[225]

[Vol . 2. No. 30. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 17, 1894. No. 30.


Gaidheil Bhoston.

A Mhic-Talla Ionmhuinn:

Bidh iomadh lathas bliadhna man teid oidhche Dior-daoin sa chaidh as cuimhne Gaidheil Bhoston. Chualas air an oidhche sin ann an Eaglais nan Gaidheal, comhradh Gailig, Orain Ghailig agus piobaireachd, nithean a chuir mor aoibhneas air na chualiad. Chunnacas aig an am cheudna, cireadh cloimhe, tacharas snatha, toinneamh le fearsaid, agus cardadh us sniomh, agus an sin frolic luaidh, ni nach fhacas riamh roimhe ann am baile Bhoston, fa chomhair moran sluaigh, agus ni a thug togail cridhe agus fior thaitneas de dhiomadh fleasgach og, seadh agus do dhiomadh maighdean bhanail agus do dhiomadh seana bhean us seann duine a bha eolach air a leithid au am an oige.

Bhan eaglais air a lionadh, cha robh liad coise nach robh air a dhomhlachadh le muinntir na seasamh. Aig ochd uairean beigin an dorus a dhunadh, agus thilleadh air falbh da cheud pearsa nach toilleadh a stigh. Chuireadh e subhachas air cridhe neach air bith fhaiciun an gairdeachas a bhan aodann gach aonn uair a bha iad ag eisdeachd ris a phiobaire a cluich a cheud phuirt, agus ri coisir cheolmhor de ghilleans de nigheanan a seinn nan oran, “Mo chailin dileas donn,” “Ho ro, mo nighean donn bhoidheach,” “Gabhaidh sinn an rathad mor,” agusFhir a bhatas na ho ro eile.” Sheinn aon oranaiche eireachdail, Iain Robertsan a mhuinntir Alba, an t-oran, “Is toigh leam a Ghaidhealtachd,” agus cha mhor nach toireadh e deoir an aoibhneis a cridhe neach air bith anns an robh deur de dhfhuil a Ghaidheil, a bhiga eisdeachd. Sheinn dithis de ghillean Cheap Breatuinn, agus naoidh deug eilegan cuideachadh da oran luaigh. Bhan clo air a bhord, agus an luagh a dol air adhart mar a chunnacas e iomadh uair ann an Ceap Breatuinn.

Chaidh cruinneachadh mor airgid a dheanamh, agus tha sinn an dochas nach bi fada gus am faic sinn a leithid a rithist. Slan leat a charaid, an la chis nach fhaic.

A. M. C.
Boston, 10, 2, ’94.


Duine Spiocach.

Bha uachdaran fearainn ann an Alba latha gabhail straid air feadh na duthcha, agus bhuail am pathadh e. Thaghail e ann an tigh tuathanaich agus dhiarr e deoch bhainne. ’Nuair a thugadh ga ionnsaidh i dhfheoraich ede na bhitheadh i. Thuirteadh ris gum bitheadh sgillinn a-ghlainne. Dhol e an sin mu leth na glainne, agus ars esanse tilgeadh bonn-a- sia air a bhord, “tha mi smaoineachadh gum paigh sid air son na dhol mi,” ’s thug e chasan leis. Tha de theachd-a- steach aig a cheart duine sin coig mile deug air fhichead punnd Sasunnach, ( £35 ,000) ’sa bhliadhna!


Fas us Cnamh na Gealaich.

So mar tha Innseanaich fhiadhaich America a cur solus air fass air cnamh na gealaich:—

Nuair thaghealach lan tha droch spiorad atoiseachadh air a criomadh, agus tha eleantuinn air crioman beag itheadh a h-uile latha gus mu dheireadh am bheil i air teirgsinn; agus an sin than oidhche uile gu leir dorcha. Ach cha cheaduich an Spiorad Mor na droch spioradan a bhi dol mun cuairt san dorchadas ris gach olc is ail leotha; agus tha ecruthachadh gealach ur, a cur pios us pios rithe a h-uile h-oidhche gus am bi i air a criochnachadh. Tha e an sin a dol a chadal, agus tha na droch spioradan a gabhail a chothroim agus a toiseachadh ri itheadh na gealaich a rithist. ’Nuair gheibh iad greim aon uair tha iad coltach ris na cnuimheagan agus cha ghabh iad cur as gus an ith iad an t-iomlan.


DUTHCHANNAN CEIN.

Chaidh corr us tri fichead mile tunna feoir a chur air a gheamhradh so a Canada gu ruige Breatuinn.

Bha stoirm mhor ann an Kentucky Di-luain sa chaidh, uisges sneachda, ’s gaoth thuathach. Ann an Nebraska tha na roidean air an dunadh gu buileach. Ann an aon bhailesa Stait sin, Omaha, thuit suas ri da thraigh de shneachda. ’Si stoirm cho tromsa bha acasna cearnan sin o chionn bhliadhnaichean.

Thug na Frangaichs na Breatunnaich deannal no air a cheile, chionn ghoirid, ann an Africa. Biad na Frangaich a thoisich an da thurus aguss iad a fhuair a chuid bu mhiosa. Bha iad a gabhail orra gum bann le iomral a loisg iad air na Breatunnaich, aguss co math do na Breatunnaich sin a chreidsinn ri dhol a dh iarraidh dearbhaidh.

Tha muinntir Iceland a sior fhagail an duthcha fheinsa tighinn gu Manitoba. Tha iad nan daoine siobhalta, stuama, agus faodaidh duthaich sam bith gabhail riutha gu toilichte. Tha eilean Iceland tuilleadh us faisg air an aird a tuath air son a bhi na aite taitneach do shluagh a bhi comhnuidh air. A bharr air so tha e buailteach do chritheanna-talmhainn, chan eil e ro thorach ann am barr, agus bidh an sluagh bochd gu tric nan eigin. A reir gach uile choltas cha teid moran bhliadhnaichean seachad gus am bi e air fhasachadh gu buileach.

Tha aon de dheileanan nan Innsean an Iar (Hayti) a tha fo uachdranachd nan daoine dubha. ’Se comh-fhlaitheachd a thaca, agus tha ceann-suidhe air a thaghadh leis an t-sluagh mar tha ceann-suidhe nan Staitean Aonaichte. Tha fear-ionaid aig na Staitean anns an eilean sin mar tha aig gach rioghachd us duthaich eile. Dhfhiadhaich ceann-suidhe Hayti (dan ainm Hypolite) fear-ionaid nan Staitean (dan ainm Smythe) gu dhinneir maille ris, ach cha rachadh an duine spaideil sin ann, no taing, a chionn gum bu dhuine dubh am fear eile! Chan fhaod a bhith nach toir Cleveland air an duine ud tilleadh dhachaidh cho luathsa ghiulanas smuid us uisg e.



[226]

[Vol . 2. No. 30. p. 2]

Taillear Ghearraidh-bo-stig.

LE IAIN.

(Air leantuinn.)

An uair a chualabhaineach mar a labhair i ris an taillear, rinn i glag mor gaire, agus bhuail i a da bhois richeile, agus thuirt i gu reiceadh i e air seana bhreid-broige, ged bu leatha fhein e.

Dheirich an taillearna sheasamh an uair a chuale bhithga dhimeas cho mor, agus thuirt e, “Gu seachnadh Dia air gach neach as ceisdeach leamsa bhur seorsa-se. Agus ni mise muile dhichioll air sibhsesheachnadh air cach.” Ghearr e cruinn-leum thun an doruis, agus dhiarr e airoide bhith falbh comhladh ris, agus thuirt e nach be rath no sonas a chuir a steach fon ard-dorus iad am beul na h-oidhche. An uair a bha e eadar dha bhi as dorus thug e boidean air peighinn is leith an domhain nach fhaiceadh fear no te eile esan adol tomhas na troidhe a a dhiarraidh boirionnaich fhads a bhiodh an anail sios is suas ann.

Chuir e an oidhche sin seachad ann an taigh oide, agus e gun smur gun smalan air, ach na bhair de bhron ag ionndrainnathar.

An ceann latha no dha thainig teachdaireachd a dhiarraidh an taillear gu taillearachd, agus dhfhalbh e mar bu ghnath leis leshiosars lemhiarans leshnathaid, agus rainig e a cheann-uidhe. On a bha e gun athair gun mhathair, gun phiuthair gun bhrathair, gun charaid gun ghaoltach, ach a mhuime agus oide, rinn e a dhachaidh de thaigh Mhicheil; ona bha a bhothan bochd, dubh, udluidh fhein gun teine gun tuar. Cha robh dith no deireas air o thaigh gu taigh re shig laithean na seachduin, agus ghabhadh Micheal agus a bhean ris a a h-uile oidhche Shathurna mar gum be an gineil fhein a bhiodh ann. Bha na bliadhnachan adol seachad air an doigh sinMicheal atogail na canach, agus gach sgillinn airgid a bhan taillear fhein afaotainn, bha bean Mhicheilgan cur ann am minicheag uain a steach fon chasan.

Cha robh de dhearnais ann an taigh Mhicheal ach da leabaidhleaba mhor egus leabard; sreath chlach mu choinneamh an teine, agus sgrath reisg air an uachdar gu beinge; tri sunnagan connlaich, loban gu gleidheadh shil; ciste gu gleidheadh mhine; coidhean gu gleidheadh ime; noigean gu bleoghan bhainne; miosair shuidheachaidh no dha; crannachan is loinid is roineachan; spal-ladhair gu fighe nam plataichean; corc-rasair gu marbhadh agus gu gearradh na feola; da chuaich fhiodha, agus da spain adhairc. Cha robh de bhord bidh aca ach gluinean bean an taighe. Bhan earnais a reir an latha agus na linn anns an robh iad beo. Ach an deigh a h-uile cuis, eadar na bha Micheal adeanamh a dhaiteach agus na bhan taillear acosnadh, maille ri maruinn spreidhe, cha robh dith no deireas orra latha deugs abhliadhna.

Bhiodh cal gu leor an cur aig Micheal, agus on a thigeadh an t-samhuinn gu toiseach an t-samhradh bhiodh iad gu math roipeiseach air bruthaiste, muilt-fheoil is muic-fheoil is mairt-fheoil. An uair a thigeadh an t-earrach steach chuireadh bean Mhicheil da mhogan oirre, agus a cliabhan beag eallaich air a muin, agus bheireadh i asgeir-leathann oirre a mhaorach. Ri traigh reodhairt bheireadh i dhachaidh eallach a droma eadar fhaochagan is bhairnich is chrubagan is phortain; agus an uair bhiodh achonntraigh ann bheireadh i dhachaidh luma lan platadh de shlocans de dhuileasgs de ghruaigean. Bhruicheadh i dhaibh e, agus ghabhadh iad an sath dheth; agus dholadh iad an diol de shaile nam bairneach an uair a bhiodh feum aca air. Bhan triuir aca cho fallain ris abhreac, cho reamhar ris an ron, cho gionaich ris an trosg, agus cho sgaiteach ris abhioraich. Thainig atharrachadh dreach agus cruthachd air agaidh an taillear comhladh rimhuimes ri oide; agus ma bha e smearail eutrom, aigeannach, uallach, gu ruiths gu iomain roimhe sids ann a bha e nis seachd uairean ni bu smearaile na bha e riamh. Bhiodh e aig gach iomain is ruith is leum a bhiodh eadar gob Rudha aird Mhicheil agus faoghail Mhic an Fhuidhear.

Bliadhna dhe na bliadhnachan bha fleadh mhor aca Latha Fheill Micheil ann aHogh-mor, agus cath choileach. Cha robh bean thorrach no lair shearraich eadar da cheann na duthchadh a burrain a bhith lathair nach fheumadh a dhol deiseal achlaidh an latha sin. Thog an taillear air glemhochs amhaduinn, agus thug e leis a chaman, a cheithir spadagans a bhadan mionaich. Cha robh e fada air ruidhinn an uair a thoisich an iomairt. Ged a bha achuid bu mho de shluagh na duthchadh ann, cha robh gin acadheargadh air an taillear ann an doigh dhen doigheannan. An uair a bha gach iomairt seachad sgioblaich an taillear e fhein gu dhol dachaidh, agus buaidh gach cluich aige, mollachd gach fir as a dheigh, agus beannachd gach maighdinnna lorg.

An uair a bha enuas Carnan Diarmain air machair amhiogadain, agus e cheart cho luath ri boc earba, smaoinich e gu suidheadh e greis a leigeil analach. An uair a shuidh e air an tulaich thug e an aire do chlaigionn duine air tighinn ris an aghaidh abhruthaich agus na fiaclan a bhann cho geal ri canach an t-sleibhe. Thog ena laimh e; dhur-bheachdnaich e air, agus thuirt e, “Cha bu bheag leud do chlaragan ann an ceapaire math Latha Fheill Micheil.” Thilg e uaithe an claigionn, thug e dudar leum as, bhuail e breab air achlaigionn, agus chuir e da chlaraig as. Chfhag e an claigionn an sid fo ghaoiths fo uisge, agus thug e na buinn dhith.

Cha bhiodh an traigh ann gu anamoch air an oidhche; agus mun dfhuair e an fhaoghail a chur as a dheigh bha gach duine air a dhol a chadal. Ghabh e tarsuinn Gearraidh Dhomhuill ann an Liona-cleit ballgacha direach gu ruige Gearraidh-bo-stig. Agus an uair a bha edol seachad air an taigh a bhaigathair, ciod a bhuails acheann aige ach gun cuireadh e seachad an oidhche ann, o nach do chaidil e riamh ann on a chaochailathair. A uair a rainig en dorus ciod a biongantaiche leis na solus briagha geal a bhithdearrsadh a mach fo bhonn na comhladh.

Ubh, ubh, ciod e so?” arsan taillear ris fhein. “An iad na sithichean a thann? Cha robh mi riamh gun bhuaidh gach cluich agam, agus bidh buaidh na cluiche so agam mar an ceudna.” Lecheanna-bheairt lachduin m a cheann, a chaman na laimh, agus a chaiseartna achlais, ghabh e e gu neo-sgathach a dhionnsaidh na comhladh, dhragh e an iall, dhfhosgail an dorus, agus ma dhfhosgail, stad an da shuilna cheann an uair a chunnaic e na bha roimhe. Co bhann ma ta ach abhaineach, agus in deigh an taigh a sgriobadhs a sguabadh. Bhan leaba air a caradh aice, agus bha gealbhan briagha air achagailte.

Ciod e, a bhan-eucorach, a tha



[227]

[Vol . 2. No. 30. p. 3]

thusadeanamh an so?” arsan taillear.

Be sin mi da rireadh an uair nach fhado thainig mi a chur do thaighe sa air doigh,” arsise, Bu tusa an truaghan an oisinn taigh fir eile, agus do dheadh thaigh fhein adol a dholaidh.”

A phlaigh nan seachd sitigean,” arsan taillear, “mur bi thu ann am briobadh na sul air chul an dunaidh, bheir mi air chasan troimhn teine thu. Mur bitheadh do dhroch bheul-sa bhiodh teagamsa a bfhearr a chumadh mo thaigh na thusanochd.”

Leis cho gargs a labhair an taillearagus becheud uair dha ethug i leum aisde thun an doruis, agus cha mhor nach tug i leathachomhladhs na h-ursannan ma ceann. Leig i rannaghail de dhroch cainnt aisde air an t-sitig, thionndaidh i clach air aimhleas an taillear, agus chairich i air lic dhilinn i, agus thug i na buinn as dha bothan fhein.

On a bhan taillear sgith an deigh a thuruis agus an taigh seasgair, blath, smaoinich e gu sineadh e a chliathach car aon oidhche anns an leabaidh anns an do thilgathair agus a sheanair an anail. Thilg e dheth gach snaithle mhathar a bhair, agus chaidh e chadal. Bhan gealbhan agabhail gu boisgeil.

An uair a leum air amheadhon oidhche chuale guth fann air an luidheir, ag radh; “Am bheil thustaigh, a thaillear? Bha mise latha nach cumadh tu ruith no cluich no leum rium. Ma chuir thusa da chlaraig asamsa an de, cuiridh mise da chlaraig agus da chulaig asadsanochd.”

Bhan t-anam gu leum as an tailleaar, agus e air a dhruim direach anns an leabaidh.

Thig a mach, a thaillear,” arsan guth.

Cha robh smiach aig an taillear.

Greas a mach, a thaillear,” arsan guth.

Caa ghluaiseadh an taillear lamh no cas ged a gheibheadh en Crun Rioghail agus rioghachd fhearainn. Bha driuch falluis air a h-uile gaoisnean fuilt a bhair a cheann leis an eagal.

Bha boillsgeadh beag as an teine, agus chunnaic e an claigionn atighinn a steach air an luidheir mar eun air iteig. Agus thainig claigionn mor eile steach air uinneig thuill a bha mu choinneamh an teine, agus chaidh e

(Air a leantuinn air taobh 6.)

eadar an claigionn a thainig a steach air an luidheir agus an raillear. Thoisich na claignean air gabhail dha cheile, agus fear aca air gach taobh den t-slabhraidh. Bhan claigionn a thainiga steach air an luidheir ag iarraidh thun an taillear, agus an claigionn a thainig a steach air an uinneigga chumail uaithe. An uair a bheireadh iad greis air leum air a cheile, shuidheadh iad an sin gu baisgeanta, fear air gach taobh den teine, mu choinneamh a cheile. An uair a bhiodh iad greiseagnan tamh, thoisicheadh iad a rithist air a cheile. Is gann a bha fhios aig an taillear co dhiubh a bha e beo no marbh leis mar a chaidh e troimh a cheile leis an eagal. Dheirich an coileach beag glocanach, stocanach, stacanach a thug abhaineach don taigh agus bhuail edha sgeith tri uairean richurach, agus ghairm e tri uairean gu binn, boidheach. Ghrad thug fear dhe na claigneanaghaidh air an luidheir, agus thug am fear eileaghaidh air an uinneig thuill, agus dhfhalbh iad.

Fhuair an taillear rud-eiginn de mhisnich an uair a ghairm an coileach agus thug e earraig air eirigh gus a dhol do thaighoide don Ghearraidh-bhuidhe. Ged a thug, chan amaiseadhh e air snaithle aodaich a chur uime leis an eagal. Bhan anail an aird achleibh aige, agus beiginn dha tilleadh don leabaidh.

Cha robh e sion sa o ghalta ach air a thaobh a shineadh innte an uair a ghairm an coileach an darna turus. On a bhan taillear bochd sgithna chorp an deigh gach cluich, agus saruichtena inntinn le eagal, thuit clo cadail air. Cha robh e fada air tuiteamna chadal an uair a chuale guth tiamhaidh ag eigheach tri uairean, agus ar leis gur e guth a sheanar a bhann. Thuirt an guth, “A thaillear, a thaillear, an cluinn thu mi? agus eisd riun.”

Dhuisg an taillear, agus thuirt o gu neo-sgathach, “Eisdidh, eisididh.”

Thuirt an guth ris an uair sin, “Ge be air bith aite anns am faic thu cnaimh do cho-chreutair na buails na brist e. Chuir thusa da chlaraig as acheann ud an de, agus bha e latha dhe laithean gur beag a dheanadh tusana lamhan. Ge be aite am faic thu cnaimh duine comhdaich e le duslach na talmhainn, na loisg cnaimh caorach. Mur bhitheadh mise bha thusa an nochd air a bhithn geall na bfhiach


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riaraichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.,
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[228]

[Vol . 2. No. 30. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu

J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB., 17, 1894.

THUG luchd-riaghlaidh Nobha Scotia ionnsuidh air an earrach so air cur as do thigh nan Comhairleach. Chuir tigh nan Cumantach an aonta ris a bhill, achnuair a rainig e na Comhairlichean fein chaidh a bhreabadh a mach as an tigh mar ni nach bfhiach, ged a gheall moran de na ceart fhir mun dfhuair iad don tigh, gun cuidicheadh iad leis an luchd-riaghlaidh uair sam bith a bhiodh iad air son a Chomhairle chur as. Tha gach fear de na daoin’ -uaisle so a faighinn coig ceud dollarsa bhliadhna mar thuarasdal, agusga chosnadh gle shocair. Tha iad an sid rim beo no gus an togair iad fein tighinn as, agus mar sin tha iad an duil gu bheil iad air neor-thaing, agus gum faod iad an geallaidhean a bhristeadh, agus cluas bhodhar a thoirt do iarratusan an t-sluaigh, direach mar a thogras iad. Achse barail gach aon a thug smuain don chuis, gu bheil an laithean air an aireamh, agus nach bin uine fada gus am feum iad an greim-bais a tha iad a deanamh air an onairs air an tuarasdal a leigeil as an deigh a h-uile rud.

FHUAIR muinntir Eilean a Phrionnsa agus muinntir Ontario cothrom air a gheamhradh so air am barail a thoirt seachad air co-dhiu bu choir bacail a chur air reic na deoch-laidir, agus a nis than cothrom ceudna ri bhi air a thoirt do mhuinntir Nobha Scotia. Tha bill air a dhol troimh thigh na parlamaid ann a Halifax, agus aig am taghaidh a tha nis, mar tha fhios aig a h-uile aon, gle fhaisg air laimh, gheibh gach duine cothrom air a bharail a thoirt seachad. Thug muinntir Eilean a Phrionnsa agus Ontario am barail gu laidir air taobh bacail an uisge-bheathe agus chan eil e ao-coltach gum dean muinntir na mor-roinne so an ni ceudna.

Gheobhair ann an ait eile ainmean na muinntir a thapaigheadh MHIC-TALLA air son a bhigan taghal uairsan t-seachdain. Tha iad so agus an fheadhain a phaigh roimhe a nochdadh gu bheil iad dhen bharail gur fhiach am paipear a phaigheadh cho maths is fhiach e ghabhailsa leubhadh. Tha sinn an dochas nach fhada gus am bi ar luchd-leubhaidh uiai dhen bharail cheudna, agus gun toir iad cothrom dhuinn air an ainmean e chur an cho comhlath ri cach.


A GHAIDHEALTACHD.

Dheug fear Ardra Henderson ann an Glascho toiseach a mhios so air doigh iongatach. Bha fiaclan meallta aige agus ge air bith a bha e deanamh shluig e iad. Dhfheuch na dotairean rin toirt as, ach dhfhairtlich orra, agus chaochail e an ceann beagan uime.

Tha stoirmeannan aca air a Ghaidhealtachd cho mathsa againnsan duthaich so fein. Tha sneachd us uisge ma seach aca, agus tha na roidean ann an droch shuidheachadh. Tha iadsan a tha ris an iasgach a fulang moran anraidh, agus tha iad gu tric ann an cunnart gun caill iad am beatha.

Chaidh Iain Friseal Domhnullach, taillear a mhuinntir Ghlascho a chur don phriosan fad shia miosan air son da fhichead punndsa sia de dhairgiod Comunn nan Taillearan a ghoid, agus air son suim airgid a tharruing as a bhanca an ainm fir eile, run-chleireach a chomuinn cheudna. Thuirt am Breitheamh mur biodh gu robh e na dhuine bochd agus gu robh teaghlach lag aige gun toireadh e dha air a chuid bu lugha bliadhna dhen phriosan.

SeMinard ’s Linimentas fhearr.

Chaidh fear Iain Murphy a mhuinntir Chow Bay a ghoirteachadh gu dona aig an International Pier, Di-ciaduinn air an t-seachdainsa chaidh. Bhaaodann air a ghearradh gu granda agus bfheudar don dotair fhuaigheal. Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil edol gu math nas fhearr.


Leighseadh mise on Ghrip leMINARD ’S LINIMENT.
C. I. LAGUE.
Sydney, C. B.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LINIMENT.
TEARLACH PLUMMER.
Yarmouth, N. S.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
LEWIS S. BUTLER.
BURIN, Nfld,


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.

Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[229]

[Vol . 2. No. 30. p. 5]

NAIGHEACHDAN.

Tha sinn toilichte chluinntinn gu bheil an t-Urr. M. A. Mac-a- Phearsain, Sagart a Bhras dOir Bhig, a bha gu tinn, air a dhol am feabhas.

Tha Parlamaid Chanada air a gairm gu bhi cruinn air a choigeamh latha deug dhen Mhart. Sgaoil Parlamaid Nobha Scotia feasgar Di-luain sa chaidh, an darna latha deug.

Than deigh eadar Sidni us Sidni-a- Tuath a nis air a meas laidir gu leor, agus tha moranga gabhail a h-uile latha, ach chan i idir cho mathsa bhitheadh i mur biodh na h-uiread de shneachd oirre.

Dheug duine ann an Douglas, N. B., air an t-seachdain sa chaidh, aig an robh sia duine fichead cloinne, ’s bha ochd deug dhiubh sin beo aig am a bhais. A bharr orra so dhfhag e ceud ogha agus coig deug de dhiar-oghaichean.

Aig Upper Stewacike, N. S., bha fear Alasdair Miller, an la roimhe a dol dhachaidh o bhi air cheilidh an tigh nabuidh dha, agus thuit e air an deigh. Ghoirticheadh e cho donas ged bha gach ni a burrainn dotairean air a dheanamh ris, gun dheug e an ceann latha no dha.

Chaidh fear Henry Battersby a leon gu dona aig an International Pier Di-ciaduinn sa chaidh. Bha eg iarraidh lod gnail, agus air dha bhi cladhach as an torr thuit e air a mhuin agus bha e car greis na shineadh fodha mun dfhuaras a thoirt as. Chan eil fhios ceart fhathast air cia mar a theid dha.

Chan eil sinn air a gheamhradh so idir aineolach air stoirmeannan sneachda. Air an t-seachdain so, bhan t-each iaruinn air a chumail air ais gun faighinn gu Sidni o mhadainn Di-luain gu feasgar Di-ciaduinn. Ann an aon aite stad an t-each a ghabhail deoch, fhuair an t-uisge ma chuibhlean a charbaid agus reoth iad air an rathad cho teanns gun tug e corr us da uair a thim dhethn luchdoibreach mun dfhuair iad am fuasgladh.

Chuir muinntir Chanada gibht bainnse gu Ban-phrionnsa May bean Sheorais, mac Prionnsa Wales, Be ghibht sin sleighe air a deanamh cho briaghas cho cosgails cho riomhachsa burrainn i bhith. Chuir mnathan na duthcha an t-airgiod cruinn, agus an deigh an t-sleighe phaigheadh fhuaras gu robh de chorr ann na cheannaicheadh paidhir each, agus tha iad a nis air an turus gu Sasuinn. Tha iad ag radh gu bheil iad nan ainmhidhean co cumadail, dealbhach, ’sa ghabhadh faotainn.

Tha e air aithris an drasd gu bheil, air an t-samhradh sa tighinn, carbad iaruinn ri bhi falbh a Sidni a h-uile feasgar, a bharr air an fhear a bhios a falbhsa mhaduinn mar a a babhaist. Tha aiteachan cadail ri bhi anns an fhear so, agus cha chuirear dragh sam bith orra-san a bhios air bord gus an ruig iad St. John, N. B. Air an doigh so faodaidh neach am baile so fhagail feasgar an diugh, mar gum beadh, agus a bhi ann am Boston feasgar am maireach.

Ann am Melbourne, Australia, fhuaradh bean dam bainm Mrs. Knoor cointach de mhort. Bha i cumail taighe anns an robhas a gabhail a steach leanabanan aig nach robh neach agabhail curam dhiubh, agus cha mhor nach do mharbh i a h-uile gin a bha focuram. Chaidh a diteadh agus a crochadh air a mhios sa dhfhalbh. Dhaidich i a cionta agus bha i gabhail oirre bhi anabarrach duilich air son a h-obair, ’s bha ig radh gu robh in dochas gum biodh a crioch-se na rabhadh do mhuinntir eile.

Bhan t-Urr. I. F. Forbes air a phosadh ri Eaglais St. Andrews feasgar Di-ciaduinn sa chaidh. Bha a Chleir cha mhor uile cruinn, agus bhan t-seirbhis air a cur air aghart gu h-ordail. Shearmonaich an t-Urr. Uilleam Grannd, agus an deigh don Chleir uile failta chur air Mr Forbes mar aon diubh, rinn an t-Urr. D. Mac-Ille-mhaoil oraidga earallachadh, agus rinn an t-Urr. D. Drummond oraid eile ag earallachadh an t-sluaigh. An deigh sin thugadh an t-seirbhis gu crich leis an Urr. E. B. Mac Raing, ceann-suidhe na Cleire. Tha sinn fior thoilichte gu bheil cubaid St. Andrews air a lionadh aon uair eile, agus air a lionadh cho math.


Iadsan a Phaigh.

Nial CaimbealNorth Wiltshire, E. P. I.
S. D. McPhee, Gleann Uilleam, do.
J. J. Mac-a- Phi, Little Sands, do.
Alasdair D. Mac Leoid, Kinross , do.
An t-Urr. R. Mac Coinnich Arasaig, N. S.
D. S. Mac Gilleain, Halifax , do.
An t-Urr. D. Camaran, Georgeville , do.
Domhnull Currie, Flesherton Stan, Ont,
An t-Oilear Harris, Kingston , do
D. I. Friseal, Vankleck Hill, do.
Frank Anderson, Niagara Falls, do.
I. R. Mac Coinnich, Skye P. O., do.
A. B. Mac Leoid, N . Plymouth, Mass.
An t-Urr. D. Healy, Peirce City, Mo.
Ceit Nic Iomhair, Boston , Mass.
D. Mac Fhionghain, Earlswood , N. W. T.
D Mac Cuaig, Abbottsford , B. C.
C. L. Domhnullach, Skeabost, ’san Eilean Sgiathanach, (2).
D. Mac Laomuinn, Glaschu, an Alba
I. Mac-an-Toisich do.
Coinneach Mac Fhearghais, L ’Ardoise.
D. I. Mac Philip, L ’Archeveque.
Ruairidh C. Mathanach, Grand River.
Aonghas Munroe, Lorway Mines.
Seumas Mac Gilleain, Clarkes Road.
Iain A. Mac Gilleain, L ’Ardoise.
Aonghas D Moireastan, Baile nan Gall.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Loch Ainslie.
Aonghas Gillios, Orangedale .
Calum Mac Leoid, do.
Iain Mac Leoid, Beinn nan Sgiathanach.
A. R. Mac-a- Phearsain, Blues Mills.
I. E. Mac Leoid, Ingonish .
Ailain Mac Pharlain, Dunbheagain.
Iain K. Mac Rath, Boulardarie Centre.
Bean L Dhomhnullaich, Malagawatch .
Seumas Mac-a- Phi, Louisburg .
D. Mac Cuidhein, Cow Bay.
Aonghas I. Gillios, Gillis ’ Point.
Uisdean Mac Cuish, Cow Bay.
Uilleam A. Friseal, Big Harbonr.
R. Mac Gilleain, St . Esperit.


LeighsidhMinard ’s LinimentGrip.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[230]

[Vol . 2. No. 30. p. 6]

thu. Bi faicleach le dlaimh agus le dfhacal as a dheigh so; oir chuir thu mise gu mor-dhragh an nochd. Sith na dheigh so do dchos-cheumannan, agus Muire fheingadleantuinn.”

Dhfhalbh an guth. Dhaithnich an taillear gu maths gu ro mhath gur e guth a sheanar a bhann.

A chur an sgeoil an aithghearrachd, thuit an taillearna chadal gu trom agus gu math trom, agus bhaghrian agabhail a cursa gu seimh agus gu math ailleanach ann an cridhe na h-aird-an-eara-dheas mun dthug e a rosgan o cheile an la-iar-na-mhaireach.

An uair a dheirich an taillear bhan coileach beagga chlumhadh fhein ann an oir na luathadh.

Is tusas mo a thug de mhisnich agus de thoileachadh dhomh na bhana-bhuistreach a thug don taigh thu,” arsan taillear. Thuit e mach gu robh sgonn de shrubhan ann am pocaid an taillear. Shuath e eadar a bhasan e, agus thilg e thun achoilich air bathais an urlair e, agus thug en dorus air. Rainig e taigh Mhicheil, agus ma rainig, ’s ann ris a rinneadh an suillean; oir bha eagal orra nach tigeadh a bheo nomharbh gu brath on nach dthainig e an oidhche roimhe sin.

An uair a fhuair an taillearannail a tharruinn dhinnis e facal air an fhacal mar a dheirich dha on a dhfhalbh e. Ghrad thuig Micheal agus abhean mu chuilibheartan na baineich. Bhuail abhean an tairig air a ceann, agus thuirt i ris gur ann a bha uigh aig abhaineich i fhein ann.

Biodh sin mar a thogras e,” arsan taillear, “ach ged a bhiodh aigileannan den or o a cluasan, agus aghrian ag eirigh eadar a da shlinnean, is i an te mu dheireadh den ch[ ? ]nne -daon a ghabhainn mar cheile.”

Is fior e, a dhalta,” arsa mhuime, “nighean na mathar nach do chuir dhachaidh na fuigheagan a dhionnsuidh a ban nabuidh riamh.”

Is echomhairlechinnich ann an seann Mhicheil gu falbhadh an taillear cho luaths a thigeadh tonn o chloich air achois-cheum cheudna, ballgacha-direach, gu Carnan Diarmain; air machair amhiogadain, agus gun tiodhlaiceadh e an claigionns aghainmhich. Dhaontaich an tailiear leis gach facal a thuirt Micheal; agus aig fior thoiseach na trathad thog e air lechuaillena laimh, agus dhfhalbh e. Gheall e bhith air ais roimh thrath cadail. Rainig e Carnan Diarmain. Fhuair e an claigionn agus an da fhiacail mar a thnit iad as. Chaidh e air aghluin dheis agusaghaidh an cridhe na h-aird adeas, agus a lamh thoisgeal air a leas, agus chairich en claigionn anns acheart bhad anns an dfhuair e e, agus chuir e gainmheach air a mhuin. Thill e dhachaidh na ruithsna leum cho luath ri boc earba. Rainig e dhachaidh mun do chaidil iad. An uair a ghabh iad am biadh rinn iad deas air son a dhol a laidhe. Chaidil an taillear gu trom, socair, samhach, gus an robh aghrian ann an aird nan speur an la-iarna-mhaireach.

Chuir an taillear na bha roimhe dhebheatha seachad mar a rinnathair agus a sheanairataillearachd o thaigh gu taigh, agus o bhaile gu baile. Bha taigh Mhicheilna dhachaidh aige a h-uile latha riamh fhadsa bha Micheal agus a bhean beo. An uair a chaochail Micheal agus a bhean, dhfhag iad gach ni a bhuineadh dhaibh aig an taillear. Bu cho math leis achorrabhinneach fhaicinn ris abhaineich, ged a thachradh i ris air abhlar.

Is e thainig as achuis mu dheireadh gnn drinn an taillear agus an te a chaidh oide a dhiarraidh dha suas richeile, agus gun do phos iad. Bha iad gu sona, seasgair, socair, samhach comhladh richeile fad iomadh bliadhna ann am measg cuid agus cothrom. Bha esanna dheadh fhear-ceairde, doigheil, deanadach, agus bha isena deadh bhean taighe, cunntach, gleidhteach, glic. Mara tham facal ag radh. “Cuid an fhir mhairbh aig an fhear bheo.” Fhuair ise gach ni a dhfhag a h-athair, agus fhuair esan gach ni a dhfhagoide.

Cha robh iad riamh gun chrodh gun chaoraich. Bha iad ann an sith ris na nabuidhean, agus bha muirn is meas is manran agabhail comhnuidh nan dachaidh. Cha dfhuair fuachd no gorta aoidheachd aon oidhche riamh aca. Bha dithis mhac is aon nighean aca.

Chaneil sion a chuimhne aig duine a tha beo ciod e bu chinneadh don taillear. Bha e fheinsabhean beo gus an robh iad gleshean. An uair a dheug iad chaireadh taobh ri taobh iad ann an cladh aBhail-Uachdraich am Borogh, ann am Beinn-a- faoghla.

(Achrioch.)


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[231]

[Vol . 2. No. 30. p. 7]

Turas a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. V. —Air a leantuinn.

Runaich Dearrsadh le run suidhichte gum bitheadh e fein na sgiobair, esan a chaithuine,— ’nuair bha e ri seorsobair, astrith ri co-chordadh litir aitheantan an Tighearna ri beag obair agus nuair bha e diomhanachg amharc airaghaidh nadurra fein ann an sgathan; oir bheachdaich e air fein, agus dhimich e roimhe agus dhichuimhnich e air ball ciod an coslas duine bhann fein. Uime sin thoisich e air cur siol an air-a- mach air feadh na luinge: ann an uine ghoirid fhuair Criosduidh a mach gu robh an sean-fhacal so fior: “Is iad naimhnean duine buill a theaghlaich fein.” Chuala Peadar agus Tomas briathran an t-Seann Duine. Thuirt Tomas gu robh deagh aobhar teagaimh aig na maraichean, ach thubhairt Peadar, “ni mise gniomh sgiobalta dhen t-Seann Duine so le a thilgeil thar na cliathaich; chan eil lagh ann air son fear-ceannairc. An sin bha cainnt gharg eatorra, gus na dhealaich iad ann an corruich, —Tomas chum labhairt ri Cridhe Cruaidh, Peadar chum a chlaidheamh a gheurachadh aig a chlaich-bhleith. An sin air don t-Seann Duine a cho-dhunadh gu robhn t-am ar-a- mach a dheanamh, chuir e dheth gach coltas feallsa, a cur an ceill gu robh Criosduidh gan treorachadh dhionnsaidh bas cinnteach, agus airson Imanuel, chan eil ann ach aon a chuireas muinntir eile air turus nach gabh e fein; ’se ni a bfhearr dhoibhsan a dheanamh an soitheach a ghlacadh, a bhi ri malairt air feadh nan eileanan mun cuairt orra, a tha saoibhir ann an or, clachan luachmhor agus seudan, chum gu fasadh iad beartach agus gum pilleadh iad gu Bablion. Ghlaodh Dearrsadh gu h-ard: “Ho-lo! Ho-ro! air son na Banrigh Scarlaid,” gus na thilg Timoteus e null ris a chliathaich, ni a chrath an anailna chom. Sheas Eudmhora dhfhas e fein mi-thoilichtesuas chum cur an aghaidh Thimoteus. An uair chuala Peadar an tuasaid, thuig en t-aobhar agus ruith e gu toiseach na luinge lechlaidheamhna dhorn chum an Seann Duinebhualadh, ach thug Cridhe-subhach putadh dha air ais, ag radh, “Na dean cron ort fein.”

(Ri leantuinn.)


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheilsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.

RIN REIC SAOR.



[232]

[Vol . 2. No. 30. p. 8]

EALAG CHAMSHRON.

Is oidhche dhomhn am aonar
A siubhal fraoich is fasaich,
Gun ddhruidh an t-uisgair maodach,
Is shaoil leam a bhi baithte.
Bhaghaoth a cheart cho fuathsach
S mo chluas nach cluinneadh tairneach.—
Ceud soraidh slan don ghruagaich
Thug dhomh gun ghruaim an fhardach

Nuair ranaig misen teaghlach
Bu chaoimhneil rium bha Sara,
Gun dfhuair mi cuid na h-oidhche
Is roinn den la- ’r-na-mhaireach;
Bha h-uile ni mar dhaoimean
Gun fhoighneachdtighnn gu mailgheas;
S mo dhurachd-sa don mhaighdinn
A rinn mo leaba charadh.

Bi sid an leaba chliuiteach;
Gun gabhadh Diuca tamh innt’;
Le iteagans le dunnais,
S le cuirteinean urarda,
Le cuibhrig dearg is uaine,
S le cluasagan min, alainn:—
Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann
Am fuachd chan fhaigheadh lamh-rium.

Is maththig gun den t-sioddhuit,
Is breacar riomhach sgarlaid;
Is lamhainean geal riomhach
Mu dbhasan mine, bana;
An t-suil as glaine lionadh,
S do bhian mar shneachd an fhasaich;
Gur sone, ge be og e,
A gheibh le deoin do lamh-sa.

N uair theid thu thun na h-airidh
S a Bhraighes tearc do shamhladh,
A dheanamh muighes cabaig,
S a dh-arach laogh is ghamhna:
Do phearstha direach alainn,
S gur h-ailleagansa ghleann thu;
Ben solas a bhi comhlriut
Seach storas Thighearna Ghrannda.

Nis bheir mi dhuit mo sheoladh,
Mars eol dhomh, ann an danachd;
Bifuireach bho gach goraich’,
S do dhoigh na doir do mhanran.
B in comhnaidh banail, stuama,
S fear-fuadain na leig teann ort;
Is chi thu le do shuilean
Gur cuis sin nach dean call dhuit.

Gur h-iomad caileag bhoidheach
A beol dhomh ri mo la-sa,
A chaill le falbh na h-oidhche
A h-aoibhneas is a h-ailleachd.
Tha iad an nis is gnuig orr
An cuil gun fhear thig lamh-riu;
Gur daor am paigheadh sugraidh
Bhitabhairt gluin do phaisde.

Mu Lochaidhsann tha seorsa
Na h-oighmu bheil miseanachas;
Na fleasgaichean grinn’, boidheach
Tha eolach air gach fear-ghleus;
Fir ghasda dham bu dual
An am cruadail a bhi calma.—
S e ainm na maighdinn shuairce
Mun cualas Ealag Chamshron.

Mo ghuidhe dhuits mo dhurachd
Gach cuis a dhol gu brath leat,
A nighean mhaiseach chliuiteach
As fiughantaiche nadur.
Do chliu bidh miseg innseadh
Le firinn anns gach aite.—
Ceud soraidh slan don mhaighdinn
A rinn mo leaba charadh.

Rinneadh an t-oran boidheach so leis a Bhreabadair Mhor. ’S e Frisealach a bhann. Bha e fuireach an Ionarnis, ach is ann a mhuinntir Bhaideanaich a bha e. Cha robh ann ach duine bochd. Bhiodh e siubhal feadh na duthcha. Bha e anabarrach gu ith nuair a gheibheadh e biadh.

Bhiodh e ri orain. Thanaig mise don duthaich so sa bhliadhna 1823. Bha e beo an uair sin.

EALASAID NIC-COINNICH.
Sept. 4, 1877.


POSAIDHEAN.

Aig Loch Lomond, an 16., la de Ianuaraidh, leis an Urr. Mr Mac Leoid. Gilleasbuig Mac-a- Phiocair us Rebeca Nic Leoid.

Aig Sunny Brae, Pictou, 31mh Ian., leis an Urr. Seumas Sinclair, Tsmas M. Siosal us Isabel H. Dhomhnullach nighean Thomais Dhomhnullaich.

Aig Wellington, B. C., 22ra de Nov. 1893. leis an Urr I. W. Flinton, Sheumas Mac Ille-mhaoil, a Taobh Deas an Eilein Mhoir us Peigi Stiubhart a Eilean PhrionnsIomhair.

Aig Port Hawkesbury, an 5mh la de Feb., leis an Urr. R. Domhnullach, I. A Mac Isaic us Anna Dhomhnullach, a Port Hood.


BAIS.

Aig St. Peters, Ian. 30mh., Iain R. Domhnullach, leth-cheud bliadhnasa seachd a dhaois.

Aig Ceap Mabou, Ian. 28mh, Alasdair Friseal, ceithir fichead bliadhnasa coig deug a dhaois. Rugadh e an eilean Chana, an Alba, agus bha e air aon den cheud fheadhain a shuidhich aig a Cheap.

Aig Lorne, Siorramachd Phictou, Ian. 21mh. Uilleam Mac Leoid, tri fichead bliadhnasa deich dhaois.

Aig Abhainn Bharnaidh, Ian. 12ra, Iain Ros. tri fichead bliadhnasa h-ochd deug a dhaois.


Minard ’s Linimentair son Loinnidh.
Minard ’s Linimentair son an fhuilt.


Tha na dotairean as fhearr a moladh
K. D. C


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C. H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 30
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 30. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page