[25]

[Vol . 2. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 22, 1893. No. 4.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Mharbh sgalag dan ainm Romborger a mhuinntirSouth Dakota, a mhaighstir, a bhean, ’s an ceathrar chloinne, agus an sin theich e gu Manitoba an duil baile-didean a dheth. Ach cha robh e fada air fonn Chanada nuair a ghlacadh e, ’s chaidh a chuir air ais don ait as an danig e, gu bhi an sin air fheuchinn leis an lagh.

Than Lewis H. Giles, an soitheach-iasgich Geancach a chaidh a ghlacadh o chionn corr us mios air son a bhig iasgach ro fhasg air tir, a nis air a leigeil ma sgaiol an deigh dhi da mhiles coig ceud dolair a phaigheadh mar chain. Tha e air a radh gu robh de rionnach air bord nuair a chaidh a gleacadh na phaigheadh a chain us corr.

Chan eil dad a dol air adhart an drasd ach pic-nics us gnothichean dhen t-seorsa sin. Bha cruinneachadh mors na h-Eileanen Dearga Di-mairt, cruinneachadh eile aig Hogomah Di-ciadinn, agus aon aig Mira air an latha cheudna. Chaidh dhaibh gle mhath aig na h-Eileanan Deargas aig Hogomah, ach thanig an t-uisge orra aig Miras rinn e milleadh mor.

Chan eil cion uisge air Ceap Breatuinn o chionn seachdain no dha. An deigh tiormachd mhor, thanig na frasan ris am robh gach aon ag amharc air son an talamh thartmhor a shasuchadh, agus rinn iad an obair gu math. Tham feurs am barr a togail orra gu math, agus tha h-uile dochas gum bi deagh bhuain ann. Tham buntata mar an ceudna gle ghealltanach.

Than rabhadh a leanas air a thoirt le duine anns a Ghearmailt ann an aon de na paipearan-naigheachd. “Tha mo bhean-sa, Mairi Anna Mackerle air chall orm, no ma dh-fhaoidte air a goid. Daine sam bith a bheir air ais dom ionnsidh i, tha mi gealltinn dha a cheam a bhristeadh, air son a sheirbheis. Agus a thaobh toirt bathair dhi, tha lan choir aig ceanniche sam bith air sin a dheanamh, ach cha do phaigh mise mo chuid fhiachan fhein riamh, agus tha mi lan chreidsinn nach mo a phaigheas mi fiachan mo mhna.”

Thanig soitheach gu Quebec air an t-seachdain sa chaidh, air tilleadh a ceann a deas America, agus chuir na h-oifigich oirre fios gu tir, gun do dh-eug an caiptean, a mhac, agus an stiubhard, leis an fhiabhrus bhuidhe, air an turus. Than soitheach air a cumail aig eilean Ghrosse gus am faicear am bheil i gu buileach cuibhteas an galair.

Bha eaglis ur Chleireachail air a fosgladh am Baile-nan-Gall, air a cheud shabaid den mhios. Bha i air a fosgladh leis am Urr. Mr. Drummond, Mr. Friseal, us Mr Sterling. Than eaglis air a criochnachadh a muighsa stigh, ’s aiteachan suidhe do cheithir ceud gu leth innte. ’Si aon de na h-eaglisean as briagha than Ceap Breatuinn. Bha i air a togail le Mr. Domhnull Mac Aonghais, an saor a thog a chuid is mo dhe na tha dh-eaglisean air an eilean.

Tha e coltach gu bheil an rathad-iarinn eadar Orangedale us Broad Cove a dol air adhart gun teagamh sam bith. ’San am a chaidh seachad, bhatar a bruidhinn air an rathad sos ga ghealltinn cho trics gu bheil e gle dhoirbh le daone chreidsinn gu bheil e gu bhi air oibreachadh air an am so. Achsan lathan diugh, cha n-eil fhios de dh-fhaodas tachairt. Tha sinn an dochas gun teid an rathad air adhart, oir bhiodh e gle fheumail do Shiorramachd Inbhirnis agus don eilean air fad.

Ann an New York, an la roimhe, bha duine air a chuir don lagh le dithis da choimhearsnich air son e bhicumail coileach aig an robh mar chleachdadh a bhi gairm cho trath sa mhadinn, ’s nach robh duine beo mun cuairt a burrinn cadal leis, ach am fear leism bu leis e, agus bha esan bodhar. Mhionnich am fear sin gu robh guth a choilich cho binn ri guth calmain. Thug iad an coileach a lathair feuch an robh dad aige ri radh air a shon fein, agus cha bfhada gusn do thog e a ghuth gu h-ard mar fhianis an aghaidh a mhaighstir. Leig e as sgriach cho cruaidhs cho fadas gum bfheudar do gach duine bhan tigh na curtach a lamhan a churna chluasan, agus nuair a smaoinich e air stad, thug am breitheamh a mach binn bais air, agus chuir e cain air a mhaighstir.



[26]

[Vol . 2. No. 4. p. 2]

MAC FIR ACHOIRE.

AS ANEILEANACH.”

Dhfhalbh e nunn gu cul Doire-nan-smeur an uair a dhorchaich an oidhche, agus rudan aige air am bheil sinne gle eolachan Glascho am bliadhna, ged nach facas, ’saChoire Ghorm riamh roimhe iad, ’se sinBaloonsde phaipeir glas. Leig e fear dhiubh sin a suas anns na speuran agus driamlach de theine slaodadh ris. Bha cho math ri seachd no h-ochd de thigheanan Doire-nan-smeur, agus gun a h-aon dhiubh fad bho cheile, agus an uair a chunnaic na daoine an t-uamhas ud asnamh a nall os an cionn gun teagamh cha burrainn dad eilebhi ann ach dreag.

Bha Fionnladh achubair cho lan de na gisreagans a bhashean mhathair, agus bha sin lan gu leoir; an uair a fhuair e aon sealladh dheth dhfhalbh e a stigh, agus cha robhs abhaile na bheireadh a mach a rithist e. “Chaneil gnothach aige rium, agus chaneil gnothach agam ris;” arsesan.

Chan eil fhios co dha bhuineas so?” arsAlasdair Mor.

Chaneil dreag ach aig fear fearainn saor,” arsDhomhnull Ban, “agus chaneil mun cuairt so dhiubh ach Fear aChoire!”

Ud, ud!” arsAlasdair, “cha bu mhath leinn sin; mar a bha am fear eileg radh ri Murcha Mor, ‘Mas tu as miosachunnaic sinn, is tu as fearr a chi sinn. ’”

Bha bean Chaluim thaillear a mach am measg na cuideachd agabhail seallaidh air an dreag, agus bhon a bu ni e nach robh ri fhaicinn a h-uile latha ghabh i a stigh ga innseadh do Chalum, los gum faigheadh e lan a shul dheth cho math ri feadhainn eile, agus thubhairt is i dol a a stigh, “Thig a machs gum faic thu an dreag!”

Cluinnidh mi sins fuaighidh mi so, mar a thubhairt am fear a bha ris an fhaire-chlaidh,” arsa Calum; “Caite am bheil e?”

Tha e nunn os cionn Bealach nan sgolb!”

Ciod e an taobh a thaghaoth?”

Tha am beagan a thann dhith bhon iar thuath.”

Cha chreid mi fhein gum bheil ann ach dreag a tha falbh air saut, chaneil e ach afalbh leis aghaotharsa Calum.

Nacheil eagal ort o bhi bruidhinn air an doigh sin?” arsa bhean, “Thig a machs gum faic thu e!”

Dheirich Calum agus chaidh e mach air ceannaibh a stocainean, ’s bha e gabhail beachd air an rud a bhann. Bha a bheann a seasamh laimh ris agus a lamh air a ghualainn, agus thubhairt i an cagarn a chluais, “Tha iad ag radh gur e dreag Fir aChoire thann!”

“ ’S earsa Calum, “air neo pairt a dhinnleachdan Eachainn a mhic!”

An uair a bheir iad Fear aChoire air falbh air na lonnan chan ann a nunn thar Bealach nan sgolb a bheir iad e!” agus le sin a radh dhfhalbh e a stigh agus thoisich e air fuaghal osan na briogaise cubhrainne ri solus coinnle, mar a bha e roimhe.

An lar na mhaireach bha an luchd-oibre aig Fear aChoire mach air achadh bhuana agus an t-airean air an ceann. An uair a thoisich am feasgar air dluthachadh riutha, bha an t-airean, agus e air sansas fhaotainn roimh lamh bho Eachann, acumail a shuilsan t-soirbheas a bha tighinn air o bharr na coille. Bha Eachann thall an sud agus builg de phaipeir glas aige, agus an uair a sheideadh e na builg ud leis an stuth a bha ecur annta, ghabhadh iad cumadh duine no cumadh beathaich mar a mhiannaicheadh e, achse cumadh mairt a chuir e suas air an fheasgar so.

An uair a chunnaic an t-airean an rud a bha suil aige ris, thubhairt e ris an fheadhainn a bha mun cuairt air, “Ciod e an t-eun mor a tha thall os ceann na Coille-bige an sud?”

Be an t-eun mor gu dearbh e,” arsa cuid-eigin.

Ma ta,” arsAlasdair mor, “Co dhiubhs ann a thaobh an t-saoghail so na nach ann, ’se mart odhar a than sin.”

Bha Fionnladh achubairna sheasamh agus sguab anns gach achlais aige, agus e sealltuinn gu geur air an rud a bhann agus a chruth ag atharrachadh mar bu tinne bha sud a tighinn air. “Tha an sin,” ars esan, “am mart odhar agamsa.”

Ma ta mas i,” arsan t-airean, “ ’se Colasadh than a beachd an nochd!”

O, nach ann as a thainig e seana-mhathair!” arsa Fionnladhse tilgeadh bhuaith nan sguabs atoirt an tighe aire.

A nis bha gu leoir air an achadh nach robh cho deas ri Fionnladh gus a h-uile rud a chitheadh iad nach tuigeadh iad a chur air gnothach mi-nadurra, a dhaidicheadh an deigh laimh gun robh iadan imcheist mun gnothach a bhann. Dhfhaodadh tu sealltuinn air a chulthaobh no air a bheulthaobh, cha burrainn duit a radh nach robh e fior choltach ri mart odhars i falbh anns na speuran gun sgiathan; agus mur an robh sin neonach, biongantach an gnothach e. An uair a rainig Fionnladh an tigh, thubhairt a bhean, “Stad sibh trath an nochd?”

Cha do stad cach ged a stad mise,” arsa Fionnladh. “Tha,” arsesan, “am mart air falbh anns na speuran air sgiathan!”

Chunnaic mise da rud dheug cho iongantachs ged a dhfhalbhadh tu fhein air sgiathan lath-eigin mur a stad thu dhethd ghisreagan!”

Falbh a nunn a dhionnsaidh an achaidh ud thall,” arsesan, “agus chi thu gum bheil daoine eile cho gisreagach


A CHARAID
Ma tha thun duil dad a leughadh nosgriobhadh ruig
Stor-LeabhricheanIc Fhionghain.
ri taobhTalla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saorsa gheibh thu an aite sam bith.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1883.



[27]

[Vol . 2. No. 4. p. 3]

Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth-dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Tha aireamh dar leubhadairean a cheana gabhail Irisleabhar na Gaedhilge, a thair a chur a mach leis an Urr. E. OGrowney. (Maynooth College, Kildare, Ireland). Tha e na shar phaipear, ’s chan eil coire aginn air ach cho ainmig sa tha e tighinn, coig uaireansa bhliadhna. Achnuair a thig e bheir e moran fiosrachidh seachad air gach ni a bhuinsas do dh-Eirinns do dh-Alba. Agus chan eil uair a thig e nach bi facal blath misneachail aige mun MHAC-TALLA.

ThanScottish Canadianair a chur a mach gach seachdain ann an Toronto. Gheibhear ann moran de naigheachdan na Seann Ducha, agus sgeulachdan eibhinn mu nithean a thachir an Albasantim a bhann o chian.” Tha cuibhrionn de Ghailig ann daonnan, agus tha e gle fhurasda thuigsinn gur a Gaidheal am fear deasachidh, oir tha baigh mhor aige ritir nam beanns nan gleanns nan gaisgeach.” Is paipear e bu choir a bhi gle mheasail aig sliochd na h-Alba air fad, Gaidhil us Goill.

ThanCeltic Monthlya tighinn thuginn a h-uile mios. Tha e air a chur a mach uairsa mhios agus is math as fhiach e a phris a tha air iarridh air, ceithir tasdainsa bhliadhna. Ged nach eil fhathast bliadhna bhon thanig a cheud aireamh a mach, tha aireamh mhor de luchd-leubhidh aige cheana, agus than aireamh a sior dhol a meud. Tha anns gach aireamh dhen phaipear ghasda so dealbhan Ghaidhil a tha comharrichte air son litreachis no air son sgil us tapachd an mithean eile. Mar bu choir, thugadh a cheud aitesa cheud aireamh do dhealbh NeillIc Leoid, bard cho binns cho Gaidhealachsa sheinn duanag riamh. Gheibhear am paipear so leis an airgiod a chuir guMr . John MacKay, 17 Dundas Street, Kingston, Glasgow, Scotland.

Than Gaodhal air a chuir a mach am Brooklyn, N. Y., uairsa mhios, agus tha etogail a ghuth gu h-ard as leth Gailig na h-Eirinn. Tha roinn mhath de Bheurla ann, ach than t-aites urramiche air a thoirt de chanain fein. Fhuair sinn litir chaoimhneil bhon fhear deasachidh o chionn ghoirid, a guidhe soirbheachadh leis a MHAC-TALLA, ’s ag radh gu robh esan a dol dheanamh na burrinn da gus a chuideachadh. ’S fhich an Gaodhal dolar sabhliadhna. Nam biodh aon dar luchd leubhidh toileach a ghabhail, gheibh iad e aig 814 Pacific St. Brooklyn, N. Y. Tha e soirbh gu leor ri leubhadh do dhuine leubhas Gailig Alba, ’sa mi beagan cnuasachidh air na litrichean Eirionnach.

ThaMinard ’s Linimentri reics gach aite.

riumsa. Cha chreid mi gum bheil an da shealladh agamsa nas mo na aca fhein!”

Bha fios aig abhoirionnach choir gle mhath gun robh a fear-posda rud beag lag-inntinneach mu na gnothaichean sin, agus a bhar air sin bha fios aice gum biodh daoine eile acluich air an laigse so a bha an ceangal ris. Ach bha fios aice nach deanadh i gnothaichean dad na bfhearr le dol a thoirt an aghaidh orra air a shon. Dhfhalbh i mach, cha bann far ann robh an fheadhainn a bhair an achadh, ach a dhfheuchainn am faiceadh i am mart. Dhirich i ris abhruthach agus chunnaic i an crodh eile tighinn dachaidh gu socrach ach cha robh am mart aice fein ri fhaicinn. Dhfharraid i den bhuachaille am fac e i. “Chan fhac,” ars an dearg shlaoightear, agus e fein a reir ordugh Eachainn an deigh a saodachadh air falbh comhla ris achrodh sheasg. Dhfhalbh a bhean ris amhonadh ach dhfhuirich Fionnlabh a stigh agur na griosaich, agus an uair a thainig a choimhearsnaich dhachaidh, bfhiadhaich na h-ursgeulan a bha dol an sin; a h-uile fear atoirt barr air an fhear eile ag innseadh nan nithean iongantach a chunnaic e fein, agus bu shuarach na chunnic e fein seach na chunnaicathair agus a shean-athair.

Cha bfhadadhfhuirich am mart odhar aig Fionnladh comhla ris achrodh sheasg; ’s math a baithne dhi fhein an rathad dhachaidh, agus cha dthug duine an aire dhith gus an dthug i langan aisde aig bealach agharaidh. ’S math a dhaithnich Fionnladh geum a mhairts a mach ghabh e, ’s a h-uile duine a bha stigh as a dheigh.

Fuirich thusa mar a thagadarsesan ris amhart, agus thug e earail laidir air na daoine gun iad a dhfhosgladh na cachlaidh gus an tigeadh esan air ais, agus thug e fein a chasan as cho luathsa burrainn da, gu Tigh aChoire, gu Eachann a thoirt a nuas leis a ghunnas gun cuireadh e urchair rithe: agusn uair a bha e suas gu Tigh aChoire, co bha nuasna choinneamh ach Fear aChoire e fhein! Thug Fionnladh oidhirp air a lamh a churn a bhoineid don duinuasal, ach fhuair e mach an sin air son na ceud uaire nach robh boineid idir air, agus cha drinn e ach slaodadh a thoirt air an dosan.

(Ri Leantuinn.)


M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadhsa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum don chorp uile.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.



[28]

[Vol . 2. No. 4. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney , C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE IULAIDH 22, 1893.

Tha Sasuinns an Fhraing a sior fhulaig leis an tiormachd, agus cha n-eil duchannan eilesan Roinn Eorpa saor bhuaithe. Than t-side an deigh caran neonach a chuir air an t-samhradh so, aiteachan a bhabhist a bhi pailt gu leor de dh-uisge air an tiormachadh suas, agus aiteachan a babhist a bhi tioram, teth, air an cur fodha le uisge.

Bha iorghail mhor air an t-seachdain sa chaidh am Paris, ceanna-bhaile na Frainge, a lean tri no ceithir laithean. Bhan upraidsan t-sabaid cho dona aig aon ams gum bfheudar an armailt each a ghairm a mach, maille ri deich mile fichead de na saighdearan coise, gus an sluagh a cheannsachadh. Tha eagal mor air cuid nach eil an iorghail ach a toiseachadh.

Tha aimhreit an drasd eadar an Fhraing us Siam, duthich bheag air taobh a deas Asia. Bha na Frangich air son longan-cogidh a chur suas air Abhinn Meinam, cha n-eil e air innse car son, ach cha n-fhaodadh iad a dheanamh aig righ na ducha. Ghabh iad am bacail cho donas gu bheil iad a bruidhinn air dol a chogadh, achses docha gun leig iad seachad e am beagan uine. Tha an Fhraingga faicinn fein a dol air deireadh air rioghachdan eiles an Roinn Eorpa, agus tha e cur tamailt mhor oirre. Bfhior thoigh leatha droch dhochann a dheanamh air Breatuinn no air a Ghearmailt, na faigheadh i aobhar math dhaibhs gun saoileadh i gun deanadh in gnothach orra, ach o nach eil dochas sam bith aice ri sin, feuchidh i ris gach upraid as urrinn di a dheanamh an cearnan eile den t-saoghal; ach mar as trice bidh a maoidheadh nas mo na a buille.

Cha n-eil ni ann an diugh is graineile na bhi leubhadh mu dheibhinn cho beag suimsa tha de bheatha dhaoine ann an cearnan de na Staitean. Cha n-eil seachdain a dol seachad gun sinn a chluinntinn mu neach eigin a bhi air a chur a dhith gun lagh no ceartas a ghabhail ris, agus gle thric tha esan a thair a chur gu bas neo-chiontach. Air an t-seachdain sa chaidh, fhuair sinn cunntas air duine dubh a chaidh a losgadh gu bas air son gniomh dhe nach robh e ciontach idir. Tha gamhlas cho mor aig na daoine geala ris na daoine dubhasna Staitean a Deas, ’s nach eil a chuid as mo dhiubh a dol a stad aig lagh no reusan ann an deanamh dioghltas. Tha lan am aig Riaghladh nan Staitean ni-eigin a dheanamh gu stad a chuir air an obair bhruidheil so. Cha n eil duthich eile an America nosan Roinn-Eorpa a cheadicheadh a leithid de dhol air-adhart, gun ionnsidh a thoirt air casg a chuir oirre.

Tha Ard Chomhairle Frith nam Fiadh an deigh an obair a chriochnachadh aig an am so, cho fad sa tha rannsachadh na duchasa ceasnachadh fhianuisean a dol. Ged a rinn an Ard-Chomhairle obair mhath am a bhi dearbhadh, a dh-aindeoin de theireadh na h-uachdarain, gu bheil moran fearinn fo fheidhs fodh shealg a bha aon uair, agus bu choir a bhi fhathast, air aiteachadh le daoine, gidheadh tha na croitearans an cairdean a gearain, ’s a reir coltais tha na h-aobhir aca. ThanScottish Highlander, paipear a tha ghnath baigheil ris na croitearan, ag radh gu robh, aig gach coinneamh a bhaig an Ard-chomhairle, lan cothrom air a thoirt do na tighearan fearinns don cuid factoran air gach ni a burrinn daibh a radh, co dhiu a bha e chum feum no nach robh, agus gu faodadh iad na croitearans an cairdean a bhag obair air an taobh, a cheasnachadhs ath-cheasnachadh mar a thogradh iad fein. Ach bha na daoine bochda air an greidheadh air doigh eile. Nuair a rachadh iad a labhirt air an son fein, gheibheadh iad aithne bhon t-Siorram iad a bhi cho sgiobaltasa burrinn daibh. Tha Mr. Domhnull Mac Rath. (Bail-Ailein) a leantuinn na h-Ard-Chomhairles gach aite as leth nan croitearan, agus tha Mr Alasdir Mac Coinnich gu tric a lathirsa togail a ghuth air an taobh, ach air uairsan chan fhaigh fear seach fear dhiubh eisdeachd, no ma gheibh, feumidh iad am briathran a dheanamh cho ganns nach mor is fheaird iad an cothrom labhirt. Ach tha iad ann an duthich anns nach leigeir leotha dhol air adhart mar sin ro fhada gun a bhi air an toirt gu tacus.


THA
STOR SAOR SHIDNI
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.

Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, as fhiach $5 .00.. .. .. 1.00
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15

Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.

Bruidhridh na cleirich Gailig


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[29]

[Vol . 2. No. 4. p. 5]

MAC ASGUILL MOR.

Tha chuid as mo dar luchd-leughidh eolach air a bhi cluinntinn mu Mhac Asguill Mor bho laithean an oige. Tha cuid dhiubh eadhon a chuinnic e, ’s cuid a bha gle eolach air gu pearsanta. Air iarrtus caraide, agus air son fiosrachadh na muinntir nach cuala bheag mu dheibhinn, tha sinn a toirt cunntas ath-ghearr air a bheatha, mar a bha e air a sgriobhadh le Mr. Domhnull Mac Leoid, Munros Point.

Bha Aonghas Mac Asguill, no Mac Asguill Mor a fuireach air taobh tuath acarsaid St. Anns, mu dha mhile bho mo dhachidh-sa. Bha mathair gle eolach air; bha iad gu tric ag iasgach cuideachd aig Acarsaid Neill, nuair a bha iadnan gillean. Bhuaithe-san agus bho na coimhearsnich fhuair mi na thagam de dh-fhiosrachadh mun duiniomraiteach so.

Ben t-iasgach an obair bu bhitheanta bhiodh aig daoinen aite so aig an am ud, agus na oige lean Aonghas mar an ceudna an obair sin maille ri athairs ri bhraithrean. Bu dhuine gle bheag athair, ach bha e gle laidir dhe mheudachd, agus bha m-athair rud-eigin mas airde nan cumantas. Rugadh iad le cheile air Eilean Leodhais, agussann an sin mar an ceudna a rugadh am mac air a bheil mise toirt iomradh. Bha coignear mhac eile aca, agus dithis nighean, ’s bha iad uile de nearts de mheudachd chuimseach. Tha chuid as mo dhiubh beo fhathast.

Gus an robh e sia bliadhna deug a dh-aois cha robh e fas air dhoigh neo-abhaisteach na neart no na mheudachd, ach an deigh sin thugadh fa near gu robh e fas gu bras, ’s gu robh e anabarrachs laidir. Bha e gle chiuin na nadar agus car lunndach na ghluasad, agus cha chuireadh e a neart an ceill gus am biodh a nadar air a dhusgadh. Bha e seachd troidhean us naoidh oirlich a dh-airde, agus bfheudar da athair lobhtan taighe a thogail traidh no dha gus cothrom a thoirt dha air coiseachd a stigh gun a cheann a chromadh.

Chunna mise cota, botuinn, agus nithean eile a bhaige, ’s a tha air gleidheach gu curamach le bhraithrean. Dh-fheuch mi an cot umam, agusnuair nach burrinn domh a lionadh no faisg air, dh-iarr mi air dithis eile dhol comhlath rium, agus dhuin e umainn gun strith sam bith. Bha a bhotuinn ochd oirlich dheug a dh-fhad, agus rachadh agam air mo dha chois a chur innte gu soirbh. Ged a bha e cho mor so, cha n-itheadh e barrachd air duineile.

Chithear o na leanas gu robh e eadhon na oige anabarrach laidir. Bha e aon latha a treabhach le paidhir de dhaimh oga, agus dh-fhas iad gu math leisg air mun dthanig am feasgar, ’s bha iad ag iarridh moran greasaidh. Mu dheireadh ghabh e an fhearg, leig e as na daimh, rug e air an t-slabhridh e fein, ’s dh-iarr e air athair breth air a chrann, agus thoisich e air obairs chriochnich en treabhadh romh bheul na h-oidhche. Aig am eile bha dithis dhaoine a feuchinn ri bata lan truisg a thoirt gu tir agus bha e fairtleachadh orra. Thanig Mac Asguill Mor an rathad. Thuirt e ris na daoinedhol fear air gach taobh dhen bhata agus a chumail comhnards gun toireadh esan gu tir e. Ghabh e gu toiseach a bhata agus thug e aon draghadh air a toirt leis toiseach a bhata na laimh. Air uair eile, bha e tighinn gu tir le bata, agus bha na tuinn cho laidirs gun deachidh am bata thairis gle fhaisg air a chladach. Thoisich na gillean a bha air talamh tioram ri farraid a dheanamh air, ag radh gu robh a leor aig a Ghille Mhor ri dheanamh a nis, ach bu mhor an ioghnadh nuair a chunnic iad an Gille Mor a togail a bhat air a ghuallainnsa coiseachd gu tir leis, agus an sin a dol direach gu creig mhoir a bha faisg air laimhsa stracadh a bhata rithe gus an robh e na mhirean beaga, ag radh nach rachadh e cho faisg sid air duine bhathadh am feasda tuilleadh. An deigh so bha e uair eile le damh a toirt dhachidh craobh mhor bheatha gu connadh a dheanamh dhi; bha an damh aona chuid tuilleadh us rag gus a chraobh a thairuing, meo cha burrinn da. Dh-fhas Aonghas car crosta agus chuir e a chraobh air a ghuallainns thug e dhachidh i. Beagan uine an deigh sin thanig Frangach a Cheticamp gus a dhol a shabaid ri Mac Asguill. Bha e gle mhor as fhein, agus bha lan dhuil aige gun toireadh e am fear eile gu striochdadh. Am feasgar a bha aca ri sabaid, rug iad air laimh air a cheile, agus fhuair lamh an Fhrangich fasgadh cho dona, ’s gum bfheudar dha pairt dhe shaoghal an deigh sin a chur seachad ann an ospidal, a feuchinn ri mheoirean briste fhaighinn air an slanachadh. Air latha eile thanig e nall a cheannach nithean araidh bho Mhr. Munroe, a bhan uair sin ri ceannachd air an aitethan diugh aig mathair. Bha Munroe na dhuine mor laidir, ’s na shar ghleachdair, agus bha e gle dheonach air neartIc Asguill fheuchinn. An deigh moran tataidh dh-aontich Mac Asguill a dhol ris, agus mun robh fhios aig an fhear eile caiten robh e, bha e air a thilgeadh gu ceann thall an taighe a measg bharailtean us bhocsichean. Bha Munroe ag innse an deigh sin gu robh cnapan air a chliathichean far an drug e air.

(Ri Leantuinn.)


GHLEIDH EBHEATHA. —Molidh miseDr . Fowlers Extract of Wild Strawberry, oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh-aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois.
FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN



[30]

[Vol . 2. No. 4. p. 6]

MAISE NACH SEARG.

Nach maiseach ciuinthan ros afas,
S a bhilean tlath fodhn driuchd,
Aghriang a altrum suas le baigh,
S adearrsadh air a ghnuis!
Nach maiseach min na milltean blath
Thabarcadh suas bhon uir,
Asgeadachadh gach cluainus blar
Le ailleachd agus muirn!

Ach seargaidh iad air falbh mu seach,
N uairthig an geamhradh fuar;
Caillidh gach cluainus blath an dreach,
S caidlidh gach lusn an suain;
Sin mar a thachras do gach neach
A dhaindeoin mais’ ’us uaill,
Mar sgaile caochlaidh iad air fad
Fo ghlasan fuar na h-uaigh.

Na luchairtean as airde gloir,
Tuitidh iad sios gu lar,
Na prionnsachans na daoine mor,
Cha bhuainiad sin na cach;
An ionmhas airgid agus oir
Cha dion iad uair bhon bhas,
S an uair a chrionas iad fodhn fhod
S co-ionnan righus traill.

Nach lionmhor innleachd agus doigh,
Tha daoinecur an ceill
Ational airgid agus oir,
Sg an storadh suas le speis?
Gach cathus stritham measg an t-sloigh
An toir air gloir dhoibh fein,
A sheargas as mar bhlath an fheoir,
S an gloir cha mhairn an deigh.

Ach ma gheibh thusa tuigses ciall,
Bidh agad oighreachd bhuan;
Sin seudan a bha maiseach riamh,
S nach caill gu brath an luach;
Nin comhairlean a ghnath do dhion,
S le rian do chumail suas,
Bidh sithus toradh na do ghniomh,
S cha bhi do chrioch gun duais.

Na bac do lamhs na druid do chluas
Ri amhghair chruaidh nam bochd,
Bi baigheil ris gach deoiridh truagh
Tha iomadh uair fo sprochd;
An duine borb gun iochd gun truas,
Tha deanamh uailln a stoc,
Na shaibhreas cha bhi beannachd bhuan,
Us gheibh e duais a lochd.

Gach ni tha cliuiteach agus ard
Dean dichioll air a shealbh;
Mar lochran laiste suas le gradh
Biodh t-imeachd glan gun chealg;
Le eolas ceart biodh t-anam lan,
S do ghniomharan gun chearb,
Sin agad ionmhasan nach traigh,
S maise gu brath nach searg.


A DHAOIN UAISLE, —Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn.

Anns an am a chaidh seachad bha sealltinn sios mor aig na Gaidhil air na taillearan. Ged is in taillearachd ceaird as sine thair an t-saoghal, agus ged a tha i na ceaird cho feumailsa thann an diugh, gidheadh cha robh ina ceaird mheasail idirsna linnean a dh-fhalbh. Gu so a dhearbhadh cha n-eil aginn ach a thoirt fa near rann a bhiodh aig na seana Ghaidhil man timchioll.—

Cha bu duine taillear,
S cha bu duine dha dhiubh;
Chuireadh am fitheach le creig
Tri ficheadsa dha dhiubh.”

Gu fortanach than saoghal agus daoine an deigh atharrachadh, agus chan eil muinntirn lan diugh a sealltinn sios air fear-ceairde sam bith, ma tha edeanamh a bheolaind air dhoigh onarich. Tham fear a tha toirt a theachd-an-tir as an t-snathaid a cheart cho measail ri duine tha tighnn beo air doigh eile. Cha n-i ceaird duine a tha dolga dheanamh measail no mi-mheasail, ach a ghluasadsa dheanadas fein.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

LeighsidhMinard ’s Linimentcannabhrist.


Tha Dotairean ag radh nach dig Choleranad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh
K. D. C
do stamags cumidh e air falbh an Cholera.

Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.

Ainmich am paipear so.


BURDOCK BLOOD BITTERS

Riaghiltichidh en stamag, an gruans na h-airnean, glanidh en fhuils bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.

LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Donghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[31]

[Vol . 2. No. 4. p. 7]

Eadar-Theangachadh bhoUtopia.”

LE CABAR-FEIDH.

Mar so chuir mi for comhair, cho poncails a burrainn mi, mar a bha a chomh-fhlaitheachd sin air a deanamh suas, comh-fhlaitheachd a tha na mo bheachdsa chan e mhain an t-aon as fhearr a thanns an t-saoghal ach gu dearbh an aon te a tha darireadh a toilltinn an ainm sin. Anns gach aite eile chithear ged a tha sluagh a bruidhinn mu dheighinn comh-fhlaitheachd gur ann a tha na h-uile duine air toir a fhlaitheachd (no a shaibhreas) fein a mhain; ach an sud, far nach eil maoin aig duine sam bith dha fein, tha na h-uile duine gu h-eudmhor agiarraidh maith a mhor-shluaigh; agus gu firinneach chan eil e iongantach daoine fhaicinn ag oibreachadh air doigh cho eadar-dhealaichte bho dhaoine eile, oir ann an comh-fhlaitheachdan eile tha fios aig gach duine mur ullaich e air a shon fein, ge be cho soirbheachals a dhfhaodas a chomh-fhlaitheachd a bhi, gum feum e basachadh leis an acras, air doighs gum beil e faicinn cho neo-sheachantas a tha e dha a ghnothaichean fein a chuir air toiseach air gnothaichean a mhor-shluaigh, ach ann anUtopiafor am beil coir aig gach duine air gach ni tainnte, tha fios acuile ma theid aire thoirt air an ionmhas choitchionn a chumail lan nach urrainn easbhuidh a thighinn air aon duine sam bith, oir nam measga tha gach ni air a roinn gu h-ionann air dhoighs nach eil duine sam bith bochd no naach sam bith ann an eigin agus ged nach eil ni air bith aig duine air bith gidheabh tha iad uile beartach ri caitheadh-beatha ciuin agus suilbhir, saor bho iomagain, gun a bhi aon chuid a gabhail eagal a uireasbhuidh e fein no air a bhuaireadh le gearanaibh neo-chrochnach a mhna? Cha neil eagal air gun dthig truaighe air a chlann, ni mo tha e deanamh innleachd gu tochradh a chruinneachadh do chuid nighean, ach tha fois-inntinn aige an so gun dthig e fhein agus a bhean, a chlann agus clann a chloinne gu cia lion ginealachs a tha e comasach air smuaineachadh, beo ann am pailteas agus an sonas; a chionn nam measgsa nach eil nis lugha de churam air ghabhail dhiubhsan a bha aig aon uair ri obair ach na dheigh sin a dhfhas eucomasach air leantuinn rithe, na tha air a ghabhail ann an aitibh eile dhiubhsan a tha fhathast ag obair. Dheisdinn gu toileach ri duine sam bith a choimeasadh an ceartas a tha nam measgsan ris a cheartas a thameasg chinnich eile; gun rachamsa dhith ma tha mi faicinn ann an cinneach sam bith eile ni sam bith air am beil coltas coir no ceartas; oir ciod en ceartas a than so, gum bitheadh ard-dhuin uasal, or-cheard, fear-malairt airgid, no duine sam bith eile, a tha aon chuid diomhain buileach, no, aig chuid as fhearr, a thadeanamh nithean anns nach eil feum sam bith don mhor shluagh, beo ann an soghalachd agus ann an greadhnachas air sin a tha air fhaotainn ann an doigh cho olc, agus nach urrainn do dhuine diblidh, cairtear, gobha, no treabhaiche, a thag oibreachadh nis goirte na eadhon na h-ainmhidhean fhein, agus a tha ri oibre cho do-sheachautas nach burrainn do chomh-fhlaitheachd sam bith mairsinn re aon bhliadhna as eugmhais, a choisneadh ach teachd-an-tir cho bochd, agus beatha cho truagh a chaitheadhs gur mor gur fhearr staid nan ainmhidhean na a staid-sa? Oir ged nach eil na h-ainmhdhiean ag oibreachadh cho bitheanta gidheadh cha mhor nach eil iad air am beathachadh cho math agus le nis mo de thaitneas, agus chaneil ro-churam orra mun ni tha ri teachd, nuair a tha na daoine so air an cumail sios (air am mimhisneachadh) le seirbheis thruagh neo-tharbhach agus air an claoidh le eagal gainne nan seann aois: bho nach dean na tha iad a faighinn len obair-latha ach an cumail suas aig an am agus a tha e air a chaitheadh mar tha e tighinn a stigh, chan eil an corr air fhagail gu chuir seachad air son seannaois.

(Ri Leantuinn.)


Thug sinn iomradh air anIrish Echoromhe, agus cha ruig sinn a leas dad a radh mu dheibhinn an drasd, ach bheir sinn dar leubhadairean na thuirt esin aireamh mu dheireadh mu MHAC-TALLA. So mar a tha eg radh:—

Tigeann ann so cugainn gach aon t-seachtmhain paipeur beag luachmhar clobhuailte an Gaodhilig Albann, agus curtha amach ag Ceanntire Breatann, leis an saoi J. G. MacCinnon. Ta an paipeur beag so lan de nuaidheacht gacha seachtmhaine, agus so sgriobhtha an Gaodhailig mhilis na h-Albannach. Chimid artiogail ann o am go h-am sgriobhtha le sgolairidhibh maithe Gaodhailge, agus nil aon Eireannach leigheas teanga a thire fein nach d-tuigfeas iad. Deirmid so, do thabhairt le tuigsin nach bhuilf-poinn derfireach idir an da chanamhain. Se ainm an phaipeir so an MAC-TALLA, agus faghthar e ar dollarsan m-bliadhain.


Bha mis air mo leigheas de Bhronchitiss den chuing leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. A. LIVINGSTONE.
Lot 5, P. E. I.

Bha misair mo leigheas de dhroch loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN MADDER.
Mahone Bay.

Bha misair mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois leMINARD ’S LINIMENT.
JOSUA WYNACHT.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.



[32]

[Vol . 2. No. 4. p. 8]

Guth a Framboise.

FHIR DHESAICHIDH, —Is mor an toileachadh leam a bhi faicinn MHAC-TALLA dol am meud araon am paipear san leubhadh. Rinn thusa do roinn fein gu ro mhath, bu choir do na Gaidhil a nis an roinn fein dheth dheanamh le cur ga iarraidh. Chan urrainn Gadheal sam bith fiach dolar fhaotuinn na thigh nas fearr na bliadhna den MHAC-TALLA.

Tha am barr a coimhead moran nis gealltuiniche an so na bha muinntir an duil a bhitheadh e. Rinn na frasan uisge a thainig o choinn ghorid anabarr feum, s tha min duil nach bi am barr dad nas fhaide air ais na bha en uiridh.

Tha moran den muintir og air tighinn dhachidh as na Staitean a chur seachad teas an t-samhraidh, Tha iad uile a coimhead gle mhath gun dad a choire ach cho goirid sa tha iad a gealltuin fureach.

Ged tha iasgach a lin san dubhain nas fhaide air ais air na cladaichean so na bha e bho chionn bhliadhnichean, gidheadh tha muinntir an aite so air deanamh anabarrach math air iasgach ghiomach air an t-samhradh so, a leigeil fhaicinn dhuine ged tha freasdal a cumail bhuain pairt den iasg gidheadh gu bheil e fosgladh a lamh gu pailt anns a phairt eile.
Is mise le durachd,
CEANN LIATH.


A CATALONEThanig triuir bhraithrean, Iain, Domhnull us Alasdir Mac-Ille-Mhaoil, dhachidh o chionn ghoirid an deigh dhaibh a bhi air falbh fad aireamh bhliadhnichean. Bha cheud fhear air falbh o chionn da bhliadhna dheug, ’s chuir e na sia mu dheireadh dhiubh seachad am baile Chicago. Chunnic e moran de ioghnaidhean an t-saoghil aig an fheill mun danig e dhachidh, agus bha e mar an ceudna aig a choinneamh a thug ChoinnIlleathain don ceann-cinnidhsa bhaile sin. Bhan dithis eile air falbh, fear fad choig bliadhna deugs am fear eile fad dheich bliadhna. Tha sinn gle thoilichte bhi faicinn nan gillean ogatighinn dhachidh mar so, ach mar is trice nuair a thig iad cha dean iad ach fuireach gle ghoirid. Tha sinn an dochas co dhiu gun dean iad so fuireach aig an tigh nas fhaide nas abhaist do mhoran a bhi deanamh.

Tha rionnag-smuid ri faicinn san athar an drasd. Chunnacas i le glainneachan o chionn ceithir latha deug, ach a nise chithear i leis an t-sul. Tha i deanamh astar math a h-uile lathasa h-aghaidh ris an ear-dheas. Tha i mu dheich muillein fichead de mhiltean air falbh.

LeighridhMinard ’s LinimentDeideadh.


Slainte dona Gaidhil Ghasta

a phaigheas am MAC-TALLA. So ainmean muinntir a phaigh dolar air a shon gu toiseach Iulaidh, 1894.

Uilleam Patterson, Forks Shidni,
Seumas Patterson, Glace Bay.
Calum Domhnullach, Tarbut , St. Anns.
Antoni Mac Fhionghain, Big Pond.
Micheal Mac Fhionghain, Lakeville .
An t-Urr. A. Mac Gillebhrath, an Lios Mor, Pictou, N. S
Iain Grannd, Laggan, Ontario .
Ruairidh Moireastan, Mac Crimmon P. O., Ont.
Iain Domhnullach, Antigonish.
Iain Mac Neacail, Oban.
Calum MacIilios, Margaree.
D. D. Mac Pharlain, B . C. Chapel,
A. N. Mac Faidean, Malagawatch.
J. D. Mac Phearsain, Green Marsh, P. E. I.
Niall Mac Gilleain, Fourchu.
Aonghas Buchanan, Marsh Lake.
Niall Mac-Phearsain, Sidni.
Alasdir Mathanach, Sidni.

Feasgar Diordaoin, air an t-seachdain sa chaidh, bha stoirm mhor uisge ann an cearna de dh-Eilean Phriunnsa Iomhair Dhoirt an t-uisge cho brass gu robh moran dhen fhearann air a chuir fodha, agus bha call mor air a dheairamh air barr. ’S i stoirm cho donasa dh fhairicheadh riamh air an eilean.

Se K. D. C. an leigheas as fhear rag tha ri fhaotinn air son droch stamag.

LeighsidhMinard ’s Linimentlosgidhean.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.

titleIssue 4
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 4. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page