[Vol . 2. No. 32. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 3, 1894. No. 32.
Bacail na Deoch Laidir.
A CHARAID, —Ceadaich dhomh ann ad phaipear gasda facal no dha a radh ri d’ luchd-leughaidh ma thimchioll bacail na deoch laidir. Tha fhios agam nach eil am MAC-TALLA ’gabhail taobh sam bith ann anpolitics, agus, gu dearbh, cha’n iarrainn fhein gu’m bitheadh, oir tha tuilleadh sa choir dheth againn anns na paipearan Beurla. Ach cha pholitics so idir; cha’n eil taobh seach taoh a’ dol a ghleidheadh a bheag ged theireadh an sluagh gu’n bu choir bacail a chur air reic an droch stuth, ni mo a tha taobh seach taobh a dol a chall dad ged bheireadh an sluagh an aonta ’n rathad eile. ’S e mo dhurachd-sa gum biodh fhios aig a h-uile aon air so chum ’a nach bi mearachdan sam bith air an deanamh air an la sin air am bi cothrom air a thoirt dhuinn air ar barailean a chur an ceill. Tha fhios agam gur a fior bheag de lnchd-leughaidh MHIC-TALLA ’tha aineolach air an olc a tha air a dheanamh gach bliadhna tre ’n deoch laidir, agus nach biodh gle dheonach air gach doigh dhligheach a ghabhail gu car as da. Tha sinn uile faicinn tuilleadh ’sa choir de’n oigridh, maise, blath, agus dochas ar dnthcha, air an tionndadh air falbh gu sligheanna claon na misgearachd, agus air an toirt gu bhi na’m masladh dhaibh fein ’s nan droch eiseamplair do mhuinntir eile, nuair bu choir dhaibh a bhi na’n aobhar uaill do’m ’parantan, do’n cairdean, ’s do ’n aite dh’araich iad. Tha sinn a faicinn tuilleadh ’sa choir dheth so air son barail eile bhi againn ach gu’n bu choir bacail agus bacail da-rireadh a chur air gach ni a th’ air a reic fo’n ainm ’deoch laidir’ Uime sin a chairdean nach coir dhuinn tionndadh a mach ’nar neart agus an ruaig a chur air namhaid ar duthcha, Bha na Gaidhail riamh ainmeil air son an treine anns na blaraibh fuilteach a bha air an cur ’sna laithean a dh’aon agus car son nach bitheadh iad a cheart cho treun ’sa chath a tha ’dol air adhart ’san latha ’n diugh an aghaidh an ni a tha na mheadhon air bhi toirt bron agus bais gu iomadh fardaich. Tha mi an dochas uime sin, gun dean muinntir na duthcha so an ni bhios ceart agus co dhiubh bhios Cahan no Fielding ann an cumhachd re nan ceithir bliadhna a tha tighinn, no co aca bhios a stigh san t-siorrachd so Mac Aidh ’s Mac Cormaic, no Mac Phearsain ’san Domhnullach, no co air bith a bhios air an cur a stigh leis na siorrachdan eile, (is deagh dhaoine iad uile) gu’m bi guth na duthcha air a thogail cho laidir an aghaidh an uisge-bheatha ’s gu feum e siubhal! An dochas gur ann mar sin a bhitheas, agus a toirt taing dhiut. fhir-dheasachaidh, air son rum a thoirt dom’ litir, is mi do charaid agus caraide na Gailig, an la chi ’s nach fhaic.
STUAMACHD.
Guth bho’n Chamus.
Is ro thaitneach leam, da rireadh, a bhi sgriobhadh gu MAC-TALLA air amannan araid. Tha e na mheadhon air a bhi cumail sgriobhadh na Gaelig na ’m chuimhne; agus a thuilleadh air a sin, ma dh’ fhaote nach misde le muinntir eile a chluinntinn ciamar tha dol duinn anns a’ chearn so de’ n du thich.
Thuit moran sneachda air a bhliadhna so, agus tha ’n t-side mar is trice stoirmeil, caochlaideach. Tha stoirmnean trom o’n ear-dheas aginn a h-uile seachdain, agus gaoth na’ s mi-thaitnich leinn cha tig a adhar. Tha na postaichean a’ faighinn tair; ach coma leibh, is ann uair ainneamh a bhios iad lath’ air deireadh.
Tha roinn de dhaoine tinne air feadh na ducha, —tha ’n Grippe a deanamh a dhichill. Tha ioma leigheas air a thoirt duinn air a ghalar so. Thuirt seann duine coir rium an la roimhe na’ m biodh an grog cho paillt ’san duthich sa chunnaic esan e, nach danig an Grippe riamh far a Ghut, —gur ann aig daoine fhein a bha choire! Is eagal leam gu’m bu mhiosa ’n leigheas na ’n euslaint fhein.
Cha do phos ach a dha no tri charaidean anns a’ pharaisd’ air a gheamhraidh so. Bha tuilleadh ann a dh’ fhaodadh posadh; ach a chionn iad a bhi tuilleadh is glic no tuilleadh is gorach, leig iad seachad a’ snuim a chur gu am eile. Bha Mor a’ graitinn rium gun robh feadhain eil’ ann a phosadh na’m faodadh iad: Cha ’n aithne dhomhs iad, —cha’n eil mi fhin de’n aireamh sin co dhiu.
Ge nach eil aghaidh an talamhain no mullach nam beann ma’n cuairt cho maiseach dha’ n t-suil an drasda ’sa bha iad nuair a sgriobh mi thugaibh a’s t-samhraidh, gidheadh, faodaidh neach toilinntinn gu leoir fhaighinn ma bhios e dhith air. Ach chionn gu bheil mo litir a’ fas tuilleadh is fada, cha lean mi chuis sin na ’s fhaid’ aig an am so. Ma thig “Caorstaidh” a nall, cha chreid mi nach cord ar cluichean ’us ar fearras-chuideachd rithe, gu h-araid ma tha i eolach air dol air an t-shleighe bhig.
SEONAID.
A GHAIDHEALTACHD.
Tha Comunn-ciuil Gailig ann am baile Glascho aig am bi concert a h-uile seachdain, agus fhad sa bhios i dol air adhart cha’n eil smid ri chluinntinn thall no bhos ach Gailig.
Tha’m Biobull cubaid Gailig a bha air a chur am mach an toiseach o chionn corr us tri fichead bliadhna, a mach a clo, agus tha Cleir Ghlascho ag iarrridh air Ard-sheanadh na h-Eaglais cur mu dheobhainn a chlo-bhualadh as ur.
Chuir an droch shide grabadh mor air an iasgach air a bhliadhna so. Air a cheud mhios dhe’n bhliadhna ’n uiridh, thugadh gu tir fiach sia mile deug punnd Sasunnach ( £16 ,000) a bharachd air na thugadh gu tir air a cheud mhios dhe’n bhliadhna so.
[Vol . 2. No. 32. p. 2]
MAC-AN-RUSGAICH.
BHO SGEULACHDAN GAIDHEALACH LE I. F. CAIMBEUL.
(Air a leantuinn.)
LATHA no ’dha an deigh sin, dh’ iarr a mhaighistir air Mac-an-Rusgaich e a dhol an aird thun na cachaileidh mhullaich, ’s e a dheanamh stair chasa-caorach. “Ni mi sin,” arsa Mac-an-Rnsgaich, ’s dh’fhalbh e. Chuir e na caoirich a stigh do ’n fhang, ’s ghearr e na casan dhiubh, a’s rinn e an stair le casan nan caorach. Chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt a mhaighistir ris. “An do rinn thu sud?” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Rinn; faodaidh tu fein dol g’ a fhaicinn.” Chaidh an tuathanach a dh-fhaicinn an stair chasa-caorach a rinn Mac-an-Rusgaich ’s an uair a rainig e ’s a chunnaic e casan nan caorach anns an stair, chaidh e air bhreasadh ’s thuirt e, “Na h-uile ’s na h-uireandan ort, a bhalaich ciod e a thug ort na casan a ghearradh bharr nan caorach?” Thuirt Mac-an-Ruggaich, “Nach d’ iarr thu fein orm stair chasa-caorach a dheanamh, ’s ciod e mar a dheanainn stair chasa-caorach mur gearrainn na casan dhiubh? feuch a bheil thu a’ gabhail an aithreachais gu ’n d’ iarr thu orm a dheanamh, a bhodaich?” “Cha ’n ’eil,” thuirt a mhaighistir. “Ciod a tha agam ri ’dheanamh a rithisd?” thuirt Mac-an-Rusgach. “Tha, ars’ a mhaighistir, na h-eich agus an stapnll a ghlanadh ’s a nigheadh an da chuid am mach agus a stigh.” Dh’ fhalbh Mac-an Rusgaich, ’s ghlan e a mach an stapull, —nigh e na ballachan air an taobh a mach a’s nigh e an stapull air an taobh a stigh; nigh e na h-eich, a’s mharbh e iad ’s thug e an taobh a stigh asda, ’s nigh e an taobh a stigh aca. Chaidh e far an robh a mhaighistir ’s dh’ fharraid e ciod a bha aige ri’ dheanamh a rithisd, ’s thnirt a mhaighistir ris e a chur nan each ’n an uidheam anns a’ chrann, ’s e thoirt tacain air an treabhadh. Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Cha fhreagair na h-eich mi.” “Ciod e a dh’ fhairich iad?” ars’ a mhaighistir. “Cha choisich iad air mo shon,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Fhalbh agus feuch iad,” thuirt a mhaighistir. Dh’ fhalbh Mac-an-Rusgaich far an robh na h-eich, chuir e crioman de dh-aon diubh ’n a bheul, chaidh e air ais far an robh a mhaighistir, ’s thuirt e, “Cha ’n ’eil an droch bhlas orra.” “Ciod a tha thu ag radh?” thuirt a mhaighistir. Chaidh e far an robh na h-eich, ’s an uair a chunnaic e iad ’s an taobh a stigh air a thoirt asda, thuirt e, “Ciod is ciall d’a so?” “Tha” arsa Mac-an-Rusgaich, “gu ’n d’ iarr thu fein orm an da chuid na h-eich agus an stapull a ghlanadh agus a nigheadh, an da chuid a mach agus a stigh; ’s rinn mi sin. A bheil thu a’ gabhail an aithreachais?” “B’ fhearr leam nach fhaca mi riamh thu,” thuirt an tuathanach. “Ma ta,” arsa Mac-an-Rusgaich, feumaidh tu tri tuarasdail a thoirt domhsa air neo theid iall de d’ chraicionn a thoirt o chul do chinnn a sios gu d’ shail. Thuirt an tuathanach doirbh gu ’m b’ fhearr leis iall a bhi air a thoirt as a chraicionn bho chul a chinn gu ’shail na an t-airgiod a thoirt do thrusdar coltach ri Mac-an-Rusgaich; agus, a reir an lagha, chaidh an tuathanach doirbh a cheangal agus iall leathann a thoirt o chull a chinn a sios a dhruim, ’s ghlaoidh e gu ’m b’ fhearr leis an t-airgiod fhein a thoirt seachad na an iall a ghearradh na b’ fhaide; phaigh e an t-airgiod agns b’ eiginn da ’bhi greis foidh na lighichean, ’s cha robh e ’n a dhuine doirbh tuille.
’N a dheigh sin chaidh Mac-an-Rusgaich a chur gu bhi ’n a ghille aig famhair a bha dona d’ a sheirbheisich.
Rainig Mac-an-Rusgaich am famhair, ’s thuirt e, “Tha do ghille air tighinn.” Thuirt am famhair, “Ma ’s gille dhomhsa thu feumaidh tu comh-obair a chumail rium, air neo bristidh mi do chnamhan ’n am pronnan.” Thuirt Mac-an-Rusgaich, “Ciod e ma dh’ fhairtlicheas mi ort?” “Ma dh’ fhairtlicheas,” thuirt am famhair, “gheibh thu do dhuais d’ a reir.” “Ciod a tha sinn dol a dheanamh ma ta?” arsa Mac-an-Rusgaich. “Tha,” ars’ am famhair, “theid sinn a thoirt dachaidh connaidh.” Dh’ fhalbh iad a’s rainig iad a’ choille. Thoisich am famhair air trusadh a’ h-uile bun a bu ghairbhe na cheile, ’s thoisich Mac-an-Rusgaich air a’ h-uile barr a bu chaoile na cheile a thrusadh. Sheall am famhair air ’s thuirt e, “Ciod a tha thu a’ deanamh mar sin?” ’s thuirt Mac-an-Rusgaich, “Tha mise a loss gu ’n toir sinn a’ choille uille leinn, seach a bhi a’ fagail pairt di gun fheum ’n ar deigh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so, bheir sinn dachaidh na h-eallaichean so, ach gheobh sinn obair eile a rithisd.”
B’ i an ath obair a fhuair iad, dol a bhuain saidhe, a’s dh’ iarr am famhair air Mac-an-Rusgaich esan a dhol air thoiseach. Gheuraich Mac-an-Rusgaich an speal, agus thoisich e ’s chaidh e mu ’n chuairt ghoirid air an taobh a stigh, ’s bha aig an fhamhair ri dol cuairt a b’ fhaide air an taobh a mach deth. “Ciod e a tha thu a’ deanamh mar sin?” thuirt am famhair. “Tha,” thuirt Mac-an-Rusgaich, “mise a los gn ’m buain sinn a’ phairc a dh-aon spadhadh an aite a bhi a’ tilleadh air ar n-ais a h-uile uair a gheuraicheamaid an speal, a’s cha bhi tiom chaillte idir againn.” Chunnaic am famhair gu ’m biodh an spadhadh aigesan moran na b’fhaide na bhiodh spadhadh Mhic-an-Rusgaich, ’s thnirt e, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn a dh-ionnsaidh oibre eile—theid sinn a’s buailidh sinn an t-arbhar.” Dh’ fhalbh iad a dh-ionnsaidh bualadh an arbhair; fhuair iad na suisdeachan, thoisich iad air obair, ’s trath ’bhuaileadh am famhair an sguab bheireadh e oirre leum an aird thar an sparr, ’s trath ’bhuaileadh Mac-an-Rusgaich an sguab laidheadh i sios air an urlar-bhualaidh ’s theireadh Mac-an-Rusgaich ris an fhamhair, “Cha ’n ’eil thusa ’g a leth bhualadh; nach toir thu oirre crnban mar a tha mise a’ deanamh.” Mar a bu laidire a bhuaileadh am famhair, is ann a b’ airde a lenmadh an sguab, ’s bha Mac-an-Rusgaich a’ gaireachdaich air. Thuirt am famhair. “Tha sinn gle fhada aig an obair so; feuchaidh mi air doigh eile thu. Theid sinn ’s feuchaidh sinn co againn is laidire a thilgeas clach an aodann creige a tha air taobh thall an eas.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fhalbh am famhair ’s thrus e na clachan a bu chruaidhe a b’ urrainn da ’fhaotainn, a’s chaidh Mac-an-Rusgaich ’s fhuair e creadh ’s rothail e ’n a buill bheaga chruinn’ i, agus chaidh iad a dh’ionnsaidh taobh an eas. Thilg am famhair clach an aodann na creige ’s chaidh a’ chlach ’n a criomagan, ’s thuirt e ri Mac-an-Rusgaich, “Dean sin, a bhalaich.” Thilg Mac-an-Rusgaich dudan d’ an chreadh agus stic e ri aodann na creige, a’s thuirt e ris am fhamhair, “Dean sud, a bhodaich.” Thilgeadh am famhair cho laidir ’s a b’ urrainn da; ach mar bu mho a chuireadh am famhair de neart
[Vol . 2. No. 32. p. 3]
leis a’ chloich ’s ann a bu mheanbha a bhristeadh i. Ghaireadh Mac-an-Rusgaich ’s thilgeadh e ball beag eile d’ an chreadh ’s theireadh e, “Cha ’n ’eil thu ’g a leth thilgeadh; nach toir thu air a chloich sticeadh anns a’ chreig mar a tha mise a’ deanamh.” Thuirt am famhair, “Tha sinn gle fhada aig an obair so; theid sinn ’s gabhaidh sinn ar dinneir, a’s an sin feuchaidh sinn co againn is fhearr a thilgeas a’ clach-neart.” “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich, ’s chaidh iad dachaidh. Thoisich iad air an dinneir, a’s thuirt am famhair ri Mac-an-Rusgaich, “Mur ith thu d’ an aran ’s d’ an chaise uibhir ’s a dh’ itheas mise, theid iall a thoirt as do chraicionn bho chul do chinn gu d’ shail.” “Dean seachd dheth,” arsa Mac-an-Rusgaich, “air chumha ’s gu ’n teid seachd iallan a thoir as a’ chraicionn agadsa bho chul do chinn gu d’ shail mur ith thu uibhir ’s a dh’ itheas mise.” “Feuch riut ma ta,” ars’ am famhair. “Stad gus am faigh mise deoch,” arsa Mac-an-Rusgaich ’s chaidh e mach a dh-fhaotainn deoch,” agus fhuair e balg leathraich, ’s chuir e am balg eadar a leine ’s a chraiceann, ’s chaidh e a stigh thun an fhamhair ’s thuirt e ris, “Feuch riut a nis.” Thoisich an dithis air itheadh an arain ’s a’ chaise. Bha Mac-an-Rusgaich a’ cur an arain ’s a’ chaise anns a’ bhalg a bha ’stigh fo ’leine. Mu dheireadh thuirt am famhair, “ ‘Is fearr sgur na sgaineadh. ’” “Is fearr sgaineadh fhein na biadh math, fhagil,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Sguiridh mise,” ars’ am famhair. “Theid na seachd iallan a thoirt o chul do chinn gu d’ shail,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchaidh mi fathast thu,” ars’ am famhair. “Tha do dha roghainn agad,” arsa Mac-an-Rusgaich. Fhuair am famhair gruth a’s cea ’s lion e cuman da fein ’s cuman eile do Mhac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is fearr a nis,” ars’ am famhair. “Cha ’n fhada gus am faicear sin,” arsa Mac-an-Rusgaich. “Feuchamaid co againn is luaithe a dh’ olas na tha ’s a’ chuman.” Dh’ ol Mac-an-Rusgaich a leoir ’s chuir a’ chuid eile anns a’ bhalg, ’s bha e ullamh air thoisich air an fhamhair, ’s thuirt e ris. “Tha thu air deireadh.” Sheall am famhair air ’s thuirt e, “Is fearr sgur no sgaineadh.” “Is fearr sgaineadh fein na biadh math ’fhagail,” arsa Mac-an-Rusgaich. Theid sinn a mach a dh-fheuchainn co againn is fhaide a thilgeas a chlach-neart, m’ an dean sinn tuilleadh,” ars’ am famhair. “Tha mi toileach,” arsa Mac-an-Rusgaich. Chaidh a mach far an robh a chlach, ach bha am famhair cho lan ’s nach b’urrainn da cromadh g’ a togail. “Tog a’ chlach sin agus tilg i,” ars’ am famhair. “Tha onair toiseach toiseachaidh gu bhi agad fein,” arsa Mac-an-Rusgaich. Dh’ fheuch am famhair ris a’ chloich a thogail ach cha b’urrainn da cromadh. An sin dh’ fheuch Mac-an-Rusgaich ri cromudh ’s thuirt e, “Cha bhi a leithid so de bhalg a’ cumail bacaidh ormsa,” ’s tharraing e sgian a truaill a bha ri ’thaobh, chuir e an sgian sa’ bhalg a bha air a bheulaobh ’s leig e mach na bha ann, ag radh, “Tha tuilleadh ruim a mach na ’tha ’stigh.” “Nach tilg thu na ’s fhaide na sin i?” ars’ am famhair. “Cha do thilg thusa cho fada ri sin fhein i,” arsa Mac-an-Rusgaich. “A nall a so do sgian,” ars’ am famhair. Shin Mac-an-Rusgaich an sgian aige do ’n fhamhair; ghabh am famhair an sgian agus stob e stigh ’n a bhru i a’s leig e mach am biadh, ’s thuit e gu lar, agus fhuair e bas. Chaidh Mac-an-Rusgaich a stigh do thig an fhamhair ’s fhuair e an t-or ’s an t-airgiod aige. Bha e an sin beairteach ’s dh’fhalbh e dhachaidh lan thoilichte.
Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads.I. M. CAIMBEAL.
Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.
Leighseadh mise o’n loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.
Bha fear-lagha ann uair a bha anabarrach diochuimhneach. Bhiodh e a ghnath a’beachd-smuaineachadh, agus bhiodh aire air a thoirt air falbh gu buileach o na bha ’dol air adhart mu’n cuairt da. Aon latha thainig air an oifig fhagail, agus an deigh dha an dorus a ghlasadh, chuir e suas paipear beag air an robh sgriobhte, “Bidh mi air ais aig leth-uair an deigh a dha.” An deigh dhol beagan shlatan sios an t-sraid dh’ionndrain e a leabhar-poca, agus chuir e mu’n cuairt ’ga iarraidh. Rainig e an dorus, chunnaic e am paipear, ’s leugh e na bha sgriobht’ air, “Bidh mi air ais aig leth-uair an deigh a dha.” agus an sin shuidh e sios air an starsaich a dh’ fheitheamh ris fhein!
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 32. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MART 3,1894.
DOIGH AN FHREASDAIL.
Bha ceannaiche araidh uair air thurus a dol dhachaidh bhar feille; b’ann am marcachd a bha e agus bha e giulain poca air cul na diollaide anns an robh suim mhath airgid. Cha robh e fad air adhart ’nuair a thoisich an t-uisg’ air sileadh gu trom, agus an uine ghoirid dhruidh e air dh’ionnsaidh a chraicinn. Thoisich e air a bhi gle mhi-thoilichte na inntinn, ag radh ris fhein gum b’olc an caradh a rinn am freasdal air ann a bhi cur a leithid a shide air an am dha bhi air turus. Bha aige ri dhol troimh choille, agus ’nuair a bha e far ’m bu dluith na craobhan, ruith fear reubainn a mach, chuir e ghunna ri shuil ’s dh’ fheuch e ri losgadh air. Bhiodh e air a mharbhadh air ball mur bitheadh gu’n do fhliuch an t-uisge ’m fudar a bh’ anns a gnunna air chor ’s nach gabhadh e teine. Chuir an ceannaiche na spuir ris an each ’s fhuair e gu fortanach tarradh as. ’N uair rainig e aite sabhailte, thuirt e ris fein: “Nach bu mhise ’n t-amadan a gearaim air an droch shide. Na’n robh ’n t-adhar air bhi glan gorm, agus a ghaoth tioram blath, bhithinn an drasda ’nam shineadh marbh, agus cha’n fhaiceadh a chlann a tha ’n drasd ’g am fheitheamh an athair am feasda. Ghleidh an t-uisge, air an robh mi a’ gearain, mo bheatha ’s mo chuid. Feuchuidh mi ri bhi na’s glice na dheigh fo, agus cuimhneachadh gur e ’n ni a chuireas Dia ’na dheagh fhreasdal orm a’s fhearr dhomh na’n ni a shaoileas mi fein.”
IAIN AGUS A CHNAP CRUAIDH.
An cluinn thn, Iain, nach gabh thu deur beag air a’ mhaduinn fhuair so!” ars’ Osdair araidh ri seoaldair a bha ’gabhail an rathaid seachad air an tigh aige. Bha an seoladair roimhe so ’n a fhior mhisgeir agus air iomadh bonn airgid fhagail ann an tigh an duine a bha bruidhinn ris; ach bha e nis bho chionn bliadhna an deigh boid a thoirt an aghaidh deoch laidir.
“O? cha ’n urainn mi, a dhuine choir, cha ’n urainn mi ol, tha cnap cruaidh agam, an so air mo thaobh, O! an cnap cruaidh tha ’n so,” ars’ an seoladair, is e ’cur a laimh air a thaobh mar gu ’m biodh e air a chradh leis.
“Is e thu sgur de ’n dram a dh’ aobhacaich an cnap sin dhuit; bheir beagan de dheoch mhaith air falbh e ann an tiota, ach ma bhitheas thu cho gorach ’s gu ’m fuirich thu bho d’ ghrog, is e ’s docha gu’m fas an cnap sin agad na ’s momha, agns gu ’n tig cnap cruaidh air an taobh eile agad mar an ceudna.”
“Ro cheart, ro cheaat, a dhuine.” ars’ an Seoladar, is e ’toirt poc oir a mach as a phocaid-achlais agus ’g a chumail suas ann an sealladh an Osdair. “Tha thu ceart a radh ma thoisicheas mi air an ol gu ’m falbh mo cnap; ach ma dh’ fhuireas mi uaith gu ’m fas e na ’s momha. Beannachd leat, osdair, le comhnadh an Tighearna cumaidh mi mach as do lion-sa agus feuchaidh mi ri cnap fhaighinn air gach taobh.”
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh
Tha na Staitean an deigh a chis a bha iad roimhe so a cur air gual Chanada a leagail o 75 cts. gu 50 cts. an tunna. Cha’n eil teagamh nach bi an deigh so barrachd de ghual na duthcha so air a reic ’sna Staitean air thailleabh an lagha sin.
LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.
Tha fear Lawrence Peterson anns a phriosan ann an Sidni a Tuath air son stove agus pioban a ghoid a seann tigh sgoile a tha ’sa bhaile sin. Ma bha teine anns a stove dh’ fhaoite gu’m bu choir a leisgeul a ghabhail oir bha’n t-side gle fhuar.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe
Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
[Vol . 2. No. 32. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Chaidh coig muilleinean deuga de thunnachan guail a thoirt a meinnean Cheap Breatuinn le coig ceud deug tunna fudair, agus cha do mharbhadh ach triuir ris an obair sin uile.
Chaidh an tigh aig an Urr. Uilleam Calder, am Mira, a losgadh gu lar maduinn na Sabaid s’a chaidh, agus cha robh ann ach gu’n d’ fhuair iad as le’m beatha. Cha do shabhaileadh ni dheth na bha san tigh.
Tha e ro choltach gu bheil an eaglais mhor ne ’m Paillean, aig Dr. Talmage ri bhi air a toirt uaithe le luchd mam fiach. Ged chaidh a cur suas cha do phaigheadh air a son riamh. Cha’n urrainn gu bheil an cothional aige gle throm air a chreideamh.
Bha searmon Gailig air a thoirt do Ghaidheal Lunnuinn air an 11mh latha dhe’n mhios s’a chaidh leis an Urr. Raonull Dingwall, a Poolewe. Bidh an ath shearmon Gailig air a thoirt daibh air an 8mh latha de dh’ April, leis an Urr. Alasdair Stiubhart, a Lochaber.
Thachair sgiorradh ann am meinn bheag a tha faisg air Plymouth, Pennsylvania, agus chaill tri duine deug an beatha ’s iad aig an obair. Dh’fhag a h-aon deug dhiubh teaghlaichean. Chaill fear dhiubh a bhean mios roimhe so, agus le ’bhas fhein dh’ fhagadh ceathar chloinn gu duine sheallado riutha.
Bha fear Tearlach Weiner na fhear ceairde ann an New York, agus bha deagh obair aige fhad ’sa leanadh e rithe. Bha e o chionn choig bliadhna fichead a feuchainn ris an innleachd sin ris an abrarperpetual motiona dhealbh, mar a-bha iomadh duine glic us gorach roimhe. Chaill e ’obair o chionn ghoirid agus thug e aire gu buileach an sin da’n innleach a bha e cur roimhe a dheanamh. ’Nuair nach deachaidh leis, dh’ fhas e trom-inntineach agus air an t-seachdair s’a chaidh chroch e e-fhein.
LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt.
Tha sinn a tuigsinn gu bheil Gaidheil Bhaddeck an deigh sgoil-sheinn Ghailig a chur air chois. Tha Gailig air a searmonachanh anns an eaglais Chleirich ’sa bhaile sin a h-uile sabaid, agus chunnaic iad iomchuidh air an aobhar sin gu’m biodh comas air a thoirt do luchd-na-Gailig seinn ionnsachadh na’n canain binn fein chum ’s gum biodh an t-seirbheis air a cumail suas cho math ’s bu choir. Tha iad-san a chuir an sgoil air chois ri ’m moladh air son an dilseachd agus tha sinn an dochas gu’m soirbhich leotha gu math ’s gu ro-mhath.
Tha Mrs. Clarke Kruger, Michigan City, marbh, agus tha a teaghlach, seachdnar air fad a basachadh, iad uile air am puinnseanachadh le droch fheoil a bha iad ag itheadh.
Shearmonaich an t-Urr. Donnachadh Mac Eanruig, ministeir ma Beinne Guirm, N. S., ann am Bridgeport maduinn na Sabaid s’a chaidh, agus ann an aon do dh’ eaglaisean Shidni ’san fheasgar.
Tha coinneamh gu bhi aig cairdean na stuamachd anns a bhaile so Di-mairt s’a tighinn air son gum biodh cuisean air an cur gu soilleir fa chomhair an t-sluaigh, chum ’s gum bi iad comasach, ’nuair a thig an latha air bhotadh gu tuigseach air a cheist. “Am beil no nach eil e iomchuidh bacail a chur air reic an stuth laidir.”
Tha Ghearmailt mar dhuthaich a fas na’s ainmeile gach bliadhna air son a foghluim. Tha a h-oll-thighean air am meas os cionn oil-thighean gach rioghachd us duthaich eile ann am meuran araidh de dh’ fhoghlum agus tha foghlumaichean oga as gach duthaich san domhan a cruinneachadh annta. Air a gheamhradh so tha seachd mile fichead annta.
Tha ceithir de mhor-roinnean Chanada an deigh an guth a thogail gu laidir air son bacail a chur air reic deoch laidir, Manitoba, Ontario, New Brunswick agus Eilean Phrionn’s Iomhair. Ma theid Nova Scotia an aon rathad riu sin, rud is coltach gu’n teid, cha bhi gun am barail a thoirt seachad ach Quebec us Columbia Bhreatunnach.
Bha dithis mhnathan uair a bruidhinn mu na cogaidhean mora ’bha o am gu am eadar an Fhraing us Breatunn. “Ach,” arsa te dhiubh, “de ’s coireach gu’m b’ iad na Breatunnaich a thug buaidh a h-uile turus?” “Oh,” ars an te eile “bha na Breatunnaich ag urnuigh, agus thug Dia dhaibh a bhuaidh.” “Ach nach docha gu robh na Frangaich ag urnuigh cuideachd,” ars a cheud te. “O na creutairean leibideach,” ars an te eile, “ged a bhiodh iad-san ag urnuigh, co a thuigeadh iad?”
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
Theich fear Senmas C. Bain a Toronto le suim mhor airgid toiseach na bliadhna so, agus thug e ceann a deas America air. An deigh dha ceithir mile de mhilltean a chur eadar e-fein us an t-aite anns an d’rinn e mheairle, rugadh air agus tha e nis air a thurus dhachaidh air churam oifigich an lagha agus cuirt us tigh oibreach a feitheamh air. Bha latha ann agus dh’ fhaodadh meairleach no eadhon murtair dulan a thoirt do’n lagh le duthaich eile ’thoirt air, ach dh’ fhalbh an latha sin.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 32. p. 6]
COMHRADH.
AM MAIGHTIR-SGOILE AGUS CALUM POSTA.
(Atr a leantuinn.)
M. SG, —Cum d’ airgiod ad sporan, Eoghain, cha ’n ’eil dad r’ a phaigheadh: dh’ fhalbh an latha sin ’s thainig latha ’s riaghailtean a’s fearr.
CAL. —Chi sinn, mar a thuirt an dall.
EOGH. —Cha ’n ’eil mi gu ro mhaith ’g ar tuigsinn. ’N e nach ’eil dad r’a dhioladh air son litrichean?
M. SG. —Phaigh do mhac i, ’s cha robh sin ’n a ullach dha; thug an sgillinn ruadh a Sasunn i, agus cuiridh sgillinn eile fios-freagairt air ais. Sin agad an riaghailt ur. Nach cord sin riut!
EOGH. —Cha chuala mi riamh a’ leithid; cha b’ fhearr a nasgaidh iad—riaghailt cheanalta?
CAL. —A’ Bhan-righ, Eoghain; caileag laghach, Eoghain; aco tha i og; ’s beag tha fhios aic’ air a liughad ceum eadar so a’s Lunnuinn. Cha seas an riaghailt ur so, cha ’n urrainn i seasamh; cha ’n ’eil ann ach amaideachd?
M. SG. —Uist! a Chalnim; cha tig e dhuit-sa bhi ’labhairt mar sin mu ’n Bhan-righ a tha ’cumail na spaine ’m beul do theaglach. Am bheil duil agad nach ’eil luchd-comhairle maith aice?
CAL. —Theagamh gu ’m bheil—theagamh gu ’m bheil—ach cha do choisisich iad riamh an Leathar Mhuileach, ’s cha mho bha iad air an aiseag ri sneachda ’s ri gaillinn mar bha mise ’n de, air neo cha smaointicheadh iad aon litir a chur an rathad so air son sgillinn.
EOGH. —A’ bheannachd sin orrasan a chur ann am chomas seanachas a bhi agam ri Ailein bochd air son sgillinn. Chi sibhse, mhaighstir-sgoile, gu ’m bi fichead litir a nis air son an aoin a bh’ ann roimhe so. Cha chaidil mi ’n nochd gus an sgriobh mi litir a dh-ionnsaidh Ailein, agus tha iomadh aon ’s an sgireachd a ni ’n gnothuch ceudna. ’S mithich do na sgoileirean a bhi ’cur nam peann air uidheam—litir do Shasunn air sgillinn?
CAL. —A’ pheic air an sgillinn ’s gun an sgillinn ann.
EOGH. —Tha ’n sgillinn ann. Tha mi ’m dhuine bochd, ach ’d e dheth sin, am bheil agam ach gum ghreim tombaca ’chur fo m’ fhiacail fad latha, ’s tha mi leis a sin a’ caomhnadh na chumas suas eolas air mo mhac, na leigeas domh mo chridhe fhosgladh dha, suidhe le m’ ghaoilean mar gu ’m b’ ann taobh nan cnoc, no taobh a’ ghealbhain; tha mise ’g radh riut gu ’m paigh mi sgillinn cho togarrach ’s a rinn mi rud riamh ged nach robh agam r’a innseadh dha ach gu ’m bheil Robag bheag, an abhag beo, ’s mar a mharbh i ’m feocallan an la roimhe. Sgillinn ann! —cha ’n ’eil tigh as am bheil smuid nach faod cearc eile ghleidheadh, agus beiridh i de dhuibhean air son na cailliche Gallda na chumas seanachas r’ an cairdean feadh an t-saoghail. Biodh iad a’ bruidhinn, ach ma ’s e ’n Reform, no ciod a’s ainm dha, an Reform a rinn so, ’s maith na rinn e—an riaghailt ghasda!
CAL.— ’S oil leam nach robh do dha shlinnean air an rusgadh mar tha iad agam-sa; ’s cha bu ghearan na ’m paigheadh an gnothuch. Tubhaist air na h-amhlairean gun tuigs’ a smaointich air a’ leithid! Ma tha ’h-uile comhairl’ eile ’tha iad a’ toirt do ’n Bhan-righ cosmhuil rithe so, cha seas ise no iadsan fada; bithidh iad cho bhriste ri long mhor an iaruinn, no ri marsant’ a’ ghuirmein.
M. SG. —Ciod so ’n gearan a th’ ort? Fhad ’s a gheibh thusa ’s mise ar tuarasdal cha bhuin e dhuinn a bhi ’faotainn coire dhoibh-san a tha thairs oirnn.
CAL. —Fhir mo chridhe, ’s fhurasda dhuit a bhi ’labhairt aig nach ’eil a bheag r’a dheanamh ach do sgian bheag, bhoidheach a thoirt a mach a d’phoca ’s gob ur a chur air do pheann; ’s ionann duit-sa miltean litrichean ris an fhichead; ach na ’m biodh a’ mhaileid agad r’a giulan, dh’ atharraicheadh tu do chainnt. Cha phaigh e gu dilinn, tha mi ’g radh riut.
M. SG. —Stad thusa, Chaluim; ged nach’ eil a’ bheag r’a fhaotainn air son na thainig, cuimhnich gu ’m bheil sgillinn air son gach fios freagairt.
(Ri leantuinn.)
’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s saoire tha ’n Sidni.
Shearmonaich ministeir ainmeil aon mhaduinn o’n cheann-teagaisg. “Tha sibh ’n ur clann aig an Diabhul,” agus an deigh mheadhon-latha o na facail, “A chlann bithibh umhail de ur parantan!”
Dh’ fheoraich bean-uasal aon uair de lighiche co dhiu a bha snaosain cronail do’n eanchainn? “Cha’n eil,” ars esan, “oir cha do ghabh fear no te aig an robh eanchainn snaosain riamh!
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.,
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 32. p. 7]
Turas a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. V. —Air a leantuinn.
’N uair thainig na maraichean dluth bha eagal orra rithist roimh Chriosduidh na bu mho, do bhrigh gun do sheas e fa’n comhair, gun arm air ach a mhain armachd na fireantachd. Rachadh iad air an ais—oir bha gradh mor aca dha’n sgiobair—ach phut an Seann Duine Dearrsadh, agus phut esan Ceann-Cruaidh, agus mar sin air adhart, gus na theab iad Criosduidh fein a phutadh, neach a thuirt riutha a mhain, “Tha’n Tighearna dluth.” Thuit na maraichean air ais mar gum bitheadh iad air am bioradh le claidheamh da fhaobhar. Air do’n t-Seann Duine eagal a ghabhail gu robh gach cuis caillte, ruith e dh’ionnsuidh an toisich a toirt dulan do Chriosduidh, neach a chuir na aghaidh, a tarruing claidheamh an spioraid agus ’ga sadadh gu boillsgeach timchioll an t-Seann Duine ann un cuairt theine. An sin shuidhich Criosduidh e-fein dluth ris a chrann mhor, agus ghairm e na maraichean gu beachd a ghabhail air-san a bhasaich chum iad-san a thearnadh. Bha e mar fhamhair air urachcdh le fion ur. Chriothnaich an Seann Duine o ’cheann gu ’shail. Chaidh briathran Chriosduidh—a mheas na maraichean an deigh so mar shearmonachadh a chroinn-cheusaidh—a steach dh’ionnsuidh cridheachan luchd na ceannairc mar chumhachd an De chumhachdaich. Thiondaidh iad air falbh agus dh’fhag iad an Seann Duine gu ’dhan. Bha an suilean air am fosgladh agus ghabh iad grain dhiu fein. Dh’fhag Criosduidh iad a beachd smuaineachadh orra fein, air dha toirt fa-near gun ghabh iad aithreachas air son am peacaidhean; ni mo a thogadh e lamh an aghaidh an t-Seann Duine gus an robh iad dearbh chinnteach gum aingeal dorchadais a bh’ ann. Chruinnich iad mu thimchioll Timoteus, aig an robh aithe’ iomlan air slighe an Tighearna, agus labhair e riutha mu gach ni a rinn agus a dh’fhuiling an Tighearna, ag aithris nam briathran grasmhor a thuit o bhilean. Dh’eisd iad agus ghuil iad; bha eadhon Cridhe Cruaidh bruite na spiorad. Chriothnaich an Seann Duine fodh fhocal an Tighearna; dh’has a chorp rag, thuit e a thaobh a chuil, a shuilean a spleuchdadh agu a theanga mach.
Bathar Saor
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 32. p. 8]
EILEAN AN FHRAOICH.
LE M. MACLEOID.
Tha Leoghas bheag riabhach,—
Bha i riamh ’s an Taobh Tuath,—
Muir traghaidh is lionaidh
’G a h-iadhadh mu ’n cuairt;
N uair a dhearrsas a’ ghrian oirr’
Le riaghladh o shuas
Bheir i fas air gach siol
Air son biadh dh’ an an t-sluagh.
FONN:—
A chiall nach mise
’Bha ’n Eilean an Fhraoich!
Nam fiadh, nam bradan,
Nan feadag, ’s nan naosg!
Nan lochan, nan toban,
Nan osan ’s nan caol—
Eilean innis nam bo,
’S aite-comhnuidh nan laoch!
An t-Eilean ro mhaiseach,
Gur pailt ann am biadh;
’S e Eilean a’s aillt’ air
’N do dhealraich a’ ghrian;
’S e Eilean mo ghraidhs’ e,
Bha ’Ghailig ann riamh;
’S cha ’n fhalbh i gu brath as
Gu ’n traigh an Cuan Siar!
’N am eiridh na greine
Air a shleibhtibh bidh ceo,
Bidh ’bhanarach ghuanach
’S a’ bhuarach ’n a dorn
Ri gabhail a duanaig
’S i ’g uallach nam bo
’S mac-talla nan creag
Ri toirt freagairt d’ a ceol.
Air feasgar an t-samhraidh
Bidh sunnt air gach spreidh;
Bidh ’chuthag is fonn oirr’
Ri oran di fein;
Bidh uiseag air lon
Agus smeorach air geig,
’S air cnuic ghlas’ is leoidean
Uain oga ri lenm.
Gach duine ’bha riamh ann
Bha ciatamh ac’ dha,
Gach ainmhidh air sliabh ann,
Cha ’n iarr as gu brath;
Gach ian ’theid air sgiath ann
Bu mhiann leis ann tamh;
’S bu mhiann le gach iasg
A bhi ’cliathadh ri ’thraigh.
Nam faighinn mo dhurachd
’S e ’luiginn bhi og,
’S gun ghnotach aig aois rium
Fhad ’s a dh’ fhaodainn bhi beo;
Bhi ’n am bhuachaill’ air airidh
Fo shail nam beann mor’
’M bad ’s am faighinn an cais’
’S bainne blath air son oil.
Cha ’n fhacas air talamh
Leam sealladh a’s boidhch’
Na ’ghrian a’ dol sios
Air taobh siar Eilean Leoghais;
’N crodh-laoidh anns an luachair
’S am buachaill’ ’n an toir,
’G an tional gu airidh
Le al de laoidh og’.
Air feasgar a’ gheamhraidh
Theid tionndadh gu gniomh
Ri toirt eolais do chlainn
Bidh gach seann duine liath;
Gach iasgair le ’shnathaid
Ri caradh a lion,
Gach nighean ri cardadh
’S a mathair ri sniomh.
B’e mo mhiann bhi ’s na badan
’S ’na chleachd mi bhi og,
Ri direadh nan creag
Anns an neadaich na h-eoin;
O’n thaing mi ’Ghlascho
Tha m’ aigneadh fo bhron,
’S mi ’call mo chuid claistneachd
Le glagraich nan ord.
Dh’ fhalbh an t.Urr. I. F. Forbes air a charbad maduinn Di-luain s’a chaidh, air son a theaghlach a thoirt gu Sidni far am beil e nise steidhichte. Tha suil aige bhi air ais mu mheadhon na seachdain s’a tighinn.
Tha muinntir Beinn-a- Bhaola an deigh tagradh a chur gu Uachdaranachd Bhreatuinn air son bata-smuide bhith taghal aca. Roimhe so agus aig an am so fein, cha’n eil bata-smuide ’tighinn na’s faisge orra na Loch-Bhaoghasdail, da mhile air fhichead uapa agus tha aca ri’n cuid bathair a thoirt o’n phort sin ann am bataichean, agus tha e mar sin ro chosgail dhaibh, n thuilleadh air gu bheil an cladach agus an cuan gle gharbh ri’n seoladh. Tha faisg air da mhile sluaigh am Beinn-a- Bhaoghla, agus o’n tha bataichean smuide a’ taghal aig eileanan a cheart cho beag ris no na’s lugha na e, mar tha Hirt, Uidhist us Barraidh, cha’n eil teagamh nach faic maithean na rioghachd freagarrach gu’m biodh an iarrtus air a thoirt dhaibh.
Tha e air a radh gu bheil ann an cearn araidh de Shiorramachd Rois, teaghlach de throichean a comhnuidh. Bha ann dhiubh dithis bhraithread ns piuthar, ’s bha iad eadar tri troidhean us tri gu leth a dh’ airde. Chaochail an aon nighean o chionn ghoirid, an deigh dhith tri fichead bliadhna ’sa coig a ruigheachd. Bha iad ’nan triuir air beulaobh na ban-righ uair us uair re an da fhichead bliadhna ’chaidh seachad.
K. D. C
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’ againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 32 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 32. %p |
parent text | Volume 2 |