[Vol . 2. No. 33. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 10, 1894. No. 33.
Litir Strathalba.
FHIR MO CHRIDHE, —Tha thu o àm gu àm, a toirt duinn ainnan na feadhnach a tha gabhail, agus a dioladh air son, a MHAC-TALLA. Sin agud a phàirt cho taitneach ri leughadh ’s a tha ’nad phaipeir gasta. Tha na Gàidheil mar so a faotuinn eòlais air aon a chéile. Fhuair mi féin eòlas mar tha air àireamh nach b’ aithne dhomh gu so, agus doch’ air nach cluinninn iomradh gu bràth mur b’ e thu chur an ainm an ’s a MHAC-TALLA. Feuch nach sguir thu a bhi toirt duinn ainm a h-uile mac is nighean màthar a chuireas dollar a d’ ionnsuidh. Tre ’n MHAC-TALLA bheir sim crathadh làimhe dhaibh sud ged bhiodh na cuaintean eadaruinn. Cha n-e Mr Iain na aonar—slan iomradh air—a tha faotuinn eòlais air càirdean tre ’n MHAC-TALLA.
Chunna mi o cheann ghoirid gu bheil do phaipeir a dol do thigh Sgèaboist. Thug e fior thoileachadh dhomh fhaicinn gu bheil MAC-TALLA air a leughadh leis an uasal cheanalta, Lachlainn Sgèaboist, an t-uachdaran-fearainn a’s fearr an Alba. Agus thaobh ’s nach aithne do chuid de d’ luchd-leughidh fear Sgèaboist bheir mi le d’ chead, ann am beagan fhacal daibh cunntas air co e. Cha ruigear a leas a radh gur Gàidheal e, seadh agus mac an t-sàr Gàidheil, Dòmhnullach de chloinn Eachainn. Bha athair iomadh bliadhna na oifigeach anns an Ord an “Sléibhte ghorm a bharraich.” Mar sin is mac do Fhear an Uird Lachlainn Sgèaboist. Buinidh e thaobh a mhàthar do chloinn Leòid Ghéisto, meur de’n fhine chlùitich da ’m bu duchas Dumbheagain nan cliar. Rugadh fear Sgèaboist anns e bhliadhna 1833. Fhuair e bhreth is arach ann an eilean uaine ’cheò. Cha b’ann mar Ghall no mar Shasumach a fhuair e àrach. Theagaisgeadh da na òige bhi measail air a dhùthaich ’s air a chainnt. Tha bhuil; cha ’n eil an diugh an Alba o cheann gu ceann, gun tàire a’ thoirt do dhuine eile, neach anns a mò bheil de spiorad an fhìor Ghàidheil. ’Nuair bha e ochd bliadhna deug a dh’ aois chaidh e do na h-Innsean a dh’iarraidh ’fhortain: agus chaidh gu math leis. ’Nuair thainig e air ais cheannaich e Sgèabost agus Bearnasdul o bhràthair-a- mhàthar Coinneach Mor Ghéisto, mar theirte ris anns an Eilean Sgiathanach. Dh’ fhag an duine cliùiteach so cuimhneachan air fhéin ’san eilean ud, anns an tigh-eiridinn a dh’ àithn e chur air a chosdas féin anns an Eudan-Bhàn. Tigh anns am beil gach goireas agus sgil ri fhaotunn a tha feumail do luchd tinneis.
Thainig Lachlainn Dòmhnullach air ais as na h-Innsean anns a bhlidhna 1870 agus uaithe sin gu so tha e chòmhnuidh le a theaghlach, air oighreachd féin, far ’m bu chòir do na h-uile tighearna-fearainn a bhi. ’S taitneach a bhi cluinntinn gu bheil uaisleàn òga teaghlach Sgèaboist a leantuinn ri’n dualchas ann a bhi dileas d’ an cainnt ’s d’an dùthaich. Cha bu mhic mar an t-athair iad mar biodh sin mar sin.
Tha tuath Sgèaboist agus Bhearnasduil measail air an uacharan agus is fiach dhaibh sin. Chuala mi gur h-ann mar so a chum e Iubilee na ban-righ. Ghairm e ’n sluagh gu aon àite agus, an sin, thug e cothrom do gach neach a chroit, no a mhìr fearainn, féin a mheas. Agus a reir a meas a rinn iad fein bha ’m màl air a shuidheachadh orra o sin a mach. ’S ann mar chuimhne air a sin a chuir a bhana bhàrd na rainn so ri chéile:—
Chuir thu onair air a’ Bhàn-righinn
Riamh nach cuala neach a shamhladh
Air a dheanamh fo ’comannda
Bho ‘n la fhuair i snaim a crùin.
Chuir thu onair air na Gàidheil,
Air do chinneadh ’s air do chàirdean;
’S fhad ’s bhios anail aig na bàird
Gu‘m bi do chliù le gradh ga sheinn
Tha gach bantrach agus truaghan
Tha air d’ oighreachd is m’an cuairt di
’Guidhe slàinte ’s saoghail buain duit
Agus suaimhneas aig a cheann.
Tuigear o na chaidh ràdh gu ’m heil Fear Sgèaobist na uachdaran math agus na shàr Ghàidheal. Agus a measg gach dearbhadh eile air a run math do ’n Ghàelic tha e bhi cur fios air MAC-TALLA null a Chape Breituinn.
C. C.
Strathalba, P. E. I., Mart 6, ’94.
O’n Urr, D Domhnullach.
A CHARAID IOUMHUINN, —Tha mi a’ cur dollar ’san litir-sa air son a MAC-TALLA. Is math is fhiach e dollar. Mar is trice bheir beagan do dh’ oibir chruaidh air làe no dhà dollar gu duine; agus co a dhiultadh an dollar sin a thabhairt air son bliadhna do leughadh fallainn, grìnn, Gàidhealach, ann an deagh ordugh, mar a gheabhar sa MHA-CTALLA. Piseach oirbh!
UR CARAIDE, D. DOMHUNLLACH.
Port Hastings, C. B.
Tha’n t-side ’n deigh tionndadh brigha; tha’n sneachda a falbh a h-uile latha, agus tha blàths againn a tha rud-eigin coltach ri blàths an earraich. Leis an aiteamh a tha na ròidean fàs dona agus gu math doirbh faotainn trompa.
Cha d’ thainig geamhbradh oirnn riamh gun luch-fiosachd a bhi na lorg, a deanamh gach seòrsa fiosachd us fàisneachd air an urrainn do neach smaoineachadh. Tha fear ùr againn an dràsd, ag innseadh gu bheil stoirmnean gàbhaidh ri bhi ’san America Thnathaich so eadar an seachdamh latha dhe’n Mhart ’san treas latha deug a dh’ April. Ma thig an darra leth dheth na tha esan ag radh a thig tha ’n t-am againn uile bhi ’cur ar taighean an òrdugh. Tha sneachda ’s uisge, tàirneanaich us dealanaich, ’s moran de nithean eile dhe’n t-seorsa sin gu bhi ageinn. Tha iad ag radh gu bheil am fàidh ùr so cheart cho firinneach riBraley ’s Almanac, ’s ma tha fòghnaidh.
[Vol . 2. No. 33. p. 2]
MAIRNEALACHD.
Agus Rud no Dha Eile.
LE IAIN.
ANNS an aimsir a dh’ fhalbh bha na Gàidheil mòran ni bu bheachdaidhe na tha iad ’n ar latha agus ’n ar linn-ne. Cha robh guth no iomradh ’s an am ud air na nithean a tha ’togail aire agus inntinn an t-sluaigh an diugh air falbh o bhith ’toirt fa near na nithean iongantach a tha ri’m faicinn mu’n cuairt dhaibh anns an t-saoghal. Cha robh paipeirean-naigheachd ann, ’s an àm ud, a chum a bhith ’tarruinn an aire o ’n gnothaichean fhéin a dh’ ionnsuidh nithean a bha ’tachairt ann an ceàrnan eile dhe ’n t-saoghal, agus o nach robh, bha ’chuid bu ghlice agus bu tuigsiche de’n t-sluagh a’ gabhail beachd gu dlùth air gach ni a bha mu’n cuairt dhaibh, araon air muir agus air tìr. Bha iad gu sònraichte a’ gabhail beachd air mar a bha ’n t-sìde ag atharrachadh o àm gu àm eadar da cheann na bliadhna. Ged nach robh iad fòghluimte anns an t-seadh anns am bheil am facal Foghlum, air a thuigsinn ’n ar measg-ne air an latha ’n diugh, bha iad glé fhòghluimte ’nan dòigh fhéin. Bha leabhar mòr nàdair fosgailte fa’n comhair o latha gu latha, agus am feadh ’s a bha iad gu glic, dichiollach a’ feuchainn ri ’m beo-shlaint’ a thoirt à muir ’s à tìr, bha iad aig a’ cheart àm a’ gabhail beachd air mar a bha aimsirean na bliadhna’ tighinn a steach, agus air na comharraidhean leis am faodadh iad a thuigsinn cuin a dh-atharraicheadh an t-sìde. ’N ar latha ne, tha iomadh dòigh aig àrd luchd-fòghlum air fios fhaotainn air mar a tha atharrachadh gu tighinn air an t-sìde air nach robh fios sam bith aig duine beò a bh’ air ur uachdar au t-saoghail o chionn ceud, no ceud gu leth bliadhna roimhe so. Ged a tha so fìor, tha e mar an ceudna fìor gu ’m b’ fheàrr a b’ aithne do ’n chuid mhòir de na seann daoine, na comharraidhean leis am faoidte aithneachadh gu robh an t-sìde gu atharrachadh, na ’s aithne do ’n chuid a ’s mò de na bheil an diugh beò, a dh’ aindeoin an cuid ghlaineachan.
Neo-ar-thàing nach ’eil spalpairean òga gu leòr ann an diugh a ni spòrs agus feala-dha gu tric mu na beachdan a bh’ aig na seann daoine còire o ’n d’ thàinig sinn. Tha iad an duil nach ’eil an leithidean fhéin idir ann. Tha iad tuilleadh is glic nam barail fhèin, agus tha fhios againn gur e comharra ’n dearg amadain duine ’bhith glic ’na bharail fhèin. Air a toradh aithnichear a’ chraobh. An uair a tha mi cumail a mach gu robh na Gàidheil a bh’ ann o chionn cheudan bliadhna ni bu ghlice ann an iomadh dòigh na Gàidheil an latha ’n diugh, faodaidh cuid a bhith ’g iarraidh dearbhaidh orm. Cha ’n ’eil e idir duilich dhomh dearbhaidhean ann am pailteas a thoirt seachad. Thugamaid fa near na tha de shean-fhacail ann am measg nan Gàidheal gus an latha ’n diugh. Dh’ aisigeadh a nuas dhuinn iad o linn gu linn. Nach anabarrach mòr an gliocas a th’ air fhilleadh a steach annta? C’ àit am faighear spalpaire, òg, fòghluimte, eadar Taigh Iain Ghròt an Gallaobh, agus caolas-na-Frainge, a chuireas briathran an altaibh a chéill, aon chuid an Gàilig no ’m Beurla, cho math ’s a th’ againn anns na sean-fhacail? Nan d’ rinn sinne a tha beò an diugh uibhir a dh’ fheum de gach cothrom a shealbhaich sinn ’s a rinn na seana Gàaidheil de na cothroman a bh’ aca fhéiu, bhiodh gach aon dhinn mòran ni bu ghlice, agus ni bu tuigsiche, agus ni b’ fhòghluimte na tha sinn.
Feumaidh mi ainmeachadh mu ’n teid mi ni ’s fhaide nach ’eil mi ’toirt làn-chreideas do gach ni a dh’ fhaodas mi chur sìos an so, ged a dh’ aidich gu bheil beachd àrd agam air gliocas agus tuigse nan seana Ghàidheal. Is e th’ anns an amharc agam cunntas a thoirt seachad air na beachdan a bh’ aca, cho fad ’s is fhiosrach mi.
Aìr eagal gu faod cuid a bhith ann nach tuig ciod a th’ air a chiallachadh leis an fhacal, “MAIRNEALACHD,” faodaidh mi ràdh gu bheil e ’ciallchadh, An t-eolas leis am bheil e comasach, ann an tomhas beag no mor, air innseadh gu bheil an t side gu atharrachadh no gu mairsinn mar tha i. Tòisichidh mi ma ta aig toiseach na bliadhna. Tha sean-fhacal ann a tha ’g ràdh. “Bidh aithne na bliadhna gu léir aig fear na h-aon oidhche.” A réir eachdraidh an t-sean-fhacail, tha so a’ ciallachadh, gu faod am fear a thachras a bhith air chuid oidhche ann an taigh anns nach robh e eòlach, fios a bhith aige air an dòigh anns am bi muinntir an taighe caitheamh am beatha fad na bliadhna, ma ghabhas e beachd sònraichte air gach ni a chi ’s a chluinn e, agus air gach biadh a chuirear ’na làthair. Bha na seana Ghàidheil a’ creidsinn gu faodadh iad mòran fiosrachaidh fhaotainn mu thimchioll co dhiu ’bhiodh aimsirean na bliadhna gu math no gu h-olc le beachd cùramach a ghabhail air ciod i a’ ghaoth a dh’ fhàgadh an t-seana bhliadhna aig a’ bhliadhn’ ùir. A chum fios fhaotainn air ciod i a’ ghaoth a dh’ fhagadh a’ challaig cha ghabhadh iad mu thamh gus an tigeadh a’ bhliadhn’ ùr a steach. So mar a chuala mi na briathran:—
“Ma’s gaoth a’ deas,
Teas is toradh;
Ma’s gaoth a’ tuath,
Fuachd is feannadh;
Ma’s gaoth an ear,
Meas air crannabh;
Ma’s gaoth an iar,
Iasg gu caladh.”
Ann an Uidhist ’s e theireadh iad mar bu trice, “Ma’s gaoth an iar, iasg is aran,” no “iasg is bainne.” A réir choltais gu robh na seann daoine a labhair na briathran so an toiseach, agus na daoine a bha ’gan gnathcàhadh o chionn ionhdh linn, a’ creidsinn gur i a’ ghaoth a dh’ fhàgadh a’ challaig a’ ghaoth bu trice a bhiodh a’ séideadh fad nu bliadhna. Cha ’n ’eil mi’ gabhail orm fhein a radh co dhiu tha gus nach ’eil am beachd so fìor, ach tha e comharraichte gur ann o ’n deas a bha a’ ghaoth a’ séideadh an uiridh agus am bliadhna an uair a thàinig a’ bhliadhn’ ùr a steach, agus gu robh a’ ghaoth ni bu trice o ’n deas am bliadhna ’s an uiridh anns a’ Ghaidhealtachd na ’s cuimhne le bheag a tha beò. Tha e furasda gu leòr dhuinn a thuigseinn gu faodabh a leithid so ’tachairt gu math tric ’s an àm a dh’fhalbh, agus o’n a bha na daoine a bh’ ann o shean an dùil gu’ m biodh an aon ghaoth a’ séideadh aig an aon àm anns gach cearn de ’n t-saoghal, bha e nàdarra gu leòr dhaibh a bhith creidsinu gu faodadh “aithne na bliadhna gu leir a bhith aig fear na h-aon oidhche. Bha teas is toradh gu leòr anns a’ Ghàidhealtachd an uiridh, ach cha’n urrainn duinn so a ràdh am bliadhna. Ach gabhamaid beachd beagan ni’ s dlùithe air na briathran so. Tha, agus bha, agus bithidh a’ ghaoth a’ tuath fuar. Tha ’n sean-fhacal ag ràdh.—
“Ged thigeadh a’ gaoth a’ tuath ’san Iuchar
Bidh am fuachd ’na fochar.”
Mar is trice is ann leis a’ ghaoith a’ tuath a thig na sneachdannan is truime ’s is buaine a chithear anns a’ Ghaidhealtachd fad na bliadhna. Is iomadh uair a thig pailteas sneachda o’n deas,
[Vol . 2. No. 33. p. 3]
ach cha mhair e ùine sam bith, Tha ’n sean-fhaeal ag radh:—
“Cha tig uisge mòr o’n tuath,
’S cha tig sneachda buan o ’n deas.”
Tha sean-fhacal eile ann a tha ’g ràdh:— “Aiteamh na gaoith a’ tuath t-sneachda—tuilleadh a chur ’na air an cheann.”
Chi sinn uaith so ma bhios a’ ghaoth o’n tuath ro thric fad a’ gheamhraidh ’s an earraich gu ’m bi mòran sneachda, agus reothaidh, agus fuachd ann. A’ bhliadhna ’bhios so mar so faodar a bhith cinnteach gu ’m bi am fodar gann; agus air an aobhar sin, bidh crodh is eich is caoraich a’ faotainn a’ bhàis leis a’ chaoile mu ’n tig a’ Bhealltuinu.
Tha ’ghaoth a’ deas an còmhnuidh blàth. Eadhon an teis meadhon fuachd a’ gheamhraidh agus an earraich tha a’ ghaoth a’ deas mòran ni’s blàithe na gaoth sam bith eile. An àm an fhàis tha ’ghaoth a’ deas ro thlusar agus ro chaomhail ris na lusan maotha ’n uair a tha iad a’ gobachadh troimh ’n talamh. Agus o’n a tha toradh na bliadhna ann an tomhas mòr gu bhith a reir ceud fhàs a’ bharra, tha e so fheumail gu ’m biodh gaoth bhog, bhlàth o ’n deas ann an àm an fhàis. Mar is trice is ann o’n deas a thig na h-uisgeachan a thaisicheas an talamh an uair a tha e air ghlasadh suas gu teann cruaidh le reothadh is fuachd a’ gheamhraidh. Aig àm na curachd is miann leis gach neach a chuireas pòr sam bith ’s an talamh gu ’n tig frasan de ’n uisge a chum gu ’n taisichear am fonn agus an siol a chuir iad ann. Mar a tha fios againn, ged nach ’eil a’ ghaoth a’ deas fuar tha i fionnar. Tha fionnarachd a’ toirt meirt agus cuideachaidh araon do ’n ainmhidh agus do ’n lus an uair a tha ’n teas tuilleadh is mòr.
Mar an ceudna, is ann an uair a bhios a’ ghrian an cridhe na h-àird a’ deas is mò teas an latha, Mar so tha blàths is taiseachd is fionnarachd a’ tighinn o’n deas. Cha ’n ’eil e na ioghnadh sam bith gu robh an sluagh a bha ’nan còmhnuidh ann an cearn fuar de ’n rìoghachd ag amharc ris an àird a’ deas air son bìdh agus blàiths—da ni as aonais nach b’ urrainn daibh a bhith aon chuid toilichte no comhfhurtail. Bha iad a reir choltais a’ creidsinn gu robh gach ni ceart ri tighinn o’n deas agus gach ni cearr ri tighinn o ’n tuath! ’Nan sealladh bha deiseal is tuaitheal coionnan ri ceart is ceàrr. B’ e ’n car deiseal an car ceart, agus b’ e ’n car tuaitheal an car ceàrr. Mar is trice theirear gus an latha ’n diugh a’ “chearrag” ris an làimh chlì—an lamh a bhios ris an tuath an uair a sheasas duine agus ’aghaidh ris an àird an ear. Tha ’n da fhacal so, “cearr” agus “cli.” a’ ciallachadh an aon ni an so.
Ged nach tig a’ bheag de shneachda o ’n aird an ear, tha ’ghaoth an car gle ghreannach fuar aig gach am. Tha ghaoth ni ’s trice o ’n car anns an earrach na tha i aig àm sam bith eile de ’n bhliadhna. So an t-àm anns am bi na craobhan a’ cur a mach an duillich, agus mar a tha fhios aig a h-uile gàradair, seargaidh a’ ghaoth an car an duilleach og, maoth’ ni ’s luaithe agus ni ’s mò na gaoth sam bith eile. An uair a theid a’ cheud duilleach air ais le seargadh na gaoith an car, ged a dh’ fhaodas cuid mhath de mheas cinntinn air na craobhan ’s air na preasan, cha bhi am meas mar is trice ach meanbh. Is ann air a shon so a thuirt an seann duine, “Ma ’s gaoth an ear a dh’ fhàg a’ challaig, meas air crannanh.” Is minic a chuala mi daoine ag ràdh an uair a bhiodh seachduin no deich latha de shìde tioram, fuar ann le gaoith an ear, gu robh i anabarrach crainntigh. Tha ’chrann-lach agus an lach-riabhach cho coltach ri’ cheile ann an cumadh ’s an dath ri da cun a b’ urrainn duinn ’fhaicinn, ach o ’n a tha chrann-lach beag; meanbh, thugadh a’ chrann-lach mar ainm oirre. Ma tha aon a dh’ ainmhidhean an achaidh beag, meanbh, meata, theirear gu bheil e crainntidh. Tha “meas air crannadh” a’ ciallachadh, “meas seargta,” (shrivelled fruit. )Tha e coltach nach cuir a’ ghaoth a’ tuath na measan air an ais mar a ni ’ghaoth an ear, ged a bhiodh i ’s eideadh gu math tric fad a’ gheamhraidh ’s an earraich. Dh’ innseadh dhomh gur ann a bhios a’ chraobh mheas ni’s toraiche na b’ àbhaist dhi a’ bhliadhna a bhios an geamhradh fuar, reòta, do bhrìgh nach leig am fuachd ’s an reothadh leatha a duilleach a chur a mach ro thrath air a’ bhliadhna.
(Ri leantuinn.)
LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.
Chaidh eaglais mhòr a b’ fhiach fichead mile dollar a losgadh gu làr ann am baile Chuebec oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 33. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna,- - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MART 10, 1894.
Tha Mr. Gladstone an deigh leigeil dheth a bhi na Phriomh Mhinisteir. Bha’n aois agus an obair a laidhe gu trom air, bha a fhradharc ’sa chaistinneachd ’g a fhàgail, agus air an aobhar sin b’ fheudar dha toirt suas. Rinn Gladstone obair mhòr do’n rioghachd ’na latha ’s ’na ghinealach fhéin, agus tha e fàgail obair mhor aca-san a tha ’na dhéigh. Ghabh e mòran os làimh air a bhiadhna s’a chaidh, agus cha robh e comasach air a chuid bu mhò a thoirt crìch; cha’n e mhàin sin ach bheir e ’n leòr dhaibhsan air an tuit fhaluinn a toirt gu crìch. Gheall e féin riaghladh do dh’ Eiriun, agus rinn e dhichioll air a thoirt dhaibh ach dh’ fharitlich air. Chuir e roimhe mar an ceudna moran nithean eile dheanamh nach d’ fhuair e cothorn air a dheanamh. Tha iad so uile air am fàgail aca-san a lionas àite agus ’si a cheist am beil iad deònach no comarach air an deanamh. Tha Morair Rosebury a nis na Phriomh Mhinisteir, duine tha cheana déigh a thapachd ’sa ghleustachd a chur an céill. Tha e mar an ceudna na dhuin’ òg an tréine ’neart agus bu choltach dha a bhi na dheagh fhear-stiùiridh.
Tha pàrlamaid New Brunswick ri bhi cruinn air a chòigeamh latha deug dhe’n Mhàrt, agus pàrlamaid Eilean a’ Phriunnsa air a chòigeamh latha fichead. Ann an cuid de na Stàitean cha’n eil na pàrlamaidean cruinn ach uair ’san dà bhliadhna, agus tha gu leòr ’san dùthaich so a tighinn gu bhi dhe’n bharail gu’m faodadh na pàrlamaidean beaga tha aig mor-roimnean Chanada an gnothuichean a chumail air adhart a cheart cho math ged nach biodh iad cruinn an ceann a h-nile blianhna. Tha fios a dh’ aon rud nach biodh iad cho cosgail sa tha iad aig an am so. Cha’n eil an obain a tha aca ri dheanamh cho mor no cho trom ’s fhaodadh iad an gnothuch a dheanamh le suidhe gach darna bliadhna.
NAIDHEACHDAN.
Na dean dearmad air do dhollar a chur gu MAC-TALLA air an t-seachdain so. Tha e gle fheumach air agus bidh e fada, fada na d’ chomain.
Tha Wheary, am balbhan a mhort bean a bhràthar ann an Fredericton, N. B., ’s a bha air a dhiteadh gu bàs, air a shaoradh òn chroich. Tha e ri bhi ’san tigh-oibreach ri ’bheò.
Tha prìs a chruithneachd air tuiteam gu mòr ann am Breatuinn. Tha e nise na’s ìsle na bha e riamh roimhe, ’s cha’n eil a choltas air gu’n àrdaich a phrìs a dh’ ath-ghearr.
Thoir comhairl’ air do nàbuidh, a bhios a’ gabhail iasad dhe’n MHAC-TALLA uat a h-uile uair a thig e agus feuch ri toirt air cur ’ga iarraidh dha fhéin. Tha e cheart cho comasach air dollar a phàigheadh riutsa.
Tha bruidhean aig muinntir Shidni an dràsd air drochaid a thogail thairis air Muggah’s Creek gus am baile a cheangal ris an International Pier. Ma chuirear an drochaid so suas ni i feum mor do’n bhaile, oir cumaidh i mòran malairt ann a dh’ fhaodadh a dhol taobh eile as a h-aonais.
Bha fuachd mòr aca ann an Newfoundland air an t-seachdain s’a chaidh. Tha sneachda anabarrach trom air tuiteam air a gheamhradh so. Bha ’n carbad-iaruinn ann an aon àite a feuchainn ri dhol astar cheithir fichead mile ’sa deich, ach bha’n sneachda cho mòr ’s nach robh e ’n ceann da latha dheug ach beagan us leathach an rathaid.
Tha fir nan each luatha a’ gabhal cothrom na deighe agus a fiadhachadh gach chéile gu réisean. Bha réis air a cur a aig Sidni-a- Tuath Di-màirt s’a chaidh eadar fear Mac-Coinnich as an Eilean Mhòr agus Gus Ball a mhuinntir a bhaile so. Choisinn each ’Ic Coinnich an latha sin, ach tha sinn a tuigsinn gu bheil rompa réis eile chur air an t-seachdain s’a tighinn, ma bhios an deigh freagarrach, rud nach bi ma leanas an t-sìda cho blàth sa bha i air an t-seachdain so.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
[Vol . 2. No. 33. p. 5]
COMHRADH.
AM MAIGHTIR-SGOILE AGUS CALUM POSTA.
(Atr a leantuinn.)
CAL. —Nach iongatach leam sibhse, duine tuigseach! c’ àit am faigh iad an sgillin? C’ àit am faigh Miss Christina Mac O’ Shenag an sgillinn, té nach do shìn a làmh riamh ri ladar nam bochd o’n a rugadh i, ’s nach ’eil a’ faotainn air son a ciridh ’s a cladaidh ach rùsg clòimhe, no sliasaid bhragsaidh? Tha mise ’g radh riut nach ’eil de dh-airgiod odhar ’s an duthaich na dhioladh fios-freagairt do na tha ’n sin. Faodaidh na foirfich ùra ladair nam bochd a chur air na sparran taobh carbad nam marbh. abradh am ministeir mar thogras e “Cuimhnichibh na bochdan,” no mar thubhairt am ministeir òg a leugh dhuinn an t-searmoin thioram, chutach a sheachdain o’n Dòmhnach so’ chaidh, “Cuimhnichibh na buic;” ach coma, cuimhnichidh iad na litrichean. Ar leam gur léir dhomh Eoghan figheadair ’s an sgillinn ruadh ’n a ghlaic, ’n uair tha ’m foirfeach mor a’ cur nunn an ladair; tha Eoghan a’ toirt sreothairt àird agus a’ cromadh a chinn mar le nàir gus an teid an ladar seachad; am ministeir ag ràdh “Cuimhnichibh na bochdan,” ach guth beag eile ’g radh, “Cuimhnich litir Ailein s’ na delaich ris an sgillinn.”
EOGH. —Ma ta, Chaluim, ’s mi nach deanadh e; an àite sin ’s ann a bheir mi barrachd ’s a thug mi riamh. Bu neo-shuairce mi-thaingeil mi mur tugadh. Cha robh mo bhonn-a- se riamh air deireadh ’s tha dòchus agam nach bi; ’s beag tha fhios cia luath ’s a bhios mi ’n a eisimeil.
M. SG. —Togamaid d’ ar seanachas faoin; ach fheara, o’n tha na litrichean a nis air an seorsachadh, nach mor an t-sochair so da-rireadh? Comas aig daoine bochd’ eadar da cheann na rioghachd air seanachas a dheanamh ri an càirdean, agus eòlas a chumail orra; daoine bochda ’s eiginn dealachadh r’ an cloinn a dheòin no dh’ aindeoin, ’s an cur gu Galldachd gu cosnadh, gu ’m faod iad iomradh fhaotainn orra uair ’s a’ mhios fad na bliadhna air son fiach an leth-bhodaich ghrainde; agus cluinn mi, Chaluim, thor thusa leat gu ’m faod gillean bochda, no caileagan blath-chridheach ’tha aig cosnadh a nis, leth-chrùn no crùn, no ’bheag no ’mhor mar a thogras iad a chur dhachaidh a dh-ionnsuidh an cairdean le dol do ’n Phost Office a’s dlùithe dhoibh agus leis an airgiod a thoirt a stigh an sin, gheibh iad litir-chreideis a dh-ionnsuidh Post Office an àite ’s am bheil an càirdean a chòmhnuidh, agus diolar dhoibh e cho poncail, fhirinneach, ’s ged thigeadh iad fhéin a h-uile ceum air bonnaidh an cas leis dhachaidh; agus cuimhnich so, cha ’n urrainnear a ghoid no ’thoirt as an litir; cha dean an litir-chreideis maith do neach ach dha-san d’ am buin i, Faodaidh mac Eoghain da sgillinn-deug Shasunnach, no pound Sasunnach, beag mor mar a thogras e ’chur dhachaidh a Sasunn g’ a ionnsuidh gun chunnart a chall no dol am mearachd; agus so le fior bheagan a phàigheadh air son an saoithreach. Cuiridh se sgillean mar so dhachaidh da phunnd Shasunnach.
CAL. —Cha ’n fhaod mi radh nach ’eil seorsa de thuigse ’s a’ chuis sin; cha robh fhios agam air a sin; ach coma, cha ’n fhaic mi fhein ciod am moran rath ’tha ’n lorg an airgid a tha na gillean gaolach ’s na caileagan laghach a’ cur dhachaidh; cha ’n iad na daoine bochda ’bu mhiann leo-san fhaotainn a tha ’g a shealbhachadh, ach coma co dhiubh, cha ’n abair mi tuilleadh air an am. ’S fhad’ o’n a chuala mi, “Mar a leagas Murchan ithidh Mearchan.”
M. SG. —Nach taitneach an ni ’bhi ’mothachadh mar tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh le innleachdan ura, mar tha eòlas a’ craobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail; rioghachdan a’ dluthachadh r’a chéile. ’S usa gu mor dol a nis do Lunnuinn na bha e ’n laithean m’ oige dol do Ghlaschu; agus air son Ghlaschu, nach ’eil e aig an dorus? Na carbadan iarauinn a’ siubhal deich-mile-fichead ’s an uair; litir o Lunnuinn an tri laithean; am paipear-naidheachd againn fliuch o’n chlo-bhualadh! Co ’nis a bhiodh a’ ruith gu bata-deathaich no soitheach-seolaidh le litir? co a dh’ earbadh litir ris a’ Cheannaiche mhor e fhein, no ri fear eile a chailleadh i air an rathad, ma dh’ fhaoidte, air neo a bheireadh dhachaidh ’n a phòc i; ’n uair a dh’ fhaodar air son aon sgillinn a cur leis a’ phosta, ’s e cho cinnteach gu ’n ruig i’n t-aite ’tha air a shonrachadh dh’ i ’s gu ’n ruig a’ ghrian ud shuas an cuan mor a tha cul Irt nan eun fionn, an nochd mu ’n caidil i. Mo bheannachd air an riaghailt ghasda, agus soirbheachadh dhoibh-san a smaointich oirre. Cha’n fhaod an
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 33. p. 6]
riaghailt so gun chinneachadh.
CAL. —Cha ’n abair mi diog, ach chi sinn; air mo shon fhein cha leir dhomh am mor fheum a th’ anns a’ chabhaig so ’tha ’sgaoileadh thar an t-saoghail a nis, a h-uile h-aon agus a h-uile ni ’n a chabhaig: carbaid iaruinn a’ falbh leth-cheud mile ’s an uair; gu de dheth sin? Am bheil so ach a’ mealladh dhaoin’ o’n dachaidh. Nach fhaic thu daoin’ a b’ àbhaist a bhi glic, a nis mar gu ’m biadh teine-sionnachain air an earbaill: cha ’n fhan iad seachduin aig an tigh, ach air an ais ’s air an adhart; a mach an Dun-eideann an diugh, ’s an Lunnuinn am maireach; aiteachan nach fhaca na daoine coire bho ’n d’ thainig iad, riamh; agus nach ’eil a bhuil, a h-uile sgillinn a chruinnich iad aig an tigh ’g a chost air falbh. Am bheil ar tighearnan a nis na’s fialaidh, na’s iochdmhoire, na’s cairdeile? Cha ’n fhiach leo am mal fhein a thogail a nis, ach Baillidh mor ’s Baillidh beag, sgriebhadairean ’s luchd-lagha, maor coille, maor sratha, agus iad fhein, uachdarain na tire ’siubhal leth-cheud mile ’s an uair, troimh Shasunn no’n Fhraing. Ma thig so gu rath ’s iongantach leam-s’ e; agus innsibh so dhomh. Am bheil na tuathanaich na’s cothromaiche? mo chreach ’s mo léireadh, ’s ann agam a tha fhios nach ’eil. Am bheil ar fleasgaich na’s modhala, na’s foghaintiche, ar maighdeanan nà’s modhala, na’s malda, na’s beusaiche? Am bheil an co-thional a mach air an fhaiche sin shios air latha na Sabaid na’s tlachdmhoire na bha iad an linn d’ òige? Ach coma co dhiubh, ars’ thusa, tha Glaschu aig an dorus; thig litir a Lunnuinn an tri laithean; siubhlaidh daoin’ air rathaidean iaruinn na’s luaithe na ni gobhlan-gaoithe air iteig— ’s mor a’ chulaidh-bhosd sin. Thig cnap feola dhachaidh a Giaschu ’n aite ’bhi marbhadh a’ mhairt reamhair; gheibhear slinnean tana caorach o’n bhuth an aite bhi ’feannadh nam mult mòra—nach mor an t-sochair sin? Coma leam an spiocaireachd thruagh! Tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh! Tha mi cho sgith de ’n t-seanachas so ’s a bha ’n losgann de ’n chleith-chliate? Cha robh ’s na daoine bho ’n d’ thainig sinn ach na baothairean—ud, ud, cha robh! a chionn nach robh aca litrichean saora; ach bha fearrann saor aca, agus cairdeas saor, agus biadhtachd shaor; agus mur robh na paipeirean-naidheachd lionmhor bha paipeirean a bu luachmhoire lionmhor. Gheibhinn iasad choig puinnd Shasunnach air m’ fhocal, far an diugh nach fheòraichear. An tu so a Chaluim? Gabhaibh mo lethsgeul, ach sin agaibh-s’ an fhirinn—thug sibh fhein a mach i lion beagan a’s beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan; ach slàn leibh—cuirbh a’ mhaileid far nach ruig na radain oirre.
Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads.I. M. CAIMBEAL.
Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.
Leighseadh mise o’n loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.
Chualas Michéal Carrol, Eirionnach a mhuinntir Buctouche, N. B., an latha roimhe ag radh. “A dhuine, ’s ann againn ’tha ’n geamhradh! Tha mi air fàs seachd sgìth a bristeadh nan ròidean. ’S ann tha mi toirt a chreidsinn orm fhein gu bheil mi a’ fàs sean. Ach cha bhi mi air an earrach so ’tighinn ach ceithir fichead bhiadhna ’sa h-ochd deug.”
LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt.
Theabas Aonghas Dòmhunllach, aon de na fir-Phàrlamaid a tha againn an Halifax a bhàthadh eadar so us Sidni-a- Tuath oidhche Di-luain s’a chaidh. Bha e tighinn dhachaidh o’n Mhèinn-a- Tuath air an deigh; chaidh an t-each bhar an rathaid agus bhrist an deigh fodha. Mur biodh gu’n d’ rainig cuideachadh gu math ealamh, bha e air a bhàthadh. Tha sinn toilicht bhi faicinn an Domhnullaich air chomas dol mu’n cuairt a rithist ’s nach d’ thug e tinneas sam bith as an fhliuchadh a fhuair e
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
K. D. C
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 33. p. 7]
Turas a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. V. —Air a leantuinn.
Ghlac na maraichean e agus thubhairt iad, “Ciod a nithear ri nàmhaid ar Tighearna?” Dh’fhreagair Timoteus “Bitheadh e mallaichte.” An sin thainig Peadar agus Tòmas, agus dh’amhairc iad gu geur an t-Seann Duine. Shéid agus spùt esan. Ghlaodh Peadar, “Fhuair mi thu, O mo nàmhaid; co thusa ach an t-seann nathair o Fhéin-Earbsa?” “The thu am mearachd.” arsa ’n Seann Duine, agns thoinn agus lùb e agus spùt e mach teine. Chriothnaich Peadar agus a chuid eile ’na làthair; air dhasan neart a ghabhail sgròbaich e mach air a chliathaich, agus chaidh e fodha le sheid anns na tuinn. Dh’amhairc iad ’na dhéigh ach cha robh ni ri fhaicinn ach cobhar. Rinn na h-uile gairdeachas mar gu’m biodh a phlàigh a ghluaiseas an dorchadas, no an sgrios a mhilleas mu mheadhon-là, air an toirt air falbh. Chaidh na maraichean le aon chridhe agus aon ìnntinn dh’ionnsaidh Chriosduidh ag radh, “Pheacaich sinn an aghaidh Fhlaitheanais agus ad làthair-sa. Dh’ irislich siad iad féin fa ’chomhair, agus thubhairt iad, Guidh air Dia, ma dh’ fhaodar, gu maithear smuain ar cridheachan.” Air do Chriosduidh am faicinn umhail, thubhairt e, “Cha d’ rinn sibh olc air bith orm-sa; pheacaich sibh ann a bhi ’g àicheadh an Tighearna a cheannaich sibh agus a ghràdhaich sibh le gràdh siorruidh.” Rannsaich iad an cridheachan, dh’iarr iad a bhi air an slànuchadh o’n cùl-shleamhnachadh, agus dh’oidhirpich iad chum nach di-chuimhnicheadh iad na briathran, “Biodh gach anam umhail do na h-àrd chumhachdaibh, oir cha’n eil cumhachd ann ach o Dhia, agus na cumhachdan a ta ann, is ann le Dia a dh’òrduicheadh iad. Air an aobhar sin, ge b’e air bith a chuireas an aghaidh a chumhachd, tha e ’cur an aghaidh òrdugh Dhé; agus iad-san a chuireas na aghaidh gheibh iad breitheanas dhaibh féin.” Bha iad air an ath-nuadhachadh ann an spiorad an inntinn agus comasach air a radh, Chunnaic sinne agus tha sinn a’ toirt fianuis gu’n do chuir an t-Athair a Mhac gu bhi ’na shlànuighear do ’n t-saoghal. Mar so cha’n e mhain gu ’n d’fhàilnich an Seann Duine ’na rùn, ach mar an ceudna bha na maraichean air an daighneachadh anns a chreideamh.
Bathar Saor
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 33. p. 8]
CUMHA
Do Niall Mac-Ill-Leathain.
Gille og, cliùiteach a mhuinntir Straithlathurne ann a Siorramachd Inbhir-nis an Ceap Breatuinn, a chaochail o chionn beagan bhliadhnaichan. Bha e na dhuine eireachdail ann an coltas, siobhalt ann an gniomh, agus ro-thaitneach anns gach dòigh. Chuir a bhàs mulad mor air gach aon do b’ aithne e, gu sònraichte le bhi air aobharachadh le sgiorradh. A chas a bhristeadh le tuiteam a carbad-siubhail, anns a robh e féin agus companach a gabhail turuis air feasgar, bòidheach samhruidh.
Thug am post ugainn sgeul
Nach robh taitneach leam féin ’bhi fior;
’S iomad fear agus té
’Bheir e osann nach réidh fo ’n cliabh;—
Gur i ’n diubhail a ’s geur
Air Strathlathurn a dh’éirich riamh
Bàs an oganaich threun,
’Bha ro-thaitneach am beus ’s an gniomh.
’Neill Dhònnachaidh ’C Ian-bhàin,
Bu tu ’n t-òganach àluinn grinn,—
’S iomad cridhe ’bhios cràit
Cho ro-thrathail sa dh’ fhàg thu sinn;
Bidh gach sean agus òg
’Thuair eòlas do chòmhraidh bhinn
Fo throm mhulad ’s fo bhròn
Gun deach thusa ’s an chòmhdach lin.
Fhir a chridhe bha blàth,
Fhir bu choimhneile mànran beòil,
Fhir bha misneacheil àrd
’S a bha measail air gràdh ’us ceòl,
Fhir ’thug t-inntinn a ghnà
Do gach grinneas a b’ àluinn seòl,
’S e do phasgadh ’s na clàir
Chuir fo mulad na dh’ fhàg thu beò.
Tha do chàirdein gu léir
Fo throm mhulad ad dhéigh ’s fo sprochd:
Iad a meòrachadh géir
Air do ghniomharan treun gun lochd;—
Ged a thilleas gach treud
Air an ceumanan fhéin an nochd,
Cha d’thug ulaidh nan ceud
’Tha na laidhe leis-féin sa chnoc!
Bu mhor maise do ’n àit
Fear do choltais ’bhi tàrmunn ann;
Bu chliù cinneadh gu bràth
Fear do shuairceis ’bhi ’n clàr an dream;—
Ged bha Leathainaich àrd
Ann am Mula nan sàr ’s nan beann,
Cha d’ thug Eachunn do ’n bhlàr
Fear a b’fhearr no thu thairneadh lann.
Bha thu ’d dhuine gu d’ chùl,
Bha thu ’d shaighdear ’s gach cùis gun fhiamh,
S on a b’ aithne dhomh thu,
Cha robh mearachd no lùb na d’ ghmiomh;
’N am coinnachaidh ’san bhùth,
’N tric a dh’ òl sin le sunnd am fion,
’S beag a shaoilinn gur tu
Bhiodh cho og ann san ùir a crion.
Gur i smaointinn gun bhuaidh
Thug air thuras thu suas an Gleann:
Air do thilleadh a nuas,
Thuair thu ciorram ’s be ’n truaighe bh’ ann!
Ged bu smiorail gach uair
Agus eallamh thu ’n crudal teann,
Chaill thu ’n cothrom bu dual,
’S chuir sin acaid ro-bhuan ad fheoil.
Chuir sin acaid ad chom
A thog fiabhras ro-throm na dhéigh,
Cha robh dotair san fhonn
Na fear skill ann air bonn gu d’ léigh;
Dhag sin muladach, trom
Iomad caraide ’bha sealltuin geur
Gun robh ’n uine teachd teann
Ann sa ruigeadh tu ceann do reis.
Ged is duinte tha ’m beul
Bhiodh a labhairt le rian gach la;
Ged tha ’n t’ sùil sin gun leus
San robh sealladh ’bha ciatach blàth;
Ged tha ’n cridhe bha fial
Ann san duslaich gu dian a cnamh,
’Sann an cuimhne nan ceud
Bhios gach caoimhneas ’bha ’Niall a tamh.
Ged a leanain gach la
Air do chliù ’chuir an Gaidhlig sios,
Gheibhinn moran ri rath
Mu do shubhailcean ard bha m’ riar;—
Bheir sin dochas le àdh
Do gach neach a chuir failt ort riamh,
Gun bheil t-anam aig tamh
Ann an rioghachd nan gràs gu sior.
C. MAC I.
Abhuinn Mhargaree.
POSAIDHEAN.
An Cow Bay, Feb. 22ra, leis an Urr. Uilleam Grannd, Ailain Domhunllach us AnnaSmith.
Air a Bheinn Bhreagh, Baddack, Feb. 8mh, leis an Urr. D. Dùghallach, Aonghas Moireastan, Munroe’s Point us Sadie I. Nie Dhiarmaid.
Aig Pictou, Feb. 22ra leis an Urr. A. Bowman Domhunll Caimbeul Strath-Lathaim, us Catriona Mhoireostan, Port Hastings.
Aig Sidni, Feb. 27mh, leis an Urr. E. B. Mac Raing, Alasdair A Mac Aonghais, Rat Portage, us Ceit B. Nic Coinnich, Sidni.
Aig an Acarsaid Thuath, Feb. 21mh, lies an Urr. Calum MacLeoid, Alasdair Mac Fhionghain, us Ealasaid Fhriseal, Pollets Cove.
BAIS.
Aig Mineral Rock, Mira, an treas latha dhe’n Mhàrt chaochail Catriona, bantrach Dhòmhuill ’Ic Odrum, ceud bliadhna ’sa sia a dh’ aois. Gu la a bàis bha a buadhan nàdurra aice air fad, agus chriochnaich i a bheatha so a cur a h-uile dhòchas ann an Dia a Slànuighear.
Aig a Bhras d’Or Mhòr, Feb. 20, Alasdair, mac do Chalum Mac Leoid, naoidh bliadhna dh’aois.
Aig River Inhabitants, Ian. 25mh, Catriona, bean Aonghais Ic Eachairn, tri fichead bliadhna so naoidh a dh’ aois. —R. I. P.
Aig Middle Cape, Feb. 15mh, Micheal Caimbeul, da fhichead bliadhna sa seachd a dh’aois.
Aig Catalone, Feb. 1d, Mairi Dhomhnullach, bean Chaiptein Alasdair Dhomhnullaich, tri fichead sa sia deug a dh’aois.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh
’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s saoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de bhrògan o chionn ghoirid agus tha e gan creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 33 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 33. %p |
parent text | Volume 2 |