[Vol . 2. No. 47. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 16, 1894. No. 47.
Failte Na Cuthaige.
Failt ort, eil-thirich ghalis nam bruach,
Teachdaire an Earraich ait;
Tha t-aitreabh-shamhraidh uile deas,
Tha choill’ a’ seinn duit failt.
Cha luaithe thig an neonain maoth,
Na thogas tus’ am fonn;
Bheil agadsa reul-iuil gu h-ard,
Gad threorachadh do’n fhonn?
Leat fein a chuairteir aoibhnich ait,
Dh’fhailtichinn am nam blath;
An t-am sam bi a choisridh bhinn
A seinn gu grinn gach trath.
Am balachan beag, ’se trusadh bhlath,
Gu h-ard air uchd nan tom,
Le aighear eisdidh e do ghuth
’S co’ fhreagraidh e am fonn.
Fo bhlath ’nuair thig a pheasair ghlas,
Fagaidh tu choill’ gu luath;
Aoigheachd iarraidh tu an duthchaibh cein
Chuir failt air earrach nuadh.
Do choill-sa! eoin nam buadh, tha gorm.
Do speur do ghna tha blath,
Mulad cha’n ’eil a chaoidh a’d dhan
No geamhradh ann ad thra.
O! nam bu leamsa sgiath an eoin,
Gu’n siubhlainn leat gach àit,
Air cheilidh feadh an t-saoghail mhoir,
Comhlain an Earraich ait.
NA SITHICHEAN.
Re mòran ùine, bha’n amaideachd a b’ fhaoine air a creidsinn, feadh Galldachd agus Gaidhealtachd, mu thimchioll nan daoine Sìthe. Do réir na h-eachdraidh thàinig a nuas d’ar n-ionnsuidh, anns na sgeulachdaibh spleadhach a bha air an aithris umpa air feadh na dùthcha, bha iad nan creutairibh neo-shaoghalta, guanach, eutrom, do-léirsinn do shùilibh dhaoine, ach ’n uair bu toil leo féin e, a’ sìor ghluasad air an ais agus air an aghaidh, a làthair anns gach cuideachd, agus a mach air gach cò’ -dhail. Bha aca so, ma b’fhìor, an còmhhuidh ann an uamhaibh fada fo thalamh, ann an uaigneas ghleann, agus fo gach tolman uaine. Chuireadh as an leith, gu’n robh iad a’ sealbhachadh àrd-shubhachas ’nan tallachaibh rìomhach fo thalamh; gu’n robh aca cuirm shuilbhearra air àmaibh àraidh, le ceòl bu bhinne na aon ni chualas air thalamh; agus gun robh am maighdeanan ni b’ aillidh’ na uile òighean an t-saoghail so, iad do ghnáth ri aighear agus ri dannsa, gun sgìos gun airsneul; ach ’na dhéigh so gu léir, gu’n robh sìor-fharmad aca ri muinntir an t-saoghail so: a h-uile togradh aca gu brìgh gach sòlais a dheothal uatha, agus dombl, s a thilgeadh anns gach deoch a bu mhìlse. Anns na linnibh dorcha chaidh seachad, bha gach bás obann, gach sgiorradh, agus dosguinn, air a chur as an leith; goid naoidheana, agus gnàthachadh ioma druidheachd, nach fiach aithris. Mar bha anns gach dùthaich san àm sin daoine cuilbheartach seòlta, a bha mealladh na muinntir shochaaach le’n gisreagaibh faoine, ’sann, ma b’ fhìor, o’n leannanaibh sìth a thàrmaich iad an t-eòlas a bha iad a’ gabhail os làimh a bhi aca.
Ged a chaidh an saobh-chràbhadh so, agus iomadh amaideachd eile de’n t-seòrsa so air chùl, ann an tomhas mòr feadh na Gaidhealtachd, agus ged a bha ’n t-iarmad de na tha làthair a’ teicheadh mar a sgaoileas ceò na h-oidhche roimh éirigh na gréine, is iomchuiah an ni, gu’m biodh fios aig daoinibh cionnus a thòisich an fhaoineachd amaideach sin. Chìthear so ann an eachdraidh na dùthcha.
O chionn da-cheud’ -deug bliadhna agus còrr, chaidh creidimh nan Druidh a thilgeadh gu tur bun os ceann. Bha geur-leanmhuinn ghuineach air a dheanamh orrasan a ghnàthaich e. Bha iad air am fògradh o ionadaibh còmhnuidh dhaoine; agus air an co-éigneachadh gu tèaruinteachd iarraidh ann an glinn uaigneach, agus ann an uamhaibh ùdluidh nan creag, far am faigheadh iad an creidimh a ghnàthachadh, gu foighìdneach ann an dòchas gu’m faigheadh iad saorsa uair no uair-eigin o’n chruaidh-chás o’n robh iad a’ fulang. Bha na Lochlannaich ’san àm sin, ag aideachadh creidimh nan Druidh, agus fhuair mòran de ni chaidh fhògradh as an dùthaich so dìon agus faagadh uatha. Bhrosnuich iad so na Lochlannaich gu éiridh as an leith; agus tha eachdraidh na dùthcha ’g innseadh dhuinn, gur iomad oidheirp a thug iad, linn an déigh linn, aicheamhail a thoirt a mach as an leith. ’S ann ’n an aobhar-san a tháinig iad ’n an cabhluichibh a thoirt sgrios le teine agus claidheamh air gach àite ’san robh eaglaisean an t-Soisgeil no tighean Mhanach air an suidheachadh. Fad na linn sin, bha mòran de na sagartaibh Druidhneach san tìr so, aig an robh còmhnuidh, mar chaidh a ràdh, anns gach doire, agus anns gach fàsach uaigneach. Chum an àireamh a chumail suas bu ghnàth leò mnathan agns claun a ghoid air falbh, agus gach cothrom a bha ’n an comas a ghabhail, chum an uireasbhuidh a dheanamh suas mar a b’ fhéarr a dh’ fheudadh iad. Bha iad innleachdach, seòlta, am feadh ’sa bha muinntir na dùthcha aineolach, dall; thug iad, mar so, air an t-sluagh a chreidsinn gu’n robh aca fiosrachadh os ceann náduir; agus o’n àm sin, thòisich eachdraidh nan daoine sìth. So ainm a bhuineadh gu h-àraidh do shagartaibh nan Druidh. B’ e’n gnothuch-san reachdan a shocrachadh, agus sìth na dùthcha a chumail suas. Chùm iad am mòid air tulachaibh uaine, air cuirn liatha, agus air beanntaibh àrda; agus, an lorg so, tha mòran de na h-àitibh air an ainmeachadh gus an la ’n diugh, Dùn-sìth, Carn-sìth, Sìth-bhruth, agus iomad ainm eile de ’n t-seòrsa sin.
An déigh do na Druidhibh so bhi air an cur fodha, smuainich daoin’ aineolach, o ’n eagal a bh’ aca rompa, gu ’n robh iad fathast air mhodh nee-shaoghalta a chòmhnuidh ’s na h-ionadaibh sin. A thaobh na cumhachd a bh’ air a chur as leth na daoine sìth, bha e air ’ainmeachadh, druidheachd a’ dearbhadh dhuinn gur ann mar chaidh a ràdh a thòisich an eachdraidh amaideach sin. Tha e gu h-áraid air innseadh mu ’n timchioll, gu’n robh àmanna sònruichte ann, anns nach robh e sona teachd an gar d’an sìth-bhruth, gu h-àraid air oidhche Shamhnadh agus Bhealltuinn. ’S ann gun teagamh o chleachdadh nan Druidh a thàinig so a nuas; oir b’ iad so an dà chuirm mhòr aca-san: agus is dùgh dhuinn a smuaineachadh, gun oidheirpicheadh iad daoin’ a chumail air falbh an àm nan cò-dhailean sin, fhad ’sa bha iad féin a’ cleachdadh nan deas-ghnath sin. Agus o nach b’urrainn doibh sin a dheanamh as eugmhais teine ’s e so a thug a nuas a’ bharail gu bheil teine r’a fhaicinn air na sìth-bhruthaibh sin, air co-ainm nan ám sin. Mar so chithear cionus a thòisich eachdraidh nan daoine sìth, d’an robh cho liuthad aon a’ toirt creideas, gus o chionn ghoirid, ann an iomad cearna de ’n rioghachd. —Leabhar nan Cnoc.
THA da cheud mile méinneadair na’n tàmh anns na Stàitean a diultadh obair a dheanamh anns na mèinnean guail; tha iad mar sin aìr son mi-chòrdadh éigin eatorra féin ’s sealbhadairean nam mèinnean.
THA e air a radh gu bheil còig mile deug sluaigh air am fàgail gun dachaidh leis na tuiltean ann an Columbia Bhreatunnach. Tha ’n call cho mòr ’s nach eil dòigh air aireamh.
[Vol . 2. No. 47. p. 2]
RUARAIDH A CHNOIC.
Theiridh daoine gu’m b’amadam Ruaraidh ’Chnoic, ach mu’n d’ thuirt Niall Ruadh e “mus amadan Ruaraidh ’s iomadh amadan a tha ’san dùthaich.” ’O chionn ùine mhór bha Ruaraidh ’fuireach ann an bhothaig bhig taobh an rathaid mhoir, faisg air aigh a’ chnoic ’san eilean Mhuileach. Bha e na fhasan aig Ruaraidh ’bhi ’bruithinn ris fhéin; agus ma ’n tigeadh tu mar cheud slàt do’n dorus chluinneadh tu cath còmhraidh a cheart cho dian ’s ged a bhitheadh a bhothag làn bho oisinn gu oisinn, mar gu glé thric a bhitheadh i, gu seachd sònruichte ’sa’ gheamhradh. Agus eadhon ’nuair ’bhiodh e ’falbh an rathaid mhoir cha robh cath air am bheil iomradh bho bhlàr na h-Eaglise-Brice gu blar Chulodair air nach rachadh e thairis a cheart cho mionaideach ’s ged a bhiodh tu ga leughadh ann an Eachraidh na h-Alba; oir ged nach robh moran sgoil aig Ruaraidh bha aige mu’n d’thuirt Seònaid na’n seicheannan mu Eoghan a mac “na thug troimh ’n t-saoghal e,” ged nach deach e riamh na ’fhaide ’o’n taigh na dol a dh’iarradh cliabh moine, mar a thachair do Ruaraidh fhein. Bha e na chleachdainn aig Ruaraidh dol gach latha posta do’n t-Sailein, agus cha robh aon litir a bhuineadh do’n Chnoc nach d-thoireadh e dhachaidh a cheart cho sabhailt ri aon phost’ an Lunainn, ged nach robh do dhuais aige ach beagan do bhuntata pòir ’s an Earrach. Bu tric a rachadh na balaich a dh’fharchluais air Ruaraidh, ’nuair a bhitheadh e tilleadh leis na litrichean, oir cha bhiodh té dhiubh air nach d-thoireadh e a bheachd fhein ’se ga’n toirt a dara poca a’ chota mhoir do’n phoc’ eile. Theireadh esan, ’s e tighinn air a shocair fhein. “So paipeir le Dughal Mor, ’s iomadh braoisg a chuireas e air fhein mu’n leugh e air fad e. So litir gu Domhnull Figheadair bho Ailein, a mhac. So te le Dughall Ciobair bho’n mharsanta mhor ann an Duneidunn. ’S iomadh te dhiubh fhuair e nis, agus ’s iomadh ràn a bheir e as ri Topsy mu’m pàigh e na h-ochd puinnd Shasunnach a chuir Anna a nighean a dh-fhia’chan air, air son na tea a dh’òl ì fhein agus cailleach na fiosachd. A bhaoirisg bhochd! Cha d’fhuair i fhathast a saor Gallda an deigh na h-uille rud. Sguiridh i ni s a’ chosg a chleoca shioda a dhol a thogail na moine.” Mar bheireadh Ruaraidh, ’bheac air gach litir no paipeir a bhiodh aige, bha e mion eòlach air gach fear agus bean ’sa chomhair-sneachd. Cha robh e idir cho maol ’sa shaoileadh neach. Bha e daonan mar a bha ’n t-each ban an dorus an t-shabhail “A feitheamh ’s ag éisdeachd,” agus mar sin bha fhios aig’ air barachd ’s a shaoileadh tu. Latha de na lathain a bha Ruaridh ’tilleadh as an t-Sàilein le ’chualach litrichean co ’bha ceum beag roimhe ach Eoghan mor agus Seumas bàn mac Phara nan stob, mar theireadh iad ris. Bha na gillean ann an teas consachaidh air son reusan gle fhaoin: An dara fear ag radh gu’n robh sùil ghloine ’s an tuathanach Ghallda ’s am fear eile ’g radh nach robh. Tha e gle choltach gu’n robh na seoid ag òl air an rathad, agus a chion ’s gu’n deachaidh barachd do’n deoch laidir na’n ceann ’sa chaidh ’nam broinn ’thanaig an cònsachadh gu buillean agus shabadaich iad gus an d’fhag iad a cheile coltach ri dà chirc a bhiodh air an spìonadh. Fhuair Seamas bàn a chuid bu mhiosa dheth agus air son diollaidh chuir e ampolicemanruadh an caradh Eoghain mhoir. Cha robh fianuis ann ach Ruaridh, agus ged a bha e rò dhuillich leis dol a dhìteadh a chomhearsnaich b’fheudar falbh gu mòd an t-shiorram a bha ra cumail ann an Tobarmhoire. Latha na cùirte ràinaig Ruaraidh Tobarmhoire le bhoineid mhoir ghuirm ’s le chota fada curainn a bha ruigheachd a shàiltean, agus comhal ris gach ionadheile a bha tuirt air na balaich a bhith gu leann tuinn a h-uile ceum a bheireadh e, bha e cas-ruisgte. Cha do chleachd Ruaraidh riamh brògan; agus ’s ann a bheireadh e teine as na clachan le ordagan mora. Cha ’n ’eile teagamh co-dhiubh nach robh e gu math cruadalach. Mu’n d’thuirt Eoghan saor e, bha na gàgan a bha ’n cùl a chas coltach ri deadheadh a chitheadh tu ann an bonnach coirce. Ach coma leat na codhiubh shuidh a chuirt agus ghlaodhadh suas air Ruaridh gus bhi air a cheasnachadh. Nach ’eil thu fuireach anns a Chnoc(Knock in Mull)Arsa ’n siorram. Cha ’n eil! Cha ’n eil! arsa Ruaraidh “mise fuireach ann an cnoc sam bith. Cha chualas riamh bhi fuireach ann an cnuic ach sithichean.” Ghair na bha staigh ’n uair chual iad freagart Ruaridh oir thuig iad nach robh idir toil aige a chàirdean a dhiteadh. “An cluinn thu Ruaraidh,” arsa an Siorram a rithist “nach eile e na chleachdadh agadsa ’bhi ruith le litrichean eadar an Cnoc ’san Sàilein?” “A ruith” arsa Ruari, ’se gabhal air nach robh e tuigsinn brigh cainnt an t-sioram “chan eil; cha’n eil ’s fhada bho na dh’fhalbh ruith Ruaraidh. Cha d’rinn mise ceum ruith bho shia bliadhna ’n fhoghair so, chaidh agus tha duileam nach deanainn an sin fhein i mur a cuireadh tarbh a Choirneil bhain caismeachd orm.” “An cluinn tu Ruaraidh,” arsa ’n sioram s gun e idir toilichte, nach b’ urrain dha dad a tharuinn a Ruaraidh cho amaideach coltas ’s gun robh e, “nach ’eil e na chleachdadh agad a bhi ’giulan litrichean eadar an Cnoc ’s an Sàilein?” “Gle ainnlabh,” arsa Ruaraidh, gle anabh, le ’r cead.” “Shaol mi” arsa ’n sioram gun robh e na chleachdadh agadsa daonan a bhi coinneachadh ’a phosta ’s an t-Sàilein ’sa toirt leat dhachaidh a h-uile litir a bhuinneadh do’n Chnoc.” “Tha direach daonnam” arsa Ruaraidh ’s e fàs teth. “Agus,” arsa ’n Siorram “nach d’uirt thu rium an ceart uair nach b’abhaist dhuit idir a bhi ’giulan litrichean eadar an Sailein ’s an Cnoc?” “Mata le’r cead” arsa Ruaraidh, “cha’n’ eil beachd ’s am bith agam gu’n d’thuirt.” Ghàir na bha’n ’s taigh ’n uair a chual iad so agus ma ghàir dh’eisd Ruaraidh. Chunnaic an sioram nach robh feum ’s am bith a bhi bruithinn agus dh’iarr e air Ruaraidh suidhe. Thiunndaidh Ruaridh gu falbh ach mu’n do bhuithinn e ’n t-àite suidhe chaidh glaodh air ais air. Thill Ruaraidh agus sheas e far an robh e roimhe, ’cheart cho direach ri caragh. “Am bheil cuimhn’ agad idir, a Ruaraidh,” arsa ’n Sioram, “gu’n d’ fharaid mi dhiot an toiseach am biodh tu ’giubhlan litrichan eadar an Sailein ’s an Cnoc?” “Mata, le ’r cead,” arsa Ruaraidh, “dha’n ’eil cuimhne’ sam bith agam ach ch’fharaid sibh dhiom am bithinn ga’n giulan eadar an Cnoc ’s an Sàilein, an rud nach bi ach gle annabh, mar a thuirt mi mar tha.” Ma bha gaireachdaich roimhe ann bha gaireachdaidh a nis ann. Bha barachd char ann an Ruaridh ’sa’ shaoileadh duin air bith, agus ’s ioma car agus lùb a chuir e air cainnt an t-Shioram air son gun dad fhaodainn a mach. Chaidh iarraidh air Ruaraidh suidhe a ris, oir chunnacas nach robh feum ’sam bith a bhi bruithinn ris; ach dh’fharaid an Sioram dheth an robh fios aige gu de ’thug an sud e. “Tha gle mhath,” arsa Ruaraidh “direach a chionn ’s nach robh ach an aon t-suil anns ’n tuathanach Ghallda,” agus chuir sin crioch air ceasnachadh Ruaraidh. —Iain Mac Cormaic ’sanOban Times.
[Vol . 2. No. 47. p. 3]
Lochan Chanada.
’Se ni a’s iongataich’ ann an Canada na lochan uisge tha ann; a thaobh am meud agus an doimhneachd, tha iad a’ toirt barr air lochan-uisge n t-saoghail; tha gach loch dhiubh mar chuan mòr. Is mòr am beachd muinntir Alba Loch-Odha, Loch-Laoimunn, Loch-tatha ’s Loch-Fireann, ach cha ’n fhearr iad na luban beaga ’n coimeas ris na lochan farusing tha san dùthaich m’a bheil sinn a’ labhairt; cuid diubh mar tha Lake-Superior, tri cheud agus tri fichead mil’ air fad, agus seachd fichead mil’ air leud! Tha astar chòig-ceud-deug mile’ ceithir thim-chioll an loch-uisge so, agus tha daoine ’deanamh a mach gu bheil e dlùth air mile troidh air doimhneachd. Tha tri no ceithir dhiubh so dlùth d’a chèile; agus a’ tearbadh Chanada uachdrach o Stàitean Aonaichte America tha air an taobh eile. O loch gu loch dhiubh so tha aibhnichean a’ ruith, a’ meudacha’ gu mòr mar tha iad a’ dol air an aghaidh, gus a bheil an abhain mhòr d’ an ainm an St. Lawrence a tòiseachadh. Tha ’n abhainn so dlùth do cheud mil’ air leud far a’ bheil i ruigheachd a’ chuain. Tha dà mhile de mhìltean o’n àit o’m bheil an abhainn mhòr so ag éiridh, ’ionnsuidh an àite ’bheil i ’coinneachadh na fairge. Tha eileanan àillidh luachmhor air an lochan-uisge so, cuid diubh tri fichead mile air fad. Tha aon àit’ air an abhainn mhòir so tha air ainmeachadh “loch nam mìle eilein”; chunndadh iad, agus tha seachd-ceud-deug eilean ann an aon ruith air an abhain so. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhoir, agus uile gu lèir anabharach aillidh ri amharc orra ’s ri seòladh ’nam measg. Anns na h-aiteacha sin far a’ bheil loch a’ tuiteam a stigh do loch eile mar tha iad a’ tèarnadh le leathad chum a’ chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach ’eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir. Cuairteir nan Gleann, 1841.
Mu Reull-iuil na h-airde-tuath.
Tha’n reull so furasd a chomharachadh, a thaobh nach ’eil i ’g atharrachadh a h-àit anns an speur ach ro-bheag. Leis mar tha i do ghnà ri faicinn goirid o’n aon àite, tha i na reull-iùil do’n mharaiche, gu h-àraidh a mach air a Chuan. Man d’fhuaradh a chòmbaist a’mach, cha robh riaghailt stiùraidh a b’ fheaar aig a mharaiche n’an reull so, agus eadhon san àm so, ’nuair a tha na speuran soilleir, faodaidh iad ann an iomad àite barrachd earbs’ a dheanamh aisde na a tarrang-art na combaiste. Tha so gu nàdurra gar tarruing gu smaointeachadh air maitheas De, a tha mar so le suidheachadh agus gluasad nan reull, a’ toirt fiosrachadh do dhaoinibh air amananaibh agus air ionadaibh. Esan a tha eolach air gluasad nan reull, innsidh e ann an dùthaich anns nach robh e riamh roimhe, a cheart àit anns a bheil e. Is aithne dha am mios, an latha agus an t-àm de’n latha, co cinnteach ’s gad a bhiodh an t-uaireadair a b’ fhearr aige. Is furasda so a thuigsinn ma bheachdaicheas sinn gu bheil na reultan a’ tighinn na h-uile h-oidhche ceithir mionaidean ni’s luaithe chum an àite san d-thainig iad an raoir; agus uaithe sin gu bheil iad a’ a’ teachd da uair an uaireadair an comhair a mhìos ni ’s tràithe. Mar so an rionnag a tha sinn a’ faicinn an nochd aig deich uairean, ma sheasas sinn san àite cheudua mìos o’n nochd chi sinn a cheart reull sa cheart àite sin aig ochd uairean; agus an rionnag a tha air a mheadhon oidhch’ an nochd calg dhireach os cionn do chinn, bliadhna o’n noch, gheibh thu i sa cheart àite. An so aidicheamaid tròcair chaomh an Tighearn do’n t-saoghal. ’Se so am feum is suarraich a tha na reulta a’ freagradh, ann an cruthachadh Dhe; gidheadh tha so fein na aobhar taingealachd.
Bliadhn’ air Deireadh.
Tha e air aithris gu robh eilean Iceland cho fad air chùl an t-saoghail ’sna bliadhnaichean a dh’fhalbh ’s nach robh soitheach a taghal ann ach aon uair ’sa bhliadhna. Bha riaghladair air an eilean aon uair, a bha gabhail paipeir naigheachd làitheil a bhatar a clò-bhualadh ann an Denmark. Gheibheadh e paipearan na bliadhn’ air fad ’nan aon phasg, agus thòisichaadh e aig a cheud fhear dhiubh, ’s leubhadh e an darra fear an ath latha ’s mar sin air adhart fad na bliadhna, ’s mu’n ann a bhiodh iad air an leughadh uile bhiodh soitheach air tighinn le pasg eile. Bha e air an dòigh sin a faotainn naigheachdan an t-saoghail cho riaghailteach ri duine bhiodh a’ còmhnuidh ann a fear de na bailtean mòra, ach a mhàin gu robh e bliadhna air deireadh; ni a bha anns na paipearan an diugh cha robh esan ’g an leubhadh gu bliadhna o’n diugh.
Minard ’s Linimentair son Lòinidh.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 47. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . . $1 .00
Sia miosan, . . . . .50
Tri miosan, . . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IUN 16, 1894.
Tha Breatunn a sior ghreimeachadh air tuilleadh fearainn. Cha’n eil rioghachd ann a’s gionaich ’san dòigh sin na i. Tha i ’n dràsda deigh iomlaid a dheanamh ri Portugal, leis am beil i ’faotainn stiall fearainn a tha ceagal a seilbh aig Rudha ’n Deagh Dhochais ’s an àirde deas Africa ris an Eipheit a tha fo a spòig ’s an airde tuath. Tha còig mile de mhiltean eadar an Rudha agus ceann tuath na h-Eipheit, agus faodar a h-uile ceum dhe sin a shiubhail gun cas a chur air fearann nach eil fo riaghladh chrùn Bhreatuinn! Ma leanas i air a h-adhart mar so cha’n fhada gus am faodair an saoghal a chuartachadh air an dòigh cheudna, mur faodair sin a dheanamh mar tha. Bha’n Fhraing, mar a’s gnàth leatha a’ gearain gu trom air an iomlaid a rinn Breatuinn agus Portugal, ach cha d’fhuair i éisdeachd sam bith.
Tha cùisean gle fhad air ais an taobh so dhe ’n chuan Altantach air an t-samhradh so. Tha na Stàitean cho fad air ais mo na’s fhaide na bha iad mu’n am so ’n uiridh, agus tha fhios gu bheil sin a deanamh milleadh mor air Canada cuideachd. Tha malairt cho neo-chinnteach anns an dùthaich sin ré nan naoidh miosan a dh’fhalbh, ’s nach eil luchd malairt deònach a bhi cur an cuid airgid ann am bathar sam bith gun fhios nach caill iad e. Tha mar sin an t-airgiod bu chòir a bhi ’craobh-sgaoileadh air feadh na duthcha, air a chumail ann an cisteachan iaruinn ’s ann an cùiltean dorcha far nach eil e ’deanamh feum sam bith. Tha moran sluaigh (mar bha iad-san an armailt Choxey) nach fhaigh cuirean oibreach ri ’dheanamh, agus tha moran eile, mar tha méinneadairean a ghuail an dràsda, nach eil deònach an obair a gheibh iad a dheanamh. Tha h-uile rud a th’ ann a cuideachadh gus an dùthaich a dheanamh na’s bochda, agus mar a thubhairt sinn, an rud a chuireas na Staitean air ais, ni e ann an tomhas beag no mor, Canada a chur air ais. Air réir na tha sinn a’ cluinntinn, cha’n eil cearna dh’ America anns an fhearr cor agus suidheachadh an t-sluaigh aig a cheart àm na ann an Ceap Breatuinn. Tha ’n t-airgiod, tha fhios, gann gu leòr, ach tha biadh us amhlan pailt; ’s cha leig duin’ iasgaidh sam bith a leas a bhi ’na thàmh le cion obair; tha na méinnean a taomadh a mach a’ ghuail na’s braise na bha iad riamh; tha’n t-iasgach gu math, agus tha ’n aimsir glé ghealltanach do’n tuathanach; air chor, ’s ged a bhios sinn a’ gearain, nach eil idir na h-aobhair againn a tha aig mòran a tha deanamh an dachaidh ann an dùthchannan eile.
DH’FHAG an t-each-iaruinn Montreal air latha breth na ban-righ, air son a dhol gu Vancouver, ’s cha d’ ràinig e ’m baile sin gus a cheud latha dhe’n mhios so. Bha pios dhe’n rathad air a thiodhlacadh le ùir us creagan a chuir na h-uigeachan leis na breanntan, agus an àite ’n droighneach sin a ghlanadh air falbh, ’s ann a chaidh iad a dh’ obair, ’sa thog iad rathad ùr air uachdar, agus fhuair na carbadan mar sin thairis gu sàbhailte, ’s cha d’ thainig dad ’nan caraibh tuilleadh gus an d’ ràinig iad an ceann-uidhe.
THA’NAntigonish Casketag innse mu sheann duine, Micheil Boudreau, am Petit de Grate a bha air a mharbhadh le aisling. Chunnaic e ’na chadal gu robh e anns an t-sabhal, agus gu’n d’thug damh mor ionnsaidh air a tholladh. Leis an eagal a ghabh e, thug e leum as an leabaidh, agus a mach air an uinneig. ’S ann air an lobhtaidh a bha e agus leis an tuiteam air an làr, bha e air a ghoirteachadh cho dona ’s gu’n d’thug e ’bhàs an ceann latha no dha. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon deug a dh’ aois.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Dr. G. T. Mac GILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gllios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. A. J. G. MacEachuinn.
D. A. Mac FHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 2. No. 47. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THA righ na h-Eipheit air chéilidh ann an Sasunn an dràsda. Tha e air aoidheachd aig a bhanrigh ann an caisteal Bhuckingham.
BHUAIL bàta-guail a bha ’dol suas Amhainn St. Lawrence an là roimhe ann an soitheach-smuide agus chaidh iad dh’an ghrùnnd le chéile. Chaidh dithis dhaoine bhàthadh.
THA e air a radh gu robh eadar fichead us deich mile fichead barailte runnaich air a ghlacadh leis na soithichean Geancach, air a mhios so, mu chladaichean na dùthcha so.
THA deich soithichean a bha ’g iasgach nan ròn ann an cuan Bhehring o nach cualas guth o chionn seachdain no dha, ’s thatar a deanamh a mach gu bheil iad air an call. Bha ceud duine ’sa h-ochd air bòrd orra.
CHAIDH mathan a mharbhadh ann an Antigonish air an t-seachdain s’a chaidh a chothromaich ceithir cheud gu leth punnd. Mharbh e còig caoraich fhichead air na tuathanaich mu’n cuairt o’n thàinig an samhrdah.
THA’N seinneadai airnmeil, Durward Lely, agus a bhean gu bhi anns a bhaile oiche Di-màirt ’s Di-càduinn. Tha e ri bhi seinn òran agus ag innse sgeulachdan Albannach, ni is math a thig dha a réir na chuala sinne. ’S math is fhiach e dhol ’ga éisdeachd.
DI-HAOINE s’a chaidh ghabh drochaid air an rathad-iaruinn faisg aìr Winnipeg teine agus bhrist i fo na carbadan ’n uair bha iad a’ dol thairis oirre, ’s thuit iad dh’ an amhainn. Ghabh iad teine as an drochaid ’s chaidh an losgadh na’n smàl. Cha d’ fhuaireadh ni dhe na bh’ annta shàbhaladh.
THA teaghlach de’n ainm De Grace ann an àit-eigin ’an New Brunswick an deigh fios fhaotainn as an Spàinn gu bheil dileab air tighinn orra. ’S fhiach an dileab deich mullein fichead dollar ( $30 ,000,000.) Thàinig an teaghlach so, neo iadsan o’n d’ thàinig iad, am mach as an Spàinn o chionn àireamh mhòr bhliadhnaichean.
THA fios á Hong Kong ag innse gu bheil plàigh air bristeadh a mach, agus a’ toirt bàs moran sluaigh. Tha mu cheud duine a bàsachadh na h-uile latha. Thuige so cha d’ ràinig a phlàigh air na daoine geala; tha i uile gu léir am measg nàisinnich an eilein. Tha na h-àiteachan anns a bheil iad a’ còmhnuidh anabarrach salach, agus tha ’n luchd-riaghlaidh a’ bruidhinn air na taighean aca chur nan teine air son cur as do’n phlaigh. Tha Hong Kong air cladach China ach tha e nis o chionn iomadh bliadhna fo riaghladh Bhreatuinn.
Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha e ’gan creic gle shaor.
BHATAR a fosgladh uaigh ann an cladh St. John’s ann an Quebec air an t-seachdain s’a chaidh agus fhuaradh gu robh ’n corp a bh’ air a thiodhlacadh innte air tionndadh gu claich.
CHAIDH soitheach smùide air creig aig St. Shotts, Newfoundland Di-luain, Bha da mhile ceann aic air bòrd. eadar crodh us caoraich. Fhuaireadh na caoraich a shàbhaladh, ach bha ’n crodh uile air am bàthadh.
THA na coin a’ deanamh sgath uamhasach am measg nan caorach faisg air Truro. Chuir iad as do thri fichead caora ’an aon latha air an t-seachdain s’a chaidh. Tha na tuathanaich a nis dhe’n bharail gu feumair cur as do na coin, no gur co math dhaibh sgur a thogail chaorach.
CHAIDH Uillean Kippen, seòladair a leònadh gu dona aig Sidni a Tuath mu mheadhon-latha Di-ciaduinn. Thuit e ’n còir a chuil bhar fàradh air an robh e tearnadh o chliathaich an t-soithich, ’s bhuail cùl a chinn air moide. Chaidh a thoirt do’n ospidal ’sa bhaile so feasgar. Tha na dotairean a deanamh dheth gu’n téid e na’s fhearr.
DIOR-DAOIN s’a tighinn tha ’n t-each iaruinn a tòiseachadh air fagail Shidni aig sia uairean ’sa mhaduinn ’sa tilleadh aig fichead mionaid gu deich feasgar. Theirear tìm-chlàran t-samhraidh” ri ao. ’S e ar barail féin gu’m bu cho math ainm eile bhi air; tha ’n samhradh fadalach gu leòr a tighinn, ach tha’n t-atharrachadh so ann an tim ruith nan trains tuilleadh us
fadalach.
BHA aon uair an àit àraidh, am measg cuideachd, triuir dhaoine, fear á Breatuinn fear as na Staitean Aonaichte, ’s fear á Canada. Chaidh iarraidh air gach fear dhiubh deoch-slàinte a dhùthcha féin òl. Fhuair am Breatunnach cead bruidhinn an toiseach, agus thog e a ghloine, ’s thuirt e mar so. “Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha agus samhlaichidh mi i ris a ghréin, solus a’s mò th’ air an t-saoghal.” Air do fhear nan stailean éiridh, thuirt e. “Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha, agus samhlaichidh mi i ris a ghealaich, an darra solus a’s mò tha’ air an t-saoghal.” Sheall a chuideachd uile air a Chanadach, an dùil nach b’ urrainn d’a dad a radh, ach dh’ éirich esan air a shocair fhéin, agus thog e a ghloine, ag ràdh. —Tha mise ’g òl deoch-slàinte mo dhùthcha, agus samhlaichidh mi i ri Iosua a dh’ òrduich do’n ghrèin ’s do’n ghealaich seasamh anns na speuran!”
IarrMinard ’s Liniment ’s na gabh ach e
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 47. p. 6]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
Tha mòran de m’ chompanaich a b’ àbhaist a bhi comhla rium ’s na laithibh ud ’s an t-Siorruidheachd. Tha cuid dhiubh air ceann theaghlaichibh agus cuid dhiubh a chaidh a ghiùlan air sgiathaibh freasdail gu cearnaibh iomallach na talmhainn. Is e so eachraidh gach fear leughaidh a MHIC-TALLA ge b’e aite anns am bheil e ma thainig e gu bheag do lathaichibh. Bha mise
“. . . . . . . . . . . ’s an am ud.
Anns a ghleann ’s an robh mi òg.”
ach chaill an gleann ud cuibhrionn mhor dhe thoilinntinnean dhòmhsa oir cha robh mi nis mar a bha mi ’nuair a bu shubhachas nead glaisein no clachairean fhaotann fodh chloich. O cho doirbh ’s a tha e ri chreidsinn gu’m bheil an aois a tighinn oirnn! Gidheadh tha sinn a fas sean mar gu’m b’ann gu’n fhios dhuinn.
Air an t-Sàbaid chaidh mi do’n tigh aoraidh aig cùl na beinne agus shearmonaich mi do lan Eaglais do m’ luchd dùthcha. Is e an t-Urr. Mr. Moireastan a Leòghas is ministeir do’n Eaglais Shaoir ’am Bearntraigh agus tha Maighstir Gilleas à Tigh na Bruaich na Mhinisteir ’san Eaglais Stéidhichte. Tha sluagh an eilean gu h-iomlan ach ceathrar no cuignear a dol a dh’eisdeachd Mhaighstir Moireaston agus cha’n iongnadh e oir is duine anabarach comharaichte e na ghiùlan agus na shearmonachadh. Phòs e nighean do Alastair Mac Rath fear tack Mhiabhaig faisg air ceann bàgh Uig ’an Leoghas. A bharr air cliu Mhaighstir Moireastain bha muinntir Bheanrtraigh o bhliadhna 1843 a’ leantuinn na h-Eaglais Shaoir. Is muinntir a fhuair oileanachadh anabarach ’s an diadhachd a tha ’am muinntir an eilean bhig bhòidhich so. Thugadh an soisgeul do ’n iuunsuidh an toiseach le duine diadhaidh do’m b’ ainm Fionnladh Munro agus bha aobhar an Tighearna air a chumail air aghart na ’measg riamh uaithe sin leis na ceisteirean urramach Fionnladh Macghillinnein agus Domhnull Iain Macgilleathain aig am hheil aon mhac a foghlum an Oilthigh na Diadhachd ’am baile mòr Winnipeg. Is ann aig an duine urramach Macghilleathain a fhuair fear sgriobhaidh a phaipeir so a cheud eòlas air litreachas Gailig agus Beurla. Is e mar an ceudna a thug dha a cheud chuid do dh’ oileanachadh na diadhachd.
Ann an ceann trì seachduinean an deigh ruigheachd bha òrdugh suipeir an Tighearna air a frithealadh agus bha na ministeirean a leanas a’ cuideach Mhaighsteir Moireaston, Maighstir Cameron a sgir a Bhac an Leoghas agus Maighstir Iain Macghilleoid a Paible. Bha aimsir fhabharrach ann agus thainig cruinneachadh mòr sluaigh as na cearnan mun cuairt a Boreraigh a Paible, as a Cheathramh Mheadhonach a Clachan a Ghluip, a Loch na Madadh a Port na Long a Strand, as an Ob, agus as gach cearn do Bhaigh na h-Earradh, agus far an Tairbeart. Is e sealladh anabarrach bòidheach a bhi faicinn na’n cathraichean Liteach a teachd cuid dhiubh o Chaolas Sgàine cuid o’n Cheimhlidh, cuid a cheann na Rifeadh agus cuid timchioll Rutha a Mhànais agus iad uile suamh gu trom le luchd do fhearaibh agus do mhnathaibh do ghillean agus do nigheanan a bha tighinn a chum na’n orduighean.
Bha an t-seirbheis air a’ cumail air cliathaich Beinn Bhuirgh ann an lagan bòidheach os ceann cul na beinne. Shearmonaich an Camaronach air Diordaoin gu treun bho Ieremiah 14, 7, agus air Dihaoine thug Padruig Mac Neil Mhic Phadruig á Caolas Sgalpaidh dhoibh briathran na ceisd. Laibhair moran de na daoine orra gu h-orduil earachdail. Thug Maighstir Iain a Paible aon de shearmoinean àbhaisteach air Di-Sathuirne agus thug fear sgriobhaidh a phaiper so beagan fhocal anns a cho dhùnadh.
(Ri leantuinn.)
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT
C. SAUNDERS.
Dalhousie.
Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, leMINARD ’S LINIMENT.
ED. LINLIEF.
St. Peters, C. B.
Leighis mi droch at air each leMINARD ’S LINIMENT.
THOS, W. PAYNE.
Bathurst, N. B.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 47. p. 7]
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VII. —Air a leantuinn.
Bha Gradh air Beatha ag imeachd air ais ’s air adhart mar duine air a bhreth as eughmhais dochas agus gun Dia anns’ an t-saoghal. Bha na siuil air an srachdadh na’m bideagan agus bha Gealach bhagarrach a ruith seachad ann an speuran gruamach. Bha fé ann; agus a sin stàirnn mar gu’m bitheadh mile Trompaidearan a fuaimneachle an Trompaidean. Thuit a ghaillion air an t-soitheach agus thilgeadh an comhair a cinnn anns’ a chuairt-shruth. Chualas scread uamhasach; bha ’n doinionn a nualan agus fuidh bhall-chrith. Thuit ciaradh an anamoich air “Aideachadh o’n leth a muigh” chum a slugadh béo, ach dheirich i rithist—a fagail as a deigh darna leth a sgioba. Gidheadh dh’eirich gu h-olc dhoibhsan a shabhaladh a peirceall Ifrinn, oir bha creagan a sgrios dluth orra. Bha an soitheach a nis làn uisge agus do-smachdachaidh agus bha i air a tilgeadh orra leis na tuinn—bhuail i gu cruaidh, rinneadh da leth dhi agus chaidh i na mirean. Cha do shabhaladh Magus agus a chuid Airigd a mugha le-chéile. Bha “Sgeul a mhor Aoibhneis” mar an ceudna air a glachdadh anns’ a ghaillionn ach bha tuilleadh farsuingeachd cuain aice. Bha Criosduidh—a bha nis gu mòr air irisleachadh—cha ne mhain measarra ach faiceallach agus sgileil, air dha aìthne bhi aig air toil an Tighearna. Dh’àithn Tuigse dha mar an ceudna bhi fuidh dheagh mhisneachd. Ach na maraichean a dh’fhag am fiabhrus beag bha iadsan làn chinnteach gu robh là a bháis air téachd; bha iad cinnteach gu robh dioghaltas an Tighearna air an tòir agus thug iad duil da ’m beatha: Cha robh aon diu ach Timoteus a mhàin a dhireadh an crann. Rè na h-oidhche bha fadal orra airson na maduinn; agus nuair thainig i chunnaic iad an cobhar ag eiridh bho “Rudha gun Dochas.” An sin ghreimich Tòmas, air an robh tuainealaich air a chrann mhor le greim bàis. Dh’lheuch iad uile aodann mhisneachail a ghleidheadh ach sguab gach osag ghaoithe cuid de’m misneachd, oir tubhairt iad gach aon ra chéile, “Fhuair ar peacaidhean a mach sinn.”
(Ri leantainn.)
Teagasg Oigridh.
Ulluich do mhac airson teagasg tràthail, agus cleachd ’inntinn ri briathraidh na firinn. Deann faire thairis air aomadh agus air rùn ’inntinn; cuir ceart e ’n àm ’òige; agus na ceadaich do dhroch cleachda sam bith fàs agus neartachadh le ’bhliadhnaidh. Mar so cinnidh e mar ghallan àluinn air uchd na beinne; agus chithear a cheann ri ùine os ceann uile chraobhan na coille. Tha mac aingidh ’na chulaidh-mhaslaidh d’a athair, ach esan a ghiùlaineas e féin gu ceart tha e ’na urram d’a cheann liath. Teagaisg ùmhlachd do d’ mhac, agus beannaichidh e thu; teagaisg macantas dha, agus cha bhi nàir’ air; teagaisg dha taingealachd, agus builichear sochairean air; teagaisg dha measarrachd a’s bithidh aige slàinte; teagaisg dha gliocas agus bithidh àgh agus cinneas air; thagaisg dha cearteas, agus coisnidh so dha meas an t-saoghail; teagaisg dha tréibh-dhireas, agus cha’n agair a chridhe féin e; teagaisg dha bhi aghartach, agus meudaichidh, a mhaoin; teagaisg dha fiùghantachd, agus bithidh ’inntinn air a h-àrdachadh; teagaisg dha àrd-ealdhain agus fòd, agus bithidh a bheatha feumail; teagaisg dha diadhachd, agus bithidh a bhàs sona.
Iadsan a Phaigh.
A. M. Moireastan, Somerville , Mass.
Iain L. Brower, New Yòrk.
A. R. MacLeoid, Sruileigh, Alba.
Aonghas Mac Gilleain, Milan , Que.
D. H. Domhnullach, Springhill , do.
Padruig Buchanan, do.
Murchadh Ros, Toronto , Ont.
Cairistine Dhomhnullach, Leitches Creek.
Micheil Mac Nèill, Washabuckt .
Iain Mac-a- Phi, Seann Bhridgeport.
Alasdair Mac Fhionghain, Xmas Island.
Uisdean Ros, Port Morien, (Cow Bay, )
Uisdean Mac Suain, Bridgeport .
Murchadh Buchanan, Big Hill.
Eòs Mac Neill, Pòn Mor (50cts.)
Mari B. Nic-a- Phiocair, Enon.
Catriona Dhomhnullach, Catalone .
Aonghas Mac Fhionghain, Brook Village.
Domhnull Mac Fhionghain, Roseburn .
Eòghan Mac Fhionghain, do.
Gilleasbuig Domhnullach, New Boston.
Ruairidh Mac Coinnich, Sydney Forks.
Dunnacha Domhnullach, Sidni.
A. J. Peutan, do.
THA rud ri fhaicinn air Loch Ainslie air an t-samhranh so nach fhacas riamh roimhe, ’se sin soitheach beag smùide. Tha i nise fo h-uidheam, agns bi’dh i ’n deigh so a’ cur cuairt air an loch gu riaghailteach. Tha sinn an dòchas gu’n soirbhich gu math leotha-san a chuir air an loch i.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grip
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
Anns an
ACADIA HOUSE
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 47. p. 8]
Cead Deireannach Mhargaree.
LE TEARLACH MAC AILAIN BHAIN.
Gur moch rinn mi dusgadh
San-ur-mhaduin cheit
’S a dhirich mi ’m bruthach
Gun duin’ ach mi-fein;—
Bha ghrian air a turus
A siubhal tro’n speur,
’S dealt na h-oidhche a drudhadh
Tro ur-dhos nan geug.
’S mi direadh an aonaich
Gu aodann a chuirn,
’S binn torman a chaochain
A’s aoidheile burn,
Le rois air gach taobh dheth
Ag aomadh fo’n driuchd,
’S ri ur-dhealt a cheitein
Ag eiridh na smuid.
’S binn spid-oirbh ’s na peasan
Gu leadarra seinn;
Tha smeorach lan solais
A’ ceol as-mo-chionn;
Na bo-laoigh anns a gheumraìch
Air an reidhlean ud thall;
’S mac-talla nan creagan
Ga freagairt air ball.
’S aluinn trusgan a ghlinne
Suas gu iomall nan stuc;
’S cubhraidh, boltrach nan luibhean
Na m’ chuinnean mar thuis—
Ged is boidheach gach doirre
Th’ann sa choille gu cul,—
Ged tha ’m barach cho urail,
Cha duisg e mo shunnd.
’S mi air faobhar a bhruthaich,
Gur muladach mi;
Ceann-aobhair mo thuireadh
Leam ’s duilich ri inns’ :—
Nach dirich mi tuille
Ri monadh no fridh,
’S nach dean mi cuis-abhachd
Air abhuinn mo chri!
’S mi shiubhladh gun smalan
Air abhuinn mo ghraidh,
’S moch’ shiubhlainn do phreasan
Gun eagal gun sgath;
Ann san og-mhaduinn chubhraidh
’S an driuchd air an lar,
’Naile dhirinn ri d’ stucan
Gun churam ro’mh namh.
Ach ’s tim dhomh bhi ’g eiridh
’Us tearnadh o’n aird’ ;—
Cha dean luinneagan feum domh,
Cha dean eibheach domh sta,
Chionn tha ’m bata gu h-ordail
Fo sheol sa Loch Bhan
Ni mo ghiulain null thairis
Gu abhuinn mo ghraidh.
Bheir mi suil thar an bhealaich
Air na beannan mu ’n cuairt;—
So a sealladh mu dheireadh
Air gach gleannan ’us bruach.
A’ fagail leigh beannachd
’Nam dealachaidh uaibh,
’S a’ tearnadh an aonaich,
Se mo smaointìnn ’tha truagh!
Ach’ s diomhain mo smaointinn
Agus ’s faoin bhi ri caoidh,
’S cho beag ’s tha do dh’ aonta,
Aig daoine air tim;—
Ged is blath an fhuil chraobhach
’Tha taosgadh na m’ chridhe,’
’S ro ghearr gus nach plosg e
Fo phlocan sa chìll.
Fhir a chruthaich an saoghal
’S a chuir daoine teachd ann,
’S a tha riaghladh gach aon ni
Gu ro-naomh anns gach am,
Tha u’g eisdeachd ri m’ oran
’Tha mi bronach a’ seinn;—
Bidh mi striochdte dha t-ordugh
’S bheir u dhomsa mo roinn.
Oran Gaoil a Ghlaisein.
Air craoibh ri taobh aimhne bha glaisein beag binn
A’ seinn “tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.”
Agus dh’ fheòraich mi “eònain, car son tha thu seinn,
O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh?
An e laige na h-inntinn eòin bheg, tha mi ’g radh”
No ’n e boiteag a dh’ ith thu ’s nach urrainn thu chnamh
’Sann a chrath e’ cheann beag ’s cha d’thug freagradh no fàilt,
Ach, tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.
’N sin bhuail e air uchd air a’ ghéig ud ’s e seinn,
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.”
’S fo dhriùchd fhuair dhe’n fhalas bha mhala bhig ghrinn,
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.
Thug e osn’ agus ochan us glugan ro-gheur,
’S a mach anns na tonnan do thilg se e féin,
Agus dh’éirich mac-talla bho uaigh an fhéin-éig
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.”
Nis tha mise cho cinnteach ’s tha mi nach e m’ ainm
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh,”
Gur e dùil-bhristeadh gaoil a thug air a bhi ’gairm
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.”
’S ma bhios tusa cho fuarraidh rium, ’s ann bheir mi plumb
Mar sud, ’s bidh fios agad-sa de thainig rium:
Ach ’s coltach nach glaoidh mi ’s mi ’n tulgadh nan tonn,
“O tilleabh ti-tilleabh ti-tilleabh.”
D.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orsa an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
title | Issue 47 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 47. %p |
parent text | Volume 2 |