[Vol . 2. No. 42. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 12, 1894. No. 42.
Facal bho ’n Chamus.
“Moch ’s mi ’g èiridh ’maduinn chéitein,
’S druichd air feur nan lòintean;
Bu shùnndach éibhinn càil gach creutair,
’Tigh’n le gleus a’ m frògaibh,
Gu blaths na gréine ’b’ aghor èiridh,
Suas air sgéith nam mòr-bheann;
’S e teachd o’n chuan gu dreachor, buaghach,
Rioghail, uasal, òr-bhuidh.”
Thainig an Samhradh. Is ioma h-aon aig am beil toileachadh ris. Tha eadhon na h-eòin bheaga fhéin a deanamh gàirdeachais agus a toirt ciùil duinn le mor-shòlas. Tha ’sneachda air falbh gu buileach mar am faodadh beagan a bhi ga fhalach fhèin ann an corra àit’ air feadh nan coillticheain. Tha na raointean, a chaidh fhagail lom, glas le reòdhadh nam miosan a dh’ fhalbh, a’ tarruinn orra trusgan uain’ an t-samhraidh; agus tha gach creutair beag is mor, sean is òg, a’ cur dreach a gheamhraidh agus aogasg an fhuachd air chul. Tha’n crodh ’s na caoirich a nise ’fàs car slaodach air tilleadh a dh’ ionnsaidh nan saibhlean; agus tha ’n tuathanach còir aig obair onaraich, chliùtich fhéin, a treabhadh an achaidh agus a’ cur an t-sìl.
Theann an deigh mhor amach bho ’n chladach mu mheadhon April, agus ged tha i am fradharc, cha do chuir i mor dhragh oirnn o ’n uair sin. Chaidh beagan sgadain a’ ghlacaidh cho trath ris an 24 la de dh’ April, agus chaidh iasgach grinn a dheanamh latha no dha eile bhuaithe sin. Tha ’n trosg a nise air tighinn; agus ma bhios an t-side fabharrach, cha n-eil teagamh nach toir iasgairean tapaidh roinn as.
Tha dùil aig na marsantan ris na saghaichean agus ris a’ bhata-toite a h-uile latha. Bithidh surd mor aig na daoine riutha-san a h-uile toiseach samhraidh, do bhrigh nach eil an t-each iarruinn a tighinn a tuath cho fada so fhathasd.
MAISEAG.
Am Maigh 6mh la, 1894.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Mathair-Ceile Pheadair.
Bha duin’ ann roimhe so a chaidh aon samhradh air chuairt dh’a na Stàitean, a dh’ fhaicinn na bha ri fhaicinn ’sa chluinntinn na bha ri chluinntinn anns an dùthaich sin. Tachair dha bhi aon Di-Dòmhnaich ann am baile mor araidh nach leig sinn a leas ainmeachadh. Bha anns a’ bhaile air a’ cheart latha sin, searmonaiche àraidh a bha cosnadh deagh ainm dh’a fhéin agus a tarruinn moran sluaigh ’ga éisdeachd. Chuir an t-òganach air am bheil sinn a bruidhinn roimhe gu’n rachadh e ’ga éisdeachd air an latha so, oir bha e ri searmonachadh ann an té dh’ eaglaisean a bhaile aig deich uairean ’sa mhaduinn. Rinn e sin agus chual e òraid bhriagha air a liubhairt o na briathran, “Bha mathair-céile Pheadair na laidhe ’s i tinn le fiabhrus.” Chòrd na chual’ e ris cho math ’s gu’n do chuir e roimhe dhol a dh’ -éisdeachd an duine cheudna a dh’ eaglais a bha ’n cearn eile dhe’n bhaile, ’s far an robh e gu bhi aig tri uairean feasgar. ’Nuair a rànaig e, de b’ iongataiche leis na fear na casaige thòiseachadh air labhairt a ris mu thinneas mathair-céile Pheadair; agus chual e ’n searmon ceudna, facal air an fhacal mar a chual’ e ’sa mhaduinn e. Cha robh e cha fior thoilichte leis air an turus so, ach cho-dhùin e gu’n rachadh e ’ga éisdeachd aig seachd uairean ann an eaglais eile ’san robh e gu bhi, an dòchas gu’n deanadh e searmon o cheann-teagaisg eile. Ach cha d’rinn; ghabh e mathair-céile Pheadair mar bhonn labhairt a rithist, agus mu’n do sguir e bha Domhnull gu math searbh dheth. An ath latha, bha Domhnull air bàt-aiseig a dol o’n bhaile sin gu baile beag a bha air taobh eile a bhàigh, agus co chunnaic e air bòrd ach an searmonaiche. Bha iad ’nan suidhe dlùth dha chéile, ach cha robh còmhradh sam bith eatorra; cha robh eòlas ac’ air a chéile. Ach beagan an deigh do’n bhàta gluasad air falbh o’n laimhrig, thòisich cluig a’ bhaile air bualadh. Air do’n t-searmonaiche shaoillsinn gu robh duin’ urramach éigin marbh, ’nuair a bha na cluig uile a bualadh, thionndaidh e ri Dòmhnull agus dh’fheòraich e co bha air caochladh? Fhreagair Domhnull e, “Gu dearbh, cha’n eil mi cinnteach co, ach ’si mo dheagh bharail gur h-i màthair-céile Pheadair. Bha i tinn le fiabhrus, agus bha fior choltas a bhàis oirre feasgar an raoir!”
COMUNN NAN SGOILTEAN GAILIG. —Bha’n comunn feumail so air a chur air chois air tùs anns a bhliadhna 1811, agus shaothraich e riamh uaithe sin air son math na Gàidhealtachd le bhi cur air chois sgoiltean Gàilig anns am faigheadh an òigridh foghlum nan cainnt mhàthrail. Tha’n comunn a nis an deigh sgaoileadh, ’s cha’n ann idir a chionn nach deachaidh aca-san a bha nam buill dheth, air an obair a chuir iad rompa a dheanamh, ach a chionn gu bheil an obair air a criochnachadh. Tha Ghàilig a nis air a teagasg anns na sgoiltean cumanta, agus mar sin cha’n eil feum air a chomunn so na’s fhaide.
Cha d’ rinn Gladstone ach aon òraid o’n leig e uaithe riaghladh Bhreatuinn, agus rinn e i sin ann an Lunnuinn air an t-seachdain s’a chaidh. Thug gach neach a bha ’s an éisdeachd fa-near gu robh e air fàs anabarrach sean na choltas o’n dh’ fhàg e ’phàrlamaid. Shaoileadh iad gu robh e àireamh bhliadhnaichean na bu shine. Tha e coltach gu robh ’n obair chruaidh ris an robh e air a chleachdadh, an àite bhi ’ga lagachadh, ’ga neartachadh, agus ’nuair a sguir e dh’ obair gu bheil e dol air ais. ’S minic a thachair e do dhuine a bha re a bheatha a saoithreachadh gu cruaidh, nuair a leig e dheth a bhi ’g obair, gu’n do sheachd e as an ùine ghoirid, agus tha h-uile dùil aig mòran gur ann mar sin a dh’ éireas do Ghlastone.
Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan, agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each a’s fhearr air an eilean.
[Vol . 2. No. 42. p. 2]
TURUS DHOMHUILL BHAIN DO ’N EXHABITION.
FACAL AIR AN FHACAL MAR A DH’ AITHRIS E DHOMHSA E AN LATHA ’THAINIG E DHACHAIDH.
FHIR mo chridh, teann a nall, agus suidh ri m’ thaobh air a’ chnoc o’n a tha ’m feasgar cho briagha ’s cho blath, agus innsidh mi dhuit naigheachd nach cuala tu fhein, no duine a thainig air do dhaoine a eithid.
Mar a tha fhios agad fhein, tha Seumas mo mhac ’n ghille-buthadh ann an Glasachu o chionn choig bliadhna; agus cha ’n ann a chionn gur e mo mhacsa e, ach is ainneamh gille og a tha cho glic ’s cho deanadach ris. Bha duil againn ris dhachaidh am bliadhna mar a b’abhaist; ach chur e fios dhachaidh nach tigeadh e idir o’n a bha toil aige na h-ioghnaidhean mora a bh’ anns an Exhabition fhaicinn. Anns an litir thuirt e mar so:— “Feumaidh sibhse, athair, tighinn a dh’ fhaicinn na h-Exabition uair-eiginn mu ’n duinear i; agus ma bhios mo mhathair chomas tighinn air an astar cha bhi mi toilichte mur tig i maille ribh. Cuiridh mi fhin airgiod ugaibh a phaigheas am faradh air bhur son ’nar dithis, agus a cheannaicheas aon deisealachd a bhios a dhith oirbh. Agus ma ’s math leibh aodach ur fhaotainn gheibh sibh e an uair a thig sibh. Tha fhios agam gu’n dean an t-aodach a th’ agaibh a’ chuis gus an ruig sibh mi fhin. Feumaidh an dara h-aon dhibh tighinn, mur urrainn sibh tighinn le cheile; oir tha toil agam gu faic sibh na h-ioghnaidhean mora a th’ againn anns a’ bhaile so am bliadhna. Cha robh a leithid riamh roimhe ann, agus tha mi creidsinn nach bi a leithid ann ri ’r latha-ne.”
An uair a leugh mi ’n litir do ’n mhnaoi thuirt i— “Faodaidh tusa dhol do Ghlaschu ma thogras tu. Is mise an té nach bac thu; ach cha’n fhag mise an larach so ri m’ bheo. Foghnaidh leamsa na chi mi’ dh’ ioghnaidhean ann am baile Steornobhaigh, an corr uair a theid mi ann aig am nan orduighean. Gu cinnteach ceart tha ioghnaidhean ri ’m faicinn ann an coimeas ri mar a bha ’m baile an uair a bha mise ’nam chaileig.”
“Ma ta Mhairi,” arsa mise, “cha ’n e sin a’s fhearr dhuit ach a bhith deanamh deiseil air son an turuis; oir tha fhios is cinnt agamsa gu’m bi Seumas anabarrach toilichte mi fhin ’s tu fhein fhaicinn ann an Glasachu. Tha fhios aige gur fheairrde sinn le cheile sgriob a thoirt do ’n bhaile mhor. Mar a thuirt e fhein an uiridh an uair a bha e aig an taigh, tha sinn mar gu’m biomaid fo bheul cleibh anns a’ chuil iomallaich so de ’n Ghaidhealtachd. Falbhadh no na falbhadh tusa, falbhaidh mise, air neo ’s e nach bi mi air chomas an taigh fhagail.”
“Ach,” arsa Mairi rium fhin, “nach math a tha fios agad nach urrainn duinn an taigh fhagail le cheile? Feumaidh mise ma dh’ fhalbhas tusa an aire a thoirt air an da mhart ’s air a’ bheagan barra th’ againn. Agus rud eile dheth, ma dh’ fhalbhas mise comhladh riut theid mathas an da mhairt a dholaidh, agus cha bhi im no caise againn anns a’ gheamhradh. Is olc a thig thu fhein as aonais spiolag de ’n im ’s de ’n chaise leis a’ chupan ti.”
Cha dubhairt mi ’n corr rithe. Dh’ aidich mi ann am inntinn gur ann aice fhein a bha ’chomhairle a b’fhearr. Nis, cha ’n ann a chionn gur i mo bheansa i, ach bha i riamh turail, toinnisgeil. Is iomadh latha ’bha feum agam gu’m b’ aithne dhi rud a dheanamh, agus rud a riaghladh. Tha sinn le cheile cho doigheil ri dithis a th’ anns an duthaich. Da uair ’s a’ bhliadhna tha cnapach math bocsa ’tighinn dhachaidh o Sheumas loma lan de na rudan a shaoileas e a tha feumail dhuinn. Tha eorna, is coirce, ’s buntata ’fas dhuinn fhin. Mar is trice theid mi fhin moch no anamoch a mach air cul a’ chleite leis a’ gheolaidh, agus gheibh mi na dh’ fhodhnas a dh’ iasg. Taing do Dhia, cha ’n ’eil éis sam bith oirnn eadar da cheann na bliadhna.
Chaidh mi thar mo sgeoil a charaid. Rinn mi deas gu falbh aig an am a dh’ iarr Seumas orm. Ach feuch sibhse nach e sheall roimhe. Bha fhios aige gu robh Ban-righ Bhreatuinn gu tighinn a dh’fhaicinn na h-Exhabition, agus bha fhios aige mar an ceudna gu robh meas mòr agam fhin riamh air a’ Bhan-righ. Chuir e ’n dara fios ugam ag radh mi bhith cinnteach gu’m bithinn anu an Glasachu an latha bhiodh a’ Bhan-righ ann a chum gu faicinn aon sealladh dhi.
Air feasgar Diluain dh’fhag mi ’n taigh air dhoigh ’s gu’m bithinn ann an Steornabhagh ann an am. An uair a rainig mi ’m baile bha Bata na Smuide aig an laimhrig, agus ghrad chaidh mi air bord. Bha mi sgith gn leor an deigh na coiseachd, oir bha togail do laimhe anns a’ mhaileid a bh’ agam an crochadh air a’ bhata ghlas air mo ghualainn. Mar a bha ’m fortan an dan dhomh ghrad chaidh sios fo rhum, agus thug am fleasgach speisealta, og, a thachair rium ann an seomar nan daoine uaisle, a’ mhaileid as mo laimh, agus chuir e ann an aite tearuinte i. An sin thuirt e rinm gu’m b’fhearr dhomh a dhol a laidhe. Chuir e fhein leaba bheag air doigh dhomh, agus chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh e naoi uairean ’s a’ mhaduinn. An uair a dh’ eirich mi bha ’m biadh air a’ bhord, ach ma bha b’ e sin am biadh a bh’ air a dheasachadh, ’s air a chur an ordugh gu snasail. Ghabh mi fhin na thainig rium dheth. Cha ’n ann a chionn mi fhin ’ga radh, ach cha bu gheocaire riamh mi. Ach gu cinnteach ceart bha da no trt de gheocairean air bord an latha ud. Shaoileadh tu direach gu’n itheadh iad na bha de bhiadh air bord a’ bhata leis a’ choltas a bh’ orra an uair a shuidh iad aig a’ bhord. Chuir iad a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s nach b’urrainn domh mo shuil a thogail dhiubh ach corr uair. Cha chluinneadh tu ach, “Stiubhart,” thall, agus, “Stiubhart,” a bhos aig na fir. Bha mi toilichte nach bu Ghaidheil iad.
Bha sinn greis ann an t-Srtom mu ’n d’ thainig an t-each-iarruinn. Thachair duine coir rium a mhuinntir Inbhirnis a bh’ air a thurus dhachaidh as an Eilein Sgiathanach, agus thug sinn greis air comhradh ann an cainnt mhilis, bhlasda, nam beann. An uair a chualas sitrich an eich-iarruinn, thug a h-uile neach lamh air faighinn deas. Thoisich iad ri ruith a null ’s a nall feuch c’aite am faigheadh iad cuil anns an suidheadh iad. Thuirt mo charaid a Inbhirnis riumsa nach ruiginn a leas cabhag sam bith a bhith orm, agus gu faighinn aite maille ris fhein. Coma co dhiu, mu dheireadh thall fhuaradh aghaidh an eich-iarruinn a chur ri Inbhirnis. Agus gu cinnteach ceart, cha b’ e sin am furasda. Dheanadh e de phuthaill ’s de shianaill rud a bheireadh air d’ fhalt eiridh o d’ cheann. Falbhaidh e ’n coinneamh a chuil a cheart cho luath ’s a dh’ fhalbhas e ’n coinneamh ’aghaidh. Dh’ olc no dh’
[Vol . 2. No. 42. p. 3]
eiginn gu’n d’fhuair iad chaidh aca mu dheireadh air toirt air stad anns a’ cheart bhad anns an robh toil aca, agus ann an da mhionaid cheangail iad cho math ri fichead carbad ris an earball aige. An uair a fhuair e cead falbh rinn e sitir ’s e ’n duil nach robh aige ach a chasan a thoirt as mar gu’m biodh fiadh. Ach a bhalaich ort, ’s gann a bheireadh e noideadh a ionad na’m bonn. Thuirt mi fhin ri m’ charaid gu robh eagal orm gu’n do cheangail iad tuilleadh ’s a’ choir ris an earball aige. Stad thusa ort tiotadh beag agus chi thu gu falbh e cho aigeannach ri searrach. Mar a thubhairt b’ fhior. Ann an coig mionaidean bha e cho luath ’s gu robh ’n cridhe air chrith agam a h-uile tiotadh gu rachadh e ’n coinneamh a chinn le creig.
Bha duil agam gu faighinn uine ann an Inbhirnis gu dhol a dh’ amharc air caraid dhomh a tha fuireach anns a’ bhaile; ach bha ’m baile cho trang an latha ud le daoine a bha dol do Ghlaschu mar a bha mi fhin. Mur b’ e cuideachadh mo charaid bha mi air m’ fhagail an oidhche ud ann an Inbhirnis. Fhuair an duine coir dhomh cuil bheag anns an do shuidh mi. Bha mi anabarrach toilichte gu robh mi ann an cuideachd dhaoine air an robh coltas a’ mhodha, agus no h-uaisle. Gu cinnteach dhearbh iad gu robh iad mar sin mu ’n d’ rainig iad Glasachu.
Eadar a h-uile rud a bha mi ’faicinn ’s a’ cluinntinn bha m’ inntinn air a togail air a leithid a dhoigh ’s nach robh guth air acras. Ach mu dheireadh thall bhuail e mi gu laidir. Bha fhios agam gu’n do chuir a’ bhean biadh anns a’ mhaileid airson an turuis; ach bha gne de naire orm teannadh ri itheadh bidh am fianuis na bha ’s an t-seomar maille rium. Mar gu’m buaileadh tu do dha bhois ri cheile, thoisich iad thall ’s a’ bhos ri lamh a thoirt air na maileidean a bh’aca, agus ri gabhail an dinneireach. Thog so mo chridhe, agus gu bhith anns an fhasan, ma b’ fhior, thug mi lamh air mo mhaileid fhein. Cha robh duine ’s an t-seomar bu choltaiche ri bhith ’na dhuine uasal na mise, fhad ’s a dheanadh deagh aodach, agus deagh mhaileid a’ chuis. Comhladh ris gach rud eile, chuir Seumas ugam maileid ris an canar anns a’ Bheurla, Gladstone bag. A bhalaich ort, nam faiceadh tu mi a’ toirt lamh air, ’s ’ga fhosgladh shaoileadh tu gur e fear baile a bh’ annam. An uair a dh’ fhosgail mi ’mhaileid bha ann an sin, air a phasgadh suas gu grinn, glan, ann am paipeir, aran, is ìm, is caise, agus placaid loma-lan de ’n stuth laidir. Ann am inntinn thuirt mi fhin—Mo luaidh ort fhein a Mhairi: bu tu fhein com na h-uaisle riamh. Is mi dh’ fhaodadh a radh gur mi fhuair an deagh bhean an latha fhuair mi thu. Bha fear roimhe ann a thuirt, “Is math an cocaire an t-acras; ’s mairg a ni tailceis air biadh; Fuarag eorn’ an sail mo bhroige, biadh a b’fhearr a fhuair mi riamh.” Tha so gle mhath; ach cha’n ’eil teagamh nach cuir deagh bhiadh saod agus sunnd air iomadh neach.
Fada no goirid gu ’n d’ thug sinn air an rathad rainig sinn Glasachu mu dheireadh. Thug mi ’n aire gu robh carbad is carbad ’g an ceangal ri earbull an eich-iarruinn anns a’ h-uile aite an robh e stad air an rathad. An uair a raìnig sinn Glasachu bha deich thar fhichead de charbaid, air a’ chuid bu lugha an ceangal ris an earball aige. A mhic chridhe, an uair a stad e ’s a thoisich na daoine ri bruchdadh a mach as na carbaid, shaoileadh tu gu robh a h-uile duine a bha ’n Alba cruinn, cothrom comhladh, air a’ bhad. Bha ’n aon chabhag air a h-uile duine riamh. Ged a bhiodh toil agam seasamh far an robh mi cha b’ urrainn domh. Dh’ fhalbh mi an rathad a bha cach a’ falbh. An uair a rainig mi ’n t-sraid sheas mi, oir cha robh fhios agam gu robh Sheumas ’g am fheitheamh; ach bha ’n t-aite cho dumhail le sluagh ’s nach fhaiceadh e mi ged a bhiodh suilean air a h-uile taobh de ’cheann.
Cha robh mi fada ’na m’ sheasamh aig oisinn na sraide an uair a thainig Seumas air mo chulaobh, ’s a thuirt e— “Bhur beatha do Ghlasachu, ’athair. Tha mi ro thoilichte bhur faicinn; ach c’arson nach d’ thainig mo mhathair eomhladh ruibh?”
“Ma ta, laochain,” arsa mise, ’s mi breith gu teann air laimh air, “ma tha thusa toilichte mise fhaicinn, tha mise pailt cho toilichte thusa fhaicinn. Cha b’ urrainn do mhathair an taigh fhagail, agus ged a b’ urrainn, cha’n ’eil toil sam bith aice tighinn do’n bhaile so. Ach air an t-saoghal co as a thainig na bheil an so de shluagh? Cha chreid mi fhin nach ’eil a h-uile duine ann an Alba anns a’ bhaile so a nochd.” “Is fhurasda aithneachadh, athair,” arsa Seumas, “gur ann air ur thighinn do’ n bhaile mhor a tha sibhse. Cha ’n ’eil sinne ach a’ cur umhail gu bheil am baile ni ’s trainge na b’abhaist dha bhith.”
Thug e mhaileid as mo laimh, agus chuir e staigh an carbad eireachdail ’s a dh’ fhoghnadh do Shir Seumas coir nach maireann, an latha b’fhearr a bha e riamh. Chuir e mi fhin a staigh roimhe, agus an uair a thuirt e facal no dha ris an oganach speisealta a bha na shuidhe air toiseach a’ charbaid, chaidh e steach comhladh rium, agus dhruid e’n dorus na dheigh.
IAIN.
(Ri leantuinn.)
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 42. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MAIGH 12, 1894.
Tha Pàrlamaid Ontario air sgaoileadh, agus tha aig muinntir na mòr-roinne sin ri fir-phàrlamaid ùra thaghadh air an t-siathamh latha fichead de mhios meadhonach an t-samhraidh.
Tha cuid de mhuinntir Chow Bay ag iarraidh ainm a bhaile sin a bhi air atharrachadh gu ainm eigin eile; ainm a bhios na’s fuaimniche ’s na’s bòidhche ri fhaicinn air paipear na’n t-ainm a th’ air an dràsda. Cha’n eil sinn féin a dol a ghabhail gnothuich sam bith ris a chùis, chan ann dhe’r gnothuch e, ach se ar barail gu bheilear ag atharrachadh tuilleadh ’sa chòir a dh’ ainmean àiteachan air an eilean so, agus gu’m beil làn am sgur dheth. Cha’n eil ainm math no dona ’na bhuanachd no na chall a dh’ àite ’sam bith, agus ’s co math am fàgail mar tha iad ri bhi ’g an atharrachadh.
Tha armailt nan daoine diomhain aig Washington fhathast, agus tha choltas orra nach eil iad a dol a ’g a fhàgail air chabhaig. Tha iad air campachadh taobh a mach a bhaile ann àite bog, salach, àite nach bi fada ’togail plàigh dhaibh ma dh’fhanas iad ann. Tha iad a cur seachad an latha mar a’s fhearr a dh’ fhaodas iad, agus a laidhe re na h-oidhche air leapannan fodair. Tha iad gle ghann de bhiadh ’s a dh’aodach, agus tha iad a’ fulang moran. Ach tha na ceannardan a th’ orra gu ròiceil, ag itheadh a chuid a’s fhearr dhe’n bhiadh, ’s a cosg a chuid a’s fhearr dhe’n aodach. Tha moran dhe’n bharail nach eil iad ach a deanamh amadanan dhiubh-san a tha ’g an leantuinn, air son an criochan féineil féin.
A’ GHAIDHEALTACHD.
Bha ’n Reiseamaid Dhubh air an earrach ann an Glascho. Tha i ri dhol do Dhùneideann mu dheireadh a mhiosa so.
Chaidh fear Iain Caimbeal a mhuinntir an Eilein Sgiathanaich a mharbhadh air an rathad iaruinn faisg air Dun-Uilleam, Diluain an treas latha fichead a dh’ April. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois.
Bha ’n t-Urr. Uillam Mac Fhionghain, a bha àireamh bhliadhnaichean na mhinistir ann an Gleann-Mhoireastain, air a phòsadh ris an Eaglais Shaoir ann an Gearrloch air an maodhamh latha deug dhe’n mhios a dh’ fhalbh. An deigh a phòsaidh bha dinneir mhor air a h-ullachadh anns an taigh-òsda, aig ’n do shuidh sia fichead. Thugadh spuan anns an robh da fhichead punnd do Mhr. Dingwall, a bha na cheann-suidhe air an t-seisean fhad sa bha ’n co-thional gun mhinisteir.
Tha Diùc Phortland, aig a bheil oighreachd mhor fearainn air a Ghàidhealtachd a déiligeadh glé mhath ris na croitearan a tha air a chuid fearainn. Thug tuathanach mor fhearann suas o chionn ghoirid, agus an àite ’m fearann sin a thoirt do thuathanach mor eile ’s ann a roinn e e eadar na croitearan, a cur uiread us uiread ris gach croit. Thug e cuideachd suas a bhi ri tuathanachas e féin agus roinn e ’m fearann air na croitean beaga. Tha so calg-dhireach an aghaidh àbhaist nan uachdaran Gàidhealach.
Oiche Di-dòmhnaich, an 22ra a dh’ April, bhrist teine mach ann an Inbhirnis, ann an taigh anns an robh fear Iain Ros a comhnuidh, agus mu’n d’ fhuaireadh casg a chur air bha e fhéin ’s a bhean ’sa phàisde air an droch losgadh. Cha robh a bhean ’s am pàisde beo ach beagan uairean, agus tha Mr. Ros e fein gle chunnartach. Cha do thachair ni cho cianail ann an baile Inbhirnis o chionn iomadh bliadhna.
Bha Alasdair Friseal, tuathanach a mhuinntir Chul-fhodair air chuairt ann an Canada air an fhoghar ’sa chaidh; bha e air a chur ann leis an Riaghladh. Tha e ’g innseadh gu robh e an Killarney am Manitoba far am bheil deich teaghlaich fhichead de chroitéaran a thainig a mach a Leodhas ’s as na h-Earadh a dha bhliadhn’ an t-samhraidh so. Thug Riaghladh Bhreatuinn do gach ceann teaghlaich sia fichead punnd Sasunnach ( £120 ) an iasad. Tha chuid as mò dhiubh gle mhath air an dòigh agus gle riaraichte le crannchur, ach cha d’ fhuair iad sgillinn dhe’n airgiod-iasaid a phàigheadh fhathast. Cha’n eil teagamh sam bith nach bi iad air an deagh chàradh an ceann beagan bhliadhnaichean.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Leabhraichean Giliag.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 42. p. 5]
NAIDHEACHDAN
Tha beagan a dh’ fhuil an Eirionnaich ann an Sultan Morocco. O chionn còrr us ceud bliadhna bha nighean Eirionnach ’na mnaoidh aig an t-sultan bha ann an uair sin agus ’se sultan an latha ’n duigh a h-ogha no a h-iar-ogha.
Tha Gilleasbuig Mac-a- Phiocair, a Catalone, ag innse dhuinn gu’n d’ fhuair e litir o chionn ghoirid o mhac dha a tha a seòladh air soitheach anns na cuaintean a deas. ’Nuair a sgriobh e bha e ’n ceann a deas Australia. Giulainidh an soitheach air a bheil e còig mile ’s sia ceud tunna de luchd. Chaidh a togail ann an Glascho, ’s cha’n eil mac màthar air bòrd aig nach eil làn a chinn dhe’n Ghàilig.
Tha sinn duilich gu bheil againn ri innse mu bhàs Mairearad Nic Bheth, bean an t-Srorraim Buchannan. Bha i tinn o chionn treis a dh’ ùine, ach gus o chionn ghoirid, bha dùil ri i dhol na b’ fhearr. Ach déireadh na seachdain s’a chaidh thug na dotairean suas i, agus chaochail i’ sa mhaduinn Di-ciaduinn air an t-seachdain so. Bha i air a tiodlacadh anns a chladh air Hardwood Hill feasgar an dé.
Bha dithis Eadailteach air an eur an greim ann am Grenfell, Manitoba air a gheamhradh s’a chaidh, agus an deigh dhaibh cùirt a sheasamh, thugadh a mach binn crochaidh orra. Bha iad ri bhi air an crochadh Dior-Daoin, ach chuir an Righladh Eadailteach tagaradh gu Riaghladh Chanada, ag guidhe tuilleadh rannsachaidh a dheanamh a thaobh an cionta, agus air sgàth an tagraidh sin, chaidh a chur seachad gu am eile.
Thug sinn iomradh air an t-seachdain s’a chaidh air a chall a rinneadh leis an tuil aig St. Albans, ann an Quebec. Cha’n eil a chùis a dol dad na’s fhearr ach a sior dhol na’s miosa. Tha tuil mhor anns an amhainn agus tha na bruachan a sior thuiteam leis mar tha’n t-uisge air cladhach fòdhpa. Tha’n sluagh a’ gabhail eagail gu’m bi am baile gu h-iomlan air a sguabadh air falbh, agus tha iad a fàgail nan taighean ’sa toirt air falbh an cuid àirneis us imrich.
’Nuair a bha’n soitheach smùid St. Pierre a dol a mach a Cow Bay Di-màirt s’a chaidh, bhuail i ann an soitheach beag seòlaidh a bha air a turus gu Halifax le luchd guail. Bhuail i mu’n teis meadhon agus ann an sia mionaidean chaidh i fodha. ’S ann a mhuinntir Mhainadieu a bha i, ’s b’ e “Native” a b’ainm dhith. Tha ainm aig a chaiptean a bhi na dhuine faiciollach, agus tha e ’cur ioghnadh air cuid a leithid a thachairt. Fhuair an criù as gun chunnart, ach cha d’ fhuair iad a bheag sam bith dhe’n àirneis a thoirt leotha.
Tha e air tighinn am folais gu bheil Humbert, righ na h-Eadailt air fas dona leis a chansair anns an sgòrnan aige. Tha ùine mhath o’n bha’n tinneas ag obrachadh air ach cha robh fhios aig duin air ach aige fhèin ’s aig na dotairean.
’Nuair a bhristeas banca ann an China, tha iad-san a bha ’ga chumail, na cléirich ’s gach fear gnothuich eile bha timchioll air ri bhi air am marbhadh, na cinn air an cur dhiubh ’s air air cur ’n an tòrr, còmhla ri leàbhraichean a bhanca. Cha do bhrist banc anns an dùthaich sin o chionn còrr us còig ceud bliadhna.
Tha Madrid, ceann-bhaile na Spàinne an dràsd gun chrochadair, ach ma tha, cha’n fhada bhitheas. Tha da cheud da fhichead ’sa seachd deug ag iarraidh fastaidh, agus a h-uile duine riamh ag radh gur e fhein crochadair a’s fhearr ’s an dùthaich. Am measg chaich tha eòr us certhir fichead maighstir-sgoile agus ceithar fhear-lagha.
Ghabh duin’ uasal ann an Lunnuinn tigh air mhàl air an t-samhradh s’a chaidh, agus rinn e cùmhnant ris an fhear leis ’m bu leis an tigh gu’m fàgadh e e anns a cheart shuidheachadh anns an d’ fhuair e e. Tha e nis a cur fios fad us farsuinn ag iarraidh dheargannan; tha fichead mile dhiubh a dhith air gus an tigh a chur ’san t-suidheachadh ’san d’ fhuair e e!
Minard ’s Liniment ’s gach aite.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 2. No. 42. p. 6]
Am Piobaire Dall.
Rugadh Iain Mac Aoidh, am piobaire dall ann an sgireachd Ghearr-loch anns a’ bhliadhna 1666. Bha e dall o rugadh e, agus bha a athair ’na dhuine dall cuideachd. Rugadh a athair “Ruairidh dall” ann an Duthaich Mhic Aoidh, agus bha e ’na phiobaire do cheithir cheannardan de Chlann Choinnich Ghearr-loch an deigh cheile. Fhuair Iain a chiad leasan-ciuil bho athair agus nuair a thàinig e gu math air aghaidh leis a’ phiob, chaidh e gu Oil-thaigh nam piobairean anns an Eilean Sgiathanach, fo churam Mhic Criomain. Bha aon fòghlumach deag anns an Oil-thaigh aig an àm sin, agus dh-fhàs Iain dall cho tapaidh air a’ phiob ’s gu’n d’ fhàg e na gillean eile fada air dheireadh ann an uine ghoirid. Thoisich Padruig Mac Criomain air fonn ùr; rinn e a’ chiad earrainn, ach cha b’ urrainn da an dara earrainn a dheanamh. Chur Iain dall crioch air agus rinn e cho math e ’s gu’n do dh-eirich an sean ràdh, “Chaidh am foghlumach os ceann Mhic Criomain.” Tha e air a ràdh gu’n robh Iain, agus gille eile a’ cluich an aon phuirt fear mu seach, agus Mac Criomain ag éisdeachd. Thuirt Mac Criomain ris a ’ghillé eile, “Carson nach cluich thu mar Iain dall?” “Mhuire!” ars an gille, “Dheanainn sin, mur robh mo mheòirian an deigh na sgaite.” Bha e a’ laimhseachadh na sgaite aig tràth bidhe, agus bha a mheòirian a leantainn ris an fheadan. Their piobairean eadhon gus an latha an diugh nuair a chluinneas iad droch phiobaireachd “Tha a mheòirean an deigh na sgaite.” Bha Iain seachd bliadhnachan fo churam Mhic Criomain, agus an deigh sin chaidh e air ’àis gus a sgireachd fein far do ghabh e an t-aite bha aig athair mar phiobaire do Mhac Coinnich, Ghearr-loch. Am feadh a bha e maille ris an teaghlach eireachdail sin rinn e ceithir Piobaireachd air fhichead, agus mòran ciuil-dannsadh, agus caismeachd; is mòr am beud gu’n deachaidh a’ chuid a’s mò dhiubh air chall. Ach tha aon diubh nach bi air a di-chuimhneachadh gu bràth cho fada ’us a bhitheas piobaire air thalamh, is i sin “Cumha Phàdruig Oig Mhic Criomain.” Tha a’ Phiobaireachd sin bhriagh, cheòlmhor agus tha i gle dhuilich a cluich. Is i beachd na muinntir a tha comasach air breith a thoirt, nach eil Piobaireachd eile a dh-fhaodas a bha air a coimeas rithe. Mar gu ’m b’ ann gu deanamh suas airson a dhoille bha a chlaisteachd air leth math. Tha e air a ràdh gu’n robh e ann an taigh duine-uasail far an robh Padruig Og Mac Criomain agus piobaire eile. Cha robh fios aig Iain dall gu’n robh Padruig Og an lathair. Thuirt an duine-uasal ris gu ’m bu toigh leis a bharail fhaotainn air a’ phiobaire aige. Thuirt Iain an ’m bitheadh e toilichte sin a thoirt da, agus an deigh dha a chluinntinn, thuirt an duine-uasal gu’n robh piobaire eile aige agus dh’ iarr e air Mac Criomain cluich gun fhios a bhi aig Iain co a bha ann, ach an deigh do Phadruig Og cluich thuirt Iain “Cha’n urrainn duibh mise a mhealladh, is e sin Padruig Og Mac Criomain, dh’ aithnichinn a chluich am measg Piobairean Albainn gu leir. Tha mo chlaisteachd agam géd a tha mi gun fhradharc.” Bha Iain ’na bhàrd cuideachd, agus ainmeil ’na linn fein. Nuair a dh’eug dara mac Mhorair Mac Aoidh rinn e an dan a rinn ainmeil mar Bhàrd e, is e sin “Cumha Choire an Easain.” Tha Coire an Easain air an rathad gu Loch mòr Stac aig bhaighe Srath-mhoir. Tha cuid de na bhardachd a rinn e air a chlodh-bhualadh ann an “Sar obair nam Bàrd Gaidhealach,” agus da no tri ann an leabhar Uilleam Rois. Phòs e nuair a bha e sean, agus bha mac agus nighean aige. B’i an nighean màthair Uilleam Rois, am bàrd. Dh-eug Iain dall anns a’ bhliadhna 1754 agus chaidh adhlachadh ann an uaigh ’athar, Ruairidh dall, ann an cill Ghearr-loch.
Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor.
LeighsidhMinard ’s LinimentCarr.
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTamhach ghoirt.
J . D. BOUTILIER.
French Village,
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan crup.
I . F. CUNNINGHAM.
Cape Island.
Tha fios agam gur eMINARD ’S LINIMENTleigheas a’s fhearr a tha ann.
JOSEPH A. SNOW.
Norway, Me.
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 42. p. 7]
Mearlach nam Bord.
Tharruing Uilleam Mac Isaic anns a Phòn Mhòr, fiodh as a choille o chionn ghorid gus bùird a dheanamh dheth, agus o nach robh muillean gle fhaisg air laimh chaidh e féin a dh’ obair le sàbh-mor agus rinn e bùird dhiubh e fein. An deigh gach dragh us saothair a fhuair e ’nan ceann, thàinig fear fad-lamhach air choir eigin air feadh na h-oidhche agus sguab e leis a h-uile gin dhiu. ’S e so a dh’ aobharaich an t-oran.
AIR FONN “AIR MADUINN CHIUIN CHEITEIN.”
Tha duine ’san àite s’,
’S e mo nàbuidh a th’ ann;
Rinn giuthas a shàbhadh
’S chur an àite gur mheang,
An ceann beagan de làithean
Ann an tràtha na h-oidhch’,
Dh’ fhalbh na bùird o na bhà-thigh,
’S gur e meairleach a bh’ ann.
Ge’r bith co rinn an gniomh ud
’No dh’ fheuch ris a chàs,
Bho’n bha ’n giuthas cho miadhail
’S nach do thiaruinn o d’ làimh,
’S olc an t-àit théid do phianadh
O nach do chriochnich thu ’n aithn’,
’S gu bheil m’ obair-sa diomhain
A bhi dianamh an dàin.
’Nuair théid mi ’ga innseadh
’S i ’n fhirinn a’s fhearr,
Cha deach e air mhiltean
’G a ghiulain air laimh.
’Nuair thig latha na crìche,
Mar tha cinuteach san dàn,
Bidh fios aig Naomh Micheal
Co dhìtear ’sa chàs.
Mar bha ’n t-Ostal ag ràitinn
’Sa dhearbh e bhi fior,
Guin biodh meairlich gu bràth ann
Fhad ’sa bhiodh tràghadh us lion’,
Mur dean aithreachas tràth dhuibh
Ur tearnadh o phian,
Theid ur tilgeadh do’n àmhuinn
’S cha bhi ur nabachd aig Dia.
Gun deid mi ’ga ràitinn
’S chan àicheidh mi féin,
Bha ’n bòrd air a shàbhadh
’S e ’n càradh ri chéil,
Mar bhiodh innleachdan Shàtain
Chuir am meirleach air ghleus,
’Sa bhrist air na fàintean
A shlànuich Mac Dé.
’S beag an t-ioghnadh an t-aite
Gun fhas a bhi ann,
Ged dhubhadh am barr
’S ged bhiodh fàilinn ’sa bhonn;
Mar tha daoine ’san àite so
An tràth ’s ris an fhoill,
Mar dean cumhachd an ard-righ,
Gum bi fàilinn sa chloinn.
Cha dean teagasg na h-Eaglais,
No Easbuig no Pàp,
An car tha san t-sean-mhaide
Cha dhealaich gu tràth;
Ge be co rinn an gniomh ud
Bidh e siapach gu bràth,
Gus an deid e fo’n fhòd
Mar th’ air òrduchadh dha.
’S mor an sgainneal do’n àite
Leithid a dh’ fhàs a bhi ann
A dheanadh a mheairle
Cho gabhaihh ’sa rinn.
Am bòrd a bha sabhte
Gun fhàilinn gun mheang
Chaidh a sguabhadh o’n bhàthaich
Ann an tratha na h-oidhch.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VI. —Air a leantuinn.
Dh’ uilleanaich Peadar slighe dha féin troimh an dòmhlachd sluaigh agus bha e air a mholadh mar dhuine adhartach. Bha Tòmas a feitheamh air son fosglaidh agus chaidh leis gun mor dhragh. Lean Criosduidh iad ag radh ris féin gu feumadh e a mhic a shàbhaladh; ach chum e sùil air an iomhaigh òir, agus bha fadal air chum an duais a ghlacadh, gus an d’ rinn aon Seòlta camacag a chur air, agus thuit e dlùth do Faiceall. Am feadh bha e na shìneadh air an làr spùinn Seòltachd a phòcaidean agus mheasadh e na dhuine tapaidh. Bha iadsan a bha os a cheann a fochaid air Criosduidh, mar dhuine air bheag eòlais air an t-saoghal. Dh’ fhosgail an tuiteam a shùilean, agus a thaobh nach b’urrainn da ruigheachd dh’ ionnsuidh na h-iomhaigh òir chunnaic e oirre cùl-sgriobhadh Mhamoin. Phill a smuaintean dh’ ionnsuidh Sgeul a Mhor Aoibhneis agus bha e duilich gu’n d’ fhàg e riabh i. Bha e leòinte na cheann, air chor gu robh e losgadh mar theine; bha chridhe tioram agus air seargadh mar am feur; bha earradh air a shalachadh agus srachte, agus ’s gann a dh-aithnicheadh a chéile phòsda gu’m b’ e fear feìn a bh’ ann. Tha e duilich a ghnà ciod a dh-fhaodadh eiridh dha, ach air do Thuigse, a bha coiseachd aig oir a chomhlain, a shùilean làn deoir a labhairt ris féin, “se gaol an airigid faermh gach uilc” ghlaodh e, “O dhuine le Dia, seachain na nithibh sin.” Phut e a thaobh mar an ceudna iadsan a shaltair air criosduidh, agus thog e air a chasan e. Measg an dream a rinn olc dha criosduidh b’ iad so Cridhe-Uaibhreach, Tur-Aineolach E-as-a- Cheìll, maille ri ceathrar dhluth chàirdean, Droch-inntinn, Fear-ana-Cainnt, Comhstri, agus Farmadach. Bha iad nan deagh mharaichean ach air dhaibh dol air seachran o’n chreidimh dh’atharraich iad an ainmean, agus thug iad suas gach smaoin sholeimte mu thimchioll an liahgoas-t nuaidh. Shlaod Tuigse Criosduidh ’na dheigh ionann agus leth mharbh, a caoidh na imeachd, “Pheacaich mi.”
(Ri leantuinn.)
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 42. p. 8]
Comhradh eadar Peigi agus an Clamhan.
AIR FONN, “MOR A CHALUM,” ETC.
Feasgar dhomh ’s mi deanamh tì,
Thug mi sgriob a null do’n t-sabhul,
Chunnàic mi clamhan a bha mor
’Na shuidhe air còrnair an scafail;
’Nuair a dhùin mi air a chòmhla,
Chaidh an t-ian gu mòr na chabhaig
Thuirt mi ris, “mur d’ rinn thu eucoir,
Cha tig lochd no beud ad charamh.”
AN CLAMHAN.
Cha d’ rinn mise ni bu léir dhomh
Nach robh a reir lagh nan clamhan;
Rinn mo mhuinntir an sliochd àrach
Le làmh-laidir anns gach fearann.
Air son sin na cuir gu bàs mi
Faic an sluagh a ghnàth a cleachdadh
Toirt le neart an cuid bho ’n càirdean
Ged a dhiante ’m fàgail falamh.
’S ann aig bruachan Loch-Mhic-Aidh,
A’n nead àrd am bàrr nan crannaibh,
A thog mo mhàthair sinn le gaol
’Si tarruinn le saòthair dhachaidh
Na’m biasdan libhurn donn
Na gob cronn ’s gan cumail daingean;
’S tric fo sgiathan ghabh sinn tàmh
Is i g’ar dion le blàths as fasgadh.
Mu’n do dh’ àraichiadh go feum sinn,
Thàinig iomadh beud n’ ar caramh
Ann an nead, gun chomas sgiathaidh,
Eadar a’ ghrian is an talamh;
Leag Domhull Iain Bhain a chraobh,
Chuir sud sgaoileadh anns’ an dachaidh,
Tha sinn a nis feadh an t-saoghail,
Gu tric gun bhiadh ’s ar caolain falamh.
’S ann am pastur Aonghais Bhàin
A bha mi ’n gàbhadh mor ’san cabhaig;
Theirinn mi bho speur gu làr
Is laigh mi lamh ri làir a chlachair;
Thainig Seònaid stigh na phàirc
’S an cu bàn ri ’sail ga leanailt,
Leum e orm mun d’fhuair mi sgiathadh
Dh fhag sud m’ earbul ciar na chlaisean.
’N am be pairt dhe’m nadar àbhachd,
’S iomn gàire a thigeadh asam,
Bha mi oiche ’n Lag-nam-bòchdan
’S chuir mi eagal mòr air Lachuin,
E g’ imeachd ’sa lamh na phòca
Piob na dhòrn gun phioc tomaca,
A sealltainn mun cuairt da gun tàmh
’S e cumail taobh àrd an rathaid.
’Nuair a rainige chraobh bhàn
Aig iochdar pàirceannan Ailein,
Bhrist e mhiar a bha fo’m shàil-sa,
’S thainig mi le stràchd go talamh.
Sgaoil mi mo sgiathan gu luath
Rinn iad fuaim a measg na meangan;
Chaill e ’n ad a bh’ air a ghruaig
Leis cho luath ’sa thàrr e dhachaidh.
Dhinnis e mar chuala e ’m bòchan,—
“An toiseach, thòisich e ri gearaìn
Eadar na speuran ’san làr
A fas làidir ’sa tigh’n faisge air,
Mar fhùaim tuile a sior dhòrtadh
A ruith na torleum leìs na glacan
No mar fhamhair a dol gu bàs
A nualanaich, ’s an spairn ’s ri osnaich.
’S ioma àite an robh mi riamh
’S tric a sgiath mi ’n cois a chladaich;
Thug mi cearcem bho Fhionn Padric,
Bha ’san stupul ’san robh stallan;
Mharbh mi coileach air a bhàrd
A sheas gu dàn’ a geard nan cearcan,
Chuir e spuir chrom nam chliathaich,
Is rinn i stialladh air mo chraicion.
Chaidh mi oiche sios gu tuath
Dh’ aite Raoghuil Ruaidh le cabhaig.
Chuala mi n’ fhiodhal ri fuaim
’S moran sluaigh a stigh ri caithream;
Thug mi eirag leam gun truas
A thug sgriach bha cruaidh nam ghlachaibh,
A’s chluinnean fuaim da chois an fhidhleir
An uair a bha mi mile air astar.
Dh’ ich mi feasd, as feasd gu leòir
Do dh’ iseinean òg aig Ailein,
Thug mi tunnag bho Iain Bòidheach
’Nuair a bha e beò san fhearann.
Nis, ma tha do dhùil ri tròcair
Seall i dhomhs agus leig as mi,
Cha sheas mi gu brach fo d’ chòmhaìr
Cho fhad ’sa bhios mi beo air talamh.
PEIGI.
Ma se sin na rinn thu dh’ eucoir
’S mise ’n te nach dian cuir as dhut;
Gun d’ thug Dia do’n h-uile creutair
A sheol fhein gu deanamh arain;
Tog do shiùil a nis as fàg mi
’S na bean gu brach ri mo chuid cearcan
Cha chuir mise lamh nad’ bhas-sa,
A Righ nan gràs gur mor a ghabhainn.
AN CLAMHAN.
An cuimhneach leatsa a chearc dhonn
A thug air lom a linn ’san earrach,
’S tu ga biathadh as do làimh
I durugail gun tàmh as gart oirre?
A bheil ann peacadh so ni’s gràinte
Air son e bhi làmh ri t-aitreabh,
Tha mi g’ aideachadh ad làthair
Gur ioma tràth dhe h-àl a bh’ agam.
’Nuair a chuala Peigi an sgeul so,
Cha do dh’èisd i ris ni b’fhaide,
Rug i air gu teann mun sgòrnan
’S bhruth i h-òrdagan na amhuich,
Cha robh an t-ian na thàmh ’sa chomhtri
Bha dha spoig ri stròiceadh narail
Spion i amhach as a friamhach
Chuir sud crioch air ian nan clamhan.
Thuirt Eoghan Mac Aonghais an aidh
’Nuair chuala e sgeul mar thachair,
“Mile beannachd aig an làimh
A rinn cho dàicheil a thachdadh.
’S mòr an t-sith a bhios ’san àite
’O na bhàsacih am plàigh-chearc ud
Cha sgiuth e tuilleadh am pairc
A cnr eagal am bàis air cearcan,”
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimhan comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 42 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 42. %p |
parent text | Volume 2 |