[Vol . 2. No. 38. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 14, 1894. No. 38.
Na h,Innsean.
Is dùthaich mhor na h-Innsean agus tha sluagh mor a chomhnuidh innte. A reir a chunntais mu dheireadh a rinneadh tha dlùth air tri cheud muillein anam anns na h-Innsean air fad, agus mar sin ’si dùthaich a’s tinne thig air Sina ann an sluaghmhoireachd de uile dhùthchannan an domhain. Tha moran dhaoine saoibhir anns na h-Innsean ach tha moran de ’n t-sluagh a tha anabarrach bochd ’nan crannchur, cho bochd ’s nach eil e ’nar comas-ne a thuigsinn. A mach as na bailtean mora oibrichidh duine air son tuarasdal cho beag ri tri sgillinnean an latha, agus ’s ann gle ainmig a gheibhear na’s àirde na sin. Tha na muilleinean air an tuarasdal bheag so, cha’n e mhàin ’g an cumail féin suas ach a cumail bean us teaghlaich. Faodar a thuigsinn nach eil aca ach beò bhochd. Tha ’bhliadhna, anns na h-Innsean air a roinn na tri aimsirean aimsir teas, aimsir fuachd, agus aimsir fhliuch. Re na h-aimsir theth tha ghrian cho sgàldach teth ’s nach urrainnear dol a mach o dhruim taighe no obair sam bith a dheanamh ach moch us anmoch. Tha’n talamh a tiormachadh suas agus a fàs ruadh, ach nuair thig an aimsir fhliuch, tha na craobhan ’s na machraichean a fàs cho uaine ’s cho dreachor ’s a chithear iad ’san dùthaich so féin toiseaeh an t-samhraidh. An deigh sin thig an aimsir fhuar agus ’s ann an uair sin a bhios na measan agus uile thoradh na talmhainn abaich agus air am buain. Tha ’n sluagh anabarrach aineolach agus tha moran saobh-chreidimh nam measg. Cha’n abair bean uair sam bith ri te eile, “Nach làidir fallain an coltas a th’ air an leanamh agad,” ach their i ’n àite sinn, Nach bochd an dreach a th’air a phàisde sin.” Ma mholas i e bidh eagal air a mhàthair gu laidh a sùl air. Tha moran lobhar anns na h-Innsean mar anns na dùthchannan an Ear air fad, ach gus an d’ fhuair Breatuinn an uachdaranachd ’na làimh féin cha robh cùram sam bith air a ghabhail dhiubh ’s cha robh innleachd sam bith air a chur an cleachdadh gus a phlàigh a chumail o sgaoileadh. Bha taighean-eiridinn aca do ainmhidhean air am biodh tinneas no galair sam bith ach cha robh suinn sam bith air a ghabhail dhe na lobhair. Ach thug Breatuinn cùisean gu bhi na b’ fhearr, agus tha taighean air an cur suas an sid ’s an so air an son. Tha aon de na ceud thaighean dhe’n t-seòrsa so a chuireadh suas ann am baile beag d’an ainm Almora a tha air a shuidheachadh ann an gleann uaigneach am measg nam beanntan Himalaya, agus tha mar a’s trice eadar ceud gu leth us tri cheud ann. Tha’n sluagh de dh’ iomadh aidmheil, Hindùich, Buddich, Mahometanich, agus Sikhich, a bharrachd air còrr us da mhuillein a tha ’g aidmheil a chreidimh Chriosdail. Tha e air aithris orra nach eil suim sam bith aca de chall tìm; ma tha duine dhiubh dol air thurus air an rathad iaruinn, theid e thun a challa na dh’ fhaoidte dha no tri dh’ uairean mu’n tig an carbad, air son a bhi cinnteach as a thurus. Chithear air uairean calla mar sin air a dhòmhlachadh le sluagh a tha feitheamh gu foighidneach ris a charbad a tha fhathast ceud gu leth no da cheud mile air falbh.
Riamh o’n fhuair Breatuinn greim daingeann air an dùthaich, tha cor an t-sluaigh a dol na’s fhearr na bha e. Tha sgoiltean agus collaisdean air an cur suas anns gach cearna, agus tha eòlas ’ga chraobh-sgaoileadh am measg na h-òigridh. Tha mar an ceudna ceartas air a dheanamh eadar duine agus duine, tha droch laghannan agus droch chleachdaidhean air an cur air chùl agus tha gach bliadhna ’thig a faicinn riaghailtean ùra air an dealbh air son math na dùtcha.
Tha’n t-side a fuireach gle fhuar air son an earraich. Tha meallan mora dhe’n deigh mu’n cuairt dhe’n eilean, agus fhad ’sa bhitheas bidh gaoth tuath us fuachd againn.
Bha fear Domhnullabh a mhuinntir an Eilean Mhoir air a robaigeadh air an rathad mhor faisg air a Bhras d’Or Bheag an oidhche roimhe. Bha e air a thurus dhachaidh o chosnadh agus bha sporan math airgid aige. Aig a Bhras d’Or bheag thaghail e ann an ’s tigh an àbhaist dhaibh-san air am bi ’m pathadh tric a bhi taghal, agus bha fear no dithis ann an sin a thug an aire dha na bha dh’ arigiod aige, agus an deigh dha falbh thug ìad a mach as a dhéigh agus thug iad air a chnid airgid a thoirt suas, a bagairt air mur deanadh e sin gun toireadh iad a bheatha dheth. Chà’n fhaod a bhith nach dean an lagh greim aìr an dithis ud agus nach peanasaichear iad. Tha e na ni nàr du dhuthaich Chriosdail coltach ri so ma leigear a leithid sid air adhart.
Iadsan a Phaigh.
Uilleam Mac Coinnich, Dùneidaenn, Alba.
Padruig Mac-an-t- Saoir, “ “
Arthur Morgan, “ “
Niall Mac Leòid, “ “
Seumas Mac Amhlaidh, Caledonia , P. E. I.
Iain R. Mac Leòid, Darlington , “
M. H. Mac Coinnich, Rose Valley, “
Gilbert Mac Leòid, Hamilton , Ont. ,
D. I. Caimbeul, “ “
J. J. Mac Rath, Martintown , “
J. J. Domhnnllach, Alexandria , “
Dr. F. Mac Fheaghais, New York,
Senmas Mac Neachtain, S . R. Lake, N. S. ,
Uisdean Mac-an-Tòisich, “ “
A. D. Mac Dhiarmaid, Stirling , C. B.
Iain Mac-a- Phiocair, Catalone ,
Alasdair Mac Gilleain, “
D. J. Mac Leòid, Sidni,
Seumas C. Domhnullach, Iona ,
Alasdair S. Mac Leòid, Framboise ,
Alasdair A. Mac Leòid, “
Tòmas Mac Cuidhean,
Micheal Gillios, B . C. Chapel,
Iain Mac Ille-mhaoil, An Bai ’n Ear.
’S ann aig D. J. Domhnullaeh air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
[Vol . 2. No. 38. p. 2]
NA SEAN-FHACAIL.
THA barrachd gliocais air fhilleadh a staigh anns na sean-fhacail na tha iomadh neach an duil. Mar is dluithe ’ghabhas sinn beachd orra ’s ann is mo ’chuireas e dh’ ioghnadh oirnn gu’m biodh na daoine’ bh’ ann o shean comasach air briathran cho glic ’s cho geur-chuiseach a chur an altaibh a cheile. Ach tha aobhar a bhith creidsinn nach robh na sean-fhacil gu leir air an labhairt le daoine ris am faoidte daoine glice a radh. Is iomadh uair a chuala sinn dearg amadain a’ labhairt bhriathran a bha araon glic agus geur-chuiseach. O’n a chuireadh cainnt ghlic ghleusda ’n amadain mor-ioghnadh air iomadh neach, bhiodh i, air an aobhar sin, air a cumail air chuimhne, ma dh’ fhaoidte, moran ni b’ fhearr na cainnt nan daoine tuigseach, turail; oir cha bhiodh e idir ’na ioghnadh ged a labhradh daoine tuigseach cainnt anns am biodh gliocas agus tur nadair. Tha sean-fhacal ann a tha ’g radh—
“Is minic a bha comhairl’ an righ ann an ceann na h-oinid.”
Ged a tha so fior, tha e mar an ceudna fior gu’m b’ iad na daoine bu ghlice ’s bu tuigsiche ’bha ri ’m faotainn anns gach linn a labhair na sean-fhacail anns am bheil doimhneachd gliocais. Bhuilicheadh tomhas mor de thur nadair air na daoine so, agus o’n a bha iad a’ gabhail beachd gu curamach air gach ni a bha iad a’ faicinn agus a’ cluinntinn dh’ fhoghluim iad iomadh air nach gabhadh muinntir eile beachd sam bith. Mar is trice, tha na sean-fhacail a labhair iad so fior, aig gach am, agus anns gach aite. Mar dhearbhadh air so gabhamaid na sean-fhacail a leanas—
“An car a th’ anns an t-seana mhaide,
’S diocair a thoirt as.”
“Is fhearr am beag seadhach
Na ’n draghaiche mor, mi-ghniomhach.”
“Tha ’smudan fhein a ceann gach foid,
’S a bhron fhein aig gach neach.”
Ach tha moran bhriathran air an gnathachadh mar shean-fhacail nach ’eil idir fior aig gach am, agus anns gach aite. Bha iad aon uair fior, gu’n teagamh sam bith, agus faodaidh iad a bhith fior an corr aite fhathast. Is ann diubh so an sean-fhacal a leanas—
“Cha ’n fhiach taigh mor gun straighlich.”
Cha ’n ’eil e idir furasda ’thuigsinn gur e duine glic, tuigseach, turail a labhair na briathran so an toiseach; oir cha chomharra gliocais air fear sam bith anns an linn ’s am bheil sinne beo a bhith ’n geall air straighiich.
Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh ’eachdraidh fhein aon uair aig gach sean-fhacal. Beag air bheag chaidh na h-eachdraidhean air dichuimhn, ged a chumadh na sean-fhacail air chuimhne. Nan robh na h-eachdraidhean so air chuimhne chuireadh iad solus air cuid dhe na sean-fhacail nach ’eil gle shoilleir annta fhein. Nan cuireadh na Gaidheil rompa gu’n deanadh iad e, cha ’n ’eil teagamh nach rachadh aca air comh-chruinneachadh mor a dheanamh suas a dh’ eachdraidhean shean-fhacal, a bheireadh araon toileachadh agus fiosrachadh seachad a dh’ iomadh neach. Rinn an Siorram Mac Neacail obair air son am faigh e cliu fhad ’s a bhios fior Ghaidheal air ur-uachdar na talmhainn, an uair a chruinnich e aireamh mhor dhe na sean-fhacail a bh’ air thuar a dhol air dichuimhn air feadh na Gaidhealtachd. Cha ’n ’eil teagamh nach robh fhios aige air eachdraidh mhorain shean-fhacal. Ach o nach robh aite aige dhaibh anns an leabhar, b’ eiginn am fagail gus am faighte uine agus am freagarrach air an cur ann an leabhar leo fhein. Nach biodh e fior fhreagarrach cuid de na h-eachdraidhean so a chruinneachadh. Tha mi’ beachd gu ’m biodh, agus air an aobhar sin, bheir mi fhein an oidhirp, air a h-aon, air a’ bheagan a th’ agam air chuimhne dhiubh a chur ad’ ionnsuidh. Toisichidh mi leis an eachdraidh aig an t-sean-fhacal a leanas—
“Cadal fada ri gaoith mhoir
’S a’ chlann a chumail o’n teine.”
Bha tuathanach gasda, cothromach ann aon uair ris an cainte, Mac Ill Riabhaich, agus cha robh aige ach aon nigheann. Bha i ’na h-ighinn bhanail chiuin, mhaisich, ghlic, dheanadaich, agus air an aobhar sin bha h uile fleasgach a b’fhearr ’s bu spaideile na cheile ’bh’ anns an duthaich an toir oirre. Anns an am ud b’ ann aig na parantan a bha ’m facal a b’ airde an am a bhith taghadh fhear d’ an cuid nigheann. Air uairean bha ’n cleachdadh so a’ deanamh beatha iomadh te glé mhi-shona. B’ eucorach an ni toirt air nighinn ghrinn, ghlain, oig duine dona air nach biodh gaol aice ’phosadh, ma thachair gu robh deannan aige de smodal mosach an t-saoghail so. Ach air a shon sin, bha, agus tha e ceart gu ’m biodh facal aig na parantan anns a’ chuis. Tha cuid de na nigheannan oga nach toir fa near co dhiubh tha gus nach ’eil na fir de ’n dean iad roghainn ’nan daoine glice, deanadach, steidheil gu leor, agus mar sin, tha e feumail gu’n tugadh na parantan agus na cairdean am beachd dhaibh air ciod bu choir dhaibh a dheanamh.
A thaobh am faicinn, cha robh cearb air fear seach fear de na spalpairean a bha ’n toir an aon nigheann Mhic ’Ille Riabhaich. Ach cha ’n ann air am faicinn is coir gillean oga agus nigheannan oga ’ghabhail idir.
A h-uile fear a rachadh a dh’ iarraidh na h-ighinn air Mac ’Ille Riabhaich, theireadh e ris, “Bi thusa, ’laochain, a’ falbh dhachaidh an diugh, agus cuiridh mise fios ort an uine gum bhith fada, agus gheibh thu freagairt an uair sin.”
Bha h-uile fear dhiubh ’ga dheanamh fhein lan chinnteach gur e ’gheibheadh an nigheam, agus mar so, bha iad a’ tighinn beo ann an dochas. Mu dheireadh thall fhuair gach fear dhiubh cuireadh gu dhol do thaigh Mhic ’Ille Riabhaich air an aon latha. An ùair a rainig iad bha lamhan sgaoilte rompa, agus chuireadh am pailteas de gach ni a b’ fhearr a bha fo na sparran fa ’n comhair. Bha Mac ’Ille Riabhaich fhein far am bu choir dha, ’na shuidhe aig ceann a’ bhuird, agus a nigheann aig a’ cheann eile, agus na fleasgaich air gach taobh de ’n bhord. An uair a ghabh iad na thainig riutha de ’n bhiadh, ’s a thogadh air falbh gach ni a bh’ air a’ bhord, labhair Mac ’Ille Riabhaich mar so:—
“Tha ’n t-am againn a nis an gnothuch sonraichtc air son an d’ thainig sibh a chur an dara taobh. Tha fhios agaibh nach urrainn mise mo nigheann a thoirt ach a dh’ aon fhear dhibh. O nach ’eil mi cho eolach oirbh uile ’s bu mhiann leam a bhith, feumaidh mi ceisd a chur air fear an deigh fir dhibh. An uair a chluinn mi bhur freagairtean, an sin innsidh mi dhuibh co dha ’bheir mi mo nigheann.”
Thoisich e aig an fhear a bh’ air a laimh chli, agus ghabh e roimhe deiseal a’ bhùird. Ri fear an deigh fir thuirt e, “Ciod a ni thusa?” Thug fear an deigh fir a
[Vol . 2. No. 38. p. 3]
fhreagairt fhein seachad, agus nam b’ fhior iad fhein, cha robh na b’ fhearr na iad, anns gach doigh air an gabhta iad, ri ’m faotainn am measg na bha de fhleasgaich oga ’s an duthaich gu leir. Ach thuirt am fear mu dheireadh air an do chuireadh a’ cheisd, am fear bu dluithe dha air a laimh dheis— “Ni mise cadal fada ri gaoith mhoir, cumaidh mi clann o’n teine, agus gairmidh mi cairdean gu cuirm.”
An uair a chuala na fleasgaich eile so, theann iad ri gaireachdaich. Bha iad a’ smaointean gu’n deanadh am burraidh a b’ aineolaiche’ bh’ anns an duthaich na nithean so a cheart cho math ris an duine bu tuigsiche air an cualas iomradh.
“Deanaibh air bhur socair, fhearaibh,” arsa Mac ’Ille Riabhaich, “sid am fear a gheibh mo nigheann-sa. Cha ’n eil e idir cho amaideach ’s a tha sibh am beachd. Tha mise ’g a thuigsinn gle mhath.”
Sheall na fir air a cheile le mi-cheatamh, dh’ eirich iad o’n bhord, ’s dh’ fhalbh iad.
Nis, cha ’n ’eil e idir furasda do neach na briathran a labhair an t-oganach so mar fhreagairt do ’n cheisd a thuigsinn. B’ e dubh-fhacail a bh’ annta ’n uair a labhradh iad, ged a tha iad a nis nan sean-fhacail. O ’n a tha so mar so, feumar beagan mineachaidh a thoirt orra.
Le, “Cadal fada ri gaoith mhoir,” bha ’n t-oganach a’ ciallachadh gu’m biodh na taighean ’s na cruachan cho math air an tubhadh ’s air an siomanachadh aige mu ’n tigeadh stoirmeannan a’ gheamhraidh ’s nach ruigeadh e leas eiridh as a leabaidh an uair a sheideadh an stoirm.
Le, “Cumaidh mi clann o’n teine,” bha e ’ciallachadh gu’m biodh lan-phailteas de chonnadh aige h-uile latha ’s a’ bhliadhna, agus mar sin, gu ’m biodh teine mor, math aige air a’ chagailt’ a chumadh, le a theas, a’ chlann a mach uaith. Ged is iomadh uair a loisgeadh clann bheag, is ro ainneamh a loisgeadh riabh iad le teine mor. Tha so anabarrach comharraichte.
Le, “Gairmidh mi cairdean gu cuirm,” bha e ’ciallachadh gu ’n taghadh e na fior chairdean a measg nan cairdean ’s an luchd-eolais. A reir choltais, cha do thuig Mac ’Ille Riabhaich fhein lan-bhrigh nam briathran so. B’ i ’cheud obair a fhuair an t-oganach uaith ri ’deanamh, cairdean a ghairm gu cuirm. An uair a bha ’chuirm deas, dh’ fhalbh e ’na dheannamh dearg o bhaile gu baile, àgus o thaigh gu taigh, ag eigheach aig na dorsan, “Taigh Mhic ’Ille Riabhaich a’ dol ’na theine! Taigh Mhic ’Ille Riabhaich a’ dol ’na theine!” An uair a chuala na fior chairdean so, ’s gann a dh’ fheith iad ri ’m brogan a chur umpa. Mar so bha e air a dhearbhadh gu soilleir co a bha ’nam fior chairdean, agus co nach robh.
Mar is trice cha ghnathaich muinntir ach a’ cheud chuid de ’n t-sean-fhacal air an robh mi toirt iomraidh. Is ann ro ainneamh a bheirear iomradh idir air chuid mu dheireadh dheth. Tha moran eile de na sean-fhacail air an d’ rinnoadh a cheart diol. Is ann diubh iad so—
“ ’S beag orm an rud nach toigh leam—
Eireagan a’ dol nan coilich.”
“Ol Mhurchaidh is Fhearchair—
Lan a null ’s lan a nall.”
“Cha ’n fhan muir ri uallach,
’S cha dean bean luath maorach.”
LAIN.
Tha J. J Mac Rath a sgriobhadh do ar n-ionnsaidh a Baile-Mhàrtainn, an Ontario agus a cur da dhollar air adhart, aon air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA dha fèin, agus aon air son bliadhna dheth do charaide dha a tha gabhail a phaipeir as ùr. Tha sinn fo chomain mhòr do Mhr. Mac Rath air son so agus tha sinn an dòchas gu’m gabh a chuid eile d’ar luchd-leubhaidh ’eiseamplair. ’Nan deanadh gach aon a tha gabhail MHIC-TALLA, aon chairid eile dheanamh eòlach air cha b’ fhada gus am biodh a chairdean gu math lionmhor. Cia meud a ni so?
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.,
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 38. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, APPIL 14, 1894.
Dh’ aòntaich Tigh nan Cummantach ’sa Phàrlamaid Bhreatunnach air an t-seachdain ’sa chaich gu’m biodh e iomchnidh féin-riaghladh a thoirt a dh’ Alba. Tha e ’na ni a chuireas ìonghnadh air duine fhaicinn gu bheil Alba dol a dh’ fhaotainn féin-riaghladh ged nach eil a chuid mhor dhe’n t-saoghal fiosrach air gu’n robh na h-Albannaich ’ga iarraidh, agus an ni ceudna air a dhiùltadh do na h-Eirionnaid a dh’ aindeoin an dian-iarratasan agus an bagiadhean. Ach feumar a chumail air chuimhne gu bheil na h-Eirionnaich a deanamh cron mor dhaibh féin anns a chùis. Cha ’n e mhain gu bheil iad ag iarraidh féin-riaghladh ach tha moran dhiubh a tha ’g iarraidh bhi air am fuasgladh o chrùn Bhreatuinn gu buileach. Sin rud ris nach ruig iad a leas sùl a bhith aca, rud nach eil ’s nach bi Breatuinn deònach a thoirt daibh, agus cha’n e mhain nach faigh iad sin, ach tha Breatuinh cho beag earbsa asda ’s gu bheil i a cumail féin-riaghladh uapa air eagal ’s gun cleachd iad an cumhachd a bheireadh sin dhaibh ann a bhi ’g an sgaradh féin uaipe gu buileach. Cha’n eil teagamh idir nach robh Eirinn air a droch riaghladh san am a dh’ fhalbh, ’s cha’n eil teagamh nach eil beagan dhe sin air leantuinn rithe thun an latha ’n diugh, ach thatar a cur as do na droch reachdan a lion beagan us beagan agus tha reachdan na’s fearr a tighinn ’nan àite.
Tha fhios gu’m biodh e chum math nan rioghachdan air leth agus chum math na h-Iompaireachd Bhreatunnaich air fad, na’m biodh pàrlamaidean beaga dhaibh féin, cha’n ann a mhain aig Eirinn ’s aig Alba, ach mar an ceudna aig Sasuìnn ’s aig Wales. Tha’n obair a tha ri dheanamh do na ceithir dùthchannan tuilleadh ’sa chòir air son a bhi air fhàgail aig aon phàrlamaid. Tha moran ùine air a chosg an dràsd anns a phàrlamaid Bhreatunnaich a deanamh reachdan beaga de nach eil a chuìd mhor de na buill a gabhail suim sam bith. An duigh ’s ann a deanamh riaghailtean mu ni-eigin ann an Eirinn, agùs cha’n eil na Sasunnaich no na h-Albannaich og radh dad; am màireach bidh iad a deanamh ni eile air iarrtus nan Albannach agus cha bhi e cur dragh sam bith air na Sasunnaich no air na h-Eirionnaich. Ach ’s e ’s dòcha nach lean iad ùine ro fhada air an dòigh so. Gheibh Eirinn parlamaid dhith féin ged tha i tighinn gu math slaodach; gheibh Alba a pàrlamaid féin agus bheirear an ni ceudna do Shasuinn ’s do Wales. Cha bhi aig an Ard-pharlamaid an sin ri dheanamh ach a bhi dealbh reachdan ’sa cur an òrdugh mithean a bhios cho math ’s cho math do gach rioghachd fa leth.
Tha cuid de dhùthchannan na Roinn-Eorpa tha fulang moran leis an droch shluagh ris an canar “Anarchists.” Tha iad anns an Fhraing, ’sa Ghearmailt, am Belgium ’s ann an Ruisia, agus ge be àite ’m bi iad cha rud math sam bith a bhios fa near dhaibh. Tha na dùthchannan a dh’ ainmich sinn air fàs sgith dhiu agus a deanamh laghannan cruaidhe nan aghaidh. Tha fios us cinnt gu bheil iomadh ni caarr ann an riaghladh nan dùthchannan sin mar tha ann an riaghladh gach dùthaich eile, ach cha’n e ’n dòigh a’s fheau air an ceartachadh a bhi feuchainn ri cur as do dhaoine le ’n séideadh suas le fùdar us dynamite. Tha e glé choltach gu’m bi co-bhonn air a dheanamh leis na rioghachdan uile air son na h-anarchists agus an ais-innleachdan a chur fodha. Cha’n eil e idir freagarrach gu’m plàighean mar tha iadsan a cur beatha agus cuid dhaoine eile ann an cunnart.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Leabhraichean Giliag.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 38. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
Tha luibhre air bristeadh a mach a measg muinntir Shina ann an Columbia Bhreatunnach.
Bha’n corp aig Lachuinn Mac Fhionghain, a bh’air a bhàthadh aig Drochaid Mhabou toiseach a Mhàrt, air fhaotainn feasgar na Sàbaid s’a chaidh.
Chaidh bàthach each a losgadh ann am Baltimore, Di-Màirt s’a chaidh ’s chaidh sia fichead each agus corr us seachd fichead carbad a losgadh na bhroinn.
Tha e air a ràdh gu bheil soitheach Geancach a tighinn gu Sidni cho luath ’sa bhios an acarsaid fosgailte gus luchd guail a thorit air falbh gu New Grenada an ceann a Deas America. ’S e so a cheud luchd guail a chuir Ceap Breatnnn do’n dùthaich sin riomh.
Tha Iris-leabhar na Gaedhlige air tighinn gu ’r làimh uair eile. An deigh so tha e ri bhi air a chur a mach uair ’sa mhios an àite còig uairean ’sa bhliadhna mar bha e roimhe so. Tha sinn glé thoilichte fhaicinn gu bheil a dol cho math dha, ’s ma’s math a tha gu ma seachd fearr a bhitheas.
Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?
Thainig stoirm mhor eile oirnn Di luain s’a chaidh, stoirm a chuir as ar cuimhne an t-sìde bhlàth bha ann roimhe. Thoisich an sneachda air cur tràth ’sa mhaduinn Di-luain agus lean e gun lasachadh gu maduinn Di-màirt. Thuit moran sneachda agus leis a ghaoith a bhi séideadh gu làidir chaidh e na chitheachan agus tha na ròidean air an dùnadh. Bha’n carbad-smùide air a chumail fadalach oidhche Di-luain ’s Di-màirt. Ach tha blàths an earraich againn a nis agus cha mhair an sneachda fada.
Tha càball mor eile ri bhi air a chur troimh ’n Atlantic air an t-samhradh so tighinn. Tha àireamh chàball dhe’n t-seòrsa so a ceangal America ris an Roinn Eòrpa cheana ach the a leithid de chòmhradh aig muinntir an da thaoibh ri dheanamh ri chéile ’s gu bheil e air a mheas iomchuidh fear eile chur ann. Cha’n eil teagamh nach iad so na cearcaill iaruinn a chunnaic Coinneach Odhar a dol mu’n cuairt dhe’n t-saoghal. ’Na latha san ’s beag iomradh a bh’air telegraph na air moran de nithean eile air am beil sinne ’n diugh cho eòlach ’s ged bhiodh iad ann o linn Noah.
NAIDHEACHDAN.
Tha’n obair chreadha aig an International Pier a nis ullamh agus tha ’n luchd oibreach a bha ris an obair sin an déigh falbh.
Tha àireamh de dh’ Eadailtich ’s de Hungarianich air tighinn do’n eilean air son a dhol a dh’ obair air an rathad-iaruin re an t-samhraidh.
Tha na h-uireid de chloinn anns a bhaile tinn leis an fhiabhrus dhearg an dràsda agus tha na sgoiltean air an cur nan tamh eagal gun sgaoil am fiabhrus.
Tha muinntir a bhaile so a gearain air droch cleachdadh a th’aig cuid a dhaoine a bhi fàgail chrasluichean marbha air deigh na h-acarsaid. Tha e na ni mi-thlachdmhor, gle bhuailteach air tinneas a thogail, agus bu chòir stad a chur air.
Aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh bha Mr Routledge a tha chòmhnridh aig Charring Cross mu mhile nach as a bhaile, air a dhùsgadh as a chadal le straoighlich a dh’ fhairich e ’n ceann eile ’n taighe. Chaidh e sios gu cabhagach agus fhuair e an sin duine beag bàn a rùrach gach ni a thigeadh ’na rathad. ’Nuair a chunnaic e fear an taighe, thug e chasan leis a mach air an dorus a faotainn ’san fhàgail, cnag no dha ma’n druinnean. Cha d’ fhuaras sgeul air uaithe sin. Bha glas an doruis air a bristeadh.
Thainig Deòrsa Anderson, Cow Bay ri bheatha fhéin ’sa mhaduinn Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Beagan uine mu’n d’ rinn e ’m gniomh chaid e mach do stòr a bha faisg air laimh, agus cheannaich e na h-uiread de nithean beaga, a measg chàich fùdar us luaidhe. Air dha tighinn dhachaidh chaidh e dh’a rùm féin agus an ceannn beagan mhionaidean chualas urchair. Tiotadh beag an déigh sin fhuaras marbh e, an deigh an urchair a chur troimh ’cheann.
Tha muinntir Halifax a’ gabhail ionghnaidh de thriuir luchd-imrich a tha sa bhaile sin, a tha air tighinn dìreach as an Fhraing ach aig nach eil facal Frangais nan cinn. Tha iad a mhuinntir cearna de’n Fhraing ris an canar Brittany, an dearbh àite o ’n d’ fhuair an t-eilean againn féin ’ainm. Anns an dùthaich bhig sin cha Fhrangaich an sluagh idir; ’s e th’ annta meur dhe’n aon stoc ris na Gaidheil, na h-Eirionnaich agus na Welshich, agus tha fiamhachd mhor aig an cànain ri cànain nan Welshach agus ris a Ghàilig. Tha iad fhéin ’s na fior Fhrangaich cho eadar-dhealaichte o chéile ’s tha Gàidheil us Goill Alba.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 38. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
(Air a leantuinn.)
THA sinn a nis da rìneamh ’s a Ghàidhealtachd oir cha ’neil calla gus an tig sinn nach eil a Ghàidhlig g ’a frasadh air gach laimh dhinn. Dhealaich sinn, aig Calla Ghairbh, ris na h-Urr. Mac Ghille Mhaoil a Ullapul agus Mac Leòid as a Chòigich. Bha aca so ri carbud each a ghabhail air son leth cheud mile mus ruigeadh iad dhachaidh.
Chabhagaich an sin an t-each iaruinn sinn thainis air na garbhlaichean sin eadar Gairbh agus Loch-carunn. Tha sinn a nis ’an sealladh air beanntanan mòra Loch-carunn agus tha ri fhaicinn air gach laimh dhinn raointean mòra do dh’ fhearann gu ’n duine a’ gabhail còmhnuidh orra. Tha stàirneich ar cuibhlichean a faotainn freagradh o mhac talla nam beann air gach taobh dhinn agus chìteadh na caoirich mhòra a teicheadh a null agus a nall aig nuallan (sitreich a b’ àill leam a ràitinn) ar ’n eich iaruinn. Tha sinn à nis am fiannis Lochcarunn. Tha calla an eich iarruinn air aonach a bhruthaich agus chi sinn am baile aig bonn na beinne air taobh a tuath a ghlinne. Feumaidh gu’r e àite taitneach a bhi chòmhnuidh ann a tha ann leis a bheinn mhòir ag cumail fasgaidh air o’n ghaoith a tuath agus a ghrian a taomadh a blàthais air o ’n taobh a deas. Tha m’ inntinn gu mòr air a lionadh le tograidhean air son sgriob a thoirt air feadh an àite so. Is ann an so a shaoithrich an duine ainmeil Lachlain Mac Coinnich o chionn dlùth air ceud bliadhna. Tha gach àite timchioll làn do chuimhneachanan air a ghniomharan agus a bhriathran. Tha e air aithris gu’n d’ thubhairt e goirid mu’s do bhàsaich é ma bhà esan ag innseadh na fìrinn dhaibh gu’m fàsadh craobh ’s an àite ’s an robh e na sheasamh (a chùbaid) agus nach faigheadh duine bhiodh beò samhla a cuid fiodha. Dh’ fhàs a chraobh cinnteach gu leòr agus, mu’s fior an ràth, cha ’n eil ainm air an fhiodh a tha innte. Gu bhi a’ soilleireachadh a chreideis a tha aig muinntir an dùthcha ann an spiorad fàthadaireachd Mhaighstir Lachlain innsidh mi a naigheachd bheag a leanas. Chaidh duine còir a mhuinntir Cheap Bhreatuinn air chuairt do Loch-carunn a chionn faisg air fichead bliadhna agus air dhà a bhi ’an comunn bana-charaid dha a dol mu’n cuairt, thàinig iad gu ballachan Eaglais Mhaigstir Lachlain. Sheall i a chraobh dha agus ars ise. “Dh’ fhàs i mar a thubhairt an duine beannaichte.” Thug an Ceap Breatuinneach slis aisde agus, ceart gu leòr, cha do rinn e ’mach am fiodh. “Am bheil thu féin a’ creidsinn gu’n d’ thubhairt Maighstir Lachlain a chainnt,” ars esan? “O ’s mi a tha” ars ise. “Agus cia mar eile,” ars ise, “a dh fàsadh a leithid do chraoibh na leithid do dh’ àite?” “Mu tà innsidh mise sin dhuit,” ars esan. “ ’Nuair a bhitheas eòin a tha air falbh fad a gheamhraidh anns na dùthchannan mu thuath a tighinn air ais an toiseach an t-samhraidh bithidh iad ag itealaich thairis air na h-àiteachan so agus thachair gu’n d’ rinn aon dhiubh aolach ’s an dearbh àite so, agus ’s an aolach sin bha fras coille a Lochlunn, na cearn eile, as an do dh’ fhàs a chraobh so.” Bha a bhean bhochd air a h-uamhasachadh. Cha robh i air a cleachdadh ri leithid so do reusonachadh oir bha i a’ creidsinn ann an fàthadaireachd Mhaighstir Lachlain ceart cho mòr ’s a bha i ’s a Bhiobull.
Ach fàgaidh sinn an ceann so oir tha sinn ri cunntas a thabhairt air cearnaibh eile do ’n Ghaidhealtachd. Tha sinn a nis air ar turas sios le gleann agus ri cliathaich na beinne mòir air taobh a deas a ghlinne gus mu dheireadh am bheil sinn aig a chladach agus ’s an àite sin ris an abair iad “An Stròm.” Tha dà bhàta Smùid g’ar feitheamh aon air son luchd turais a thabhairt gu Steòrnobhadh agus aon eile air son Phort Righ. Ghabh mi te Phort Righ agus thug i mi ’an uair do thìm gu Ploc Loch Aills far an do rùnaich mi fuireach car oidhche. Fhuair mi aoidheachd an tigh ministeir na h-Eaglais Shaoir, Maighstir Sinclair. Cha robh àite air mo shon ’s an Tigh Osda. Is e baile beag iasgaich a tha ’n so. Cha ’n eil tigh ann ach tigh dà shimileir agus tha coslas air mòran do bhochdain crannchuir air an luchd àiteachaidh. Chuir mi seachad oidhche thoilichte comhla ris an duine dhiadhaidh so. Bhà e a’ toirt dhomh mòran do naigheachdan air na seann athraichean a dh’ fhalbh. Chaidh sinn cuairt a dh’ fhaicinn an àite agus thainig sinn gu cùil no glaic anns an robh gàradh air a thogail agus dorus air. Dh’ fhosgail e ’n dorus agus ’nuair a chaidh sinn a steach bha ann an sin bocsa a chomanachaidh agus air gach laimh dhe agus mu choinneamh bha sreathan do dh’ àiteachean suidhe air an deanamh le ceapan, aon ag èiridh air cùl aoin mar a gheibhear ann an Tighean Ionghaidhean agus cluich chleasan(Theaters) ’s na bailtean mòra.
(Ri leantuinn.)
POSAIDHEAN.
Air a Chladach a Tuath, air a 22mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Iain Friseal, Iain Mac Gille-Mhicheil us Anna Mhathanach, nighean do Choinneach Ma thanach.
Am Mira a air an 2ra latha dh’ April, leil an Urr, Uilleam Calder, Domhnull Mac-a- Phiocair us Flòiridh Nic Gilloain.
Air an treas latha de dh’ April, leis an Urr. Uilleam Calder, Alasdair Mac-an-t- Saoir, Loch Ghabarus, us Seonaid Nic Gille-mhoire, Mira.
Aig a Bheinn Bhreagh, Baddeck, leis an Urr. D. Dùghallach, Iain Mac Philip us Rose Nic Cann.
An Antigonish, air an 27mh la dhe’n Mhart, leis an Urr. Uisdean Gillios, Aonghas Camaran us Anna Nic Gillebhràth.
Aig Loch Ainslie, air an 13mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Alasdair Grannd, Eachunn Mac Phail us Seònaid Dhomhnullach.
Aig Guernsey Cove, E. P. I., air an 29mh la dhe’n Mhàrt, leis an Urr. Eoghan Gillios, B. J. Beck us Sine Aoidh.
BAIS.
AigNew Glasgow,April 1, Seònaid Stiùbhart, bantrach Uisdein ’Ic Aoidh, 66 bliadhna dh’aois.
AigNew Glasgow,31mh la dhe’n Mhàrt, Iain Mac Raing, 45 bliadhna dh’ aois.
Aig taobh tuath Rudha Sheòrais, Antigonish, 25mh la dhe’n Mhàrt, Alasdair Mac-an Leigh, 65 bliadhna dh’ aois.
AigGlen Road, Antigonish,an 23 la dhe’n Mhàrt, Seonaid Chenadach, 60 bliadhna dh’ aois. R. I. P.
Aig Mabou Bheag, Mairi Nic Gilleain, bean ’Iaan ’Ic Isaic. R. I. P.
AigIrish Cove,an 25mh dhe’n Mhàrt Mairi Nic Gilleain, bantrach Iain Ghillios. R. I. P.
Aig Fourchu, April 1d, Sine, bean A. D. ’Ic Aoidh, nighean do dh’ Ullleam Domhnullach, 20 bliadhna dh’ aois.
THA MEAS AIRMINARD ’S LINIMENT.
C. C. RICHARDS & CO.
Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000 .00, agus paighear thu mar a’s àbhaist.
F . J. BARNES.
St. John’s.
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
[Vol . 2. No. 38. p. 7]
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D
CAIB. VI. —Air a leantuinn.
Bha brataichean fada ’snàmh agus ag criothnachadh anns an iarmailt; bha brat-roinn sin a ta neo-fhaicsineach air na da mhìr, chriothnaich na reultan le mor ghàirdeachas, agus chualas iolach mar fharam sluaigh a bhaile mhoir aig crùnadh an rìgh. Aig sàmhchair na meadhon oidhche mar an ceudna, chunnaic Timoteus a bha ’na chaithris an crann mor a dealradh le solus neo-chumanta mar gu’m bitheadh ainglean Dhé a dìreadh agus a tearnadh air; cha do labhair e diog mu’n t-sealladh, ach chnuasaich e ’chùis ’na chridhe. Bha na maraichean a nis ag obair le ’n uile chridhe, agus bha iad ag ùrnuigh ri Dia air son gaoith fhàbharraich. Bha sìth nam measg, agus ma bha aon diu fhathast fo theagamh, bha an an-earbsa air a cumail am falach. Chuir Dearrsadh féin air coltas na h-irioslachd agus bha e farumach ann an ùrnuigh. Bha a ghluasad glé choltach ri sin o thùs. Bha Timoteus air a mheas airidh air urram leis gach aon air bòrd.
B’e cheud ni a thug an-fhois do Chriosduidh nuair bha e aig àm bidh maille ri ’theaghlach ’sa thug aon fa-near nach robh am biadh cho blasda sa bha e ’sna làithean a dh’fhalbh. An uair dh’éirich e chum dol suas, dh’fheòraich a bhean dheth an ruigeadh iad fearann an ùine ghearr; “dh’fhaodadh atharrachadh bidh bhi ’na bhuannachd dh’n chloinn.” Fhreagair Criosduidh a mhain, “Tha fios aig ur n-athair cia iad na nithean a ta dh’uireasbhuidh oirbh.” ’Nuair chaidh e suas air clàr-uachdar na luinge, bheachd-smuainich e air am briathran agus rannsaich e a chairt-iùil a dh’fhaicinn am biodh ’nan comas beagan ùine chur seachad air eilean Riarachadh Saoghalta, eilean a thigeadh ’san t-sealladh am beagan làithean. Bha’n cùrsa bu dìriche dol seachad dlùth dha, agus bha e air àithneadh a sheachnadh. Cho-dhuin e uime sin nach tugadh e cluas do chànran na cloinne. Gidheadh, aig àm a bhidh, thug e-féin fa near gu robh an t-aran car domblasda agus an t-iasg car tioram. Bha fadal air na maraichean mar an ceudna air son atharrachaidh, air dha’n latha ’n diugh bhi coltach ris an latha ’n dé. Bha iad neo-chùramach ann a bhi ’socrachadh an inntinn air an tir dh’ionnsuidh an robh iad a triall, agus ’nuair chunnaic iad ’san astar eileanan a chuain, a mheas iad a riaraicheadh uile run an cridheachan, bha fadal orra gu dhol air tir, cha ne gu’n smuainich aon diubh gu’n aomadh iad Criosduidh bho ni air bith agus sin a sholadh esan bhi ceart.
(Ri leantuinn.)
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 38. p. 8]
An Gobhainn.
LEHENRY WADSWORTH LONGFELLOW.
Tha cheardach bheag fo sgail na craoibh
’Tha cinntinn dluth do ’n stuaidh;
Tha ’n gobhainn dreachmhor, laidir, treun,
Le neul na slaint’ ’n a ghruaidh;
’S a ghairdean calma, feitheach, mor,
Mar ghàd d’ an iarunn chruaidh.
Tha ’fhalt dubh, fada, brisgeach, garbh,
Tha ’aodann donn mar bhéin;
Tha ’bhathais fliuch le fallus trom,
’S e ’n geail air ’obair fein,
Gun sgath fo shuil an t-saogh’il air fad,
’S gun e ’n eis’meil neach fo ’n ghrein.
O mhoch gu oidhch’, a ghnath ’s gun tamh,
Cluinnidh tu ’bhuilg ri srann;
A’s slachdraich ghramail an uird-mhoir,
Gu riagh’ltcach, socair, teann,
Mar bhuille cluig ’s a’ chlachan chiuin,
Aig ciaradh feasgair fann.
Aig dorus na ceardach, clann na sgoil’,
Ged ’s aotram, ait an ceum,
Seasaidh, le fiamh roimh ’n teine mhor,
’S na builg is toirmeach geum,
’S a’ coimhead nan sradan ’tha, mar mholl
Air urlar-bualaidh, ’leum.
Di-Domhnaich, an tigh-aoraidh Dhe,
’S a mhic ri ’thaobh le baigh,
Suidhidh e ’g eisdeachd Sgeul na Sith,—
A’s cluinnidh e ’nighean ghraidh
A’ seinn gu binn ’s a’ choisir-chiuil,
’S lionaidh a chridh’ lan aigh.
Tha ’guth, thar leis, mar ghuth a math’r,
Am Paras Dhe a’ luaidh!
Eiridh i suas ’n a bheachd a ris,
Ged tha i sinnt’ ’s an uaigh;
’S le ’laimh chruaidh siabaidh e air falbh
Na deura bharr a ghruaidh.
Gu saoth’reach, —aoibhneach—doilgheasach,
Tha ’bheatha ’ruith gun tamh;
N ùr ’g a thoiseachadh gach moch,
’S e deas aig crìoch an là;
Rud-eigin feuchta, rud-eigin réidh,
’S a dhuais, —trom-chadal tlath.
Air son an teagaisg ’fhuair sinn uait,
Taing dhuit a charaid chaoin;
Mar so, air teallach dhearg an t-saogh’il,
Oibrichear crannchur dhaoin’;
’S air innein cruaidh na beatha fos,
Dealbhar gach gniomh a’s smaoin.
Eadar. le MAC-MHARCUIS.
Oran na Misge
LE IAIN MOIREASTAN, GOBHA NA H-EARRADH.
Na measaibh mo dhàn dhuibh a chàirdean mo ghaoil
A mhàin air sgàth bàrdachd; tha gràdh ann dha ’r taobh;
’S e cuspair mo chàinidh a phlàigh sinn nach caomh,
A’ MHISG thug sgrios mhìllte air mòran.
SEISD.
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl,
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl,
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh o’n òl,
Ma ’n sgriosair gu bròn fa-dheoidh sibh.
Am b’ àill leibh mi chàineadh ur nàmhaid ro mhòr,
’Mhill an cliù air mor àireamh ’sa dh’ fhàg iad gun stòr;
’S dheth ’n anmaibh neo-bhàsmhor rinn tràillean gun deò,
Gu ifrinn a bhròin ’ga seòladh.
Mhill a mhisg ort do bhuitheas, ’s do chliù chuir gu làr,
Dh’ fhag i creacht agus spùinnt ’thu gun ionntas, gun tàin,
Mheall i riamh thu le sùgradh gus ’n do lùb thu dh’a càil
’S gu’n do dh’ fhàg i do’n ghràisg na do spòrs thu.
Bheir i masladh us nàir’ ort a’s tàireil’ gu mor
Na bhi do na ghràisg ad cheòl-gàire ’s làn-beoil,
Mur pill thu tre ghràs bheir i bàs ort fa-dheòidh,
’S air t-anam bheis bròn gun dòchas.
Mar mhill i do reusan, ’s troimh-chéil’ chur ad cheann,
Mar bhrùid air bheag céille le déistinneachd cainnt,
Bidh riasladh air Beurla, “Diel take it” ’s “G—— d—— m,”
Bidh sid air gach ceann dhe chòmhradh.
Gheibh fear a cheud dòrn air an t-sròin ’s ni i leum,
Fear eile air a sgròbadh is tòiceadh na bheul,
Bidh fiaclan fir leòinte is stòrradh na dheud,
Is fhaluinn gu léir ’na stròicean.
Fear ’sa cheann air a ghearradh, fear ’sa mhal’ air a ghruaidh,
Fear a gearain fo’n chainneart, ag achain gu gu truagh
Mar stamp iad air amhaich ’sa charraid bha cruaidh
’Nuair thuit e na luaithrean fòpa.
Tha peanas na misge gu tric ’na ’sgiort féin,
Aisinnibh briste, gu tric, is cnead cléibh,
Guaillibh is iosgaidibh sioch thar a chéil’
Rinn crioplaich gun fheum do mhòran.
’S e sud a dh’ fhag àireamh cho bàrlagach, lom,
’S cho eòlach air snàthaid gu tàthadh nan clout;
Air dath cha bhi tàire ma chàireas e toll,
Geal, dubh, glas no donn, ma’s a clò e.
Their thu rium nach fear pòit thu, chionn stip nach do phàigh,
’S nach do shuidh thu ’s tigh-òsda ’chionn còrr agus ràith,
’Nuair ’s fiosrach e dhòmhsa gun òl thu mar ràic
’Nuair gheibh thu deoch sglèip aip tòrradh.
(Ri leantuinn.)
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 38 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 38. %p |
parent text | Volume 2 |