[265]

[Vol . 2. No. 35. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 24, 1894. No. 35.


AN SAIGHDEARS NA CAIRTEAN.

Bha aig am àraid saighdear dam bainm Richard Lee fa chomhair breitheamh airson cluith chairtean re seirbheis na Sàbaid. Tha e coltach gu robhn sergant a thoirt commanda do na saighdearan aig an eaglais, agus muair a leugh a ministeir an ùrnuigh, thug e mach a cheann-teagaisg. A mhuinntir aig a robh Biobuill thug iad a mach iad, ach cha rebh aig an t-saighdear so aon chuid Biobuill no leabhar-ùrnuigh, ach a toirt a mach paca chartean, sgaoil e ma choinneamh iad. Shealladh e air aon , agus an déigh sin air eile. Chunnaic an sergant na cuideachd e, agus thubhairt e risA Richard, cuir uat na cairtean, cha n aite so dhiobh.” “Coma leat sin,” arsa Richard. Nuair bhan t-seirbheis seachad thugadh an saighdear air benlthaobh a Phrothaist. “Well,” arsa am Prothaist, “Carson a thug sibh an saighdear an so?” “Air son cluich chairteansan eaglais.” “Gle mhath a shaighdear, ciòd e a thagad ri radh air do shon féin?” “Gu leòr, tha dochas agam,” arsan saighdear. “Gle mhath, mur eil, peanasaichidh mi thu nis mo na pheanasaicheadh duine riamh.” “Bha mi,” arsan saighdear, “bho chionn sea seachduinean air an fhalbh. Chan eil aon chuid Biobuill na leabhar-ùrnuigh agam. Chan eil ni sam bith agam ach paca de chairtean, agus toilichidh mi do mhòrachd mu fhior-ghloine minntinn.” Agus a sgaoileadh nan cairtean air beulthaobh a Phrothaist, thòisich e leis an ace: Nuair a chi mi an ace cuimhnichidh e dhomh nach eil ann ach aon Dia. Nuair a chi mi an deuce cuimhnichidh e dhomh an t-Athairsa Mhac. Nuair a chi mi an tray, cuimhnichidh e dhomh an t-Athair, a Mhac, agus an Spiorad Naomha. Nuair a chi mi na ceithir spotan cuimhnichidh e dhomh na ceithir soisgeulaichean, Mata, Marc, Lucas agus Eòin. Nuair a chi mi chòig cuimhnichidh e dhomh na còig òighean glic a dheasaich an lòchrainbha deich ann, ach bha còigear dhuibh glic agus còigear amaideach. Nuair a chi min t-seath cuimhnichidh e dhomh gur ann a sea làithean a rinn Dia neamh agus talamh. Nuair a chi min t-seachd cuimhnichidh e dhomh gur ann air an t-seachdamh la ghabh e fois o obair mhòr a chruthachaidh. Nuair a chi mi an ochdamh cuimhnichidh e dhomh an ochdnar a bha air an tearnadh nuair a sgnos Dia an saoghal. Nuair a chi mi an naodhamh cuimhnidh e dhomh na naoidh lobhair a bhair an glanadh le Criosd, bha naoidh as an deich nach do phill a thoirt molaidh. ’Nuair a chi mi na deich cuimhnichidh e dhomh na deich aitheantan a shin Dia nuas do Mhaois air da clàr cloiche. Nuair a chi mi an Righ cuimhnichidh e dhomh Righ nan neamh. Nuair a chi mi a Bhàn-righ cuimhnichidh e dhomh Bàn-righ Sheba a thainig a chomhaid Shollamh.” “Well,” arsa am Prothaist, “thug thu deadh mhienachadh asda uile ach a aon.” “Co an te?” “An trudar,” arsam Prothaist. “Bhéir mi mìneachadh as a sin cuideachd mur a bi fearg ort.” “Cha bhi,” arsa am Prothaist, “mur abair thu gur a mi-féin an trudar.” “Well,” arsan saighdear, “se a maor a thug an so mi, trudar as mos aithne dhomh.” “Chan eil fhios agam,” arsa am Prothaist, “am e trudars , ach tha fios agam gur e amadans .”

Nuair a chunntas mi na spotan ann am paca chairtean gheibh mi tri cheud, tri fichead sa coig, ’n aon uireadsa tha de làithean ann am bliadhna. Nuair a chunntas min àireamh chairtean a thasa phaca, gheibh mi gu bheil da fhichead sa dha dheug ann, an àireamh sheachduinnean a tha sa bhliadhna, agus gheibh mi ceithir seòrsachan, an àireamh sheachduinnean ann am mios. Tha mifaotuinn da chairt dheug dhealbhan ann am paca, a foilseachadh an àireamh mhiosan sa bhliadhna, agus aig cunntas nan car, gheibh mi tri deug, an àireamh sheachduinnean sa ràidh. Mar sin chi thu, a Mhaighstir, gun dean paca chairtean an gnothach airson Biobuill, miosachain, agus leabhar-ùrnuigh.”

T. C.


Di-ciaduin air an t-seachdain sa chaidh chaochail bantrach AmhlaidhIc Amhlaidh aig Man-O’ -War Point, Boulardaei. Bha i ceud bliadhna sa seachd a dhaois. Chaidh a h-adhlacadh Di-haoine.

Tha dithis dhaoinesa phriosan ann a Halifax air son tigh a chur na theine air son an t-airgiod-urrais fhaotainn. Cha dfhuair iad an t-airgiod ach tha e ro choltach gn faigh iad an tigh-oibreachna àite.

Bha Fhéill Pàdruig air a chumail le moran greadhnachais ann an cuid de bhailtean Chanada, agus cha mhor gu robh baile idir nach drinn a bheag no mhor air son ainm Phàdruig a chumail air chuimhne, an Gàidheal diadhaidh a rinn na h-uiread air son Eirinn.

Rugadh air àireamh fhiadh ann an New Brunswick o chionn ghoirid agus chaidh an toirt do choilltibh Nobha Scotia, far an robh iad aon uair gu math pailt, ach far nach eil gin dhen seòrsan diugh. Than Carriboo ri fhaotainn an Ceap Breatunn fhathast, ach feumair an dion nas fhearr na thatar a deanamh neo chan fhad a bhitheas.

Is mac Albannaich Mr. Gladstone, agus am fear a tha air dol a stigh na àite is Albannach e mar an ceudna. Tha cuid de na Sasunnaich a dranndan mu dheadhainn sin, ach chan eil e ro fhurasda dhaibh a chùis a leasachadh, oir is sàr Albannach Mr. Balfour, ceannard na pàirtidh eile, agus mar sin ged chuireadh iad pàirtidh Gladstone a dreuchd cha bann dad na bfhearr dheth a bhitheadh iad. Cha bhiodh iad ach a leum as an teine don ghriosaich.



[266]

[Vol . 2. No. 35. p. 2]

MAIRNEALACHD,

Agus Rud no Dha Eile.

LE IAIN.

(Atr a leantuinn.)

MAR a dhfhaodar a thuigsinn o na dhainmich mi mar tha, tha na comharraidhean a thug mi seachad mun t-sìde ann an co-cheangal ri amannan agus aimsirean na bliadhna, agus tha earrann mhòr den bhliadhna mu nach toir iad eòlas sam bith dhuinn a thaobh na sìde. A nis innsidh mi na thair chuimhne agam de na comharraidhean eile leis am faodar aithneachadh cuin a than t-sìde gu atharrachadh, agus ciod an t-atharrachadh a bhios ann.

Bha e air a làn-chreidsinn aon uair gum biodh a h-uile Diciaduin soilleir, grianach, ann an tomhas beag no mòr, eadhon ann an dùdlachd agheamhraidh. So mar a than sean fhacalg a chur,

Cha robh Diciaduin riamh gun aghrian;
Cha robh geamhradh ciar gun smal,
Cha robh Nollaig Mhòr gun fheòil;
S cha robh bean da deòin gun fhear.”

A chionn gum bann air Diciaduin a chruthaicheadh aghrian tha e fìor nach robh Diciaduin riamh gun aghrian. Bha muinntir acreidsinn gu nochdadh aghrian a h-aghaidh co dhiu air an latha dhen t-seachduin air an do chruthaicheadh i. Baithne dhomh iomadh neach a bhag ràdh gun do ghabh iad beachd air gu robh aghrian rifaicinn abheag no mhòr a dhùine a h-uile Diciaduin o bu chuimhne leotha.

Mar an ceudna bha e air a làn chreidsinn gum biodh an t-uisge mòr ann fad an latha Dihaoine nam bes gum biodh an t-uisge ann gle mhochs amhaduinn. So mar a theirteadh, “Ma gheibh an Aoine na beul e aon uair cha dean i turadh fad an latha.” Nam biodh Dihaoine fluich bhithteadh cinnteach gum biodh Didònaich fliuch. “Bidh an Dònach a réir na h-Aoine.”

Bha na seann daoine agabhail beachd sònraichte air gach atharrachadh a dheanadh aghaoth, agus feumaidh neach sam bith a ghabhas beachd air, aideachadh gu bheil gach atharrachadh a thig air aghaoith na chomharradh anabarrach math air atharrachadh na sìde, Ma théid aghaoth tuaitheal, ’s e sin, an aghaidh na gréine, faodaidh gach neach a bhith cinnteach gum bi an tsìde gu h-olc gus an till i air a h-ais a dhionnsuidh na h-àird on dfhalbh. Faodaidh latha no dha de dheadh shìde tighinn eadhon an déigh don ghaoith car cearr a chur dhith, ach cha tig sìde chunnabhallach gus an till aghaoth don taobh on dthàinig i.

Ma bhios aghaoth asìor atharrachadh, tha ena fhìor dhroch coltas air an t-sìde. An uair a bhiodh aghaoth ag atharrachadh mar so theireadh iad o shean, “Thaghaoth ag iarraidh nam port.”

Ma bhios an t-sìde cho ciùins nach urrainnear a dheanamh a mach an taobh om bheil aghaoth, faodar a bhith cinnteach gur ann on deas a shéideas i, “An uair a bhios aghaoth air chall, iarr on deas i.” Than comharradh so a cheart cho cinnteach ris na comharraidhean eile a dhainmich mi mun ghaoith. An uair a thaghaoth mar so agrad thuiteam, agus an sin aséideadh on deas, faodar a bhith cinnteach gun tig an t-uisge mòr.

An uair a than t-uisge mòr ann cha bhi dùil ri turadh gus an séid aghaoth on iar. Mar a tha am facal ag radh,

Olc air mhath le fear ga h-iarraidh
Thig i an iar an deigh an uisge.”

Ach mur téid aghaoth thun an tuath faodar a bith cinnteach gun till i air a h-ais gu deas mur bi frasan leatha.

Gaoth an iar gun fhrois,
Bidh itriall gu deas.”

Ged is ann on deas is a thig den uisge, is ann on àird an iar a dhéireas na neòil a chomhdaicheas na speuran. Is ann mar so a thachùis anns gach àite a tha dlùth air achuan an iar. Mar a tha am facal ag ràdh,

Is i an àird an iar a
Shalaicheas gach àird.”

Bann on iar a dhéirich an neul beag mu leud na boise a chòmhdaich na speuran ann an ùine ghoirid an uair a bha Eliah am Fàidh ag ùrnuigh air mullach Chàrmeil.

Am uair a bhiodh ceò is uisge min ann, no ceò trom gun abheag a dhuisge, bhiodh na seann daoine cinnteach nach glanadh an ceòs an uisge min air falbh ach le gaoith atuath, no le uisge mòr. Theireadh iad, “Gaoth atuath a sgaoileas ceò,” agus, “Cha teid bàs pathaidh air ceò an t-seann soluis.” Aon uairs gum bristeadh air aghealaich theirteadh, an seann solus rithe, gu h-àraidh an uair a bhristeadh air acheathramh mu dheireadh dhi.

An uair a bhios an t-sìde bristeach agus a thionndaidheas aghaoth ris an tuath, tha e gu tric atachairt gu bheil acheud da latha dhi gle gharbh, ach mar is trice bidh an treas latha dhi ciùin gu leòr. Ann an cuid de na h-Eileanan an Iar their iad, “Air an treas bristidh aghaoth atuath a cridhe.” Chuala mi na briathran a leanas gu math tric:—

Acheud latha den ghaoith adeas,
An treas latha den ghaoith atuath,
An dara latha den ghaoith an iar,
S aghaoth an ear gach ials gach uair.”

A réir mar a thuig mi na briathran so, bhiodh acheud latha den ghaoith adeas, an treas latha den ghaoith atuath, agus an dara latha den ghaoith an iar, ciùin gu leòr air son scòlaidh agus iasgaich; ach bhiodh aghaoth an ear an còmhnuidh cho ciùins gu faodadh daoine bàtaichean oibreachadh. Tha e ainneamh, ma tha e idir, atachairt, gu bheil gaoth àrd, no stoirm atighinn on aird an ear. Tha e comharraichte gur ann ris an àird an ear a tha aghaidh nan taighean aig achuid as de shluagh nan Eileanan an Iar. Is ann on iars on iar-dheas is trice a thig na stoirmeanan, agus on a thaghaoth an ear an còmhnuidh nis ciùine na gaoth sam bith eile, ged a tha i gle fhuar, is ann ris an ear is freagarraiche aghaidh nan taighean a bhith.

Feasgar dearg is maduinn ghorm coltas na deagh shìde.” Mar an ceudna bha, agus tha ena fhìor dhroch coltas air an t-sìde amhaduinn a bhith sgàireach dearg.

An uair a bhios an iarmailt làn a dhfhir-chlis, ’s iad a cur nam both dhiu gu làidir, faodar a bhith cinnteach gun tig gaoth is uisge gu leòr an ùine ghoirid. Ach ma bhios na fir-chlis gu h-iosal anns an àird atuath, is comharradh air an t-sneachda e.

Mar a dhaithnichear air na neòil gu bheil an t-uisge dlùth air laimh, aithnichear mar an ceudna air na neòil an uair a bhios an sneachda gu tighinn:—

Bonn gorm agus bàrr lachdunn,
Pàirt de choltas an t-sneachda.”

Ain uair a tha sneachda mòr gu tighinn is e clachan mìne meallain a thig an toiseach. Nan déigh thig na pleòiteagan agus an cathadh. Agus mar is trice is i chlach mhìn mheal-



[267]

[Vol . 2. No. 35. p. 3]

lain a thig mu dheireadh. So mar a theireadh na seann daoine:—

Tolseach is deireadh na sìne
Clachan mìne meallain.”

Tha e furasda gu leòr neòil an uisge aithneachadh, gu h-àraidh na neòil ris an canar anrunnach.” Theirear anrunnachris na neòil so a chionn gu bheil iad breac mar a tha da thaobh an éisg ris an canar anrunnach.” Ge be uair a chithear na neòil so faodar a bhith cinnteach nach bi an t-uisge fada gun tighinn.

An uair a chithear buaile mhòr mun ghréin no mun ghealaich, faodar a bhith cinnteach gu bheil uisge agus gaoth dlùth air laimh.

An uair a chithear na beanntan nis dlùithe air laimh na tha iad, is comharradh e gu bheil an t-uisge dlùth air laimh.

Aithnichidh na daoine a tha fuireach air taobh an iar an Eilean Fhada air fuaim achladaich ma bhios aghaoth gu séideadh on ear.

Aithnichidh na h-iasgairean agus na seòladairean air gluasad nan tonn gum bi an stoirm faisge orra.

Tha na h-eòinnam m àirnealaichean anabarrach math. Aig iomadh àm thig na faoileagan nam ficheadan o na cladaichean a dhionnsuidh nan achaidhean, agus on a ghabh na seann daoine beachd gun tigheadh uisge trom no sneachda mòr mun àm anns am faiceadh iad na faoileagan air feadh nan raointean, thuirt iad:—

Faoileagan manadh an-sneachda,
Scàireagan manadh an uisge.”

Ge be uair a chithear ealta de na bigeanan- baintighearna* aceileireadh gu binn air cliathaich taighe, no air craoibh, no air gàradh, faodar a bhith cinnteach gum tig sìde gle fhuar no eadhon sneachda, gun dàil.

Ma chithear breac-an-t- sìl atighinn dlùth do na dorsan a sgrobadh far am bi na cearcan afaotainn am bidh, faodar a bhith cinnteach gun tig laithean a dhfhìor dhroch shìde.

Bha daoinegabhail beachd air gu robh an dreadhain-donn glé dhéidheil air a bhithdol a steach do na tuill an uair a bhiodh an t-uisge dlùth air laimh, agus bha iad acreidsinn gum bann a chionn gu robh an t-uisge gu sileadh a bha e dols na tuill. Aig an àm cha robh fhios aca, a réir choltas, gur ann air na cuileagan a tha n dreadhain-donn atighinn beò. Is e


* The mountain linnets.


eun is lugha agus is meatathanns an dùthaich againn; ach chaneil eun eile anns an ealtuinn air son an drinneadh a leithid a dhulluchadh ann an riaghladh an Fhreasdailsa rinneadh air son an dreadhain duinn. An uair a bhios an t-uisge dlùth air laimh theid achuid as de na cuileagan a steach do na tuill, fo na clachan anns na gàraidhean, agus so na t-àm anns an fhusa don dreadhain-donn a shàth den bhiadh as fhearr leis fhaotainn. Beagan mun sil an t-uisge chan fhaicear cuileag agluasad ach na meanbh-chuileagan a bhios adannsadh anns an fhasgadh gus an cuir an t-uisge mòr nan tàmh iad. Gun teagamh sam bith faodar a ràdh gu bheil an t-uisge gu sileadh an ùine ghoirid ma chithear an dreadhain-donn adol gu math tric do na tuill.

Ma bhios na coilich agairm an àm dhaibh a bhithgabhail mu thàmh is comharradh e gum bin t-uisge ann mun tig amhaduinn. Ma ghairmeas iad an uair a than t-uisge ann is comharradh e nach bi an turadh fada gun tighinn.

Dìreach mar a dhéireas aghlaine-shìde mun téid an t-uisge as, mar sin teannaidh na h-uiseagan ri gairm mun teid an t-uisge as.

Bha agus tha muinntir acreidsinn gu bheil an t-sìde ann an tomhas mòr air a riaghladh leis aghealaich. Theireadh iad gun atharraicheadh an t-sìde an uair a thigeadh an solus ùr, no an uair a bhiodh an ceathramh slàn, no an uair a bhiodh aghealach na h-àirde, no an uair a bhristeadh air acheathramh mu dheireadh. Bha iad atoirt fa near gu robh an t-sìde ag atharrachadh gu math trie aig an àm anns an robhghealach ag atharrachadh, agus on a bha iad cinnteach gu leòr gu robh lìonadh agus tràdhadh na fairge ann an tomhas mòr fo riaghladh na gealaich, bha iad an dùil gu robh an t-sìde mar sin mar an ceudna. Tha iomadh neach a dhionnsuidh an lathan diugh nach toir fa near gu faod nithean tachairt aig an aon àm gun cho-cheangal sam bith a bhith eatorra. Biodh so mar a thogras e, bheir sinn fa near na beachdan a bhaig na seann daoine. Bha iad acreidsinn mar an eeudna gu robh an solus a thigeadh a steach air Disathuirne ri bhith anabarrach fiadhaich. “Solus na Sathurna, gabhaidh en cuthach seachd uairean.” Ann an Leodhas theireadh iad, “Solus earraichs beanga innseadh, gabhaidh en cuthach tri uairean.”

Theireadh iad o shean, agus chuala mi am bliadhna fhéin e, gu sil an t-uisge mar is tric air toiseach dn lìonaidh. “Silidh e air a lìonadh.”

Nacheil an t-àm agam sgur den obair so? Tha eagal orm gu fàs sibh cho sgith ag eisdeachd ris an t-seann seanachus sos a dhfhàs an gobha demhàthair an uair a thiodhlaic e seachd uairean i. Mar a than sean fhacal ag ràdh;

Ge math an ceòl feadaireachd
Fòghnaidh beagan dheth.”

IANI.


(AChrioch.)


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[268]

[Vol . 2. No. 35. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 24, 1894.

Chan eil fhios fhathast co dhiu tha no nach eil còir laghail aig mor-roinnean Chanada air bacail a chur air reic na deoch làidir, ach tha chùis ri chur air beulaobh nan cùirtean toiseach ceud mhios an t-samhraidh agus an déigh dhaibh-san breith a thoirt, theid a chur air feuiaobh àrd-chùirt Bhreatuinn, agussi bhreith a bheir a chùirt sin a chuireas a dhaon taobh gach càs us tagradh. ’Nuair a bheirear breith air càs anns a chùirt sin, cha ghabh e cur nas fhaide. Mas es gun abair àrd-chùirt Bhaeatinn gu bheil còir laghail aig mòr-roinnean Chanada air bacaìl a chur air reic na deoch làidir bidh e mar fhiachaibh air luchd-riaghlaidh Nobha Scotia, Eilean a Phrionnsa, New Brunswick, Ontario us Mhanitoba sin a dheanamh gun dàil, oir fhuair iad uile lan ùghdaras on t-sluagh. Ach mas es gun abair a chùirt nach eil a chòir sin aca, rud a tha glé choltach, feumaidh càirdean na stuamachd feitheamh gus an toir Uachdranachd Chanada cothrom do shluagh na dùthcha air fad air am barail a chur an céill aig na polls; agusnuair a gheibh, ge be taobh as treise, theid a chùis leotha.


Cha bhin uine nis fada gus am bi am MAC-TALLA da bhliadhna dhaois. Thòisich e glé bheag agus bha e gu math lag ach thainig e air adhart a lion beagan us beagan, agus mar a dhfhàs a chàirdean na bu lionmhoire, dhfhàs e na bu mhò. Than clò a tha ri fhaicinn air a dhuilleagan air fas gu math nas glaine na bàbhaist da, agus tha e uile gu leir na phaipear nas coltaiche na bha en toiseach. Bhitheamaid a nis air choinneamh an t-samhraidh glé dheònach air am MAC-TALLA a mheudachadhsa neartachadh agus a stédiheachadh gu daingeann, oir tha sinn a lan chreidsinn ma a nithear sin gu bheil saoghal fada dhfheitheamh air. ’S en dòigh a bha romhainn sin a dheanamh, cuideachd a chur air chois a ghabhadh am paipear as laimh agus a chuireadh e air bonn cho maths bu choltach dha bhith. Tha àireamh mhath an déigh gealltanas a thoirt dhusnn mar tha, agus tha fhios againn gu bheil àireamh mhòr dar càairdean a bhiodh ro dheònach a bhisa chuideachd. Bidh sinn toileach cluinntinn uatha sin, agus bheir sinn dhaibh gach fiosrachadh is urrainn duinn.


NAIDHEACHDAN.

Tha na h-àireamhan a leanas dhen MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhen Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?

Chaidh Mr. Bonnell, seann duine mhuinntir Sidni-a- Tuath, don eaglais Mhethodich anns a bhaile sin maduinn na Sàbaid sa chaidh, agus air dhaàite suidheruigheachd, chaidh e mar bu ghnàth leis, air a ghlùinean. Thug pàirt dhen cho-thional fa near nach robh eg éiridh; chaidh iad far an robh e agus fhuair iad gu robh e air caochladh. Chaidh an corp a thoirt dhachaidh gun dàil agus an -r- na-mhaireach chuireadh air falbh gu Newfoundland e gu bhi air adhlacadh far an robh a dhachaidh an toiseach. Bha ecur gnothuich air adhart ann an Sidni-a- Tuath o chionn àireamh bhliadhnaichean.

Thainig an t-Urr. I. F. Forbes air ais a Shidni deireadh na seachdain sa choidh. Thainig a fheansa theaghlach feargar Diordaoin air an t-seachdain so. Fhuair sinn litir o chionn ghoirid o Dhomhnull Mac Nèill, Loch na h-aibhne Deas, an Nobha Scotia, agus so mar tha eg radh mu Mhr. Forbes:— “ ’Se bu mhinstein dhuinn an so fad fhichead bliadhna agus bu duilich sinn an latha a dhfhàg e sinn. Mas beò mi air an ath shamhradh thèid mi a shidni ga shealltuinn, bheir mi céilidh dhuitse mar an ceudna.”


Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.


Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.



[269]

[Vol . 2. No. 35. p. 5]

Aon air an t-seachdain sa chaidh chruinnich muilleinean de na ròcaisean aig Niagara Falls, agus chluinnte an gorcail far nach faicte iad. Tha moran dhaoinesa choimhearsnachd acreidsinn gur a droch mhanadh na rocaisean a bhi cho lionmhòr.

Chruinnich Parlamaid Chanada air Dior-daoin an coigeamh latha deug dhen Mhàrt. Cha do thòisich iad ceart fhathast agus uime sin chan eil moran ri innseadh. Tha an tìgh ma sgaoilsna làithean so a cumail na Càisge.

Tha ban-righ Victoria anns an Eadailt air a mhios so. Tha ena chleachdadh aice a h-uile earrach a bhi dol aona chuid don Fhraing no don Eadailt air son a slàinte. Tha na dùchannan blàtha sin moran nas fallainen am an earraich na tha Breatuinn.

Tha Morair Abaraidhean agus a bhan-tigharna a tighinn air chuairt do na mòr-roinnean ìosal air an t-samhradh sa tighinn, agus chan eil teagamh nach tig iad a Cheap Breatunn a dhfhaicinn nan cnocs nan gleanns nan lochs nan strath as àluinne ghabhas faicinn.

Ann an Nanaimo, B. C., thòisich Arnailt na Slàinte(Salvation Army)aon oidhche air bualadh nan clags air eigheach, “Teine! teine!” Cha mhor nach dranaig a h-uile duine sa bhaile far an robh iad, ’s an anailnan uchd. Dhfheòraich iad, “Caitem beil an teine?” Ann an Ifrinn,” arsa na h-oifigich, agus mur dean sibhse aithreachas gheibh sibh ur leòr dheth.” Tha na paipearan a cur sios gu mor air an armailt air son so.

Tha tuathanach aonranach ann am Manitoba a chuir fios anns na paipearan naidheachd o chionn mios no dha ag radh guìn bn toigh leis pòsadh agus ag irraidh air sam bith a bhiodh toileach a ghabhail sgriobhadh thuige. Cha robh e fadafeitheamh an uair a thòisich na litrichean air tighinn, agus tha e cheanan deigh tri fichead litirsa deich fhaotainn o mhaigheadan a tha, a réir coltais, cho aonranach ris fhéin.

Fhuair sinn o chairid urramach ann an Ontario Oran Stuamachd a rinn Gobha na h-Earradh, agus gheobh ar leughadairean e an ùine ghoirid. Tha againn air laimh mar an ceudna eachdraidh a sgriobhBartimeus,” agus cunntas air turus-cuain as a Ghàidhealtachd le Calum Mac Fhearghais, a thuilleadh air àireamh de litricheans de sgriobhaidhean eile dhan dean sinn rùm cho luaths is urrainn duinn.

LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.

Aig Big Bull, Newfoundland, chaidh tigh le fear Iain OCriscoll na theine agus chaidh a bheansa cheathrar chloinne a losgeadh gu bas.

Tha sàcramaid na suipear ri bhi air a frithealladh an Eaglais St. Andrdw am màireaeh, Ben latha na Ceisteagus bhan seirbheis gu h-iomlan anns a Ghàilig.

Chaidh bear Uisdean Dùghallach a mhuinntir Bhroad Cove a mharihadh aig Forksville, Pa., le sgiorradh air an ochdamh den Mhàrt. Bha e falbh le ràth air an amhuinn, agus air dòigh eigin chaidh e an sàs am nam maidean agus bha e air amharbhadh.


LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt.


Chaidh carbad iaruinn a chur bhar an rathaid eadar New Glasgow us Pictou o chionn ghoirid, agus tha gille òg, aois dha bhliadhn deug air a chur an sàs air a shon. Tha eg aideachadh gum be a rinn an gniomh, gun do chuir e maide air an rathad a chuir an carbad air aimhreit.

Tha tri càraidean a fuireach air an Amhainn Mheadhonaich am Pictou a tha pòsda o chionn còrr us tri fichead bliadhna, Tòmas Hornesa bhean a tha pòsda tri fichead bliadhnasa ceithir; Uilleam Frisealsa bhean, tri fichead bliadhnasa h-aon; agus Niall Mac Aoidhsa bhean, tri fichead bliadhnas h-aon. Tha iad uile gu fallaim, tapaidh; gu ma slàn iomradh orra!

Chaidh Raonull Mac Fhearghais, duinog a mhuinntir nam Forks a mharbhadh aig méinn Chaledoniasa mhaduinn Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha efeuchainn rìs an reothadh a thoirt a cnapan deynamite ri blàths an teine; chaidh an dynamite dheth, a cur an taighesan robh e as a chéile agusga leònaph-san cho donas nach robh e beò ach gu maduinn an ath latha.

LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


Sgoil-sheinn Ghailig.

Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig gar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhen chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.

NIALL DOMHNULLACH.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[270]

[Vol . 2. No. 35. p. 6]

NA FIANTAICHEAN.

Bha fear air astar uaireigin mu thuath, a réir coslais, mu Siorramachd Inbhirnis. Bha e acoiseachd , ’us chunnaic e fear abuain sgrath leis an làr-chaipe. Thainig e far an robh an duine. Thubhairt e risOh, nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin.” Thubhairt an duine ris, “Oh, nam faiceadh tu mathair, is e as sine na mise.” “Dathairarsan duine, “am bheil dathair beòs an t-saoghal fhathasd?” “Oh, thaarsesan. “Càite am bheil dathairarsesan, “am burrainn mifhaicinn?” “Uh, is urrainnarsesan, “tha e atarruing dhathigh nan sgrath.” Dhinnis e an rathad a ghabhadh e ach am faiceadh eathair. Thàinig e far an robh e. Thubhairt e ris, “Nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin.” “Uh,” arsesan, “nam faceadh tu mathair, is e as sine na mise.” “Oh, am bheil dathairs an t-saoghal fhathasd?” “Uh, tha,” arsesan. “Caite am bheil earsesan, “an urrainn mifhaicinn?” “Uh, is urrainn,” arsesan, “tha e atilgeadh nan sgrath air an tigh.” Ràinig e am fear a bhatilgeadh nan sgrath. “Oh, nach sean sibhse, ’dhuine, ris an obair sin,” arsesan. “Uh, nam faiceadh tu mathair,” arsesan, “tha e mòran nas sine na mise.” “Am bheil dathair agam ra fhaicinn?” “Uh, tha,” arsesan, “rach timchioll, ’us chi thu e acur nan sgrath.” Thainig eus chunnaic e am fear a bhacur nan sgrath. “Oh, a dhuinearsesan, “is mòr an aois a dhfheumas sibse a bhi.” “Oh,” arsesan, “nam faiceadh tu mathair.” “An urrainn mi dathair fhaicinn?” arsesan, “Càite am bheil e?” “Mataarsan duine, is òlach tapaidh coltach thu, tha, micreidsinn gum faod mi mathair a shealltuinn duit. “Tha e,” arsesan, “stigh ann an geadan clòimhe an ceann eile an tighe.” Chaidh e stigh leisg a fhaicinn. Bha na h-uile gin diùbhsan ro mhòr, nacheil an leithid a nis ra fhaotainn. “Tha duine beag an so,” arsesan, ’athair, “air am bheil coslas òlaich thapaidh, Albannach, ’us toil aigeur faicinn.” Bhruidhinn e ris, ’us thubbairt e; “Co as a thàinig thu? Thoir dhomh do làmh, ’Albannaich.” Thug a mhac làmh air seann choltair croinn a bhana luidhe làimh riu. Shnaim e aodach uime. “Thoir dha sin,” arsesan ris an Albannach, “ ’us na toir dha do làmh.” Rug an seann duine air acholtair; ’us acheann eile aig an duine eilena làimh. An àite an coltair a bhi leathann, rinn e cruinn e, ’us dhfhàg e làrach nan cuig meur ann, mar gum bitheadh uibe taois ann. “Nach cruadalach an làmh a thagad, ’Albannaich,” arsesan, “Nam bitheadh do chridhe cho cruadalach, tapaidh, dhiarrainnse rud ort nach diarr miair fear roimhe.” “Ciod e sin, a dhuine?” arsesan, “ma tha ni ann as urrainn misedheanamh, ni mi e.” “Bheirinnse dhuitarsesan, “fìdeag a tho an so, agus fiosraichidh tu far am bheil Tòm na h-iùbhraich, laimh ri Inbhirnis, agus an uair a theid thu ann, chi thu creag bheag, ghlas, air an dara taobh dheth. An uair atheid thu a dhionnsuidh na creige, chi thu mu mheudachd doruis, ’us air cumadh doruis bhige air achreig. Buail sròn do choise air trì uairean, ’us air an uair mu dheireadh fosgailidh e. Dhfhalbh e, ’us ràinig eus fhuair e an dorus. Thubhairt an seann duine ris, “An uair a dhfhosgailias tu an dorus, serimidh tu an fhìdeag, bheir thu tri seirmean oirreus air an t-seirm mu dheireadh,” arsesan, “eiridh leat na bhitheas stigh, ’us ma bhitheas tu cho tapaidhus gun dean thu sin, is fheairrd thu fhéin eus do mhac, ’us dogha, ’us diar-ogha. Thug e acheud sheirm air an fhideag. Sheall eus stad e. Shìn na coin a bhan an luidhe làthair ris na daoinibh an cosan, ’us charaich na daoine uile. Thug e an ath sheirm oirre. Dhéirich na daoine air an uilnibhus dhéirich na coinn an suidhe. Thionndaidh am fear ris an dorus, ’us ghabh e eagal. Tharruing e an dorusn a dhéigh. Ghlaodh iadsan uile gu léir, “Is miosadhfhàg na fhuair,” Dhfhalbh en a ruith. Thàinig e gu lochan uisge, a bha an sin, ’us thilg e an fhìdeag anns an lochan. Dhealaich mise riu. —Seann Sgeulachd.


K. D. C


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.,
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[271]

[Vol . 2. No. 35. p. 7]

Turas a Mharaiche

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. VI. —Air a leantuinn.

N uair rannsaich Criosduidh cùrsan t-soithich, fhuair e mach cho fad sa bhan seann duine air bòrd leo gu robh iad gu h-uaigneach air an tarruing le sruth os iosal dhionnsuidh creagan fodh shàl dan ainmcreagan anatema,” farn do bhuail iomadh long lurach, agus chadh an long-bhristeadh. Seadh cha robh iad fathast cuibhteas cunnart. Dhasluich e air na maraichean iad a bhi stuama agus caithriseach, maireannach ann an ùrnuigh, agus thairis air gach ni eile iad dhlùth lean ris an Tighearna le làn rùn an cridhe. Bhacreagan anatemanis ro chunnartach do bhrìgh gu robh iad cuid a dhuairean os cionn an uisge agus cuid fodha. Agus ni as iongataiche gu léir, cunnartachs mar bha na creagan agus lionmhors mar bha na long-bhristean orra, cha robh choltas gun do bhuanaich maraichean na h-aon bhliadhna o challdachd na muanntir chaidh air thoiseach orra. Bha fathunn a dol gu robhas a cluinntinn, aig marbhantachd na meadhan-oidhche, fuaim binn os cesnn nan creagan chum bhi tàladh shoithichean chum an sgrios. Don mheudsa bha mi-chùramach san uaig. neas, a cruadhachadh an cridheachan. thug an Tighearna seachad spiorad na suaine, sùilean chum nach faiceadh iad agus cluasan chum nach cluinneach iad. ’Nuair chuala na maraichean dia mòr an cunnart dh-ionnsuidh an tug a seann duine iad, bha iad air an irisleachadh gu mòr, agus bha Criosduidh air ardachadh nan sùilean.


Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads.I. M. CAIMBEAL.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.


Tha e air a radh gu bheil Amhainn St. Lawrence a bristeadh na deighe agusga cur leis an t-sruth. Tha dùil ri i bhi fosgailte do shoithichean nas tràithe na bàbhaist dhi.

LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach buriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[272]

[Vol . 2. No. 35. p. 8]

ORAN.

LE DONNACHADH BROCAIR.

O, gur mistha fo airsneal,
S mi ri faire na broclich ud thall,
S nach faìc mi tighinn an gaisgeach
Le a lomhian chon ghasda air sraing,
Leis na h-abhagan sgairtail
A dheanadh an aisith sa charn,
S leis na miol-chonibh seanga
Bhuaìleadh speach air mac eilde nam beann.

Gur a h-iomad oidhchanmoch
A thug mise air sgairneachsan tir,
S bidh min nochd mar a babhist
Gun aon duine ri manran ruim fhin.
Nam biodh fios aig mo nabidh
Gu bheil misan son drasda ri strith,
Cha bhiodh a cheum failneach,
Bhiodh e agam am maireach le cinnt’.

Cuim an cuirinn-sa coire
Air an oigears nach toilleadh e i,
S gur mi fhinbhrisd a choìnneamh;
Cha n-fheil stath dhomh bhi gearan no caoidh,
Ged a dhfhuiling mi cruadal.
Agus moran de dhfhuachd orm ga chinn,
S mi gun leaba, gun chluasag,
Ach na leacan fo mchruachans mi sgith.

Ach nan digeadh tu, Uilleam,
S grad a thogadh tum mulad so dhiom;
Is sar ghiomanach gunnthu
Leis an deanteadh an fhuil ann san fhrith,
Bu tu leannan na gruagich
Cho banails cho suaircs thasan tir;
S lamh a leagadhn fhir ruaidh thu,
A chuireadh na h-uain oirnn gu dith.

Tha mi fada bho aitreabh,
Gun aon neachmi rium facal de chainnt,
Ann an culaobh na beinne,
N taobh mu dheas do Loch-Eireachd so thall,
Ach na bidheam fo smuairean
S mi ag amharc a suas ris gach aird,
Ann an lagan beag uaine,
Dhfheuch am faic mim fear ruadhtighinn air sgath.

Dhfheuchinn ro bheagan caoimhneis
Dhuit, a shionnich nan coillteans nam frog,
Nuair a ghlacinn an spainteach,
A bhiodh feagarrach, lamhchar, fon ord,
Bheirinn toll air do leine,
Nach leighiseadh leigh a tha beo,
Ons in droch-bheirt dhan geill thu,
Is nach faighear thudheisdeachd a mhoid.

S iomad fear a tham barail
Gu bheil maran-sa socrach gu leoir;
Their gach aon a thas tir rium
Gur bu an fear an druim dhirich gach la.
Ach nam faighinn seachd bliadhniad
A shuibhal nan crioch air mo lorg,
S e mo bharail gun fhiaradh
Cu bhoil pairt din a liaths iad og.

Cha n-ionghndhòmhsa bhi truagh dheth
S a liuthad oidhche, fliuch, fuar, a thug mi.
Ann am shineadhm bun bniaiche,
S dian chur sneachda bho thuath orm gam chlaoidh,
Gur h-emheudich droch shunadh orm,
Is a thanich a ghruag bharr mo chinn:
Is mor meagalsan uair so
Gun greas e gu uaigh mi roimhm thim,

Thug mi tamullam oige,
S bha mi amaideach gorach gu leoir;
S fheudar aideachle naire,
Gun robh mi bristeadh nan aithntean gach lo
Ann an smuaintibhs am briathribh,
Ann am miannibh, ’s droch ghniomharibh fos,
An niss mithich fas dia aidh
Bhon than aimsir a triall mar an ceo.

Rugadh Donnachadh Mac-Griogair am Braighe Raineach. Bha e na bhrocair. Bha e a comhnuidh am Braigh’ -Fasaidh. Bha e posda ri Sine, nighean Ailain Stuibhart am Bun Raineach. Chunnig mi a bhean aige, ach cha n-fhaca mi e féin. Bha Uilleam na ghille aige ag ionnsachadh na brocaireachd. Bha Uilleam ri tachirt air oidhche shonnrichte, ach rnnaig am Brocair an t-aite oidhche roimhn am. Is ann an sin a thoisich e air an oran. Rinn e iomadh oran. Bhiodh a phiuthar ri orain cuideachd. Rugadh mise sa bhliadhna 1800. Thanig mi don duthaich so sa bhliadhna 1834.

IAIN DOMHNULLACH A GLEAM-A- COMHANN.


Idsan a Phaidh.

Pàdruig Mac Amhlaidh, Glace Bay.
An t-Urr. D, Domhnullach, Port Hastings.
Kassie Kay Dhomnullach, South Cove.
Iain Dùghallach, Longlaketon , N. W. T.
Donnacha Siosal, Maplewood , N. H.
An t-Urr. D. Mac Eanruig, Bheinn Ghorm, N. S.
D. M. Mac-Ille-Mhaoil, Na h-Eileanan Coille, E. P. I.
Uilleam Moireastan, Marion Bridge.
R. I. Mac Gilleain, Stirling .
Domhnull Camoran, An Amhainn a Deas, N. S.
A. I. Mac Rath, an Amhainn Mheadhonach.
Niall Mac Leòid, St . Anns.
Eachunn Mac Nèill, Baddeck .
Donnacha Mac Leoid, Baddeck, Mhòr.
Iain Gillios, Milan, Que.
Iain Domhnullach, Bay Road, C. Nor.
Tearlach Kennedy, Amhainn Dheuis.
An t-Urr. Iain Calder, Am Bain Iar.
P. D. Mac Nèill, Barra Head.
BeanIc Dhomhnuill, Eilean Pictou.
Ceit Nic Nèill, Irish Cove.
Donnacha Morieastan, New Harris.
Dùghal Dòmhnullach, Gleann-a- Comhain.
Tormoid Moireastan, Peveril , Que.
Eilidh Dhomhnullach, Malagawatch .
Aonghs Mac Neacail, Elliot ’s P. O., P. E. I.

Ma tha neach sam bith eile a phaidhs nach dfhuair creaideas, cuireadh e fios thugainn. Agus iadsan nach do phàiph cheana deanadh iad an dollar a chur air adhart gun dàii.

S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tham bathar as gaoire thaSidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saorsa ghachas deanamh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orsa an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 35
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 35. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page