[233]

[Vol . 2. No. 31. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C.B., DI-SATHAIRNE, FEBUARIDH 24, 1894. No. 31.


Litir aPictou.

FHIR MO CHRIDHEMo bheannachd ort! Cha tig paipeir a choir an tighe ris an dean mi a leithid a dhothailsa ni mi ris aMHAC-TALLA. Tha aGhaidhlig aige cho blasdas ged a gheobhadh earach ann an Earraghaidheal, fada air falbh ann an Tir nan Beann. Gum-a fada bhios e air chomas a chuairt chairdeil a chur fo sheachduinn gu seachduinn air feadh nan Gaidheil anns gach aitesam bheil iad, —agus caite anns nacheil iad?

S iomadh latha bhon a thuirt an duine coir, Tormoid MacLeoid, (caraid nan Gaidheil) ged a thigeadh an latha anns an rachadh a Ghaidhlig fhuadach a Albainntir a duthchaisgum faigheadh i failtes furan agus a h-altrum le baighs le muirn air feadh mhachraichean Chanada. Cha mhor nacheil an fhaistinneachd sin air teachd air bonn; agus cha mhor nacheil a Ghaidhligan eiseamail aoidheachd fhaotainn ann an tir chein. Tha an sluagh aig an tigh air fas car suarrach ma deighinn, agus tha na h-urrad leis an nar aideachadh gum buin iad dhi, no gum buin i dhaibh. Chaneil paipeir seachdainneil no miosail air a chur a mach innte, —chaneil a h-aon, ’s cha robh bho chionn uine fhada, Agus na comhlain a tha aca anns gach baile-mor ris an abair iad comuinn Ghaidhealach, tha gnothach air a dheanadh aig ach coinneamh a bhios aca gu bnileach ann am Beurla chruaidh. ’De an corr tair na di-meas as urrainnear a dheanadh air a Ghaidhlig. Agus comhla ris a Ghaidhlig tha na seann cleachdanna ciatach a falbh cuideachd, agus na h-uile ni a fas gallda, gu ruig an t-feilleadh-beag fhein, ’sann ainmig a nis a chithear e, ach air Sasunnaich agus air goill a theid tuath gu sealgach. Tha Ceap Bhreatunn an diugh moran nas Gaidhealaiche na teas-meadhoin siorramachd Rois! Tha mi toilichtechluinntinn gum bheil am MAC-TALLA a dol air feadh na Seann Duthcha, agus a faotainn tlachd agus caoimhneas. Tha caraid dileas aige ann am Ministeir Shniosairt, Mr. Mac Ruairidh. ’Sann aige fhein a tha a mheur air a pheann, agus an gnothach ris a Ghaidhlig a sgriobhadh.

Air eagal gum bi mo litir tuillidh us fada leat, chan abair min corr an trasda? ach cluinnidh tu bhuam a ris gu goirrid. As mi, le deagh dhurachd.

Do Chairid dileas

D. Mac EANRUIG.
ABheinn Ghorm, Pictou, 22, 2, ’94.


Naidheachdan a Ceap Nor.

Fhir-deasachaidh:

Sgriobh mi gur n-ionnsuidh o chionn seachdain agearain nach robh mi a faotainn MHIC-TALLA, ach thainig e fein air an la mhaireach, agus dhinnis e dhuinn ciod a dhaobharaich e bhi cho fada gun a ghnuis a noch dadh. Chan eil neach sam bith a thagabhail ris mar is coir nach gabh a leisgeul air son an aobhair sin, ’s nach eil taingeil gu bheil an t-slainte air a h-aiseag dhuibh a ris.

Chan eil naidheachdan agam rin sgriobhadh gur n-ionnsuidh ach naidheachdan a tha nan aobhar broin do iomadh neach. Tham bas a toirt leis cuid de ar cairdeans de ar luchd-eolais, araon aig an tighs ann an tiribh cein. Thainig fios chionn ghoirid gun robh am mac bu shine aig Tearlach Domhnullach air a mharbhadh gu h-obann far an robh eg obairsa choille ann am Minnesotta. Cha robh neach a chualan sgeula bronach so aig nach robh baigh us co-fhaireachadh ris an teaghlach dan dthugadh a bhuille ghoirt. Us nam measg bha Murchadh Mac Illinneain a fhuair bas on uair sin ni-eigin air an aon doigh. Mu mheadhon an ochdamh latha den mhios so fhuair e litir a Boston o nighinn da, ag innseadh gun robh a brathair a bha tinnsa bhaile sin o chionn bliadhna a dluthachadh ris a bhas. An deigh dha greim dinnearach a ghabhail, sgriobh e litir gu cabhagach dhionnsuidh a mhic. Mu dha uair feasgar chaidh e don choille, ’s na deoir na shuilean, a ghearradh connaidh. An deigh connadh a bha gearrte a chruinneachadh thuirt e ri mac og dha a bha comhlath ris, gum faodadh esan a dhol dhachaidh. Thoisich e fein air leagadh craoibhe, ach chaidh in croich, a deanamh greim air meur craoibhe bu ghairbhe gu mor na i fein; a thuilleadh air sin bha da chraobh bheag eilega cumail suas. Ghearr e iad sin us ruith e air ais cho fada ris a chraeibh mhoir, ach thuit am meanglan a dhainmicheadh, ’s bhuail e airsa cheann, ’ga leagadh fodhasan t-sneachda. Uine an deigh sin chuala cuid de na coimhearsnaich e ag eigheach. Rainig iad e cho luath sa bha nan comas. Bha a thuigsesa chainnt aige car uine ghoirid an deigh sin, agus thugadh dhachaidh e le each us sleighe. Dheug e mu ochd uairean an oidhche sin fein. Dheug an aon bhrathair a bhaige o chionn cheithir miosan. Bu bhraithrean-mathar iad don Urr. D. Domhnullach a bham Port Hastings. Bham mac dhionnsuidhn do sgriobh an t-athair ga adhlacadh ann am Boston air an la sin fein. Tha guthanna rabhaidh an so do gach neach a chuala nochluinneas iad; —Bithibh-se deas mar an ceudna, oir chan eil fios agaibh cian uair anns an tig Mac an Duine.”

M. D.
Feb. 11, ’94.


Toiseach na seachdain sa chaidh bha stoirm ghabhaidh anns na Staitean a tuath. Bha choltas oirre gu ruigeadh a na mor-roinnean iosal so ach gu fortanach chaith i a neart mun drainig i sinn. Tha sinn an duil gur i barail gach aon san duthaich so gun dfhuair sinn ar cuid fein dhen gheamhradh cheana.



[234]

[Vol . 2. No. 31. p. 2]

MAC-AN-RUSGAICH.

BHO SGEULACHDAN GAIDHEALACH LE I. F. CAIMBEUL.

BHA tuathanach ann uair-eigin agus bha e ro dhona da sheirbhisich agus tra bhiodh an tim seribhis aca dluth air a bhi aig crich, gheibheadh e leisgeul gu connsachadh a dheanamh riutha, ’s chuireadh e air falbh iad gun tuarasdal. Chuir e air falbh morair da sheirbhisich air an doigh sin. Ach bha fear pratail ann d am bainm Gille-naomh Mac-an-Rusgaich; chual e iomradh air an tuathanach dhoirbh, agus thuirt e gun gabhadh esan tuarasdal aige; gun tugadh e car mu seach asgum biodh esan cho fada mu thuaths a bhiodh an tuathanach mu dheas. Chaidh Mac-an-Rusgaich thun faidhir na Feill-groigs ghabh e srabhn a bheul, mar ceomharradh gun robh e toileach muinntireas a ghabhail. Thainig an tuathanach doirbh an rathad agus dhfharraid e de Mhac-an-Rusgaich an gabhadh e muinntireas, agus thuirt Mac-an-Rusgaich gun gabhadh, nam faigheadh e maighstir math. “Ciod a bhios agam ridheanamh,” arsesan, “ma ghabhas mi agadsa?” Arsan tuathanach, “Bidh agad ris amhonadh a bhuachailleachd:” thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” Thuirt an tuathanach, “Bidh agad ris achrann a chumail;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mi sin.” “Bidh na h-uibhir de ghnothaichean eile agad ridheanamh cuideachd,” arsan tuathanach: ’s thuirt Mac-an-Rusgaich; “Am bi na gnothaichean sin duilich a dheanamh?” Thuid am fear eil, “Cha bhi; chan iarr mise ort a dheanamh ach rud as urrainn duit; ach cuiridh mis achumhnant, mur freagair thu gum feum thu da thuarasdal a phaigheadh dhomhsa.” Thuirit Mac-an-Rusgaich, “Cuiridh mise anns achumhnant ma dhiarras tu orm rud air bith a dheanamh ach rud as urrainn domh gum feum thusa da thuarasdal a thoirt dhomhsa.” Chord iad uime sin. “Tha misearsan tuathanach doirbh, “acur anns achumhnant ma ghabhas a h-aon air bith againn an t-aithreachas gun teid iall a thoirt as a chraicionn o chul a chinn gushail;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cuimhnich gun dthuirt thu sin, a bhodaich,” ’s ghabh e muinntireas aig an tuathanach dhoirbhs chaidh e ga ionnsaidh.

Bi achaid obair a chaidh iarraidh air Mac-an-Rusgaich a dheanamh e a dhol don mhonadh a thilgeadh mona. Dhiarr Mac-an Rusgaich a bhiadh-madine mam falbhadh e’ ’s nach ruigeadh e leas tighinn dachaidh air a shon. Fhuair e na bha iad alughasachadh de bhiadh do sheirbhisich aig aon trath, ’s dhith e sin. Dhiarr e a dhinnear, ’s nach ruigeadh e leas stad aig meadhen latha. Fhuair e an lughasachadh a bha air-son a dhinneireach; ’s dhith e sin. Dhiarr e a shuipeirs nach ruigeadh e leas tighinn dachaidhs an oidhche. Thug iad sin da, ’s dhith e sin. Chaidh e far an robh a mhaighstirs dhfharraid e deth, “Ciod is abhaist do na seirbhisich agad a dheanamh an deigh an suipeireach?” Thuirt a mhaighstir ris, “Is abhaist doibh an aodach a chur dhiubh agus dol a laidhe.” Dhfhalhh Mac-an-Rusgaich far an robh a leabha; chur e dheth aodach, ’s chaidh e a laidhe. Chaidh a bhana-mhaighstir fara a robh fear abhailes dhfharraid i dheth, “Ciod an seorsa gille a fhuair thu an sud? dhith e na tri traithean a dh-aon tuath, ’s chaidh e a laidhe,” Chaidh a mhaighstir far an robh Mac-an-Rusgaichs thuirt e ris, “Carson nach eil thu ag obair?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gun dthuirt thu fein rium gum be a babhaist do dsheirbhisich dheanamh an uair a gheibheadh iad an suipeir, an aodach a chur dhiubh agus dol a laidhe.” Thuirt a mhasghstir, ’s carson a dhith thu na tri traithean mar chomhladh? ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gun robh na tri traithean beag gu duine a dheanamh sathach. “Eirichs rach gu dobair,” arsa mhaighstir. “Eiridh,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “ach feumaidh mi mo bhiadhfhaotainn mar is cubhaidh dhomh, air neo bidh mobair da reir. Chaneil orm a dheanamh ach mar is urrainn mi, —feuch a bheil thu agabhail an aithreachais a bhodaich?” “Chan eil, chaneil,” arsam bodach;” ’s fhuair, Mac-an-Rusghaich a bhiadh na bfhearrn a dheigh sin.

Air latha eile dhiarr am bodach air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chumail achroinn ann an dail a a bha shios fon tigh. Dhfhalbh Mac-an-Rusgiach; rainig e far an robh an crann; rug e air na naidneann a lamham, ’s sheas e an sin. Thainig a mhaighstir far an robh e, ’s thuirt e ris, “Carson nacheil thu adeanamh an treabhaidh?” Fhreagair Mac-an-Rusgaich, “Chan e mo bhargan treabhadh a dheanamh, ach a chumail a chrionn, ’s tha thu afaicinn nacheil mi a leigeil leis falbh!” “Na h-uires na h-uireandan ort!” “Na h-uires na h-uireandan ort fhein a bhodhaich l a bheil thu agabhail an aithreachais den bhargan a rinn thu?” “O, chaneil!” arsam bodach. “Ma bheir thu dhomh duais eile air a shon, ni mi treabhadh,” arsa Mac-an-Rusgaich. O, bheir, bheir,” arsam bodac; ’s rinn iad bargan ur man treabhadh.

Air latha araidh dhiarr an tuathanach air Mac-an-Rusgaich edhol ris amhonadh a shealltainn am faiceadh e ni air bith air dochair. Chaidh Mac-an-Rusgaich ris amhonadh, ’s an uair a chunnaic ethiom fein thainig e dachaidh, ’s dhfharraid a mhaighistir dheth, “An robh gach ni ceart anns amonadh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Bha am monadh e fhein ceart;” ’s thuirt an tuathanoch, “Chan e sin tha mise afarraid, ach an robh crodh nan coimhearsnach air an taobh fein?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma bha; bha, ’s mur robh leigear da; ’s e mo bhargansa, am monadh a bhuachailleachd, ’s gleidhidh mise am monadh far a bheil e.” “Na h-uires h-uireandan ort a bhalaich!” thuirt am bodach. “Ma gheobh mise duais eile airson an crodh a bhuachailleachd;” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ma gheobh mise duais eile gabhaidh mi os laimh, ma chi mi crodh nan coimhearsnach air aghrunnd agadsa, gun till mi air an ais iad, agus ma chi mi do chrodhsa air grunnd nan coimhearsnach, tillidh mi air an ais iad thun do ghruinnd fein; ach ged a theid cuid diubh air chall, cha ghabh mi os laimh am faotainn, ach ma dhiarras tu orm dol gan iarraidh, theid mi anns ma gheobh mi iad, bheir mi dhachaidh iad.”

Cea robh aig an tuathanach dhoirbh air ach cordadh ri Mac-an-Rusgaich, ’s duais eile a thoirt da airson an crodh a bhuachailleachd; agus bha iad reidh re grathunnn a dheigh sin.

An ath lathchaidh am bodach e fein ris amhonadh, cha burrainn da na h-aighean aigefhaicinn; dhiarr e air an son, ach cha burrainn da am faotainn. Chaidh e dachaidh, ’s thuirt e ri Mac-an-Rusgaich, “Is eudar dhuit fein dol a dhiarraidh airson nan aighean, a Mhic-an-Rusgaich; cha burrainn mise am faotainn an diugh;



[235]

[Vol . 2. No. 31. p. 3]

ach rach thusa gan iarraibh, ’s iarr iad gus am faigh thu iad.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Caite an teid mise gan iarraidh?” Thuirt am bodach, “Rach agus iarr iad anns na h-aiteachan anns an saoil thu iad a bhi, agus iarr iad mar an ceudna anns na h-aiteachan anns mach saoil thu iad a bhi.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ni mise mar sin mata.”

Chaidh am bodach a stigh don tigh. Fhuair Mac-an-Rusgaich faradh, ’s chuir ris an tigh e. Chaidh en aird air an tigh, thoisich e air spionadh an tubhaidh bharr an tighe, ’sg a thilgeadh le leathad; agus man dthainig am bodach a mach a rithist bha an tubhadh, gu ach ro bheagan, bharr an tighe, ’s na cabair lom, agus Mac-an-Rusgaich aspionadhs atilgeadh le leathad achorr. Thuirt am bodach, “Na h-unradhs na h-urchoidean ort, a bhalaich, ciod e a thug ort an tubhadh a thoirt bharr an tighe?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha gu bheil mi ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe,” Thuirt am bodach, “Ciamar a tha thu ag iarraidh nan aighean ann an tubhadh an tighe, far am bheil thu cinnteach nacheil iad?” Thuirt Mac-an-RusgaichTha gun do dhiarr thu fhein orm an iarraidh far an saoilinn iad a bhi, agus mi gan iarraidh cuideachd ann an aiteachan far nach saoilinn iad a bhi; agus chaneil aite air bith far an lughatha de shaoilsinn agamsa iad a bhi na ann an tubhadh an tighe.” Thuirt am bodach, “Na h-unradhs na h-urchoidean ort, a bhalaich.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Na h-unradhs na h-urchoidean ort fein, a bhodaich, am bheil thu aghabhail an aithreachais gun diarr thn orm na h-aigheaniarraidh far nach saoilinn iad a bhi?” “Chaneil, chaneil,” thuirt am bodach; “rach anis agus iarr iad ann an aiteachan far am bheil e coltach gum faod iad a bhi ann.” Ni mise mar sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dhfhalbh Mac-an-Rusghaich a dh-iarraidh nan aighean; fhuair e iad, ’s thug e dachaidh iad. An sin dhiarr a mhaighstir air Mac-an-Rusgaich e a dhol a chur an tubhaidh air an tigh, ’s e a dheanamh an tighe cho dionachs a burrainn da. Rinn Mac-an-Rusgaich sin, agus bha iad reidh re grathunn na dheigh.

Bha an tuathanach doirbh adol a dh-ionnsaidh bainnse, ’s dhiarr e air Mac-an-Rusgaich, an uair a thigeadh am feasgar, e a chur diollaid air an each, ’s edhol a dh-ionnsaidh tigh na bainnse, gu esan a thoirt dachaidh; ’s thuirt e ris, “An uair a bhitheas e dlu air da-uair-dheug, tilg damh-shuil an taobh a bhitheas mi, ’s aithnichidh mi gum bheil e dlu air an am gu dol dachaidh. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. An uair a dhfhalbh an tuathanach thun na bainnse, chaidh Mac-an-Rusgaichs chuir e na daimh a stigh don fhang, ghabh e sgians thug e na suilean asda, chuir e na suileann a phoca, ’sn uairthainig an oidhche chuir e an diollaid air an eachs chaidh e gu tigh na bainnse a dhiarraidh a mhaighistir. Rainig e tigh na bainnse, chaidh e stigh don chuideachds shuidh e gus an robh e dlu air da-uair-dheug. An sin thoisich e air tilgeadh suil daimh air abhodach ann ceann gach tacain. Mu dheireadh thug am bodach an aire dha, ’s thuirt e ris, “Ciod e a tha thu adeanamh?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mi atilgeadh suil daimh an taobh a tha thu chionn tha e dlu air da-uair-dheug.” Thuirt am bodach, “Am saoil thu fein gun deachaidh tu a thoirt nan suilean as na daimh?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Chan anng a shaoilsinn idir a tha mi; tha mi cinnteach as; dhiarr thu fein orm mithilgeadh suil daimh an taobh a bhiodh tu an uair a bhiodh e dluth air an da-uair-dheug, ’sd e mar a burrainn mi sin a dheanamh mur tguainn na suilean as na daimh?” “Na h-uires na h-uireandan ort, a bhalaich,” arsan tuathanach. “Na h-uires na h-uireandan ort fein, a bhodaich; a bheil thu agabhail aithreachais gun diarr thu orm a dheanamh?” “Chaneil, chaneil,” arsam bodach; chaidh iad dachaidh comhlas cha robh tuille ma dheibhinn an oidhche sin.

(Ri leantuinn.)


Bhan dinneir bhliadhnail aig Comunn Gailig Lunnuinn air Di-ciaduinn an ceathramh latha fichead dhen mhios sa chaidh. Bha aireamh mhor uaislean cruinn, agus chuir iad seachad am feasgar gu cridheil subhach, le oraidean, orain, ceol us deochannan-slainte. Than Comunn so ceud bliadhnas seachd deug a dhaois, agus tha e ri obair mhath do chanain Tir nam Beann riamh on chuireadh air chois e.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[236]

[Vol . 2. No. 31. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, FEB., 24, 1894.

Tha naidheachd ur an drasd againn, a chuirt a thaig a Pharlamaid; Gach taobh a cruinneachadh chairdean Dhfheuch cos fhearr ni buanachd.” Mar so labhair am Bard Mac Gilleain an t-am a bhanelectionmhor acam mor-roinn Nobha Scotia, agusnam bitheadh an duine coir beo an diugh dhfhaodadh e na briathran ceudna a labhairt. Cha chluinnear a dhuan an drasd achpolitics. Tha e nadurra don chinne-daonabhith deanamh othail mu rudeigni, agus o nach eil cogadh no dad dhen t-seorsa sin adol air adhart gu bhigan cur air bhoil, feumaidh iad an inntinn a chumail suas le bhi dol an sas ann an rudeigin eile, a chumas cothrom bruidhne riutha. Tha aireamh mhor a faotainn toileachadh mor ann an cathan nampolitics, agus mur eil iadgan cur leis na claidhein, bhiodh iad air amannaibh gle dheonach air an cur leis na dnirn. Is e ar bharail fein gun tigeadh an saoghal gle mhath as aonais moran dhe na tha dol fon ainmpoliticscho mathsa thigeadh e as aonais a chogaidh ach cha gabh sin toirt a chreidsinn orra-san a bhios a gabhail pairt annta. Cha luaithe thig am an taghaidh ua bhios iadnan uidheam, agus cha bhi cuil eadar Dan us Beer-Sheba nach ruraich iad. Mur bi ceist no cuis fa chomhair an t-sluaigh, ni iad ceistean us cuisean beaga dhaibh fein us bheir iad a chreidsinn orra gur-a cuisean mora iad. Tha cuid dhen t-sluagh ris an cord an amhailtean anabarrach math, cuid cile a chuireas suas leis, ach tha moran eile air an sarachadh le luchd nampolitics, agus e tha cho caoin-shuarach umpasa bhan duanaire o shean mu mhuinntir Mhuiles Ilenuair a thuirt e:—

Muileach is Ileach is deamhan,
An triuir as mios air an domhain,
S miosa aMuileach nan t-Ileach,
Smiosa an t-Ileach nan deamhain!”

CIARAN.


Bha bruidhinn ann o chionn mios gu robh Gladstone a cur roimhe leigeil dheth bhina Phriomh Mhinisteir air Breatuinn, gu robhn aois a laidhe cho trom air, gu robh a fhradharc adol air aissa chlaistneaehdga fhagail, air chors nach burrainn da an obair a bha mu choinneamh a dheanamh. Sgriobh e fein litir o chionn seachdain no dha ag raitinn nach robh facal firinn anns a bhruidhinn sin, nach dthuirt e ri duine riamh gu robh e cur roimhe a leithid a dheanamh. Gidheadh tha a litir a nochdadh gu soilleir gum faod en dreuchd a chur uaithe latha sam bith. Tha na Morairean an deigh da reachd, a fhuair esan, le fior chathachadh a chur troimh. Thigh nan Cummantach, a thilgeil am mach, agus tha iadsan as eolaiche air ag radh gun dthug sin a mhis neach uaithe gu boileach. Cho maths ga bheil Gladstone coir chan urrainn dha a lamh a chumail ris a chrann moran nas fhaide. ’Nuair a dhfhalbhar e, tha sinn an dochas gum bi neach cho onarach, cho cogaiseachs cho saothrachail ris, air son math na rioghachd deiseil gu bhi seasamh na aite.


Cha dthug baile Halifax cead do neach sam bith deoch laidir a reic air a bhliadhna so. Tha latha araidh ais a shuidheachadh air son an cead sin a thoirt seachad, ach cha robh gu leor de sheanairean a bhaile cruinn gus an cead a dheanamh laghail, agus bfheudar mar sin an gnothuch fhagail mar a bha e. Air thailleabh sin tha am baile gu bhith, air a bhliadhna tha romhainn, aona chuid gun deoch laidir idir, no bidh i nas pailte na bha i riamh. Ma ni naimhdean Mhic-an-Toisich an dichioll re nam miosan a tha tighinn faodaidh iad misgearan Halifax a chumail stuamas gun taing dhaibh.


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.



[237]

[Vol . 2. No. 31. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Bha stoirm mhor toiseach na seachdain sa chaidh ann an ceann tuath na Gearmailt, agus bha moran dhaoine air an call. Tha fios a Berlin ag innseadh gu robh ceithir fichead soitheach eadar bheag us mhor air an call.

Bha fear Domhnull Mac Leoid a mhuinntir Bhaddeck anns a choille an la roimhe agus thachair mathan air. Cha do chuir am mathan dragh sam bith airs cha mho a chuala sinn gun do chuir esan dragh air a mhathan.

Dheug Carvel Riaghladair Eilean a Phrionnse, ann am baile Charlottetown, air a 14mh latha dhen mhios so. Bha e tinn le tinneas a chridhe o chionn aireamh bhliadhnaichean, aguss e a thug a bhas. Bha e tri fichead bliadhnasa dha a dhaois.

Tha Hooper, a bha air a chur an sas an uiridh an son a bhean a mhort agus a fhuair ma sgaoil le cion dearbhaidh, a nis air a chur don phriosan a rithist air son ionnsuidh a thug e air a mort mios no dha mun dfhuaras marbh i. Cha leigte mach air urrais e idir.

Bheireamaid a chomhairle air iomadh aon dar cairdean a thug Donnacha Ban Mac an t-Saoir air Uisdean, “Leig dhiot a bhim barail gur bard thu.” Tha moran ann a tha comasach air Gailig a sgriobhadh gu snasmhor a thacur an eolais gu mi-bhuil le bhi feuchainn ri bardachd a sgriobhadh, ni nach urrainn dhaibh a dheanamh.

Tha luchd-reic nan innealan tuathanachais a cur dragh mor air muinntir Mhanitoba. Tha iad a reic moran innealan ris na tuathanaich air ard phris, agus gu tric cha bhi na tuathanaich comasach air am paigheadh. Tha Nachdaranachd Mhanitoba a nis dol a leasachadh cor an tuathanaich le reachd a dheanamh a chumas cha mhor gach ni a thaige o luchd nam fiach. Chan eil teagamh nach dean an lagh so feum do chuid, agus is cinnteach gun cuir call air cuid eile,


SO AGAIBH FASAN! —Tham fasan ur a thaig mnathan New York us Montreal an drasd cho neonachs cho beag toinisgsa bha moran dheth na bhaca roimhe. Chan eil bean-uasal am fear seach fear de na bailtean sin an diughsan fhasan mureil i cosg dearc-luachrair bheona h-aid. Tha i ri bhi air a caradh air mullach na h-aides priona air o stobadh troimhpe. Thartr a feuchainn an lagha riutha-san a tha reicsa ceannach nan creutairean so, aguss math an airidh. Cha bhin uine fada gus am feum na dearcan-luachrach a dhol on rathad a chaidh am bustle.


COTHIONAL MOR.

Bha ministeir araidh ag innseadh gun do liubhair e cheud shearmon ann am baile beag cuil, agus nach robh aiges an eisdeachd ach seachd duine deug. Cha robhn searmon air a dhol gle fhad air adhartn uair a chaidh seana bhean a bha lathair ann an laigse, agus chaidh bean og a bha lathair ann an neul; agus bha ceathrar fhear agus dithis mhnathan nun cuairt de gach te dhiubhg an toirt air falbh gu aite fionnar. Cha robh mar sin ach triuir air am fagail aig a mhinisteir, agus mun do chriochnaich e bha dithis dhiubhnan cadal, agus an aon fhear a bhana dhuisg, bha e bodhar!

Chan el fhios co dhiu tha no nach eil a chaitheamh a fas nas bitheantas na bliadhniachean so na bha is na linntean a chaidh seachad, ach tha barrachd aire air a thoirt dhith agus tha luchd leighis a tighinn gu bhiga teigsinn nas fhearr na bha iad. Tha e an a chreidsinn leis na h-uilenar latha-ne gur a tinneas ghabhaltach agus gur tinneas i air an gabh casg a chur ma gabhair aice trath. Tha lan am gum biodh innleachd eigin an fhaotainn am mach a chuireadh grabadh oirre, oir tha aireamh mhor a basachadh leatha, gach bliadhna, anns gach cearna dhen t-saoghal. Ann am mor-roinn Chuibec air a bhliadhna sa chaidh, chaochail mu chaig ceud deug pearsa leatha, ged is duthaich Cuibec a tha cho fionnar fallain ri aon an America. Shaoil le Dr. Koch anns a Ghearmailt, bliadhna no dha air ais, gun dfhuair e leigheas cinnteach air a chaitheamh, ach bha e fein us moran eile air am mealladh anns a chuis sin. Chan urrainn dhuinn a chur an teagamh, co-dhiu, nach bin leigheas a tha iad a sireadh air fhaotainn, agus nach ruith aireamh mhor bhliadhnichean gus am bi e cho comasach do fhear-caitheamh a bhi air aiseag gu slainte sa bhios e do fhear-tinneis eile.


SeMinard ’s Linimentas fhearr.

An lamh a bheirs i a gheabh.

Minard ’s Linimentair son an fhuilt.

An lagh a rinn Solamh fuiligeadh e leis.

An la bhios sinn ri orach, biomaid ri orach; ach an labhios sinn ri maorach biomaid ri maorach.

Tha siun fior thaingeil dhaibh-san a thagar cuideachadh ann an cur am mach a Mhic-Talla, le bhisgriobhadh litrichean, sgeulachdau us nithean eile air a shon, agus tha sinn an dochas nach fas iad sgith dhen deagh obair. Tha moran nitheangar ruigheachd nach urrainn a chursa phaipear idir, agus moran de nithean eilegar ruigheachd a bhiosnar lamhan uine fhada mun urrainn dhuinn rum a dheanamh dhaibh. Deanadh iad sin foighdinn agus chi iad an saothair an clo uair no uair-eigin.

LeighsidhMinard ’s LinimentGrip.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[238]

[Vol . 2. No. 31. p. 6]

Turas a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. V. —Air a leantuinn.

Chriothnaich na maraichean aig na briathran uamhasach so, agus na fagte dhoibh fein iad dh-eisdeadh iad ri guth Chriosduidh: ach thubhairt a Seann Duine. “An ann a nasgaidh a tha eagal Dhe air Criosduidh?” Ghlaodh Dearsadh mar an ceudnaesan aig an robh beachd air fein thairis air cach— “co rinn thusa ad uachdaran agus ad bhreitheamh oirnne?” Shochraich Criosduidh a shuilean air an t-Seann Duine agus thubhairt e, “O thusa a ta lan don uile cheilg, agus don uile dhroch bheirt, a mhic an diabhuil, a namhaid na h-uile fhireantachd, nach sguir thu do fhiaradh shlighean direach an Tighearna?” Chlisg a Seann Duine car tiota, ach shuidhich e a ghnuis mar chloich-theine an aghaidh Chrisduidh a phill dh-ionnsuidh Tuisge agus dh-innis e dha gach ni a thachair. Thug Tuigse am freagradh so dha: “Is aithne don Tighearna na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus na daoine euconach a choimhead gu la a bhreitheanais chum peanas a dheanamh orra. Gidheadh, cha teid aghne so mach, ach le h-urnuigh agus le trasgadh. Air an achd so ghairm Criosduidh a theaghlach tiomchioll air agus rinn e urnuigh ag radh: O Thighearnas tusa Dia a chruthaich neamh, an talamh agus an fhairg, agus gach ni ta annta, a labhair trid beul do sheirbhiseach Daibhidh: Carson a ghabh na cinnich boile agus a smuainich na sloigh ni diomhain? Agus a nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhibh, agus deonaich do dsheirbhisich fein t-fhocal a labhairt leis gach uile dhanachd. Air dhoibh urnuigh a dheanamh thainig an Spiorad Naomh a nuas orra agus cha robh eagal nis mo orra.

Ach bhan t-olc an sud fathasd. Dh-amhairc Criosduidh ri Tuigse airson cnideachadh ach cha d-fhuair e dad. Cha robh ghrian a dealradh, thainig ceo orra, bha na siuil a sgiathalaich ris na croinn agus bhan soitheach air udal o thaobh gu taobh. An sin thainig na maraichean nam buidheann dh-ionnsuidh Criosduidh, Timoteus agus Cuilc-bhruit chum a dhion nam bitheadh feum, agus cach chum gearan. Chunnaic Peadar iad a teachd dluth, agus tharruing e a chlaidheamh; thug Tomas putadh dha gu aon taobh, Ghuidh bean Chriogduidh air e fein a chur fo armachd, ach thubhairt esan, ’sen Tighearna mo chomhnadh agus mo sgiath. Dheirich an ceo car tiotan agus chunnaic e os a chionn aon cosmhuil ri Mac an Duine amarcachd air neoil nan speur. Chualabhean agus Mairi farum ainglean.

(Ri leantuinn.)


SOP AS GACH SEID.

Na saia buaidhean a bha cumail suas na Feinne: —1. Agh Fhinn. 2. Lamh Gboill. 3. Prab-bhuillean Oscair. 4. Iomairt ealamh Oisein. 5. Ruith chruaidh Chaoilte. 6. Shuidheachadh Chonain air achath.

Tri subhailcean abhaird:—
1. Ciocras coin gu lan a bhronn.
2. Fios fithich aruith gu roic.
3. Tart frithir gu ol a dhram.

Na tri rudan is daoire thann: —1. Mo chuid fhin. 2. Mo bhean fhin. Agus, 3. Tiugainn dachaidh.

Mar is coir teine fhadadh:—
Seid agus seid an gual,
As seid gu ruighinn, cruaidh an sop.

FUINE.

Ged nach dean thu ach ah-aon,
Dean am bonnach beag;
Agus ge do dheanadh tu naoidh,
Dean am bonnach-beag as crois air.

Chaneil coir aig duine sam bith a dheanamh mar a thoilicheas e, ach an uair a thoilicheas e an ni sin a ta ceart a dheanamh.

Nam bu mhiann leat do bhiadh a bhi blasda, oibrich air a shonnam bu mhath leat daodach a mhealtainn, paigh enam bu mhath leat cadal gu suaimhneach, thoir coguis ghlan a laidhe leat.


Minard ’s Linimentair son Loinnidh.


SEAN FHACAIL.

An crann roimh na daimh.

An deigh cogadh thig sith.

An gad air an robhn t-iasg.

An gog mors an t-udh beag.

An dall air muin a chrubaich.

An dubhan an aghaidh a chrocain.

An deireadh an lathas math na h-eolalch.

An cron a bhiossan aodann chan fhaodar a chleith.

An gad as faisge dan sgornanses coir a ghearradh an toiseach.

An gran as luaitha theid don Ahuilean, ’ses luaithe thig as.

An duines miosa caradh: an duine gun chinneadh thaobh athar no mathar.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[239]

[Vol . 2. No. 31. p. 7]

Caiptean Ruadh Ghlinn Liobhan agus Tuathanaich Latharna.

Nuair a bhan Caimbeulach fiachail cliuiteach so na fhactor aig treas Iarla Bhraid-Albann, air oighreachd Latharn-iochdrach, an Earraghaidheal, thachair gun robh da bhrathair ann an seilbh baile beag fearain, leth mar leth aig gach aon diubh. Bha teaghlach mor maoth aig fear dhiubh; agns bha e air a sharuchadh cho morg an togail, ’s nach robh ena chomas a roinn-san den bhaile a chumail anns an ordugh bu choir da. Cha bann mar so don bhrathair eile; bha e na dhuine saoibhir, agus air a chunntadh beartach le muinntir na duthcha. Ghabh e cothram air dol a dh-ionnsuidh aChaiptean Ruaidh, agus rinn e casaid ris an aghaidh a bhrathar, gun robh e liegeil lechuid den bhaile dol an dolaidh le cion mathachaidh agus aorannachaidh; agus an deigh iomadhler cead, a Chaiptein,” thubhairt e,— “Chan urrainn duibh nis fearr a dheanamh na leth mo bhrathar den bhaile a thoirt domh fein;” agus, chum a thagradh a neartachadh, charaich e deich puinnd Shasunnach air abhord, afeuchainn an Caiptean a chlaonadh. Fhreagair an t-uasal e gu tioram, “Gheibh thu leth do bhrathar.” Dhfhalbh an cealgair gu moiteil, ard-inntinneach. Goirid an deigh so, chualam brathair bochd a bhag achlaoidh fabhunn mar a thachair. Chaidh e gu trom-inntinneach, bronach, a dhionnsuidh aChaiptein. Dhinnis e na chuale, ach gun robh dochas aige nach robh e fior. Dhaidich e nach robh a leth-sa den bhailes an ordugh anns am bu choir dhabhi; gidheadh, ’nuair a chinneadh a theaghlach a suas, gun rachadh gach gnothach am feothas. “Tha na chualthu fior gu leoir,” deir an Caiptein: “fhuair do bhrathar do leth-sa.” Mar a bhan duine truagh afalbh, gu muladach, bronach, ghairm an t-uasal air ais e, ag radh, “Ged a fhuair e do leth-sa den ghabhail, cha diarr e a leth fein. Rach thusa dhachaidh, agus, ’n uair a thig aBhealltuinn, cuiridh misthu an sealbh cuid do bhrathar; agus, a dhuine bhochd, so dhuit deich puinnd Shasannach, a chuidhicheas leat do theaghlach og a thogail, leis an dfheuch do bhrathair misa bhriobadh.”

Cuairtear nan Gleann.


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan. Aodaichean uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[240]

[Vol . 2. No. 31. p. 8]

FAILTE DON EILEAN SGIATHANACH.

LE NIALL MAC LEOID.

O, failt air do stucan,
Do choireachan udlaidh,
Do bheanntainnean sughor,
Far an siubhlach am meann!
Than geamhradh ledhubhlachd
Mu na meallaibh adunadh,
S gach doire lebhuirean.
Air a rusgadh gu bonn.

Chi mi Cuchuilinn
Mar leoghann gun tioma,
Lefhiasag dan t-sneachd
Air a pasgadh ma cheann;
S a ghruaidhean asruladh
Le easanan smuideach
Tha tuiteauanan luban
Gu urlar nan gleann.

Do chreagan gu h-uaibhreach,
Mar challaid man cuairt dhuit,
S na neoil air an iomairt,
Afilleadh mum barr;—
S am bonn air a sguabadh
Le srulaichean gruamach,
Bho bharcadh achuain
Atoirt hnuallain air traigh.

O, caileil na gaisgich
A dharaich do ghlacan?
Bu shuilbeara macnus
Mu stacan acheo,—
Le fudarg a sgailceadh
Bhon cuilbheirean glana,
S am miolchoinn an deannaibh,
Nach fannaichs an toir.

Na laoich nach robh meata
Ri aodann na batailt,
Nach aomadh gu taise
Ri caismeachd an namh;
Chaneil raon agus machair
Air na sgaoil iad am bratach,
Nach dfhag iad an eachdraidh
Gun mhasladh don al.

Ach tham fardaichean sguabte,
S an seomraichean uaine,—
Iad fein as an gaisgeadh
N an cadal fon fhoid;
S tha osag nam fuar bheann,
Leh osnaidhean gruamach,
G an caoidh mu na cruachan,
S aluaidh air an gloir.

O, caiteil gach solas
Bha agam am oige?—
Toirt mealas na rosan
Mu dchosagan tlath.
Tha companaich meolais
Air am fuadach on comhnuidh,
Tha mhil air a deothal
S than rosan gun bhlath.

Achs caomh leam do ghleanntan,
Do shrathans do bheanntann,
S an ceothan a chadal
Air baideal nan ard’,
Na ciobhagan torach,
Na sronagan corrdch,
S na sruthain ri coireal
Don eilids da h-al!

Gu ma buan a bhios deachdraidh,
Agus cliu aig do mhacaibh,
Gus an crionar an talamh,
S am paisgear na neoil!
Fhadsbhios sioban na mara
Abualadh air caraig,
Bidh mo dhurachd gun deireas
Do dh-Eilean aCheo!


FREAGAIRT DO D. T. —Tha Mac-Talla beag, tha fhios, ach an do smaoinich thu riamh gnr tusa agus do sheorsa thaga chumail mar sin. Chan eil fhios againn co dhiubh is e cion toirt-fa-near no an spiocaireachd as coireach riut ach cha drainig do dhollar sinn fhathast. Is docha gur en spiocaireachd. Tha gach aon a ghabhas paipearsa phaigheas e, ’ga neartachadh, agus tha gach aon a ghabhas es nach paigh ega lagachadh nas mo na duine nach gabh idir e. Tha e gle fhurasda coire fhaotainn. Saoilidh am fear a bhios na thamh gur e-fein as fhearr lamh airstiuir.’


Leighseadh mise on Ghrip leMINARD ’S LINIMENT.
C. I. LAGUE.
Sydney, C. B.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LINIMENT.
TEARLACHPLUMMER .
Yarmouth, N. S.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
LEWIS S. BUTLER.
BURIN, Nfld.


Tha na dotairean as fhean a moladh
K. D. C
air son droch Stamag
Samqull a nasgaidh
K . D. C. Co
New Glasgow, N. S.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 31
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 31. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page