[Vol . 2. No. 41. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 5, 1894. No. 41.
An Siorram Mac Eallair.
Air an aonamh latha deug de dharra mios na bliadhna so, chaochail ann am baile mor Hamilton, an Ontario, Gilleasbuig Mac Eallar, Siorram Wentworth, duine aig an robh meas mor air a chainnt mhàtharail, agus air gach ni Gaidhealach. Bha e ’na dhuine air an robh eòlas air feadh Chanada air fad, air dha bhi àireamh bhliadhnaichean anns a phàrlamaid. Tha e air aithris air gu robh e aon latha na shuidhe ’n tigh na pàrlamaid nuair a dh’ eirich Frangach ’sa thòisich e air labhairt ’sa chainnt aige féin air a cheist a bha fa chomhair an taighe. Cha bu luaith a shuidh e na dh’ eirich Mac Eallar [ ? ] a thug e dhaibh òraid eireachdail ann an Gàilig, mar sin a deanamh spòrs mor dhaibh-san a thuigeadh e, ’s a cur fearg us dorran air an Fhrangach, nach robh ’g a thuigsinn. ’Nuair bha Marcuis Lathairn an Canada chuir Mac Eallair litir Ghàilig d’ a ionnsaidh mar a leanas:—
Do’n Ard Dhuin-Uasal, Sir Iain Caimbeul, Morair Latharna, agus Ard-Uachdaran Chanada.
Gu’m bitheadh e taitneach do ar n-Oirdhearcas.
Tha mi ’gabhail danachd a chuir da ’r n-ionnsuidh fa chomhair Latha Nollaig, ’tha dluth air laimh, da choileach fhrangach, a’ chum agus gum faic sibh a ghne eunlaith a tha ann san tir so.
Tha dochas agam gu’n gabh sibh iad mar chomharradh air an urram agus an dilseachd ’tha mi ag altrum araon a thaobh ar n-Oirdheareas fein agus a thaobh ur CEILE RIOGHAIL, nighean ar Banrighinn Ghradhaichte.
Gum bitheadh sibh araon a’ sealbhachadh slainte agus mor shonas car iomadh bliadhna ’se iarrtas cridh ur seirbheiseach umhal.
GILLEASBUIG MAC EALLAR,
Fear a mhuinntir Inbhir-Aoradh.
Baile Mor Hamilton,
An treas-la-fichead do’n dara-mios-deug, 1878.
Agus so am fios-freagairt a fhuair e:—
TIGH AN RIAGHLAIDH, OTTAWA,
An ceathramh-la-thar-fhichead do’n dara-mios-deug, 1878.
Tha ’m Priomh Uachdaran ro thaitneach le litir chaoimhneal Mhaighstir ’ic Eallar agus taingeal air son an fhailte Ghaidhealach a chuir e da ionnsuidh. Tha e ’cuir meas air mar ghibht’ o aon do mhuinntir Inbhir-Aoradh a choisinn cliu da fhineadh agus da ainm anns an t-saoghal ur; agus mar dhearbhachd air a ghradh do’n Bhan-righinn tha air alturm le pobull na duthcha so.
LORNE.
Tha sinn ann an àit eile a toirt d’ ar luchd-leughaidh, cumha a rinneadh do’n t-sàr dhuin’ uasal so le Uilleam Murray, bàrd a chomuinn Ghailig ann a Hamilton. Bha Mac Eallar na Uachdaran air a chomunn sin aig am a bhàis.
Litir a Lunnuinn, Bas a Chumuinn Ghailig.
Fhir-deasaichidh, —Feumaidh mi bhi ’g iarraidh maitheanas oirbh airson a bhi cho fada gun sgriobhadh g’ur n’ ionnsaidh ach a dh’ innseadh na firinne se ’n t-aobhar nach cuala sibh uam o chionn mios no dhà nach robh mi airson dragh a chur oirbh leis na trioblaidean a bh’ againn co-cheangailte ris na Comunnan Gaidhealach anns a bhaile so. Smuainich mi gu ’m b’ fhearr na droch naigheachd a bhi gun naigheachd idir. Tha Comunn na Gaidhlig an deigh am bàs fhaotainn le laimh fein. ’S ann mar so a thachair e. Chaidh aireamh mhath de bhuill a leigeal a steach do ’n chomunn aig nach robh a Ghaidhlig, ach a bha cumail a mach gu ’n robh iad ro dhéidheil air na h-uile cuideachadh a thoirt do ghnothaichean Gaidhealach. Cha robh iad fada na ’m buill nuair a leig iad ris nach robh moran gaoil aca do ’r cainnt agus mu dheireadh ’s ann a dh’ fhàs cùisean cho searbh dhaibh ’s gu ’n d fheuch iad ri stad a chur air a Ghaidhlig buileach. ’S e bu deireadh do’n chùis gu’ m b eudar do na fior Ghaidheil an comunn fhàgail agus a nis chaneil e na Chomunn Gaidhlig ach an ainm. Tha mi cluinntinn gu ’m beil iadsan a thainig a mach a bruidhinn air Comunn a chur air chois dhaibh fein agus ma thacharas sin chaneil teagamh sam bith nach fheum luchd na Beurla iad fein a bhaisteadh as ùr oir cha ’n iad Comunn Gaidhlig Lunnainn ni ’s fhaide.
Ach am measg na h-ùpraid so gu leir tha aon Chomunn againn anns am faod gach fior-Ghaidheal tlachd a ghabhail, se sin “Comunn ionnsachadh na Gaidhlig,” no mar their sinn gu tric an class Gàidhlig. Tha e so a leantuinn air a bhi deanamh oibre maith agus ’s i so a bhliadhna a’s soirbheachadh ann an ionnsachadh na cainnt tha e na chleachdadh aig buill a chlass greis a thoirt gach oidhche air seinn oran Gaidhlig agus theid ac air sin a dheanamh cho math a nis ’s gu ’m beil iad a dol a thoirt oibre a gheamhraidh gu crich le bhi toirt coisir-chiuil (no mar their sinn anns a Bheurlaconcert) air an tritheamh la de ’n cheitean.
Bha Paipeir-naigheachd Abannach air a chur air chois an so an uiridh ach mar rinn a dha no tri de leithid roimhe tha e air dol as an t-sealladh. Ged a bha e Albannach an ainm cha robh e ach gle mhio-bhlath mu nithean Gaidhealach, air chor ’s, ged a tha mi duilich gu ’n d’ fhuair e ’m bàs, nach eil e na chall mor do na Gaidheil.
Cha ’n urrainn domh co-dhunadh gun a bhi toirt tanig do ar deadh charaid “Iain” airson a sgriobhaidhean gasda. Tha na h-uile neach a tha leughadh MHAC-TALLA fodh chomain mhòr dha.
CABAR FEIDH.
18—4— 94.
Tha dùil ri té no dha dhe na soithichean cogaidh Frangach a bhi ’an acarsaid Shidni toiseach an ath mhios.
[Vol . 2. No. 41. p. 2]
NA SEAN-FHACAIL.
IV.
“Lagh na cuirte—a bhith gu dana, modhail.”
“Millidh danadas modh.”
THA ’n da shean-fhacal so a’ nochdadh gu soilleir dhuinn am beachd a bh’ aig na daoine a bh’ ann o shean air mar bu choir do mhuinntir iad fhein a ghluasad an uair a thachradh dhaibh a bhith ann an cuideachd dhaoine a bhiodh ann an inbhe aird os an cionn. Tha e anabarrach comharraichte gu bheil am beachd a bh’ aca a’ co-chordadh ris an doigh anns am bheil fior dhaoine uaisle ’gan gluasad fhein an uair a thacbras dhaibh a bhith ann an cuideachd ard-uaislean na tire. Tha cuid ann aig am bheil toil a bhith modhail, ach an aite a bhith cho dana ’s bu choir dhaibh, ’s ann a tha iad diuid, fad as, mar gu’m biodh eagal orra tighinn dluth do dhuine sam bith. Da ni nach ’eil idir tlachdmhor ann an duine sam bith, ’s e sin, danadas agus diuideachd, mur bi modh nam fochar. Bheir danadas air duine dhol air aghaidh, ach cumaidh modh e gun a dhol air aghaidh ni ’s fhaide na ’s coir dha.
Ma theid danadas tuilleadh is fada air aghaidh, millidh e modh. Is minic a thachair so. Chuala sinn iomadh uair daoine ag radh, “Is e gille grinn a th’ ann, ach tha e car beag dana.” B’ fhearr leinn gu mor duine a bhith car beag diuid na car beag dana. Faodaidh am fear diuid fas dana gu leor, agus mar sin, a bhith modhail gu leor; ach is gle ainneamh leis an fhear a tha ro dhana fas diuid.
“Na toir bean a taigh-mor,
’S na toir bo a gràisich.”
Tha e soilleir dhuinn gur e duine aig nach robh aon chuid taigh-mor no gràisich a labhair an sean-fhacal so an toiseach. Agus tha e mar an ceudna soilleir gur ann air duine dhe sheorsa fhein a thug e ’chomhairle. Nis, tha ’chomhairle so gle ghlic do ’n duine air am freagair i.
Cha ’n ’eil e glic a dh’ fhear sam bith bean a phosadh mur ’eil doigh aige air a cumail suas. A’ bhean a thig as an taigh-mhor, co dhiubh bhios i ’na nighinn a dh’ fhear an taigh-mhor, no ’na searbhanta anns an taigh-mhor, faodar a bhith cinnteach gu’m bi i suas ri cosgais ann am biadh ’s ann an aodach nach freagair air staid duine bhochd, chumanta. Am fear a phosas nighean fir-an-taighe-osda, no nighean fir-na-butha, feumaidh e a cumail anns gach doigh pailt cho comhfhurtail ’s a bha i ann an taigh a h-athar. Mur dean e so cha bhi e fhein no i fhein toilichte latha gu brath. Ma phosas fear te a bhios tuilleadh is ard ann an inbhe os a chionn, is docha gu’m bi i aig amannan ag amhaac sios air fhein, agus air a chairdean. Ma bhios so mar so, faodar a bhith cinnteach nach bi sith anns an taigh. Far nach bi sith cha bhi soirbheachadh.
Cha fhreagair bo a thig a baile-cruidh, no, mar a theireadh na seann daoine, “a graisich,” air duine bochd idir. Cha bhiodh ann do’n bhoin ach tighinn o ’n chothrom a dh’ ionnsuidh ana-cothrom. O ’n is ann as a ceann a bhligeas a’ bho, theid i air a h-ais anns gach doigh mur cumar rithe an cothrom a bh’ aice o thoiseach. Anns a’ ghraisich, bhiodh feur aice, mar bu trice, gu a cluasan; ach aig an duine bhochd, cha bhiodh aice ach a bhith ’criomadh air am lompar fhuar mar a b’ fhearr a dh’ fhaodadh i.
“Cha bhi bainne aig bo fir,
’S cha bhi obair an each mna.”
Bha e riamh ’na chleachdadh ann am measg nan Gaidheal, agus a reir mar a tha eachdraidh ag innseadh dhuinn, ann am measg gach cinnich eile, a bhith toirt a bheag no nhor de thochradh seachd leis na nigheannan an uair a phosadh iad. ’S an am a dh’ fhalbh cha robh an t-airgiod ach gle ghann am measg nan Gaidheal. Mar bu trice, ann am measg nan tuathanach beaga, bheirteadh bo no dha mar thochradh do gach nighinn an am dhi posadh. Ach a reir an t-sean-fhacail, tha e coltach gu robh na mnathan uair is uair a’ faotainn each mar thochradh. Tha e nadurra gu leor do na fir a bhith measail air na h-eich. Tha iad mar so o ’n oige. Air an laimh eile, tha na mnathan an geall air a bhith am measg a’ chruidh. Is ainneamh nigheann og aig am bheil eolais air crodh aig nach ’eil tlachd a bhith uair is uair a’ bleoghann anns a’ bhathaich, agus a’ biadhadh nan laogh, agus a’ faicinn a’ chruidh a’ fas lionmhor ’s a’ cinntinn suas. Bidh na mnathan gu nadurra ag iarraidh a bhith gu math ris a’ chrodh a chum gu bi laoigh is bainne aca. Ach is fhearr leis na fir, mar is trice, bas a leigeil leis a’ chrodh na gu’m biodh eis sam bith air na h-eich.
Chunnaic sinn iomadh uair, agus cha ’n ’eil ro fhad uaithe, gu’n do ghleidheadh an crodh a thainig o mhart-tochraidh na mna, agus gu’n do reiceadh aon an deigh aon de ’n chrodh a bh’ aig an fhear an uair a phos e. B’ e ’n t-aobhar a bha aca air son so a dheanamh, gu robh crodh na mna ni b’ fhearr gu bainne na crodh an fhir. Dh’ fhaoidteadh gu robh so mar so, agus dh’ fhaoidteadh nach robh.
Mar a bhiodh meas a bharrachd aig a’ mhnaoi air a’ chrodh a gneibheadh i mar thochradh, bhiodh meas a bharrachd, mar an ceudna, aig an fhear air na h-eich a bhiodh aige fhein. Bhiodh e eolach air an gne ’s air an doighean. Agus ged nach biodh each na mna dad ni bu mhiosa na na h-eich aige fhein, shaoileadh e gu’m biodh e moran ni bu mhiosa. “Is fhearr an t-olc eolach na ’n t-olc aineolach.”
Tha e furasda thuigsinn nan tachradh—mar is minic a thachair ann an iomadh teaghlach—gu ’n tigeadh facal eadar fear-an-taighe agus bean-an-taighe mu thimchioll each no chruidh, gu’n teannadh esan ri ruith sios nan each a fhuair ise mar thochradh, agus gu’n teannadh ise ri ruith sios a’ chruidh a bh’ aigesan mu’n do phos i e.
“Tha ’smudan fhein a ceann gach fòid,
’S a bhron fhein aig ’gach neach.”
Tha muinntir ann a tha ’n duil gu ’m biodh iad moran ni ’s fhearr dheth na tha iad na ’m biodh iad anns an t-suidheachadh anns am bheil iad a’ faicinn dhaoine eile mu’n cuairt dhaibh. Ach tha iad so a dichuimhneachadh nach ann ri ’fhaicinn is coir ni, no neach, no suidheachadh sam bith a ghabhail. An uair a bhios sinn a’ gabhail an rathaid troimh ’n duthaich, chi sinn iomadh taigh mor, maiseach, agus bidh sinn gu tric a’ smaoineachadh gu bheil gach sonus, agus beannachd aimsireil ann am pailteas air an sealbhachadh leis gach neach a tha ’gabhail comhnuidh anns na taighean mora, maiseach ud. Mar is trice, faodaidh sinn a bhith air ar mealladh. Gheibh an trioblaid, agus am bron agus am bristeadh cridhe agus am bas a steach eadhon do na luchairtean rioghail. Cha chum airgiod no or air falbh na draghannan, agus na trioblaidean do bheil na h-uile buailteach anns a’ bheatha so.
A rithist, an uair a tha fios againn gu bheil suim mhath airgid a’ tighinn a steach air na daoine a tha ann an suidheachadh ard os ar cionn, bidh
[Vol . 2. No. 41. p. 3]
sinn deas gu bhith ’g radh gu faodadh iad moran a thoirt seachad air son iomadh aobhar math a chur air aghart a bharrachd air na ’s fhiosrach sinn a tha iad a’ toirt seachad. Faodaidh ar barail a bhith gle mhearachdach. Mar is trice, far am bheil an tighinn a steach mor tha ’chosgais mor mar an ceudna. Na’n robh sinne ann an aite na’n daoine so, bhiodh fhios againn gur ann mar is airde a tha suidheachadh duine is mo a dh’ fheumas cosgais a thaighe agus a theaghlaich a bhith. Is ainneamh a thachras duine bochd ruinn a tha idir a’ tuigsinn trian dhe na tha de chosgais air an duine bheairteach a thaobh nithean nach tig a chum ’fheuma fhein, no feum a theaghlaich gu brath.
“Cha ’n fhidir an saitheach an seang;
’S mairg a rachadh ’na thraill do’n bhroinn.”
Mar nach tuig an duine bochd suidheachadh an duine bheairtich, cha mho a thuigeas an duine beairteach suidheachadh an duine bhochd. Cha ’n ’eil e ri bhith air a thuigsinn o ’n t-sean-fhacal so nach fhaod moran truais, agus co-fhaireachaidh a bhith aig an duine bheairteach ris an duine bhochd, ged nach tuig e o fhein-fhiosrachadh staid an duine bhochd. Is e ’n saitheach, no, ann am briathran eile, an duine a ghabhas a shath de ’n bhiadh de n deoch, agus a thig gu bhith ’na thraill do’n bhroinn, mu’m bheil am facal air a radh. An duine nach d’fhairach riamh acras mor, cha’n ’eil e’n comas dha fios bhith aige ciod a th’ ann an acras mor. An rud nach tuig sinn cha’n urrainn sinn labhairt le tuigse mu ’thimchioll. Tha fhios againn gu bheil araon geocaireachd agus poiteireachd a’ toirt air falbh o gach neach a tha fo ’n riaghladh, tomhas mor de na caoin-fhaireachdainnean leis am bheil muinntir air an gluasad gu bhith fiosrachadh a’ bhochd agus an fheumaich. Tha cuid ann agus feumaidh iad am pailteas de ’n bhiadh ’s de ’n deoch fhaotainn, eadhon ged a bhiodh an cuid leanaban beaga, laga a’ dol bas le cion a’ bhidh. Nach beag suim a th’ aig an fhear a tha ’na shineadh leis an daoraich do ’n chloinn bhig, laig a dh’ fhaodas a bhith gle ghann de bhiadh ’na thaigh? An uair a thig duine gu bhith ’na thraill do ’n bhroinn, bidh e dluth air a bhith cho iosal ’na dhoigh ’s ’na ghne ris na ainh-mhidhean. Is e suidheachadh ro bhochd an suidheachadh so. Thugamaid ar ceart aire nach bi a h-aon dhinn anns an t-suidheachadh so gu brath.
IAIN.
Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor.
Tha gluasad mor air an earrach so am measg nan daoine a tha gun obair anns na Stàitean. Tha e air a radh mu ’n fhear a bhios na thàmh, gu’n cuir e na cait ’s an teine, agus ann an seadh is fior an radh e, oir duine bhios na thamh feumaidh e bhi ri rud-eigin; agus ’nuair a tha duine air éigneachadh gu bhi ’na thàmh, mur toir e làmh air math, bheir e lamh air an olc. Ma’s math no olc a th’ air aire nan daoine so, tha àireamh mhor dhuibh air cruinneachadh cuideachd agus a mearsadh mar armailtean cogaidh air feadh na dùcha, ’s iad uile a cur an aghaidh air a cheann-chaile, Washington. Ràinig aon bhuidhean anns an robh tri cheud fear am baile sin mu thoiseach a mhios, ach cha d’ fhuair iad air adhart mar bu mhath leo idir. Cha d’ fhuair iad cothrom air an tagraidhean a chur air beulaobh an luchd-riaghlaidh mar a dh’ iarr iad, agus bha na maoir air an sàil gach taobh an rachadh iad a chumail riaghailt orra. Tha iomadh buidheann dhe’n t-seòrsa ri tighinn fhathast, agus tha iadsan a tha ann an ùghdaras a cur an cinn cuideachd, feuch an urrainn dhaibh a dheanamh a mach ciod a thig as a ghluasad so, no ciod is còir dhaibhsan a dheanamh dha ’thaobh.
Minard ’s Liniment ’s gach aite.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 41. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MAIGH 5, 1894.
Gheibhear ann an àit eile litir o ar seann chairid, “Cabar Féidh,” ag innseadh mu bhàs a chomuinn Ghàilig a bha ’sa bhaile mhor sin. Chuireadh Comunn Gàilig Lunnuinn air chois o chionn glè fhaisg air sia fichead bliadhna, agus bha soirbheachadh math leis riamh o’n thoisich e. Agus cha robh am ’na eachdraidh bu mho bha shoirbheachadh leis na anns na bliadhnaichean mu dheireadh, gus an d’ thainig na Goill a stigh ’sa chuir iad buill a chomuinn an amhaichean càch a chéile. Bu chòir so a theagasg do gach Comunn Gailig a tha ann an bith, gun iad a ghabhail gnothach ri fear gun Ghailig mur bi iad dearbh chinnteach as a dheagh rùn dhaibh. Ma theid Comunn Gàilig Lunnuinn a chur air a bhonnaibh a rithist, rud a tha sinn an dòchas a theid, (oir bhiodh e na chall mor agus na mhasladh do na Gàidheil mur biodh a leithid ann idir) cha’n eil teagamh againn nach bi iad air am faiceall roimh na naimhdean, agus nach cum iad a mach gu buileach iad.
Cha’n eil a bheag a dh’ atharrachadh air cùisean ann an Newfoundland seach mar bha iad o chionn mios. Tha ann am pàrlamaid na dùcha sin, mar tha ann am pàrlamaid gach dùthaich eile air an cuala sinn’ iomradh, da phàirtidh a comhstri gu dian mu ’n riaghladh, agus a reir coltais cha’n e math na dùcha a’s fhaide tha dol sios aig a chuid a’s mò dhiubh, ach am math féin, agus nuair a tha luchd nampoliticsa fàs mar sin, b’ fhearr gu mor as no ann iad, agus ma’s fior an sgeul tha na h-uile coltas air gum bi moran dheth ’n àireamh a bha roimhe so a cur dhiubh air ùalar pàrlamaid Newfoundland air an cumail aig an taighean ’na dheigh so le lamh laidir an lagha. ’S bochd an ni do dhùthaich sam bith mur urrainnear daoine fhaotainn innte a chuireas a cùisean air dòigh, ’s a laimhsicheas a cuid airgid gun an làmhan fein a thruailleadh leis; ach ’s ainneamh an dùthaich no a mhòr-roinn nach cluinnear a gearain.
Tha seanadh nam Stàitean Aonaichto na shuidhe fhathast, ’s na seanairean cho trang sa bha iad riamh a cagnadh càch a chéile mu’ntariff. Thòisich iad o chionn còrr us sia miosan air ceartachadh nan cisean a bha air an leagadh air gach seòrsa bathair a thatar a toirt do’n dùthaich, agus cha mhor nach eil iad an diugh anns a cheart àite an robh iad an latha thòisich iad. Bha an dùthaich gle fheumach air na h-atharraichean a bha iad a dol a dheanamh, agus bha làn dhòchas aig an t-sluagh gu’m bitheadh iad deante fada roimhe so, ach tha e coltach nach robh sin an dan dhaibh, agus tha ’n dùthaich agus an sluagh cho dona no na’s miosa dheth na bha iad an latha shuidh an seanadh. Tha na seanairean a h-uile latha aig an obair, ’s a’ gabhail a ghnothuich air an socair. Tha iad uile a reir coltais dhe’n bharail gur olc an comharra air daoin’ uaisl’ iad a bhi ’nan cabhaig. Ach cha’n ann a h-uile latha bhios mòd aig Mac-an-Tòisich no aig seanadh nan Stàitean agus ’s math nach ann.
Tha fathunn ag innse gu bheiltear an deigh naoidhnear dhaoine dubha a chrochadh (gun lagh) ann an Louisiana, aon de na Stàitean a deas, air son mort aon duine geal, agus nach eil luchd-tòrachd na fala fhathast sàsuichte.
Tha drochaid bheag thairis air loch uisge ann an Indiana a tha sior dhol fodha a dh’ aindeòin na nithear rithe. Thatar gun tàmh a tòrradh fiodha ’s claiche foidhpe air son a neartachadh, ach tha h-uile ni a chuirear ann a dol fodha. Tha na h-uile choltas air an loch nach eil grunnd aig idir.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Leabhraichean Giliag.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 41. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Bha stoirm mhor shneachda ann an Newfoundland lath Bealltuiun; bha ’n sneachda, ’nuair a sguir an stoirm, da throidh a dhoimhnead. Bha na h-acarsaidean aig an am cheudna air an dùnadh le deigh.
Chaidh duine òg d’ an ainm Marshall Guthro, a mhuinntir French Vale, as a riam an la roimhe, ann am Bridgeport far an robh e aig obair. Tha e fhathast aig a dhachaidh, agus tha dòchas aca gu’n téid e na’s fhearr.
Bha crith-thalmhainn anns a Ghréig toiseach na seachdain so a rinn call mor. Tha e air a radh gu’n do chaill air a chuid bu lugha còig ceud pearsa am beatha. Cha robh call sam bith air a dheanamh ann an Athens, ceanna-bhaile na dùcha.
Tha phàrlamaidh ’na suidhe ann an Ottawa agus ag obair gu trang. Ged tha roinn mhath de chathachadh aca, tha ’n obair a dol air adhart gu h-òrdail, agus tha choltas air an tigh nach bi e ’na shuidhe ùine cho fada ’sa bha e iomadh bliadhna roimhe so.
Chaidh ceithir cheud dollar ( $400 ) a ghoid as an stor aig Walter Lawrence, ann an Cheticamp aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Bha Mr. Lawrence féin agus duine no dithis eile ann an tigh dlùth air laimh aig an am. Tha amharus aca air duine a chunnacas mu’n cuairt an latha sin, ach cha d’ rinneadh dad gus a chur an greim fhathast.
Tha ’m fiabhras dearg gu math pailt anns a’ bhaile o chionn seachdain no dha agus ’s ann a dol na’s pailte a tha e. Tha e anns an taigh aig an Urr. Mr. Forbes, agus cha b’ urrainn dha a dhol a mach a shearmonachadh air an t-Sàbaid s’a chaidh; tha sinn a tuigsinn co-dhiu gu bheil e ’n duil a bhi s’a chùbaid am màireach mar a b’ àbhaist.
Tha saoir Mhontreal a bagairt sgur a dh’ obair. Tha iad ag iarraidh uairean na h-oibreach a thoirt a nuas gu naoidh, agus an tuarasdal a bhi aig fichead sent ’san uair. Sheas cuid dhe na meinneadairean ann an Springhill a mach air an t-seachdain s’a chaidh, ach tha iad roimhe so air a dhol air ais gu’n obair.
Chaidh cléireach ann an stòr chun gaidh-leighis ann a Halifax a dh’ obair agus mheasgnaich e stuthan air son droch cnatan a bha air a leigheas; bha e aig an am cheudna a measgnachadh puinnsean air son cat a mharbhadh. Mar is minic a thachair, rinn e iomrall agus dh’ òl e fhein deoch a chait, agus fhuair an cat leigheas a chuatain. Tha ’n cléireach gu math tinn ach tha choltas air gu’n tig e bhuaithe.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Thug an t-seachdain so a chaidh seachad atharrachadh mor air a chuid so dhe’n t-saoghal. An latha a bhatar a deanamh suas a MHAC-TALLA mu dheireadh, bha ’n deigh air na h-acarsaidean agus bha ’n t-sìde gle ghreannach, fuar, ach an diugh tha ’n deigh air a dhol as an t-sealladh agus tha ’ghaoth air fàs blàth, cùbhradh air blas an t-samhraidh. Tha ’m bàt-aiseig a ruith eadar an da Shidni gu riaghailteach, agus tha soithichean a ghuail air tòiseachadh air taghall a phuirt cheana. A mach as a bhaile tha na tuathanaich air tòiseachadh air curachd, ’s tha na machraichean a sior fhàs uaine, na craobhan ’s na preasan a tighinn fo bhlàth ’s na h-eòin bheaga ’m measg nan geug a seinn ciùil ’s ag ullachadh nan nead. ’S mor an t-atharrachadh a bheir seachdain, no eadhon aon latha, mu’n cuairt.
Tha a Phàrlamaid Bhreatunnach cruinn air a mhios so mar tha i cha mhor na h-uile mios dhe’n bhliadhna. Is bliadhnaichean trioblaideach iad so dhaibhsan aig am beil riaghladh na dùcha, moran na’s trioblaidiche na bhitheadh iad nan robh na fir-phàrlamaid uile deònach air an cuid fhein a dheanamh air an obair a chur air adhart. Ach an aite sin ’s ann a tha chuid mhor dhiubh air an doigh eile. Tha na h-Eirionnaich ag iarraidh Fein Riaghladh, agus cha’n eil iad deònach air ni sam bith eile ghabhail as laimh gus an deanar reachd a thaobh sin. Tha na Welshich ag iarraidh an Eaglais a bhi air a fuasgladh o’n Stàit, tha na h-Albannaich ag agairt an còirichean féin, agus na Sasunnaich air a mhodh cheudna; air chor ’s gu bheil uallach trom air a leagail air guaillibh a Phriomh Mhinisteir ’s a luchd-cuideachaidh. Tha iad an dràsda ’n deigh féin riaghladh na h-Eirinn a chur na thosd, agus tha iad ag oidhearpachadh air tomhas de fhéin riaghladh a thoirt a dh’ Alba, agus a toirt ionnsuidh mar an ceudna air an Eaglais Easbuigeach ann a Wales a dhi-stéidheachadh. Tha Morair Rosebery a lionadh caithir Ghladstone gu math, agus cha’n eil teagamh nach bi e na chomas iomadh reachd math a chur ri lagh na rioghachd mu’n cuirear a phàrlamaid ma sgaoil.
Fhuair sinn na h-aireamhan dhe’n MHAC-TALLA a bha dhith oirnn, agus tha sinn fada, fada ’n comain nan daoin’ -uaisle a chuir g’ ar n-ionnsuidh iad.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 2. No. 41. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
RAINIG sinn ’am beagan ùine calladh an Tairbeart agus bha mi ann an tiotadh a’ cur fàillte air càirdean na ceàrnaidh sin. Is gann a dh’ aithnich cuid dhiubh ni. Bha an t-Urr. Maighstir Mac Illeathain air a chladach ag amharc thairis air badhar mine a bha air a chur le càirdean ’s an taobh a deas air son cabhair do’n t-sluagh oir bha gainne mhòr ’s an dùthaich an uiridh.
Is esan ministeir na h-Eaglais Shaoir air an Tairbeart. Innsidh mi tuilleadh mu ’n àite so fathasd. Dh’ fhag sinn an Tairbeart ann am beagan mhionaidean agus thog sinn rithe gu Rothadal Air an rathad chitheamaid beanntanan breachda na’m Bàgh ’s Ear. Cha shaoileadh coigreach gu’m biodh duine beò na lethid do dh’ àite agus gidheadh tha na ceudan theaghlaichean air an suidheachadh thall ’s a bhos air feadh na’n àiteachan so. O chionn corr is tri fichead bliadhna bha tuàth na dùthcha sin air am fògradh o thaobh an Iar na h-Earradh le aintighearnais an uachdarain agus an Stiùbhartaich mhòir a bha ’chòmhnaidh ’an Losgantair, agus chaidh an cur na ’m buidhnean an so ’s an sud air feadh gharbhlaichean agus bhoglaichean na ’m beàgh biodh iad beò na marbh. Na ’n deante a lethid do ghiollachd an diugh air drobh each no chruidh rachadh peanas miosan do phriosan a thoirt do fear na h-aniochd. Ach ’s na làithibh ud ’s ann a bha na lagh “A bhiasd a’s mogha ag itheadh na bèisde bu lugha agus am fear is treise biodh e ’n uachdar.” Chaidh mar so raointean briagha machrach Airdnisapost, Bordh Bheag agus Bordh Mhora thogail agus Fearainn Mhòr a(tacks)a dheanamh dhiubh. Is iomadh uair a chaidh mi troimh na h-àitean so agus a chuir e cianalas orm a bhi faicinn na’n togalaichean chlach làn fheanntag, agus na caoirich mhòra ’g ionaltradh air na raointean. Ach gu mo sgeul.
Ràinig sinn Rothadal ’am beagan ùine agus chuir sinn air tir an sin beagan spreidhe agus triùir no cheathrar luchd siubhail. Is e àite boidheach a tha an so. Tha tigh aig Tighearna Dhunmhòir ann agus bithidh mòran do thaghal aig daoine mòra o’n deas air. Tha mar an céudna Eaglais chloiche ann agus cha ’n eil fios aig duine a tha beò co a thog no cuin a thogadh i. Tha i air chumadh na crois, agus tha mòran do dhealbhanan air an gearradh ’s a chloich ’an caochladh àitéan. Tha dùn mòr cloiche ceangailte rithe a bha air a thogail, gu’n teagamh, ’an lìnn na ’n creach oir tha e ri fhaicinn gu ’n robh muinntir an àite air son tigh math dian a bhi aca ’nuair a bha iad g’ a thogail. Is e a chuir iongnadh mor orm, ’nuair a bha mi a’ dol air feadh na ’n aitean iongantach so, fhaicinn gu’n robh mòran da mhairbh air an tiodhlacadh am broinn na h-eaglais. Na ceann shuas tha caibeal teaghlach Mhic Leoid agus ri taobhannan tha uaighean eile a reir caslais a bhuinneas do chàirdean an teaghlaich mheasail sin. Tha mòran chaibealan air taobh a muigh na h-Eaglais a bhuineadh do dh’ uaislean na h-Earradh. Sgriobh mi na’m leabhar pòca na briathran so a tha sgriobhte air aon do na clachan uaighe a tha ann an aon do na caibeil so. Air eadar theangachadh o’n bheurla.
“Mar chuimhneachan air Domhnull Mac Leoid a Bearntraigh mac Iain Mhòir Mhic Leoid. Neach ann an tréine cuirp agus bho a dhluthleantainn ri prionnspalan aithrichean a bha ro choltach ris na fior dhaoine o shean. Bha a sheanair agus brathair a sheanar air an deanamh na ’n Ridirean le Righ Tearlach an Daramh air son an treubhantais agus ’an dilseachd chomhar-aichte. Ann am blàr Worcester ’nuair a bha bratach Tigh na ’n Stiubhartach, ris an robh e ann an ceangal inntinn, air a togail A. D. 1745, ged a bha e thairis air trèine a neart thog e airm agus ghabh e pàirt ann an strìthean an ama sin, agus ann an blar Falkirk chur e ri làr saighdeir marcach ann an ionnsuidh claidheamh. Bho’n am sin chaith e a latha aig a dhachaidh ’am Bearntraigh agus gradh agus neas aig na h-uile air. ’Nuair a bha e tri fichead bliadhna ’s a deich phòs e an treas bean bho an d’ fhuair e naoidhnear chloinne. Chaochail e air an t-seathamh la deug do’n mhios dheireanach 1783 air dha a bhi ceithir fichead bliadhna agus a deich.
Bha a chlach chuimhne air a’ cur suas le Alasasdair Mac Leoid na h-Earradh.”
(Ri leantuinn.)
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
Guth a “Baile-nam Mac.”
Fhir mo Chridhe; Tha MAC-TALLA ’g am ruigheachd gach seachdain o chionn còrr us mios, mar a dh’ òrduich mi, agus tha mi an so a’ cur da dhollar g ad ionnsuidh, fear dhiubh uam fhin ’s am fear eile bho mo chairid Eòghan Mac Eòghain.
Tha mi dearbh chinnteach gu’n toir am MAC-TALLA moran gu bhi eòlach air a Ghàilig sgriobhte; tha aireamh mhor ann a labhras Gailig ’s a thuigeas gu math i nach eil fhathast comasach air a leubhadh, agus ’s ann dhaibh sin a tha mi ’g radh a bheir am MAC-TALLA eòlas air cànain nan Gàidheal mar chainnt sgrìobhte. ’S e tha toirt orm a bhi dhe’n bharail sin gu bheil am MAC-TALLA ann an tomhas mor a cleachdadh “Galig conaltraidh;” tha anns gach aireamh dheth cùnntas athghearr air nithean a tha tachairt anns gach cearna dhe’n t-saoghal, agus air am bi sean us òg gle dheigheil air a bhi cluinntinn. Air mo shon fhèin ’s e ’n ni a’s tlachdmhoire a gheobh mi ann, na seann sgeulachdan a chuala mi aig na seann daoine o chionn iomadh iomadh latha ’s bliadhna. A ris tha ’m MAC-TALLA a taghal cho tric air a chàirdean ’s nach urrainn do neach a tha ’g a ghabhail gun a-leubhadh; tha e ghnàth ùr, Faodaidh leabhar a bhith cho math ’sa thogras e, ach an deigh sùil no dha a thoirt air, leigear air dichuimhn’ e: agus mar a’s bitheanta, tha moran fhacal ann an leabhraichean ’s ann am òrain Ghàilig nach eil Gaidheil an latha ’n diugh a cleachdadh idir, agus nach tuig iad nuair a bhithear ’g an cleachdadh le muinntir eile, agus tha fhios aig a h-uile neach gur docha leis beagan a thuigeas e ceart na moran nach tuig e ach am pàirt. Tha mi dhe’n bharail gur e tuilleadh ’sa choir dhe’n t-seorsa sgriobhaidh so ’nar leabhraichean Gàilig a tha ’cumail na h-uirid d’ ar co-luchd-dùcha cho fad air ais ann an leubhadh na cainnt mhàthrail, agus tha làn dhòchas agam gu’n dean am MAC-TALLA moran gu sin a leasachadh. Is mise, &c .
DOMHNULL MAC DHIARMAID, M. D.
Maxville, Ont.
’Sann aig D. J. Domhnullach a’s sraid Wentworth a tha ’m bathar air gaoire tha’ Sidni. Fhuair e stoc ùr de hrògan o chionn ghoirid agus tha e ban creic cho saor ’sa ghachas deanamh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCair.
[Vol . 2. No. 41. p. 7]
Na Seann Laithean.
Bu chiatach an saoghal a bha aig daoine ’s na seann làithean air a Ghàidhealtachd. Theagamh nach robh an t-airgiod ro phailte ni ’s mo no tha e an diugh féin, ach ged nach robh, bha pailteas do bhathar eile r’ a fhaotainn. Bha caoirich ann agus buar—seadh agus bainne gu leòir, le min choirce ’s eòrna gu saoibhir. Ma bha dream uireasbhuidheach ann, bha dòigh air cuideachadh leo, ’s cha rachadh lan dùirn mine a dhiùltadh do ’n diol-deirce aig nach robh fàrdach air a shon fein. ’Nuair a rachadh an ciobair do’n mhonadh bhiodh an gunna na achlais, le spor air a h-ùr bhreacadh, ’s nam faiceadh e an coileach ruadh no a mhaigheach aig asdar urchair, cha robh ach togail air a ghunna, ’s bhiodh an t-sithionn aige. Thigeadh an Samhradh, ’s rachadh daoine do’n àiridh leis an treud. Bu chùbhraidh am fraoch, ’s bu shòlasach an àile a thigeadh a nuas as na beanntan. Bhiodh ceileir aig a bhanaraich, ’s i a bleoghan nam bò. Tha cuimhne agam air feadhainn dhiubh a chuala mi o sheann dhaoine, ’s tha an ceòl agam cuideachd, ged nach uarainn dhomh an ceòl a sgriobhadh. So mar a bhiodh an rann—
Gaol a chruidh, gràdh a chruidh,
Gaol a chruidh mhealla mi;
Gaol a chruidh chas fhionn duibh
Cheann fhionn duibh bhalg fhionn.
Dh’ fhalbh mi le gaol a chruidh,
’S lur na lur fhàgail;
Dh’ fhalbh mi le gaol a chruidh,
Cheann fhionn duibh, bhalg fhionn.
Till an crodh, till an crodh,
Till an crodh, Dhonnachaidh;
Till an crodh, Dhonnachaidh duibh,
’S gheibh thu bean bhòidheach.
Gheibh thu bean bhoidheach bheag,
Gheibh thu bean bhòidheach;
Till an crodh, Dhonnachaidh duibh,
’S gheibh thu bean bhòìdheach.
Bha rann eile ann a bhiodh aca, mar so:—
Tha mi sgith, ’s mi leam fhin
Cul an tomaìn, buain na rainich;
Tha mi sgith ’s mi leam fhin,
Na h-uile latha a m’ onar.
Cnl an tomain, beul an tomain,
Cul an tomain bhòidhich;
Cul an tomain, buain na rainich,
Na h-uile latha a ’m ònar.
’S mar sin a sios. Tha daoine ann a nis a their nach ’eil ceòl ’sam bith nan leithidean sin. Ach ’s an a bheir iad am ’chuimhne-sa, na laithean Samhraidh a dh’fhalbh, agus a tha nis air dol as an t-sealladh a chaoidh.
AILPEIN.
Thuit cnap mor talmhainn ann an Amhainn St. Anne, faisg air baile St. Alban ann an Quebec, oidhche Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh agus chuir e stad gu buileach air sruth na h-aibhne. ’Nuair bha meall mor uisge air cruinneachadh, bhrùchd an t-uisge troimh na bha ’ga chumail air ais agus sguab e leis drochaid a bha air an amhainn aig baile St. Alban ged a bha i tri fichead troidh ’sa coig deug os ceann an uisge, agus bha ’n dùthaich mu’n cuairt air a cur fodha. An deigh sin rainig e drochaid eile aig St. Anne agus sguabadh air falbh i sin cuideachd. Bha seachd taighean air an cur leis an t-sruth agus aon teaghlach air am bàthadh. Bha mòran dhrochaidean beaga air an cur as a chéile, agus tha tri sgireachdan gun dòigh air faighinn annta no asda. Tha ’n call uile air a mheas aig ceithir ceud mile dollar.
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTamhach ghoirt.
J . D. BOUTILIER.
French Village,
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan crup.
I . F. CUNNINGHAM.
Cape Island.
Tha fios agam gur eMINARD ’S LINIMENTleigheas a’s fhearr a tha ann.
JOSEPH A. SNOW.
Norway, Me.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’ aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 41. p. 8]
Cumha.
Do ’n Onarach Gilleasbuig Mac Eallair, a chaochil ann am Baile-mor Hamilton, Ontario, air an aon-la-deug do dhara miosa na bliadhna 1894.
Soraidh leat! a ghaisgich aosda a bu charaide ’n t’sluagh sin,
Nach deach an ainm riamh le eas-onair, na le mi-chliu a thrualleadh.
Cha chluinn sinne tuileadh ’nar talla do ghuth a bo toigh leinn,
Nach deach riamh a thogail ach gu moladh a’s aoibhinn.
Gu bràth leis an aoibhneas a ni na Gàidheil chur a’m folais,
Nair fo gheasadh aig ceannard le mianach a’n solas,
Sinne thug gu minig ard mholadh da’d chomas,
Tuille cha mheal sinn do luach aig cuirm na aig coineamh.
Ach ged a nis mar na laoich a bha a’n Allabinn o shean,
Na n’ a righrin air tir Phalestine a choinich a sin,
Tha do phearsa a bha oirdhearc a striochdadh s’a crionadh,
Tha do spiorad an diugh, la miosnach ’gar lionadh.
Ach gad dubhach tha sinne, air cruinneachadh ma ’n cuairt
Air a chiste so, dh’ fheumeas a bhidh air a caradh s’ an uaigh;
Bithidh ainm Mhic Eallair ’nar cridheachan air chuine,
Gach bliadhna air ath-nuadhach mar ur fhraoch nam beann.
Bha ghradh cho laidir ’s co buan do dhuthaich nam beann,
Ris na monaidhean tha sealtain sios air Loch Long,
’S a chliu bi’dh maireann measg Shasanach a’s Ghaidhil,
Gus a’n caochil duinalachd ’s an treig gaisge an t’ al.
Coltach ris n’a laoich aig Oisein, ann an laithean oig,
Chuir e an ruaig air gach namhaid bha dian air a thoir,
Na shean aois mar each-cogaidh ma sgaol air an raon,
Bu shunndach leis tilleadh gu cruaidh-chath na’n laoch.
A’n Canada ni chlann nach do rugadh fhathast sgeul air,
Mar chuir Mac Eallaìr neo-sgathach an ruaig air a namhaid,
’S iad sealbhachadh toradh an t-siol a chuir e le rath,
’S bheir a’m Mac-Talla ’s an freagairt d’ air n’ iolach “Gle Mhath.”
Cho fad ’s ni Bhein Mhor a tha uasal suithe air a bunait,
Sa chinnas fraoch air bruach na’n caochan tha nuas aiste sruthadh,
Cho fad ’s a ni Canada mairain ’s onair aice na laimh,
Bi ’dh ainm agus clin Mhic Eallair air chumal air chuine.
UILLEAM MURRAY.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VI. —Air a leantuinn.
Air dhaibh le cheile bhi calma ghabh iad greis ma seach aig a stiùr, agus, mar bha ’n dàn, thainig an t-àm aca-san an àm do’n t-soitheach bhi gabhal seachad air “Riarachadh Saoghalta,” agus air dhaibh deanamh direach air a shon chunnaic iad soitheach coltach ri “Sgeul a mhor aoibhneis” —leis gach seol ri crann; chaidh Criosduidh sios da sheomar a fagail àithn aig a Mhic ciamar a Stiuradh iad a Soitheach.
Bha Tuigse mar an ceudna air a ghairm sios le Mhnaoidh, Crionachd, air dhi fas tinn.
Dhirich Peadar—air an robh fadal Riarachadh Saoghalta fhaicinn an Crann mòr, a fagail Thomais na aonar aig a Stiur, agus air dha cheann bhi goirt, cha tug e mor shuim dha earail Athair. Ann am beagan uairean a dh’ ùine bha iad a dluthachadh ris an Eilean. Bha na maraichean subhach air dhaibh a cho-dhunadh gun d’ aithn criosduidh mar so, ach bha eagal air cuid eile gu robh olc dluth a laimh. Bha iad mar an ceudna dluthachadh air Saitheach eile. Chuir Eud-mhor failte oirre ni a chuir clisgeadh air criosduidh a thainig a nios le cheann ruisgte. “Ciod is ciall da so,” thubhairt e, a tionndadh gu cabhageach ri Tòmas ach cha do fhreagair esan diog.
Thainig Tuigse mar an ceudna a nios, agus bha e dubhach, chaidh e dh’ ionnsuidh na h-ailm, agus dh’ fheith e ri orduchadh chriosduidh a bha aig an dearbh àm an ioma-chomhairle a thaobh ciod a dheanadh e.
(Ri leantuinn.)
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BOINAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 41 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 41. %p |
parent text | Volume 2 |