[Vol . 2. No. 37. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 7, 1894. No. 37.
Litir a Plymouth.
A Chriaid, —Chaidh mi an oidhche roimhe air chéilidh air mo dheadh charaid. Alasdair Mac Leoid, agus air dhomh fàilte ’chur orra stigh, thug mi fa-near gu robh e na shuidhe null ris an t-solus agus a leughadh gu dian; agus o nach robh choltas air gu’m faighinn moran scanachais as gus am biodh e troimh ’n earrainn air an robh aire, thòisich mi air conaltradh ri Màiri a bheau. An déigh dhuinn a bhi mar so beagan mhionaidean, thog Alasdair a cheann agus rinn mi féin fheòrach dheth ciod a bha e leughadh. “Tha mi,” ars’ esan, “a leughadh a MHAC-TALLA. “Seadh,” arsa Màiri, “agus ’s ann mar sin a bitheas e na h-uile oidhche thig am paipear sin; cha tog e cheann gus an leugh e am facal mu dheireadh dheth.” Anns an t-seanchas a bh’ againn an deigh sin, thuirt Alasdair rium gu’m bri chòir dhomh beagan shreathan a chur g’ur ’n ionnsuidh, ag innse dhuibh mu dheaghainn factoridh rop anns am beil sinn le chéile og obair. Chuir mi romham sin a dheanamh, agus bidh mi cho goirid sa dh’ fhaodas mi.
Chaidh an tigh-ceairde so a thogail an toiseach sa bhliadha 1824: bha mu cheud fear-oibreach ann an uair sin. ’S a bhliadhna 1884, chaidh an tigh a losgadh gu làr, ach bliadhna ’n deigh sin chaidh a thogail a rithist, agus a nis tha mu naoidh ceud fear aig obair. Tha ’n tigh-mor anns am beilear a sniomh na còcraich còig ceud gu leth troidh a dh’ fhad, da cheud troidh a leud agus dà stòraidh a dh’ àirde. Tha ’n tigh anns am beilear a toinneamh an t-snàth agus ’ga dheanamh na ròp, còig ceud deug troidh a dh’ fhad agus ceud troidh a leud. Gheibh thu an so ròp ann am meudachd sam bith a dh’ iarras tu, cho meanbh ri cairteal òirlich no cho garbh ri còig òirlich, agus ann am fad sam bith eadar deich troidhean us ceithir ceud fichead. Chunna mi féin ròp a chaidh a dheanamh do chuideachd ann am Michigan agus bha e da cheud deug troidh a dh’ fhad agus ceithir òirlich dheuga mu’n cuairt. Tha deich tunna fichead de ròp air a thionndadh a mach na h-uile latha, ’s air a reic aig ochd sentichean am punnd, ceithir mìle ’s ochd ceud dollar ( $4 ,800) air son an iomlain. A barrachd air so thatar a deanamh ’sa reic gach latha da fhichead tunna de chòrd a tha air son a bhi ceangal nan sguab an am na buana. ’S fhiach e so naoidh sentichean am punnd, agus bheireadh obair aon latha mar sin a stigh seachd mile ’s da cheud dollar ( $7 ,200.) Tha e air a radh gu bheil an fhactoridh gach latha a cur a stigh riuthasan leis an leis i coig ceud dollar saor o gach uile chosdas. Thatar a deanamh ropan air gach dath air an smaoinicheadh tu an so, dubh, geal, dearg, gorm, uaine, buidhe, agus moran anns am bheil dha no tri no ceithir de dhathan. Tha ’n t-inneal-smùide a tha ’cur a ghnothuich air obair cho làidir ri seachd ceud deug each, agus tha i air a cur na chéile cho ealanta ’s nach eil i idir cho fuaimneach ri cuid de chuidhlean-smiomha ’chunnaic mi ri m’ latha. Tha daoine tighinn as gach cearna de’n t-saoghal a dh’ fhaicinn na h-obair mhoir so, agus gu dearbh, do neach nach fhaca ’leithid roimhe, ’s math is fhiach i ’n t-saothair.
Le so a radh sguiridh mi aig an am so. Tha na càirdean an so uile gu math. Tha mi ’n dòchas gu’m bi soirbheachadh math aig MAC-TALLA air na tha romhainn dhe’n bhliadhna. Is mise ’ur caraide.
A. D. McK.
Plymouth, Mass.
Bha stoirm mhor shneachda ann am Minnesota ’s an Iowa air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair sinn fios mu dhithis a chaill am beatha. Tha iad ag radh gur ainneamh a bha leithid na stoirme so ’sna Staitean ud riamh.
Tha fathunn ag radh gu bheil gort am measg an t-sluaigh a tha chòmhnuidh aig bruachan na h-aibhne a tha ’sa chrìch eadar na Stàitean us Mexico, an Rio Grande; na mìltean an imis bàsachadh le cion bidh.
Tha bhreac gu math pailt ann an Chicago. Di-sathairne s’a chaidh bha ochd deug air an toirt do’n ospidal, agus bha e cho làn rompa ’s gu’m b’ fheudar na leapannan atharrachadh air son rùm a dheanamh dhaibh.
Tha Muinntir New York gach bliadhna a cosd da mhuillein dheug dollar air cluichean ’s air gnothuichean eile air son caitheamh aimsir, da fhichead muillein air sgoiltean, collaisdean ’s tighean fòghluim eile, agus tri fichead muillein dollar ann an deoch làidir.
’S anabarrach cho lag ’sa tha gàirdean an lagha anns na Staitean a Deas. Thainig dusan duine ’s aghaidh-choimheach air gach fear dhiubh air dithis mhaor a bha toirt mortair do’n phrìosan. Thug iad uatha e agus chuir iad fhéin crioch air leis na peilearan. Thachair so an là roimhe.
Bha binn crochaidh air a toirt a mach air Pendergast, am fear a mharbh Mayor Chicago, ach thòisich na fir-lagha air deanamh a mach nach robh e na rian, agus chuireadh latha chrochaidh seachad còig latha deug air son ùine thoirt do na dotairean dheanamh a mach co-dhiù tha no nach eil e aig a thùr fhéin. Ma ni iad-san a mach gu bheil, gheibh e chroich, ach mur eil gheibh e ’n tigh-oibreach.
Tha na saoir ann an New York an déigh sgur a dh’ obair air son mi-chòrdadh eigin a thainig eadar iad fhéin ’s iadsan dha’n robh iad ag obair. Is i bharail a th’ aig na daoine ’s fiosraiche mu’n chùis nach eil strikes am bitheantas ach a deanamh barrachd millidh air an luchd oibreach fhéin sa tha iad a deanamh air feadhain eile, agus gu seachd sònruichte nuair a tha’n obair cho gann ’s gu bheil na ceudan a coiseachd na stràide gun fhios aca co ris a chuireas iad an lamh.
LeighsidhMinard ’s Linimentghoirt.
[Vol . 2. No. 37. p. 2]
AM MUILLEAR CAN AGUS AM BALBHAN.
LE IAIN.
CHA ’n ’eil fhios agaibh,” ars am muillear nach fhaodainnsa aobhar bhur bròin a bheagachadh, a chion ’s nach tugainn air falbh gu léir e. An cuala sibh riamh an sean-fhacal; “Is minic a bha comhairle an rìgh ann an ceann na h-òinid.”
Dh’ innis an dròbhair an sin an sgeul o thòiseach gu deireadh mar a bha eadar e fhéin agus an Sasunnach, agus mar a bha e air a mhealladh a thaobh a’ mhaighstir-sgoile.
“Mur faigh sibh ni ’s fhearr,” ars’ am muillear, “is ann a leigeas sibh mi fhein a dh’ fheuchainn a’ bhalbhain. Theid mi ann gun teagamh. Cha bhi aig Gall ri’ innseadh ’Ghaidheal nach ’eil duine an Alba aig am bheil de mhisnich na dh’ fheuchas e.”
Smaoinich an drobhair gu ’m bu chòir dha, o nach robh e air thuar ni b’ fhearr fhaotainn, am muillear fhein a thoirt leis. O’n a bha an t-àm a nis a’ tarruinn dlùth anns an robh aca ris a’ choinneamh a chumail ris na Sasunnaich ann an Duneidionn, cha robh aca ach iad fhéin a dheasachadh cho math ’sa a b’ urrainn daibh air son an turuis, agus a bhith ’falbh. Bha astar math fada aca ri dhol, ach anns an àm ud cha chluinnteadh thall no bhos, shìoc no shuas, srannail an eich-iaruinn, oir bha e gun bhreith. Coma co dhiu, bha casan luthar, làidir, luatha aca air son dìreadh bheann is tearnadh ghleann. An uair a bha iad a’ falbh thug am muillear leis còig no sia de bhonnaich mhatha choirce, “a chumas,” ars’ esan, “an deò annam gus an d’ thig mi air m’ ais; oir cha ’n ’eil mi ’smaoineachadh gur fhearr an t-aran còinich a th’ aca ann an Duneidionn agus anns a’ Ghalldachd gu léir na ’n còsan a tha ’fàs air na slaimh air chùl na sgeire leithinn.”
Ràinig iad Duneidionn air a’ cheart latha ’chaidh ainmeachadh air son na coinnimh. Bha ’n dròbhair Sasunnach air thuar dùil thairis a thoirt dhiubh. Cha robh tiotadh ri’ chall, agus chaidh na fir a chur a steach leotha fhein do sheòmar. Cha robh iad deich mionaidean ’san t-seòmar an uair a chaidh a’ chùis an dara taobh. So mar a bha eatorra:—
Shìn am balbhan aon mheur ris a’ mhuillear, agus ghrad shìn am muillear a dhà mheoir ris a’ bhalbhan. An sin shìn am balbhan a thrì meoirean ris a’ mhuillear, agus ghrad dhùin am muillear a dhòrn ’s chrath e ris a’ bhalbhan e. Chuir am balbhan a làmh ’na phòcaid ’s thug e ubhall aisde, agus thòisich e ri’ h-itheadh. Chuir am muillear e fhein a làmh ’na phòcaid ’s thug pios de dh’ aran coirce aisde, agus thòisech e ri’ itheadh. Cha robh an corr eatorra.
Dh’ éirich am balbhan a mach as an t-seòmar ’s chaidh e far an robh a mhaighstir, agus dh’ innis e dha gu’n d’ rinn am muillear càm a’ chùis air. “Fhreagair e,” ars’ am balbhan, “gach ceisd a chuir mi air, agus thuig e, tha mi a’ smaoineachadh, an ni a bha mi a’ ciallachadh a cheart cho math ’s ged a bhiodh mo smaointeanan sgrìobhte fa ’chomhair air paipear. Shìn mise aon mheur, a’ ciallachadh gu robh aon Dia ann. Ghrad shìn esan a dhà mheoir, a’ ciallachadh gu robh an t-Athair agus an Mac ann. An sin shìn mise mo thrì meoirean, a’ ciallachadh gu robh an t-Athair agus am Mac agus an Spiorad Naomh ann. Ghrad dhùin esan a dhòrn ’s chrath e e, a’ ciallachadh gu robh an triuir ’nan aon. Thug mise ubhall as mo phòcaid ’s thòisich mi ri h-itheadh, a’ ciallachadh gu ’n do pheacaich Adhamh le itheadh de’n mheas thoirmisgte. Cha bu luaithe a rinn mi so na thug esan aran as a phocaid ’s thòisich e ri’ itheadh, a’ ciallachadh gu robh aran na beatha ann, agus le itheadh dheth gu faodadh gach aon a bhith beò. A nis, cha robh feum sam bith dhomhsa dhol ni b’ fhaide. Tha mi a’ làn-aideachadh gu ’n do ghléidh e orm, agus cha ’n ’eil agadsa nis ach pàigh an geall ’s grad biomaid a’ falbh.
Gun tuilleadh dàlach phàigh an dròbhair Sasunnach a h-uile peighinn dheth ’s dh’ fhalbh e, agus bu mhall leis a chasan gus an deachaidh e null air a’ chrich Shasunnaich.
Fad na h-ùine so bha am muillear ’s an t-seòmar a’ feitheamh ’s e an dùil a h-uile mionaid gu ’n tigeadh am balbhan air ais a chur nan ceisdean ’s nan dubh-fhacal air; oir shaoil leis nach do thòisich an gnothach fhathast. Mu dheireadh thall thàinig a mhaighstir—an dròbhair Albannach—a steach do’n t-seomar ’s fiamh gàire air a ghnùis. “Buaidh is piseach ort, fhir mo chridhe, nach math a fhuaras tu an uair a rinn thu ’chùis air a’ bhalbhan. Ghléidh thu dhomhsa an geall agus ni b’fhearr na sin, ghléidh thu urram de dhùthchadh.”
“An e mise,” ars’ am muillear ’s e ’freagairt le mòr-ioghnhdh “Cha do ghléidh mise an geall. Cha d’fhan am balgaire tiotadh maille rium, agus cha mhò a chuir e ceisd orm fhathast. Cha chreid mi co dhiu gu bheil ann dheth ach am fìor bhurraidh. Mac na caillich, nach ann a thòisich e ri fàl-mhagadh orm mu ’n do thàrr mi suidhe ’s an t-seòmar. Shìn e a mheur rium, a’ ciallachadh nach robh agam ach aon sùil. Shìn mise mo dhà mheoir risan, a’ ciallachadh gu robh dà shùil aigesan. Shìn e, an uair sin, a thrì meoirean rium, a’ ciallachadh gur e trì sùilean a bh’ againn ’nar dithis. Leum mo nàdur orm. agus dh’ fhàs mi cho cas’ nam’ inntinn ’s gu ’n do dhùin mi mo dhòrn agus chrath mi ris e, a’ ciallachadh gur goirid a bhithinnsa ’cur a h-uile sùil a bha ’na cheann as mur sguireadh e de mhagadh orm. Chuir e an uair sin a làmh ’na phocaid ’s thug e ubhall aisde, agus thòisich e ri’ h-itheadh, a’ ciallachadh gu robh measan agus nithean grinne de ’n t-seòrsa sin a’ fàs ann an Sasunn; direach mar gu ’m biodh toil aige, an uair a sguir e de mhagadh orm fhéin, teannadh ri magadh air dùthaich mo bhreith is m’ àraich. An sìn chuir mise mo làmh ’na mo phòcaid, agus thug mi pìos aisde de ’n deadh aran choirce a thug mi leam o ’n taigh, agus leig mi mar sin ris dha, gu robh againne ann an Alba stuth air son bidh mòran ni ’s brighoire agus ni ’s fhearr na luibhean gun sgoinn a th’ acasan ann an Sasunn. An uair a chunnaic e mar a rinn mi dh’ éirich e gu bog, balbh a mach as an t-seòmar agus dh’ fhàg e an so mi. Ach nam bithinnsa air a dhol aon uair ’na dhàil bha mi air liodradh a thoirt dha nach dichuimhnicheadh e an dà latha so.”
(A’ Chrioch.)
LeighseadhMinard ’s LinimentBreac.
FREAGAIRT DO D. S., Maplewood, N. H. —Fhuair sinn do litir, agus cuirear an leabhar a tha dhìth ort ’g ad ionnsuidh an ùine ghoirid. Tha sinn fior thoilichte chluinntinn gu’n do theagaisg MAC-TALLA dhuit do chainnt mhàthrail a leubhadh. Moran taing air son do bhriathran caoimhneil. Bidh sinn fada na d’ chomain ma chuireas tu g’ ar ’n ionnsaidh an da paipeir a dh’ainnich thu.
LighsidhMinard ’s LinimentCnatn.
[Vol . 2. No. 37. p. 3]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
Thaghail mi ’n sin air an Urr. Murchadh Dòmhnullach ministeir Gàidhlig na h-Eaglais Shaoir ’an Dun-éideann. Is ann do Leodhas a bhuinneas e agus tha e pòsda aig nighean Fir Dhùin Chulobhadh nach neaireann. Tha am ministair òg tapaidh so na shearmonaiche comharraichte. Tha brathair dha na mhinisteir ’an Aird Chlach. Is esan Sgrobhadair Gaidhlig cho math ’s a tha air Ghàidhealtachd. Thug mi seirbheis Bheurla agus Ghàidhlig do Ghàidheil Dhuneideann. Dh’éisd mi ri searmon Gàidhlig bho ’n Urr. Iain Mac Ille-mhaoil a Ullapul. ’S an t-searmon thug e sgriob air leòmaichead ar latha, na fasanan ura a tha a’ goid a stigh airn. Na theas searmonachaidh thainig e ’mach leis da briatlran so. “Searmonaichidh mise an soisgeal dhuibh ged do dhannsadh sibh Gille Callum.” Dh’eisd mi ri pios searmoin bho Mhinisteir Uig ’an Leodhas, agus ri searmon bho na h-Urr. Doctair Stalker a Glaschu, duine iomhuinn, Macaphearsain a Feairn, agus Maighstir Domhullach a Kirkldy. Bha mi ni éigin mithoilichte le comasan searmonachaidh cuid dhiubh. Tha ministeirean Gàidhlig agus Beurla againn ’an Canada nach toireadh ceann an amuill dhoibh.
Ach ’s ann a bha chuid bu mhò de ’n ùine a chaith mi an Dun-éideann air a cosg ag éisdeachd ri òraidean agus deasbaireacdean na ’n diadhairean a bha cruinn ’s na Aird Sheanaidh. Am measg na ’n daoine urramach a labhair air ùrlar talla Ard Sheanaidh na h-Eaglais Shaoir bha na feadhoin a leanas. An t-Olladh Daigo (Dykeo) a Lunnain. An t-Olladh Mac Laurain a Manchester. An t-Olladh Fairbern an t-Olladh Paton, agus Mac gille Ghobha a New York agus dithis na triùir de dh’Urramaich Eaglais Phresbiterianaich Chanada. Bha am briathran gu léir snasmhor agus an deadh òrdugh. Thug iad uile urram do na laoich a dh’ fhag an Eaglais Stéidhichte aig àm an Dealachaidh.
Am measg na ’m puincean deasbaireachd, bha ùpraidean mu thimchioll Leabhar Aidmheil a Chreideimh. Thug na Goill, dha no tri do bhliadhnaichean air falbh, air an Ard Sheanadh Achd a dhaingneachadh ris an abrar an “Reachal Mìneachaidh.” Thug an t-Achd so moran oilbheum do na Gàidheil agus thog iad an guth na aghaidh. A dh’ aindeoin ’s na chuir iad do dh’ iarrtasan air beulthaobh an Ard Sheanaidh dhiùltadh beantuinn ris. Thug so air mòran do na Gaidheil an Eaglais Shaor fhàgail agus tha iad air cléir dhoibh féin a chur air chois.
Tha sean fhocal ag radh, “Thig crioch air gach comunn,” agus thainig sin air cruinneachadh na ’n Seanaidhean ’an Dunéideann. Thug sin orm slàn fhàgail leis a bhaile mhòr agus m’ aghaidh a chur air tir na’n sonn. Ghabh mi an t-each iaruinn trath ’s a mhaduinn agus sud air falbh sinn ag asdar leth cheud mile ’s an uair. Ann am beagan mhionaidean bha sinn aig an drochaid mhoir a tha tarsuinn air Caolas Banrigh Marairead no Abhuinn Forth. Is i so drachaid as mugha’ tha air an t-saoghal. Tha osannan mòra fuidhpe a tha cho garbh ri cruach arbhair agus tha i cho àrd is gu ’n téid na Soitheichean mora na’n trì chrann a mach ’s a steach fuidhpa gu’n mheang. Thug sinn cunntas mhionaidean air dol thairis orra agus sud sinn air talamh diongmholta(terra firma)aon uair eile. Chabhagaich an t-each iaruinn sinn air adhart troimh dhùthaich anabarach mhaiseach agus thorach gu’s mu dheireadh an d’ thainig sinn gu Baile Mòr Pheairt. Tha e air aithris gur e Calla an Eich Iaruinn ’am Peairt aon cho riomhach ’s a tha ’an Albainn saor o ’n aon a tha ’an Dunéideann.
Dh’ fhan sinn ’am Peairt teann air trì uairean do thìm agus an sin thog sinn rithé a deaaamh tri fichead mìle ’s an uair gus ’an d’ thàinig sinn gu tìr gharbhlach na Gàidhealtachd. Aig aon bhruthaich bha carbad tarruing agus putaidh againn g’ ar cur air aghart suas an t-aonach, agus sin far an robh an omhail air toiseach ’s air deireadh mar gu’m biodh an gnothaich a fairtleachadh orra. Mu dheireadh thall ràinig sinn am mullach agus ghabh sinn slàn leis a charbad chùil. Sud air falbh sinn a rithis leis a bhruthaich air an taobh eile. Shaoileadh neach gu’m ann a bha sinn air iteig gus an d’ thùinig sinn gu ùrlar a ghlinne.
Ach gu de na beanntan a bha sinn a nis a faicinn air gach làimh dhinn? Bha iad dhe gach cumadh, cuid cruinn
(Air a leantuinn air taobh 6.)
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 37. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM APPIL 7, 1894.
Tha ’n sean fhacal a fàgail air na mnathan nach eil iad math sam bith air ni a cheiltinn: “An ni nach fios do na mnathan ceilidh iad.” Ach cha’n iad na fir dad a’s fhearr, mar a dh’ fhaodas duine sam bith a thogras fhòghlum air a shon fhéin. Tha sgeula beag air innse dhuinn mu Ghladstone a dhearbhas so. O chionn mios no dha thog e air gu dhol air cuairt ghoirid air tir-mor na h-Eòrpa, agus mu’n d’ fhalbh e dh’ innis e do thriuir dhe chàirdean gu robh roimhe, ’nuair a thilleadh e, dreuchd na Prìomh Mhinistirealachd a chur as a lamhan aig an am cheudna ag earbsa ’s ag àithne ris gach fear dhe’n triùir gun iomradh a thoirt air ri duine bheò. Ach a dh’ aindeoin sin uile cha do ruith moran ùine ’nuair bha gach paipear beag us mòr, shios us shuas, thall ’sa bhos, a craobh-sgaoileadh na naidheachd gu robh Gladstone air toirt snas. Ma tha toil aig duine diomhaireachd sam bith a chumail o chluasan an t-saoghail, ’s e ’n dòigh a’s fhearr dha dheanamh a cumail ris fhéin, neo faodaidh e bhith cinnteach gu’n ruig i cluasan nach bu mhath leis.
Bha gnothuichean gu math fuaimneach ais feadh Nobha Scotia us Cheap Breatunn fad seachdain no dha an deigh latha taghaidh nam fear phàrlamaid. Bha fear no dha a fhuair ainm a bhi stigh an toiseach a fhuair a mach nach b’ ann mar sin a bha ’nuair a chaidh na bhotaichean a chunntas an darra nair, agus bha ’san ainm gu robh am fear so ’s am fear ud eile ri bhi air a chumail aig an tigh a chionn nach robh an taghadh cho laghail ’s bu chòir dha bhith, ach tha sinn a tuigsinn nach eil an sin ach uiread de bhruidhinn. Tha daoine nis aìr fàs na’s ciùine, agus na’s reusanta na bha iad an téas a chatha, agus cha’n eil teagamh nach di-chuimhnich iad lochdan càch a chéile an ùine gle ghoirid. Ma bhios iad ri fuaim mor mu nithean beaga mar so bithear glé bhuailtrach air bhi fàgail orra gur a mò an geum na ’m bleodhan.
Tha muinntir na Gàidhealtachd ag obair cheana ag ullachadh air son a Mhoid a tha gu bhi ’san Oban air an fhoghar s’a tighinn mar bha e air an da fhoghar a chaidh seachad. Cha’n eil e ri ’chur an teagamh nach robh an da Mhod a bh’aca cheana na mheadhon air aire agus inntinn an t-sluaigh a tharruing gu nithean Gaidhealach mar nach robh iad riamh roimhe, agus cha mho tha e ri chur an teagamh nach bi am Mod a sior dhol na’s fheumaile gach bliadhna ma bhios e air a chumail suas ann an doigh cheart, mar is cinnteach a bhitheas e. Oibrichidh e chum misneach agus neart a thoirt dhaibh san aig am beil gràdh ’nan cridheachan do chainnt an sinnsir agus leis ’m bu mhiann a cumail suas.
Tha cruinneachadh bliadhnail dhe’n t-seorsa so aig na Welshich o chionn iomadh bliadhna agus tha e ri fhaicinn gu soilleir gu bheil e ’n deigh feum mor a dheanamh dha’n cànain. ’Nuair chuireadh air chois air tùs e cha robh coltas eile air an cainnt ach gun rachadh i bas gu buileach ri beagan ùine. Bha’n sluagh cha mhor air fad mar gu’m biodh iad air fàs caoin-shuarach uimpe, agus a toirt a dh’ionnsaidh na Beurla gu buileach. Ach an diugh tha chùis air atharrachadh sin; tha chainnt Welshach cho fasanta sa bha i ’sna linntean o shean mu’n robh Beurla no Fraingis no iomadh cainnt eile ann, agus barrachd sluaigh ’ga bruidhinn ’sa bha riamh roimhe. Tha gu leor de leabhraichean ’s de phaipearan aca ’nan cainnt féin, ’s cha’n eil iad idir cho déigheil air a bhi deanamh Goill dhiùbh féin ’sa tha moran de na Gàidheil.
Tha e taitneach ri fhaicinn gu bheil na Gàidheil a nis a togail an ceann agus a toiseachadh air gach oidhirp is urrainn dhaibh air am cainnt rioghail, bhrigheil, bhlasda féin a chumail o dhol bàs. Gu ma math a theid dhaibh anns an deagh obair!
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Leabhraichean Giliag.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 37. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha’n rathad iaruinn eadar am baile so us Louisburg ’ga oibreachadh gu bras. Tha iad an dùil e bhi fosgailte uair-ergin ré an t-samhraidh.
Eadar October ’s am Màrt, chaochail faisg air ceithir cheud pearsa ann am baile Mhontreal leis an fhiabhrus dhearg. Bha cuid a sheachdainean a chaochail ceithir pearsa fichead.
Ghabh each fiachail leis an Dotair Mac Iain an Cow Bay, eagal an la roimhe agus theich e. Mu’n d’ fhuaras greim air, bha e air e-féin a ghearradh cho dona ’s gum b’ fheudar a mharbhadh.
Tha duine de’n ainm Mac Whirrel anns a phriosan ann am Brompton, Ont., fo bhinn bàis, air son fear Williams a mharbhadh. Tha fear Robert Dalton ann am Bozemani, Montana an déigh toirt suas gu’m b’esan a rinu am mort.
A réir gach coltais, tha na meinnean a dol a chur a mach mòran guail air an t-samhradh so tighinn. Tha ’n obair air tòiseachadh cheana, ’s tha na meinnean uile ’cur ma seach a ghuail air choinneamh nan soitheach, dhe’m beil àireamh mhor deas gu tighinn cho luath ’sa dh’ fhalbhas an deigh as na h-acarsaidean.
Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal. a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?
Bhrist teine mach anns an tigh aig Alfred Grannd, Sidni a Tuath tràth sa mhaduinn Di-haone air an t-seachdain s’a chaidh. Fhuair an teaghlach uile as ach aon nighean òg, aois ochd bliadhna deug. Rinneadh a h-uile dichioll air a sabhalladh, ach dh’ fhairtlich orra, agus nuair a chuireadh as an teine fhuaradh i anns an rùm a b’ fhaisge air a rùm cadail, agus i air a losgadh gu bàs. Cha’n eil fhios cia mar a thòisich an teine.
Cha’n eil sinn buileach cuibhteas an geamhradh fhathast. Tha ’n t-sìde greannach fuar gu leòr, gun a bheag sam bith de bhlàths an earraich. A reir gach coltais cha’n eil an deigh mhor ro fhad air falbh. Bha’n carbad-iaruinn air a chumail còrr us ceithir uairean air deireadh leis an t-sneachda oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Tha ’n deigh air na lochan ’s air na h-acarsaidean fhathast laidir gu leòr gu eich us sleigheachan a dhol orra.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh
NAIDHEACHDAN.
Tha e air aithris an drasd gu bheil an t-each iaruinn ri bhi, air an t-samhradh, a fàgail Shidni aig ceithir uairean feasgar an àite coig uairean ’sa mhaduinn mar tha e ’n dràsda. Faodaidh luchd an fhalbh an leor cadail fhaighinn an uair sin.
Thachair sgiorradh ann an Sidni a Tuath leis ’n do chaill Iomhar Domhnullach pins de cheann na coire. Bha e ’g obair anns an fhactory aige fhéin, agus ge air bith de bha e deanamh le sabh cuairteach, fhuair e greim air chois air ’s thug e leis a bàrr. Tha sinn fior dhuilich so a chluinntinn.
Tha Taigh-òsda Shidni a nis gle theann air a bhi ullamh air son nan daoine uaisle a bhios re an t-samhraidh a tighinn a thoirt sgriob air feadh ar dùthcha. Nuair a bhios e na làn uidheam cha bhi a leithid eile air eilean Cheap Breatunn, no gu dearbh, ann an taobh an ear Nobha Scotia.
Chruinnich Pàrlamaid Eilein Phrionns Iomhair Di-ciaduinn an ochdamh latha fichead dhe’n Mhàrt. Tha e coltach nach eil teachd-a- stigh gu leor aig an luchd-riaghlaidh air son nithean a chumail ’nan àite féin, agus tha iad a dol a leagail cìs air an fhearann aìr son an t-suim a dheanamh suas.
A cheud oidhche de dh’ April thugadh ionnsuidh air oifig paipear-naidheachd ann am baile Trent a chur as a cheile le fùdar. Bha baraille anns an robh coig puinnd fhichead air a thilgeadh a stigh triomh uinneig agus fuse laiste a slaodadh ris, ach chaidh sin as mu’n d’ rainig e ’m fùdar.
Chaidh fear Mac Gilleain a bhàthadh ann an tobar aig Port Hastings. Bha e na dhuine gle neonach air iomadh doigh, agus bha moran eolach air feadh siorramachd Inbhirnis. Bha “Boiligean” aca mar fhar-ainm air. Bha e na dheagh fhear-ciùil agus chluicheadh e a phiob mhor gle mhath.
Tha ’n t-Urr. Domhnull Domhnullach a bha ’m Port Hastings a nis air a shuidheachadh ann an Srath-Lathuirn. Tha e na shearmonaiche tapaidh, agus na dheagh sgoileir Gailig us Beurla. Tha sinn an dochas gu’n cord an sgìreachd ùr ris gu math; tha sinn cinnteach gu’n còrd esan ri sluagh na sgìreachd.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 37. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 3.)
mu ’n cuairt ag éiridh suas gu socrach gus am mullach, cuid eile gu claiseach creagach, agus garbh mar gu ’m biodh iad air an cruthachadh air son ghabhar na ainmhidhean neo-chneasda air choir-éigin. Chiteadh an tràth so ’s a rithis lianachan bòidheach aig am bonn agus air an cliathaichean breac le caoirich agus chiteadh an ciobair a’ gluasad gu màirnealach le cù no dhà g’ a leantuinn agus an sin chiteadh tigh na aonar ’an glaic agus clann a’ cluich aig a dhorus. B’e so tigh a chiobair. Cha robh ùine arainn fhaicinn co dhiùbh a b’ e falt dubh no donn a bha air a chloina, no ’chluinntinn co dhiùbh is e Gàidhlig no Beurla a bha iad a labhairt, Bha leithid do chabhaig air an Each Iaruinn ’s nach d’ fhuair sinn an uidhir so do riarachadh. Tha eagal orm gidheadh na’n cluinneamaid iad gur i Bheurla chruaidh Shasunnach a bhà iad a’ labhairt.
Ach gu d’ e a tha so? Beinn air an taobh so agus beinn air an taobh ud eile a tabhairt solus na ’n speur uainn, agus sruthan garbh air an daramh laimh a leum thairis air creig an so a sniamh timchioll air dùn an sud, agus cobhar bhàn a chuid cluich a siubhal gu sàmhach an àite eile a deanamh an t-seallaidh làn iongantais dhuinn. Is e so Glaic Chille-cranci far an do choinnich, ’s an t-sean aimsir, na Gàidheil agus na Sasunnaich aon a chélle, agus an d’ thug na Gàidheil leasan dhoihh. Tha e air aithris gus an latha an diugh nach d’ thugadh buaidh air na h-Albunnaich riamh a tuath air an àite so. Faodaidh sinn a raitinn, uime sin, gur e a tha ’s na Gàidheil muinntir nach do chiosnaicheadh riamh. Dh’ fheuch na Ròmanaich ri tràillean a dheanamh dhiubh ach dh’fhairtlich orra. Ach gu mo sgeul.
Thainig sinn a mach a Glaic Chille-cranci agus chabhagaich sinn thar bheann ’s ghleann gharbhlach gus an d’ thainig sinn gu clàdach Bheaulaidh Firth. Thaghail sinn air an rathad ’s na bailtean beaga Forres, Nairn agus aon na dithis eile. Bha sinn a nis a’ siubhal an Iar, tir mòr air an lamh chli agus Caolas Eilean Dubh na Tòiseachd air an laimh eile. Bha bàtaichean iasgaich le siùil gheal agus dhorcha ri ’m feicinn fad ar seallaidh agus bha machraichean treabhte gu bonn na ’m beann air an laimh eile g’ ar cumeil trang a’ sealltuinn o uinneag gu uinneig. Mu dheireadh thall ràinig sinn Baile Mòr na Gaidhealtachd, Ionarnis. Bha sinn gu bhi ’an so còrr agus leth uair agus “am fear nach beireadh air a bhogha bheireadh air a chlaidheamh” a’ dol air tòir greim a dh’itheamaid. Fhuair sinn cuach na dhà do shùgh feòladh am fear, agus beagan do ghràn eòrna agus càl glas air a mheasgachadh leis. Fhuair sinn beagan de dh’ fheòil mhairteil agus buntata no dhà. Phàigh sinn ar trì tastain bhàna air a shon ’s a bhargan. Cha robh ùine againn a dhol air feadh a bhaile, agus bha sinn duilich oir bha déigh mhòr againn air am baile fhaicinn. Sud air bord a rithis sinn, agus ann am priobadh tha sinn air ar gìulan air adhart tarsuinn air a Chanal agus, gu lùbach, timchioll ceann a bhàigh gu Beaulaidh. Bha aig an am ud gillean òga as gach cearn de ’n t-Siorrachd cruinn air Machair Bheaulaidh g’ am fòghlum ann an ìnnleachdan cogaidh. Thug na ballaich caismeachd dhuinn ’s an dol seachad ach cha do fhreagair an Carbud Iaruinn. Dh’ fhàg sinn n’ ar dèigh iad mar na h-uidhir do chreagan. Ann an beagan ùine thainig sinn gu Urraidh agus bhà air an laimh dheis Caolas Cheasaig, agus an Caisteal Ruadh, agus Sgir na Tòiseachd. ’S ann orm a bha miann sgrioh a thoirt air feadh na ’n àitean so, ach cha do cheadaich ùine.
Tha sinn an nis ann an Ionar-theotharan baile beag bòidheach, ainmeil air son an co cheangal a tha aige ris an Urr. an t-Olla Kenedeidh. Cha do rinn sinn ach taghal ann agus air falbh a ris sinn gu cabhagach suas an gleann am meadhon am bheil na tobraichean leaghais.
(Ri leantuinn.)
Leighseadh mise o chuing, leMINARD ’S LINIMENT.
Bay of Islads. I. M.CAIMBEAL.
Leighseadh mise o chall guth leMINARD ’S LININENT.
Springhill, N. S. Um. DANIELS.
Leighseadh mise o’n loinnidh leMINARD ’S LINIMENT.
Albert, Co., N. B. DEORSE TINGLEY.
’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Gliane, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubaichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 37. p. 7]
An t-Earrach.
An t-Earrach! am ath-urachaidh na talmhainn. Tha ’n t-Earrach a’ giulan air a sgiathaibh moran a bharrachd air gorm dhreach na macharach, agus faile cubhraidh nam blath. Tha ’n t-Earrach ’n a ghealltanas air na nithibh sin a dhuisgeas suas gach dochas, an da chuid a thaobh an t-saoghail so agus an t-saoghail a ta chum teachd. Is ann o ath-philleadh riaghailteach an Earraich a ghabh Cinnich o shean beachd gur eiginn a leithid de ni ri Neo-bhasmhorachd a bhi ann. Ma tha ’n saoghal ’n a laidhe gu neo-mhothachail, marbh, fo chuirtean reota a’ gheamhaaidh, agus ma thig aiseirigh thairis air, leis an duisgear suas gach luibh agus blath, agus gach eun-cheol agus suibhearachd an urrainn e bhi nach eirich an duine sin a ris a tha ann an trom chodal a’ bhais, agus nach duisg e suas chum beatha nuaidh, agus chum gach deagh-dhochas a shealbhachadh! Tha sinn gu leir a’ creidsinn so, do bhrigh gu ’m bheil Focal De’ g a theagasg dhuinn; ach tha iadsan, ann an seadh, ’g a chreidsinn nach ’eil fathast eolach air an Fhocal sin, air da a bhi air a sparradh orra le oibridh Nadair mu ’n cuart doibh. Ach an deigh sin uile, tha an smuainte mu thimchioll na cudthromaich so, air an comhdachadh le sgaile diomhaireachd agus neo-chinnteachd. Biodh na h-uile, uime sin, taingeil air son an Taisbein Naoimh sin a thugadh dhuinn leis an Ti a’s Airde, trid am bheil beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum an t-soluis.
Bha cruinneachadh Gàidhealach ann an Dun-eideann air an fhicheadaibh latha dhe’n Mhàrt. Bha na cluichean àbhaisteach aca agus bha duaisean air an toirt seachad air son piobaireachd, donsadha, dhe gach seorsa agus gleachd. Bha gach ni a bh’ ann fo ordugh fear Iain Mac Nèill agus bha gach aon a làthair làn riaraichte leis mar chaidh an latha.
Ann an Lunnuinn air an naodhamh latha deug dhe’n Mhàrt, chaochail an Dotair Ruairidh Domhnullach, a bha àireamh bhliadhnachan na fhear-pàrlamaid ann an siorramachdan Rois agus Chromarty. Rugadh e ’s an Eilean Sgiathanach ’sa bhliadhna 1840. Bu shàr Ghàidheal e agus bha meas mor air ’s an taobh a tuath.
Bathar Saor
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach seorsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 37. p. 8]
CUMHA.
Do Mhartuinn Martuinn, do ’m bu cho-ainm Martuinn Mor a Bhealich.
Le Niall Mac-an-Aba.
Nam b’fhear facil no dain mi
Bhon la thiodhliceadh Martinn ’s a chill
Mar chuimhneachan bais ort
Bheirinn greis air do nadar math inns’.
Cho fada ’s a b’ eol dhomh
Bha gach teisteanas mor air do thi;
’S mairg fine as an d’ fhalbh thu
’S a liuthad deagh ainm air do ghniomh.
’S coir dhomh labhairt neo-chearbach
Ann an toiseach mo sheanachis’ thoirt bhuam,
Mu’n og mhisneachail, chliuiteach,
So a thog iad air ghiulan Di-luan.
Gun robh silteach gu siubhlach
A tuiteam bho shuilean dhaoin’ uaisl’,
Bho ’n la ’chuir iad ’s an uir thu,
Ann am fois bho nach duisg thu a suas.
Bu tu’n gasan neo lapach,
Gun robh rogha gach mais’ ort, a laoich;
Nam bu treun anns an fheachd thu
Bhiodh tu ainmail mar ghaisgeach aig daoin’.
’S mairg a bhagradh an dorn ort
Na’n cuireadh tu ’n torachd ga thaobh;
Cha robh fear a thoirt cuis dhiot,
Mar mo bharail, an tubh so de ’n chaol.
Gaol peathar, gaol brathar,
Gaol athar is mathar gun cheist,
Gaol mna oig agus leannain
Mar nach faodadh iad fhalach no chleith,
Gaol na mnatha ’thug cioch dhuit,
’S mu’n ghniomh sin cha b’ aireach i dheth;
Bha sud agad a Mhartuinn,
’S tha iad uile air an cradh as do leth.
’S beag an t-ionghnadh do mhathair
’Bhi gun aidhear, gun slainte, gun sunnd;
Is a suilean bhi dortadh
Ri sior shileadh nan deoir os do chionn.
Gur h-i naidheachd na Ciadain
A bhrosnich gu liathadh a cul,
Mu’n fhiuran ghlan chiatach
Dha’n robh tuigse agus riaghailt mhic Diuc.
’S beag an t-iongnadh do cheile
A bhi airsnealach eisleineach, tinn;
’S a bhi tric ort a’ smointinn,
’S a bhi ’cadal gle aotrom ga chinn.
Chaill i companach guailne
’S an robh tuigse agus uaisle mhic rìgh;
Gur a h-iomad bean uasal
A bha caoidh an fhir shuairc ’tha ga dith.
’S ann an toiseach a gheamhridh
A fhuair do dheagh chleamhnan an sgath;
Chaill iad ceile na baintigearn.
Ort bha ’n aghaidh gun sgraing air dheagh dhreach,
An am cruinneachadh nan uaislean,
Ort a thigeadh gach tuairisgeul ceart,
’S tu lan modh agus eolis
An am suidhe mu’n bhord ann an sreith.
Bu tu marcach nan steud-each,
Cha robh ’n taobh-sa Dhuneideann na b’ fhearr;
Gum bu tlachdmhor thu ’d dhiollid
Air each cruitheach mor briadha ’chinn aird,
’Nuair a bhiodh tu air Ghalltachd,
S tu gum buidhneadh an geall leat thar chaich;
Bu leat urram gach reise,
’Fhir mhoir mhacnt’ bu bheusiche gnaths.
’S mor an naidheachd am bliadhna
Gu bheìl Lachasa riabhach gun cheann;
Ge b’ e ’rachadh ga fiachinn,
Tha a seoltan ’s a riaghailt air chall,
Tha a h-uaislean ’s a h-islean
A sior-ionndrinn an fhirein a bh’ ann.
Ged a rinn mi sud innse,
Cha do chuir mi ceann-crich air mo chainnt.
Co a sheall ann at aodunn
Noch deanadh deagh fhaoilte ri d’ ghnas.
S mor na bh’ ort de luchd ìonndrinn
An am suidhe ’s a chuirt ’s an taigh bhan
Bha do ghnothichean seasmhach,
’S gu’m bu lionmhor ort teisteanas ard;
Dh’ fhag thu uile iad an riaghailt
Mar a dheanadh neach iarrìdh roìmh ’n bhas.
Bha thu foghinteach laidir
Bha thu iriseal, tabhachdach, ciuin;
Dreach an t-samhridh mar shnuadh ort,
Cha robh ainneart no fuachd ann ad ghnuis,
Fiamh a ghaire air do mhala,
’S bu phailt blaths ann an sealladh do shul,
’S mor an leon ’thug do bhas
As a mhuinntir a dh’ fhag thu ’s an Dun.
Ciod a bhuaidh a bh’ air duine
Nach robh suas riut bho d’ mhullach gu d’ bhroig’.
Bha thu macanta, siobhalta,
Cha togadh tu strith ’s an taigh-osd’;
Lan de cheill is de ghliocas,
Lan de dh-eolas ’s de thuigs e ’bha mor;
Cuimhneach, sealltuineach, rianail,
’S cha robh mealladh am briathribh do bheoil.
’S ann na laighe gun eirigh
Tha ’m fear mor nach d’ rinn eucoir air neach;
Gun robh tuigse agus reusan
A streup riut le cheile mu seach.
Bha thu ceannsgalach, treubach,
Bu leat urram nan ceud air an fhaich;
Bha thu modhail, lan eolis,
Is a h-uile ni coir ann ad bheachd.
Bha thu caoimhneil gun ardan
’S tu a sior chur do chairdis an liad;
Bha thu iochdmhor ro bhaigail
Ris gach duine ’bha ’n sàs agad riamh.
’S i mo bharail gu laidir
Gu bheil t’ ànam lan shabhailt’ aig Dia;
’S iomad beannachd le durachd
’Bha, ’n ualr dh’ fhalbh thu gu ’chuirt leat a’ triall.
Bha thu ’t iasgair ’s ’ad shealgair,
Gun robh cuimse gun chearb ann ad laimh;
’S i do-shuil bu ghlan dearcadh,
Cas thu dhireadh ’s a dh’ astar nam beann.
Ann sa h-uile deagh chleachdadh
Bha do shuil is do thlachd gu fior theann;
’S bho ’n la ’chaidh thu fo’n fhuar-lic
Tha do chairdean bochd truagh dheth mu’n call.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 37 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 37. %p |
parent text | Volume 2 |