[Vol . 2. No. 39. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 21, 1894. No. 39.
Sonas nan Ainmhidh agus nan Eun.
Tha e ro thaitneach a bhi ’beachdachadh air suilbhearachd agus air toilinntinn nan ainmhidh agus nan eum, an uair a bhios an aimsir freagarrach air an gairdeachas a nithear leis na h-eoin bheag, agus na binn-cheilearan leis an seinn iad ri blathas an Earraich agus an t-Samhraidh? Is minic, air an doigh so, tha iad ’n an aobhar farmaid do mhac an duine, a tha, air amannaibh, trom, muladach le trioblaidibh, agus saruichte le h-amhgharaibh an t-saoghail aingidh so! Tha moran aig an duine ’n a chomas chum sonas nan creutair sin a mheudachadh, a thugadh dha air son feum araidh; feudaidh e bhi air son loin g’ a bheachachadh, agus air son an earraidh leis am bheil e air a sgeudachadh. Gu cinnteach, uine sin, ’s e dleas’nas an duine a bhi buntainn gu cairdeil riu. Tha cuid ann, gidheadh, a ta ’gabhail tlachd ann a bhi ’milleadh agus a’ marbhadh nam beathaichean neo-chiontach sin, nach ’eil a’ deanamh cron air neach no air ni sam bith mu ’n cuairt doibh. Tha na h-ainmhidhean comasach air an taingeileachd fein a nochdadh dhoibh-san a bhios cairdeil riu, agus ni iad sin gu treibhdhireach, agus gun fhoill sam bith. Is math a dh’ aithnicheas iad an neach sin a bhios cairdeil agus caoimhneil riu. Fanaichidh a’ mhuc fein an neach a bhios gu riaghailteach ’g a beathachadh, agus air a doigh fein bheir i taing dha. Nochdaidh an crodh an toilinntinn fein an uair a chi iad a’ mhuinntir a bha ’frithealadh orra, agus cairdeil riu. Crathaidh iad cn cluasan agus sinidh iad a mach an srona dubha, fliuch mar chomhar air an taingeileachd agus an deagh-ghean fein. Ni, mar an ceudna, an cu moran othail ris-san a ni dheth, agus a bhios gu maith dha. Agus faicibh an seann each dubh ud a rainig corr is fichead bliadhn’ a dh-aois, agus tha e ceart co eolach air gach neach mu ’n cuairt da ri ’mhaighstir fein. Faicibh e a’ toirt foise d’ a cheann air a’ chachliadh, an uair a tha e’ faicinn fear-an-tighe a’ dluthachadh ris, an duil gu ’m faigh e ubhal no mir arain as a laimh. Mar so, tha e mar fhiachaidh air na h-uile bhi cairdeil ris na bruidibh bochda nach urrainn an uireasbhuidhean fein ’innseadh, agus gun a bhi uair sam bith ’g an geur-leanmhuinn agus ’g an gearradh as. Tha ’n duine glic ag radh mar so, “Bithidh curam aig an duine ionraic do bheatha ’ainmhidh, ach is an-iochdmhor truacantais nan aingidh.” —An Gaidheal.
Am Maighistir agus an Gille.
Bha uair-eigin roimhe so droch thiomannan ann agus bha moran de sheirbhisich ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann daibh. Bha tuathanach an sin, agus cha gabhadh e gille sam bith ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e ’n a bheul de ’n t-siol, ’n uair bhiodh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal.
Cha robh gin a’ gabhail aige. Mu dheireadh thubhairt e, gu ’n leigeadh e leo an siol a chur anns an ire a b’ fhearr a bhiodh aige, agus gum faigheadh iad na h-eich, s an crann aige fein a dheanamh an treabhaidh agus na h-eich aige fein thun a’ chliathaidh.
Bha gille og an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise agad,” ’s chuir an tuathanach muinntireas air. ’S e am bargan a rinn iad, gu ’m b’ e an tuarasdal a bha gu bhi aige a’ ghille, na ghlacadh e de graineanan sil ’n a bheul, tra bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin a chur anns an ire b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinneadh air an t-siol sin a ghlediheadh agus ciod air bith an siol a ghlacadh e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, a chur comhla ris, agus sin a chur anns an ire a b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, no goireis air bith eile a bhiodh feumail da airson cur no buain, fhaotuinn o ’mhaighistir; agus mar sin gu ceann ’n an seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean ’s an t-sabhal a’ bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneis de’n bharr, agus seachd fogharaidhean buana, agus ciod air bith an tighinn am mach a bhiodh ann an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’ e sin an duais a bha gu bhi aige ’n uair dh’ fhalbhadh e.
Chaidh an gille dhachaidh gu ’mhaighistir agus daonnan ’n uair bhiodh e a’ bualadh anns an t-sabhal, bhitheadh a mhaighistir a’ bualadh leis. Agus cha d’ rug e ’n a bheul, ach air tri graineanan gus an d’ thainig an t-earrach, agus chuir e iad anns an ire b’ fhearr a bh’ aig a’ bhodach.
Chinn asda sin tri diasan, agus bha air gach dias, tri-fichead graine math sil.
Ghleidh an gille iad sin gu curamach, agus ciod air bith graine sil air an do rug e, chuir e comhla riu iad.
Chuir e iad sin a rithis air an ath earrach. Agus aig an fhogharadh a rithis bha toradh aige, cho math ’s a bh’ aige a’ bhliadhna roimhe sin.
Chuir an gille seachad a shiol gu curamach, agus ciod air bith a ghlac e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh ’s an ath gheamhradh, chuir e maille ris a’ chuid eile e.
Agus mar sin do ’n ghille, o bhliadhna gu bliadhna gus mo dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid, gu ’n do chuir an gille, air a’ bliadhna mu dheireadh na h-uile ire threabhaidh a bh’ aig a’ bhodach. Agus bha corr sil aige r’ a chur agus cha mhor nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar da mal a phaigheadh do ’n tuathanach a b’ fhaisge dha, air son ire ’s an cuireadh an gille an corr sil a bh’ aige, agus pairt de’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnd air an ionaltradh iad; agus cha deanadh e baragan air a’ cheart doigh ri gille gu brath tuille. —Seann Sgeulachd.
[Vol . 2. No. 39. p. 2]
NA SEAN-FHACAIL.
II.
(a) “SID A’ BHUILLE AIG AN STADADH MATHAIR.”
A REIR mar a chuala mi bha duine ann o chionn fada do ’m b’ ainm Boban Saor. Cha robh duine ann ri ’linn a dheanadh cubaireachd cho math ris. Cha robh ann ach duine gle bheag, meata, ged a bha e ainmeil mar fhear ceairde. Ainmeil ’s mar a bha e cha b’ urrainn da daoine thoileachadh. Gheibheadh iad coire air chor-eiginn do na h-uile soitheach a dheanadh e. Am fear nach biodh mor bhiodh e beag; am fear nach biodh cumhann bhiodh e farsuinn.
Rinn e tuba a bha anabarrach math, agus a bha ro ghrinn air a chur ri cheile. Bha e ga dheanamh fhein lan-chinnteach nach b’ urrainn duine sam bith cron fhaotainn dha. Chaidh e fhein fo bheul an tuba ri taobh an rathaid feuch an cluinneadh e ciod am beachd a bhiodh aig luchd-ghabhail an rathaid air. Cha robh e fada fo bheul an tuba an uair a thainig dithis no triuir dhaoine. Sheas iad an uair a thug iad an aire do ’n tuba, agus thug fear dhiubh breab dha, agus thuirt e:—
“Nach math fhein an lamh a th’ aig an fhear a rinn an tuba so. Mur ’eil mi air mo mhealladh ’s e Boban Saor a rinn e. Cha ’n ’eil cron fo ’n ghrein air ach an aon chron—tha e car domhain. B’ fheairrde e da oirleach a bhith dheth.”
“Tha thu direach aige,” ars’ am fear eile, “tha e car domhain gun teagamh; ach nan robh e beagan ni b’ fharsuinne na tha e, dheanadh e ’n gnothach taghta math. Na’m bu leamsa e chuirinn an sabh air, agus bheirinn pailt da oirleach dheth.”
Mhol an treas fear an tuba air son cho snasail ’s a bha e air a dheanamh, ach cha dubhairt e ’n corr.
An uair a dh’ fhalbh na fir thainig Boban Saor a mach o bheul an tuba, agus thug e da oirleach dheth, agus chaidh e rithist a steach fo ’bheul feuch an cluinneadh e ciod a theireadh luchd-ghabhail an rathaid. Cha robh e fada fo’n tuba an uair a thainig triuir no ceathrar eile.
Sheas iad aig an tuba, agus thoisich iad ri moladh cho fior shnasail ’s a bha e air a dheanamh. Ach thuirt iad a beul a cheile gu robh e tuilleadh is iosal, agus nan robh e da oirleach ni b’airde na bha e nach b’urrainn tuab bhith ni b’fhearr na e. An uair a dh’ fhalbh iad thainig Boban Saor a mach o bheul an tuba, agus thuirt e ris fhein gu ’m bu cheart cho math dha sgur a dh’ fheuchainn ri daoine thoileachadh.
Bha nigheann aig Boban Saor a bha ainmeil ’na latha air son cho glic, agus cho tuigseach ’s a bha i. Bhiodh i ’n comhnuidh anns an taigh chubaireachd an uair a bhiodh a h-athair ag obair, agus bhiodh i ’gabhail beachd air a h-uile car a bhiodh a h-athair a’ deanamh. Thuigeadh i a cheart cho math ri h-athair, air fuaim na buile, an uair a bhiodh an cearcall teann gu leor. Air latha araidh bha i ’dol seachad air taigh cubaireachd, agus chual i ’n cubair a’ teannachadh cearcaill. Sheas i ’g a eisdeachd. An uair a dh’ aithnich i air fuaim na buille gu robh ’n cearcall teann gu leor thuirt i:—
“Sid a’ bhuille aig an stadadh m’ athair.”
Ach cha do stad an cubair aig a’ bhuille ud idir, agus mu’n d’ thug e thar buille no dha eile do ’n chearcall bhrist e. Nan do stad e aig a’ bhuille aig am bu choir dha stad bha ’chuis ceart. Le buille no dha a bharrachd a thoirt do ’n chearcall air na bu choir dha, thug e dragh inntinn agus tuilleadh obrach dha fhein, agus cha d’ rinn e feum sam bith do neach sam bith eile, mur do chuir e sgillinn ann am pocaid an fhir a bhiodh a’ deanamh nan cearcall.
Tha moran gliocais air ’fhilleadh a staigh anns na briathran so a labhair nigheann Bhobain Shaoir. Tha iad coltach ri sean-fhacal no dha eile a bha aon uair gle chumanta anns an duthaich:— “An uair a’s teinne an taod ’s ann a’s docha e bhristeadh.” “Is fheairrde brà a breacadh ach gun a bristeadh.”
Ma bhios daoine tuilleadh is cruaidh air an cloinn, no air an luchd-muinntir, faodaidh iad a bhith cinnteach gu ’n dean iad cron cho mor ’s a dheanadh iad nan leigeadh iad tuilleadh ’s a’ choir de’n toil fhein leo. Mur bi an cearcall teann gu leor cha dean e feum sam bith, agus ma bhios e tuilleadh is teann faodar a bhith cinnteach gu’m brist e.
Feumaidh am beag ’s am mor, an sean ’s an t-og tomhas riaghailteach de ’n toil fhein fhaotainn. Agus an uair a theid iad ceum bhar na slighe, feumar an cronachadh; ach cha choir an garg-chronachadh.
Tha coir againn an aite fhein a thoirt do na h-uile, ach feumaidh sinn ar ceart aire thoirt nach fhaigh iad aite air nach ’eil iad airidh.
An uair a tha neach sam bith airidh air moladh is coir a mholadh; ach ma mholar neach tuilleadh is mor, no tuilleadh is tric, faodar cron a dheanamh dha. Feumaidh an seol a bhith a reir a’ bhata, agus an t-soirbheis. Ma bhois e ro mhor, theid i thairis, agus ma bhios e ro bheag cha dean i astar.
Ann an iomadh suidheachadh, agus aig iomadh àm dh’ fhaodadh an sean-fhacal so feum mor a dheanamh do gach neach. Ach feumaidh sinn a thoirt fa near nach ’eil e idir cho furasda dhuinn a chur an cleachdadh ’s a tha e labhairt uime. Bha nigheann Bhobain Shaoir iomadh latha cluinntinn fuaim cur nan cearcall mu ’n do thuig i cuin a bhiodh iad teann gu leor. Ach thuig i e do bhrigh gu robh i ’ga thoirt fa near. Tha moran ann nach toir fa near na nithean a chi ’s a chluinn aig àm sam bith. Cha toir iad fa near cia mar is coir dhaibh an obair a ghabh iad os laimh a dheanamh. So mar a thachair do ’n chubair a bha ’teannachadh a’ chearcaill riamh gus an do bhrist e. Nach tric a chi agus a chluinn sinn muinntir ri obair agus ri cainnt mu nach ’eil a’ bheag a dh’eolas aca? Mur toir duine fa near cia mar is coir dha a ghnothach a dheanamh, cha ’n fhaigh e air aghaidh gu brath. Ach mar is trice, an uair a theid cuisean gu tur an aghaidh duine, cuiridh e gach coire air falbh uaith fhein, agus a dh’ ionnsuidh ni no neach eiginn eile. “Is fhada bhios fear o ’n taigh mu ’n toir e droch sgeul dhachaidh air fhein.”
(b) “O NACH LEAM CHA TARRUINN.”
Bha duine og ann aon uair a bha deanamh suas ri triuir de nigheannan oga aig an aon am. Cho fad ’s a b’aithne dha, bha iad nan triuir gun mar-a- bhiodh orra. Ach bha aon ni ann air nach robh fios aige, agus b’ e sin, co an te a b’ fhearr nadur dhiubh. Bha fhios aige nach ’eil e soirbh a dh’ fhear sam bith fios fhaotainn air nadur nighinn an uair a tha e ’deanamh suas rithe. Gu naduarra tha h-uile nigheann, agus a h-uile gille a’ feuchainn ri bhith cho grinn ’s cho ciuin ’s cho
[Vol . 2. No. 39. p. 3]
modhail ri cheile ’s a ghabhas deanamh an uair a tha iad a’ deanamh suas ri cheile. Bha fhios aige mar an ceudna gu ’m biodh e mi-thoilichte a h-uile latha ri bheo nam posadh e te aig am biodh droch nadur. Is docha gu ’n cuala e an seann oran anns an robh an ceathramh so:—
“Bean an droch naduir,
’S coma leam fhein dhi,
Bean an droch naduir neonaich,
Bean an droch naduir,
’S coma leam fhein dhi;
B’ fhearr leam bhith falamh na ’posadh.”
Coma co dhiu, air dha bhith gu tric a’ dol fo ’smaointean mu ’n chuis, bhuail e anns an inntinn aige gu robh aon doigh ann co dhiu leis am faodadh e gne de bheachd fhaotainn co an te dhiubh a b’fhearr nadur. Dh’iarr e orra ’nan triuir a choinneachadh air latha araidh aig sruthan beag a bha air cul a’ mhonaidh. An uair a choinnich iad aig an t-sruthan so thuirt e riu gu robh tlachd cho mor aige dhiubh nan triuir ’s nach robh fhios aige, co ’n te dhiubh de ’n deanadh e roghainn. “Tha fhios agaibh’” ars’ esan, “nach fhaod mise ach aon te dhibh a phosadh; agus cha mho a tha soirbh dhomh a radh co an te dhibh a’s fhearr a ni bean dhomh. Ach mu ’m fag sinn so feumaidh mi ’chuis a chur an dara taobh. Nighibh bhur lamhan ’n ’ur triuir anns an t-sruthan, agus tha aon searbhadair agamsa an so, agus bheir mi dhuibh eadraibh e gus ’ur lamhan a thiormachadh, agus an te a’s luaithe aig am bi a lamhan tioram ’s i ’phosas mi.” Dh’ aontaich iad nan triuir gu robh so ceart. Nigh iad an lamhan, agus an uair a shin e dhaibh an searbhadair, rug dithis dhuibh air ceann an te dheth, agus thoisich iad air a tharruinn o cheile. ’S e ’bh’ ann gu’n deachaidh iad ann an gruagan a cheile, agus mu ’n do stad iad bha fuil a cheile muigh aca. Cha deachaidh an treas te nan coir an uair a chunnaic i an obair a bh’ aca. Thoisich i air bualadh a lamhan ri cheile agus ri radh, “O nach leam cha tarruinn, O nach leam cha tarruinn.” Cha robh a lamhan tiotadh a’ tiormachadh. Bha iad tioram aice roimh ’n dithis eile, agus a bharrachd air sin, dhearbh i gu robh nadur ni b’ fhearr aice na bh’ aig a h-aon dhiubh.
B’fhearr gu’n deanadh a h-uile te mar a rinn i so. Nam fanadh muinntir o gach ni ris nach ’eil gnothach aca, bhiodh an saoghal moran ni ’s fhearr na tha e. Nach tric a chi sinn aimhreit ag eiridh eadar dhaoine mu nithean nach buin dhaibh. Dh’ faodadh dithis a bhith reidh gu leor mu ’n aon t-searbhadair. Ach bha iad so mar a bha, agus a tha, moran eile. Cha ’n fhoghnadh leo an gnothach fhein a dheanamh, ach dh’ fheumadh iad gnothadh a h-uile neach eile ’chumail air dheireadh. Cha do chaill neach riamh air an aire thoirt d’ a ghnothach fhein. An ni nach fhaigh sinn le sith tha e cho math dhuinn e bhith uainn ri e bhith againn. “O nach leam cha tarruinn.”
LAIN.
THA MEAS AIRMINARD ’S LINIMENT.
C. C. RICHARDS & CO. —
Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000 .00, agus paighear thu mar a’s àbhaist.
F . J. BARNES.
St. John’s.
’S ann aig D. J. Domhnullach air sraid Wentworth a tha ’m bathar a’s gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e gan creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 39. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, APPIL 21, 1894.
Bha acarsaid Mhontreal fosgailte air an t-seachdain s’a chaidh. Cha bhi’n ùine fada nis gus am bi e ’n comas shoithichean dhe gach seorsa am port a ruigheachd.
Thuit tigh tri stòraidhean a dh’airde am broinn a chéile ann am Brooklyn, N. Y., an oidhche roimhe agus bha àireamh mhor dhe na bha stigh air am marbhadh agus àireamh na bu mhò air an leònadh.
Tha’n t-sìde nis air tionndadh blàth agus tha barrachd de dhreach an earraich air an dùthaich. Leis an sneachda bhi leaghadh gu bras tha na ròidean gle bhog ach ann an corra àite tha iad a tiormachadh.
Air a chòigeamh la deug dhe’n Mhàrt, bha’n t-Urr. Iain Mac Néill a Uptergrove, Ontario, air a phòsadh ri Eaglais Chalmers ann an Cowal. Rugadh agus thogadh Mr. Mac Néill aig Acarsaid Choinn Fhionghain, ’s an eilean so. Bha e air chuairt an eilean a dhùthchais toiseach an earraich, agus ’nuair bha e ann an Sidni chuir e ’ainm sios air son a MHAC-TALLA.
Chunnacas sealladh rud-eigin neo-àhhaisteach aig Caolas Chanso aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha cnapan mora deighe a dol leis an t-sruth troimh ’n chaolas agus air fear dhiubh bha ochd caoraich ri’m faicinn. Fhuaras an toirt uile gu tir agus bha h-uile aon dhiubh beò ach air an leth mheileachadh. ’S i cheist a nis co as a thainig iad ’s cia mar fhuair iad a dhol air an deigh.
NAIDHEACHDAN.
B’i ’n stoirm shneachda bha againn o chionn ghoirid stoirm cho dona ’s a bh’ anns an dùthaich so o chionn àireamh bhliadhnaichean. Tha cuid ag radh nach, robh a leithid ànn o chionn dusan bliadhna.
Chaidh duin’ og aig Abhainn Sheòrais a ghoirteachadh gu dona anns a choille aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e a leagail craoibhe, agus muair bha i tuiteam thainig i mu’n cuairt agus bhuail i ’sa cheann air. Bha e ùine mhor nach d’ fhuaras guth uaithe, agus ged tha e beò fhathast, cha’n eil mor choltas air gu’m faigh e thairis air.
Mharbh Ailein Mac Leoid, aig an International Pier, muc air an t-seachdain so; cha robh i ach mu dheich miosan a dh’ aois, agus chothromaich i tri cheud ceithir fichead us còig puinnd (385 lbs. ), ceithir fichead punnd sa còig thairis air punnd mu choinneamh a h-uile latha bha i beò. Fhuair e aon sent deug (11 cts.) am punnd air an fheòil. Mharbh e muc eile mu’n am so ’n uiridh a bha pailt na b’ fhearr na i so.
Tha litrichean a Rio Janeiro an ceann a deas America ag innse gu bheil am fiabhrus buidhe a deanamh sgath uamhasach anns a’ bhaile sin. Tha ’m fiabhrus anabarrach gabhaltach agus tha e cho marbhtach ’s gu bheil ceathrar as a h-uile deichnear a ghabhas e a bàsachadh. Ann an aon latha bhàsaich ceud ’sa dha dheug leis. Tha na taighean-eiridinn air an dòmhlachadh le luchd an fhiabhruis. Thaghail aon soitheach Geancach anns a phort agus an diugh cha’n eil duine as an fhichead a bh’ air bòrdair fhàgail beò.
A GLEANN-A GARRAIDH. —Tha ar deagh charaide, Aonghas Mac ’Ille, mhaoil, anns an Lagan, Siorramachd Ghlinn-Garraidh, Ontario, a sgriobhadh thugainn mar a leanas mu chor na dùthcha.— “Tha feur, fodar, ’sa h-uile seòrsa gràin glè phailt an so am bliadhna, agus ann am pris mheadhonaich mhath cuideachd. Ach tha na tuathanaich ag gearain air cho iosal ’sa tha pris nan each ’sa mhargadh. Tha moran siùcair us molasses air an deanamh ’sa choimhearsnachd so leis na tuathanaich am bliadhna. Tha an sneachda uile air falbh ach tha ’ghaoth a fuireach rud-eigin fuar fhathart.”
Chaidh duine mhuinntir Newfoundland a null a Shasuinn air a bhliadhna so air son cas àrca fhaotainn, air dha a chas fein a chall. Fhuair e sin agus chòrd i cho math ris ’s gu’n do chuir e roimhe té a chòrr a cheannach gun fhios nach cailleadh e ’n té eile uair no uair-eigin. ’Nuair a rainig e Halifax a tighirn air ais bha fear an taigh-chuspuinn air son cis a leagail air a chois a bha chòrr aige, ach sid cha robh esan a dol a phàigheadh. Ged a bha e ’ga giulain ann am màileid, thoisich e ri dheanamh mach air na h-oifigich gu’m bu chòir a leigeil a stigh saor mar a leigte e féin.
LeighsidhMinard ’s LinimentLoinidh.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Leabhraichean Giliag.
RI’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 39. p. 5]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
DH’INNIS e dhomh gu’n do shearmonaich aon là anns a Ghlaic ud an t-Urr. An t-Olla MacAoidh a bha aon uair na mhinistir ’s na h-Earradh. Bha an t-searmoin ceithir uariean g’a liubhairt agus cha robh aon air an raon sgith fad na h-ùine sin. Is e ’n t-searmoin mhòr a their muinntir an àite rithe gus an latha an diugh. Is e an ceann teagasg o’n do labhair an duine urramach. “Cha’n fhaca suil, ’s cha chuala cluas, ’s cha mho thàinig e an cridhe duine meud na nithean, a Dhé, a dh’ullaich thu dhoibhsan aig am bheil gràdh dhuit.” Bha mi duillich nach d’ fhuair mi cothrom air sgriob a thoirt gu Loch Ailsh agus Gleanneilg. Cha do fhreagair na h-aisig. Ghabh mi slan le Maighstir Sinclair an ath latha agus ghabh mi bàta na smùid gn Port Righ. Cha leig mi leas innseadh gu de an subhachas a bha agam ’nuair a sheid gu fionnar air m’ aodann anail chùbhraidh a chuain Sgiathanaich agus a thàinig am follais, air dhuinn faotainn timchioll Rutha ’Phluic, Beanntan sgurrach Eilean a Cheò. Chitheamaid an Cuilithiunn ag éiridh gu mòrchuiseach thairis orra uile. Thaghail sinn air an rathad ’s an Atha-Leathann. Is e àite beag bòidheach a tha an sin. Bha mi duilich nach robh uine agam taghall air mo charaide an t-Urr. Alasdair Grannd a tha na mhinisteir na h-Eaglais Shaoir ’s àite so. An deigh cuibhrionn do bharailean agus pocannann mine a chur air tir thog sinn rithe a rithis. Sud suas sinn gu caolas Ratharsaidh mu’s robh ach gann fios againn air. Tha an nis tigh mòr na ban-tighearna ri fhaicinn. ’S ann airsan a tha na turraidean agus tha raon coille air a chùl a tha eireachdail. Tha an eaglais aig Maighstir Mac Farlainn an glaic an ear air an Tigh Mhòr. Cha’n fhaiceamaid am mansa idir. ’Se a smuainich mi ’nuair a bha mi ag gabhail beachd air an t-sealladh gu’n robh an so dealbh ro shoilleir air daimh na’n daoine mòra ri nithibh Dhia. Is e an cainnt ris na nithean sin, “Fanaibh am folach oirnn.” Air dhuinn paca litrichean a chur air tir ’an Ratharsaidh thog sinn rithe a rithis agus ann am beagan uine bha sinn am beul Bàgh Phort Righ. Air taobh a deas a Bhàigh so tha creagan a tha anabarrach iongantach. Tha iad ag éiridh suas gu àirde mhòr sreth leac air muin serth cho dòigheil air an caradh ’s ged a dheanadh clachair ionsuichte e. Tha an Salm ag innseadh dhinn
“Molaidh t-oibrean thu air fad”
“Le d’ naoimhibh molar thu;”
“ ’S air glòir do Righeachd labhraidh iad”
“Innsidh do neart le cliu.”
Gu cinnteach tha creagan acarsaid Phort Righ ’ga mholadh agus ag innseadh a neart le cliù.
Tha sinn a ris ri taobh a challa agus fhuair sinn air tir gu h-uasal. Choinnich duine tapaidh sinn air tir a bhuinneadh do ’n tigh òsda ris an abair iad An Caledonian agus ghiùlain e ar pacannan siubhail dhuinn gus an d’fhuair sinn sinn fèin gu h-eireachdail na’r suidhe ann an seomar aoidheachd an tigh àsda. B’e latha Fèill Phort Righ a bha ann agus dh’fhàg sin barrachd sluaigh a’ dol sios agus suas air sràidean a bhaile bhig so na’ b’abhaist. Is iongantach a ni e gu’m bheil na Gaidheil nis doirbhe ath-leasachadh a dheanamh orra ann an cuid do nithean na sluagh sam bith eile. Ann am Port Righ air an latha ud bha fir is mnathan a’ cosg an cuid airgiod, a fhuair iad air son gamhain no mart a reic iad, a toirt dhramachan do dh’aon a cheile, agus bha iomadh amadan na ’m measg air an fheasgar sin nach seasadh a chasan leis a misg. ’Se is docha gu’n robh na pàisdean aig an àm ud agus gun chomhdach na’n cnamh do dh’aodach orra agus ràn na’m beul leis an ocras. Chunnaic mi ’am baile beag Phort Righ air an latha ud barrachd do mhisg na chunnaic mi ann an seachduin an aon do bhailte mòra Chanada.
(Ri leantuinn.)
Tha na h-àireamhan a leanas dhe’n MHAC-TALLA a dhith oirnn, agus neach sam bith aig am beil iad bhitheamaid toileach clunintinn uaith. Vol. II. Nos. 1, 2, 3, 4, 5, 6, 7, 8. 18, 19, 20, 21, 22, 23, 24, 28, 29. Co aige gheibh sinn a cheud tri leabhraichean dhe’n Ghaidheal, a thòisich air tighinn a mach sa bhiadhna 1873?
Chaidh dithis dhaoin òga a bhàthadh aig faisg air aiseag Ghrandique, Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad a mach ann am bàta agus chaidh e thairis. Bha aireamh dhaoine air tir ’g am faicinn ach mu’n d’ fhuair iad far an robh iad, bha iad air an call.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 39. p. 6]
NA GAIDHEIL ANN AN CANADA.
Oraid a bha air a Liubhairt le
DUGHALL IAIN CAIMBEAL, BAILE MOR HAMILTON,
a rugadh ann am Baile Charadoc, ann an Siorramachd Mhiddlesecs, ann an Canada; (agus a tha nis na fhear-meas aig Comunn Urrais-beatha Chanada;) aig cuairt shamhraidh Ghaidheal Thoronto agus Hamilton, aig baile Achadh Nan Darach, air an t-seachdamh lath’ fichead do’n Og-mhios, ann sa bhliadhna ochd ceud deug ceithir fichead ’sa dha dheug.
A CHINN SHUIDHE ’S A CHAIRDEAN GAIDHEALACH, BHO BHAILTEAN THORONTO AGUS HAMILTON:—
Air dhomh a bhi ’n so mar sheòrsa goistidh bho Bhaile Hamilton, am baile aig bun na beinne, bidh e air a shaoilsinn gun labhrainn beagan ruibh aig an àm so. Anns a chiad àite, tha e toirt moran toileachais inntinn dhomh, gu’m bheil na h-uiread bho’n da bhaile chomharaichte so, a tha neadaichte air bruaich Loch Ontario, agus bho’n dùthaich mu’n cuaìrt, air cruinneachadh an so, air an latha chiùin shamhraidh so a dh’ -fhaotuinn eòlais air aon a chéile, agus a dh’ùrachadh seana chairdeas; agus tha mi cur a’n ceill an dochais ann ’s na timeanan a tha teachd, gu’n coinnich sinn gach bliadhna a dh’ ùrachadh agus a chomh-phartachadh ar deagh ghean aig coinneamhan sùnndach càirdeil de ’n t-seòrsa so. Air dhomh a bhi sealltuinn thairis air eachdraidh an t-sluaigh a thainig do’n dùthaich so, tha mi ’faicinn do’n mhuillion do dh-Albannaich a thainig do’n duthaich, gu’m bu Ghaidheil da-thrian diu. Tha e air a dheanadh a mach gu bheil corr agus muillion do Ghàidheil agus d’ an gineal a’n Canada aig an am so, agus gu bheil air a chuid as lugha a’n ceathramh cuid dhiubh so, a thuigeas agus a bhruithneas Gàilig. B’e so an sluagh a bha nam priomh mheadhon air an uachdranachd oirdhearc so againne a chur mar phàirt dhi fein ri oighreachd ghlòirmhor Bhretainn. Cha ruig mi leas a chur na r cuimhne, gu bheil miltean do Ghàidheil anns an dùthaich so a tha dileas do’n dùthaich, do’n Bhan-Righ s’ d’ a crùn; a’s ged nach deach a’n cànain altrum, na a cleachdadh an cùirt, no’m Pàrlamaid, cha chualas riamh i an dragh na n-iorguill. Ach their mi so: —Ma tha tuille agus aona chànain feumail an cùirt no a’m Parlamaid, ciod a chànain as còraiche air an urram sin fhaotuinn, na cànain na’n treun-laoich, a sheas guallainn air còmhnard Abrahaim, am piobairean a seinn binn cheòl na h-Alba, s’an claidhnean mor a dealradh an grian na h-òig mhaduinn an latha a chaidh an dùthaich òirdhearc so againne a chosnadh do chrun Bhreatainn? (Caithream.) Sann do ghaisge gun choimeas nan saighdearan Gàidhealach, a tha sinn fo fhiachaibh, gu’m ’bheil, agus gu’n robh, an t-arm Breatannach buadhach anns gach dùthaich sa’n robh dleasnas agus onair g’ an gairm. Agus an diugh, tha bratach Bhreatuinn gu bòsdal a snàmh thairis air an t-seathamh cuid do raon an domhain, agus thairis air a cheathramh cuid da sluagh. (Caithream.)
Tha mi gu h-onarach a creidsinn ’s ag ràdh, gu’r ann an tomhas mor troimh misneach agua gaisge Chlann nan Gàidheal, a thainig Breatainn gu bhi ’na rioghachd cho làidir ghlòirmhor s’a tha i ’n diugh. Troimh gaisge ghreimeil, treun-laoich Albuinn, nach deach riamh a chiosnachadh, chaidh an earrann mo thuath so de America a spionadh bho chumhachd choigreach, agus a tathadh ri rioghachd Bhreatuinn. Aig focal na h-aithne, air còmhnard Sliabh Abrahaim, le mor ghaisge, bhruchd feara làidir a bhreacain ’san fhéille air an aghaidh gu buaidh ghlòirmhor, agus bu leinne Canada. Air an aobhar sin, tha mi cur an céill, gu’r ann do Chlann nan Gàidheal a tha sinn am fiachaibh airson gu’r dùthaich Bhreatunnach Canada an diugh. (Caithream.)
Agus ann a so, leigeibh dhomh a radh mu Chanada, —dùthaich air n-uchd-mhacachd agus oighreachd air cloinne—gur dùthaich urramach àluinn i. Dh’araich Canada bana-chleasiche cho grinn sa sheas riamh air bord tigh-cluiche, agus cuid do na ealdhanich as urramiche air a bheil cùnntas ann san aois sa bheil sinne beò. Dh-àraich Canada dithis do chomhairlichean rioghachd co ard an’ ihbhi as a tha iomradh orra an san linn a tha lathair. Tha aig Canada roin-uarachd shlainteil, agus tha i a g-àrach dhaoine gaisgeil cruadalach, agus mnathan maisach, beusach, gràdhach; chi sibh iad timchioll oirbh air gach làimh. Tha aice aibhnichean ’s fhaide no th’aig aon rioghachd na dùthaich eile fòn ghréin; agus tuille mhiltean do rathad iaruinn an lorg a chéile, na th’aig dùthaich eile air thallamh. Tha aice raointeann cruineachd as farsuinne na th’aig uachdaranachd eile sa chruinne, agus coilltichean de’n fhiodh as luach-mhoire a tha cinntinn a grùnnd; tha aice meinninn do ghual, iarunn, nicle, òr, airgiod, tha agus na gruinnd iasgaìch as beartaiche a’s luachmhoire a tha air aghaidh an domhan. Tha aig Canada an diugh, riaghailtean ionnsachaidh ni ’s fearr na th’aig dùthaich eile air a bheil a ghrian a a dearrsadh, agus buinidh i do’n rioghach as airde inbhe agus as ainmeile am measg rioghachdan na talmhainn; as tha’n dùthaich àlluin thorrach so fo riaghladh Victoria, ban-righ co àluinn, beusach, òirdhearc s’a shuidh riamh ann an cathair rioghail. Gu ma fada beo i.
A nis, cha choigrich na Gàidheil ’san dùthaich àluinn so, ach daoine nach gabh seachnadh. Fo òg mhaduinn na latha streap iad suas àirde chreagach Sliabh Abrahaim, gus an uair so, bha aig Gàidheil ann ann an iomadh dòigh, gnothach ri uachdranachd na dùthcha. Bha ceann feadhna Chlann Domhnuil, an Ridire Iain Domhnullach, (nach miairean a nis) na riaghlair anns an dùthaich, dlùth air da-fhichead bliadhna. Duine aig an robh comas gun choimeas mar chean-iuil, agus mar chomhairliche rioghachd. Duine a chomh-eignich mor mheas, eadhon bho na daoine a b’eas càirdeile ris. Duine a “rugadh na Bhreatannach, agus na Bhreatannach chaith e’ bheatha gu latha a bhais.” An t-Onarch Alasdair Mac Coinnich, duine eile, a bha miorbhuileach ann an comas; bha uile fhacail agus a ghniomharan a leigeil ris a ghràdh da dhùthaich; us bidh a reachdan glic agus a raideanais taitneach, air an gleidheadh air chuimhne le ginealaich a tha ri teachd. (Caithream.) Agus gun iomradh air na h-Onaraich Sir O. Mowat agus Deorsa Ross, daoine beag a’m pearsa, ach cho tapaidh sa sheas riamh ann am broig learach; no air moran tuilidh do ainmeannan a tha gradhach leinn, as a tha soillseachadh air iomadh dòigh ann a’n eachdraidh Chanada. Ainmean a tha dearbhadh gu’m ’bheil na Gaidheil nan sluagh nach gabh seachanadh, a tha, agus a bha, a cleachdadh uachdranachd chumhachdach a chum math. Coma gu de a’n t-ana-cothrum a bhios iad fodha, no am bacadh a théid a chur
[Vol . 2. No. 39. p. 7]
orra, gheibh iad an lamh uachdair orra uile. (Caithream.)
Seallaibh a munn ma dheas dhinn do na Stàidean, agus gheibh sibh a mach gu bheil na ceithir daoine a tha ann san reis, feuch co aca a gheibh a bhi na ard fhear riaghlaidh air an uachdranachd fharsuinn sinn; Cleveland, Harrison, Mac Ill-Ruaidh, agus Mac Stephen, gur ann fo shinnsearachd Ghaelach a tha iad uile, daoine a chaidh a thogail air min-choirce.
Cha labhair mi a’n drasd air na bàird a rinn a canain Gàidhealach glòirmhor; no air na laoich a’s na ban-laoich, a rinn naomh i le a’m briathran bàis; no air na martaraich a dhoirt am fuil ann an seirbhis agus an aobhar am Maighstir, agus air son gràdh da’n dùthaich. Iadsan nach d’fòghluim i air tus aig glun am màthair, iadsan nach d-fhuair eolas orra ann an cagarsaich gaoil, ’s ann a’m mànran blath, no ann an ùrnuigh dhùrachdaich an anam bheò, no ann an caoidh a’s an gearan muladaich ri am trioblaid; cha’n urra dhaibh a thuigsinn na faireachduinnean, agus an gluasad inntinn leis a bheil na Gaidheil a meas an cànain mhilis, cheòlmhor, bhrioghail féin. (Caithream.)
Anns na blair-chath a bu chruaidhe air an gleachd, co dhiu b’ ann air còmhnard Sliabh Abrahaim, no a’g imeachd le feachd-cheum ann an teas nan Innsean gu Lucknow, no ann san “t-sreang, chaoil, dheairg,” aig an Ridire Cailean, air mullaichean Bhalaclabha, no air gainmheach theth na h-Eipheit aig Tel-el-Keber, a’s ann ’s gach cearna de’n t-saoghal s’ am bu chruaidhe bha gaisge Bhreatuinn air a feuchainn. An sin, àrd thairis air fuaim nan inneal chogaidh, àrd as ceann toirm eagalach a chath, chluinnte srannraich gheur na pioba-moire a fuaimnachadh na h-àithne, measgta le caithream nan Gàidheil, “Clanna nan Gaidheal ri guaillibh a chéile,” s’ iad a brùchadh air an aghaidh gu buaidh. (Caithream.) Feudaidh mi so a chur an céill, ged a shaoileas cuid agaibh gur ni iongantach e; nach eil piobaire an so an diugh, no air son na cuid sin deth, ann an àite sam bith eile, a dh’ ionnsaich riamh a phiob a chur air ghleus, ri àithne an ruaig a ghabhail; agus ’se an t-aobhar, nach eil a leithid de cheòl na de chaismeachd-shiubhail na ’m foclair, agus cuime a bhitheadh, cha robh riamh feum aca air a leithid; oir b’ e cleachduinn nan Gàidheal anns gach linn, leigeil leis na naimhdean an teicheadh a dheanadh. (Caithream.)
Ach feumaidh mi tighinn gu comh-dhùnadh, oir lean mi tuille ’s fada cheana; ach s’ éigin domh so a radh mu’n dean mi suidhe, gu’m ’bheil a chàirdealachd agus an caoimhneas a tha air am faicinn an so an diugh, a toirt aobhar dhuinn a chreidsinn, gu’m bheil na timeannan a greasad, na timeannan glòirmhor sin, nuair nach bi buaireas gach dream, gach buidheann, s’ gach creideadh a deanadh mi-riaghailt no aimhréit ann san dùthaich àluinn agus thorach so. ’Nuair a thig an latha gloirmhor sin, mar as cinnteach gun tig, agus a bheachdaicheas sinn air Canada, an té as oige, s’ maisiche do na rioghachdan, saor, ceangailte ri chòile ann am bannaibh gràidh, bho chladach na h-Alantic ann an Albain Ur, gu claon bhruachaibh tràighe na fairge Shèimh ann an Columbia àluinn; an sin, chitheir bonaidean Gàidhealach, gan tilgeil àrd san athar, agus cluinnear àrd iolach a’n cànain mhilis air dùthcha, a cur an céill “Ceud mile failte” do’n reul as dealraiche, ’s as àille ann an crùn Bhreatuinn. (Caithream.)
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 39. p. 8]
Oran na Misge
LE IAIN MOIREASTAN, GOBHA NA H-EARRADH.
(Air a leantuinn.)
Dh’ fhàg i gràineil ’n ad luid thu ’g ad luidreadh ’sa pholl,
Do chorp le sàr chudthrom a tuiteam gu trom;
’S cha’n eil taobh bheir thu ruiseadh nach tuislich do bhonn,
Do chom mur bi pronn, ’s ni neònach.
Dh’ fhàg i gràineil mi-sgiamhach do neul mar an t-eug,
Mhill d’ àileachd us d’ iomhaigh ’s do chiall gu mi-bheus,
’N ad sgeith ’ga do smiaradh ’s glas ghiall air do dheud
’S gun smid as do bheul ach ròmhan.
’N uair thig ort an diobhairt le thigheach ’s le spàirn,
Air t-fhasgath cha mhisllachd le aon ach cuis ghràin,
’Nad thuainealach dìblidh ad shineadh air làr,
’S neo-chùbhraidh le cach do bhòrlann.
’S na dh’ òl thu ged dhealaich ri d’ stamaig, gu dian
Fasg dhiobhairt riut leanaidh bheir sparradh ad chliabh
Leam ’s ioghnadh car tamuill do ghalair no ’n triall
Bho’d sgairt mur bi pian le t-òbairt.
’S iomadh neach ’chuir i suas an glas lamhan gu teann,
’S a phriosan a spàrr i ’s a dh’ fhàg i fad ann,
A chroch i gu h-àrd le bàs nàrach air crann
Le lùb dhe na bhall mu ’sgornar.
’S iomadh teaghlach a dh’ fhàg i ’n cruaidh chàs ’s air bheag riarr,
Màthair ’g a cràdh an ceann phàisdean gun chiall,
Ag eigheach ’sa rànaich gu h-àrd ’s iad gun bhiadh,
Gun aodach gu’m bian a chòmhdach.
’S iomadh curraidh ro làidir gu bàs chuir i nunn
Bha seòladh air sàile rinn i bhathadh ’sa ghrunnd
’Sa chaidil fo tàladh ’s gu bràth nach do dhuisg
Gus an d’ fhosgail e shùilean an dòruinn.
’Nuair a thréigeas dhi cùinneadh, ’s e spuinn thoirt o chàch,
An ni tha ’na run ’s mar dean lùbaireachd stà,
Air creachadh na bùtha bheir i ionnsuidh gun dàil,
’S air murt gus an tarr i stòras.
’Nuair theirgeas dhuit airgiod ’sa dh’ fhall’ chear do phòc
Bho’n òsd-thigh gum falbh thu ’s beag earbsa gheibh thu
Tha spéis dhiot air dearmad, ’s gun shearg thu gun diu
’S bidh dearbhta dhuit taobh-cuil na comhla.
’S i mhisg a ni gràineil, a chàirdean, gu dearbh
’S nuair ’s firinn an dàn so nach àraidh an ni
Gum biodh ar rùn laidir, a bharr air lamh sgriobh
A mach as an th ’ga fògradh.
Chuireadh an t oran so d’ ar ’n ionnsuidh leis an Urr. Tearlach Camaran, a Durham, Ontario, Tha e ’g innseadh dhuinn gu’n do sgriobh e aireamh dhe na roinn o bheul an ùghdair féin agus gu’n d’fhuair e càch aig muinntir eile. Cha’n eil an t-òran uile an so, agus tha cuid dhe na roinn nach eil ’san àite cheart. Cha’n eil sinn cinnteach gu bheil an rann mu dheireadh an so againn ceart. Cha robh an t-òran so air a chur an clò riamh roimhe, ach theagamh gu bheil e e ri bhi anns an leabhar a tha gu bhi air a chur a mach le Mr. Henderson ann an Glascho.
Deireadh December chaidh màileid le fear-ceannachd a mhuinntir Ontario a ghoid aig calla ’n rathaid-iaruinn ann a Westville, N. S. Toiseach February chaidh fear Aonghas Mac Néill a mhuinntir Cheap Breatunn a chur an sàs air a shon, agus an la roimhe sheas e cùirt agus fhuair e còig bliadhna dhe’n tigh-oibreach,
Ged nach eil biadh sprèidhe cho gann air an earrach so sa bha e air an earrrach sa chaidh, tha e gann gu leòr. Tha moran feòir a tigh’nn do’n bhaile gach seachdain agus air a chreic ri muinntir na dùthcha mu’n cuairt aig còig dollar dheug us sia dollar dheug an tunna. Tha ’n t-earrach gu math fad air ais, ach ’s math nach eil e na’s miosa.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 39 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 39. %p |
parent text | Volume 2 |