[Vol . 2. No. 40. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE APRIL 28, 1894. No. 40.
Domhnull Grannd.
An déigh do na Stàitean Aonaichte bristeadh a mach o riaghladh Bhreatuinn, dh’ fhàg moran dhaoine an dùthaich agus thog iad fearainn ann an Canada, air ghaol a bhi fo’n aon bhrataich sa bha ’n aithrichean. Am measg chàich bha àireamh mhath de Ghaidheil, agus tha moran de’n sliochd air an latha ’n diugh ann an siorramachd Ghlinn-a- Garaidh agus an aitean eile an Ontario. Bha aon duine còir da’m b’ainm Domhnull Grannd, a thog air còmhla ri càch. Bu sheann saighdear e a chog air taobh Thearlaich sa bhliadhna 1745, agus a rinn uile dhichioll an déigh blàr chùl-fhodair air am prionnsa a chumail a làmhan a ’naimhdean. Bu duine e a bha gle mhath air innseadh sgeòil, agus an deigh dha tighinn gu bhi na sheann duine cha bhiodh e ’m feasaa sgith dhe bhi ’g aithris air na cruaidh-chasan troimh ’n deachaidh e féin ’s a chàirdean air an turus gu Gleann-a- Garaidh; agus le bhi ’g an aithris cho tric, cha b’ ann a dol na bu mhiosa bha na naidheachdan idir, ach na b’ fhearr. Aon uair, thaghail an t-Easbuig air. Bha e fèin us Dòmhnull nam fior chàirdean, agus bha e cho deigheil air a bhi ’g eisdeachd ris na naigheachdan aige ’sa bha Dòmhnull air a bhi ’g an innseadh. Fhuair e eachdraidh an turuis o Dhomhnull o thoiseach gu deireadh, agus cha b’ eachdraidh fhaoin i. Chuir i a leithid adh ioghnadh air an Easbuig ’s gu’n tuirt e ri Dòmhnull,— “ ’S ann a tha mi féin an dùil, a Dhomhnuill, gu robh do thurus as na Stàitean gu Gleann-a- Garaidh faisg air bhi cho làn iongatasan sa bha turus Mhaois air ceann nan Israelach a dol a mach as an Eipheit. “Maois!” arsa Domhnull, “Thug Maois da fhichead bliadhna ag oidhearpachadh air a dhaoine thoirt thairis air fàsach nach robh faisg cho fad no cho farsuinn ris na fàsaichean coillteach troimh ’n tug mise mo dhaoine, agus an deigh gach strith a rinn e cha tug e mach Tir a Gheallaidh. Thug mise mo chuideachd a Ghleann-a- Garaidh gun uiread us aon duine chall.” Cha robh duine beò a bheireadh air Domhnull Grannd còir a chreidsinn nach b’e fhéin ceannard agus fear-iùil moran a bu tapaidhe ’s bu ghlice na Maois an latha b’fhearr a bha e.
An Cluaran.
Is e ’n cluaran suaicheantas, na h-Alba o chionn iomadh bliadhna ’s linn. Cha’n eil e ro fhurasda nis a dheanamh a mach le firinn c’ uin no cia mar a chaidh an t-urram sin a bhuileachadh air, oir cha ’n eil eachdraidh sgriobhte a tha ’cur solus sam bith air a chùis. Ach ged nach eil eachdraidh ann tha beul-aithris ann a tha cur an céill na dòigh anns an d’thàinig e mu’n cuairt, agus ma ’s fior e, ’s math a’s airidh an cluaran còir air ainm agus urram. So mar tha am beul-aithris ag radh:—
’Nuair bha na Lochlunnaich a creachadh ’s a’ sgrios nan dùchannan a bha deas orra, cha d’ rinn iad Alba a sheachnadh, ach fad àireamh mhor bhliadhnaichean b’ iad an aon namhaid a bha ’cur iomguin agus eagail air righrean, ’s air sluagh na righeachd sin. Thigeadh iad le’m bàtaichean caola, fada, mar sgaoth speachan, agus air uairibh cha robh doigh no innleachd air an cumail air falbh. Chog na Gàidheil na’n aghaidh gu duineil treun, ach ged chuireadh iad an ruaig orra aon uair, cha b’ fhada gus an tilleadh iad air an ais cho lionmhor agus cho gionach ’sa bha iad riamh. Air aon uair bha na Gàidheil ’s na Lochlunnaich air campachadh mu choinneamh a chèile, deiseil gu dhol a chur a chath air an latha na mhàireach. Cha robh e air a mheas aig an am sin, mar nach eil an diugh fhéin, ceart no uasal do aon fheachd feall-fhalach a dheanamh air feachd eile, no tighinn orra le foill ré na h-oidhche. Chaidil na Gàidheil gu socrach, sàmhach, air an oidhche sin, gun eagal foille no gniomh mi-onarach sam bith orra. Ach ’s ann a ghabh na Lochlunnaich cothrom an dorchadais agus chuir iad rompa tighinn air na Gaidheil gun fhios daibh agus bristeadh a stigh do’n champ aca far am biodh làn chothrom aca air am murt ’s am marbhadh. Chuireadh am feachd an òrdugh agus dh’fhalbh iad gu sùnndach, gun smid ri radh aig gin dhiu, agus a h-uile mac màthar air a chasan rùiste air eagal starbraich sam bith a dheanamh a bheireadh caismeachd dhaibhsan air an robh iad a dol a choimhead. Ach mar bha ’m breamas an dàn dhaibh, sheas aon spògaire mor air cluaran geur, stobach, agus chaidh na biorain fada, caola ’n sàs am bonn a choise. Cha b’am sin gu fuireach tosdach, agus e leig sgriach eagallach as, a chluinnte air seachd beallaich. Dhùisg na Gaidheil agus ann am priobadh na sùla bha gach duine fo ’armachd, ghabh iad an coinneamh nan Lochlunnach agus chuir iad an ratrend orra le sgath mor. Agus ’nuair a thuig iad ciod a dh’ aobharaich an sgriach a thug caismeachd dhaibh, chuir iad rompa gu’m biodh an cluaran mar shuaicheantas aca o sin a mach. Sin agaibh sgeul a’ chluarain.
Tha dithis fhòghlumaichean òga mhuinntir a bhaile an deigh tighinn dhachaidh air a mhios so ’s iad ’nan dotairean. ’Siad sin Tomas Mac Leoid, mac do’n Urr. Dotair Mac Leoid nach maireann, agus Somhairle Mac ’Ill-fhinnein. Tha sinn a faicinn gu bheil gillean an eilean so a deanamh gle mhath anns na h-oil-thighean air a bhliadhna so, mar b’ àbhaist dhaibh a dheanamh. ’Sann faisg air Sidni so a rugadh ’sa thogadh aon de na lighichean a’s ainmeile tha ’n dingh ann am baile New York, an Dotair Fearchar mac Fhearghais.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
[Vol . 2. No. 40. p. 2]
NA SEAN-FHACAIL.
III.
“Gaol an fhithich air a’ chnaimh.”
CHA dean am fitheach feum sam bith de chnaimh lom, agus uime sine is e an cnaimh air am faigh e a’ bheag no ’mhor dech rimeadh air am bi gaol aige.
Tha moran ann a tha ’cumail a mach gu bheil gaol aca air muinntir an uair nach ’eil aca orra ach gaol an fhithich air a’ chnaimh. Tha moran de nadur feolmhor, truaillidh an fhithich anns a’ mhuinntir so. Cha ’n eil e idir doirbh do dhuine glic, geur-chuiseach, dealachadh a chur eatorra so agus a’ mhuinntir anns am bheil nadur glan, uasal a’ chalamain.
“Fios fithich gu roic.”
Is anabarrach comharraichte mar a chruinnicheas na fithich as gach aird a dh’ ionnsuidh na closnaich mu’n gann a gheibh an t-ainmhidh bas. Bha na seann daoine ann am beachd gu robh fiosachd aca. Air a’ cheart dhoigh theid na daoine a tha salach, truallidh ’nan nadur a dh’ ionnsuidh an aite anns am faigh iad am miannan truillidh a shasuchadh. Mar a chi suil gheur an fhithich a chlosnach ’s e g itealaich seachad anns na speuran, chi an duine truaillidh mar an ceudna an ni a tha truaillidh.
“Cha tugadh am fitheach an t-suil do’n isean.”
Tha ’m fitheach, neo-ghlan, salach ’s mar a tha e gu nadurra, miadhail gu leor air ’alach fhein. Ach mar a tha am facal ag radh, cha tugadh e suil a’ bheathaich mhairbh d’a isean fhein. Is minic a bha daoine an aghaidh blasad air an t-suil an uair a chuirte ceann na caorach fa ’n comhair air a’ bhord, an deigh dha bhith air a ghlanadh ’s air a dheasachadh gu math ’s gu ro mhath, agus an am a bhith moladh cho math ’s tha ’n t-suil ri ’h-itheadh, theirte, “Cha tugadh am fitheach do ’n isean i.”
Tha e ro chomharraichte gur i ’n t-suil a’ cheud ni a dh’ itheas na fithich agus na feannagan de’n bheathach mharbh.
Tha cuid ann a dh’itheas an greim a’s fhearr de’n bhiadh eadhon ged a bhiodh a’ chlann falamh. Is iomadh fear agus te a tha ’caitheamh moran ann am biadh ’s an deoch a bharrachd air na tha feumail, an uair a tha eis bidh aodaich is caiseirt air an teaghlaichean.
“Nead air Nollaig, ugh air Innid, ’s eun air Caisg, mur bi sid aig an fhitheach bithidh am bas.”
Tha e coltach gur e am fitheach eun cho trath air a’ bhliadhna ’sa ni nead ’s a th’ anns an ealtuinn. Is e a nadur so a dheanamh, agus fhad ’s a bhios am fitheach beo bidh e air a riaghladh le a nadur.
An ni a tha nadurra do dhaoine ni iad e fad ’s a bhios iad fo riaghladh lagh naduir. Ma ni duine droch cleachdadh sam bith dha fhein, thig e an ceann uine gu bhith dha mar lagh naduir. Tha ’n lagh so a’ faotainn a leithid de laimh-an-uachdar air ’s gu bheil e dha, eadhon anns a h-uile suidheachadh, agus aig a h-uile am, mar riaghailt-stiuiridh. Aig gach am agus anns gach aite bidh e sior chur an ceill a naduir ann a bhith meudachadh aireamh na muinntir a tha cho dubh, dona ris fhein. Mar nach sguir am fitheach dhe ’dhoigheannan gus am faigh e bas, cha mho na sin a sguireas an duine dubh, truaillidh dhe dhroch cleachdaidhean gus am faigh a nadur truaillidh bas.
“Cha do bhrist Fionn riamh barr-iall a bhroige.”
An uair a bhios a’ mhuinntir og a’ ceangal am brogan is gle thric leotha na barr-eill a bhristeadh le bhith ’gan tarruinn ro laidir. A chum toirt orra an aire mhath a thoirt nach bristeadh iad na barr-eill an am a bhith ’gan ceangal, innsear dhaibh nach do bhrist Fionn, ged a b’e fear bu treine a bh’ anns an Fheinn, barr-iall a bhroige riamh—dheanadh e gnlomh bu treine na so.
Tha ni no dha anns an t-sean-fhacal so air an coir dhuinn beachd a ghabhail. Far am bheil an duine treun, gaisgeil, cha ’n fhiach leis a neart a chur an ceill an am a bhith deanamh ni sam bith anns nach ruigear a leas neart a ghnathachadh. Cha bhuail am fior dhuine treun lamh no cas air namhaid an uair a bhios e ’na shineadh lag, fann air a bheulaobh. Cha’n fhiach eadhon leis a’ chu mhor glamhadh a thoirt air cu beag. An duine aig am bheil meas air fhein bheir e an aire an comhnuidh nach cuir e a lamh ann an gniomh beag, leibideach.
Ach is i cheisd, An robh brogan riamh air Fionn? Mur robh brogan riamh air cha b’ urrainn e na barr-eill a bhristeadh. Beagan taing do dhuine air son an t-olc sin a sheachnadh nach d’ thainig riamh ’na rathad.
Is i mo bharail fhein nach robh brogan riamh air Fionn agus gur ann air son so a thuirteadh nach do bhrist e riamh barr-iall a bhroige.
“Is toigh leam aran a’ bhodaich, ach cha toigh leam anail a’ bhodaich.”
Is iomadh maighdionn mhaiseach, og a phos bodach air ghaol gu faigheadh i biadh is aodach is caiseart, agus caitheamh-beatha socrach, comhfhurtail o latha gu latha, Is tric a chi sinn muinntir a ghabhas airgiod is or o dhaoine air nach ’eil a’ bheag de mheas aca. Gabhaidh gu leor anns an duthaich airgiod o ’n mhinistear air latha na seachduin ged nach fhiach leotha dhol g’a eisdeachd air latha na Sabaid.
“B’ fhearr a leith an de na uile gu leir an diugh.”
Is iomadh ni a dheanadh feum do dhuine an de nach dean feum sam bith dha an diugh. A’ chungaidh-leighis a dheanadh feum do ’n duine thinn an de, faodaidh e bhith nach dean i feum sam bith an diugh dha.
Ma tha toil againn math a dheanamh, deanamaid gun dail e—mar is traithe ’s ann is fhearr.
“ ’S ann latha roimh ’n bhas bu choir do dhuine ’sharfhacal a thoirt.”
Their cuid gu tric, Cha dean mi sid, ’s cha dean mi so ri mo bheo-shaoghal. Is beag a tha dh’ fhios aig duine sam bith ciod a ni e le a shaor-thoil fhein mu ’m fag e an saoghal, no idir ciod a bheir mealltaireachd an t-saoghall, agus an crnaidh-fhortan air a deanamh.
“Is iomad rud a thig air laogh
Nach do shaoil le mhathair.”
Is iomadh atharrachadh a thig air beachdan ’s air cleachdaidhean dhaoine a thaobh nithean aimsireil agus spioradail ann uine gle ghoirid.
“Math ri seann duine,
Math ri ann-duine,
’S math ri leanabh beag,
Tri mathan nach bi fad’ air chuimhne.”
Cha bhi cuimhne fhada aig seann duine air a’ mhath a rinneadh ris, do bhrigh gu bheil e gu nadurra anabarrach neo-thaingeil, agus mar sin, nach bi cuimhne aige air a’ mhath a bha; agus cha bhi cuimhne fhada aig an leanabh bheag air a mhath a nithear dha, do bhrigh nach ’eil e ’n comas dha ni sam bith, biodh e math no olc, a chumail fada air chuimhne.
[Vol . 2. No. 40. p. 3]
“Talach a’ ghille ghlic—na gheibheadh e a ghabhail.”
Is iomadh fear aig am bheil ceann liath nach d’ fhoghlum riamh an deagh leasan so—na gheibheadh e ’ghabhail gu toileach, biodh e beag no mor. Cha ’n ’eil so idir a’ ciallachadh gur coir dhuinn a bhith lan-riaraichte le beagan dhe na nithean air am bheil lan-choir againn; ach ’s e tha ciallachadh gur coir dhuinn gach ni a gheibh sinn le gean math a ghabhail gun a bhith talach air, agus mar an ceudna, a chion ’s nach fhaigh sinn ar coraichean gu leir gun am beagan a thairgear dhuinn dhiubh a dhiultadh.
“Is beag orm fear-fuadain ’s e luath a’ labhairt.”
Cha chuala sinn riamh a bhith moladh na muinntir a bha luath-bheulach. Ach dona ’s mar a tha am fear-eolais a bhith luath a’ labhairt, tha e moran ni ’s miosa am fear-fuadain a bhith mar sin. Bu choir do gach neach a bhith ealamh gu eisdeachd, agus mall gu labhairt. Is ainneamh neach air an robh aithreachas air son a bhith samhach; ach is lionmhor iad air an robh aithreachas air son labhairt.
“Guth na faoileig aig an sgaireig.”
Theirear, a’ sgliurach, ri isean na faoileig gus am bi e bliadhna dh’ aois. Theirear, a’ sgaireag, ris o aois bliadhna gu aois da bhliadhna. Bidh an sgliurach breac glas, air dhath an uibhe, agus cha bhi guth na faoileig idir aice. Ach bidh an sgaireag air dhath na faoileig, agus bidh guth na faoileig aice.
Mar is trice aithnichidh sinn a’ chlann air cainnt am parantan—gu sonraichte, air cainnt na mathar. Ma bhios comhradh turail, tuigseach anns an teaghlach, bidh e dualach do ’n chloinn gu’m bi iad turail, tuigseach mar an ceudna. Is i a’ chainnt a’ chluinneas iad a bhios aca.
“Is iomadh leith-sgeul a th’aig an earrach air a bhith fuar.”
Is iomadh leith-sgeul a th’ aig an duine a th’ air a riaghladh le miannan naduir air a bhith ’caitheamh a bheatha mar a tha e’ deanamh.
“Is sleamhuinn a’ chlach a th’ ann an dorus an taighe-mhoir.”
Is minic a chunnaic sinn maighstirean agus luchd-muinntir nan taighean-mora a’ tuisleachadh, agus a’ tuiteam o’n inbhe aird. Tha e gle dhuilich falbh socrach le cupan lan. Is beag an t-aobhar air son am faodar luchd-muinntir nan taighean-mora a chur as an aiteachan.
“Beul sioda agus cridhe cainbe.”
Mar is trice cha n’ eil am beul agus an cridhe idir a reir a cheile. Tha e gu tric a’ tachairt gur ann mar is mine, agus is milse na briathran a labhras duine, is mealltaiche agus is cealgaiche a bhios a chridhe.
Biomaid air faicill o ’n mhuinntir mhilis, bheulaich, bhriathraich, shleamhuinn a bhios g’ ar sior mholadh an clar an aodain, agus is docha a chuireas reis dhe ’n teangaidh a mach a’ magadh oirnn an uair a bheir sinn ar culaobh riutha.
“Is beo na h-eoin ged nach seabhaig.”
Faodaidh duine a bhith beo ged nach biodh e air a bheathachadh gach latha le feoil ’s le sithinn. Faodaidh duine a bhith beo agus comhfhurtail gu leor, ged nach biodh e ’na chualaidh-eagail do na h-uile creutair a bhios mu’n cuairt dha.
IAIN.
’S ann aig D. J. Domhnullach a’s sraid Wentworth a tha ’m bathar air gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de shrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.,
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 40. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, APRIL 28, 1894.
Tha side bhriagha bhlàth aca ann an Canada Uachdrach, agus tha na tuathanaich ag obair gu trang air curachd.
Thainig seachd fichead de ghillean Albannach air tir ann an Halifax air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh iad gu baile Bhrockville ann an Ontario far am beil iad uile dol a dh’ fhaotainn dachaidhean.
Bha acarsaid Halifax toiseach na seachdain so air a dùnadh a staigh le deigh air chor ’s nach robh e comasach do long no do bhàta a dhol aona chuid c mach no staigh. Cha robh i dùinte le deigh roimhe o chionn da fhichead bliadhna.
Chaidh fear Alasdair Domhnullach, a bha ’g obair anns an fhactoridh bhròg ann an Sidni a Tuath, as a rian oidhche Di-sathairne s’a chaidh, agus ’sa mhaduinn Di-luain b’fheudar a thoirt dh’an tigh chaothaich anns a bhaile so. Bha choltas air o chionn treis a dh’ùine nach robh e na àite fhéin.
Sheòl soitheach-smùide as a Ghearmailt toiseach a mhìos so air son tigh’nn a ghabhail luchd guail ann an Sidni. An deigh dhith a bhi air an uisge beagan laithean, fhuaradh air bòrd ochd deug de ghillean Gearmailteach a bha air iad fèin fhalach anns an toll an dòchas gu’m faigheadh iad am faradh a ghoid. Ach an àite ’n toirt tharis air an Atlantic, mar a bha iad an duil ’s ann a chaidh an cur air tir ann an Sasuinn.
NAIDHEACHDAN.
Tha dò-bhliadhnach mairt aig Mr. R. R. Moireastan ann an Gabarus a bhleòdhnas de bhainne ann an latha na ni da phùnnd ime.
Tha e air a radh gu bheil airgiod meallta a dol mu’n cuairt gu math pailt an dràsda. ’Se buinn leth-dollar us cairteal dollar a’s pailte. Bu choir do gach neach a bhi air fhaiceall.
Tha muinntir Eilean a Phrionnsa ’g am faireachadh fèin gle fhad air chùl air a gheamhradh ’s air an earrach so. Bha ’n t-side cho stoirmeil ’s gu robh na bàtaichean-smùide air an cumail gle thric air deireadh, agus bha iad gu tric ann an cunnart. Ach ’nuair thig an samhradh nithear suas an call.
Tha aon de phaipearan naigheachd Phictou ag innseadh mar ni iongatach mu bhan-Innseanach no Sgua a mhuinntir Eilean a Phrionnsa a bhruidhneas Gailig. Tha duine ’sa bhaile so ag radh gu bheil, no mur eil gu robh, Innseanach de’n ainm Pierre Clemo ann an Baddeck a bhruidhneadh Gàilig, Beurla agus Frangais, a bharrachd air a chainnt bhòidheach mhàthrail fhèin, Mic-mac. Cha’n eil Gàilig am beul Innseanaich ’san dùthaich so na ni annasach idir.
Cha’n urrainn do Bhreatuinn a radh gu bheil i cuibhteas an aimhreit ann an Africa fhathast. Tha righ no ceann-feadhna da’n ainm Kabha Rega a cur moran dragha air na daoine geala a nis o chionn fichead bliadhna no còrr, agus tha feachd Breatunnach an dràsd air falbh gus am tòrachd a thoirt a mach. Cha’n eil teagamh sam bith nach faigh iad buaidh, ach faodaidh gu’m bi iad gu math searbh dheth na daoine dubha mu’n toir iad fo chìs iad, oir tha iadsan aig an dachaidhean fèin agus eòlach air an duthaich, ’s tha na Breatunnaich cha mhor tur aineolach oirre.
Bha baile Charlottetown o chionn bliadhna no dha gun lagh no reachd sam bith an aghaidh creic stuth làidir. Cha robh aig duine sam bith ri còir creic a cheannach, ach bha lan chead aig gach aon air a chreic fhad ’sa bhiodh iad leagte ri riaghailtean beaga a rinn seanairean a bhaile a thaobh uairean agus am fosgladh us dùnadh nan taighean òil. Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh bha cothrom aig an t-sluagh air am barail innseadh, ann biodh no nach biodh e iomchuidh an Scott Act a bhi na lgha ’sa bhaile, agus bha da bhòt air fhichead a bharrachd dhe’n bharail gu’m bitheadh. A réir coltais tha’m baile air a roinn gu math cothrom eadar càirdean agus naimhdean Mhic-an-Tòisich.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Leabhraichean Giliag.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 40. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Tha ceithir cheud gu leth mile (450) de rathad-iaruinn a nise fosgailte air a Ghàidhealtachd; bha sia mile deug (16) dheth sin air fhosgladh air a bliadhna so ’dh’fhalbh. Ann an sia seachdainean air an earrach so thugadh a stigh air an rathad suas ri da fhichead mile punnd Sasunnach.
Aig co-chruinneachadh bliadhnail oil-thigh Dhalhousie thug an triùir a leanas a mhuinntir Cheap Breatunn a mach an onair, B. A. —Melvill F. Grannd, Cow Bay, Iain-an-Tòisich, Malagawatch, agus Aonghas Mac Aoidh, Grand River. Is mac Mr. Grannd do’n Urr. Uilleam Grannd, ministeir Chow Bay, agus ogha do’n àrd sgoileir, an t-Urr D. B. Blair nach maireann.
ThaPoliticsann an Newfoundland air an earrach so na’n droch bhrochan. Bha taghadh aca o chionn mios no dha agus an dèigh do aon phàirtidh an cumhachd fhaigbinn ’nan lamhan féin, chuir a chuidhle car dhith agus fhuair a’ phàirtidh eile stigh. Tha iad a nis mar gu’m b’eadh aig stad agus tha roinn mhath dheth na fir-ptàrlamaid ’gam fenchainn air son a bhi deanamh droch fheum a dh’aigiod mu am an taghaidh, agus a rèir a choltais tha iad uile ann an tomhas beag no mhor ciontach.
Thatar a toirt oidhirp aig an am so air toirt orrasan aig am beil an stiùir ’sa Phàrlamaid Bhreatunnach, airgiod a chur air leth air son ròidean a dheanamh dh’ ionnsaidh nan taighean-sgoile ann an eilean Leòdhais. Bha suim mhath airgid air a chosg air na roidean sin an uiridh ach cha robh idir gu leòr ann gus an criochnachadh, agus mar sin cha d’ rinn an t-airgiod faisg uiread a dh’ fheum ’sa dheanadh e na’m biodh tuilleadh air a chur na cheann. Tha chlann ann an cuid a dh’àiteachan a faotainn tàire mhor a dol dh’an sgoil.
Tha fios a Newfoundland ag radh gu bheil iasgach nan ròn gu bhi fad air deireadh seach mar a b’àbhaist ’sna bliadhnaichean roimhe so. Bha na ròin pailt gu leòr ach bha’n t-side cho stoirmeil ’s nach robh dòigh aig na soithichean air an glacadh. Ach bha àireamh mhor dhiubh air an glacadh mu na cladaichean, far nach b’ abhaist dhaibh a bhith idir. Rinn na stoirmeannan an cur as an rathad air na soithichean agus an cur gu dorsan nan iasgairean bochda air tir, dha’m bheil e na bhuannachd mhor. Tha mu cheud mile ròn aig luchd na tir air an glacadh mar tha agus tha e air a mheas nach bi an àireamh sin aia an glacadh lies na soithchean uile gu léir. ’Smath fior an sean-fhacal a tha ’g ràdh nach eil bàs duine gun ghràs duine.
Tha na gualadairean ann am méinn Joggins, ann an Nova Scotia nan tàmh an dràsda a dùltadh obair a dheanamh. Sguir iad maduinn Di-Satharine s’a chaidh. Tha còir us tri cheud duine gun obair air tàilleabh sin.
AN T-SIDE. —Tha’n taobh so dhe’n eilean fhathast air a dhùnadh a stigh le deigh agus tha i cur ceò agus fuachd oirnn nach biodh againn idir na’m biodh i air falbh. Tha ’n deigh air na h-acarsaidean fhathast ach tha i dol na’s laige na h-nile latha. Bha uisge mor ann oidhche Di-luain, agus bha beagan de thairnneanaich ’s de dhealanaich ann mu mheadhon oidhche
Tha seana bhean da’n ainm Peigidh Nic Artaia, ann an Ichrachain ann an Siorramachd Erra-Ghàidheal a tha ceud bliadhna ’s aon a dh’aois. Tha i slan fallain, agus cho cridheil, sunndach ri mnathan nach eil a leth cho sean rithe. Leughaidh i Gàilig us Beurla gu fior mhath, agus air an Nollaig s’a chaidh fhnair i gini (21s.) mar dhuais o phaipear-naidheachd a chionn gum b’ i leughadair bu shine bha ’ga ghabhail. Leughaidh i am Biobull Gàilig gun uiread us speuclair a chur oirre. Tha i ris a phoib o chionn tri fichead bliadhna.
Rinn an Siorram Mac Eachuinn òraid anns an Oban o chionn ghoirid, anns an Ard-sgoil, agus am measg nithean eile thubhairt e gu robh dà shluagh air an domhan a bha fad os ceann chàich. Cha robh teagamh sam bith aige nach b’iad na h-Iùdhaich, sluagh taghte Dhé, a b’airidh air a cheud àite, agus b’iad na Gàidbeil a b’fhaisge dhaibh. Dh’ earralaich e air na sgoilearan a bhi dichiollach ag ionnsachadh gach ni a b’ urrainn doibh, agus na’n deanadh iad sin nach leigeadh iad a leas cùran a bhith arra nach soirbhicheadh leotha, oir cha robh ann a b’ fhearr a gheobhadh air an adhart le ionnsachadh na na Gaidheil.
Iadsan a Phaigh.
Iain Mac Isaic, St . Andrews, N. S.
Iain Domhnullach, Pinkie Town,
Lachuinn Peutan, Halifax ,
Ruairidh Mac Leéid, Dunbheagain, Ont.
D. M. Caimbeal, “ “ 50c.
R. I. Grannd, Cashion ’s P.O. “
An t-Urr. Iain Gillios, Dundas , P. E. I.
E. Gillios, Murray , Har. S. P. E. I
Iain Mac Calmain, Rudha Phrim,
Fionnludh Mac-a- Ghabha, Bail-ur, “
Iain Caimbeal, Beinn ’Ic Mhannain, “
Uisdean Mac Aoidh, Garfield , “
Muracha Mac leoid, “ “ 25c.
Alasdair Ross, M. D., Drochaid, Abhainn Vernon, P. E. I.
Iain D. Mathanach, St . Peters, C. B.
Aonghas Domhnullach, Bridgeport “
Iain A. Mac Phàrlain, S . W. Margaree, C. B.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 40. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
AN latha na mhàrach ghabh mi slàn le Port Righ agus chaidh mi air bord bàta smùide beag tapaidh d’am b’ainm “Lochiall” agus a bha gu ar tabhairt gu Loch na Madadh. Bha an latha ciùin grianach agus am beagan gaoithe a bh’ann ’s ann bho’n iar-thuath a bha i. Aig sia uairean agus air a mhionaid dh’fhuasgladh na càblaichean agus sud suas ri cois cladach Thròtarnaish sinn ann an tiobadh. Mu thuaiream beagan mhilltean an iar-thuath air Port Righ tha uamha a Phrionnsa. Chitheamaid i na toll dubh agus cha mhòr nach cluinneamaid torman nan tonn mar a bha iad a brùchdadh a mach agus a steach innte. Cha ’n eìl fios agam c’ar son a thug iad “Uamh a Phrionnsa” orra so seach te eile. A réir coslais cha bhiodh mòran tàimh aige innte ’nuair a chuireadh an làn mara na chabhaig e. Tha na h-uidhir do dh’ uamhannan dhe’n t-seòrsa so air feadh na Gaìdhealtachd a’ giùlan an ainm cheudna. Ach gu mo sgeul. Ann am beagan uine bha sinn ann an acarsaid Staffa, agus thug sinn do bhata mòr ràmh mòran do ghoireasan na beatha so ann am pocannan, agus bocsaichean agus baraillean. Ged a bha sinn ùine ghasda bho’n chladach chitheamaid na tighean agus na raoinntean arbhair air an aonaich. Saoilidh feadhain a chaidh a bhreth agus àrach ’s an dùthaich so gur a tighean bòidheach le’m ballachan gealla agus tubhadh sgliatan fiodha(shingles)no cloiche(slates)orra a a bh’ annta. Cha’n e sinn a th’annta ach tighean a tha am ballachan dùmhail air a dheanamh cuid do cheapan agus cuid do chlachan le glut-lionadh ùrach eadar an dà bhalla. Tha an sin na maidean ceangail le’n sparan-gaoithe air an togail agus tha tri srethan thaobhan air an cur mor thiomchioll. Tha an sin na cabair air an cur orra agus tha iad so uile air an ceangal le siaman murain gus nach carraich iad. Tha an sin an sùgan connlaich no murain air a shuaineadh timchioll na srethan ’an uidhe began òirleach bho chèile o bhàra a bhalla gus a mhaide droma. Tha an sin a chonnlach, air a tarruing gu rèith, air a càradh gu h-eireachdail còmhdach air còmhdaich air muin so gus am bheil gu leòr air. Tha an sin a mhathair shiamain air a suaineadh mor thiomchioll aig bun bachd agus tha an siaman fraoich air chur na shrethan tarsuing air a mhullach agus air a cheangal ris a mhathair shiamain le doirneagan matha chlachan ris an abair iad na h-acraichan. Anns a mhor chuid dhiubh cha ’n eil uidhir simileir. Tha an teine air meadhon an ùrlair agus tha cead aig a cheò a bhi pògadh gach ni ’s an tigh mu ’s faigh i ’mach air an luidheir. Ach gu mo sgeul. Dh’fhàg sinn Staffa agus thàinig sinn air aghart ri cois a chladaich gus mu dheireadh an d’thàinig sinn ’am fianuis a chladaich an Iar. Chum sinn air aghart tarsuing a chuain Sgiathanaich le brìtheas beag do ghaoith an Iar thuath agus na tuinn gu leisg ach gidheadh morchuiseach g’ar tulgadh. Tha so a’ toirt air cuid dhe’r luchd turais a bhi faireachdain rud éigin neònach, agus mu dheireadh thall chiteadh fear thall ’s a bhos a cur nam buinn rithe gu cliathaich a bhàta ni a thug na’r cuimhne an luineag.
“Sasunnaich le’m bial ’s le ’n sròin”
“Ag cur ri biathadh ròn ’s a chuan.”
Tha sinn a nis aig beul caolais Sgalpaidh agus chithear an tigh soluis air an rntha is faide a nuigh. Tha naigheachd bheag air innseadh co-cheanguilte ris an tigh so a dh’fheumas mi aithris—Bha boirionnach a mhuinntir h-Ioirt aon uair a siubhal troimh Sgalpaidh agus chaidh i air chall. Is e an oidhche a bha ann. Mu dheireadh thall chunnaic i solas an taigh sholais agus rinn i air. Bha aig an am sin, seann duine le falt fada liath agus feusag mhòr fhada dhe ’n t-seonsa cheudna air a’ gabhail cùram dhe ’n tigh sholais. Bha e làn de’n bheachd gu’n robh bana-bhuidsichean agus taibhsean ann. Ràinig a bhean mu dheireadh an tigh agus sud suas an staidhir i a’ deanamh stairneich nach robh ro chneasda leis a bhodach. Mu dheireadh thall rainig i am mullach far an robh am bodach na shuidhe ’am meadhom nan lòchran mòra. Ma bha cridhe a bhodaich na bheul leis an eagal bha a bhan Ioirteach air a lionadh le uamhas an t-seallaidh agus i a’ smuaineacheadh gur am an neamh a bha i. Thug am bodach sùil oirra agus thug ise suil air a bhodach. “Co thu?” ars am bodach. “An d’ thu fèin Dìa?” as a chailleach, “Co air bith a tha annamsa” ars am bodach “gu’n tugadh an—leis thusa,” agus sud g’a putadh sios air an rathed air an d’thàinig i am bodach. Feudaidh sinn a bhi cinnteach nach robh a chailleach am barrachd ’s a bhi toillichte le a turas do neamh an oidhche ud co dhiu.
(Ri leantuinn.)
A Ghailig agus an Eabhra.
’S aithne dhomsa duine araidh Gaidhealach ’tha posda ri bean usual Ghallda. Bithidh an duine so air uairibh a seinn dha fhein rannan dheth chainnt mhaithreil. Thuirt a bhean ris aon là araidh agus e ris a ghnothuch so. “B’fhearr leam fein gu’n tugadh thu thairis a bhi ris a chainnt mhosaich sin.” Cha robh sud a cordadh ri cridhe a Ghaidheil, agus ’s ann a thuirt a ris fein; “Bheir mise ort a bhean Ghallda, gu ’n aidich thusa air doigh eile thaobh mo chainnt uasail-sa.’ Agus mar sin, an deigh dha a freagairt, ag radh nach robh mosaich ’s am bith co-cheanghailte ris a chainnt aige-san. Dh’ fheoraich e dhi. “An cuala thu riamh dad de ’n a chainnt Eabbrach, agus ciod e ’m beachd a th’agad oirrsa?” “Thoir dhomh (ars ise) earann dhi, agus innsidh mi dhuit cia mar ’s caomh leam i? Chunncas a nis gu’n robh i gu tuiteam anns an rib a shuidhicheadh air a son; agus thug e dhi le guth cho glan, ’s cho suidhichte ’s a b’ urainn da na briathran a leanas:
“Bha mi ’n dè ’m Beinn Dorainn,
’S na coir cha robh mi aineolach;
Chnnnaic mi na gleanntan,
’S na beanntan a b’ aithne dhomh.”
“Sin agad a nis (ars ise) cainnt ris an airidh cainnt a radh!”
C. D.
COMHAIRLEAN AITHGHEARR. —Eisd rium car tiort beag, —cha’n eil ach fior bheagan agam ri ràdh riut, —labhraidh mi e ann am facal no dhà; ach ’s làn-airidh iad air suim agus mothuchadh.
Tha tri nithe anabharrach feumail do mhac an duine san t-saoghal— ’s iad so, Biadh, Aodach, agus Cadal. Nam bu mhian leat do lòn ithe le taitneachas, agus blas math a bhi air, saoithrich chum a chosnadh; nam bu mhiann leat tlachd a bhi agad ann an aodach, pàigh e mun cuir thu umad e; agus nam bu mhiann leat cadal math fhaotainn, thoir deagh choguis leat do d’ leabaidh. Dean na nithe so, agus bidh tu a’ d’ dhuine cothromach, subhach, a thaobh an t-saoghail so, agus a thaobh an t-saoghail eile. Ma’s miann leat a shealbhachadh ann an glòir, lean Esan a thubhairt, “Is mise an t-slighe.” Earb ’na iobairt-réite, gluais ’na cheumannaib, gràdhaich e; agus an sin bidh tu sona san t-saoghal so, agus anns an t-saoghal a tha ri teachd.
Chaidh botul portair a thairgse do Dhròbhair each Gàidhealach ma ’n aidicheadh e an dèigh dha each a bh’ aige a reic fàillinnean an ainmhidh. Chaidh am botul òl, agus an sin thubhairt e nach robh ach dà chron air an each. ’N uair a leigte e mu sgaoil bha e duilich breith air agus ’n uair a gheibhte greim air cha robh feum ’s am bith ann.
[Vol . 2. No. 40. p. 7]
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VI. —Air a leantuinn.
Gidheadh mhianaich Cridhe Subhach, Caithris, agus cuid eile a bhi sealbhachadh nithe matha na beatha so. “Cha’n eil an saoghal cho dona sa their cuid,” ars iad-san, “tuilleadh fòs ma thaghlas sinn aig na h-eileanan, co aig tha fios ciod am math a ni e dhuinn.”
A nis, mar a ni sior-shileadh a chlach a chaitheamh as, air a mhodh cheudna, air do Chriosduidh bhi cluinntinn o latha gu iatha an iarrtnr agus am miann air aon de na h-eilleanan fhaicinn, agus fios a ghabhail orra, thainig e dh’ionnsuidh a cho-dhùnaidh gu faodadh e striochdadh. Os bàrr fhuair e briathran àraidh ann an leabhar na Beatha bha toirt gnùis do’n rùn so, mar a ta iad so, “Uime sin dh’fhàgadh fois fa chomhair sluagh Dhé” agus mar so a’ cur seadh air na briathran a chòrdadh ir mhéin féin.
Beagan laithean as déigh so bha iad a seòladh seachad air Riarachadh Saoghalta. Bha’n t-eilean ’san t-sealladh, agus bhuineadh e do Iudas Mhamon. Bha ’n t-eilean iomraiteach do bhrigh gu robh òr na tire sin math: an sin tha moran chlochan luachmhor. Bha fios aig Criosduidh na’n taghladh soithichean Imanuel aige gur ainnig a dh’ fhàg iad e, uime sin b’ àill leis gabhail seachad air. Bhuail a chlann am basan, thog iad àrd-iollach agus dh’asluich iad air dhol dh’ionnsudh an eilein. Dhealraich a’ ghrian gu loinnireach air gus an robh Riarachadh Saoghalta’ coimhead mar chrùn airgid a dearrsadh le seudan. “Thoir a null sinn, ’athair,” arsa chlann: Fhreagair esan, “Na gràdhaichibh an saoghal; ma ghràdhaicheas neach air bith an saoghal, cha’n eil gràdh an Athar ann.” “Ach,” ars a bhean, nach fàs a chlann borb ann an cainnt agus ann an eòlas mur faic iad beagan dhe’n t-saoghal. Tha na maraichean gle mhath agus glè choimhneil, ach tha feum aig a chloinn againn air roghadh cuideachd.” Fhreagair esan i; Theid sgiamh an t-saoghail so seachad,” agus bha mor ioghnadh air thaobh nam briathran. Cha robh fhios aige-san cia mar a ghuidh a chlann oirre eadar-ghuidhe a dheanamh ri’n athair, a smuaineachadh nach b’ urrainn dhaibh-san na’n aonar impidh a chur air-san.
Cha mhor nach do dhi-chuimhnich Peadar agus Tomas an sgiùrsadh a fhuair iad bho Thighearna na cogais, uime sin cha do ghluais iad gu cubhaidh mar daoine glic ag ath-cheannach na h-aimsir, ach bha iad neo-ghlic gun bhi tuigsinn toil au Tighearna agus an aite bhi air an lionadh leis an Spiorad, a’ labhairt riutha fein ann an salmaibh ann an laoidhibh agus ann an danaibh Spioradail a’ seinn agus a deanamh ciuil ’na’n cridhe do’n Tighearn; nuair nach biodh an Athair dluth a laimh, sheinn iad cuid de dh-oranan na ’m Babilonach.
(Ri leantuinn.)
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
THA MEAS AIRMINARD ’S LINIMENT.
C. C. RICHARDS & CO. —
Cuir thugam air a cheud la de dh’ April 1440 dusan botull de Mhinard’s Liniment, fiach $2000 .00, agus paighear thu mar a’s àbhaist.
F . J. BARNES.
St. John’s.
LeighsidhMinard ’s LinimentLòinidh.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 40. p. 8]
Oran Luaidh no Fucaidh.
LE DONNAHA BAN MAC AN T-SAOIR.
LUINNEAG.
Hò rò gu’n togainn air hùgan fathasd,
Hò rò iù mu’n tèid mi laidhe;
Ho ro gu’n togainn air hùgan fathasd.
Togamaid fonn air luadh a’ chlòlain;
Gabhaidh sinn ceòl, a’s òrain mhatha.
Hò rò gu’n togainn, &c .
B’ fheairrd’ an clò bhi chòir nan gruagach,
A dheanadh an luadh le’n lamhan;
’Nuair a thionndas iad air clèith e,
Chluinnte fuaim gach te dhiù labhairt.
Orain ghrinne, bhinne, mhìlse,
Aig na rìbhinnean ’gan gabhail;
Luinneag ac’ air luadh an eudaich,
Sunntach, saothrachail, ri mathas.
Thogamaid fonn gu ceòl-mhor, aotrom
Air a’ chlò bu daoire dathan.
An clò brionnach, ballach, ciatach,
Triuchanach, stillagach, gathach;
An clò taitneach, basach, bòisgeil,
Laiste, daoimeanach, ’s e leathann.
Gu’m bu slàn a bhios na caoirich
Air an d’ fhàs an t-aodach flathail.
Beannachd aig an làimh a shnìomh e,
’S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe:
’S ann is coltach ris an t-sìd’ e,
Dh’ fhàg i mìn e, ’s rinn i math e,
Snàth cho ruithinn ris na teudan,
’S e cho rèidh ’sa dh’ fheudte shnaitheadh:
Cha robh pluc, no meall, no gaog ann,
No gìog chaol, no sliasaid reamhar.
’Nuair a thèid an clò a’n mnàrgadh.
’S ni ’n t-airgead air an rathad.
Cha bhi slat a sìas o chrùn deth,
Miann gach sùl e anns an fhaidhir.
Cha bhi suiridhich’ anns an duthaich
Nach bidh ’n dùil ri pàirt deth fhaighinn.
’S ann a tha ’n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin’ a bhios ’ga chaitheadh.
Thogainn am fonn a dh’iarradh pòitear,
As luaidhinn an clò bu mhiann le muathan.
’S olc an obair luadh no fùcadh,
Ma bhios tùchadh oirnn le padhadh.
Chuireadh e sunnt air muinntir òga,
Suidheadh mu bhòrd ag òl gu latha.
Puinse le glaineachan làna,
Deochana-slàinte ’gan gabhail;
Greis air fion, a’s greis air branndai,
Greis air dràm do’n uisge-bheatha;
Greis air fìdhleireachd ’s air dàmhsa,
Greis air canntaireachd ’s air aighear.
’Nuair thèid stàirn an àird an aodainn,
’S ro mhath ’n t-àm do dhaoine laidhe.
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
Chaidh Donnacha Mac Fhionnlaidh, gearradiar guail ann am méinn a Reserve a leònadh gu dona deireadh na seachdain s’a chaidh. Bha e aig ’obair agus thuit pàirt dhe’n mhullach air a mhuin. ’N uair a fhuaradh a thoirt as, bha cnaimh an uga(collar bone)agus dha no ri dheth ’aisnean air am bristeadh.
POSAIDHEAN.
AigCow Bay,April 17mh, leis an Urr. Uilleam Grannd, Niall Mac Cuish, us Mairi nighean do dh’ Ailain Mac-a- Phiocair.
AigCow Bay,April 16mh la, leis an Urr. Uilleam Grannd, Uilleam Domhnullach, Cow Bay,us Curstidh Nic Gilleaìn, Clarke ’s Road.
Aig a Bharrasois, April 24mh, leis an Urr. A. F. Mac Gille bhràth, Aonghas Mac Carmaic, Cùl Bhaoghasdail us Seonaid Young as a Bhras d’Or Bheag.
AigWaltham , Mass. ,April 10mh., leis an Urr. S. C. Gunn, Domhnull N. Mac Leold, as na Narrows Bheaga, us Floiri Seonaid Mhathanach, a Baddeck.
Aig Baddeck, April 17mh. la, leis an Urr. D. Dùghallach, Niall Mac ’Ill-fhinnein, (Mac Ruairidh) as an Amhainn Mheadhonaich, us Isabel, nighean Alasdair Ruaidh ’Ic Rath, a Baddeck Mhòr.
BAIS.
Aig an Allt Dhubh ’s an Eilean Mhor, air a 4mh. la dhe’n Mhàrt, Iain Mac Coinnich, tri fichead bliadhna ’s a sia deug a dh’ aois. Rugadh e ann an Siorramachd Rois, an Alba.
Aig Man-ò- War Point ’s an Eilean Mhor, an 4mh, la dhe’n Mhàrt, Anna, nighean Sheunais ’Ic Amhlaidh, seachd bliadhna deug gu leth a dh’ aois.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 40 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 40. %p |
parent text | Volume 2 |