[273]

[Vol . 2. No. 36. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MART 31, 1894. No. 36.


A Framboise.

Thòisich M. D. Mac Coinnich a mhuinntir Grand River air teagasg sgoile againn bho cheann ghoirid; tha sinn fior thoilichte asgoil bhi air a fosgladh le Murachadh, agus bhon tha e na dhuinog cliùiteachs na dheadh sgoilear, chaneil teagamh nach faigh e air aghaidh gu mathnar measg.

Ged a bha a cheud chuid den mhios so gu bog blàth; ’s anntha againn a nis coltas nam faoileach, le sneachdas le reothadh, ’s ma leanas an t-sìde mar sin mòran nis faide bithidh iomadh duinesan àite so gann gu leòr de bhiadh spréidhe, ach tha sinn an dòchas nach fhada gu am bi sneachdas am fuachd a toirt an casan leo.

Tha iasgairean nan giomach gu trang a deanamh deiseil gu tòiseachadh air iasgach cho trathsas urrainn daibh. Chan eil a phrìs gu bhi cho math sa bha in uiridh idir; chan eil teagamh nach e iasgach gle bhuannachdail a thann, ach tha lagh an iasgaich gu math teann air iasgaireans air luchd ceannach nan giomach, ged a dhfhaodar tòiseachadh air iasgach uair sam bith a mach bhuaithe so. Chan eil dad is fhiach de ghiomaichgan glachdadh air na cladaichean so ron a chòigeamh latha deug den t-samhradh agus chan eil an lagh a ceadachadh giomach iuchrach na giomach a bhitheas fo ochd òirlich a dhfhad a ghlachdadh agus tha aca ri sgur den iasgach air a choigeamh latha deug de Iulaidh ach faodaidh e bhi le iarrtus a chur a dhionnsuidh luchd-riaghlaidh an iasgaich gu faigh iad cead iasgach gus a cheud latha den fhoghar; achn is faide na sin chan fhaod iad, agus a chum na criche sin tha maoir air an òrduchadh an sudsan so a measg nan iasgairean a chuireas càin air neach air bith a gheibheir a briseadh air an achd. Beagan bhliadhnaichean air ais bha triùir iasgairean faisg air so a thòisich iad féin air cuir suas ghiomach an déigh an am òrduichte. Thainig na maoir orre gun fhios agus rugadh air fear aca, ach a chionn nach robh ni aige leis an dioladh e chàin leig iad as e. Fhuair an dithis eile teicheahdh ach bhrist na maoir an goileadair a bhacabruich na giomach na phiosan beaga agus an sin chuir iad an tigh ra theine leis gach ni bhann.

CEANN LIATH.


Litir a Baile na Prise.

A Charaid, —Tha mi a faotainn do phaipeir measail Gàilig an tràssa ris o mchoimhearsnach taobh eile na sràide. Chuir e impidh ormn uair a leubhainn e, litir a chur thugad on bhaile bheag a than so. Faodaidh do leughadairean bhi farraid càit am bheil Baile-na-Prise? Innis thusa dhaibh gu bheil e air a shuidheachadh an taobh deas siorramachd Ghrey, ann am mòr-roinn Ontario, far am beil mòran de Ghàidheil a cruinneachadh air amannaibh àraid. Tham baile beag so air a chuartachadh le Gàidheil; cha mhor nach iad a thann air fad. Tha ann Ileich, Muileich, Tirisdich, Uidhistich agus mar sin sìos, daoine còire, gasda. Tha Gàilig air a searmonachadh gach maduinn latha Sàbaid ann an eaglais nam Presbyterianach leis an Urr. Domhnull Mac Leoid fear de mhinistearan Ghlinn-Garraidh. A bharrachd air Presbyterianich, tha Catlaicich, Baisteich, Methodaich us Deisciobuil. Is coma den t-ainm a bhitheas òirnn ma tha sinn den eaglais fhior.

Bhan geamhradh so a tha seachad gu math fuar. Dhfhalbh an sneachda uile toiseach a Mhàrt, ach tha e coltach gu faigh sinn beagan dheth fhathast. Tha sinn gearain an so, mar thatarsa ch-uile àite eile, air timeannan cruaidhe, ach chan eil againn ach bhith stri ris a chuid as fhearr a dheanamh dheth.

Chan eil an còrr agam ri radh aig an am so; faodaidh a bhith gun sgriobh mi a ris ann an ùine ghearr mas fiach mo sgriobhadh àite thoirt da. Tha mi an dochas gun gabh do leughadairean mo leisgeul air son cho donasa tha so air a chur an òrdugh. Cha do sgriobh mi mòran Gàilig riamh, agus mar a thuirt an sean-fhacal, “cha dean duine donach a dhichioll.”

GLEANN-SEILG.


Gradh agus Sonas.

Chaneil sam bith nis fhuass an t-saoghal nabhi sona, nan smuainicheadh sluagh air. Chaneil ann an Sonas ach ainm eile air Gràdh. Far am bheil Gradh ann an teaghlach, an sin, mar an ceudna, tha sonas, eadhon ged robh airc agus éiginn a lorg. Air an Laimh eile, far nach eil Gradh, ged robh e ann an lùchairt, cha tig Sonas a chaoidh. Is mearachdach an a thubhairt, “An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, theid Gradh a mach air an uinneig.” Cha teid idir, oir than fhirinn air an dòigh eile. An uair a thig Bochduinn a stigh air an dorus, cha teich fìor Ghradh idir, ’s e nach teich, ach seasaidh e gu treun, daingean, agus cuiridh e an cath gu cruaidh an aghaidh gach namhaid. Iadsan a tagan smuaineachadh fein truagh, rannsaicheadh iad am bheil Gradh nan cridheachaibh fein, mum faigh iad cron do neach no do eile. Fosgailidh beagan bhriathra gradhach, taitneach, tlà, an t-slighe chum tuilte soluis a bhoillsgeadh a steach don tigh a rinneadh dubh, dorcha le tiugh-neulaibh na h-aisith agus abhuaireis!


Thainig am Màrt a stigh gu ciùin briagha agus bha dearbh choltas an earraich air a cheud seachdain no dha, ach dhatharraich an t-sìde gu mòr agus tha i fuar greannach gu leòrsna lathaichean so.

LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.



[274]

[Vol . 2. No. 36. p. 2]

AM MUILLEAR CAN AGUS AM BALBHAN.

LE IAIN.

O CHIONN mòran bhliadhnaichean thachair dròbhair Albannach agus dròbhair Sasunnach uair is uair richéile aig aon de na feilltean-cruidh an àiteiginn faisge air crioch Shasuinn. Ann an ùine ghoirid dhfhàs iad gu math eòlach air a cheile, An uair nach biodh mòran aca ri dheanamh bu ghnàth leotha suidhe taobh ri taobh gu còmpanta, acòmhradh richéile, a chum an ùinechur seachad mar is gnàth le luchd-malairt a bhithdeanamh. Coma co dhiu, latha de na làitheans iad an déigh glaine no dhà am fear a ghabhail de stuth bu treise nam bùrn, thionndaidh an seanachas air dòigh-éiginn o ghnothaichean na feilles na prìse, agus o gach ni eile air am bàbhaist dhaibh a bhithlabhairt gu gnothaichean a bhuineadh do chor na dùthcha is do chleachdadh nan daoine on dthàinig iad taobh air thaobh. Thòisich an Sasunnach, mar a bàbhaist da luchd-dùthchadheanamh, air ruith sìos agus air dimoladh nan Albannach, ag ràdh nach robh annta ach cladhairean, agus daoine gun sùgh, gun seadh, gun eanchainn, gun tuigse, gun ghliocas, agus nach robh iad idir ri bhith air an coimeas ann an geur-chuis, no ann am fiosrachadh, no ann an tuigse, no ann an eòlas, no ann an breithneachadh, no ann an grunndalachd-inntinn ris na Sasunnaich. Sid rud nach aidicheadh an t-Albannach fhads a bhiodh an anail ann.

Cha robh duine riamh an Sasunn agaibh,” arsesan, “nach fhaighteadh fear an Albasheasadh ris agus a bheireadh buaidh air anns na h-uile dòigh; agus cha tig an lathabhios achùis air a chaochladh. Faodaidh tusabhith ri bòsds ri meud-mhòir mu na h-euchdan a ni na braoghairnich bhronnach, theilleach, a thagaibh an Sasunn; ach cha dthàinig iad riamh a dhfheuchainn nan Albannach nach do thill iad dhachaidh mòran ni bu mhiosa na thàinig ad. Agus dhéireadh an ni ceudna dhaibh an diugh nan tigeadh iad”.

An cluinn thu so,” arsan Sasunnach, ’s efàs rudeiginn blàth, “tha balbhan afuireachs achoimhearsnachd agamsa, agus cuiridh mi geall sam bith riut nach fhaigh thu mac màthar an Alba a fhreagras aon cheisd, no a dhfhuasglas aon dubh-fhacal a chuireas am balbhan air. Tha iomadh fear glé ghleusda agus glé thuigseach de na Sasunnaich fheìn an déigh deuchainn a chur air mar tha, agus ma tha, cha burrainn daibh ite a chur as. Agus tha mise ag ràdh riutsa, an latha nach deanadh na Sasunnaich achùis air nach ruigeadh na h-Albannaich a leas a dhol ga fheuchainn.” Dhéisd an t-Albannach le fior mhi-chiataibh ris na briathran searbha so, agus ged a dhéisd bha e cho fadana bharail fhéìns a bha e riamh. Chuimhnich e aig acheart àm gu robh maighstir-sgoiles asgìreachd dom buineadh e, a bhana sgoilear ro thapaidh, agus a bha ainmeils an dùthaich air son a gheur-chùis agus a ghleusdachd. Bu duine e aig an robh fuasgladh facail aig gach àm do gach neach a chuireadh ceisd air. Smaointch e gu rachadh aig amhaighstir-sgoile so air gach ceisd leibidich a chuireadh am balbhan airfhuasgladh, agus air eagal a dhol air aisna fhacal, is ethàinig as achùis mu dheireadh, gun deachaidh an geall a chur sìos. Chuir gach fear luach a dhròbh fhein air agheall. Dhainmich iad latha sònraichte air an coinnicheadh iad ann an baile Dhuneidionn, a chum gu feuchadh na fir a bha gu tighinn a chosnadh aghill aca bu chumhachdaiche inntinn. Dhfhàg iad slàn aig a chéile, agus dhealaich iad.

Bha an Sasunnachg a dheanamh fhéin cinnteach as agheall; oir cha robh earbsa sam bith aige ann an gleusdachd nan Albannach. Ach bhan t-Albannach ann an teagamh mun chùis fad an rathaid dhachaidh. Chuir e suim mhòr air agheall, cha bann a mhàin a chionn gu robh làn-earbsa aiges amhaighstir-sgoile, ach air eagal tilleadh asfhacal an déigh mar a labhair e an aghaidh nan Sasunnach. Smaoinich e nach robh leasachadh air achùis ach feuchainn ris abheairt a bfhearr a dheanamh den bheairtbu mhiosa. Bha aon ni ann a bhan còmhnuidhga mhisneachadh, agus be sin, nach robh cunntas aige gun dfhuair na Sasunnaich riamh, air aon dòìgh no dòigh eile, buaidh air na h-Albannaich.

Cha bu luaithe a ràinig e dhachaidh na chaidh e far an robh am maighstir-sgoile, agus dhinnis e dha facal air an fhacal mar a bheadar e fheins an dròbhair Sasunnach; mar a chaidh an geall a chur, agus gur esan an neach a bhasan amharc aige fad na h-ùine, mar an t-aon duine bu fhreagarraiche a baithne dha gu dhol a dhfheuchainn abhalbhain; agus thuirt e ris gu robh e an dòchas nach diùltadh e dhol do Dhuneidionn an uair a thigeadh an t-àm.

Ma ta,” arsam maighstir-sgoile, cha drinn sibh car riamh cho gòrach ris agheall a chur. Caillidh sibh e gun teagamh sam bith. Cha teid mise, chaneil feum dhomh ann, a dhfheuchainn an duine. Nan saoilinn gun deanainn an gnothach air rachainn ga fheuchainn cho toilichte ri car a rinn mi riamh. Ach chuala mi uair is uair mun duine cheana, agus a réir choltais gur ainneamh iad, ma tha iad idir ri am faotainn a ruigeas a leas dùil a bhith aca gu faigh iad buaidh air. Ged a rachainnsa ga fheuchainn cha deanainn ach amadan is ball-bùird dhiom fheinsan dùthaich. Tha mi, air a shon sin ro dhoilich sibhsechur a leithid a dhearbsa annam a thaobh ni nach urrainn domh air aon chor a leasachadh. Ach cha teid mi a muigh nomach a chur mo làimhe ann an ni a tha fhios agam nach uraainn domh a dheanamh.

An uair a chualan dròbhair so thuit a chuids a ghad air, agus cha robh smid sìos no suas aige, chaill ethapadh. Cha be call aghill, ged a bhan t-suim gu math mòr, a bhacur dragh air an inntinn aige, ach a bhithsmaoineachadh gun gleidheadh Sasunn abhuaidh, agus gum biodh Alba fodha dheth. Ach a reir choltais cha robh ann da ach achùis a ghabhail mar a bha i. Cha ghabhadh an gnothach leasachadh tuilleadh.

Bha duine tapaidhna mhuillears an àite, a chaill an dara sùil le tubaist air chòireiginn. Is e am Muillear Cam a theireadh muinntir an àite ris. Bha ena duine aig an robh fuasgladh facail do gach neach a labhradh ris. Ach cha robh abheag de sgoil no de dhfhòghlum aige. Bhiodh an dròbhair uair is uair ataghal air. Latha de na laitheans iad air tachairt richéile, thuirt am muillear. “Cha chreid mi fhéin nacheil rud-eiginn acur dragh air bhur n-inntinn; oir tha micur umhail gu bheil sibh ro throm-inntinneach agus ro ghann de chòmhradh seach mar a bàbhaist dhuibh a bhith. Mureil e mìmhodh-



[275]

[Vol . 2. No. 36. p. 3]

ail dhomhfhaighneachd,” Ciod a thacur oirbh?

Ma ta,” arsan dròbhair, ged a dhinnsinn mo ghalair dhuibhse tha eagal orm nach bi dad agam air a shon ach mo shaothair. Dhinnis mi e mar tha do neach a tha mimeas a h-uile buille cho glics cho tuigseach ruibhse agus cha mhòr a bhagam air a shon. Mar sin tha e cho math dhomh a chleith.”

(Ri leantuinn.)


MO THURUS DON GHAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.

Bé an t-Urramach Doctair Lang ceann-suidhe na h-Eaglais Stéidhichte, agus an t-Urramach Doctair Mac Ille Ghobha Ceann suidhe na h-Eaglais Shaoire, dithis cheatharnach anns an diadhachd ged a thà iad, ann am beachd cuid de na Gàidheil, air an tabhairt do bheachdan sgaoilte air a a Bhìobull. Chuir é ionghadh orm a thabhairt fanear gun robh na h-ùrnuighean air toiseach gach seirbheis air an leughadh le Mac Ille Ghobha agus gu robh e acriochnachadh na h-uile ùrniugh lebhi agabhail ùrnuigh an Tighearna. Bé am bliadhna Iubili na h-Eaglais Shaoire, agus bha na h-uile ullachadh air a dheanamh gus an t-àm a dheanamh comharraichte. Bha teachdairean urramach as gach cearna den domhain a giùlan gean math gu Eaglais a rinn moran air son an t-saoghail a cheartachadh. Bha Innseanaich is Africanaich, ’daoine buidhe is geal, dubh is lacann ann air an do shaoithrich Dia leghràs. Bhà é taitneach thar tomhas, a bhi gam faicinn agus ag éisdeachd riu. Cha robh e furasda do chuid dhiubh am beachdan a dheanamh aithnichte oir cha robh a Bheurla ro dheiseil dhoibh, agus bu cho furasda godail na faoileag a thuigsinn rin cainnt féin. Is i an òraid a bfhearr a chuala mi aon a bha air a liubhairt ann an Gàidhlig le fear Murachadh Macilleòid ceisteir a mhuintir Leòghis. Dhinnis é naigheachd air an Dealachach(Disruption)ann an Sgìr nan Loch a tha airidh air a cumail air chuimhne. Bha Coinneach Ros agus e féin air ceann a cho-thionail agus am ministeir aig an Ard-Sheanadh. Thuirt Mr. Ros ris a cho-thional gun robh fios aige gun do dhealaich na ministearan saora ris an Eaglais agus mar sin gum fàgadh iad-san an dùn chlach ud as an déigh. Dhéirich an sluagh gu h-iomlan a mach agus air an latha sin bhan t-seirbheis air a cumail air an raon.

Bhiodh e iomchaidh aig an am so de mthuras iomradh a thoirt air Baile Mòr Dhunéidinn le a chaisteal aig am bheil eachdraidh cho ro iongantach, agus le a ghunnaichean mòra a tha cho pròiseil ag cur am beul ris gach taobh de nbhaile agus a muigheadh ma thig Frangach no Ruiseanach an asdar mhìlltean dhoibh gun cuir iad na h-eanachainnean asda. A thaobh agus nach robh agam ach uine bheag ra chaitheam ann, dhfheuch mi ris na h-uidhir den bhaile agus do na càirdean fhaicinns a bha na mchomas. Ghabh mi sgriob sios air Sràid a Phrionnsa agus bha gneadhnachas agus riomhachas na sràide sin ullamh air dearg amadan a dheanamh do neach. Mur biodh gum faca mi beagan dhen t-saoghal roimhe, bhithinnan cunnart a bhi air mo ghiùlan air falbh mar a bha Gàidheal eileanach roimhe aon uair air dha cuairt a thoirt do dhIonarnis. ’Nuair a chaidh e air ais bha eg innseadh do aon dechompanaich gun robh esan ann an baile anns an robh na h-uile firionnach nam ministeirean. Bha am ballach bochd asmuaineachadh rach robh fear air am biodh ad mholach ach ministeir. Bha air an t-sràid sin sluagh as gach cearn den chruinneadhAmeireacanaich, Frangaich, Eadailtich, Gearmailtich, Turcaich, Afrieanaich agus Innseanaich agus Shinaich. Chiteadh an traths a ris an Gàidheal nam measg leis an fhéilleadh bheag agus a chalapannan mòra air an comhdach le stocuinnean breaca agus stiallach, agus mu chosan brogan bucallach. Bha an latha breagha agus bha lainnir airgid agus òir nam buthaintean air an daramh laimh, agus gàradh nòineanan dhe gach seòrsas dath air an laimh eile, maille ris na h-uidhir do dhùin chuimhneachain a stri air son maire agus mo mholadh. Bheir min urram do Shraid a Phrionnsaan Duneideann air son maise agus riomhachais thairis air sràid sam bith eiles an t-saoghal. Thug mi ceum air mfhiaradh suas air sràid Hanover agus thaghail mi air a Ghaidheal mheasail Dunnachadh Dòmhnullach a Cilean Thanansaidhs na h-Earradh. Tha bùtha mhor tàilleireachd aige air an t-sràid sin agus tha rainn mhòr do chòmhdachn am ministeireans a Ghàidhealtachd air an deanamh innte. Ghabh e mo thomhais agus rinn a thàilleirean deise shanasda dhomh. Air an fheasgar sin bha mi aig biadh frasgair maille ris mi féin agus ministeir Arcach. Bha feasgar toilichte againn, an t-Arcach ag innseadh naigheachdan a dhùthcha dhuinn agus misetoirt naigheachdan Gàidheil Chanada dhoibh. Bho na dhfhòghlum mi on fheasgar sin cho-dhùin mi gur e Canada an déigh na h-uile cùise àite is fearr air son beò-shlàinte do nGhàidheal.

(Ri leantuinn.)


LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[276]

[Vol . 2. No. 36. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna,- - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MART 31, 1894.

Bha cuid dar càirdean re na seachdain a chaidh seachad a feòrach dhinn ciod an seòrsa cuideachd a bha sinn a feuchainn ri chur air chois air son am MAC-TALLA chur air bonn ceart. Faodaidh sinn a radh gur en seòrsa ris an canarJoint Stock Companya bha againnsan amharc. Bidh còig mile dollar ( $5000 ) de Chalpa, no de chapital aig a chuideachd so, air a roinn na chòig ceud share, deich dollar ( $10 .00) anns gach share. Faodaidh neach aon, dha, tri, còig deich no dusan share a ghabhail. ’N uair bhios a chuid as den chalpa mar so air a ghabhail bidh a chompany deiseil gu dhol a dhobair. Ni iad a mach den t-suim a bhios a dhith orra agus leagaidh iad an t-suim sin orra-san aig am beil shares, an aon uiread air gach share. Abramaid gu bheil eòig ceud share air an gabhail, agus gu bheil còig ceud deug dollar ri thogail; rachadh an sin tri dollar a chur air gach share, ma tha da share aig neach, bidh sia dollar aige ri phàigheadh, agus mar sin sios. Ach cha dig air am feasda dhol thairis air na deich dollar. Faodaidh e na deich dollar a phàigheadh nuair a ghabhas e share, ’s ma ni e sin cha chuirear dragh air tuilleadh, ach aig ceann gach bliadhna ma bhios buannachd sam bith ann gheobh e a chuid fhéin dhith. Air an laimh eile mas ann a phàighear an t-airgiod mar a chuirear feum air, bidh e cheart cho buannachdail, agus theagamh nas saoire, oir a mach on cheud bhliadhna dhfhaoidte nach bi feum air cis sam bith a leagail air na shares.

Tha sinn a cur so fa chomhair càirdean a phaipeir, oir tha fhios againn gu bheil iad uile fior dheònach air a chumail suas, agus gu bheil mòran dhiubh toileach air share a ghabhail ann air sgàth na cainnt uasail a tha eghnàth a cur an cleachdadh. Chan eil teagamh againn nach cluinn sin bho aireamh dhiubh ann an uine ghoirid, agus gun dean iad còmhnadh leinn, air chors gum bi nar comas am paipear a mheudachadh agus a neartachadh, agus a chraobh-sgaoileadh am measg nan Gàidheal, ge be cearna dhen domhainsam bheil iad a còmhnuidh.


Chan eil duine ceart anns an duthaich so air nach cuir e duilichinn mhor fhaicinn cho salachsa tha na paipearan naidheachd lepolitics, agus nach ann idir a dol nas fhearr a tha iad. Chan eil ach fear ainneamh dhiubh nach eil air aon taobh no air taobh eile, agus ma shaoileas iad gun téid aca air buannachd sam bith a dheanamh don phàirtidh dam beil iad nan seirbheisich, cha sheall iad ri ceart no ri còir; cha bhi sgaineal air bith tuilleadh us salach no sgeul air bith tuilleadh us beag tùir air son a bhi air a craobh-sgaoileadh air feadh na dùthcha. Chan fhàg iad clach gun tionndadh air son a thoirt a chreidsinn air an luchd-leughaidh gu bheil am pàirtidh féin cho glans cho neo-lochdachs a burrainn a bhith, agus gu bheil a phàirtidh eile air chaochladh sìn. Tha e gle fhior mu chuid dhiubh gu bheil a leithid a dhurram aca don fhìrinns nach gabh iadnam beòil i ach uair gle àinneamh. A nis, chan eil so idir ceart; is e priomh dhleasanas nam paipearan naidheachd fiosrachadh agus eòlas a chraobh-sgaoileadh am measg an t-sluaigh: ’n uair a tha iad a deanamh sin tha iad aig an obair dhligheach féin aguss mòr is fheairde dùthaich an leithidean a bhi ann; achnuair a thionndaidheas iad an rathad eiles a theid iad a chamadh na firinn air sgàth buannachd dhaibh féin no dham pàirtidh, tha iad fada, fado o bhinam beannachd do dhùthaich.

Tha fhios aig na h-uile thug smuain riamh don chùis, nach eìl na pàirtidhean a tha còmhstri mu riaghladh na dùthcha so cho olc sa dhfhàgas iad air cach a cheile. Tha daoine anns gach pàirtidh a bfhearr a bhi as daoine nach eilnan cliù nonan neart do phàirtidh sam bith, ach tha iad tearc ann an àireamh agus tha sinn a creidsinn gur ann a dol nas teirce tha iad a dol gach bliadhna. Tha, air an laimh eile, anns an da phàirtidh, daoine fìrinneach, onarach, tuigseach, dìleas, nach rachadh ceum bhar an rathaid air am bheil an dleasanasgan seòladh air son brìb no buannachd shalach sam bith. Iadsan, uime sin, a thilgeas clach air duine dhen t-seòrsa sin a chionn nach eil e den aon bheachd riutha féin, no dhfhàgas air duine sam bith gu bheil e ni nach eil e no gun drinn e ni nach drinn e, chan eil iad a toilltinn meas no urram o dhaoine eile. Tha e ro taitneach ri fhaicinn gu bheil sluagh na dùthcha so a cur an luach is còir dhaibh air an t-seòrsa sin agus nach eil iad idir cho titheach air a bhig éisdeachd rinthasan sa tha iad air bhi cluinntinn uathasan a labhras an fhìrinn agus a dhfheuchas rim beachdan atharrachadh le puincean cearta dìreach.


NAIDHEACHDAN.

Chaochail Louis Kossuth anns an Eadailt air an t-seachdain so chaidh. Chaidh adhlacadh Dior-daoin sa dhfhalbh, ann an Hungary tir a dhùthchais.

Chaidh fear Aonghas Gillios a mhuinntir Shidni a chur an sàs o chionn ghoirìd air son bocsa bhrogan a ghoid, agus chaidh a dhiteadh aig a chùirt Di-mairt sa chaidh, agus fhuair e da bhliadhnas tri miosan dhen tigh-oibreach.

Tha fios a Columbia Bhreatunnach ag innse mu bhàs DhomhnuillIc Leòid, duinòg a mhuinntir an eilein so. Cha robh e tinn ach beagan làithean. Tha a mhàthair agus bràithean us peathraichean dha a comhnuidh anns a bhaile so.

Bha rioghachdan na Roinn-Eòrpa o chionn iomadh bhiadhna a còmhstri ri càch a chéile ann an cur an cuid armailtean ann meud. Ach a nis tha e gle choltach gu bheil iad a faicinn gad bu mhath an ceol sin gum fòghnadh beagan dheth. Thug an Eadailt a cheud cheum air a h-ais agus a réir na tha sinn a cluinntinn tha Austria, a Ghearmailt, agus eadhon Ruisia a dol a leantuinnna luirg. Tha iad uile mar gum biodh toil aca an t-sìth a ghleidheadh.



[277]

[Vol . 2. No. 36. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

Chaidh seann stòr aig naBarracksa chur na theine Dior-daoin sa chaidh ach chuireadh as e le beagan dragha. Bha treud ghillean achuich mun cuairt, agus tha e air fhàgail orra gum biad a las an teine. ’S e so aon de na togalaichean as sinetha ann an Sidni.

Tha pàrlamaid Chanada a nis aig obair. Tha iad an déigh atharraichean matha dheanamh thaobh na cìse thatar a leagail air nithean àraidh. Than siùcar maile ri nithean eile ri bhi air a leigeil don dùthaich nas saoire na bha e roimhe so, agus tha àireamh mhath de nithcan air nach bi cìs idir an déigh so. Fàgaidh so iomadh ni nas saoire na bha iad.

Tha na h-àireamhan a leanas dhen MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhen Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?

Tha moran sluaigh anns na Stàitean gun char oibreach aca ri dheanamh. Dhfhalbh mu choig ceud dhiubh a baile ann an Ohio o chionn ghoirids iad a dol a chur an gearain air beulaobh an t-Seanaidh. Bha iad an dùil mun ruigeadh iad Washington, ceann bhaile na dùthcha, gum biodh an àireamh suas ri da cheud mile. An àite sinsann tha iad a dol nas lugha, agus chan eile mor chòltas orra gu ruig iad an ceann-uidhe idir.

Chaidh fear Seumas Brown a chur an sàs ann an New York an latha roimhe air son a bhi pòsadh tuilleadh us tric. Bha sia mnathan fichead aige ann an Stàit Mhichigan, agus dhfhaoidte uiread eile sin air fads air leud nan Stàitean. Bha roinn mhath dhiubh làthair nuair bhatarga fheuchinn. Thug am breitheamh dha sia bliadhna dhen tigh oibreach.

Thug an t-Urr. D. Mac Eanruig, ministeir na Beinne Guirme òraid Ghàilig ann an Nuadh Ghlascho oidhche Di-luain sa chaidh. Bha àireamh mhor a làthair ag éisdeachd le ro aire ris an òraidiche a labhairt mu bheathas mu shaothair Iain Knox, agus bha na h-uile lan riaraichte leis na thug e dhaibh. Tha a Ghàilig beò fhathast!

Dhfhag duinòg den ainm Le Blanc Arichat am la roimhe gus a dhol dhachaidh gu Descousse. Cha drainig e cho luaths bu chòir dha agus chaidh daoine machga iarraidh. Fhuair iad e an ath latha anns a choille; agus e air a chlaoidh cho donasnach robh e beò ach ùine ghoirid.

LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh


Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.


Leabhraichean Giliag.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.


Sgoil-sheinn Ghailig.

Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig gar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhen chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.

NIALL DOMHNULLACH.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[278]

[Vol . 2. No. 36. p. 6]

Adhlaicean Ann An China.

LE SGIATHANACH.

Do bhrigh nacheil aig muinntir China dochas an taobh thall den uaigh, tha iad adeanamh caoidh gun choimeas as leth an cairdean as dillse an àm doibh am basfhaotainn. Tha gach nig a dheanamh le riaghailt eagnuidh. Than ùine, agus am modh, agus meud amhghair an ti a ta fo bhron, air an sonrachadh gu cùramach. Tha an corp, air da a bhi air a chomhdachadh le sgeadachadh maiseach, air a churn a shineadh ann an ciste laidir, far am bheil e air a ghleidheadh air uachdar na talmhainn re aireimh sonraichte laithean, chum gun silear na deòir gu frasach thairis air. Tha na cairdean an sing an suidheachadh fein mun cuairt don chiste, adeanamh mor-chaoidh le bas-bhualadh, lem folt air a sgaoileadh, le sac-eudach agus le bhicur am beoils an duslach. An uair a roghnaichear aite freagarrach air son na h-uaigh, tha i air a cladhachadh gu domhain, agus thachiste air a leagadh sios gu tosdach an lathair nan uile. Than t-aite an sin air a chomharrachadh le tuam riomhach, air chumadh crudh eich, a bhi air a thogail thairis air, agus ainm an ti a chaochail air a ghearradh a mach ann an litrichibh soilleir. A thuilleadh air so uile, tha clar-cuimhne air a chur suas ann an talla nan sinnsear aige, agus dhionnsuidh sin thig iad gach bliadhna chum iad fein ùmhlachadh an lathair tainnisg nam marbh. Tha iad, aig gach am air an tig iad ag ullachadh loin iomchuidh chum ocras nan spiorad nach fhaicear leo a shasuchadh, air doibh a bhideanamh a mach gum fannuich na spiorad sin, mur bi iad mar so air am beathachadh. Tha iad anns na teampullaibh aca, atoirt urraim len uile dhurachd do na mairbh. Chum solar a dheanamh air an son, agus chum gach uireasbhuidh a bhuineas doibh a shasuchadh anns an ath shaoghal, tha iad alosgadh paipeir adealradh le h-or, agus mar an ceudna, acur thighean agus charbadan, a rinneadh le paipeiribh oirdheirc, ’n an teine, anns abharail gum bi iad sin uile air an cruth-atharrachadhs an ath shaoghal chum airneis iomchuidh a dheanamh do na tainneasgaibh a tha gun fhuil gun fheoil ann an saoghal nan spiorad. Tha am paipeir oir air a thionndadh air an taobh thall don uaigh gu airgiod freagarrach air son feum spiorad nam marbh! Mar as airdann an inbh an ti a gheibh bas ann is faide a neithear caoidh air a shon. Than t-Impire ri caoidh re thri bliadhna air son a pharanta fein, agus tha gach deagh iochdaran aleantuinneiseimpleir-san. Tha na h-uachdarain atoirt thairis an dreuchd ri am na caoidh’ ’tha na daoine foghluimte asgur dhen rannsachadh a mach, agus tha na daoine cumanta acur an oibre gu taobh!

Is muladach a bhismuaineachadh air saobh-chrabhadh cho cianail ri so; agus tha en a aobhar taingeileachd dhuinne, gun do thilg an Ti as airde ar crannchur ann an tir far am bheil solus Greine na Fireantachd a fogradh an tuigh dhorchadais sin air falbh, agus far am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum soluis le Soisgeul siorruidh na sithe!—
An Gaidheal, 1873.


Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads. I. M.CAIMBEAL.

Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.

Leighseadh mise on loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.

S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tham bathar as gaoire thaSidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saorsa ghachas deanamh.

LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[279]

[Vol . 2. No. 36. p. 7]

Breamas an t-Suiridhiche.

Bha suiridhiche àraidhs na criochan so leism bu mhiann a bhi aig na h-uile coinneamh a bhiodh aig na h-igheanan. ’Se mac duinuasail a bhann. Bha ann an àit àraidh pios math air astar teaglach de nigheanan, agus aon oidhche chruinnich nigheanan na coimhearsnachd còmhla riutha. Chuala an suiridhiche iomradh air sin. ’Nuair a chaidhathair a chadal, sgeadaich se e féin, chuir e each ann am bugaidh is dhfhalbh egan amharc.

Chaidh mi shuiridh air nighin
Bhòidhich, bharr-fhinn, bhuidhe,
Sann a phill mi rithist
Mar gum bithinn faoin.”

Bha greadhnachas, aighear, sùgradh agus cleasan ann an uair a ranaig an suiridhiche, an déigh dha dhol sia no seachd a mhìltean. Tha cuid ag ràdh rium gum bi oidhche shamhna bhann. Bha cuid dhe na h-igheanan ri fuaigheal, agus cuid eilen déigh a bhi mighe léintean geal anairt. Coma co dhiu thug iad a dheagh shuipeir don aon fhleasgach a bhaca, agus an deireadh na h-oidhche, dhfhalbh e dhachaidh agus chaidh e chadal. Dhéirichathair tràthsa mhaduinn agus e dol air thurus. Air dha bhi cur air dòigh a bhugaidh fhuair e fodhn t-suidheachan na léintean a bha na h-igheanan a mighe, agus iad fhathast fliuch. Chuir e stigh air an dorus iad ag radh, “an robh àit idir agaibh dha ur cuid léintean ach am bugaidh.” Ach thuig an suiridhiche gu math nach buineadh iad don tigh idir.

Mile marbhaisg air an t-suiridhe
S bochd le neach don téid i iomrall
Fàgaidh i inntinn fo iomaguin,
Agluasad cho simplidh ri meairleach.

Cha robh toil aige gun goirte meairlach dheth, agus uime sin dhfhalbh e dhachaidh gu bog socharach leis na léintean. Sin agaibh an sgeul mar chuala mis i.

F. A.


K. D. C


Bathar Saor

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle saor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[280]

[Vol . 2. No. 36. p. 8]

GUR H-I BEAN MO GHAOIL AN SPAINTEACH;

Oran Eadar Sealgair agus a Ghunna.

S. —Gur h-i bean mo ghaoil an Spàinteach
Ghléidh mo nàire riums mim aonar,
Nuairthàrlaidh dhomh bhinam éiginn,
S michuideachd ort fhéinsan aonach.
G. —Ni mise di chioll, mas àill leat,
A thoirt abhachd dhuit mar dhfhaodas;
Dean-sa gniomh cho maths is àbhist,
S chan iarr mi gu bràth do chaochladh.

Theirig-sa mun cùl gu h-éolach,
S na bi deònach air am fuadach;
Sir a ghaoth is roinn an talamh,
S thig neo-aineolach mun cuairt dhaibh;
Laigh gu h-eòlach air an t-socair,
S leig iad ort mun cuir thu suas mi;
Sméid a chorrags caog an t-sùil rium,
S bheir nilùths o fhear an nuallain.

S. —Beannachd dhuit airson do gheallidh,
S mor mo thomad dhe do sheanachas;
Gur a tu mo leannan falich
Ann sa ghleannans am bim farbhas,
Ghléidh mi roimha feachd an righ thu,
Nuair a thog iad cis na h-Alba,
S dhaltauim mi le baigh is mùirn thu,—
S ann an diughtha chùis ri dhearbhadh.

G. —Ciod ichuis a bhiodh tug iarridh
Nam bfhiach i nach deanta thobhirt;
S gur co-dheas leam ceir no ceann diu
Ach aon bhall diu thighnn mu mchomhir.
So a chreubhsa bheil na dhfhognas,
Bheag no mhorgan cuir thu romham;
Cha bhi aon diu slàn bho dhòruinn,
Ged charadh tu coig dhiu comh-ard.

S. —Shuidhich mibeul air an t-socair,
S cha be sid mo dhosginn anmoch;
Thanic mac nan sonn fodos-bhil’,
S e gun fhiamh am fochair garbhlich.
Mur h-annsa leat breug na firinn
Air mo ghealladh fior cha dfhalbh e;
Nuair a las am fudar cluaise
S gann a chuale fuaim na mharbh e.

Bha min sin gu eangach, iallach
Sgeannach, riachgach, riaslach, fuileach,
Gu stob-bhìorach, armail, òndail,
Gu sunndach, ceòlmhor, ri iomairt,
Gu grubhanach, maragach, staoigeach,
S bfhada dhfhairichteadh gaoth mo thine;
S be chuid mhor de dh-aobhar miomagain
Gum bu phailte cuirm na gillean.

Bha mi greis an sinam aonar,
S mi ri smaointinn air a mhanran,
Mar than sean-fhacal ag innseadh
S mo chleachduinnean fhin ga aicheadh;
Their iadnuairbhios fearna bhantrach
Nach faigh e samhladh na dhfhag e;
S misetheir gu bheil iad breugach,
S tha min sos min deidh a raitinn,

S iomad la a bha mi cianail
An deidh dhomh a chiad tethreigsinn;
Shiubhail mi machir is Galltachd
Giarridh samhladh do mo cheile.
Cha robh i ann, fhads a dhfhalbh mi,
An Sasunn, an Albinn, non Eirinn,
S ann a fhuair mi as an Spain i,
Tir nan claidhean guineach, geura.

Soridh slan do mathair ceile,
Ghleidh e dhomhs mim eiginn leannan,
Leis an siubhlinn beinn is cudunn,
S leis nach biodh mac eilde fallain,
Gur a tric a tholl mi bian leat,
S tu mo chiad leannan am falach;
S ma bhios mi beo leth choig bliadhna,
Dhfhaoidteadh nach bi fialachd falamh.

Buaidh is beannachd, pailtes buannachd
Air an laimh bhon dfhuair min Spainteach,
Nuair a bha mi air mo bhuaireadh
N duil nach faighinn luach na dhfhag mi.
Cheangil mi ruit snaim nach fuasglar,
Air a chiad Di-luain den raidhe;
S ged bu taitneach nighean Ruari,
S dearbh nach h-i na fhuair mis taire.

Cha n-fheil fios aginn co a rinn au t-oran so, ach tha e cinnteach gur h-e tine theireadh am fear a rinn e, agus nach h-e teine. Tha e cinnteach cuideachd gun doireadh e an aon fhuaim do dh-i ann a fior agus a bheireadh e do dh-i anns a cheud sioladh den fhacal firinn. Faodidh e a bhith gur h-e Sgiathanach a bhann, achs es dòcha gur h-e Earraghaidhealach a bhann. Ach go be cia as a bha e baithne dha fiadh a mharbhadh agus fheannadh, agus oran a dheanamh cuideachd.


SALM NA BEATHA.

LE LONGFELLOW.

(Eadar-theangaichte le A. C.)

Na can rium am briathraibh dubhach,
Beathan duines bruadar faoin;
Is than t-anam marbh a choidleas,
S chaneil ni réir barail dhaoin’.

Beathan duines fior ni luachmor!
S chan in uaigh dhorch ceann a réis;
Rìs an anam riamh cha dubhradh,
“ ’S duslach thus gu duslach théid.”

Chan e sòlass chan e àmhghar
Tha mar àrd-chrìch dhuinn fon ghréin,
Ach bhi gnìomhach chum bhi fàgail
Astair ùir gach n ar déigh.

Ealdhains malls tha ùinruith seachad.
S tha ar crì, ge calmis treun,
Ghnàth mar dhrumabhròin abualadh
Caismeachd thiamhaidh thruaigh an éig.

Ann an àrfhaich miòr an t-saoghail,
N camp na Beatha so na bi
Mar an t-ainmhidh balbh a ghreasar!
Bi mar ghaisgeach anns an strì!

Earbsna cuirs an latha màireach!
N ùin’ ’chaidh seach fàg air do chùl!
Saothraich anns an àmtha làthair,
Treun an cridhes Dia adshùil!

Nochdaidh eachdraidh laoch gum faod sinn
Ar beathdheanamh buadhach àrd,
S luirg ar coss an t-saoghal fhàgail
As ar déighn uairthig am bàs.

Luirgn uairchi theagamh neach eile,
S e air cuan na Beathgun iùl,
Bràthaìr faondrachrinn long-bhriseadh,
Glacaidh thuige misneach ùr.

Eireamaid nìss biomaid gnìomhach,
Le treun chrìbheir buaidhs gach càs;
S fòghlumaid, tre chosnadhs leanmhuinn,
Dìchiolls foighidin gach .


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 36
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 36. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page