[Vol . 2. No. 46. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 9, 1894. No. 46.
Dhia, Gleidh an Crun!
(God save the Queen. )
EADAR-THEANGAICHTE LE DR. N. MACNEILL, LUNNAINN,
Dhia, glèidh an sluagh le d’ ghràs!
An rìoghachd às gach càs!
Dhia gléidh an Crùn!
Biodhmaid a ghnàth fo d’ làimh
Le buaidh os ceann gach nàimh,
’Nad ghràdhsa faotainn sàimh,
Dhia, gléidh an Crùn!
A Thighearna, Dhia na glòir,
Dean air gach dìblidh fòir
Is gléidh an Crùn!
Cum suas Bhictoria chaomh:
Roinn ceartas air gach taobh:
Dìon oighreachd bhochd do naomh!
Dhia, gléidh an Crùn!
Ar sùil tha Riutsa suas:
Seall air ar cor le truas;
Is gléidh an Crùn!
Cuir cuibhreach uile mu sgaoil!
Tog sinn à slochd an t-saogh’il!
A steach do thìr a’ ghaoil!
Dhia, gléidh an Crùn!
Dubh-A’ -Ghiubhais.
Anns na làithibh a dh’ fhalbh bha Alba gu léir còmhdaichte le coille ghiubhais. Chunnaic rìgh Lochlainn seo, agus bha mòr fharmad air ris na h-Albannaich, oir bha iad a’ milleadh a chuid malairt, fhéin agus chuir e roimhe gu’m faigheadh e teine chur ris na bha choille ’n Alba. Mar seo bha. Chuir e nighean a dh’ ionnsachadh na “Sgoile-Duibhe;” agus an uair a bha i air a fòghlum, chuir e air tìr i ann an Alba, agus a h-ultach làn de theine. Leis an ultach sin, shìn i air cur teine ris na bha de choille ’n Alba. Ach cha deach i fad air a h-aghaidh n’ uair a chunnaic na h-Albannaich nach bu chreutair Crìosdail a bh’ innte, agus ’sann a dh’fheuchadh iad an robh rian air a glacadh. A dh’ aindeoin an cuid innleachdan cha ghlacadh iad Dubh-a’ -Ghiubhais (oir’ se sin an t-ainm a thug na h-Albannaich oirre, thaobh ’s gun robh i cho dubh le ceò a’ ghiubhais a bha i ’cur ’na theine.) Nam faigheadh iad idir am fagus di, dh’ èireadh i air iteig, agus cho luath ’s a bhiodh i gu maith suas anns an iarmailt bha nial ag iadhadh mu’n cuairt di, ’s’ ga folach o gach neach a bh’ air an talamh. Mar seo bha i ’gabhail air a h-aghairt, agus bha e ’na dhubh-fhocal air na h-Albannaich cia mar a gheibheadh iad a cur gu bàs. Latha dhe na làithean ’s ann a smuainich duine de mhuinntir Lochbhraoin air innleachd gu cur às di, nach cualas riamh roimhe a leithid. Thuirt an duine seo, gu ’n robh Dubh-a’ -Ghiubhais eòlach air sprèidh bho h-òige, agus na ’n rachadh ’àl féin a thoirt o gach seòrsa beathaich, ’n uair a chitheadh iad Dubh-a’ -ghiubhais anns an nial, gu’m faodadh i teàrnadh gu talamh. Mar seo bha. Chaidh mòran spròidhe ’thional air Achadh-bad-a’ -chuiteir’ am bràighe Cilldonnain, ann an Lochbhraon, agus air do ’n t-sluagh an nial anns an robh Dubh-a’ -ghiubhais fhaicinn, ghrad thearb iad an t-àl òg o màthraichean, ’s ma thearb! ’s ann an sin a bha ghleadhraich—gach bò a’ geumraich, gach làir a’ sitirich, gach caora ’méilich, gach gobhar a’ meigeadaich, ’s gach seòrsa beathaich eile ’sireadh an gnè féin. Chuala Dubh-a’ -ghiubhais am fuaim ’s an troimhe-chéile ’bh ’air an achadh, ’s théirinn i, ach cha bu luaithe ’bhuin a buinn ris an talamh na chaidh a tilgeadh le saighead. Laidh i marbh ann an sin, agus cha robh fhios co a dh’ adhlaiceadh i.
Aig an àm bha dà long Lochlainnich ann an Camus-nan-Gall; agus air dhaibh cluinntinn gu ’n d’ fhuair nighean an rìgh bàs, chaidh an dà sgioba a dh’ iarraidh a cuirp. Chuir iad ’an caiseal-chrò e; agus ghiùlain iad e a chum na luingeis. Sgaoil iad an cuid sheòl; ach cha bu luaithe ’sgaoil, na dh’ éirich an doinnion bu ghailbhiche ’chunnaic mac duine riamh. B’ éiginn tilleadh. An ath là, thug iad gu falbh, ach dh’ éirich an doinnion cha mòr ’s a bha i riamh. Dh’ aindeoin cho tric ’sa bheireadh iad gu falbh, bha an aon mhi-shealbh a’ tighinn ’n an car. Agus air dhaibh géilleadh thòrr iad Dubh-a’ -ghiubhais ann an Cill-donnan. Sheòl iad à sin do Lochlainn, agus air an t-slighe, fhuair iad an soirbheas a b’ fheàrr a fhuair iad riamh. Dh’ innis iad do’n rìgh mar ’thachair. Bha e fo mhòr bhròn; agus sin gu h-àraid, air son nach robh duslach a nighinn ’na laidhe ’an ùir Lochlainn. Chuir e ’n dà long cheudna air an ais luchdaichte le ùir Lochlainnich; agus ràinig iad Cilldonnan. ’S cha bu luaithe ’rainig iad na ’chuir iad an ùir air tir, agus chàirich iad Dubh-a’ -ghiubhais innte; agus an neach leis a’ miannach chì e a h-uaigh gus an latha ’n diugh.
[Dh ’ innis mise a nise ’n sgeula mu Dhubh-a’ -ghiubhais, agus ma ’s a breug uam e, ’s breug thugam e. —IAIN MOIREASTON. ]
SEARMON GAILIG AN LUNNUINN. —Chan eil moran agam ri innseadh mu ghnothaichean Gaidhealach bho sgriobh mi mu dheireadh. Shearmonaich an t-Urramach Alasdair Connell, Ministear Regent Sguare, an Gàidhlig air Di-domhnaich. Bha ’n là glé fhuar, coltach ri là geamhraidh, gidheadh chruinnich co-thional math a dh’eisdeachd a Ghaidheil oig so a tha ’n deigh ainm a dheanamh dha fein, mar shearmonaiche, am measg ministeirean a bhaile mhòir so. ’S bochd nach eil cothrom aige air labhairt anns a Ghaidhlig m’s trice oir tha e furasd fhaicinn gur i à chainnt mhathaireil, agus gu’m beil e toirt mor thoileachas dha bhi searmonachadh innte. Tha Gaidheil a bhaile so fodh chomain mhor da airson a bhi, o shaor thoil fein, a toirt dhaibh searmoin na ’n canain fein cho tric ’s a tha e deanamh.
Bha ’n aimsir gle fhuar an so o chionn beagan sheachduinean ach tha mi toilichte radh gu ’n d’ thainig atharrachadh briagh oirre an d’e agus gu ’m beil a nis na h-uile coltas air gu ’m bi deadh chamhradh againn.
CABAR-FEIDH.
[Vol . 2. No. 46. p. 2]
A BHEAN NACH B’ FHIACH.
BHA ann roimhe so duine agus a bhean, agus a nighean. Bha leannan eile aig a’ mhnaoi agus, rud nadurra, bha fear aig an nìghinn cuideachd. Air an aobhar sin bha a’ bhean anabarrach toileach faotainn caoiteas am bodach aice fhéin; agus bha i daonnan a’ feuchainn ga chur air falbh, ach gu ruig an t-am so cha deachaidh aice air sin a dheanamh.
Dé thachair m’ an am so ach gun d’ thainig righ ur thairis air an aite, agus, mar tha tric a’ tachairt, cha robh e gle thoilichte le thigh-comhnuidh. Chual a’ bhean, m’ an robh sin a’ bruidhinn, so agus falbhadar far an robh an righ.
“Tha mi cluinntinn,” ars’ ise, “nach ’eil thu gle thoilichte le d’ thigh-comhnuidh.”
“Tha an t-aobhar sin agam,” ars’ esan.
“Agus car son nach fhaigheadh tu fear ur?”
“Cha’n ’eil gin anns an aite so a dheanadh fear ur dhomh.”
“Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thainig mur ’eil e leisg, ach, air son sin, is e cosnach math a tha ann. Ma dhiultas e thu, cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd, agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.”
“Mata, mo bheannachd agad,” ars an righ, “cuir nios an duine agad’ thugamsa a so.”
Dh’ fhalbh i, agus dh’ iarr i air an duine aice a dhol suas far an robh an righ.
“Car son a bhiodh an righ ga ’m iarraidh-sa”? ars’ an duine.
“Is coltach leam,” ars’ ise “gu bheil e’n ti air thusa thogail tigh ur da.”
“Mata, sin rud nach urrainn domhsa a dheanamh.”
“Mur a h-urrainn, thoir do chasan leat,” ars’ ise, “agus na faiceam thu tighinn an taobh so tuilleadh.”
Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus toisich-eadar ri caoineadh. An teas-mheadhon na caoinidh so, co thainig far an robh e ach an seann duine liath bu bhriagha a chunnaic e riamh.
“A dhuine bhochd,” ars’ an seann duine, “cha’n ’eil thu ach gu math tursach a’ coimhead.”
“O, gu dearbh, tha an t-aobhar sin agam.”
“De sin?”
“Tha an righ ag iarraidh orm tigh ur a thogail da, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.”
“Mata, falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig so am meudachd a dh’ fheumas an tigh a bhith.”
Dh’ fhalbh an duine, agus cha b’ fhada air falbh e. Thug e tomhas an tighe d’ an t-seann duine.
“Faodadh tusa nis a bhi falbh,” ars’ an seann duine, “Bidh an tigh deiseal, air a thogail agamsa, mus eirich thusa am maireach.”
An uair a dh’eirich an duine an la’r na mhaireach, de fhuair e air a thogail roimhe ach an t-aon tigh-comhnuidh bu bhriagha a chunnaig e riamh. Leum a chridhe le toileachas agus chaidh e dhachaidh agus dh’innis e d’ a mhnaoi gun do thog e paileas d’ an righ, agus paileas briagha cuideachd. Bha ise air a dorranachadh an uair a chual i so, oir bha duil aice nach b’ urrainn da an tigh a thogail, gum marbhadh an righ e air son sin, agus gum faigheadh ise an sin a leannan a phosadh.
Dh’ fhalbh i co-dhiu an darna uair far an robh an righ.
“Mata,” ars’ esan rithe, “is ann agad tha an duine snasail. Na faiceadh tu am paileas a thog e domh! Cha robh mi an duil gun d’ rachadh aig duine nadurra sam bith air a leit a dheanamh.”
“Nach d’ thuirt mi sin riut. Ach c’arson nach ’eil loch agadsa air mullach a’ chaisteil, far am biodh tu ag iasgach, mar a tha aig righean mora eile?”
“O, cha’n ’eil gin anns an aite so a b’ urrainn sin a dheanamh dhomh.”
“Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur ’eil e leisg, ach, air son sin, is e cosnach math a tha ann. Ma dhiultas e thu cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.”
“Mata, mo bheannachd agad,” ars’ an righ, “cuir nios an duine agad thngamsa an so.”
Dh’ fhalbh i, agus dh’ iarr i air an duine aice dol suas far an robh an righ.
“C’arson a bhiodh an righ ga ’m iarraidh-sa?” ars’ an duine.
“Tha air son loch far am biodh e ag iasgach a dheanamh air mullach a’ chaisteil.”
“Mata, sin rud nach urrainn domhs a a dheanamh.”
“Mur a h-urrainn, is ceart cho math duit dhol agus thu fhein a riasladh agus gum marbh an righ thu ma dhiultas tu e.”
Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus thoisich e air caoineadh. An teas-mheadhon na caoinidh so, co thainig far an robh e ach a’ cheart seann duine liath a thainig far an robh e roimhe.
“Seadh, a dhuine bhochd, de tha iad a deanamh ort a nis?”
“O, tha an righ ag iarraidh orm loch iasgaich a dheanamh air mullach a’ chaisteil, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.”
“Mata, falbh thusa, ghille ghasda, agus tomhais leis an t-slataig so am meudachd a dh’ fheumas an loch a bhith.”
Dh’ fhalbh an duine, agus cha b’ fhada air falbh e. Thug e tomhas an loch d’ an t-seann duine.
“Faodaidh tusa nis a bhi falbh,” ars’ an seann duine; “bidh an loch deiseal, air a dheanamh agamsa, mus eirich thusa am maireach.”
An uair a dh’ eirich an duine an la’r na mhaireach, chunnaig e air a dheanamh air muliach a’ chaisteil an t-aon loch bu bhriagha a’ chunnaig e riamh—e lan bhriceanan agus iad a’ snamh agus a’ leumatraich gu beothail anns an uisge. Chaidh e dhachaidh agus innsear d’ a mhnaoi gun d’ rinn e an loch d’ an righ—gur cinnteach gum biodh e toilichte a nis oir nach b’ aithne dasan righ aig an robh paileas agus loch iasgaich cho briagha ris.
An uair a chual a bhean so, dh’ fhalbh i an treas uair far an robh an righ.
“Mata,” ars’ esan rithe, “is mi tha fada na do chomain air son an duine agad a chur na mo rathaid. Na faiceadh tu an loch a rinn e domh! Mur a faicinn e le mo dha shuil fhein cha chreidinn gum b’ urrainn da a leit a dheanamh.”
“O, cha’n eagal nach dean e rud an uair a theannas e ris. Ach c’arson nach ’eil blaith-sheampuill agadsa, mar a tha aig righrean mora eile?”
“O, cha’n ’eil gin anns an aite so a b’ urrainn sin a dheanamh dhomh.”
“Mata, ni an duine agamsa duit e. Neo-ar-thaing mur ’eil e leisg, ach,
[Vol . 2. No. 46. p. 3]
air son sin, is e an deagh chosnaich a tha ann. Ma dhiultas e thu cha bhi agad ach an claidheamh a chur ri uchd agus theid mise an urras gun dean e rud sam bith a dh’ iarras tu air.”
“Mata, mo bheannachd agad; cuir nios an duine agad thugamsa an so.”
Dh’ fhalbh i, agus iarrar air an duine aice a dol suas far an robh an righ.
“C’arson a bhiodh an righ ga’m iarraidh-sa?” ars’ an duine.
“Is coltach leam gu bheil e an ti air thusa a dheanamh blaith-sheampuil da.”
“Mata, sin rud nach urrainn domhsa a dheanamh.”
“Mur a h-urrainn, bheirinn-sa mar chomhairle ort cur as duit fhein, agus gum marbh an righ thu ma dhiultas tu e.”
“O gu dearbh, cha chur mi as domh fhein, is mi nach dean sin. A’ bheil thu an duil gu bheil mi cho beag faireachdainn agus gum fagainn thusa leat fhein anns an t-saoghal mhosach so?”
“Coma leat dhiomsa, theid agam air an aire a thoirt orm fhein. Ach is fhearr duit a bhi falbh far a bheil an righ, mus bi e gabhail fadachd.”
Dh’ fhalbh an duine bochd. Shin e e fhein ri taobh cnuic, agus toisichear ri caoineadh. An teas mheadhon na caoinidh so, cho thainig far an aobh e abh a’ cheart seann duine liath a thainig far an robh e roimhe.
“Seadh, a dhuine bochd, de tha cur riut a nis?”
“O, tha an righ ag iarradh orm blaith-sheampuill a dheanamh da, agus cha’n urrainn domhsa sin a dheanamh.”
“Mata, ghille ghasda, innsidh mise duit ciamar a ni thu e. Tha leannan eile aig do mhnaoi, agus tha fear aig do nighinn cuideachd. Tha roic mor gus a bhi aig a’ cheathrar aca an nochd, agus falbhadh tusa d’ an bhathaich, agus stobaidh tu bior anns an tarbh. Toisichidh an tarbh ri geumnaich, agus thig do bhean am mach a choimhead de tha cearr. Ceanglaidh t ise ri iarball an tairbh. Thig an uair sin a leannan am mach, agus ceanglaidh tu ise ri iarballsan. Thig an uair sin a leannan am nach, agus ceangladh to esan ri h-iarball-ise. Stobaidh tu an sin am bior anns an tarbh, agus leigidh tu as da. Theid esan na dheann-ruith, agus iadsan a laodadh ris, suas rathad a’ chaisteils, gus an tuit e anns an loch, agus an teid am bathadh uile. Bidh am blaith-sheampuill agad an sin ullamh.”
Thug an duine moran taing d’ an bhodach, agus dh’ fhalbh e dhachaidh. Chaidh e d’ an bhathaich, agus stob e bior anns an tarbh. Thoisich an tarbh ri geumnaich, agus thainig a’ bhean am mach a choimhead de bha cearr ris. Rug an duine oirre, agus cheangail e i ri earball an tairbh. Thainig an sin a leannan am mach, agus cheangail an duine e ri h-iarball-sa. Thainig an sin a’ nighean am mach, agus cheangail an duine i ri iarballsan. Thainig an sin a leannan am mach, agus cheangail an duine e ri h-iarball-se. Stob e an uair sin am bior anns an tarbh agus mach a ghabh e na dheann-ruith suas rathad a chaisteil, gus na thuit e anns an loch, agus an deachaidh am bathadh uile.
An ath mhaduinn chaidh an duine far an robh an righ a’ dh’iarradh air thighinn a choimhead am blaith-sheampuill. An uair a rainig iad an loch, leig an duine na cuirp fhaicinn d’ an righ, agus dh’innis e da gum b’e sin am blaith-sheampuill.
Thug an righ moran beartais d’an duine, agus a bharrachd air sin thug e a nighean da ri posadh. Bha leth na rioghachd aige fhad’ agus bu bheo an righ, agus an rioghachd uile an uair a chaochail an seann duine.
Dh’fhag mise an sin iad.
IarrMinard ’s Liniment ’s na gabh ach e
Minard ’s Linimentair son Lòinidh.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grip
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 46. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna,. . . . $1 .00
Sia miosan, . . . . .50
Tri miosan, . . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a paigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IUN 9, 1894.
So an t-àm dhe’n bhliadhna anns am bu chòir do mhoran Ghàidheal a bhi ’g òl an deoch-eòlais air MAC-TALLA.
MA saaoileas cuid d’ ar luchd-leughaidh nach eil an àireamh so dhe’n phaipeir cho math ’s bu chòir dha bhith, feumaidh iad ar leisgeal a ghabhail. Bha againn ri dheanamh suas ann an cobhaig, oir bha gle fhaisg air leth na seachdain so seachad mu’n d’ fhuair sinn paipear na seachdaiu s’a chaidh as ar làmhan.
BHA stoirm mhor uisge ann oidhche Dior-daoin. Aig an International Pier bha da shoitheach bheag air am bristeadh ’s air an cur fodha. Bha te dhiu a E. P. I. agus bha ’n luchd aice, bnntata agus coirce, air a chall.
CHAOCHAIL am Breitheamh Johnson ann an Quebec o chioun seachdain. ’Na thiomnadh dh’ àithn e a chorp a bhi air e thiodhlacadh gun ghreadhnachas faoin sam bith. Dh’ iarr e bhi air a chur mar tha ’n t-òran ag radh, “ann an ciste chaol ghiuthais air a dubhahh le ròsaid,” ’s gun carbad mairbh a bhi ’ga ghiùlain idir. Ach ged nach robh greadhnachas mor sam bith ma thimchioll, cha robh e buileach mar a dh’ iarr esan, oìr cha robh ’n tiomnadh air a leubhadh gu ’n dèigh an tòrraidh.
CHAIDH dithis dhaoine a ghoirteachadh gu dona aig an International Pier Dior-daoin.
Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-air eile. ’S tha e ’gan creic gle shaor.
Tha muinntir Anstralia an deigh cuireadh a thoirt do Prrionnsa Seòras agus do bhan-Diùc York sgriob a thoirt do’n dùthaich aca air a bhliadhna s’a tighinn.
BHA ’n tigh-òsda ùr air fhosgladh oidhche Dior-daoin. Bha àireamh mhor de dh’ uaislean na dùcha aig a chuirm, agus chuir iad seachad oidhche chridheil.
RINN na h-uisgeachan a thainig o chionn ghoirid feum mor dh’an dùthaich. Ma leanas an t-side che fàbharrach ’sa tha i bi’dh dùil aig na tuathanaich ri buain mhath anns na fhoghar.
THA na rathaidean-uisge ann an Canada air fad ri bhi, ’n deigh so, air an cumail dùinte air an t-sàbaid. Tha iad ri bhi air an dùnadh aig meadhon-oiche Di-sathairne, agus ri bhi air am fàgail dùinte gu meadhon oiche Di-dòmhnaich.
THACHAIR ni muladach ann a Halifax Di-luain. Thainig Bean Mhurchaidh ’Ic Leoid, Acarsaid Néill, C. B. ri ’beatha féin beagan roimh mheadhon-latha aig a tigh féin. O chionn corr us bliadhna ghabh i ’n grippe agus bha i car trom-inntinneach riamh uaithe siu. Bha i còmhnuidh anns a bhaile so àireamh bhliadhnaichean, far am beil càirdean us luchd-eòlais aice tha glè dhuilich cluinntunn mu bàs.
CHAOCHAIL Tearlach Forest, fear cumail an taigh-sholuis aig Glassyk’s Point C B., agus a bhean air an deicheamh latha fichead dhe’n Chéitein. Bha iad air am puinnseanachadh le luibh a fhuair iad anns a ghàradh. Shaoil leo gum bu churran geal a bh’ ann agus dh’ ith iad e, ach thug e am bàs an ceann beagan uairean. Chaidh mac dhaibh am mach a dh’ iasgach beagan roimhe sin: na’m biodh e aig an tigh, chan eil teagamh nach biodh e air a phuinnseanachadh cuideachd.
BHA sabaid ghrànd ann an cùirt a pholice ann a Halifax Di-mairt. Bha fear de sheanairean a bhaile(alderman)a toirt fianuis aig a cùirt, agus dh’ fhàs a chùis cho teth eadar e fhéin ’s am fear-lagh ’bha ’ga cheasnachadh ’s gun do ghabh iad na dùirn dha chéile. Agus cha do leig am breitheamh air gu robh dad cearr a dol air adhart. Ma se sid an seòrsa luchd-riaghlaidh baile, ’s luchd riarachaidh ceartais a tha aig muinntir a cheann-bhaile tha’n t-àm aca ’n cur air falbh a dh’ àit-eigin anns an ionnsaichear modh dhaibh.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. Hearn. D. A. HEARN.
Gllios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 2. No. 46. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THA àireamh dhe na muillein cotain ann an Sasuinn air an dùnadh, ’s tha tri mile dhe’n luchd-oibreach ’nan tàmh.
THA rathad-iaruinn ur gu bhi air fhosgladh eadar Quebec us Megantic. Tha ceithir cheud Eadailteach ag obair air cheana.
THA luchd na mara ag innse dhuinn gu bheil an cuan Atlantach breac le cruachan deighe. ’S beag an t-ioghnadh an t-sìde bhi cho fuar mu na cladaichean so.
FHUAIR an t-Aba Michaud, sagart a tha ann am Montreal, seann bhonn copair anns an tionail ’san eaglas an la roimhe, agus cha reiceadh e e air son da cheud dollar.
BHA tuil mhor ann a China air a mhios so ’chaidh. Chuir an amhuinn Han thar a bruachan, agus bha dà mhile duine air am bàthadh, agus call mor air a dheanamh air an dùthaich.
THA duine ann an St. Martin’s, N. B. do’n ainm Seumas Ros a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Agus rinn e air an t-samhradh so leth acaire fearainn a threabhadh ’sa chliathadh gun chuideachadh sam bith.
THA Riaghladh na Frainge an deigh luchd-riaghlaidh Féill an t-Saoghail a chur ’san lagh. Tha iad ag agairt muillein dollar air son nithean a chuir na Frangaich dh’ ionnsaidh na féille agus a bha air am milleadh le teine.
CHAOCHAIL bean A. D. Camaran aig Eastport, Maine, air an t-seachdain s’a chaidh. B’ i so a bhean a bha ’sa phriosan ’sa sheas cùirt an uìridh ann am Bridgetown, N. S., air son bàs a fir. Bha e air fhàgail oirre gu’n do phuinnseanaich i e, ach cha robh dearbhadh làidir gu leòr air a thoìrt air adhart, ’s fhuair i ma sgaoil.
BHA tuiltean mora aca air taobh an iar America air an t-seachdain s’a chaidh. Ann an Columbia Bhreatunnach, tha na h-uillt bheaga air at suas gu bhi ’nan aimhnichean, ’s air fàs cho mor ’s gu bheil iad a cur thar am bruachan, ’s a sgbuaadh air falbh thaighean agus gach ni eile thig na’n rathad. Tha moran sluaigh aìr am fàgail gun dachaidh agus na bh’ aca ris an t-saoghal air a thoirt air falbh leis an tuil. Tha Amhuinn Fhriseil air at suas dà throigh na’s àirde na bha i riamh o’n is cuimhne leis an luchd-àirteachaidh mu’n cuairt, agus aig beul na h-aimhne cha’n fhaicar dad ach mirean briste de thaighean, craobhan, agus ainmhidhean bàthte. ’S i tuil a’s miltiche a thainig air an dùthaich sin riamh. Cho fada ’sa chuala sinne, bha ochdnar dhaoine air am bàthadh. Bha tuil aig an aon am ann an Colorado agus ann a Washington.
THA soitheach aig an International Pier a gabhail luchd guail, air son a thoirt gu La Platte ann an ceann a deas America.
THA e air a radh nach eil Cleveland agus a bhean an diugh idir cho mor aig a chéile ’sa bha iad an là ’phòs iad, agus mur biodh an dreuchd anns a bheil esan, gu’m biodh aona chuid ise no esan ag iarraidh litir-dhealachaidh.
Minard ’s Linimenta’s fhearr.
THA daoin’ -uaisle anns na Stàitean a bruidhinn air càin-chimhue a chur suas ann an Louisburg mar chuimhneachan air na daoine a thuit aig séisd a bhaile sin anns a bhliadhna 1745, a cheud uair a thugadh bho na Frangaich e. ’Sann as na stàitean a thàinig a chuid mhor dhe na daoine ’chog air taobh Bhreatuinn.
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT
C. SAUNDERS.
Dalhousie.
Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, leMINARD ’S LINIMENT.
ED. LINLIEF.
St. Peters, C. B.
Leighis mi droch at air each leMINARD ’S LINIMENT.
THOS, W. PAYNE.
Bathurst, N. B.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 46. p. 6]
AM FEAR NACH TUIG GAILIG.
Mu thri fichead bliadhna ’sa deich roimhe so, bha lighiche ann an Bail’ -Uilleam, ’an Siorramachd Ghlinn-a- Garaidh, an Ontario, ris an canadh iad an Dotair Mac Leòid. Bha e ’na dhuine air an robh meas mor aig an t-sluagh mar dhuine agus mar léigh. Bha gràdh mor aige do dh’ Alba, tir a dhùchais, agus bha e mion-eòlach air eachdraidh agus cliù nan daoine o’n d’ thàinig e. Bha a cheann loma-làn de dh’ orain Ghàilig ’s de sheann sgeulachdan, agus cha’n iarradh e shòlas ach a bhi ’g an aithris ’s ’g an gabhail ’n uair a gheobhadh e measg a dhlùth chàirdean féin. ’S iomadh oiche fhada gheamhraidh a chuir e seachad gu cridheil sùnndach air an dòigh so. Bhiodh am botull air a bhòrd, ’s cha bhiodh e uair sam bith air fhàgail falamh.
Bha dlùth charaid aig an dotair, fear Dòmhnuil Dòmhnullach, air an robh cliù fad us farsuinn mar fhear innse sgeulachd. Bha Dòmhnull buailteach, air uairean, air a dhol tuilleadh us fada air adhart leis na sgeulachdan, agus cha b’ ainneamh leis an luchd éisdeachd innse dha nach robh iad ’ga chreidsinn. Ach mar bu trice cha robh e duilich sam bith dha na mi-chreidmhich a chur ’nan tosd. Theireadh e riutha cho tric ’sa chuireadh iad fhacal an teagamh, “gu robh làn chead aig an fhear mhosach air a thoirt leis as a sheasamh mur robh na h-uile facal a bha e ’g innse dhaibh ’na thul-fhìrinn.” Bha duine còir ann an nàbachd Dhòmhnuill a bhiodh an còmhnuidh ag achanaich air sgur dheth na mionnan uamhasach sin, agus ag ràdh ris mur sguireadh, gu’n gabhadh am fear mosach e air ’fhacal latha dhe na lathaichean ’s gu’n tugadh e leis e, cruinn, cothrom a bha e. Ach cha robh achasan no comhairle a deanamh drùidheadh air Dòmhnull.
Aon oiche fhuar, reòta mu dheireadh an Dùdhlach, * ’s an sneachda còmhdach an làir, bha ’n dotair air an rathad dhachaidh as a Bhail-Ur, † ceann-bhaile na siorramachd. Cha robh an dùthaich aig an àm sin ach air a h-ùr-àiteach; bha chuid bu mhò dhe’n choille ’na seasamh mar a bha i ceudan bliadhna roimhe sin agus bha na ròidean, gu h-àraid ré a gheamhraidh,
* December. † Cornwall.Is e ’m Bail-ur an t-ainm a th’ aig luchd na Gàilig an Cornwall riamh o’n chaidh a shuidheachadh.
a cumail air an talamh àrd, gun rian no riaghailt sam bith ’nan cùrsa. Bha iad anabarrach cam, agus far an robh dà rathad a dealachadh o chéile, bha blàradh air na craobhan ag innse c’ àite ’n robh gach fear dhiubh a’ dol. Bu cho math do dhuine dhol a sheòladh air a chuan mhor gun sgoil-mhara ri feuchainn ri dhol troimh choilltean an àm’ ud gun bhi eòlach air blàradh nan craobh. Ach bha’n dotair gle eòlach air gach car us camadh a bh’ anns na ròidean, agus ged bhiodh e ’dol trompa air an oiche bu dhuirche, cha bu chùram leis gu’n rachadh e air chall. Air an oiche so bha aige ri dhol seachad faisg air an tigh bheag logaichean anns an robh Dòmhnull a deanamh a dhachaidh, agus smaoinich e gur h-ann a bheireadh e leis Dòmhnull cuide ris fhèin. Bha deagh fhios aige nach leigeadh a bhean le Dòmhnull falbh dha deòin, agus chuir e roimhe gu’n tugeadh e ’n car aisde. Ràinig e ’n tigh agus fhuair e gu robh a chàraid air dol a làidhe. Gun charachadh as an t-sleighe dh’eubh e gu robh toil aige bhi air a sheòladh mu’n rathad a bha dol gu Bail’ -Uillean, dhùisg e Dòmhnull ’sa bhean ’s thàinig Dòmhnull na ’aodach-oiche dh’ ionnsaidh an doruis. Cha d’ aithnich e ’n toiseach co bh’ aige, agus thòisich e air an coigreach, mar a shaoil leis a bh’ ann, a sheòladh, ach smèid an dotair air, ’s chaidh Dòmhnull a mach far an robh e. Cha d’ fhuiling e tathunn sam bith ach leum e dha’n t-sleighe agus phaisg e e-fhéin anns na béin, ’s bha e an sin gu blàth, seasgair, gus an d’ ràinig iad tigh an dotair, mu thri mile bho thigh Dhomhnull fhéin. Ann sin thug an dotair dha aodach a chuireadh e uime, agus deoch mhath de stuth na Tòiseachd. Thòisich an t-òl ’s an cridhealas; agus ma thòisich, ’s ann an ceann an treas latha fhuair bean Dhòmhnuill fios gu de dh’ éirich dh’a céile.
’N uair nach do thill Dòmhnull dh’ ionnsaidh an taighe ’n ceann beagan mhionaidean, dh’ fhàs a bhean mi-fhoiseil dha thaobh ’s thug i sùil a mach, ach cha robh duine no creutair ri ’fhaicinn thall no bhos, shios no shuas. Ghabh i ’n t-eagal agus chuir i fios air na nàbaidhean, ach cha b’ urrainn dhi fhéin no dhaibhsan a dheanamh mach de dh’ éirich do ’n fhear a bh’ air chall.
Bha ’n duine còir, dha’m b’ àbhaist a bhi comhairleachadh Dhòmhnuill, na
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 46. p. 7]
b’ fhaide gun tighinn na càch, ach ’n uair a thainig e, bha deagh fhios aige, na bharail fhéin gu de ’n taobh a chaidh Domhnull. “A Mhàiri,” ars’ esan, ’s e tionndadh ris a mhnaoi, “cha’n fhaic thusa no mise Domhnull gu bràth!” “Cia mar a fhuair thu sin a mach?” arsa Màiri. “Se mo lan bharail,” ars’ esan, “gu ’n d’ fhuair Dòmhnull a ghuidhe, agus gu ’n d’ thainig am fear air am biodh e ’luaidh cho tric agus gu’n d’ thug e leis e direach mar a bha e.” “Tha fhios agam-sa air atharrachadh sin,” arsa Màiri. “Tha fhios agads’ agus agamsa nach tuig am fear mosach sin a Ghàilig, agus ge b’e co dh’ eubh a mach air Dòmhnull cha tuirt e aon fhacal fhad ’sa bha e far an chuinninn-s’ e, ach Gàilig. Cha’n urrainn dhòmhsa chreidsinn, mar sin, gu robh làmh aig an deamhan ’sa chùis idir.” Thuirt na nàbaidhean uile gur h-i Màiri a bha ceart; oir bha iad mar bha na Gàidheil o shean, ’s mar tha moran dhe’n sliochd gus an latha ’n diugh, a làn chreidsinn gu ’m b’i Ghàilig an aon chànain air thalamh a dh’ fhairtlich air Sàtan ionnsachadh.
DIARMAD.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VII. —Air a leantuinn.
Dh’ fhag an da shoitheach an acarsaid aig an aon àm. Sheas “Sgeul a mhor Aoibeneis” mach ri fairge, ach ghlac “Aideachadh on leth a muigh” air cladach Riarachadh Saoghalta an toir air òr. Dh’éirich a ghaoth. Bha Caiptein “Gradh air Beatha” na shuain chadail. Bha Simon Magus, aig an robh barachd sgil air sloightireachd na air sgoil mhara, ann an àrd ùghdarras; rinn e suas an an dànachd na bha e ’n éis ann an sgil; ach cha robh spèis aig a ghaoith dha; reub oiteag obann an seòl-mullaich aige.
Rinn na maraichean gaire ri Magus, a thainig air ais a rithisd air bòrd agus e air chith. Dh’at an stoirm gus an robh buirich na gaoithe agus na’n tuinn mar aon. “Cum a mach i!” ghlaodh e. Fhreagair an Stiuradar “seadh, seadh a shair!” ann a sgeig.
Ach bha iad a saothrachadh air cladach leis; Rinn na maraichean gaire air dhoibh bhi làn de fhion ùr, agus cha robh suim aca de dhuine air bith. Thug an dara Oifigeach fanear marbha cuisean; ’se b’ainm dha Intinn-Dhubhach—agus ghrad ruith e sios do’n t-seomar far an d-fhuair e gradh air beatha na chadal. Ghlaodh e na chluasan, “bithidh sinn air na creagan air bheagan uine!” Thug na briathran gu céill e a thiotadh, ruith e suas a dh’ionnsuidh a chlar uachdar, thug e suil air a chladach. Mhalluich e a shuilean féin, mhionnaich e Simon Magus, agus mhuith e fear na Stuirach a thilgeadh bhàrr na cliathaich. Cha do leasaich so cuisean idir. Thìonndaidh an t’uisge gu ceo; agus dh’fhas an Soitheach eudionach. Bha iad gu leir air an ghairm dh’ionnsuidh na Taomadairean, ach bha iadsan air an tàcadh le gainmheach Riarachadh Saoghalta. Bha Gràdh air Beathe air a chuthach; dh-feuch e ri urnuigh a dheanamh ach sguab a ghaoth na briathran sios na shlugan. Bha eagal a bhàis air, ghlaodh e ris na neamhan, ach bha e na bhall-fanaoid aca: Ghreimich Simon Magus air a chuid airigiod tra bha Aideachadh o’n taobh a muigh a ruith a steach chum Bàgh a sgrios. A chlisgeadh, dh’eirich beucail coire-tuaicheal an coinneamh ulfhartaich nan speur. Ghlaodh na maraichean airson trocair. Rinn na Speuran gàire Tairneanaich. Bha cuid a luaidh air bàta leigeal sios: ghreimich cuid eile air criosan-beatha.
(Ri leantainn.)
Oran Dhomhnuill Mhoir.
LE AILEIN AN RIDGE.
Cha robh Domhnull mòr no dhuine briagha ann am pearsa no ’n aghaidh, agus bha ’mhac coltach ris fhéin. Air latha araidh ghabh Peadal Mac Iain ’Ic Pheadail air fhéin s air a mhac agus goirid an déigh sin, chuir Ruairidh Andra maoa ga ghlacadh air son ainbhfhiach, ach chaidh e ’m falach s cha d’ fhuair am maor greim air.
Mo sheachd mallachd aig Ruairidh,
S gu mu buan sid mo earbull;
’Chuir an t-armunn air chuairt oirnn
Th’ air na cuaintean do dh’ Albainn.
’S mor an call air an dùitich
An ceann iùil an dùigh falbh uainn,
Fear a réiteach gach cùise
Le meud a thùir agus eanchainn.
’S goirt leam càradh do mhnatha
’S i dol a laidhe fo éislean;
Chaill i deadh fhear a taighe
’Se dh’ fhàg gun aighear i ’g éiridh.
Ged a ruisg air do bhathais
Bu laidir reamhar gu léir thu,
’S na biodh tu ri fhaighinn,
Cha bhiodh do mhaithean nan éigin.
’S ann a theann iad le fanaid
Ri do sparradh am priosan,
Ach fhad ’s is beo iad air thalamh
A chaoidh cha ’n fhaigh iad fo chis thu;
Cha robh maor ann no earraid
No fear a theannadh ri stri riut,
Nach do bhreab ’s nach du dhòrn thu
S nach d’ fhàg thu leòinte na’n sineadh.
(Air a leantuinn air taobh 8.)
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’s e cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACADH.
Cisteachan-Laidhe bho $2 .00 gu $90 .00
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
[Vol . 2. No. 46. p. 8]
Cead Deireannach nam Beann.
LE DONNACHA BAN.
Bha mi ’n dè ’m Beinn-dòrain,
’S na còir cha robh mi aineolach,
Chunna’ mi na gleanntan
’S na beanntaichean a b’ aithne dhomh;
Be sin an sealladh éibhinn
Bhi ’g imeachd air na sléibhtibh,
’Nuair bhiodh a’ ghrian ag éiridh,
’Sa bhiodh na féigh a’ langanaich.
’S aobhach a ghreidh uallach,
’Nuair ghluaiseadh iad gu farumach,
’S na h-éidean air an fhuaran,
Bu chuannar na laoigh bhallach ann;
Na maoislichean ’s na ruadh-bhuic,
Na coilich dhubh a’s ruadha,
’S e ’n ceòl bu bhinne chualas
’Nuair chluinnt’ am fuaim ’s a’ chamhanaich.
’S togarrach a dh’ fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam beallaichean,
Dol ’mach a dhìreadh garbhlaich,
’S gum b’ anmoch tigh ’nn gu baile mi;
An t-uisge glan ’sam faileadh
Th’air mullach nam beann árda,
Chuidich e gu fas mi;
’S e rinn domh slàint a’s fallaineachd.
Fhuair mi greis am’ àrach
Air àireanaibh a b’ aithne dhomh,
Ri cluiche, ’s mire, ’s màran,
’S bhi ’n caoimhneas blàth nan caileagan;
Bu chùis an aghaidh nàduir,
Gu ’m maireadh sin an dràst ann,
’S e b’ éigin bhi d’ am fagail
’Nuair thàinig tràth dhuinn dealachadh.
’Nios o’n bhuail an aois mi.
Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
Rinn milleadh air mo dheudach,
’S mo léirsinn air a dalladh orm;
Cha n-urrainn mi bhi treubhach,
Ged’ a chuirinn feum air,
’S ged’ bhiodh an ruaig am’ dhéigh-sa,
Cha dean mi ceum ro chabhagach.
Ged’ tha mo cheann air liathadh,
’S mo chiabhagan air tanachadh,
’S tric a leig mi mial-chù
Ri feàr fiadhaich, ceannartach;
Ged’ bu toigh leam riamh iad,
’S ged’ fhaicinn air an t-sliabh iad,
Cha téid mi ’nis’ ga’n iarraidh
O’n chaill mi train na h-analach.
Ri àm dol anns a’ bhùireadh,
Bu dùrachdach a leanainn iad,
’S bhiodh uair aig sluagh na dùthcha,
Toirt òrain ùra ’s rannachd dhaibh:
Greis eile mar ri càirdean,
’Nuair bha sinn anns na càmpan,
Bu chridheil ann an àm sinn;
’S cha bhiodh an dràm oirnn annasach.
’Nuair bha mi ’n toiseach m’ òige,
’S i ghòraich a chum falamh mi;
’S e fortan tha ’cur oirnne
Gach aon ni còir a’ ghealladh dhninn;
Ged’ tha mi gann a stòras,
Tha m’ inntinn làn do shòlas,
O’n tha mi ann an dòchas
Gu’n d’rinn nigh’n Deórs’ an t-aran domh.
Bha mi ’n dé ’sa’n aonach,
’S bha smaointean mòr air m’ aire-sa,
Nach robh ’n luchd-gaoil a b’ àbhaist
Bhi siubhal fàsaich mar rium ann,
’S a’ bheinn is beag a shaoil mi,
Gu’n deanadh ise caochla;
O’n tha i ’nis’ fo chaoirich,
’S ann thug an saoghal car asam.
’Nuair sheall mi air gach taobh dhiom,
Cha’n fhaodainn gun bhi smalanach,
O’n theirig coill’ a’s fraoch ann,
’S na daoine bh’ ann, cha mhaireann iad
Cha n-eìle fiagh r’a shealgann,
Cha n-eil eun no earb ann.
’M beagan nach eil marbh dhiù,
’S e rinn iad falbh gu baileach as.
Mo shaoraidh leis na frithean,
O’s mìorbhailteach na beannan iad,
Le biolair uaine a’s fir-uisg’
Deoch uasal, rìomhach, cheanalta,
Na blàran a tha prìseil,
’S na fàsaichean tha lionmhor,
O’s àit’ a leig mi dhiom iad,
Gu bràth mo mhìle beannachd leo!
(Aia leantuinn o thaobh 7.)
Latha blàr Bhràigh na h-Aimhne
Bu tu ’n saighdear gu cogadh,
’S ann a shamhlaich mi pàirt de
Ris a bhlár bha ’n Cùil-fhodair,
Cha bu companath miapaidh
So dh’ iarrach gu trod thu,
Bheireadh sgobadh air d’ fhiasaig
No dh’ fhiachadh am “bocs” thu.
Sid an sgeula ’s gu ’m ait leam
Mu ’n tréin-fhear mhacanta bhuadhar
Dheanadh feum anns an tapaid
’S nach éisdadh dad d’a luchd fuatha,
’S beag an t-ioghna’ thu bhi gaisgail,
’S an ire ghasd as na bhuaint thu
’S tu Domhnull nan Domhnull
A teaghlach mhor Mhurnis-uachdrich
Curraidh gasda nach lùbadh
Cha bu diù anns a ghleachd thu,
’Nam na gaisgich a rùscaidh,
’S tu nach tionndadh le gealtachd.
’S meirg a theannadh le mùiseag
No d’ fheuchadh dùirn riut no bata,
Fhir nach togadh an tuasaid,
’S bu làmh chruaidh gus a casg thu.
An leòghann aigeannach uaibhreach,
Ceaite ’n ’ualas dhuit coimeas?
Mach bho ghaisgcich na Roimh,
Cuchuiliun mòr agus Wallace,
Cha robh ’m Brusach no n Gréimdach
No feachd no féinne cho math riut,
’S am fear a thòisich ri ràidh ort,
B’ éiginn dha dol am falach.
Do mhac oighre na sheasamh
Rid’ ghuallainn deas mar bu chòir dha,
Shaoil leam fhéin gu ’m bu bheadaidh,
’S gu robh e beag-nàrach gònach,
’M fear a thainig gun teagamh
’S a theann ri d’ bhreabadh ’s ri ’d dhòrnadh.
’S beag de sgàth no de dh’ eagal,
A chuireadh Peadal no Pol ort.
’S tu fear mor bu mhath cuma
Bho chrùn do mhullaìch gn d’ bhrogan
Pearsa chumadail, dhireach,
Dh’ fhas gu mileanta bòidheach,
Ge b’e dh’ airiseadh t-fhacal,
Bu tairis taitneach do chomhradh,
’S mar a falbhadh a falt dhiot,
Chuirte mach ad ghill’ òg thu.
No biodh daoin’ ann am barail,
Ged tha car aig an aois ort,
Nach tu ’n fhior chulaidh-eagail,
Ged thàinig beagan de ’n mhaoil ort,
Bidh na mnathan ag radhinn
Nuair bheir iad breath air fear ta-ogis
Gu bheil sròn an deigh rath ort
’S gur h-e chairich an gaol ort
’S tu fear gasda neo lomuis
Sar chompanach còir thu,
’S duine cnaparra trom thu
Dh’ eireadh fonn air mo Dhonull;
Cha’ b’e ’n ruinnseara crom thu,
Cha b’e ’n rongas gun treoir thu,
’S fada dirach s a chom thu,
’S briadha, fonnmhor gu d’ bhròig thu.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
title | Issue 46 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 46. %p |
parent text | Volume 2 |