[257]

[Vol . 2. No. 34. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 17, 1894. No. 34.


MO THURUS DON GHAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.

Is ni mi-nàdura gum bitheadh duine air a bhreth ann an dùthaich agus gum bitheadh e coma co dhiu a chitheadh e gu bràth i no nach faiceadh. Thug an gradh dùthachail sin ormsa cead iarraidh air mo chothional agus air a chléir dam buin an cothional, a chum tir man sonn fhaicinn.

Thog mi rithe an toiseach a cheud mhios an t-samhraidh agus sheòl mi air bàta mòr na smuid a bhuinneas do Chlann Allein agus dan ainmSardinian.” Dhfhàg sinn baile mòr Mhontreal air feasgar Disathuirne an seathabh latha agus bhà sinn air maduinn na Sàbaid ann an Cuibeig. ’Sann an sin a bhà an ùpraid acur bathair agus guail air bòrd. Chaidh tri osaim mhòr iaruinn a chur air dòigh agus thòisich na Frangaich air taomadh annta a ghuail. Shaoileadh neach leis an stàirneich agus gadail nam Frangach nach ann àn tir chriosdail idir a bhà e. Faodaidh tubhi cinnteach gun robh mi taingeilnuair a dhfhuasgladh na càblaichean agus a chabhagaich na grealagan iaruinn sinn air falbh a bhaile Chuibeig. Thug sinn aon deug air an rathad gu baile Libherpul. Bhà sinne sgith donSardinian,” agus shaoiloadh tu gun robh ise sgith dhen chuan. Chaidh ar cur air tir ànn an Libherpul gun mhodh sam bith a nochdadh dhuinn. Bhà é suas ri aon uair deugsan oidhchenuair a fhuair sinn cuidhteas an tigh cìse. Feumaidh gun robh cuid den luchd turais a dhfhuiling an shocair, oir bha cuid dhiu aig nach robh sgilinn airgid a phàigheadh cuid oidhchesan tigh-osda. Dhfhan sinn an oidhche sinan Libherpul, agus an latha na mhàrach ghabh sinn carbad na smuid gu Dunèideann. Air an dearbh la sin bha Ard-Sheanaidh na h-Eagais Shaoir agus Steidhichte ir am fosgladh, agus bha baile mor Dhunéideann air ghluasad le ministeirean dhe gach seorsa. Cha robh sraid rach robh làn dhiubh. Daoine mòr agus beag; daoine geal agus dubha agus odhar, Bha iad ann dhe gach seorsa agus, cha mhòr, dhe gach dath. ’Se a chuir smaointinn anabarrach orm cho neònach agus a bha mòran dhiubh nan còmhdach, len cuid chasagan fada dubha gun sàiltean agus len peiteanan air a phutanachadh air an culthaobh mar a bhitheas aig pàisdean nach dthainig gu inbhe an aire a thoirt orra fein. Gu bhi a crùnadh a ghnothirch bhà sgiathagan do dh-adan dubha air an ceann a bha cho farsuinn agus gun deanadh iad an gnothach gu h-anabarach air son guitean rollag. Ach na faiceadh sibh an greadhnachas a bhà timchioll air Fear Ionaid naTighearna Bhraidalbuinnmar a bha e na h-uile la a tighinn a dhfhaicinn buill ard Sheanaidh na h-Eagluis Steidhichte. Bhà do shaighdearan agus do ghillean frithealaidh aigesan na dheanadh reiseamaid. Bhà é air a chur na shuidhe air cathair riomhach anns an talla chruinneachaidh os cionn Fear na Cathrach ni a thàtaisbeanadh gu soilleir gur é a bhanrigh ceann na h-Eaglais Steidhichte fathasd agus gum feum gach riaghailt a nithear leis an eaglais sin a bhi co-shinnte ri gean math na Stàite. Cha robh an thalla anns an do chruinnich na h-Ard Sheanaidh ach urchair gunna o cheile agus rinn an t-asdar sin eadar-dhealachadh mòr eadar an dithis. Bhà mise agus tuiùir no ceathrar eile dem sheorsa a null agus a nall eadar an thalla, agus bhà cothrom neath aguinn an t-eadar-dhealachadh fhaicinn.

(Ri leantuinn.)


Air a bhliadhna sa chaidh, thaghail seachd mile fichead, coig ceuds da fhicheadsa seachd de shoithichean ann am puirt Chanada.


A Deanamh a Tri as na Dha.

Tha e air aithris air duine araidh aig nach robh sgoils am bith e fhein, gun dchuir e mhac dou Chollaisd gu ard fhoghlum a thoirt da; agus air don ghille tighinn dhachaidh aig am araidh, dhfhaoidhnich athair dheith agus iad a suidhe gum biadh: “Cia mar a bha e faighinn air adhairt sa Chollaisd, nom burrainn e dearbhadhs am bith a thoirt seachad air ard sgolaireachd, a thuigeadh daoine gun fhoghlum coltach ris fhein agus ri mhathair?” (agus amharus airn t-seann duine nach robhn gille a toirt uiread aire don sgoils bu choir da.) Ars an gilles e sealtuinn mun cuairt da, ’s a faicinn da thunnaig ròsta air a bhòrd: “Nan dearbhainn dhuibh gum bheil tri eoinn sin an àite na dha a tha sibhsa faicinn, nach biodh sibh riaraichte?” “Bhitheadh gun teagamhars athair. Chuir an gille an sin aon do na h-eoin an dara taobh; “sin agad aon,” ais esan. “Ceartars athair, chuir en sin na dha maille ri chéile rithisd: “Tha dhan sin,” (ars esan) agus nach e aon agus a dha a tri: “Se gun teagamh ars athair, ’s math a fhuaras thu. Goirid an deigh sin thoisich a mhàthair na h-aoin a roinn. Chaisg athair i ag radh: “Cha leig thusa leas a bhean chòir na h-eoin a roinn, agus gun againn ach triuir; rinn sgolaireachd do mhic na h-uiread sin a dhfheum dhuit mar tha; bheir mise leam am fear so (agus a toirt leisn dara fear,) agus biothm fear beag sin agad fhéin, agus fagamid an tritheamh fear aigesan slàn air son a sgolaireachd. Cha dhfheuch an gillen doigh cùnntaidh so a riamh na dheigh timchioil air a bhord.


An àite do mhuinntis Chanada bhith fàs trom air an , ’s ann tha iad a fàs aotrom oirre. Dhòl sinn air a bhliadhna sodhfhalbh mu choig muillein punnd na bu lugha na dhòl sinn a bhliadhna roimhe sin.

LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.



[258]

[Vol . 2. No. 34. p. 2]

MAIRNEALACHD,

Agus Rud no Dha Eile.

LE IAIN.

CHAne mhain gu searg aghaoth an ear na craobhan agus na preasan, ach seargaidh i mar an ceudna an t-arbhar. “Agus dofhàs suasnan déigh seachd diasan caola, agus air seargadh leis aghaoith an ear.”

Tha gach neach a tha suas ri iasgach agabhail beachd air gu bheil an t-iasg nis dlùithe don chladach an uair a thaghaoth on ìar na tha e ri gaoith sam bith eile. Tha so gu sònraichte fìor a thaobh nan Eileanan an Iar. Mureil mo chuimhnegam mhealladh dhinnseadh dhomh gu faighear an t-iasg nis pailte ris aghaoith an iar, eadhon air taobh an ear na h-Alba na gheibhear e ri gaoith sam bith eile. Tha fhios agam air so, gun gabh an t-iasg am biathadh ris aghaoith an iars an iar-dheas anabarrach math. Tha fhios aig na fir a theid a mach gu druim achuain an iar len cuid bhàtaichean a dhiasgach nan langanns nan trosg nacheil gaoth iasgaich ann as fhearr na gaoth an iar non iar-dheas, agus nacheil gaoth-iasgaich ann as mìosa na gaoth an ear. Tha acheart ni fìor a thaobh nan lochans nan aimhnicheau.

Thug mi fa near mar tha gun can iad ann an Uidhist, “iasg is aran,” no, “iasg is bainne,” Tha mi acreidsinn gu robh aobhar sònruichte ann air son gun do ghnàthaich muinntir dha Uidhist agus Bhein-a- faoghla na briathran so. Is ann air taobh an iar nan eileanan so a bha an àireamh bu mhò den t-sluagh agabhail comhnuidhs na linntean a dhfhalbh. ’San àm ud gu h-àraidh, bann as na machraichea a bha iad atoirt an teachd-an-tìr. Bhiodh iad an uair ud, mar a tha iad gus an lathan diugh, aleasachadh nam machraichean le feamainn, a chionn nach deanadh leasachadh sam bith eile feum cho math rithe. Is i aghaoth an iar a chuireas an fheamainn gu cladach. A bhliadhna a bhiodh aghaoth an iar aséideadh gu tric agus gu làidir agheamhraidh, bhiodh pailteas feamann air na cladaichean, agus bhiodh an talamh air a dheadh leasachadh leis an fheamainn mun tigeadh àm na curachd. Nan tachradh aimser fhàbharrach a bhith ann an t-samhraidhs an fhoghair bhiodh pailteas barra air na machraichean. An uair a tham bàrr pailt than t-aran pailt, agus faodar pailteas fodair is feòir a thoirt don chrodh. An crodh a gheibh pailteas den bhiadh a shamhradhs do gheamhradh bidh pailteas bainne aca. Mar a than sean-fhacal ag ràdh, “ ’S ann as a ceann a bhligheas abhò.” Uaith so faodar a thuigsinn gu robh ena aobhar misnich agus toileachaidh do na seana daoine gum biodh aghaoth an iar aséideadh gu math tric. Anns an àm ud bhiodh daoine toilichte gu leòr nam biodh am pailteas aca den aran, den iasg agus den bhainne.

Thig sinn a nis a dhionnsuidh an Fhaoilich. On nacheil mi cinnteach ciod is brìgh don fhaealFaoileach” ’s fhearr leam leigeil leis mar a tha e na teannadh rireubadh na stiallan as a chéile. Air aon ni tha fios agam, ’s e sin, gur e so an t-ainm a bhaig na seann daoine air achòig latha deug mu dheireadh den gheamhradh, agus air acheud chòig latha deug den earrach. Mar a theireadh iad fhein, “Coig latha deug roimh Fheill Brìde, ’s còig latha deugna dheigh.” Be am barail gur ann air Dihaoine a bha etòiseachadh agus asgur. “ ’S ann air Dihaoine thoisicheas e, agus air Dihaoinesguireas e.” Do bhrigh gur ann air Dihaoine a cheusach Criosd bha mòran ann a bhacreidsinn gum biodh an latha so mar bu trice ni bu mhiosa na latha sam bith eile den t-seachduin. Bha am Faoileach ri marsuinn fad mios, agus bhan Gearransan Sguabag ri tighinnna dheigh. Chuala mi anns an da dhòigh a leanas rann an Fhaoilich:—

Mios Faoilich,
Naoi latha gearrainn,
Tri latha sguabaig,
Suas an t-earrach.”

Agus:—

Mios Faoilich,
Naoi latha gearrainn,
Seachduin caillich,
Tri latha sguabaig,
Suas an t-earrach.”

Cha robh mi-thoileachadh sam bith air na seann daoine ris an Fhaoileach. Om fein-fhiosrachadh dhfhòghluim iad nach robh ni a bfhearr na gun tigeadh an droch shidena h-àm fhèin. Aon uairs gun tigeadh am Faoileach a steaeh be am miann gun cuireadh e e fhein an geill mar bu chòir dha. Bann a reir na seana chunntais a bha iad ag amharc air son na Féill Brìde. Cha robh guth no iomradh air a chunntais ùirs an àm ud idir anns aGhàidhealtachd. Bu bheag orra side bhriagha, chiùin, bhlàth anns an Fhaoileach. Dearbhaidh an rann a leanas so:—

Faoileach, Faoileach, làmh an crios,
Faoilte mhòr bu chòir bhith ris;
Crodh is caoraich ruith le teas,
Gul is caoidh bu chòir bhith ris.”

Ach bu chòir gum biodh beagan làithean den fhaoileach ciùin briagha, blàth. Fheireadh iad:—

Tri laithoan den Iuchars Fhaoileach
S tri laithean den Fhaoileachs an Iuchar.”

Tha còir aig an Fhaoileach air tri làin a chur anns achlaisa làn uisge, a làn sneachda, agus a làn de thuthadh nan taighean.”

Tha tairneinich anns an Faoileach cho mi-nadurra ri laogh ageumnaich am broinn a mhàthar.”

Tha e furasda thuigsinn ciod e an t-sidebu chòir a bhith anns an Fhaoileachstoirm is uisge, sneachdas ciùine, an dràstas arithist. “Feath Faoilich,” ’s e sin feath nach maìr ach ùine ghoirid. Nam biodh reothadh ann bereothadh an lodain làin nach mair gus an treas trath.” A dhaon fhacal, bu chòir gum biodh side anabarrach caochlaideach ann o a thoiseach gudheireadh, mar gum biodh na seachd siantanan adian strì feuch co aca bu mhò a chuireadh iad fhéin an géill fad amhìos.

An deigh an Fhaoilich bha na naoi latha Gearrain. Bha na làithean so ri bhith anabarrach sgaiteach, fuarcho fuars nach seasadh ach an gearran fhéin ris. Bheireadh an Gearran am bàs air na creutairean laga a dhfhàgadh am Faoileach beò. Tuigidh sinn so on rann a leanas:—

Thuirt am Faoileach ris aGhearran,
Càit an dfhàg thun gamhainn bochd
Chuir min t-seicaigair an fharradh
S chuir min ceann aigair an t-sop.”

(Arsan Gearran.)

Mu dheireadh thall thigeadh aSguabagstoirm dhearg nach mòr nach sguabadh air falbh a h-uile ni a bhiodh air aghaidh na talmhainn. An sin thigeadh an t-earrach, agus cha tigeadh gus a sin.

Tha en ni anabarrach comharraichte gu bheil co-chordadh eadar na briathran a leanas agus na tha luchd fòghlumnar latha fhéin ag innseadh dhuinn mun àm anns am bheil ceithir aimsirean na bliadhnatòiseachadh. So mar a thuirt na seann daoine:—

Foghar gu Nollaig:
Geamhradh gu Fhéill Padraig;
Earrach gu Fhéill Peadair;
Samhradh gu Fheill Micheil.



[259]

[Vol . 2. No. 34. p. 3]

Bhiodh toileachd mòr ri Fheill Pàdraigan seachdamh deug de mhìos meadhonach an earraich. * So mar a theireadh na seann daoine:—

Fheill Padraig,
mo chridhes mo chleibh,
dhfhoghnadh a dhuine
S a dhfhòghnadh duine dha.”

Bhiodh acheud chuid den mhìos Mharst (àm aGhearrains na Sguabaig) anabarrach fiadhaich, fuar, nam biodh an aimsir nàdarra. Bann air a shon so a theireadh iad gum bu chòir don Mharst tighinn a steach mar leoghainn agus a dhol a mach mar uan; no mar a theireadh cuid eile, “ceann nathrach, agus earball feucaig.” Mur cuireadh an Sguabag agus an Gearran iad fhein geill mar bu chòir dhaibh, dhfhaoiteadhbhith cinnteach gun tigeadh an droch shìde mun teirgeadh an t-earrach. Nan tigeadh am Màrst a steach mar uan rachadh e mach mar leòghainn. Bann mu dheireadh aMhàirst mar a thug mi fa near, a thòisicheadh an t-earrach; oir bhiodh an geamhradh ann gu Fheill Pàdraig. Bhiodh gach aon ag amharc air son sìde bhog, bhlàth; no mar a theireadh iad, “earrach ceòthar.” Tha e air aithris gu robh fear ann aon uair a thuirt nam faigheadh e sìde a reir a mhiann gum biodh barr gu leòr air an fhearann aige co dhiu bhiodh Dia leis gus nach biodh. Be so an t-side a mhiannaich e:—

Samhradh breachd riabhach,
Foghradh geal grianach
Geamhradh reòta,
S earrach ceòthar.”

Nan bfhìor an sgeul bha làn a dhroma de bhàrr air an fhearann aig an duine so, ach cha robh biadh idir ann. Tha mòran gliocais anns an sgeul so mar a thann an iomadh sgeul eile a thair an aithris mu nithean nach do thachair riamh.

Mun t-seana Bhealltuinn thigeadh làithean de shìde fuar, greannach, le frasans le gaoith atuath mar bu trice, ris an canadh iad, “Glaisean cumhach na Bealltuinn.”

Ma a bha am Faoileach gu bhith fuar, fiadhaich o thoiseach gu deireadh, ach na tri làithean briagha den Iuchar a bha còir air a bhith ann, bhan t-Iuchar gu bhith anabarrach blàth, bruthainneach, ach a mhàin na trì làithean den Fhaoileach a bha còir air a bhith ann. Mar a thug mi fa


* Anns an t-seana chunntais be Fheill Pàdraig an naoidheamh fichead den Mhàrst.


near mar tha, bidh

Tri làithean den Iuchars an Fhaoileach
S tri làithean den Fhaoileachs an Iuchar.

Bhan t-Iuchar atòiseachadh còig latha deug roimh Liùnasdal, agus acrìochnachadh còig latha deug an deigh Liùnasdail. Chaneil cuimhne agam co dhiu bha gus nach robh aig an Iuchar ri tòiseachadh air latha àraidh dhen t-seachduin mar a bhaig an Fhaoileach.

Mu Fheill Micheil, an uair a than latha agus an oidhches an aon fhad, tha làithean, no ma dhfhaoidte seachduinean, de shìde ro thuaireapa ri tighinn gach bliadhna ris an canarStoirmeannan an Fhoghair.”

Mu Shamhuinns e side chiùin a tha nàdarra. Ach bidh reothadh ann. Is ann air son so a theireadh na seann daoine, “Reòthanaich na Samhnaris an t-sìde chiùin so.

Mar an ceudna bha e nàdarra gum biodh sneachda ann mu Nollaig. Mar a tha ann facal ag ràdh, “Is blianach Nollaig gun sneachda.

So na thair chuimhne agam de na chuala mi o chionn iomadh bliadhna mun t-sìde ris am faoidte dùil a bhith o àm gu àm den bhliadhna. Ach tha fhios agam nacheil trian air chuimhne agam de na chuala mi; oir tha da bhliadhna thar fhichead o nach robh mi a bheag a dhùine ann am Beinn-a- faoghla far an cuala min am òige na dhaithris mi roimhe so, agus na bheil mi nis adol a dhaithris.


(Ri leantuinn.)


Chaochail Bain-tighearna Nic Fhionghain, bantrach Shir UilleamIc Fhionghain, ann an Lunnuinn air Di-sathuirne an 24mh latha dhen mhiossa chaidh. Bhrist air a slàintenuair a chaochail Sir Uilleam, agus cha deachaidh i bheag am feobhas uaithe sin. Bu nighean i do Mhr. Iain Mac-Sheumais, am baile Ghlascho.

Tha chàisg a tighinn an bhiadhna air a choigeamh fichead dhen Mhàrt. Tha so nas tràithe na thainig i o chionn àireamh bhliadhnaichean air ais, agus nas tràithe na thig i fad àireamh bhliadhnaichenn ri tighinn. Mas fior an sean-fhacal a thag ràdh gur en t-earrach fad air chùl càisg a dhfhàsaicheas na saibhlean, bidh na saibhlean, gu math falamh mun tig an samhradh, oir tha caob mòr dhen earrach ri tighinn oirnn an deigh na càisge.

Chaidh fear J. P. Fullerton, Halfway River, N. S., a mharbhadh an roimhe le craobh a thuiteam air. Bha eg obair leis fhéin aig an am.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[260]

[Vol . 2. No. 34. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 17, 1894.

Thainig us dhfhalbh Diordaoin, latha taghaidh nam fear-pàrlamaid, agus chan fhada gus am bi daoine man àite féin a rithist cho maths ged nach robh taghadh riamh ann. Tha Fielding air an stiùir fhathast, ach tha a luchd-leanmhuin nas gainne na bha iad roimhe. Chan eil fhios cinnteach fhathast air an àireamh a tha leis ach tha iad air a chuid as lugha deichnear nas làidire na iad-san a tha naaghaidh. Cha dthug eilean Cheap Breatinn dha air fad ach a dha, Aig an taghadh roimhe so thug e dha seachdnar. ’So ainmean nan daoine tha gu bhi nan luchd-ionaid againn ann am Pàrlamaid Nobha Scotia nan ceithir bliadhna thatighinn, Siorramechd Cheap Breatuinn, an Dr. Mac Aidh agus Iain Mac Carmaic; ann aUictoria, an Dr. Peutan agus Iain Moireastan; ann an Richmond, Iain Moireastan agus A. Le Blanc; ’s ann an Ionairnis, Alasdair Caimbeul us I. A. Mac Sheumair. Air tir-mor, ann an siorramachd Antigonish, C. F. Mac Isaic us C. P. Siosal; ann an Guysboro, D. H. Mac Fhionghain us I. H. Sinclair; agus ànn am Pictou, Uilleam Camaron, Alasdair Grannd us Tearlach E. Tanner. Tha cuid de na siorramachdan nach eil fhios againn tha stigh fhathast.

Anns an àireamh so gheibh ar luchd-leughaidh a cheud earann de chunntas air turus don Ghàidhealtachd air a sgriobhadh leis an Urr. Ruairidh Mac Leòid, ministeir Dhunbheagain, an Canada Uachdarach. Chan eil teagamh againn nach bi an eachdraidh so fior-thatneach do àireamh mhor dar càirdean, gu h-àraid iad-san aig am beil ceangal sam bith ri Eaglaisean na h-Alba. Ach ged is ann dhaibh sin as taitniche bhitheas an eachdraidh gheibh na h-uile aon moran fiosrachaidh mu Thir mam Beann, agus tha fhios againn nach bi ni anns an eacharaidh a bheir aobhar oilbheum do neach sam bith.


NAIDHEACHDAN.

Tha glé fhaisg air ceud mile (100,000) Innseanach ann an Canada, agus dhiubh so tha còrr us coig mile fichead fhathastnam Pàganaich.

Tha càraid gu math aosda a fuireach ann an Riteheys Cove, N. S. Tha esan ceud bliadhnasa dhà a dhaois agus chan eil ise ach da bhliadhna nas òige na e. Agus tha iad le chéile slàn fallain.

Tha dithis nigheanan òga air folbh a Dundee a dol a chur cuairt air an t-saoghal. Tha iad a mach o phaipear-naidheachd, agusse fàth an turuis tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn mu mhanthan dhùchannan céin.

Chaidh duinòg, Iain E. Màrtin a mharbhadh ann am mèinn a Reserve, feasgar Di-sathairne sa chaidh. Bha e aigobair shiossa mhèinn agus thuit tòrr guall air a mhuinga mharbhadh air ball. Bhan t-àite roimhe so air a mheas sàbhailte gu leòr. Dh’ -fhàg e bean us aon leanamh.

Tha na h-àireamhan a leanas dhen MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhen Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?

Bha réis each air a cur aig a bhaile so Di-luain sa chaidh. Bhan latha fliuch stoirmeil, ach a dhaindeoin sin chruinnich sluagh mòr air an deigh a dhamharc nan each, agus cha do chuir cha mhor duine aghaidh air an tigh gus an robhn réis seachad. An déigh dha na h-eich ruith ceithir uairean, thugadh a cheud duais do Nellie Bly a Sidni, an darra duais do Pheabody a Sidni, agus an treas do Lilly Bashaw, a Port Hawkesbury. Bha eachIs Coinnich agus each Bhall a ruith cuideachd ach chaidh am fàgail air deireadh.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.


Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.



[261]

[Vol . 2. No. 34. p. 5]

Gaidheil Charolina.

Tha sinn an comain caraide don MHAC-TALLA a tha ann an Albany, N. Y. air son na litir a leanas mu Ghaidheil Charolina, a fhuair e o fhear-deasachaidh paipear naidheachd anns an stàit sin ris an canar anRed Springs Scotchman.—

A Charaid: —Ann a bhi freagairt do litir a feòrach mu Ghàidheil Charolina, faodaidh mi ràdh gun dthainig a cheud luchd-imirch as a Ghàidhealtachd gu Cross Creek (ris an canar a nis Fayetteville) anns a bhliadhna 1715. Chan urrainn mi an ainmean a thoirt dhuit, ach tha beul-aithris na dùthcha og ìnnseadh gu robhn t-ainm Mac Beth dhiubh. Tha e mar an ceudna air aithris gun dthinig àireamh mhòr an deigh na ceannaircsa bhliadhna 1215, agus bha àireamh mhath de Ghàidheils de Ghoill Albannach an Carolinasa bhiadhna 1829. ’Sa bhliadhna 1832 chaidh Gabriel Johnstone a chur na Riagladair air Carolina agus fhad sa fha esan oifig thainig àireamh mhòr de luchd-imrich a stigh, agus moran eilen déigh Blàr chùl-fhodairsa bhliadhna 1746. Air a bhliadhna sin neo air an ath bhliadhna thainig Niall Mac Néill a mach a Jura agus còmhla ris coig eeud Gaidheal, agus thainig àireamh nach bu bheag an deigh sin. Thainig Fionghol Dhomhnullach, agus Ailein Domhnullach a bha posda rithe, ’sa bhliadhna 1775. Dhfhàg Fionghol Americasa bhliadhna 1782, ach chumadh Ailein na phriosanach, ’s cha dfhuair e tilleadh do thir a dhùchais gus an ath bhliadhna.

Thanaig a rithist moran Ghàidheal a machsna bliadhnaichean 1804 us 1805. Uaithe sin cha dthainig ach àireamh bheag. Shuidhich a chuid bu mhò dhiubh-san a thainig a mach an déigh Blàr Chùl-fhodair aig Elizabethtown, far am beil mòran den sliochd gus an lathan diogh. Tha sliochd nan Albannach glé lionmhor ann an Siorramachdan Moore, Harnett, Cumberland, Bladen, Robeson agus Richmond. Tha mi creidsin gu bheil mu chòig mile deug voternam measg.

Tha Ghàilig fhathart air a labhairt le moran anns an stàit, achs i mo bharail gu bheil an aireamh a dol nas lugha. An searmon Gàilig mu dheireadh a chuala mise air a shearmonachadh bann an eaglais Ghalatin an siorramachd Chumberlandsa bhladhna 1860.

Anns an t-siorramachd so (Robeson) tha na paipearan-naidheachd cha mhor uile air an cur a mach le shiochd Ghaidheal, agus is ann de shliochd nan Gàidheal a tha roinn mhor de na fir-laghas den luchd-dreuchd eile. Tha aon bhaile, Maxton (Macstown) a bha air ainmeachadh mar sin do bhrigh an àireamh mhòr a bhann aig an robh Mac roimhn ainm.

Tha misgriobhadh so ann an cabhaig, ach theagamh gun téid agam air tuilleadh fiosrachaidh a thoirt dhuit uair-eigin eile. Is mise &c .

HAMILTON MHC-ILLE-MHAOIL.


S en diugh Fhéill Pàdruig. Chi luchd-leughaidh a MHAC-TALLA ann an àit eile na tha aig ar caraid, an t-Urr. Iain Mac Ruairidh, ri ràdh mu bheachdan nan seana Ghàidheal a theobh an latha so.

Thug muinntir Loch Ainslie o chionn ghoirid còta béin a bfhiach da fhichead dollarsa coig don Urr. Alasdair Grannd mar theisteas air an spéis dha, agus thug iad sporan airgid dabhean aig an am cheudna.

Thug sinn iomradh roimhe so air Micheal Mac-s- Phi, a dhfhalbh a Sidni-a- Tuath gus an lagh fheuchainn air cuideachd ann am Boston aig an robh eg obair. Chaill e dhà dhe mheòriean anns an obain aca agus bha e deanamh a mach gum btrem mi-chùram-san a chaill e iad. Thug na cùirtean dha ochd ceud fichead dollar. Tha aige ri naoi ceud dhe sin a thoirt dan luchd-lagha, agus bidh aige fhein naoi ceud deug.

Tha e air aithris gu bheil Mèinn a Bhlockhouse ann an Cow Bay ri bhi air a fosgladh as ùr an ùine ghoirid. Bha a mhèinn so duinte o chionn àireamh de bhliadhnaichean; bha tri fichead mile dollarsa deich de dhaimbhfhiach air a chuideachd leism bu leis i agus bfheudar dhaibh a dùnadh suas. Ach tha na fiachan a nis air am pàigheadh, agus an uine gun bhi fada, mas fior an sgeul, bidh a mhèinn ag obair. Than gual a tha innte anabarrach math.

Tha dùthchannan ceann a deas America mar as trice gle mhi-riaghailteach. Chan eil am dhen bhliadna nach bi aon no aon eile dhiubh a cur nan car dhith, a cur aon phàirtidh no aon duine a dreuchdsa cur pàirtidh no duine eile stighnaàite. Agus chan ann air doigh shiobhalta a mi iad sin idir ach le làmhachas làidir. Ach gu fortanach chan eil anns a chuid as mo dhiubh ach dùthchannan beaga, agus cha chuir iad mòr dhragh air dùthchannan eile ged bhiodh iad gun tàmh air an obair sin.

LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt.


Sgoil-sheinn Ghailig.

Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig gar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhen chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.

NIALL DOMHNULLACH.


Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[262]

[Vol . 2. No. 34. p. 6]

Padruigs an Dotair.

Chaidh Eirionnach dam bainm Pàdruig a stigh a dhoifig dotair agus thuirt e, “Failte ort a dhotair; tha latha briaghann; ’s tha mise gu bhi marbh leis an déideadh. ’De bhios tug iarraidh air son an fhiacail a thorit asam?” “Bithidh leth-dolar,” ars an dotair. “ ’S gu de bhios tug iarraidh air son da fhiacail a thoirt asam?” “O,” ars an dotair, “cham iarr mi dad ort air son an darra a tharruinn.” Shuidh Pàdruigsa chaithir, dhfhosgail e bheul, ’s sheall e don dotaìr na fiaclan a bhacur dragh air. “So agad,” ais eran, a cheud s sid agad an darra , Mas e do thoil e thoir asam an darra an toiseach.” Rinn an dotair sin, thug e an darra te as, achn uair bha e deanamh deiseil gus a cheud a thoirt as, thug Pàdruig an dorus air ag radh, “Chan eil min dùil, a dhotair, nach fhàg mi a cheud fhiacail far am beil i gus am fàs i goirt, agus thuirt thu rium nach biodh tug iarraidh dad orm air son na eile. Slàn leat; cha bhi mi fada guir taghal agad a rithist.” Ach be dùrachd an dotair, gum biodh lathas bliadhna mun taghladh e.


As na h-Eileanan Coille.

A Mhic-Talla ionmhiun, agus a dhearbh chairid nan Gàidheal, Is mor a bha migad ionndrain fad ceithir no còig do sheachduinean an uair a bha na stoirmnan sneachd agus na h-oicheanan fada againn. Bhon aireamh a chaidh a chlo-bhunladh air an 6bh la do Ianuari gus an 10bh la do Februari, no ceud mhios an earraich, cha draimg guth bho Mhac-Talla mi, ni a bha cur iomgainn mhòr orm, ach a nis bhon tha e tòiseachadh air a chuairt àbhaisteach, tha e an deigh an lionn-dubh a chur air chùl, agus tha mi a saoilsinn gur mor an toileachadh a bheir e do na Gàidheil ann sa h-uile cearn ann e sa bheil iad, agus mar thuirt fear roimhe, “càite nach eil iad,” na bhios do litrichean laghach agus blath-chridheach, ann as gach cearn a tha toirt mòran fiosrachaidh do chach-a- chéile ma na càirdean a tha air an sgaradh feadh an t-saoghail, agus na seann sgeulachdan Gàidhealach, agus na hòrain ged nach iad bu chòir a bhi air deireadh; agus tha sin a toirt nam chuimhne òran a thuair mi bho chionn ùine nach eil fada bho dhuine ùasal urramach a thuair a cheud ghlochd na bheul don Ghàilig ann an eilean Thiridhe, far an do rinneadh an t-òran so le Alastair Dòmhnullach, agus tha mi a cur an òrain dor n-ionnsaidh feuch an airidh e air àit anns aMhac-Talla, agus bhon a tha fios agam gum bheil moran barrachd a sgriobhadh do arn ionnsaidh na gur urrinn sibh àit fhaotainn doibh air fad, cha bhi mise a gràtinn a bheag tuilleadh an drast. Bhithinn gle thaigneil nam faighinn na h-aireamhan a bhiodh eadar an da la a dh ainnich mi, se sin nam faodadh gin dhiubh a bhi air làimh, a chionn gum bheil mi a deanabh leabhar dhiu. Tha mi an dochas gun gabh sibh mo leathsgeul air son na thuirt mi aig an am, agus mur bi e car daghail leibh ses docha gun cluinn sibh bhuam an uine gun bhi fada rithist, ach co dhiu tha mi toilichte a bhi faicinn gum bheil moran a sgriobhadh dorn ionnsaidh is fearr airidh air àite ann am Mac-Talla na Ur Seirbheiseach Umhail.

SEUMAS A. MACILLEMHAOIL.


Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads. I. M.CAIMBEAL.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.


Than t-sìde bhlàth a thann a nis o chionn faisg air còig latha deug an déigh na ròidean a mhilleadh, agus than deigh eadar da Shidni air fas cho donas nach eil e air a mheas sàbhailte bhiga gabhail, Tha choltas air gum bi an acarsaid fosgailte gu math tràth air an earrach so.

LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.

Chaidh fear Lachuinn Mac Fhionghain a bhàthadh aig Acarsaid Mhàbou air an t-seachdain sa chaidh. Bhuineadh e a dhAmhainn an Fheòir. Dhfhag e Drochaid Mhabou gus a dhol dhachaidh mu dha uair feasgar Diordaoin, agusnuair nach drainig e dhfhàs a bhean mi-fhoiseil dha thaobh agus chuir i duine a dhfhaicinn ciod a bha ceàrr. Chaidh am fear sin agus àireamh de mhuinntir eile dhionnsaidh na deighe agus fhuair iad an t-each aige air a bhàthadh far an deach e troimhn deigh. Rinneadh a h-uile rannsachadh a ghabhadh deanamh anns an amhuinn, ach cha dfhuaras an corp fhathast.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[263]

[Vol . 2. No. 34. p. 7]

Turas a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. VI. —Air a leantuinn.

SheolSgeul a Mhor Aoibhneisair aghart ni bu luaithe na àbhaist. Rinn na Maraichean strith ri chéile ann an dìlseachd. Ghabh Criosduidh iongantas ris an atharrachadh, ni modha a burrainn da dhichuimhneachadh cia mar bha mhisneachd fein air ath-bheothachadh tra sheas e dlùth don chrann-adhart a beachdachadh air na samhlaichean, agus a rannsachadh ciod a ghnè fìrinnean bha mar so air an comharrachadh a mach. Gu robh slàinte on Tighearn a mhain bha fios aige; ach an fhad so mòran de dhiomhairrachd na Diadhachd foluichte bho shùilean, cheasnuich e Tuigse ma iomadh ni. Anns a chomh-ladair bha aca aon latha thubhairt Criosduidh ris: “Tha mi fo mhor iongantais carson a cheadaich a Maighistir urrad de dhas-creidimh éiridh ann an cridheachan na maraichean; nach robh an troimhe chéile neònach leatsa cuideachd?” Fhreagair Tuigse e; “Ceasnuich do chridhe fein; nach do chur thusa féin teagamh anns an fhìrinn gum be Immanueil Mac Dhé.” Bha Criosduidh sàmhach car tamull; ach fadheòidh dh-amhairc e air Tuigse an clàr an aodain, agus thubhairt e: “Buinidh nàire dhomh-sa agus rudhadh gruaidh.” Agus ann a làigse do chreidimh, fhreagair Tuigse, thuair am buaireadar aobhar oilbheum. Mheas thu an aimhreit-na olc, ach nach dfhoilsich i dhuit plàigdo chridhe fèinh.” Bheachd-smuainich crosduidh air so. An sin tubhairt e muair bha mi an iom-chomhairle cha da chuidich se leam àn robh mar-an-ceudna on Tighearn?” “Bha gu cinnteachfhreagair Tuigse, oir is ann leis a chridhe chreidear chum fireantachd. A thuilleadh air sin, cia mar dh-fhàsas do chreidimh mar bi e air a dhearbhadh? Leubh thu na briathran; “chum gu faighear dearbhadh bhur creidimh nis luachmhoire gu mor na òr a théid a mugha, ged dhearbhar le teine e, chum cliù agus urraim, agus gloir aig foillseachadh Iosa Criosd.” Dhiath an dorchadas timchioll orra tra bha iad a labhairt nan seasamh. Bha solusan an tsoithich air an lasadh agus tra thubhairt Criosduidh na chridhe, “than Tighearn deanamh gach ni gu maith, chual e ath-aithris a bhriathran a teachd o ghuth Cridhe-subhach a bha aig an am air chaithris agus a seinn gu cridheil. “Tha gach ni gu maith!”


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodaichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheilsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nachb uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[264]

[Vol . 2. No. 34. p. 8]

ORAN.

LE IAIN MAC DHOMHNUILL MHIE ALASTAIR.

Dh eirich mise maduinn chiuin
S gun thog sinn siuil ri garbh-chruinn,
Chunncas dubhradh mor is dudlachd
An dara tnbh nuair dhfhalbh sinn.
S gun sheid i bras ie borb-thuinn chas,
S i tighinn a mach gu gailbheach,
S i ruith le sugh air bharr gach stuchd,
Ri togail smuidsan fhairge.

Bu mhath bhi n uair sinn coire luachrach
Shuas aig airidh Uige,
Farm biodh na h-uains na caoraich luaineach
Ruith mun cuairt gu siubhlach;
Mi fhins mo chruinneag ri mo ghuallinn
S deamhas chruadhach duinte aic
S gach fear is gille ruith mun cuairt
S bhiodh Domhnull Ruadh le chu ann.

Sud an gleann is boidhche sealladh
Ann a maduinn reota
Le caoraich gheala, dhubh, is ghlasa,
Cuid dhiu tarr-fhionn, bròcach,
S bidh lair le searrachm bun gach beallaich
Suas ri strath nan lointean,
Sa dhaindeoin gaillionn no fuachd Earraich
Chan iarr mart ann crothadh.

S iomadh caileag chuimir, ghuanach
Thann ri uallach spreidhe
Le cumans buarach dol an bhuaile
S laoigh mun cuairt digeumnaich
Be n céol nach bfhuathach leam ur nuallan
Dol a luadh na cleithe,
S mi-fhin mun cuairt duibhs piob rim ghualainn
Cluich nan duanag eibhinn.

S iomadh caileag bhoidheach, chuimir
Thann, na suidhe air cuibhle,
Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag
Bidh gach iorram binn aic
A snath is boidhche falbh bho meoirean
Cothrom comhnard sinte;
S a falt na chuaich air chul a ciuais,
S e togta suas, is cir ann.

S ann leam bu deonach bhi s a chomhlan
Maduinn bhoidheach cheitein,
Ag eisdeachd comhradh nam ban oga
Stoireanan ri cheile
Gach te toirt barr air teile air bhoidhìchead
Modhail eolach, speiseil,
Le cleochda gorms le coileir dearg
Nuair bhiodh iad falbh don Léughadh.

A chials a nair! bem biadhs am blàths
A bhi nur cairdeas daonnan,
Ri mires manran cridheach, gaireach,—
Be sud gnaths mo dhaoine,—
Nan tachradh te dhibh bhis an atha
Oidhche mhart na h-aonar
Gun loisgte pairt oirre den ghran
Le gille ban Beinn Mhaoineis.

Nuair bha mi og, mun drinn mi posadh
Bha mi gorach aotrom
Falbh gu sporsailmeasg nan og-bhan,
Sud an seol bu chaobh leam
S an te bhiodh coirs a bheireadh pog dhomh
Shuidhin stoltri taobh-se,
S on te nach fuilingeadh ball na coir dhiom
Gheibhinn dorn mu n aodan.

Nuair thig an geamhradhs am na m bainnsean
Gheibh sinn dram bhon Toiseachd;
Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean
S aig na gillean oga,
Bidh mnathan fein ann subhach eibhinn
S iad ag cubhach oran
S bidh dram aig bodaich ann a fodar
8ogan orra storigh.

Gheibhte sgialachdan ro bhriadha
Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas,
Biad sud na seoid muair bha iad og
Gu iomairt bho feadh gharbhlach,
Gu m biodh iad tric s an Eaglais-Bhric
Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch,
S cha rachadh brog a chur mun spoig
Gu ruigte an ceo on dfhalbh iad.

Iainic Thearlaich far do lamh,
Tha sinne cairdeil daonnan;
Tha thusa fas is mise cramh,
S mo cheann cho ban ri faoileig,
S bu mhor an toileachadh do phaiste
Gheibheadh blath ri taobh thu;
S nuair thig an geamhradh bidh tu sas
Aig nighinn bhainIlc Mhaoiloin.

S iomadh oidhche fhliuch is fhuar
A ghabh mi suas an t-ard-chnoc
A shealltinn air a chaileig ghuaineich
Dan robh ghruaidh ro narach,
Olc no math le luchd ar tuaileis,
A luaidh, gus mi ga dfhagail,
Phos mi sin thus thug mi uaththu,
S bha sud cruaidh le Padruig.

Fhir a shiubhlas gu mo dhuthaich
Sann a Uig a dhfhalbh mi
Thoir beannachd dubailte da h-ionnsuidh
Chosdas cruintean airgid,
Is can ri Seochd a thanns a Chuil,
An co-dhunadh mo sheanchais,
Gur barail leam gu faic mi ghnuis
Mun teid an uir air Armchul.

Rugadh Iain Domhnullach, Iain Mac Dhomhnuill mhic Alasdair ann an Uig san Eiliean Sgithanach, mun bhliadhna 1797. Bha e beagan bhliadhnachansan Reiseamaid Duibh. Cha robh athair deonach e a bhi san arm, agus cheannaich e as e. An deigh an t-arm fhagail thanaig e air ais do Ghleann Uige. Thug e fichead samhradhs a h-ochd aig iasgach an sgadain. Bhiodh e aig an taigh sa gheamhradh. ’S ann aig an iasgach a bha e nuair a rinn en t-oran so. Chaochail e sa bhliadhna 1875. Rinneadh iomadh òran leis, achs es dòcha nach gabh iad faighinn an diugh. Theireadh cuid am Bard Uigeach ris.


LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh

Thanaig Iain Holwood, ann an tigh nam bochd Halifax, ri bheatha féin an roimhe. Chroch e e-féin le ròp ann an t-sabhal.

S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tham bathar as gaoire thaSidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saorsa ghachas deanamh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 34
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 34. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page