[Vol . 2. No. 44. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, AM MAIGH 26, 1894. No. 44.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VI. —Air a leantuinn.
Rinn gleadhar a bhaile an cluasan a bhodhradh air chor ’s nach b’ urrainn doibh aon a cheile a chomhfurtachadh. Bha iad aoibhneach foatiunn air falbh doigh air bith. Mar so bha air a choimhlionadh ann a Riarachadh Saoghalta na briathran, “tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dluth, agus a’ deipeachadh gu mòr, tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach: Ni mò dh’ fheudas an airgiod no ’n òr an saoradir ann an là feirge an Tighearn, ach le teine ’eudsan loisgear am fearann uìle, oir bheir e gu deimhir léir-sgrìos obann air uile luchd-àiteachaidh na tire.”
CAIB. VII.
Ràinig na maraichean an soitheach, agus fhuair iad i air cladach, a sàs anns’ an làthaich. Bha an seòl mara air tionndadh. Streap iad a suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad, agus chaidh iad fo chlàr air ball, agus nàir orra amharc an aodann aon a chéile. Air an oidhche so mar an ceudna dh’ fhas iadsan a chaidh air tìr tinn le fiabhrus a bha cumanta anns an eilean. Bha iad mar gu ’m eadh ri theine, corp us anam; luaisgeadh iad mar air leabaidh dris. Bha an t-ollamh Saor Ghràs gniomhach dol bho h-aon gu aon eile, chuir a chungaidhean, maille ris na briathran a thuit o bheul, casg air an fhiabhrus agus an ùine ghearr bha iad comasach teachd a nuas air a chlàr uachdar: Bha an t-iomlan dìubh iarrtannach air seòladh ach Dearsade a mhàin agus bha iad ullamh gu grad, brònach do bhrigh gu robh iad co luath air an aomadh a thaobh, gidheadh ri gàirdeachas air dhaibh bhi faicinn an cuan fosgailte.
Air an ath mhaduinn—tra bha iad a thoirt a steach na càpail thainig Caip tein Gradh-air-Beatha nuas anns an turumanaich dh-ionnsuidh an t-soithich aige féin, air a chumail suas le cho-sheoladair, Simon Magus a bha aig am àraidh na lighich ann a Fein-Earbsa ach coltach ri moran a thainig as na cearnaibh ud, a creidsinn gu robh e comasach air gach ni saoghalta dheanamh.
(Ri leantainn.)
LEODHAS. —Bha triuir bhràthrean Leodaich, air am bàthadh aig baile beag ann an sgire nan Loch, mu choig mile fichead ò bhaile Steòrnabhaigh, air a cheathramh latha dhe’n mhios so. Bha iad a mach le bàta a toirt a stigh luchd feamainn, bha mhuir gle gharbh agus bha’m bàta tuilleadh us trom leis an luchd a bh’ ann, agus chaidh e thairis. Mu ’n d’ fhuaireadh bàt eile chur a mach, bha na gillean bochda air am bàthadh. Bu mhic bantraich iad, agus tha i nis air a fàgail leatha fhéin gun duine chumas taic rithe ’na sean aois.
Air latha àraidh thachair Ministeir ainmeil Gaidhealach air duine a bha ’na namhaid do ’n Ghaidhlig, agus am feadh a bha iad a labhairt ri cheile mu dheibhinn na Gaidhlig, thuirt an duine “Ciod e am feum a bhi cumail suas na Gaidhlig, is cinnteach gu ’m faigh i bàs co dhiubh, agus nach eil e cho math siubhal a leigeil leatha ann an sith?” B’ e so an fhreagairt a thug am Ministeir dha, “Ciod e am feum dhutsa bhi gad’ chumail fein suas le itheadh agus le òl, oir gheibh thusa bàs mar an ceudna latha-eigin?” Cha robh freagairt sam bith aig an duine, agus dh-fhalbh e gun fhacal eile a ràdh.
Tha bathar math an comhnuidh aig D. J. Domhnullach air sràid wentworth, agus saor cuideachd. Tha brogan dha gach seòrsa, adan us curraichdean an dràsd aige gle shaor.
Tha Morair Abaraidhean, Ard-Riaghladair Chanada a tigh’nn air chuairt do Cheap Bretunn toiseach an fhoghair.
Minard ’s Liniment ’s gach aite.
Comh-Sheirm Ghailig ann an Lunnainn.
Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi thugaibh rinn mi iomradh air a Chlass Ghàidhlig agus air a chomh-sheirm a bha gu bhi aca air an treas là de ’n mhios. B’e sin an là roimh ’n dé agus tha mi glè thoilichte ’ràdh gu ’n robh coinneamh againn cho gasda ’s a burrainn neach iarraidh. Chruinnich na Gàidheil bho gach cearn de ’n bhaile agus leis an dòigh anns an do ghabh iad ris gach oidhirp a thug a choisir, sheall iad gu’n robh iad làn-riaraichte.
Bho “Ordugh na Comh-sheirm” a tha mi cur thugaibh le so chi sibh nach robh dad againn ach Gàidhlig fad na h-oidhche.
Thaitinn an “comhradh” eadar an dithis bhalach òga—Alasdair Hepburn agus Dòmhnull Mac Aoidh, —ro mhath ris an t-sluagh. Cuiridh mi thugaibh e an ath sheachduinn.
ORDUGH NA COMH-SHEIRM.
Port air a’ Phiob Ian Mac Aoidh agus Gilleasbuig Mac Aoidh
“Moladh na Lanudaidh” A’ Choisir
“Gun chrodh gun aighean” Giorsal NicAoidh
“Bruthaichean Ghlinn Braoin” A’ Choisir
“C’ ait’ an caidil Ribhinn” Alasdair Hepburn.
Fidhleireachd Ian MacPhearsoin
“Cumha na h-Oighe” F. MacGhillebhubhe
“Thainig an Gille dubh” Anna Nic Artair
“Maili bheag og” A’ Choisir
“Fear a’ Bhàta” I. Nic Illeathain
TABRUING-ANALAOH.
Piobaireachd Dòmhnull Mac Aoidh
“Ho-ro mo nighean dònn bhòidheach” A’ Choisir
“Crodh Chailein” Deorsina Nic Aoidh, Anna Nic Artair, Bmhr Gilliosa agus P. Macantsaoir.
“Air Fal-al-al-o” Alasdair Hepburn
Fidhleireachd Ian Macphearsoin
“An cluinn thu Leannain” F. MacGhilleabh uidhe.
“Faill-ill-o agus ho-ro eile” Deorsina Nic Aoidh
Comhradh eadar Alasdair Hepburn agus Domhnull MacAoidh
“Mnathan a’ Ghlinne-sa” I. Nic Illeathain
“Cumha Mhic-Criomain” Giorsal NicAoidh
“Gabhaidh sinn an rathad mór A’ Choisir
CABAR-FEIDH.
[Vol . 2. No. 44. p. 2]
TURUS DHOMHUILL BHAIN DO ’N EXHABITION.
FACAL AIR AN FHACAL MAR A DH’ AITHRIS E DHOMHSA E AN LATHA ’THAINIG E DHACHAIDH.
(Air a leantuinn.)
CHA deachaidh mi mach as an taigh air an fheasgar ud tuilleadh. Bha Seumas agus na spalpairean òga eile a bha maille ris air son mo thoirt a mach air feadh a’ bhaile anns a’ mhionaid; ach thuirt mis riu gu’m b’ mhath an sealladh a dh’ fhear sam bith ann an aon latha an sealladh a chunnaic mise, agus iadsan, agus miltean air mhiltean a bharrachd oirnn an uair a chunnaic sinn sealladh de’n Bhan-Righ. Coma co dhiu an uair a dhorchaich an oidhche dh’ fhalbh mi mach air feadh a’ bhaile a dh’ fhaicinn nan ioghnaidhean a bha cho pailt anns a h-ulle taobh air an tugainn m’ aghaidh. Mar onair do ’n Bhan-Righ bha na mìltean do bhrataichean de gach seòrsa air feadh a’ bhaile. Mhothaich mise dhaibh an uair a chaidh mi mach ’s a’ mhaduinn ged nach tug mi iomradh orra gu so. Anns an oidhche cha ’n fhaicte sealladh ceart air na brataichean, ’s air na h-aodaichean de gach dath leis an robh ballachan cuid de na taighean air an còmhdachadh. Ach mu ’n d’ thàinig deireadh na seachduin fhuair mi sealladh gu leòr dhiubh.
Bha sràidean a’ bhaile mu ochd uairean san oidhche a cheart cho soilleir ’s a bhiodh iad air latha geamhraidh. Bha aon bhùth mhòr faisge air an drochaid mhòir agus bha cùnntas mhìltean de chrùisgeanan beaga s’ caochladh sheòrsachan soluis aca ga thoirt seachad. Dh’ innseadh dhomh le urra chinntich gu robh còrr is fichead fear-ceairrde fad seachduin cho trang ’s a b’ urraiun daibh ’a cur nan crùisgeanan an òrdugh. Bha moran eile air feadh a’ bhaile a rinn mar a rinn fear na bùtha so, ged nach robh na soluis aca cho lionmhor no cho maiseach. Cha’n urrainn domh trian de na chunnaic mi an oidhche ud aithris dhuit. Tha’m feasgar a’ tighinn, agus feumaidh mi feuchainn ri sgeul aithghearr a dheanamh dheth.
Anns a’ mhaduinn an uair a dhiùsg mi ’s a ghabh sinn ar biadh, dh’ fhalbh mi fhin, agus Seumas, agus fear an taighe, ’s bean an taighe, ’nar ceathrar do’n Exhabition. Thuirt Seumas gur e fhòin a bha ’dol a chosg oirnn o ’n a dh’ fhalbhamaid gus an tilleamaid dhachaidh. Cha do ràinig sinn a leas ach gann ceum coiseachd a dheanamh. A mhic chridhe! ’s ann an sid a bha’n sealladh! An uair a ràinig sinn cha robh againn ach a dhol a steach air na dorsan cumhann, oir phàigh Seumas an cùineadh. Ma bha sràidean a’ bhaile dumhail le sluagh an latha roimhe sid, ’s ann a bha ’n dùmhlachadh aig na dorsan cumhann le daoine ag iarraìdh a steach. An uair a chaidh sinn a steach dh’ earb is dh’ àithn mi ri Seumas gun e ga m’ leigeil as a shealladh ar neo nach fhaigheadh e am measg na cuideachd mi ri bheò shaoghail. A bhalaich ort, bha mor-ioghnaidhean an t-saoghail gu leir ann an sid cruinn, cothrom, còmhladh. O nach deachaidh mo cheann-sa ’na bhoil mu ’n d’ thàinig beul na h-oidhche, cha ’n ’eil guth agam ri ràdh. Faodaidh tu mo chreidsinn an uair a their mi nach ’eil anns an t-saoghal duine a b’ urrainn beachd ceart a ghabhail air gach ni a bha ri ’fhaicinn an sid ann an ùine bu lugha na mios. Bu chiatach an sealladh an aitreabh thaighean a bh’ ann le ’n tuireadan àrda, maiseach. Ged is e fiodh gun lochdradh a bh’ anns a’ chuid bu mhò dhiubh, bha iad ag amharc anabarrach math o’n taobh a muigh. Ach cha ’n ’eil duine sam bith nach fhaodadh a bhith toilichte leis cho fior mhaiseach ’s a bha iad ’s an taobh a staigh.
Thug sinn an toiseach ceum socrach troimh na taighean gu léir, agus chunnaic sinn sealladh dhe gach ni iongantach agus a miseach a bh’annta. Choisich sinn a null thar na drochaid a rinn iad air a’ Chelbhin, agus gabh sinn ceum air ar socair mu’n cuairt air na rathaidean rèidhe, boidheach, mor thimchioll na pàirc. Chuala mi fhìn fuaim dlùth dhomh a chuir ’nam chuimhne uair a chunnaic mi each a’ teicheadh le cairt ann an Steòrnabhagh, agus thug mi sùil an taobh o’n d’ thàinig am fuaim. Ciod e bha ’n sin ach rud ris an can iadSwitch -back Railway. A bhalaich ort! rachadh an carbad an dara uair suas an aghaidh bruthaich cho cas ri cliathach an taighe, agus an uair eile rachadh e sios an coinneamh a chinn air an taobh eile de ’n bhruthach, cuimhnich thusa, bha e ’falbh leis fhéin cho luath ris a’ ghaoith, aon uair ’s gu’n tugadh na fir a bh’ aig gach ceann de ’n t-slighe ùpag dha. Chuir an rud a bh’ ann a leithid a dh’ ioghnadh orm ’s gu’n ’s gu’n deachaidh mi suas an rathad a bha e. Thoisich Seumas air mo bhrosnachadh gus a dhol ann, ag ràdh nach robh duine sam bith a b’ fhiach duine a ràdh ri nach robh dol ann. Thuirt mi nach rachainn ann am muigh no mach, agus nach robh ann ach obair dhaoine gun chèill a dhol ’na chòir. Thnirt bean-an-taigh, a’ bhean chòir, gu rachadh i fhèin ann nan rachainnsa ann maille rithe. Ged nach robh agam oirre ach eòlas da latha, bha mi ro mheasail oirre, agus air ghaol a toileachadh dh’ aontaich mi dhol ann. Cha bu luaithe shuidh sinn ann na mach a bha e. Rinn mi grèim bàis air an àite-shuidh ’s mi ’n duil gu robh mi ’dol dìreach an coinneamh mo chinn do ’n t-siorruidheachd. Leis an t-sitheadh a bha roimhe dh’ fhalbh an ad dhiom; ach cha ruig mi leas a bhith ’gearain o nach d’ fhalbh mo cheann na broinn. An uair a ràinig sinn an ceann eile, thug na ceatharnaich a bha ’toirt na h-ùpaig dha orm a dhol a steach ann agus pilltinn an taobh as an d’ thàinig mi. Cha robh mi cho gealtach a’ pilltinn. Thug mi tainig do ’n Fhreasdal a chum beò mi. Ciod a th’agam air ach ma bha ’n truaighe air an each-iaruinn, gu robh na seachd truaighean air an each-fhiodha.
Gu fortanach cha d’ èirich dad do’n aide. ’Nan d’ thainig ormsa dhol am measg na bha sid de shluagh ceann-ruisgte bhithinn air mo nàrachadh.
Thuirt Seumas rium an uair a fhuair sinn a mach as an aite chroiseil ud, “Tha mi cinnteach, athair, nach bu mhisde sibh deur beag a ghabhail a chuireadh saod oirbh.”
“Ma ta, laochain,” arsa mise, “nan deanadh e feum dhomh tha mi gle fheumach air rud éiginn a chuireadh saod orm. Cha robh mi riamh ann am bheatha cho dlùth air a’ bhàs ’s a bha mi anns an àite cbroiseil ud. Cha b’ e càs an cunnart anns an robh mi, ach chaidh mi nam bhreislich cho mor ’s nach b’ urrainn domh aon fhacal ùrnuigh a chur suas.”
Ann an ùine ghoirid ràinig sinn far am faigheamaid ar diol de bhiadh ’s de dheoch de gach seòrsa. Cha robh sinn ach gann air suidhe mu ’n bhòrd an uair a thòisich an aon cheòl cho briagha ’s a chuala mi riamh.
“Ciod e an t-inneal-ciùil a tha sid? Cha ’n ’eil mi ’n dùil gu’n cuala mi
[Vol . 2. No. 44. p. 3]
riamh a leithid,” arsa mise.
“Sid agaibh an t-òrgan. Is cinnteach gu’n cuala sibh iomradh air roimhe so ged nach cuala sibh air a chluich e gus an diugh,” arsa Seumas.
“Ma ta, Sheumais, ’s fhad ’s cian o chuala mise mu ’n òrgan. Nach b’ e fear a thainig o theaghlach Chain do’m b’ ainm Iubal a rinn a’ cheud òrgan? Is iomadh uair a bha e ’cur ioghnaidh orm gur ann o Chain a thainig na goibhnean agus an luchd-ciùil. Is cinnteach mise nach cluicheadh Iubal air an òrgan cho math sid. Tha sinne, Sheumais, cho math dheth ris a’ mhadadh ruadh an uair a bha e ’g itheadh màl na pìoba, tha biadh is ceòl againn.”
An uair a chuala mo bhanacharaid chòir mar a thubhairt mi, rinn i gaire cridheil, agus thuirt i, “Tha ’n urram agaibh féin a Dhòmhuill Bhàin.”
Thug sinn an sin cuairt air feadh na h-Exhabition. A dhuine, ciod e an sealladh a bha ’n sin! Mar a thuirt mi riut cheana, cha ’n aithrisinn trian de na chunnaic mi ged a bhithinn a’ bruidhinn uime gu latha buidhe Bealltuinn. Bha mnathan a’ sealltuinn a’ sniomh ’s a’ cardadh ann, agus a fighe bheannagan. Is iomadh snàth caol a chunnaic mise, ach cha ’n fhaca mi leithid an t-snàth ud riamh. Gun fhacal brèige, cha ’n fhaicinn ceart e gus an do chuir mi orm na speuclairean.
Bha cuid a’ deanamh bhròg, is adachan; bha cuid a’ fuinne an arain, ’s a’ deanamh nan rudan-milis; bha cuid a’ clò-bhualadh leabhraichean de gach seòrsa; bha cuid a’ fighe nan aodaichean, agus nan ribinean agus nan aodaichean bùird, mòran ioghnadh orm. Bha aon duine ’na sheasamh aig gach beairt, agus ged a bha suàithean de gach dath a smaoinicheadh tu ann, thigeadh na snàithean leò fhéin ’nan am fhéin, agus rachadh iad a steach do ’n bheairt ’nan àite fhéin. An cuala thu mu ni riamh cho ìongantach sid? Mu dheidhinn na bh’ann de dhealbhan ’s a dh’ iomhaighean air an gearradh a cloich ’s a màrmor, cha ghabh e innseadh. Shaoil mise an uair a chaidh mi steach do ’n t-seomar anns an robh iad gur i bean Lot a bh’ ann an te de na h-iomhaidhean. Bha moran innealan de gach seòrsa ann nach robh mise ’tuigsinn ciod e am feum a bh’annta. Bha beairtean-innleachd de gach seorsa fo ’n ghrèin ann, air son a bhith ’cur loingeas air falbh air muir, agus oibrichean de gach seòrsa air falbh air tìr. Co a chunnaic mi ann ach mo charaid, an t-each-iaruinn? A bhalaich ort, ’s ann air a bha chulaidh. Chitheadh tu d’fhaileas as na cliathaichean aige. Nach e ’dh’ fheudas? Cha dean e car latha ’s a’ bhliadhna, agus neo-ar-thaing mur cumar glan e. Is docha gu’n deachaidh e do ’n Fhraing am bliadhna gus gu faiceadh na Frangaich cho briagha ’s a tha e.
Bha anabarr innsridh ann—bùird, is cathraichean, is beingeachan, is leapannan, is lar-bhrait, is sgàthain cho mor ri stuadh taighe, is soithichean creadha de gach seòrsa. A dh’ aon fhacal, bha ioghnaidhean an t-saoghail gu léir ann, agus an còrr ged a theirinn e. Cha ’n ’eil uine agam air a’ bheag tuilleadh ainmeachadh; ach cha n-urrainn mi gun iomradh a thoirt air a dha no tri de nithean eile.
Mar a tha fhios agad, tha mi ro dheidheil air ceol. Cha do thuig mi riamh car son a bha na ministearan cho fada na aghaidh. Bha buidheann de luchd-ciuil cho math a chluicheadh ’s a th’ ann am Breatunn, ’s anns a’ Ghearmailt, a’ cluich a h-uile latha, ’s iad nan seasamh ann an cròthaidh. Bha de ’n òr air an seacaidean ’s air an ceann-aodaich na deanadh beairteach earaann mhor de mhuinntir na duthchadh. Bha feadain chama, bhuidhe aig cuid diubh, agus feadain dhubha le bannan airgid aig cuid eile. Ach ceol a b’ aille nan ceol a bh’ aca cha chuala mise riamh.
Sheàs sinn aig fuaran bòidheach a bha faisge air an drochaid, agus mhol mi an t-uisge, agus thuirt mi nach fhaca mi riamh uisge bu shoilleire na e. Ach thuirt Seumas— “Deanadh sibhse foighidinn gus eadar so ’s deich uairean a nochd, agus chi sibh nach e sin dath a bhios air an uisge. An uair a thig greis de ’n oidhche toisichidh na Sithichean a th’ anns a’ chnoc so ri caitheamh an uisge ’na sput do ’n iarmailt, agus cha ’n ’eil dath a chunnaic duine riamh nach cuir iad air.”
“Bi samhach, a bhlaoghastair bhochd,” arsa mise; “cha robh mise rianh cho faoin ’s ga’n tugainn geill do na naigheachdan faoine a bha ’n sluagh ag aithris mu na Sithichean.”
Cha robh air so ach so fhein. Thainig an oidhche gun fhios domhsa; oir bha m’ aire air a tarruinn a dh’ ionnsuidh na bha mu ’n cuairt orm. Bha beachd aig Seumas c’ uin a theannadh Tobar nan Sithichean ri cur as a chionn, agus o’n a b’e fhein bu cheann-snaod oirnn nar triuir, bha sinn ’g a leantuinn ge b’e taobh a rachadh e. Cha robh sinn fichead slat o ’n Tobar an uair a thoisich e ri cur as a chionn. Mar a thubhairt Seumas b’ fhior. Cha robh dath a chunnaic duine riamh nach robh air an uisge. Bha ’n t-uisge a’ leum air uairean cho ard, tha mi creidsinn, ri tri fichead troidh. Bhiodh cuid dheth buidhe, ’s cuid dheth uaine ’s cuid dheth dearg, ’s cuid dheth gorm ’s cuid dheth de dhathan iongantach eile air nach urrainn dhomh-sa ainm a chur. Cha robh mi ’g radh diog. Shealladh Seumas orm an drasta ’s a rithist fo ’n t-suil. Mu dheireadh thuirt e— “Nach math a tha na Sithichean a’ dol ris a nis, athair? “Is math gu dearbh, ma ’s iad a th’ aig an obair,” arsa mise. Ciod a th’ agam air ach gu robh sri chruaidh a’ dol air aghaidh ann a’ m’ inntinn eadar creideamh agus as-creideamh a thaobh na dh’ innis Seumas dhomh mu na Sithichean, agus na bha mi ’faicinn mu choinneamh mo shul. Thug mi ’n aire ged a bha ’n t-uisge ag atharrachadh dhathan gu robh ’n t-uaine ni bu trice na dath sam bith eile. Agus chuala mi riamh gu robh tlachd ro mhor aig na Sithichean de ’n uaine. Mar an ceudna, tha e air aithris nach d’ fhairtlich ni riamh air na Sithichean a dheanamh ach sugan gaineamhich. Cha mhor nach d’ aidich mi aig an am gur iad a bha cur an uisge as an cionn; ach tha mi nis a’ creidsinn nach robh lamh sam bith aig ni mo neach mi-nadurra anns a’ chuis. Ma bha na Sithichean ann aon uair, c’ aite an deachaidh iad?
Suas mu naoi uairean thoisich feadhainn ri losgadh urachraichean do’ n athar. ’S e peilleirean teine a bh’ aca anns na gunnachan. An uair a bhiodh na peilleirean teine so gu math ard anns an iarmailt, bha iad a’ spraidheadh, agus a’ falbh nan cuarsgagan as a cheile, ’s ag atharrachadh a h-uile seorsa dath. ’S e rud cho mor ’s a chuir a dh’ ioghnadh orm ’s a chunnaic mi fad na h-uine.
Sheas sinn ag amharc an t seallaidh so gus an d’ thainig an t-am dhuinn a bhith ’dol dhachaidh. Theab nach fhaigheamaid carbad no carn a bheireadh pios de ’n rathad sinn. Rainig sinn an taigh mu aon uair deug:
(Air a leantuinn air taobh 7.)
[Vol . 2. No. 44. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, - - - $1 .00
Sia miosan, - - - .50
Tri miosan, - - - .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean cairdean na Gailig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gailig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gailig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, AM MAIGH 26 1894.
THA ’m fiabhrus dearg a nis gu dhol bàs anns a bhaìle, cha n-eil gin ’ga ghabhail as ùr, ’s tha iadsan a tha tinn leis a dol am feabhas. Tha ’n tinneas gabhaltach so ann an caochladh àitean eile mu ’n cuairt. Tha e ann an tri teaghlaichean de Wilsonich aig cladach a tuath Ghabarus, agus chaochail gille beag, aois da mhios dheug, air Dòmhnull Wilson, Tha sinn an dochas nach fhada gus am bi casg gu buileach air a chur air an fhiabhrus.
O’N dh’ fhàg Gladstone riaghladh na riaghachd aig feadhain eile cha’n eil cùisean idir cho soirbheachail ’sa bha iad. Tha Morair Rosebery ’na dhuine tapaidh ach ged a tha, tha a làmhan car lag, agus cha’n eil a dol leis gu ro mhath idir. Cha bhiodh e gle iongatach ged a b’ fheudar dha a phàrlamaid a sgaoileadh an ùine ghoirid gus cùisean a chur fa chomhair an t-sluaigh. A rèir gach coltas, tha Breatuinn a fàs na’s duilighe a riaghladh a h-uile bliadhna.
CHAIDH fear Nial Mac Fhionghain a bhàthadh aig Aspy Bay, Di-haoine air an t-seachdain s ’a chaidh. Bha e fhéin ’s a mhac ’s fear eile ann am bàt iasgaich a dol a mach an acarsaid ’nuair thàinig tonn air a bhàta a lion ’s a chuir do’n ghrùnnd e. Fhuaradh an dithis eile a shàbhaladh, ach cha d’fhuaras sgeul air-san gus an d’ thàinig a chorp air tir mu leth-uair an dèigh do’n bhàta dhol fodha. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois agus dh’ fhàg e na dheigh bean, us teaghlach mor.
Thàinig soitheach cogaidh Frangach a stigh do’n acarsaid ’sa mhaduinn an dé.
Chaidh fear R. T. Thompson a mharbhadh leis an dealanach aig Peterboro’, Ont., an la roimhe. Bha e aig an am a sealltuinn thairis air tigh a bha e ’cur suas.
CHUIREADH seana bhean an sàs ann am Montreal an la roimhe air son a bhi baigearachd air an t-sràid. An deigh a toirt gu cùirt chaidh an tigh anns an robh a’ fùireach a rannsachadh, agus fhuaireadh faisg air còig ceud dollar ann.
THA ’N Glengarry News ann an àireamh na seachdain s’a chaidh a cur fàilte ’s furan air MAC TALLA, ’sa clo-bhualadh earrann de litir an Dotair Mhic Diarmaid a sgriobh thugainn a Maxville o chionn ghoirid.
Nis, a chairid, mur do phàigh thu fhathast air son na bliadhna a tha beul ri bhi seachad, na cuir dàil sa chuis na’s fhaide. Cuir air adhart an t-airgiod air an ath sheachdain cho luath sa bheir am posta air falbh e.
THAINIG seann duine, Edward Weeks, ri bheatha fhein aig Amherst, N. S., Di-luain s’a chaidh. Chaidh nighean dha as a rian o chionn ghoirid, agus thatar a deanamh a mach gum b’ e ’n dragh inntinn a bha sin a cur air-san a thug air crioch a chur air fhén.
“THA ’smùdan fèin a ceann gach fòid;” ma tha cumhachd agus greadhnachas aig Impire, (no Sàr) Ruisia, cha’n eil fois inntinn aige. Cha’n eil latha dhe’n bhliadhna nach eil a chuid iochdran a’ cur eagal a bheatha air. An la roimhe fhuaradh àireamh de pheilearan bloighdeach(bombs)dluth don phàlais aige deiseil gu bhi air an losgadh. Cha’n eil fhios aig an t-Sàr bhochd gu de ’n uair no mhionaid a chuireas aon de na h-ais-innleachdan ud as am t-saoghal e.
THA malairt mhor a dol air adhart eadar cearna de Quebec us St. Pierre, ’s chan eil a mhor chuid dhe ’n bhathar a faicinn tigh-cuspoinn idir. Tha moran deoch làidir ’ga ghoid a steach a Quebec air an dòigh sin a h-uile bliadhna. Tha fhios aig luchd na cuspuinn gu bheil sin mar sin agus tha soitheach aca aig beul na St. Lawrence a sealltuinn a mach air son nan soithichean a bhios ris an obair. Air an t-seachdain s’a chaidh rug i air soitheach beag aig an robh mu dha fhichead baraille de ruma air bord agus shlaod i leatha suas an amhainn i. Ach an ceann latha no dha fhuaras a mach nach robh an soitheach beag sin ach ’g an cur as an rathad air te bu mhò, aig an robh fhichead uiread dhe’n stuth air bòrd, agus a fhuair an luchd a chur air tir gun mhaille sam bith.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gillios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - - - C. B.
Cailean Siosal. W. Crowe.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 44. p. 5]
NAIDHEACHDAN
BHA tuiltean mora ann am Pennsylvania air an t-seachdain so. Ann an iomadh àite rinn iad call mor.
THA mèinneadairean Springhill aig an obair a rithist. Thàinig iad fhein us sealbhadairean na mèinne gu còrdadh aon uair eile.
CHAIDH pàisde, aois da bhliadhna a bhàthadh ann an tub’ uisge aig Amherst, N. S., an la roimhe. Cha robh ach mu cheithir òirlich a dh’uisge innte.
B’ E Dior-daoin a’ cheud latha samhraidh a fhuair sinn am bliadhna. Bha teas anns a’ ghrèin agus blàths anns a’ ghaoith an latha sin nach d’ fhairich sinn o chionn fada.
CHAIDH Dior-daoin a chumail mar latha-fèille air feadh Chanada air fad. Bha bhan-righ an latha sin tri fichead bliadhna ’sa còig deug a dh’ aois, agus ma bhios i beo mios eile bi ’dh i ’na ban-righ leth-cheud bliadhna sa seachd.
THA pàrlamaid Chanada ’na suidhe, agus tha e glé choltach gu’m bi i ’na suidhe àireamh sheachdainean fhathast. Tha cuid dhe’n bharail nach sgaoil i gu toiseach Ogust. Tha moran ri dheanamh agus tha gach ni a th’ ann a’ tarruinn ùine.
THA eagal mor air na Breat-unnaich ’s air na daoine geala air fad anns na h-Innsean gu bheil ceannaic gu bristeadh a mach am measg nàisinnich na dùcha. Tha riaghladh na dùcha a deanamh gach ullachadh is urrainn daibh gus a cheannairc a chur fodha ma ’se ’s gu’n toisich i.
THA e air innse dhuinn nach robh latha na Sàbaid s’a chaidh air a choimhead idir ann am mèinn Chaledonia. Bha na daoine aig an obair mar air gach latha eile dhe’n t-seachdain. Cha’n fhaod a bhith gu bheil a leithid so ri bhi air a leigeadh air adhart anns an dùthaich so.
FHUAIR sinn air an t-seachdain so eachdraidh air Cloinn Nèill Bharra o’n Urr. A. Mac Gilleain Sinclair, cunntar air eilean Rarsaidh o “C. C.” agus Litir bhlàth chàirdeil as na h-Eileanan Coille a ar caraid Seumas Mac-Ille-Mhaoil. Gheibh ar leughadairean iad so uile air an ath sheachdain.
THA sinn duilich a chluinntinn gu bheil an t-Urr. Ruairidh Mac Leòid, ministeir Dhunbheagain, an Ontario, na laidhe tinn o chionn seachdain no dha. Is e sin is coireach nach eil ar luchd-leughaidh a faotainn tuilleadh cunntais air a thurus do’n Ghàidhealtachd, cunntas a bha a’ fior chòrdadh ris gach aon a bha ’ga leughadh. Tha sinn an dòchas nach bi ’n ùine fada gus am bi e na shlàinte àbhaistich.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Cisteachan, Màileidean, Cuipeachan agus Carbadan Cloinne air ùr thighinn gu F. Falconer agus a Mhac. A bhùth Acuinn Each a’s fhearr air an eilean.
TREIS an dèigh an ama so an uiridh, chaidh duin’ og, Armstrong, a mharbhadh aig Foruchu le urchair a gunn a bha e laimhseachadh, agus beagan mhiosan an deigh sin chaochail a mhàthair leis a bhristeadh-cridhe. O chionn beagan us seachdain bha ’athair anns a choille leagadh craoibhe, agus thuit meanglean air agus mharbhadh e air a bhad. Thainig mar so bas athghearr air an triuir aca an taobh a stigh dhe’n bhliadhna.
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTamhach ghoirt.
J . D. BOUTILIER.
French Village,
Tha fios agam gu leighisMINARD ’S LINIMENTan crup.
I . F. CUNNINGHAM.
Cape Island.
Tha fios agam gur eMINARD ’S LINIMENTleigheas a’s fhearr a tha ann.
JOSEPH A. SNOW.
Norway, Me.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisead.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Sgoil-sheinn Ghailig.
Tha Sgoil-sheinn Ghailig air a cumail ann am Baddeck na h-uile oidhche Di-mairt aig seachd uairean feasgar (7 p.m. ,) agus ann an tighsgoile Plaster Mines oidhche Diordaoin aig seachd uairean. Nithear beatha muinntir sam bith a thig g’ar cuideachadh ris an t-seinn. Agus ma tha neach sam bith deonach air pairt dhe’n chosgais a phaigheadh, fagadh e a thabhartas anns an stor aig McKay & Co., aig Mr. M. D. Mac Asguill, Ionmhasair a chomuinn a tha cur na sgoile air adhart.
NIALL DOMHNULLACH.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 2. No. 44. p. 6]
EACHDRAIDH NA SMUIDS-HOITHEACH.
LE IAIN MACILLEBHAIN.
Ann a’ bhliadhna 1801 no 1802, an uair a chaidh guth thairis air Mr. Taylor agus a bhàta, thòisich Ms. Symington, cheana ainmichte, (le cuideachadh Lord Dundas) air smùid-bhàta a dheanamh a chum soithichean eile a shlaodadh troimh ’n chanal. An uair a bha i deas chaidh a feuchainn ’s bha a’ choltas oirre freagairt do ’n aobhar, ach chuir luchd riaghlaidh a’ chanail ’n a stad i fo eagal gu’n lionadh i e leis mar a shrulsdh uisge a cuibhlean a sios a bhruachan. Chaidh a cur a leth taobh ann an luib uaigneach d’ an chanal goirid o’n Englais Bhric.
Mu ’n cheart àm so bha fear Mr. Fulton o America maille ri Henry Bell à Glaschu a’ faicinn fuirneis mhòir Charrion. Chuala iad mu ’n bhàta ùr agus chaidh Mr. Fulton a thaghal air Mr. Symington a chum a faicinn. Sheall iad gu mion air a feadh, a’ beachdachadh aig gach ni sonruichte m’ a timchioll, a’s iad le cheile a’ cur rompa aig an ceud chothrom an ùr-innleachd chomharraichte so a chur gu buil dhoibh fein—ni a rinn iad—Mr. Fulton ann an America anns a’ bhliadhna 1807, air an abhuinn Hudson, agus Henry Bell, ’n uair a rinn e anCometanns a’ bhliadhna 1812. Uaith sin tha e làn shoilleir nach mor còir America air ùr-innleachd na smuid-shoitheach. Chunnaic Mr. Fulton té dhiubh aig Carron—mhìnich Mr. Symington dha gach ni m’ a timchioll—cha ’n e sin a mhàin, ach chuir e gu falbh i ’chum gu ’m faiceadh e mar a dh’ oibricheadh an t-iomlan, agus e ’s a’ cheart àm ag innseadh an fheum a dheanadh e d’ an eòlas a bha e an sin a’ faotainn, an uair a rachadh e dhachaidh do America. A thuilleadh air gur ann à Sasunn o Watt & Bolton a fhuair e an smuid-inneal air son na ceud shaoithich a chur e an òrdugh. Tha e coltach gu ’n robh e toileach gu ’m biodh so an an-fhios oir cha b’e ainm fein a thug e suas do Watt & Bolton an àm dha ’bhi ’toirt òrdugh dhoibh an smùid-inneal a dheanamh.
Thug Mr. Symington e fein oidhirp neo-fhiachail anns a’ bhliadhna 1802 no 1803 air còir fhaotuinn dha fein air an ur-innleachd, le Litir Rìgh fhaighinn gun fhios do Mhr. Taylor, ach cha do dhuraichd e riamh a thagar gus a’ bhliadhna 1815, an uair a dh’ fheuch e ri toirt air sealbhadairean smuid-shoithichean Chluaidh suim mhor a phàigheadh air son na saorsa a ghabh iad ann a bhi ’togail agus a’ seòladh nan soithichean gun a chead-san. Chuir iad gu h-ealamh ’n a thàmh e le innseadh agus a shoilleireachadh nach b’e idir a b’ ùghdar do ’n smuid-shoitheach. Cha chuala Mr. Taylor guth dheth so gus a’ bhliadhna 1821, ’s an uair a sgriobh e g’a ionnsaidh dh’ fheuch Mr Symington ri ’bhreugadh le tairgse a thoirt dha de leth ’s a gheibheadh e. Tha e coltach gu’n do dhi-chuimhnich e gu’n robh a litir aig Mr. Taylor cho tràthail ri 20mh, August, 1787, a’ guidhe soirbheachaidh dha ’n a oidhirpean air a smuid-shoitheach fhaotainn an òrdugh.
O’n àm a sgriobh Mr. Taylor, 1821, cha chluinn sinn a bheag m’ a thimchioll gu 1824, an uair a bha aois agus bochdainn a’ teannadh air. Chuir a chàirdean iompaidh air a chùis a thoirt fa chomh-air Uachdaranachd na Rioghachd. Rinn e so ag earbsa a’ ghnothaich ri Sir Henry Parnell. Cha ’n eil e coltach gu ’n d’fhuair e mòr éisdeachd, a chionn, chi sinn e ’s an ath bhliadhna a’ deanamh a ghearain ri Sir William Huskison ’s a’ faotainn mar fhreagairt, nach robh mòr dhòchas gu ’m measadh iad an innleachd airidh air a bheag de dhuais! Anns a’ bhliadhna 1826, a’s e air leabaidh a bhàis sgriobh e cunntas mion-riochdail mu gach ceum a ghabh e ann an toirt air aghaidh na h-innleachd o thoiseach gu deireadh, gun fhios nach robh an Uachdaranachd an teagamh am b’ e gu cinnteach a b’ ùghdar dhi. Mu ’n àm so chaochail e—meadhon an fhogharaidh 1826—aig ochd a’s trì fichead bliadhna dh’ aois. Is cianail r’a smuaineachadh cho beag gnùis, cothroim no ceartais ’s a fhuair an duine so a chuir an saoghal gu h-iomlan fo ’leithid de chomain.
Beagan an déigh a bhàis thug fear d’ a chàirdean a chuis air beulaobh Ard-chomhairle na Rìoghachd as leth na bantraich ’s nan dilleachdan, a’ deanamh na cùise cho soilleir, dearbhta, ’s gu ’n do dheònaich iad leth cheud punnd Sasunnach ’s a bhliadhna orra ri ’m beo. Chaochail a bhean so ann am baile Dhuneideann anns a’ bhliadhna 1859.
Faodar a ràdh gu ’n robh ùr-innleachd na smuid-shoitheach ’n a cadal o’n a chaidh a’ bhirsinn a chur gu siubhal aìr lochan Dhalswinton anns
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 44. p. 7]
a’ bhliadhna 1788, gus an do chuis Fulton an America ’s a’ bhliadhna 1807, agus Henry Bell air Cluaidh ann an 1812 a’ ris gu saod i. Thoisich anCometri ruith gu riaghailteach eadar Glaschu agus Grianaig toiseach na bliadhna 1812, ’s cha bu chadal a rinn iad an deigh sin. Anns a’ bhliadhna 1815 chaidh coig dhiubh a thogail an Albainn, ’s gnn ghin an Sasunn, agus anns a bhliadhna 1818, cha bu lugha na ochd thar fhichead dhiubh a bha a ’ruith gu siubhlach an Albainn.
Is ann air a’ bhliadhna so a thoisich daoine air dol thar chuantan leo. Is ann eadar Cluaidh agus Eirinn a chuir iad a’ chùis gu deuchainn a’s air dhoibh a bhi air am faotainn ro fhreagarach, air an ath bhliadhna (1819) chaidh an cur eadar Cluaidh agus Liverpool. B’ ì an Robert Bruce a’ cheud aon a sheòl an t-slighe so. Bha i gun dàil air a leantainn leis anSuperbagus amMajestica’s le iomadh te ainmeil eile, air sàil a cheile—gach aon a’ toirt bàrr air na bha air thoiseach oirre.
Anns a’ bhliadhna 1823 chaidh an James Watt a chur air an t-slighe eadar Lìte agus Lunnainn, ann an 1826 chaidh a’ United Kingdoma chur air an t-slighe cheudna. B’ i so soitheach a bu bhriagha ’s an Rìoghachd ’na latha féin.
Air a’ bhliadhna 1838 thug iad ionnsaidh air Cuan Mor na h-àirde ’n Iar ’n uair a sheòl an Sirius agus anGreat Westerngu America. O’n àm sin tha iad a’ seòladh gu riaghailteach a null ’s a nall, a shamhradh ’s a gheamhradh. Cha ’n ’eil cuan air nach faighear iad a nis, cha ’n e mhàin a’ giulan luchd-turais, ach cuid mhor de bhathar-malairt an t-saoghail. Is iad a tha freagarrach air a shon’ ann an luathas, an téaruinnteachd, agus am meudachd; oir bha iad a’ fàs am meud mar a bha iad a’ dol an lionmhorachd. B’e fad naGreat Western, 240 troidh; amBritish Queen, 275 troidh; anGreat Britain, 322 troidh; am Persia, 390 troidh; agus mu dheireadh, a’ toirt barr orra uile, tha anGreat Eastern690 troidh air fad, no sè fad deug naCometaig Henry Bell! Bha comas giulan naCometair a mheas aig coig tunna fichead—anGreat Easterncoig mile fichead tunna; agus tha da fhad naCometde leud ’na clàr uachdarach. Bha cumhachd smuid-inneal naCometair a mheas aig tri eich—tha cunhachd inneal naGreat Easternair a mheas aig deich mìle each!
Cha ’n ’eil e coltach gu ’n d’theid ri r’ linn-ne soitheach a’s mò na ’nGreat Easterna thogail. Is ann a tha an stri a nis cia cho làidir, hiongalta ’s a ghabhas iad deanamh. Cha ’n e ’mhain gu ’m bheil am fiodh na ’s truime ach is ann a tha na luingis-chogaidh air an suaineadh agus air an stràchdadh thairis le iarrunn, cuid diubh còrr a’s troidh air tiughad, agus a’ cosd leth muillein punnd Sasunnach, no os cionn trì tunna òir!
Làidir agus do-leonta a réir coltais mar a tha iad air an togail neo-ar-thaing mur ’eil airm-chogaidh sgriosail a’ leantainn air an sàil. Ann an coimeas do na h-innleachdan millidh cha ’n ’eil iad idir cho math ris an luireach mhaìleach ri linn a’ chlaidhimh ’s na biodaig ’s an àm ’s an do fhairtlich air a’ Ghàidheal a bhiodag a shàthadh troimh ’n t-Sasunnach ’s a thuirt e, “Mairbh-phaisg ort, a fhleasgaich, cha ’n i do mhàthair a rinn do leine!”
(A’ Chrioch.)
(Air a leantuinn o thaobh 3)
agus tha mi ’g radh riut nach robh mi oidhche riamh cho sgith ’s a bha mi ’n oidhche ud. Chaidil mi cho trom ris a’ chloich gus an robh a’ ghrian an aird an athair an la’ -r-na mhaireach.
Fad na seachduin a bha mi ’n Glasacho chuir mi seachad a dha no tri a dh’ fheasgair anns an Exhabition leam fhin. Dh’ fhas mi mu dheireadh seachd sgith de na h-uile rud a bh’ ann, agus rinn mi deiseil air son tighinn dhachaidh. Dh’ fhag mi aig ceithir uairean ’s a’ mhaduinn, agus bha mi ann an Steornabhagh mu dheich uairean. Ged a bha an t-anamoch ann bha ’n oidhche tioram, soilleir, agus chuir mi romham gu ’n deanainn an taigh dheth mu ’n rachadh norradh air mo shuil. O’n a bha duil aig Maiai rium cha deachaidh i laidhe gus an d’ rainig mi. Bha ’m biadh air a’ bhord, agus an coire ’goil, agus cha robh aice ach an ti a chur an tarruinn. Dh’ fhosgail i am preasa, agus thug i mach am botul, ’s thug i dhomh deadh lan. Gu cinnteach bha feum agam air an deigh na cas-choiseachd a rinn mi a’ Steornabhagh. Ghabh sinn an sin an ti, agus chaidh sinn a laidhe.
Feumaidh mi radh gu ’n d’ fhiosraich mi mor-chaoimhneas o gach neach ris robh gnothuch agam fad ’s a bha mi o’n taigh; ach cha do thachair aite rium a chord rium cho math ri mo thaigh fhin. Cha mho a chuireas mi neach fo ’n ghrein an coimeas ri Mairi—cha chuir m’ aon mhac ged is mor mo ghaol air.
’S e taobh mo theine ’s bean mo ghaoil,
’S e taobh mo theine fein;
Cha choimeas mis’ aon ait’ san t-saogh ’l,
Ri taobh mo thein fein.
IAIN.
(A’ Chrioch.)
LeighsidhMinard ’s LinimentLosgadh.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
[Vol . 2. No. 44. p. 8]
Daolag a Bhuntata.
FONN. —Failte dhuit is slainte dhuit.
Thog mo nabuidh daolag neonach,
’S slige bhoidheach air a druim;
’S thuirt e, seall mu d’ chuid buntata
No chan fhag i agad greim.
Fag sinn, is gum b’ eiseil dhuit
Thar gach beist a tha san tir;
Fag sinn, is gum b’ eiseil dhuit,
Teich ad leum ’s na dig a risd.
’S tus’, a bheist, a dh’fhag an t-alach
Tha gun aireamh linn air linn;
Bha do theaghlach, mun d’ ruith gealach,
Buidhe, ballach, feadh a ghlinn.
Dhuraiginn iad anns an fhairge,
Thanig iad mar arm ’s cha till;
’S culidh sgreimh’ a dhol gam marbhadh.
Thig gaor gorm asda na still.
Chaidh sinn uile ’mach le cumain
Chum an cruinneachadh nan tor,
’S chuir sinn fallus dinn a cromadh
’S sinn gan togail leis na meoir.
Ach nuair fhuair mi iad an ath-la
Anns na barribh gu neo-ghann
Dh’ fhalbh mi agus thug mi cuirm dhaibh
Air deagh ghuirmein * as an Fhraing.
Nuair thig tubaiste thi’g clibist,
Mar tha ’n sean-fhacal ag radh,
Leis a phuinnsean ghuineach Fhrangach
Fhuair na gamhn’ agam am bas.
’Nis le dorran is le tamailt
’S gann nach tairinn as an tir’
Mur a bhi gu bheil mo nabuidh
’Sa cheart chas sa bheil mi-fhin.
Tha ’m buntata ’nis gun tail ann
’S gheibh na ceannaichean an ’gran:
Och, nach leibideach an obir
A bhi’ togail rud air dail.
Ach ma bhios mi beo an ath-bhliadhn
Ni mi callaid dhaingeann, ard,
Nach leag tarbh a th’ air an t-saoghal
’S gheibh na daolagan an sath;
Gheibh iad puinnsean air muin puinnsean
Gus an ionnsich iad deag bheus;
’S mis’ am fear nach brisd mo chaoldraim
Feadh nan raointean as an deigh.
D.
* Paris green.
BHA crith-thalmhainn mhor ann a Venezuela, an ceann a deas America, air an 29mh. la de dh’ April. Cha ni annasach sam bith anns an dùthaich sin crith-thalmhainn, ach tha e air a radh gu’m b’ i so aon bu mhò rinn de chall na gin a thainig o chionn dlùth air ceud bhiadhna. Cha d’ fhuaradh cùnntas ceart fhathast, ach tha e cinnteach gu robh miltean sluaigh air am marbhadh. Anns a chrith-thalmhainn a bh’ ann ’s a bhliadhna 1812 mharbhadh fichead mile dhe’n t-sluagh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCarr.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 44 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 44. %p |
parent text | Volume 2 |