[345]

[Vol . 2. No. 45. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 2, 1894. No. 45.


As na h-Eilleanan Coille E. P. I.

A MHIC TALLA GHRADHAICH, AGUS A DHEARBH CHAIRID NA GAILIG, —Sfad on latha sin. Ach a nis bhon than geamhradh doirbh a bhaginn air dol seachad agus an Samhradh lusanach neòineanach air tighinn na àite, faodaidh gum bith cuid dor luchd leubhaidh a dichuineachadh gum feud geamhradh eile nach bi dad air dheireadh air a bhi a tighinn òirnn na àm maith agus iomchuidh féin. Agus is docha gur beag fios a tha aig moran dor luchd leubhidh air ciod iad na diachuinnean a bha aig cuid do na thàinig a mach do na dùchannan so bho chionn ceitheir fichead no ceud bliadhna roimhe so; agus a chums gum bi fios acair agus gum feud iad pairt dheth a thuigsinn, ma cheadaicheas sibh dhomh feudaidh mi sgeula beag firinneach innseadh a thachair anns na h-Eileanan Coille so fein far an drugeadhsan dàricheadh ur comh-sgriobhaiche. Agus tha mi nis air còrr is aona-bliadhna-deug agus tri fichead a chuir às mo dheadhaidh. Sann fada mun do rugadh mi a thachir an ni mum bheil mi dol a labhairt.

Gle fhaisg air ceud bliadhna air ais, a cheud dithis dhaoine a thàinig a thuineachadh anns na h-Eilleanan Coille sann a Uidhist a chinn a deas a thainig iad; be Ruaridh MacIllealain ainm an darra fir agus Callum Mac Isaic am fear eile. Bha Callum pòsd aig pìuthar Ruairidh agus anns an am cha robh duine a tuineacheadh mar uidhe chòig mìle dhoibh. Bha Ruairidh na dheadh sgoileir, agus cha robh smid aig Callum. Bhiodh iad ag obair comhla an am a bhi leagadh nan craobh, sgan toirt as an talamh latha ma seach thall sa bhos, ach cha deanadh Ruairidh car, ach cleochd ùime, uair na sheasamh s uair na shuidhe ag ionsachadh Challum mar bu choir dha n obair a dheanamh. Eatorra féin bha iad cùnntas Ruairidh cho fad air thoiseach air Callum ann am foghlum agus gum be a bhiodh a beothachhadh teine nuair a thuiteadh dha dol as san oiche gheamraidh; mar so bha cùisean a dol air adhart maith gu leoir cho fad agus a bhiodh na fir réidh eatorra féin ach cho luathsa rachadh iad far a chéil, cha n ionnsaicheadh Ruairidh dad do Challums cha mho a bheothaicheadh en teine dha. Agus mar a bhan tubist an dan, air an am bu chruaidhe don gheamhradh, thuit dhoibh a bhi mach air a chéile, agus oiche da na h-oicheannan chaìdh an teine as air Callum. Sann le spor us cruaidh a bhiodhte lasadh an teines cha robh aon seach aon aig Callums ged a bhiodh, cha baithne dha feum a dheanamh dhìubh, ’s cha robh faum sam bith dol gu Ruaridh. An nabidh a bfhaisge air bha e coig mile bhuaithe agus mar thuirt mi roimhe gun rathad mor ach ri cois a chladich thar gach deigh us sneachda agus ùpraid dheth n t-seòrsa sin, agus air réir coltais am fuachd far tomhais, oirnuair a dhéirich Callum sa chunnic e gun robh an teine air dol as, cha robh ach lamh a thoirt air na mogaisean agus mar a thuirt am bard MacGilleain nach maireann, iadmar chaidh an rùsgadh dhen bhrùid a de,” ach gu mifhortanach bha iad sin reothadh cho cruaidh ris an spor a bhiodh acadeanamh an teine, agus bha iad air droch chumadhs cha burrainn dha an cur uime. Cha robh fios an so gu de dheante, ach ged a bha Callum boch gun sgoil rinn e an rud ab fearr a dhfhaodadh e agus be sin na mogaisean a thoirt leis don leabaidh agus fuirach an sin gus an dthainig aiteamh orra agusnuair a fhuair e uime iad cha robh ach falbh le poit an rathad a thuirt mi cheana ri taobh a chladich gu aite Fhionnlaidh Mhic Rath ann an àite ris an abradh iad anRudha Moragus an teine thoirt dhachaidh a sin. Smaith a baithne dhòmhsa na daoine le chéile agus an cuid theaghlaichean: baithne dhomh moran de na ceud dhaoine a bha tighinn a mach as an t-seann dùthaich, agus tha mi gle eòlach air na deuch-ainnean troimhn deachaidh iad. Achs math gu bheil cùisean air atharrachadh bhuaithe sin. An la chis nach fhaics mise ur caraide.

SEUMAS A. MAC-ILLE-MHAOIL.


Gailig Dhomhainn.

FHIR-DEASACHAIDH, —Is briaghabhàrdachd a thairMoladh Beinn Dòrainn,” ach sfheudar domh àideachadh gu bheil Gàilig air pàirt de nacheil siorhh ri thuigsinn aig sgoilear cumanta mar tha mi fhin. Bhithinn ro-thoilichte nan innseadh sibh féin no sgoilear Gàilig air choir-eigin coid is ciall do na facail a leanas: —Cuile, foineasach, caidhtiche, foghlaichean, mothaichean, usgraichean, daimseir mearrachdasach, ain-fheasabh, earraigeach. Bithidh sùil agam ris na facail so fhaicinn air am mineachadhan ùine ghoirid anns a MHAC-TALLA.

Is mi ur caraid.
D. D.


Air latha breith na banrigh, fhuarr ceathrar no choigear de dhuaislean Chanada coir airSira chur roimhn ainm, agus bha àireamh eile, aig an robh sùil ris an onair, nach dfhuair i. Ach chan eil aca sin ach foighidinn mhath a bhi aca. Tha e air a radh gu faigh foigbidinn furtachd.

THA Marsantan Bhaddeck, air son ceartas a thoirt dan cuid chléireach, a cur rompa na stòraichean a dhùnadh aig seachd uairean feasgar, (7 p. m.) na h-uile Di-miair us Dior-daoin, fad shia miosan. Than riaghailt so a tòiseachadh aig toiseach a mhios so.

ANN a Winnipeg, air an naodhamh latha dhen Mhàigh, chaochail bean Iain Roberstain, mighean do Mhurachadh Mac-Fhionghain, Roseburn, C. B. Cha drinn i ach posadh toiseach na gheamhraidh. Chaochail i ann a caitheamh a thug i a droch fhuachd a ghabh i. Cha robh i tinn ach ùine ghoirid.



[346]

[Vol . 2. No. 45. p. 2]

CLN -NEILL BHARRA.

1. Tha e làn chinnteach gum be Murchadh Mac-Nèill triath Chlann-Nèill Bharra mun bhliadhna 1350. Tha cuid ag ràdh gum be Murchadh so an còigeamh Mac-Nèill air fhichead aig an robh Barra. Tha cuid eile ag ràdh nach h-fheil dearbhadh aginn gun robh còir aig Clann-Nèill air Barra roimhn bhliadhna 1427. Tha a h-uile duine ag aideachadh gun robh Clann-Nèill ann am Barra roimhn bhliadhna sin.

2. Phòs Ruari Mac Mhurchidh nighean do dh-Fhearchair Mac-Gilleain, tighearna Ghlinn Urchadain. Bha Gilleònan agus mic eile aige rithe.

3. Fhuair Gilleònan còir bho Alasdir Mac-Dhòmhnuill, tighearna nan eilainean, air Barra agus air Baodhasdalsa bhliadhna 1427. Anns a chòir so, a tha air a sgriobhadh ann an Laidinn, theirear risGilleonan Roderici Murchardi Makneill, ” ’s e sin Gilleònan mac Ruari mhic Mhurchidh Mhic-Nèill. Chan fheil fhos agam cainm a bha air athir Mhurchidh, ach tha e air a radh gum bu mhac e do Niall Og, mac Nèill, mac Mhurchidh. Chaidh Gilleònan a mharbhadh aig Grisipul an Cola ann am blàr a bha eadar e féin is Iain Garbh, tighearna Chola.

4. Dhfhàg Gilleònan mac a thànig na àite mar uachdaran air Barra. Chan fheil fhios agam cainm a bha air, achs e as docha gur h-e Ruari, ainm a sheanar. Cha robh ena chleachdadh aig na sean Ghàidhil a bhi a toirt ainm mu seach am mach, aon ainm airson cuideachd an fhir is ainm eile airson cuideachd na mnatha. Bha iad a creidsinn gum bu leotha fhèin a bheans a chlanns gum faodadh iad an t-ainm a thogradh iad a thoirt air an cuid cloinne fhéin. Ach nan deanadh daoine sin an diugh gu de a thachradh? Càit a bheil te anns an linn so a phòsadh fear mur a biodh i cinnteach gun rachadh ainm a h-athar a thoirt air a darna mac? Faodidh e a bhi gur h-ann mar sinbu chòir do chùisean a bhi, ach co-dhiù is ann no nach ann feumar moran a dheanamh air sgàth na sithe. Ge be cainm a bha air mac Ghilleònain, bha mac aig air an robh Gilleònan.

5. Tha iomradh aginn air Gilleònan, tighearna Bharrasa bhliadhna 1493 agussa bhliadhna 1517. Bha e fhéin is Lachinn Catanach, triath Dhubhairt, nan càirdean mathar.

6. Tha e gu math cinnteach gur h-e a mhac a thàinig a staigh air Barra an àite Ghilleònain, agus tha e cuideachd gu math cinnteach gur h-e Ruari a bainm dha. Bha mac aig an fhear so air an robh Gilleònan.

7 Be Gilleònan tighearna Bharra sa bhliadhna 1545.

Tha cuid ag ràdh gun gabh Clann-Nèill Bharra sloinneadh air ais fear an déigh fir gu Niall Glùn-dubh, righ ainmail a bha an Eirinn. Chan urrinn mise an sloinneadh air ais le làn chinnt nas fhaide na Mhrchadh, am fear aig an do thòisich mi. Ach nam biodh duine ann a shloinneadh air ais iad bho Mhurchadh gu Niall Glùndubh shloinninn fhin iad bho Niall Glùn-dubh gu Noah, agus shloinneadh duine sam bith iad an déigh sin gu Adhamh. Bho chionn da cheud bliadhna bha déidh mhòr aig na tighearnan Gàidhealach air iad-fhèin a shloinneadh air ais gu righrean. Bha iad an dùil gun deanadh iad mar sin fior dhaoinuaisle dhiu-fhèin. Bha fuil rìoghail gu leòir ann an Duic Uilleam, ach chan fhaca mise Gàidheal riamh a dhiarradh gum biodh e comasach air a ràdh gum be Diùc Uilleam seanair a sheanar.

Chaidh Niall Glun-dubh a mharbhadh ann am blàr sa bhliadhna 917. A réir sean eachdridh Eirionnach a tha agam thànig aithrichean Nèill an deigh a chéile mar so: —Noah, Iaphet, Magog, Baath, Fenuis Farsa, Niall a bha na fhear-teagisg ainmail an Eirinn ri am Mhoise, Gàidheal Glas, Esru, Sru, Eibher Scot, Breoghamhan, Eoghamhan, Tath, Aghnomhan, Lamhfhionn, Eibher Glun-fionn, Febhrigh Glas, Nenual, Nuadhath, Alloid, Arcadh, Deghatha, Bratha, Breoghan, Milidh, righ na Spàine, Erimhon, Trial, Ethrial, Follamhan, agus mar sin air aghìdh. Be Milidh an coigeamh fear air fhichead bho Noah, righ an t-saoghil, agus be Nìall Glun-dubh an tri ficheadamh fears a coig bho Mhilidh, righ na Spàine.

Tha eagal orm gum biodh e duilich a dhearbhadh gur h-ann san Spain a rugadh Milidh. Tha mi car dhen bheachd gur h-e sean Seanachaidh Eirionnach a bathir dha, agus gun dug e bith dha leis an fhacal Laidinnmiles, saighdear, a thionndadh gu Mìlidh ann an Gàidhlig.

Tha fear de na bàird ag radh mu Mhac-Neill Bharra,— “Gur mac treun thushliochd righ Eirinn.” Faodidh sinn a chreidsinn gun robh Mac-Neill na dhuine treun agus gun robh fuil ann a cheart cho ghlan, cho blàth, ’s cho maths a bhan righ Eirinn, ach gu de am bonn a tha aginn gu chreidsinn gun robh e de shliochd righ Eirinn? Chan abir mise nach robh, ach mun abir mi gun robh bu mhath leam dearbhainnean air a chuis a bhi agam fo mlàimh. Tha mi gu làidir dhen bharail gur h-e Gàidheil Albannach le beagan de dh-fhuil Lochlannach annta a tha ann an Clann-Nèill.

A. MACGILLEAIN SINCLAIR.


Am Madadh-allaidh agus an t-uan,

Air latha bruthainneach, teth, thuit do mhadadh-allaidh agus do uan tighinn aig an aon àm a chasgadh am pathaidh à sruthan soilleir, glan a bha aruith gu bras a nuas aodann beinne. Sheas am madadh-allaidh air àite ard, agus an t-uan astar math uaith shios an sruth. Ach air don mhadadh-allaidh toil a bhi aige cur a mach air an uan, dhfheòraich e dheth, bu chiall dabhicur an uisge troimh-chéile agusga fhagail cho salach nach burrainn dàsanol; agus aig acheart am atagradh diolaidh. Bha an t-uan bochd air chrith le eagaln uair a chual e bagraidhean amhadaidh-allaidh agus thubhairt e ris, am briathraibh cho ciùins a burrainn da, nach robh e comasach dhàsan a bhreathnachadh ciamar a ghabhadh sin a bhith; a chionn, an t-uisge a dhol e gur ann a ruith e nuas ga ionnsuidh on mhadadh-allaidh, agus uime sin nach burainn gun robh e air a chur troimh-cheile cho fada suas an sruth. “Bitheadh sin mar a thoilicheas earsam madadh-allaidh, “chaneil annad ach an sloightire, agus chaidh innseadh dhomh gun robh thug am chul-chàineadh o cheann mu thuaiream leth-bhliadhna.” “Air mfhocal,” arsan t-uan, “bha an t-àm a dhainmich thu mann do rugadh mise.” An uair a chunnaig am madadh-allaidh nach robh feum dha cathachadh na bfhaide an aghaidh na firinn, chaidh e ann an corraich fhuathasach adonnalaich agus cobhar ma bheul mar gum bitheadh e air achuthach. “A gharraich,” arsesan, agus etighinn na bu dlùithe air an uan, “mar tu féins e t-athair a bhann, agus is e an aon chuid e.” Le sin rug e air achreutair lag, neo-chiontach, bhochd agus shlaod e as a cheile na leòpan e.



[347]

[Vol . 2. No. 45. p. 3]

TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. VII. —Air a leantuinn.

Bha Gràdh-air-Beatha air an daorìch agus bhitheadh e na chulaidh abhachd air a chlàr-uachar: ach phut Simon Magus sios a staidhir, chuir e an leabaidh e agus tra bha Gràdh-air-Beatha na chadal, ghlac e na bha dhairgiod air bord, agus air dha aon Alecsander, ceard-umhaghairm, rinn e malairt ris airson buinn àraidh ris an abradh iad Cuibhreach na h-Eucorach. Ghabh en sin sgiobaireachdAidmheil on taobh a muigh agus air dha thuigsinn bho. Alecsander gu robh meinn òir aig tàobh cùil an eilein rùnaich e sheòladh da ionnsuidh air dha fios bhi aige nam bitheadh airigiod ra fhaotuinn-cha bhitheadh diù aig Gradh-air-Beatha cuin a sheoladh iad air chumha nach bitheadh cunnart, oir se gealt air bha ann an Gradh-air-Beatha nis do bhrigh gu robhSgeul a mhor aoibhneisdluth dhaAideachadh a muigh,” chuir Simon Magus faìlte air Criosduidh, oir bha e iarrtanach bhi fo theist mhaith aig na h-uile neach; Tuilleadh fòs thainig e air bòrd, agus dh-feuch e gu cruaidh ri aonta fhaotuinn gu dol air tòir a mheìnn oir, ach thubhairt Criosduidh: Fhuair mi gu leòr de shireadh oir bheirinn mo lamh dheas mur ro mi riamh air Riarachadh Saoghalta fhaicinn.” “Bi Samhach! Bi Samhach!” arsa Simon Magus, “ma gheabh sinn òr faodaidh tu soitheach a cheannach bhitheas a dha mheud ri’ “Sgeul a mhor Aoibhneis” —a tha na mo shealladh-sa co dhiu breoite agus sean-fhasanta.” Fhreagair Criosduidh. “Ghiulain an Soitheach mise an fhad so ann an tearuinteachd, agussann agam féin bhitheas a choire mar guìlain i sabhailt mi gu tir a gheallaidh.” An dochas Criosduidh thoirt a thaobh thairg Simon Magus airigiod do Chriosduidh; ach thubhairt Criosduidh ris: Gu rachadh tairgiod am mugha maille ruit fièn,” agus dhàithn e na siuil a chuir ris an tsoitheach. Air dha Simon e fein fhaotuinn gun spéis chaidh e air bòrdAideachadh on taobh a Muigh.” Nan robh Criosduidh air eisdeachd ris, cheannaicheadh Simon Magus gu toileach earrann deSgeul a Mhor Aoibhneis.”

(Ri leantainn.)


MARBHRANN

a rinneadh le bean NeillIc Coinnich, air bàs a peathar, bean RuairidhIc Leòid,

Ach a Mharsailidh, a luaidh,
Chaidh thu chum na dachaidh bhuan.
S ged a sheasainn-sa aig duaigh,
Cha ghluais agus cha chairich thu.

N uair thàinig am bàs mun cuairt,
Thug e caochladh air do shnuadh,
Chaochail do shùil is do ghruaidh,
Och, mo luaidh air Marsailidh!

Chuir iad am pasgadh thurùin
Ann an ciste nam bòrd dlùth,
Ann an léinen anart ùr,
Oh, mo rùn air Marsailidh.

Chuir iad an sin thusa luaidh,
N uchd na ban-altrum bhuar
Ris an canair, an uaigh,
Oh, mo luaidh air Marsailidh.

Sud an naigheachd a bha cruaidh,
Thàinig thugam-sa on tuath;
Gun deachaidh a cursan uaigh,
Sgeula cruaidh mu Mharsailidh.

Chaidh misechoimhead a nùll
Ràinìg min cnocsan robh thu,
Sibhn ur sineadh tùbh ri tùbh,
S an ùir air a cur thairis oirbh.

N uair a nochd mi ris a ghleann,
Bu mhor mo mhuladsan àm;
Fios agam nach robh thu ann;
Oh, mo gheall air Marsailidh.

Nuair a tháinig sinn aig uair,
Se do chaochladh bha leam fuar;
Ged chaidh solus a chur suas,
Chan fhac mi mo luaidh Marsailidh.

Oh gur mise tha fo bhrón
On a chuir iad thu fon fhòd
S nach fhaic mi thun tir nam beò
S nach cluinn mi còmhradh Marsailidh,

Sann na dchridhe a bhan gradh
Riamh nach dfhuair mi ann an càch,
Chaill min caoimhneas us am blàths
Bábhaist a bhim Marsdalih.

Moladh gu robh gu bràth
Don Ti thug buaidh air a bhàs,
Dhéirich e suas an treas
A Pháras, ’s tha e fantuinn ann.


Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT
C. SAUNDERS.
Dalhousie.

Leighis mi each, a bhair a dhroch riabadh, leMINARD ’S LINIMENT.
ED. LINLIEF.
St. Peters, C. B.

Leighis mi droch at air each leMINARD ’S LINIMENT.
THOS, W. PAYNE.
Bathurst, N. B.


CHAIDH soitheach le daoine mhuinntir Shidni a Tuath a ghlacadh ann an Cuan Bhehring o chionn ghoirid air son a bhiglacadh ròn gu mi-laghail.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[348]

[Vol . 2. No. 45. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna,. . .. $1 .00
Sia miosan,. . .. .50
Tri miosan,. . .. .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IUN 2, 1894.

Seann Ghailig.

Tha àireamh de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA deidheil air seann eachdraidh, agus air son math ua muinntir sin, tha sinn an so a toirt dhaibh sgeulachd bheag mu Chalum-Cille. Tha treis mhath on chaidh a sgriobhadh, —a machsa stigh mu ochd ceud blìadhna. Co a sgriobhas dhuinn ann an Gailig an lathan diugh i?

Columcille acus drostàn mac cùsgreg adàlta tangator àhì marroalseg dìa doìb gonìc abbordobòir acus béde cruthnec robomormàer buchan aragìnn acus essé rothìdnaig dòib ingathràig sàin insaere gobraìth òmormaer acus òthòséc. tangator asààthle sen incathraig ele acus doràten ricolumcille si iarfallàn dòrath acus dorodloeg arinmormàer i bédé gondas tabràd acus nìthàrat acus rogab mac galàr iarnéré na gleréc acus robomaréb act màdbec iarsén dochùìd inmormàer dattàc na glerec gòndendaes ernacde les inmac gondisàd slànte acus dòrat ìnedbaìrt doìbh uàcloic intiprat gonìce chlòic pette mic garnàit doronsat innernacde acus tanic slante ; Iarsén dorat collumcille dòdrostàn inchadràig sén acus rosbenact acus foracaib imbrether gebe tisad ris nabad blienec buadacc tangatar deara drostàn arscarthàin fri collumcille rolaboir collumcille bedeàr anim òhùnn ìmàcc;


Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-air eile. S tha egan creic gle shaor.

Than stor a bha roimhe so air a cumail leC . S. Jost & Co. ,a nis aigJost Brothers.Tha stoc mor de bhathar ùr aca, agus tha sùil aca ri toilleadh a h-uile latha. Tha sùil aca cuideachd uinneagan ùra chur ris an stòr an ùine ghoirid.

Thaghail duine còir againn an la roimhe agus, air dha dollar a thoirt dhuinn air son a phàipeir, thuirt e, “Ge de ni thaobh nam paipearan Beurla, cha dhiochuimhnich mi am paipear Gàilig. Ma thig dith no deireas air, cha bhi dad dhen choire agamsa.”

Feumaidh sinn ar leisgeal féin a ghabhail air son am paipeir a bhi cho anmoch a tighnn a mach air an turus so. ’Nuair a bha sinn direach deiseil gu toiseachadh air clo bhualadh a phaipear maduinn Di-sathairne, chaidh na litricheannam brochan oirnn agus chuir sin am paipear air ais da latha, ged a rinn sinn gach cabhag a dhfhaodamaid.

BHAm miosa Céitein gle fhuar o thoiseach gu deireadh. Cha robh thar dha mo tri lathaichean dheth ris am faodte lathaichean samhraidh a radh. Ach thng an t-Og-mhios a stigh side bhreagha, bhlàth, agus frasan tioma de dhuisge, rud air an robh an talamh tioram glé fheumach. Tha nise rudeigin de dhreach an t-samhraidh air tighinn aig ann dùthaich; tha na craobhan a tighnn fo bhlàth, agus tha na machraichean cho gormsa dhiarramaid.

GNIOMH OILLTEIL. —Aon latha air an t-seachdain sa chaidh, bha bean Thearlaich Jackson, Upper Economy, N. S., aig an tigh a toirt an aire don chloinn, leanamh beag air a chich, nighean bheag aois cheithir bliadhna agus gille, aois shia bliadhna. Bha tobar cladhaichte ri taobhh an taighe agus dhfhosgail i e, ’s thilg i an nigheans an gille sios ann. Ruith i an sin gu tigh nàbaidh, agus dhinnis i ciod a rinn i. Gun dàil sam bith, chaidh àireamh dhaoinethoirt na cloinne as an tobar, ach mun dfhuair iad sin a dheanamh bha iad air am bàthadh. O chionn bhliadhna dheug roimhe so, bha Mrs Jackson anns an tigh chaothaich, ach chaidh i na bfhearrs cha dfhairicheadh dad cearr oirre gus a so. Bha ig radh ri ban-nàbaidh dhi gu robh roimpen triùir a bhàthadh achn uair a rug i air a phàisde bheag, nach burrainn dhi beanalt dha.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)

STOC MOR DE BHATHAR UR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. Mac Eachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Biale-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[349]

[Vol . 2. No. 45. p. 5]

NAIDHEACHDAN

DHFHALBH an soitheach Frangach as an acarsaid maduinn Dior-daoin.

THAN runnach gu math pailt mu na cladaichean an dràsda agus tha na h-iasgairean glachadh roinn mhath.

THA duine ann an San Francisco ag iarraidh a bhean a chur air falbh, aguss en t-aobhar a thaige bhig iarraidh sin gu bheil e dhfhasan aice bhidath a fuilt.

THA co-thional Baile-nan-Gall an déigh gairm a thoirt don Urr. A. J. Domhnullach, foghlumaich òg, tapaidh a mhuinntir Malagawatch. Tha e ri bhi air a phòsadh ris an eaglais Di-ciaduin.

BIDH moran duilich a chluinntinn mu bhàs Chaiptein Ruairidh Camaran a Charlottetown, E. P. I., a bha iomadh bliadhna air an t-soitheach-smùid St. Lawrence, eadar am baile sin agus Pictou.

THAN sgoil sheinn Ghailig a bhacam Baddeck air dùnadh, agus tha gach aon làn riaraichte leis mar a chaidh i leòtha. Than deagh mholadh acair an fhear-teagaisg Mr. Seumas MacLeoid. Than sgoil ri bhi air a fosgladh as ùr toiseach a gheamhraidh.

ANN an Japan than lagh anabarrach cruaidh air na paipearan-naigheachd. Tha na fir-deasachaidh air an cur don phrìosan cho tric, ’s gu bheil a nis aig gach aon de na paipearan as beairtiche fear anns an oifig ris an abrar deasaiche aphriosain. Chan eil cuirein aig an fhear sin ri dheanamh ach a dhol dhan phrìosan a h-uile uair a chuirear càin air a phaipeir.

BHAm miosa céitein glè fhuar o thoiseach gu deireadh. Cha robh ach tri latha dheth ris am faodte làithean samhraidh a ràdh, an ceathramh latha fichead agus an latha mu dheireadh. Bha sinn an dòchas gum bi am mios so nas fàbharraiche don dùthaich. Bham fearann a fàs gle fheumach air uisge, oir bha tiormachd ann a nis o chionn àireamh sheachdainean.

Bàs MULADACH. —Chaidh tuathanach dam bainn Alasdir Smith a mharbhadh aig Gleann an Dathadair, am Mabou, Oiche Di-sathairne. Dhfhàg e Drochaid Mhabou gus a dhol dhachaidh mu naoidh uaireansan oiche. Bha each us cairt aig, agus lòd de fhlùrs de mhin. ’Nuair a bha e dol seachad air pios dhen rathad aig an robh bruaich chas, chaidh an t-each an darra taobh agus chuir e e-fhéinsa chairt leis a bhruthaich. Chaidh a chairt thairis air muin an duine, agus réir gach coltais chaidh mharbhadh air ball. Fhuaradh a chorpanath mhaduinn. Bha e air a thiodhlacadh Di-luain.

THA Tigh-Osda Shidni ri bhi air fhosgladh Diordaoin sa tighinn. Tha cuirm mhor ri bhi aca aig an fhosgladh.

THA e air a radh nach eil lathadol seachad anns na Stàitean gun duine bhi air a chrochadh gun chùirt, gun lagh. Agus mar as trices e duine dubh a bhios ann.

THAN cholera air bristeadh a mach a rithrist ann an Ruisia. Tha beagan dhith anns an Fhraing agus ann am Belguim cuideachd. Tha eagal orra gu bheil i dol a sgapadh nas miosa na rinn in uiridh.

THA gille beag, aois tri bliadhndeug, agus piuthar dha, aois aona bliadhndeug, anns a phriosan ann an Hungary air son an athair a mhurt. Chuir iad crioch airs e na chadal, agus dhfhalaich iad a chorp anns a choille.

THA méinneadairéan Phennsylvania gun a dhol a dhobair fhathast. Chuir iad fhéins na maoir cath an ròimhe anns an deachaidh triùir a mharbhadh agus siathnar a leonadh. Tha ceithir mile fichead dhiubhnan tàmhs a chuid as mo dhiubh air an càradh gle bhochd.


IarrMinard ’s Liniment ’s na gabh ach e.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[350]

[Vol . 2. No. 45. p. 6]

RARSAIDH.

Tha àireamh mhath de luchd-leughaidh a MHAC-TALLA aig a bheil dàimh ris an eilean bheag so mar an t-àite anns an dfhuair iad fhéin, no mhuintir on dthàinig iad, am breths an àrach. Mar thachair do iomadh cearn eile de Ghàidhealtachd Alba, tha muinntir Rarsaidh gle sgapte. Tha e nàdurra agus ceart gum biodh taobh aca ri tir an dùchais. Coltach ris a chuid eile de na h-eileanan an iar tha an t-eilean so àrd, creagach. Ach tha roinn mhath de fhearann àitich ris na cladaichean agus suas anns na glìnn bhòidheach fhasgach a tha ruith a stigh gu cridhe na dùcha eadar na beanntaibh. ’S e Dun-Canna bheinn is àirde air an eilean. Tha i sud ag éiridh suas gu corrach 1456 troigh as ceann na mara, le lianaig chomhnaird na fior mhullach far abheil, gu h-iongantach, fuaran uisge aig éirigh. ’Nuair nochd mi ris na h-eileanan an iars mi air bòrd na smuid-shoitheach a tighinn nall an linne on t-Stròm, bi so a cheud bheinn airn do ghabh mi beachd. “Innis dhomh ainm na beinne guirme ud mu mchoinneamh,” arsa mise ri fear a bha na sheasamh maile rinn air a chlar-uachdarach. “Sudars esanDùn Canna. An Dùn air an laidheadh na caoraich, Dùn gaolach Mhic Gille Challaim.” Tha nis fhichead bliadhnas a h-ochd on chaill Mac Gille Challum Rarsaidh. Tha e air a ràdh gun robh an t-eilean fad còig ceud bliadhna aig an teaghlach so, mar an robh an còrr. Gidheadh cha neil cho fad sin on bha cheud uachdaran Leòdach air Rarsaidh, aig an robh còir air an eilean da fhéin. Fad iomadh linn bhuineadh an t-eilean do Chloinn Leòid Leòdhais. Agus bhiodh an t-uachdaran Leòdhasach a cur aon de chuid mac a riaghladh ann an Rarsaidh. Ach thug Gille Callum, 9mh uachdaran Leodhais, làn chòir air Rarsaidh mar sheilbh dha fhèin do Challum Garbh an dara mac bu shine aige. Thachair so mu thoiseach na seathamh linn deug. Mar sin be Callum Garbh cuchuead ahdaran Leòdach aig an robh còir air dean liahone as féin.

Tràth ann an eachdraidh nan Garbh Chriochs n[ ? ] thàinig an fhine Leòdach gu bhi iomaiteach. Mu thoiseach na ceathramh linn deug bha fear dam ainm Leod na uachdaran ann an Gleanneilg. Phòs e nighean do Mhac Raonuill, Lochlunach mor dam buineadh Dun-bheagain aig an am ud. Fhuair Leod stiall mhath den eilean Sgiathanach le Nic Raonuill. Bha dithis mhac aige. Tormoid a mac bu shine, a bha na oighre air athair an Dun bheagains anns na h-earradh. Torcull an dara mac, a fhuair còir air Leodhas. ’S e so is aobhar gun cainte Sìol Thorcuill ri Leòdaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh. Mar so be Mac Leoid Dhun-bheagain an Ceann-cinnidh.

Bha e air ainmeachadh cheana gur ann bho theaghlach Leòdhais a tha teaghlach Rarsaidh a mach. Agus do bhrighs gum bu mhac a cheud aon den teaghlach do Gille Callum Leodhais, theirte Mac Ghille Challuim ris, agus clann Mhic Gille Challuim ris an teaghlach uaithe sin a mach agus Tiricille Challuim ri Rarsaidh is Ronaidh. Bha e mar un ceudna na chleachdadh a bhi ag ainmachadh an oighre, beathaathair, air Ronaidh, mar tha oighre chrùin Bhreatunnaich an diugh, air ainmeachadh air Wales.

S iomadh ni oillteil a thachair, anns a Ghaeltachd anns na linntean a dhfhalbh. ’S mor an t-aobhar taingealachd an caochladh a ghabh aite measg sluaigh on am ud. Agus tha sin fior a thaobh Ghall agus Shasunnach mar tha e fior a thaobh nan Gaidheal. Ach gun teagabh tha sinn ag aideachadh gun robh na Gaidheil anns na h-amaibh ud, ‘ro ainealach dall.’ Bha moran diubh air nach robh eagal Dhé no dhaoine. Thachair ni ri linn Alastair, an dara Mac Gille Callumtha cur solus air staid na Gaidhealtadhd anns na h-amaibh ud. Bha droch dhuine mhuintir Ghearrloch, ris an cainte Ruairidh Niomhnach, a bhan dlùth dhàimh do theaghlach Rarsaidh agus do theaghlach Gheanloch. Ann an rùn gum faigheadh e fèin agus a chuid mac a stigh air an da oighreachd sin chuir e roimhe cur as da gach mac màthar den da theaghlach. So mar bha, thug e cuireadh dhaibh gu fleadh mhor a dhulaich e air eilean beag an àite iomallach. Nuair a fhuair am murtair cruinn iad an sin chuir e gu h-an-iochdmhor an gniomh an ni bha na rùn. Cha deachaidh duine as de theaghlach Rarsaidh ach aon leanabh gille air nach dfhuaradh graim. Thainig an sin mac Ruairidh Niomhnuichs ghabh e seilbh air an eileam. Ghabh e comhnuidh an caisteal Bhrochail, an daingneach bu treise


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[351]

[Vol . 2. No. 45. p. 7]

bhan Rarsaidh. Achnuair thainig an t-oighre dligheach gu ìre dhéirich an sluagh leis agus beigin don fhoir-eigniche tàrsainn as. Be an t-oighre og so Callum Garbh, an treas Mac Gille Challum. ’Nuair bha esan na shean duine mharbhadh am mac bu shine aige ann am blàr fuilteach eadar na Leodaich is Cloinnic Coinnich aig clachan Rarsaidh. Thachair so anns a bhliadhna 1611. Chaochail Cullum Garbh air a bhliadhna sin fein, agus thàinig a Mhac Alastair na àite. Chaochail esan anns a bhliadhna 1643 agus thainig Alastair a Mhac na aite. Besan an 5mh mac Gille Callum. Chaochail e an 1648 agus thainig a mhac Iain Garbh a dhionnsaidh na h-oighreachd. So an duine òg cliùiteach a chaidh a bhàthadh eadar Leodhas is ceannn a tuath an Eilean Sgiathanaichs e air a thurus dhachaidh o bhi ag amharc air a charaid Fear Bhrathain. Cha robh e ach bliadhnar fhichead a dhaois aig àm a bhàis. Bha e air ùr-phòsadh ri nighean Sir Ruairidh mor Mac Leod Dhun-bheagain. Bha e ainmeil air son a neart agus a mhaise. Bha caoidh mhor air chan e mhain an Rarsaidh ach mar an ceudna anns na h-eileanan mun cuairt. Cha dfhag e teaghlach. ’S e Alastair, ogha bràthar a sheanar, a thainig a stigh air an oighreachd. Besan an 7mh mac Gille Callum. Be a mhac, Callum, an 8mh. Bha esan a measg nan uachdaran Gàidhealach a dhéireich leis a Phrionnsa an 1745. An deigh blar Chùil-Fhodair theich e dhachaidh. Bha e iomadh latha fon choìlls na saighdearan dearga an tòir air. Ach a dhaindeoin gach oidhirp a thug iad cha dfhuair iad riamh greim air. Bham Prionnsa da latha ga fhalach féin an Rarsaidh. Dhealaich Fionghol Dhomhnullach ris am Port Righ, agus ghabh esan an t-aiseag as a sins chaidh e air tirs a Ghlàm an Rarsaidh. Dhullaicheadh bothan beag chaorach air a shon, farn do chaidil e air leabaidh fhraoich. Ghabh teaghladh Rarsaidh cùram dheth fhadsa bha e air an Eilean. An deigh bàs Challum thainig a mhac Iain a dhionsaidh na h-oighreachd. Bha Dr. Johnson air aoidheachd aig an fhear sosa bhliadhna 1773. Mhol e gu mor MacLeod agus a theaghlach maiaeach. Bha e ro riaraichte le thurus don eilean. Dhaidich e gun robh modh is ionnsachadh a measg nan Gàidhiel cho math is a measg nan Sasunnach. Besan an 9mh Mac Gille Callum. Be a mhac, Seumas, an 10mh. Chaochail Seumas an 1824 agus thàinig a mhac Iain na àite. Bha e na ofigeach anns an arm. So am Mac Leod mu dheireadh a bhair Rarsaidh. Anns a bhliadhna 1846 chaidh an oighreach a reic ri Gall, fear Rob Rainy. Mar sin chathiricille Challuman t-eilean so nis . Cha robh na seann uachdaranan Gàidhealach cho glìcs bu chòir dhaibh. Nuair thòisich fasanan gallda air tighinn a stigh don tir thòisich cosdas air dol a meud. Béiginn an sin a màl a thromachadh air an tuath; ’s nuair nach deanadh sin a chùis dhfheumte an oighreachd a chur an sàs air son airgiod-réidhe thogail. Uaithe sin a mach bha iad, mar bu trice, a dol leis a bhruthaich, gus mu dheireadh an robh an oigheachd air a reic. Sin mar thachair do theaghlach Rarsaidh agus do iomadh teaghlach eile. Tha e na ni duilich gu bheil a chuid mhor de na seann teaghlaichen Gàidhealach air an cuid oighreachdan a chall agus coigrich, aig nach eil dàimh no càirdeas ris an t-sluagh, air tighinn a stigh nan àite.

C. C.


Iadsan a Phaigh.

C. J. Domhnullach, Kingston , Ont.
Padruig Cràbhard, Oldfield , do.
D. MacDhiarmaid, M . D., Maxville, do.
Eoghan MacEoghan, do.
Curstidh Nic Aoidh, Ripley , do.
D. D. Domhnullach, Williamston , do.
A. Corbett, Montrose , E. P. I.
Tearlach Martainn, Kinross , do.
Iain T. Dughallach, Argyle Shore, do.
Uisdean Mac-a- Phi, Narrows , do.
G. A. Nic Coinnich, Eileanan Coilley, do.
Alasdair Mac Calamain, Orwell , do.
Seumas Siosal, St . Andrews, N. S.
Tomas Siosal, Marydale , do,
Donnacha MacLeoid, Halifax , do.
J. I. Gillios, Georgeville , do.
An t-Onarach, am Breitheamh Mac Isaic, Antigonish , do.
Richard Elliot, Gottenburg , Sweden.
Eoghan Domhnullach, Chislet, Sasunn.
Iain D. Domhnullach, Great Bend, Pa.
Mairi A. Dhomhnullach, Ceann Dearg, C. B.
M. S. McNéill, Barra Glen, (25cts.) do.
R. Moireastan, Baighn Iar, (50cts.) do.
M. I. Domihullach, Grand Anse (25cts.) do.
Alastair Johnstone, Bridgeport , do.
Capt. Domhnuliach, N . Sydney (25cts.) do.
D. Ghillios, Gleann nan Sgiathanarh, do.
Domhnull Mac Leòid, South Bar, do.
Gilliesbuig Mac-a- Phiocair, Catalone , do.
Tormoid MacLeoid, New Victoria, do.
Fearchar mac Leoid, Munroe ’s Point, do.
Iain A. Smith, B . C. Chapel, do.
An t-Urr. R. Domhnullach, Hawkesbury , do.
An t-Urr. C. F. mac Fhionghain, Sy Mines, do.
Aonghas Doghallach, Creignish (25cts.) do.
Domhull Mac Amhlaidh, Glace Bay, do.
D. Mac Coinnich, Kempt Head, do.
Tormod Domhnullach, Sidni, do.
Mairi Mhathanach, do.
T. C. Harold, do.
Domhnull Dohnullach, do.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheilsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach buriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnean, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.



[352]

[Vol . 2. No. 45. p. 8]

BLAR MAGH LEUNA.

Eadar Cuchuillinn, Fear-riaghlaidh Eirinn, agus Suaran, righ Lochlain.

LE OISEIN.

Bha Cuchuillinnn a fhear-riaghlaidh air Eireann, am feadhs a bha an righ, Cormac Mac-Airt, ’n a òige. Anns an am sin thainig Suaran, righ Lochlain, le feachd laidir, an aghaidh Eirinn, agus chaidh e air tir faisg air Tura, far an robh Cuchuillinn a tuineadh. Chunnacas cabhlach Shuarain roimhe sin, agus chuir Cuchuillinn fios gu Fionn, air son conaidh. Ach chaidh Cuchuillinn an aghaidh nan Lochlannach, mus an dthainig Fionn; agus chath e ri Suaran air Magh-Leuna, an Ulainn.

Mar stoirm fhaoghairruith bho dha bheinn,
Gu chéile ghrad tharruinn na trein;
Mar shruth làidir cas bho dha chreig,
Ag aomadhs a taomadh air faich,

Fuaimear, dorcha as gargs a bhlàr
Thachair feachd Innis-fail (1) as Lochlain.
Gach ceannard a spealt-chleas ri sàr,
As a dhaoine ri làimh a cosgairt.

Bha gach cruaidh a screadan air cruaidh,
Agus clogaidean shuasg an sgoltadh,
Fuil a dortadh gu dlùth mun cuairt,
(As air talamh gu luath a spoltadh.)

Bha taifeid (2) a fuaim air mìn iuthar
As gathan a siubhal troin speur,
Sleaghan briste a tuiteam gun phudhar,
Mar dhealain air mullach an t-shléibh.

Mar onfhàidhean beucach a chuain,
Nuair a ghluaiseas an tonn guh-ard,
Mar an torrunu air cùl nan cruach,
Bha gruaim agus farum a bhlàir.

Ged bhitheadh ceud bard Chormaic ann,
As an dàn a togail a bhlàir,
Cha burrainn daibh aithris ach gann
Gach coluinn gun cheann as gach bàs.
Bu lhionar bàs fhear agus thriath,
M fuil a sgaoileadh air sliabh an àir.

Bithibh brònach, a shiol nan dàn,
Mu Shithàluinn, ceann nan grabh-thriath,
Agus togsa, Eibhir, tuchd bàn
Mu og Ardan, sàr nan colg fiar.

Mar dha eilid thuit iads an réidh,
Fo laimh Shuarain, treun nau donn sgiath,
Nuair a ghluais e roi mhiltibh le feum,
Amhuil tannas an speur nan nial.

Fuar thannas a shuidheas an scleò,
As e sgeadaichtle ceò bho thuath,
Nuair a dhaomas am maraich nach beò
Sealladh bròin air barraibh nan stuadh.

Nior chadail do lamh ri do thaobh,
A thriath Innis is caoine sian, (3)
Bha do lhann ann an astar nan faobh,
Mar dhealan a baoillsgeadh air sliabh
Nuair a thuiteas an sluagh anns a ghleann,
S a bhios aghaidh nam beannn a caoir.

N sin shrann an Dubh-sroingheal (4) thar seoid,


1 Eireann.
2 Sreang bogha.
3Sent Eilein Sgiathanach a tha e ciallachadh, far an drugadh s an do thogadh Cuchuillinn.
4 Na lasair theine.


S nigh Sith-fada (5) a bhròg am fuil
Laidh gaisgichn a dheighe gu leoir,
Mar chaoille air torr nan tuil,
Nuair ghluaiseas osag troin fhraoch,
Giulain tannasan faoin na h-oich’.

Bi deurach air carraig nam fuaim,
Nighean uasal Innis nan Long;
As lùb do ghnuis aluinn thair chuan
Thusas glaine na fuath (6) air tom,
A dheireas mall, mòthar suas,
Mar ghath-greine air cruaich nan tonn,

Oir thuit( ’s grad thuit e) ’s a bhlàr:
Ata oig-fhear do ghràidh gun tuar,
Fo gheur-lann Chuchuillinn bu shàr
A dhfhág e co bàn as co fuar.

Cha ghluais e gu cruadal gu bràth,
As cha bhuail e fuil ard nan saoi;
Thuit Treunfhear, òg Threunfhear, gu bàs;
Oigih, chan fhaic thu do ghradh e chaoidh

Ta mhiolchoin a caoineadh gu trom
Aig baile nan sonns iad mu thaibhs; (7)
Tha bhogha gun taifeids a lom;
Air an tom ta farum a bhàis.

Mar dhaomas mile tonn gu tràigh, (8)
A ghluais fo Shuaran borb na dàimh (9)
Mar thachreas traigh ri mìle tonn,
A thachair Eireanns righ nan long

An sin bha guthan garbh a bhais,
Measg toirm na gàire-cath as cruaidh,
Bha sgiathans maile brist air lar,
As lanns gach laimh mar dhealan shuas.

Bha fuaim a bhláir bho thaobh gu taobh,
S an còrag beuchdach, cruachdach, teth,
Mar iomad ord a bualadh baoth,
Bhon teallach dhubh-dhearg caoir man seach.

Co iad sud air Leuna nan sliabh?
Cos duirche, ’s is fiadhaiche gruaim?
Co is cosmhuil ri nial bu chiàr,
Lann gach triath mar theine air stuaidh?

Ta bruaillean air aghaidh nan tom,
As chrith carraig nan tonn air tràigh!
Co a tann ach Suaran nan long,
As triath Eirinn mum fonnar dain?

Ta suilnan slogh ag amharc claon
Air suinn nach bfhaoin ag aomadh suas
Ach thuit an oichair cath nan laoch,
As cheil i strì nan saoi gun bhuaidh.


5 Na h-eich aig Cuchuillinn.
6 Taibhs.
7 Bha iad a creidsinn, bho shean, gum faiceadh coin taibsean nam marbh.
8 Tham fonn ag atharrachadh an so.
9 Na coigrich.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearrsa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 45
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 45. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page