[329]

[Vol . 2. No. 43. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 19, 1894. No. 43.


Litir as aGhaidhealtachd.

FHIR MO CHRIDHE, —Tha car de nàire oirnn a bhithg innseadh cho beags a tha de mheas aig Gaidheil Alba air aGhàilig, ach is gann is urrainn sinn cainnt a chur air an dragh inntinn a thaair cuid de na fìor Ghaidheil, a chionn gu bheil an àireamh as de na ministearan adeanamh tàir air achainnt anns an bheil iad a searmonachadh a h-uile Didònaich. Cho fads is fiosrach sinn, chaneil na sagairt dad nis measaile air aGhàilig na na ministearan. Cha bu choir don chùis a bhith mar so idir. Chaneil obair anns an t-saoghal cho cudthromach, cho urramach, agus cho measail ris an obair a than carbsa ris achléir, agus on is iGhailig achainnt leis am bheil achléir Ghàidhealach afeuchainn ri bhithcur an gnìomh na h-obrach a ghabh iad os làimh, tha e iomchuidh agus ceart gum biodh iad comasach air aGhàilig a sgrìobhadh, a leughadh, agus a labhairt gu coimhlionta. Ach mo nàire, chan am mar so a tha. Is e duan gach fir, ach fear ainneamh, “Chan urrainn mise Gàilig a sgriobhadh.” Chaneil leabhar Gàiligna mo thaigh ach Biobull no tha.” “Is ainneamh leam facal Gailig a leughadh ach na leughas mi a h-uile Didonaichsan eaglais.” “Cha do sheall mi riamh ann an gràmar Gàilig.” “Chan aithne dhomh Gàilig a litreachadh,” agus mar sin sìos.

Tha làn àm aig eaglaiseam na h-Alba na cùisean so a chur air bonn ceart. Ciod am meas a bhiodh aig daoine air pears’ -eaglais ann am measg na Gall a theireadh nach baithne dha Beurla a sgrìobhadh noleughadh nolabhairt? Chan fhaigheadh e ach fìor bheagan a rachadh ga éisdeachd. Feumaidh gach sagart a bhithna dheadh sgoilear Laidinn mum bi e comasach air a dhleasdanas a ehoimhlionadh, do bhrigh gu feum pàirt den t-seirbhis ri bhith ann an Laidinn. Agus feumaidh gach ministear a bhithna dheadh sgoilear Beurla, do bhrigh gu bheil aige ri seirbhis a dheanamh ann am Beurla. Car son ma ta nach biodh gach sagart agus ministear comasach air a Ghàilig a sgrìobhadh, a leughadh, agus alabhairt cho maths a ghabhadh deanamh; Ann an Colaiste Mhaynooth an Eirinn tha taghadh is raghadh an fhir-theagaisg aig am bheil e mar a dhreuchd Gailig a theagasg do na daoine oga a thag ionnsachadh a bhithnan sagairt. Bu choir gum biodh fear-teagaisg den t-seorsa so anns gach Colaiste anns am bheil Gàidheil oga ag ionnsachadh a bhithnam ministearan. Is gnothach nàrach da rìreadh, gum biodh teachdairean an t-soisgeil aineolach ann au tomhas beag no mor air achainnt anns an bheil iad alabhairt ris an t-sluagh.
F. O. S.


Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

Chaneil duine beo aig am bheil cuimhne air side cho fiadhaich fhaicinns a bhagainn anns aGhaidhealtach agheamhradh agus carrann mhor den earrach sochaidh. Anns amhios mu dheireadh den fhoghar thoisich stoirmeannan is uisge, agus is gann a bha latha ciùin no tioram ann gus an deachaidh an Fheill Padraig seachad. Mar bu trice bann on deas agus on iar-dheas a bhaghaoth fad na h-ùine. Fad nan sia miosan so is gann a chunnaic sinn de shneachda tioram aig aon àm na chomhdaicheadh an talamh. Neo-ar-thàing nach robh pailteas de fhlithneadh ann. Tham flithneadh na shneachda tioram air mullach nam beann àrda, agus than sneachda a shil air mullach nam beann as àirde gun aiteamh fhathast. Tha duine uasal anns an Eilean Sgiathanach a tha cumail cunntas le glaine thomhais(rain guage)air na bheil asileadh de dhuisge anns an eilean fad na bliadhna, agus tha e ag innseadh dhuinn guu do thuit coig troidhean agus oirleach fad na bliadhna an uìridh (1893.) Chuir e suas cudthrom na bha so de dhuisge, agus tha e ag ràdh gun deanadh e sia mìle tunna mu choinneamh a h-uile acaire fearainn a thanns an Eilean Sgiathanach. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged nach cinneadh moran barra air fearann sam bith air am bheil uiread so de dhuisge asileadh gach bliadhna. Tha brigh an fhearainn agus an ùir as fhearr air an nigheadh as, agus tha iad aruith leis na cnoic don mhur. Bhan t-uisge agus na stoirmeannan acheart cho trom agus cho tric anns gach cearn eile den Ghaidhealtachd.

Ma bhan t-side fliuch, fuar, fiadhaich o dheireadh an fhoghair gu Feill Padraig, bha i neo-chumanta briagha, blàth o Fheill Padraig gus a so. Mur be gun dthàinig an t-side bhriagha bhlàth so is gann a bhiodh beathach beo an diughsan dùthaich. Aig fior thoiseach agheamhraidh bfheudar toiseachadh ri fodradh na spréidhe, agus mun dthàinig leith an earraich bainneamh iodhlann anns an robh cruach arbhair ri fhaicinn.

On a bha biadh sprèidhe gann agus an t-side gu math, thoisich daoine ri obair an earraich ni bu tràithe na bàbhaist dhaibh. Thachuid as mo den churachd deas mar tha. Cha bhi ach gann iomaire gun chursan dùthaich aig an t-seana Bhealltuinn. On a than tiormachd againn a nis o chionn shia sheachduinean bu mhiann le daoine latha no dha de dhuisge trom fhaotainn.

Lath Bealltuinn Ur. 1894.


Tha Feill Ioghnaidhean(Exhibition)gu bhith anns an Fhraing o chionn shia Bliadhna. Tha iad air tòiseachadh ri deanamh deas air a son mar tha. Tha aodach briagha, annasach acag a fhigheadh ris an abrar tapestri, agus chan urrainn am figheadair as fhearr air an t-saoghal barrachd air aon slat fhigheadh dheth fad bliadhna. Cha bhi aig gach figheadair ach sia slatan deiseil dheth an uair a thòisichlas an Fheill o chionn shia bliadhna.


Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor.



[330]

[Vol . 2. No. 43. p. 2]

TURUS DHOMHUILL BHAIN DON EXHABITION.

FACAL AIR AN FHACAL MAR A DHAITHRIS E DHOMHSA E AN LATHATHAINIG E DHACHAIDH.

(Air a leantuinn.)

FADA no goirid gu robh sinn air an rathad rainig sinn an a taigh anns an robh Seumas afuireach. Bha e suas ri deich uaireans an oidhche. Be sin an taigh; bha e h-uile troidh cho àrd ris achaisteal. Ciod a thagam air ach gun dfhas mo chasan sgìth mun do dhìrich mi na tri staidhreachan. A bhalach ort, an uair a chaidh mi steach don t-seòmar bha ann an sin bòrd cho eireachdails a chunnaic duine riamh air a lionadh le biadh is annlunn, direach mar is minic a chunnaic mi aig na seana mhnathan còire an latha bhiodh iad abuain na mòine, no an uair a thigeadh coigreach thun an taighe. Bann as aGhàidhealtachd a dhfhalbh bean an taighe, agus tha e coltach gu robh i anabarrach caoimhneil ri Seumas. On a bha fhios aice gu robh mise a cheart cho Gàidhealach ri fàd mòine chuir i am bòrd an òrdugh anns an dòigh ghairbh Ghàidhealaich. Bha i cho cridheils cho caoimhneil riums ged a bhiodh i eòlach orm o rugadh i.

Cha robh mi coig mionaideans an t-seomar an uair a thainig i steach agus botul air sgòrnanna laimh, agus thug i dhomh loma lan na glaine de stuth cho maths a dhòl mi riamh. Tha mig radh ruit gun drinn e feum anabarrach dhomh. Eadar straidhlich an eich-iaruinn, agus glaodhaich is capraid an t-sluaigh a bha tachairt oirnn aig a h-uile ceann uidhe aig an robh sinn astad, cha mhor nach deach mo cheann troimhe-a- chèile. Ach chuir an dram stòldachadh air mo cheann agus saod air minntinn aig an am. Cha do bhlais Seumas air deur den stuth làidir o chionn choig bliadhna, agus gu cinnteach tha mi fhin ro thoilichte dheth air a shon so. Chan e h-uile fear dom bheil e sàbhailte a bhith idirg a bhlasad anns abhaile mhor.

An deigh dhuinn ar suipeir a ghabhail gu maths gu ro mhath shuidh sinn greis mhath anns an t-seòmar acomhradh mu chaochladh nithean. Mu dheireadh chaidh sinn a laidhe. Chaidil mi cho trom ris achloich gus an robh e dlùth air naoi uaireans amhaduinn. Bham biadh air abhòrd, agus shuidh sinn aige. Cha bu luaithe a bha sinn deas na ghrad dhfhalbh sinn a dhfhaicinn na Banrigh.

Thabhuth anns am bheil Seumas ag obair air aon de na sràidean troimhn deach aBhan-righ, agus ghleidheadh àite dhòmhsa ann an aon de na h-uinneagan far am faicinn sealladh. An dràstas a rithist, an uair a chiteadh fear de na marcaichean a bha cumail an t-sluaigh o bhristeadh a mach troimhn challaid a chuireadh suas air gach taobh den t-sràid, atighinn mar gum biodh e fhéins an t-each air achuthach, leigeadh aghràisg a leithid de ghlaodh asdas gu saoileadh neach gu leagadh iad am baile ma cheann. ’S ann is breagha leamsa nach do bhòdhradh earann de na bhanns an éisdeachd. Mu dheireadh thòisich glaodhaich is bualadh bhas nach cuala duine riamh anns an t-saoghal a leithid. Tha mi cinnteach nach drinneadh a leth uibhir de ghlaodhaich an lathathuit ballachan Iericho. An sin nochd marcaichean nach fhaca mise no duine eile riamh an leithid. Bha ceann-aodaich orra a chuireadh ioghnadh ort. Nam bheachdsa cha bu cheann-aodaich bhreagha iad idir. Ach tha e coltach gum be sid am fasan. Obh! obh! ach an gaol a thaig muinntir abhaile mhòir fhèin air a bhith anns an fhasan. Achs e chuir a bhile ris achuis na marcaichean air an robh na clogaid òir, agus na cotaichean breaca buidhe. Air na dromannan, air na cliathaichean, ’s air na broillich aca bha stiallan a dhaodach oir! Tha mi smaointean gum bu mhath am fortan dhomh fear de da cotaichean. A bhalaich ort, chan urrainn mi cainnt a chur air na chunnaic mi fhads a bha minam shuidhe anns an uinneig ud, agus ged a burrainn, cha tiginn gu crich mo sgeòil gu latha Bealltuinn. Ach co dhiu, an deigh na marcaichean thainig carbaid, cuid le da each, cuid le ceithir eich, agus cuid tha min dùil, le sia eich. Mu dheireadh, nochd an carbad anns an robh aBhan-righ chòir fhéin. Ach ma nochd, rinn an sluagh iolach a chluinnteadh seachd mile air astar. Cha burrainn mi cumail orm ni bfhaide. Thog mi mo ghuth, ’s bhuail mi mo bhasan gus an robh gaoir de theas anns na dearnachan agam.

An uair a bha i mu choinneamh na h-uinneig anns an robh mi thug i sùil an rathad a bha mi, agus thug i noideadh beag air a ceann rium. Feuch fhéin a nis nach robh sin caoimhneil dhi? Chan fhaca i mise no duine a bhuineadh dhomh riamh roimhe. Cha bi fhèin cuid de na tuathanaich, ’s de na h-uaislean beaga eile a thair feadh na Gàidhealtachd, a theid seachad ormsas air mo sheorsa gun urads an lathamholadh dhuinn.

Ma ta, ’Sheumais,” arsa mises mi tionndadh ris, “cha dthug droch ghnothach on taigh mi. Ghabh aBhanrigh beachd orm am measg na bha de shluaga mun cuairt nan uinneag gu léir, agus thug i noideadh de ceann domh.”

O athair,” arsa Seumas, “nach sibh a tha fada air ais? Cha do ghabh aBhan-righ dad de bheachd oirbh nis mo na ghabh i ormsa. Bha i noideadh ris na h-uile neach mar a bfhearr a burrainn di.”

Ach tha mise cinnteach gun do sheall i orm direach ann an clàr an aodainn: canadh Seumas na thogras e. Ged is e Seumas maon mhac-sa, agus ged a tha e cho dleasdanach da phàrantan ri mac mathar a tha beò, chaneil e buileach saor on ghalair a thair achuid mhòir de dhaoine òga an lathan diugh. Tha duil aig daoine òga an lathan diugh gun dfhuair iad gliocas an domhain gu léir, Bidh iad a dhatharrachadh beachd mum bi iad cho sean riumsa, ar neo tha mise gu mor air mo mhealladh. Neo-ar-thaing nacheil paipearan-naigheachd agus leabhraichean gu leòr acaga leughadh; ach an uair a thig iad aghaidh ri aghaidh ri cùisean is gnothaichean na beatha so, chi iad an uair sin nacheil iad ach mar fhear afalbh air a leth chois. Tha e ro fheumail a bhith leughadh; ach tha e pailt cho feumail gun cumadh gach neach a shùilean agus a chluasan fosgailte, agus gun gabhadh e beachd ceart agus glic, o latha gu latha, air gach ni a chi agus a chluinneas e. So mar a dhfhoghlum na seann daoine a bhann ri linn mathars mo sheanar an gliocas a bhaca. Ach chaidh mi thar mo sgeòil mar is minic a rinn mi.

Cho luaths a fhuair sinn a mach as abhuthaidh dhfheuch sinn ri ar n-aghaidh a thoirt air an taigh. Cha robh sin furasda dhuinn, oir bhan sluagh cho dùmhail anns a h-uile sràid air an dthug sinn ar n-aghaidh. Mu



[331]

[Vol . 2. No. 43. p. 3]

dheireadh, mar nach diarr an sealbh oirnn, dhfheuch sinn ri rathad a dheanamh dhuinn fhèin troimhn t-sluagh. Cha deachaidh sinn fada air ar n-aghaidh gus am faca sinn gum bu cho math dhuinn tilleadh an taobh as an dthàinig sinn. Ach ma bha e duilich dol air aghaidh cha be tilleadh dad a bfhusa. Bhan sluagh a sior dhùmhlachadh gus mu dheireadh an do thòisich mòran diubh ri glaodhaich àird an claiginn gu robh iad gu bhith air am mort. Bha mi fhin ann an droch staid gu leòr, ach bha mi cumail orm cho maths a dhfhaodainn; ach mu dheireadh beiginn domh teannadh ri gearainn mar a bha càch. An uair a chuala Seumas agus dithis de chompanaich gu robh an deò air thuar a bhith air fhàsgadh asam, thoisich iad air iad fhèin a dhinneadh troimhn t-sluagh, agus air mise a tharruinn leo. Ghabh mi eagal uair no dha gu rachadh iad fhéin is cuid den t-sluagh an amhaichean a chèile. Air ghaol ceartas a thoirt dhomhsa bha iad coma cia mar a phutadhs a dhfhàisgeadh iad a h-uile neach a bhas an rathad orra. An uair a bha sinn air thuar a bhith a cunnart thachair gun dthainig laigse air te de na mnathan, agus a chum àile den ghaoith a leigeil da h-ionnsiudh sgap an sluagh a bha timchioll oirre o chèile, agus bhrùchd iad a nall far an robh sinne. Shaoil mi gu robh mi mach as an t-saoghal, agus ghlaodh mi àird mo chlaiginn. Chlisg Seumas agus na balaich eile gu robh mi gu bhith marbh air an làmhan, agus a mach a ghabh iad leam. A dholc nodhèiginn gun dfhuair iad thug iad mi beò, slàn a mach as a chuideachd; ach ma thug, cha robh agam ach an com den chòta a bha ma mdhruim. Chaneil fhios agam fhathast cia mar a chaill min t-earball aige. An uair a chunnaic na balaich gu robh mo chnàmhans mo chraicionn slan, bha iad toilichte gu leòr. Rinn iad gu leòr de ghàireachdaich mu shracadh achòta. Bha mi cearta coma aon uairs gun dfhuair mi mo bheò as achuideachd. Thuirt Seumas, ’s e gu sracadh a gàireachdaich a h-uile uair a shealladh e orm, gu robh mi anabarrach coltach ris achoileach stubach a thaig Anna Bhig. Tha Seumas is Anna, mar a tha fhios agad, gle mhor aig a chéile. Is iomadh uair a chuir e dhachaidh leth phunnd tis da phunnd shiùcair uice anns abhocsa againne. Bha eagal air Seumas mu dheireadh gu faodainn a bhithfàs sgith de na bha e fhéin is càch adeanamh de spòrs dhiom, agus thuirt e, “Coma leibhse, athair, is e còta ùr as fhaisge dha.” “Chan e,” arsa mise; “seall an seana chotathair an dréineasach uaine sin a chaidh seachad orm an drastas e puthails agàireachdaich amagadh orm. Nan robh e agam air abhògaich mhòir chuirinn an coinneamh a chinn ann am poll mòine e. Esan am beadagan, amagadh air duine còir sam biths gun fhios am bheil ann fhéin ach an t-Eirionnach.” An uair a chunnaic na balaich gun dfhàs mi cas thug iad gu gàireachdaich. Thuirt Seumas mu dheireadh, “ ’S e tha miseciallachadh gu faigh sibh còta ùr an àitean fhir a shracadh.” Bha fhios agam gle mhath gur e so a bha e ciallachadh ged nach do leig mi dad orm. Is fhada on achuala mi am facal.

Am bheil fhios agad gun do chuir e dragh air mìnntinn mi bhith cho fada air aiss gun do ghabh mi mi-thlachd air son a bhith deanamh spòrs dhiom?

Coma co dhiù, ràinig sinn an taigh. Dhfhosgail Seumas bocsa, agus thug e mach deise o làr gu mullach cho math, ’s cho eireachdails a chuir mac màthar a thanns an Eilean Fhada riamh ma dhruim. An uair a chuir mi uman i bha i mar gu fàsainn innte. Thuirt Seumas rium

Meal is caith i
S pàidh an t-annsa,
S tilg a nall an t-ath-aodach.”

So rann a bha riamh on is cuimhne leam, agus fada, fada, roimhe sinair a ràdh ris gach neach a gheibheadh ball a dhaodach ùr. Nan canadh tu e ri boirionnach gum phòsadh bha còir aice pòg a thoirt dhuit agus nan canadh tu e ri firionnach, no ri mnaoi phòsda, bha còir aca dram a thoirt dhuit. Thuirt Seumas, “ ’Nis, athair, ged nach òl mise dram tha miga thagradh mar mo chòir a chionn gun dubhairt mi ribh e; agus bheir sibh dram math abhean-an-taighe, ’s a dhfhear-an-taighe, agus òlaidh sibh fhèin fear eile air an slàinte. Gheibh sibh botul anns aphreasa.”

Ghairmeadh a steach fear-an-taighe agus bean-an-taighe, agus an uair a mhol iad an deise mar a dhfhaodadh iad deanamh, thuirt mi ri bean-an-taighe gu robh mi tuigsinn gu robh botul do stuth na Tòiseachd anns aphreasa, agus gum bithinnna comain nan cuireadh i air abhòrd e, on is i a beòlaiches aphreasa na mise. Rinn abhean chòir so gu h-ullamh, ealamh, easgaidh. Dhòl iad air mo shlàinte, agus an sin lion mi dhomh fhin aghlaine gus a h-òl air an slainte-san, agus thuirt mi:—

Slàinte le deadh dhùrachd dhuibh,
Bhur cridhe sùnndach, slàn;
Bhur taigh gun bhoinne snidhagaibh,
S bhur ciste mhine lan.”

Chòrd so ri bean-an-taighe anabarrach math; ach cha burrainn fear-an-taighe dad a dheanamh dheth o nach robh e air eadar-theangachadh gu Beurla. Thug Seumas ionnsuidh air seadh nam facal innseadh dha, agus bha egràdh gun do chòrd na thubhairt mi ris gu gasda. Innsidh mi dhuit mar a tha, cha ghabh moran de na bheil na Gàidheil alabhairt eadar-theangachadh idir. Chuala mise duine a bha araon glic agus foghluimte ag radh so. Tha mi cinnteach gu robh fios aige air mun dubhairt e e. Is iomadh fear a tha feuchainn ri nithean a dheanamh nach aithne dha dheanamh, agus is ann diubh oidhirp a thoirt air brigh is blas an orain Ghàilig a chur air an oran Bheurla.
IAIN.

(Ri leantuinn.)


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[332]

[Vol . 2. No. 43. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25

Thaphris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirs en aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, AM MAIGH 19, 1894.

An ceann seachdain no dha bidh am MAC-TALLA bhliadhna dhaois, agus an sin a toiseachadh air a dhol na thri bliadhna. Tha sinn an dochas gun dean a chàirdean an uile dhichioll an da sheachdain sin air cuideachadh leis air chor s gum bi e làidir tapaidh a toiseachadh air an treas bliadhna. Deanadh gach aon fhaicinn an toiseach gu bheil e fhéin cuibhteas ainbhfhiach dha thaobh agus an sin deanadh e impidh a chur air muinntir eile, nach eil fhathastga ghabhail, curga iarraidh gun dàil. ’Nan deanadh gach aon a thagabhail a phaipeir mar tha, a dhollar fhèin a chur ugainn gu riaghailteach gach bliadhna, agus ainm ùr agus dollar a chur a adhart cuideachd, cha bhitheamaid agearain idir; cha bhiodh reusan gearain againn. Their cuid ruinn gu bheil sinn ris a ghearain tuilleadh us tric, ach nam biodh iad fhéinn ar n-àite, cha rachamaid an urras nach cluinnten guth pailt cho tric.


Tha sinn toilichte bhi faicinn na Casket o am gu am a clo-bhualadh piosan matha de bhàrdachd Ghàilig. Tha orain o pheannAlasdair an Ridgerim faicinn ann air uairibh mar anns a phaipeir so fhein. Tha e an dràsda a toirt do luchd-leughaidh na Casket Eachdraidh nan Domhnullach rud a tha e gle chomasach air a dheanamh. Tha paipear ann an Sioiramachd Ghlinn-Garraidh ann an Ontario, an Glengarrian, anns am beil piosan de leughadh Gailig mar as trice. Chunnaic sinn oran Gàilig anns an Orillia Packet air an t-seachdain sa chaidh.


Thug dithis de dhaoine uaisle ann an Sasunn prìs anabarrach mòr air ugh bunna-bhuachaille. Thug fear dhiubh corr is trì cheud punnd Sasunnach air an ugh bu mhos bu bhriadha, agus am fear eile mu dhà cheud punnd Sasunnach air an ugh bu lugha. Tha e coltach gu robh an t-airgiod glé phailt aig na fir so. Gun teagamh sam bith tha uighean nam bunna-bhuachaillean anabarrach gann, ach ged a tha cha bfhiach iad an t-airgiod.


TEINTEIN MORA. —Bha teine mor ann am baile Bhoston Di-màirt sa chaidh. Thoisich e ann an pàirce anns an robh àireamh de mhuinntir a bhaile cruinn ag amharc air buidheann dhen oigridh a cluich Base-Ball, agusse gillean beaga a las e le paipearan ns sliseagan a chuir iad nan teine air son spors dhaibh féin. ’Nuair a chunnacas gu robh an teine a sgaoileadh chuireadh fios air na h-innealan-uisge, ach bha iad ag obairan àite eile, agus chaidh moran ùine seachad mun dfhuair iad tighinn. Re na h-ùine sin bhan teine ri sgath uamhasach, agus mun robh casg ceart air a chur air bha earrann mhor dhen bhaile air a losgadh, bha na ceudan de thaighean-comhnuidh air an losgadh gu làr, agus na miltean sluaigh air an fàgail gun dachaidh.

Bha teine mor eile Di-ciaduin ann am baile beag am an Rhode Island ris an canar Pawtucket, a rinn call mor, a loisg taighean, soithichean, agus laimhrigean. Than call air a mheas aig leth muillein dollar.


An latha roimhe dhfhàgadh Bascaid agus litir aig maighstir ceannuidh an eich-iaruinn ann am baile a thair taobh a deas Shasuinn. An uair a dhfhosgail e an litir bha e air innseadh innte gu robh leanabh anns abhascaid, agus gu robh e air a chur ma choinneamhsan cùram a ghabhail den leanabh, agus àrach a thoìrt dha mar gum bu leis fhein e. Dhfhosgail e abhascaid agus bha leanabh tlachdmhorna chadal innt. Ach cha ghabhadh e gnothach ris an leanabh. Dhinnis e mun bhascaids mun leanabh don luchd oibre a bha fo làimh. Thuirt fear dhiubh, gun gabhadh esan cùram den leanabh, o nach robh e coltach gun gabhadh neach sam bith eile cùram dheth. Thug e leis abhascaid agus an leanabh dhachaidh. Am uair a thogadh an leanabh as abhascaid fhuaradh na h-uiread de dheiseachan aodaich deas air an ùr-dheanamh air son an leinibh. Ann am measg an aodaich so fhuaradh cheud punnd Sasunnach. An uair a chuala am fear a dhionnsuidh an do chuireadh an leanabh mar a bha, bu mhiann leis an t-airgiod fhaotainn air ais, ach cha tugadh am fear eile dha cuid seach cuid dhiubh.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.


Leabhraichean Giliag.
RIN REIC AM BADDECK.

Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[333]

[Vol . 2. No. 43. p. 5]

NAIDHEACHDAN

Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan, agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each as fhearr air an eilean.

Chaidh dithis chloinne le Somhairle Moireastan aig Acarsaid Mhargaree a phuinnseachadh air an t-seachdainsa chaidh. Chaochail an nighean aois shia bliadhna, ach than gille adol nas fhearr.

LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.

Tha na mèinnein guail anns na Stàiteannan tàmh o chionn àireamh sheachdainean, agus tha bailtean mora na dùcha sin air fàs gle ghann dhen ghual. Tha iad a nisg a cheannachan Canadas am Breatuiun.

LeighsidhMinard ’s LinimentCarr.

Air an treas latha dhen mhios so, chaochail ann an Ashdale, àn siorramachd Antigonish, seana bhean choir dam bainm Mairi Chamaran, bantrach Dhùghaill Chamaran. Bha sia duine fichead cloinne aice, tri deug de ghilleans tri deug de nigheanan. Chan eil beo dhiubh an diugh ach deichnear.

Minard ’s Liniment ’s gach aite.

Than t-Urr. Seumas Friseal Caimbeal, mac don onarach Tearlach Caimbeal am Baddeck, an dràsd ann an Canada, agus air an rathad gu ard-sheanadh na h-Eaglais chleirich a tha gu bhi air a mhios so ann am baile St. John. Tha Mr. Caimbeal o chionn ochd bliadhna deug na theachdaire aig an eaglais anns na h-Innsean.


Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTamhach ghoirt.
J . D. BOUTILIER.
French Village,

Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan crup.
I . F. CUNNINGHAM.
Cape Island.

Tha fios agam gur eMINARD ’S LINIMENTleigheas as fhearr a tha ann.
JOSEPH A. SNOW.
Norway, Me.


Tha mèinneadairean Springhill air sgur a dhobair a rithist. Sguir iad o chionn sheachdain, ach thainig iad fhèins sealbhadairean na mèinne gu cordadh agus chaidh iad air ais gun obair. Ach cha bu luaithe rinn iad sin na thug iad fa-near nach robh choltas air a chùis gun seasadh iad ris a chordadh agus thilg iad uatha an obair a rithist. Tha iad mar sin o Dhi-haoine air an t-seachdain sa chaidh, ’s chan eil fhios de cho fadsa bhitheas.


TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. VI. —Air a leantuinn.

Thubhairt a bhean, air an robh mòr eagal, agus a lean iad, “Caite bheil a chlann.” Dhamhairc Tuigse annan tiug dhomhlachd, agus chunnaic e iad a pùchadh air aghart, agus ghlaodh e: “Cia fhad a dhaoine baoghaltà a ghràdhaicheas sibh baoghaltachd? tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas; nach eisd ri guth nan driudh a tha ro-sheoltanan druidheachd, sheas Criosduidh agus a bhean gu dubhach-ise air mhodh àraidh do bhrigh gun drinn a briathran Criosduidh a chuir air seachran. Cia fhad a leanadh na h-oganaich air spairn a dheanamh chum an Iomhaidh Oir a ruigheachdcha burrainn aon a ràdh ach an graide, gun mionaid de rabhadh, thuit eagal air an t-sluagh agus bhuail iad air a cuthach aon an a aghaidh aon. Iadsan a rainig bun na carraigh, agus a bha ionnan sa glachdagh nan duaisean, bha iad air an tilgeadh sios measg na cuideachd, agus shaltair iad air moran nan tuiteam; chaidh iad fein as an t-sealladh mar luaidhe ann an doimhneachd na fairge; cha de ghabh aon curam da bhràthair.

Bha Peadar agus Tomas air an luasgadh a nullsa nall, agus an àite an duais a chosnadh sann bhan aodach air a shrachdadh bhar an droma, bha iad a plosgadh le cion analach dhfeuch iad ri teicheadh agus as dèigh moran trioblaid ràinig iad an Athair, neach as gann a b-urrainn iad amharcsan aodann; Air dhasan fios bhi aige gun do pheacaich e fein, cha de chronaich e iad. Thubhairt Tuigse ri Criosduidh: Teich airson t-anama; na seall ad dhéigh, agus na stad sachomhnard uile. Bha iad gle thaingeal faotuinn cuibhteas Riarachadh Saoghalta, agus uime sin ghreas iad dhionnsuidh an t-soithich. An sin chualas fuaim trompaid, agus carbad an Ridire Iudas mamon a luidrigeadh troimh na sraidean. Ghabh iad ioghnadh fhaicinn caol ann am feoil agus neo-sgiamhach mar bha a chuid bu mhodha dhethsluagh. Bha na maraichean air an cuibhrigeadh le poll bho chuibhlichean a charbaid agus be so a chuid bu mhodha a thug iad leo a Riarachadh Saoghalta.

(Ri leantainn.)


Sgoil-sheinn Ghailig.

Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig gar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhen chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.

NIALL DOMHNULLACH.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[334]

[Vol . 2. No. 43. p. 6]

EACHDRAIDH NA SMUIDS-HOITHEACH.

LE IAIN MACILLEBHAIN.

Cluinnear am beul gach duine gur lìonmhor agus gur iongantach na h-ùr-innleachdan agus na h-atharrachaidhean a ghabh àiten ar linns an dùthaich, ach is tearcn ar measg nas urrainn ìnnseadh cuin, càite, no co leis a thòisich mòran diubh. Tha mi anns na leanas gu oidhirp a thabhairt, gu h-athghearr an cainnt mo dhùthcha, air cùnntas a thabhairt air aon do ni is comharraichte a ghabh àite ri ar cuimhne, chan e mhàinn ar rìoghachd fèin ach anns an t-saoghal.

Tha beachd agam gu math an uair a bhitheadh muinntir gu dol do Ghlaschu on cheàrna so dan dùthaich, * a bhigan cluinntinn ag ràdh gum bu tarugh gun robh a choimhlion lochsan rath ad, —nach bu nis am bith leò an t-asdar mar bhi na h-aisig. Is ann a tha daoinenis air caochladh am beachd cho mòrs gur ann a tha iad acaoidh gum bheil fearann Chinntìre anns an rathad, —gum bfhearr gum buisge an t-slighe gu h-iomlan, ’s gum faighte air aghart na bu luaithe, na bu shaoire, agus na bu shocaire no air sheòls am bith eile. Mam burrainn so a bhi béiginn gun dfhuair daoine dòigh as feàrr air siubhal air an uisge na bha aca riamh roimhe. Cha ruig mi leas ìnnseadh gun dfhuair no gur h-i ùr-innleachd na Smùid-shoitheach a rinn an t-ath-arrachadh.

Shaoileadh duine nach bitheadh e doirbhfhaotainn a mach corinn a cheud smùid-shoitheach, a tha cho eadar-dhealaichte o gach soitheach eile, ach chan ann mar sin a tha. Chan e mhàin gun robh mòran dhaoine fa leth, ach bha rìoghachdan asanntachadhs astrì ridheanadh a mach gur h-ann doibh a bhuineadh cliù agus ainm ùr-ìnnleachd cho comharraichte.

Tha na Spàinntich toileach a chur an céil gur h-ann doibhsan a bhuineas ùr-innleachd na smùid-shoitheach, a chionn gun dfhuair iad annsa bhliadhna 1826, ann an tigh-tasgaidh, paipeir sgrìobhta a bhatoirt cùnntais mu fhear dam bainmBlasco de Garaya rinn, anns abhliadhna 1543, ìnnleachd a chur ann an soitheach a chuireadh gu seòladh gu siùbhlach le coire de uisge goileach. Shaoileamaid nam bfhìor so gun cuireadh iad gu feum


* Srìobhadh so ann an Eisdeal.


e anns abhliadhna 1588, an uair a thug iad an ionnsaidh air Sasunn leis an Armada mhòir. Is i mo bharail an àite toiseach a bhi aca gur h-ann a bhasa tha iad fathast fada air deireadh air na coimhearsnaichs achùis. Is gann a chluinnear iomradh idir air smùid-shoitheach Spàinnteach, agus tha e mòran nis coltaiche gun drinn iad am paipeir anns abhliadhna 1826 na gun do rinn iad smùid-shoitheach anns abhliadhna 1543.

Tha Sasunn ag agradh còir air an ùr-ìnnleachd a chionn gum faighear ann an leabharan beag a sgrìobh Iarla Worcester anns abhliadhna 1665, gun gabhadh smùid-ìnnleachd cur ann an soitheach a bhitheadh ro ùiseil a chum loingis a shlaodadh a stigh no mach à acarsaidean, ach cha chluinn sinn gun deachaidh so ceum na bfhaide na bhi an sgrìobhadh agus mar sin chan airidh e air a bheag de shuim. Tha iad atoirt oidhirp eil ann a bhi ag ìnnseadh gun dfhuair fearJonathan Hullsanns abhliadhna 1736, Litir- Rìgh* air son gun robh e gu soitheach uidheamachadh le smùid-innleachd a sheòladh loingis an aghaidh sruith agus soirbhis, ach cha mhòtha cùnntas air bith gun deachaidh so riamhfheuchainn: faodar uime sin a chur a leth-taobh mar ubh anns nach robh gur, agus gu cinnteach às nach dthàinig riamh eun.

An àite muinntir Shasninn a bhifeuchainn a thoirt air daoine a chreidsinn gun robh làmh aca ann an ùr-rìnnleachd na smùid-shoitheach, bfheàr dhaibh gun a bhi abrosnachadh dhaoine gu bhi arannsachadh ro mhions achùis, oir faodar a thilgeadh orra nach e mhàin nach robh iad air thoiseach, ach gur ann a bha iad bliadhnachan air deireadh air Albainn.

Is ann à Glaschu a chaidh a cheud smùid-shaoitheach a bha riamh ann an Sasunn. Toiseach an t-samhraidh anns abhliadhna 1815, thàinigCaptain Doddsle sgiobo à Lunnainn a cheannach dhiubh. Fhuair e an Elizabeth. Dhubh e dhi an t-ainm isna àite chuir e air a deireadh an Thames. Sheòl e leatha rathad Eirinn agus mun cuairt ìochdar Shasuinn is in a h-ioghnadh do na chunnaic i. Ràinig i Plymouth mu mheadhon an t-samhraidh far an dfhuair i latha a thoirt cothraim do luchd-riaghlaidh a chalaih a faicinn


* Patent.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[335]

[Vol . 2. No. 43. p. 7]

agus a feuchainn, is in a sealladh do mhìltean nach facas nach cuala abheag de iomradh riamh air a leithid. An ath latha sheòladh leatha gu Postsmouth far an do chruinnich na mìlteans na deich mìltean ga faicinngach neach diubh ameas na Thamesna h-ioghnadh do-labhairt. An àm dhi ruigheachd bha luchd-riaghlaidh na Cabhlaich Bhreatannaich cruinn ann an cùirts cha dfhan iad ri sgaoileadh na cùirt, ach ruith iad a mach mar chloinn à tigh-sgoil a dhfhaicinn seallaidh nach fhacas a leithid riamh roimhe, agus iad fo eagal nach beireadh iad air fhaicinn a rithisd. Dhfhan an Thames latha ann am Portsmouth far an dthàinig coisiridh rìomhach air bòrdceithir àrd-cheannardan loingis, mòran mhnathan uaisle, saighdeirean mara agus buidheann de luchd-ciùil; ach bu bheag dan ceòl a chluinnte an àm dol seachad air loingis na cabhlaich a bhas achaladh, le àrd-chaithream nan seòladairean a bu leòir a dhùsgadh mhic-talla féin as a shuain. An àm pilleadh mu fheasgar bha gach neach amoladh buaidhean as murrachas na Thames. An déigh so shaoileamaid nach ruigear leas a bhicosd cainnt ann a bhidearbhadh nach buin an ìnnleachd do Shasunn. Nam bitheadh dad den t-seòrsa roimhe so aca fèin, cha deanadh iad a leithid de othail ri aon a thigeadh à Albainn.

Is iad na h-Americanaich is dlùithe a dhfhaodas dol air cliù agus creideas na h-ùr-ìnnleachd a thoirt uainn. Is iad gun teagamh a chuir gu feum an toiseach i. Rinn fear dhiubh dam bainm Robert Fulton, anns abhliadhna 1807, smùid-shoitheach dam bainm an Clairmont a chur gu gleus air an abhainn mhòr an Hudson agus be so acheud chosnadh a chaidh a dheanadh riamh leò. Cha robh iad air an cur gu ùis an Albainn roimhn bhliadhna 1811, an uair a chuireadh anCometan òrdugh le Henry Bell ann an Ghlaschu, gidheadh, tha mi an dòchas gun dean mi soilleir nach iad na h-Americanaich ach na h-Albannaich, agus gur e fear a mhuinntir Dhùnfris dam bainm Seumas Taylor, an duine, leis an do rinneadh a cheud smùid-shoitheach.

Bha Seumas Taylor air fhòghlum ann an àrd Oil-thigh Dhunéidinn. Bha e ro thùrail agus toigheach air a bhidealbhs afeuchainn ìnnleachd. Chaidh e anns abhliadhna 1875 do theaghlach Mr. Patrick Miller ann an Dalswinton a theagasg a chloinne. Bha Mr. Miller mar an ceudnan a dhuine ìnnleachdach agus mar so thachair iad air a chéile. Fhuair iad bàta a thogail air son rèis a bha ri feuchainn ann an Lites abhliadhna 1787. Bha am bàta air cumadh ùir agus an àite bhi air a cur air falbh le raimhs ann a bha cuibheall ag oibreachadhna meadhon. Bhuidhinn iad an réis ach chunnaic iad gun robh am bàta cho goirt ri h-oibreachadhs nach bu chomasach do dhaoine a sheasadh, —gum feumta an dara cuid a chuibheall a leagadh seachad no ìnnleachd a bu chumhachdaiche na neart dhaoine fhaotainng a h-oibreachadh. An déigh breathnachadh air achùis thubhairt Mr. Taylor nach baithne dha ni cho freagarrach ri smùid-ìnnleachd a dhoibricheadh gu sùrdail gun fhàs sgìth. Cha robh Mr Millerga fhaicinn cho freagarrach, ach ma dheireadh dhaontaich e leis cho fadas gun deachaidh bìrlinn a thogail agus smùid-inneal beag de umha a chàradh an òrdugh inntes a mach air loch uisge Dhalswinton chaidh a feuchainn as sheòladh i gu siùbhlach mu choig miles an uair, an sealladh nan ceudan a chruinnich a dhfhaicinn bàta a falbh cho luath gun ràmh, gun seòl; chithear fathast ann am paipeirean naigheachd an àm sin mion chunntas air soirbheachadh na ceud oidhirp a chaidh riamh a thoirt air soitheach no bàta a chur gu h-asdar le smùid-inneal.

Shoirbhich leò cho maiths gun do chuir iad rompa an ùr-ìnnleachd a thionndadh gu ùis as buannachd gun dàil am beachd Litir-righ fhaotainn chum a dheanadh cinnteach dhoibh féin. Mam bitheadh iad aig cosdas a cheum so rùnaich iad tuillidh dearbhaidh fathast a chur air a chùis le soitheach beag fhaotainn a thogail. Chaidh Mr. Taylor gu fùirneis mhòir Charroin chum na buill throma iarruinn fhaotainn a thilgeil air son na smùid-innleachd a bha ricur anns an t-soitheach ùr agus a chum an obair a bheairteachadh an òrdugh innte. Thuarasdalaich e fear dam bainm Symington a bha ag oibreachadh a réir stiùradh Mhr. Taylor fhéin. Chaidh an soitheach a chrìochnachadhsa feuchainn an lathair mhòran, uaislean as chumanta aira Chanal dlùth do Charron air an 26mh latha de mhìos deireannach na bliadhna 1798. Dhfhalbhadh i gu siùbhlach, socair aruith mìles an uair, ’s bha gach duine amoladh làn shoirbheachadh na h-ùr-innleachd. Shaoileadh duine gum bu leoir na chaidh cheana ainmeachadh gudhearbhadh gur ann do Albainn gun teagamh a bhuineas ùr-ìnnleachd na smùid-shoitheachs gur e gu sònraichte Mr. Seumas Taylor an duine a dhoibrich a mach i.

(Ri leantainn.)


LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach buriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraicean, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.



[336]

[Vol . 2. No. 43. p. 8]

ORAN.

Dhfhag thu sinn a fhleasgich thaitnich;
Is air ais cha till gu brath.
Tha thu ann san uaigh an tasgaidh
Ann an glacibh teann a bhais.
Ged bhios ros gu boidheach, cuachach
Fas a suassa mhaduinn bhlaith,
Roimh mheadhn latha faodidh cuairt ghaoth
Thoirt an nuas a dh-ionnsidhn laìr.

Leag am bas ur ghallan ceutach,
A bha beusach, ceanalt’, stuam’,
Cha do chleachd e ceilg na breugan,
No cainnt bheumach, lan de dh-fhuath.
Dhaoine bochda, bithibh deurach,
Thug an t-eug deagh charid bhuaibh;
Fear a gheibhteadh caoimhneil, deirceach,
S cha bann feineil, greannach, cruaidh.

Chi mi ghaoth a cur nan sineadh
Dhiasan liontach trom san uair,
S diasan caola, dona, criona,
Fas gu direach os an cionn.
S tric tha daoine gasda caochladh
Mun doir aois air falbh an luths,
S daoine crosda, dona fantuinn
Air an t-saoghal moran uin’.

Dhfhalbh thu, dhfhalbh, oigeir aluinn
Den dream laidir, chalma, threun;
Camaranichbu doirbhsan araich
Leis na claidhean guineach, geur.
Bard an cliu ri am Shir Eoghan,
Ard cheann-feadhna nam mor euchd;
Bu tric an naimhdean borb, uaibhreach
Air an ruaig roimh chruas am beum.

Thuit thusAlasdir aluinn,
Ann an cogadh na Spaìnne le cliu;
Bu tun t-og a bha ceutach,
Mar mhac-samhailt don ghrein bha do ghnuis.
Cha do sheall ann ad aodann
Aon nach dugadh dhuit gaol, is gum bfhiu;
Fear do ghuilains do naduir
Cait an robh ann san aite bho thus.

S beag an t-ionghnadh do mhathair
A bhi eisleineach, craiteach, gun neart;
Fhuair i riasan no dha air
Ged a thigeadh a gabhadh mu seach.
Ach cuid mhor dheth thignn comhla,
Dhfhag sin ise gun treoir, air bheag math;
Nis cha dean i car eibhinn
Mur a gluais i air eiginn le bat’.

Tha do mhuime bochd, cianail,
Gur tric snighe nan diar air a gruaidh,
Caoidh an ailleagain chiatich
Bha igaltrum tri bliadhna le uaill.
Dhfhalbh a h-aighears a solas,
Isnan ait thanig bron is droch shnuadh;
Is tha tside dheth craiteach,
S a chul taic air a charadhsan uaigh.

Dhfhalbh na fiurain dheas ogud,
S cha dean mìsen toirt beo le mo chainnt;
Chneidh as uires is craitich’,
Dhfhalbh am flur bharr agharidhna dheann.
Chraobh bhios tric air a rusgadh
Theid a cnodhan no h-ubhlan air chall;
Gur h-e crionadh as du dhi,
Cha dig snothaichean ur oirrach mall.

S ionnan sins mar tham Baillidh,
N deigh a lomadhsa chramhair gach taobh;
Aig an rioghachd bha mal air,
S gun do rinn e a phaigheadh gu daor.
Chan e airgiod no airneis
A thoirt seachad a dhfhag e lan ghaoid,
Ach na gaisgich ur, aluinn
Thuit an cogadh a chlaidh air an taobh.


Tha ainmean na feadhnach a phàigh air na cumail thairis gus an ath àireamh.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.

RIN REIC SAOR.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 43
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 43. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page