’sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colberne Sts. Toronto, Can.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 3. p. 8]
Sgeula mo Mhort Ghlinne Comhann.
Ann an Apuinn Mhic Iain Stiubhart tha Tigh osda, ris an abrar tigh Phort-na-Croise. Thainig saighdear dearg ga ionnsuidh aon latha, agus air dha bhi gabhail gloinne maille ri fear-an-tighe agus coimhearsnach a dh’eirich a bhi stigh san am, bha e toirt naigheachdan dhoibh a bha ro thaitneach leis na daoinibh. Mu dheireadh dh’fheoraich iad dheth ciod an gnothach bu sgreamhala a chunnaic e fhad na shiubhail e. Fhreagair e gum faca e iomadh ni a bha gle uamhasach, ach gur ann aig Mort Ghlinne Comhann a bha e na fhianuis air an aon ni bu sgreamhala chunnaic e riamh, agus b’e so e. “Cheangladh sea-fir-dheug le ’n lamhaibh air an culaobh, maille ra’n easgaidibh agus caolaibh an cas. Chuireadh nan suidhe air beingidh Mhoir iad agus chaireadh sea-musgacha-deug ra’m broillichibh, leis an do thuit iad marbh ceart comhlath; Sin,” ars esan, “gnothach bu ghraineala ’chunnaic mi riamh.” “An so, dh’eirich fear-an-tighe agus a choimhearsnach a mach, agus dh’fhag iad an saighdear na aonar san t-sseomar. “Tha mi nis a tuigsinn’, arsa fear-an-tighe, “gun robh an saighdear so mu mharbhadh m’ athar, oir bha e do na sia fir-dheug ud; agus tha m-inntim air eirigh cho mor na aghaidh, ’s gu bheil mi smuainteachadh cuir as da gun tuilleadh dalach.” “Cha ’n ’eil sin aige-san ach air t-ordugh. ’S ann a theid sinn a stigh agus a dh’fhiosraicheas sinn ni’s faide dheth mu thinnchioll a ghnothuich.” Se so rinn iad, ag radh ris an t-saighdear, “Ciod a sin a thachair, cia ’mar a chriochnaich an gnothuich?”
“Aig briseadh an latha,” ars’ esan “fhuair sinn ordugh togail oirinn ’san Gleann fhagail. Air dhuinn a bhi ’g imeachd air ar n-aghaidh air an rathad mhor, san Ceannard a marcachd air ar ceann; a dol thar allta bha air an rathad chuala sinn sgriach leinibh os ar cionn ann am bruaich an uillt. Thill an Ceannard air ais, agus seach fear eile dh’orduich e dhomhsa dol suas, agus ma ’s e leanabh gille bh’ ann a mharbhadh. Dh’fhalbh mi, agus air dhomh dol beagan air m-aghaidh, chunnaic mi bean choir, eireachdail agus plaide uimpe, ’s i gabhail a chur na plaide am beul an leimibh ga chumail gun chaoineadh. Ged is e leanabh gille bh’ ann cha duraichdinn lamh a chur ann; agus thill mi air m-ais ag innseadh do ’n Cheannard gur leanabh nighinn bh’ ann.” “ ’S mise.” ars’ fear-an-tighe osda, “an leanabh a bha’n sin ann an achlais mo mhathar, is a rinn thusa ghleidheadh beo.” ’Nuair chual e so, am fear a bha smaointeachadh cuir as da roimhe, cha robh fhios aige nis ciod a dheanadh e ris an t-saighdear, a nochdadh dha a h-uille caoimhneas a bha na chomas. —As an Teachdaire Ghae’lach.
LeighridhMinard ’s LinimentDeideadh.
MO CHAILIN DILES DONN.
Gu ma slan a chi mi
A chailin dileas donn!
Bean a chuailein reidh,
Air an deis a dh’eireadh fonn;
’Si cainnt do bheoil a’s binn leam,
Nuair bhitheas m’inntinn trom,
’S tu thogadh suas mo chridh
Nuair a bhi’dh tu bruidhinn rium.
Gur muladach a ta mi,
’S mi nochd air aird a’ chuain,
’S neo-shundach mo chadal domh,
’S do chaidreamh fada uam;
Gur tric mi ort a smaointeach;
As d’aogais tha mi truagh;
’S mar a dean mi d’fhaotainn
Cha bhi mo shaoghal buan.
Suil chorrach mar an dearcag,
Fo rosg a dh’iadhas dlu;
Gruaidhean mar an caoran,
Fo ’n aodann tha leam ciuin;
Aidicheam le eibhneas
Gun d’ thug mi fein duit run;
’S gur bliadhna leam gach la
O’n uair a dh’fhag mi thu.
Theireadh iad ma ’n d’ fhalbh mi uat,
Gu ’m bu shearbh leam dol ad choir
Gu ’n do chuir mi cul riut,
’S gun dhiult mi dhuit mo phog.
Na cuireadh sid ort curam,
A ruin, na creid an sgleo;
Tha d’ anail leam ni’s cubhraidh,
Na’n driuchd air bharr an fheoir.
S’e K. D. C. an leigheas a’s fhearr a tha ri fhaotainn air son droch stamag.
LeighsidhMinard ’s Linimentlosgidhean.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
title | Issue 3 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 3. %p |
parent text | Volume 2 |