[369]

[Vol . 2. No. 48. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 23, 1894. No. 48.


Ag Amharc Air Ais.

Air tulaich ghuirm ri taobh na tràigh,
Fodh sgàile tlàth nan creagan lom;
Tha minntinn mar gum biodh i snàmh,
Ag éisdeachd gàirich throm nan tonn.

S mi cuimhneachadh nam bliadhna thriall,
Mar bhruadar diomhanach nach till,
S mo chàirdean lionmhor, gràdhach, fiall,
Tha cnàmh an diomhaireachd na cill.

Còbheir an sgeula dhuinn air air,
Nom bi sin glaiste uainn gu bràth?
Am faic sinn tuilleadh gnùis am mais;
A phaisgeadh ann an glaic abhàis?

An cluinn sinn tuilleadh cainnt am beòil,
A sheòladh sinn len còmhradh glic?
An caidil iad a chaoidh fodhn fhòid,
An dorchadas a bhròin fodhn lic?

An lean an saoghal-so gu bráth,
A bàrcadh airus dheth an t-sluaigh!
Sg an iomairt mar na tuinn air traigh,
An uine gheàrr a bhios an cuairt.

Tha linn an deadhaidh linn gun tàmh,
Mar abhuinn làn a ruith don chuan,
S mar lusan maoth a thig fodh bhlàth,
S a bhàsaicheasn uairthig am fuachd.

Tha caochladh sgriobhtair gnùis gach ni.
S cha bhuainan righ nan duine bochd;
An glòirs an ionmhais cha toir sìth,
S iad aìg a chrìch gun bhrigh gun toirt.

Ach tha ar dùil ri tìr is feàrr,
Far am bheil fois don ànrach sgith;
Far nach bi dealachadh gu bràth;
S far nach tig bròn no plàighg ar claoidh.

Ach fàgaidh sìnn e aig an triath,
Am breitheamh ceart nach fiar achòir,
Thug dhuinn ar tùss dhan aithnar crioch,
S a bhios gu suthainn siorruidh beò.

N. MACLEOID.


ORAID

a rinn Mr. Cailein Siosal aig coinneamh bhliadhnail Comunn Gailig Inbhirnis, air a 14mh. la de cheud mios na bliadhna 1881:

Fhir na cathrach, fhir na bonn-chathrach, agus a dhaoin-uaisle, —Tha iad acur mu mchoinneamhsa facal no dha a radh, an cois na thuirt mo charaid Mr. Caimbeul, ann an luaidh airClann nan Gaidheal an guaillibh a cheile.” Anns achiad dol sios, is duilich leam gu bheil agam ri aideachadh nacheil iad aig ah-uile h-am cho dileasan guaillibh a cheile” ’s a bu mhath leam iad a bhith. Is tric mi smaointeachadh leam fhein gum faodteadh a radh mar timchioll rudeigin mar thuirt Iain Manntach

San uair theid gach cinne a dh-aon-taobh
Bidh sinne sgaoilte mu chnoc.

Agus chan e mhain gu bheil cuid de na comuinn Ghaidhealach nacheil cho aonsgeulachs a bu mhath leinn, ach is troms is duilich leam gu bheil aineart agus foineart fon leth a muigh gu tric asgaoileadh mo luchd-duthcha gaolach agus gan cur far an doirbh dhaibh a bhian guaillibh a cheile.” Nach bu truagh an t-atharrachadh a thainig air sluagh na duthcha so aig toiseach na linn so fhin, an uair a chaidh 5400 de na Gaidheil fhogradh a Gleann Garraidh, Cnoideart, Strathghlais, agus Coire-Mhonaidh, agus an cur a null thar fairge gu America Bhreatunnch. Goirid roimhn am sin thog Tighearna Ghlinne-garaidh reiseamaid de dhaoine ro thapaidh air an oighreachd aige fhein. Anns abhliadhna 1777, thog Ian Ghlinne-Garaidh reiseamaid anns an robh os cionn mile agus ceithir fichead fear; agus sin uile ann an duthaich anns nach faighear an diugh fichead Donullach, no tamhanach sa bith ach fiadh bheothaichean na fridhe, agus caoirich agus coin chiobairean. Bha càirdean dhuinn am measg Ghaidheal America air abhliadhna so chaidh, agus tha iad ag innseadh dhuinn gu bheil na miltean de Ghaidheil beo an diugh ann an Ceann Tuath America, a rugadh ann an glinn ar duthcha agus a chaidh fhogar a dh-aindeoin a tir an duthchais. So agaibh a chunntais a thug anCeiltach coirdhuinn aig a choinnidh mhoir a sheas ann sa bhaile-so air an 21 la don mhios so chaidh, an run Laghannan an fhearain afharachadh.

“ ’Nuair chunntadh an sluagh am bliadhna 1871, bha ann an cearnaidh Nova Scotia na h-aonar 14,316 do shluagh a rugadh an Alba, 7558 a rugadh an Eiriun, agus 4000 a rugadh an Sasunn. Agus ann am Mor-roinn Chanada 550,000 de shliochd Albannach. Agus a chuid is modha den aireamh mhor sin nan clann Ghaidheal.” Nach b-iad na daoine gun chiall na Tighearnan Ghaidhealach a chuir air falbh an cuid sluaigh? Cha dthug mi dhuibh ach beagan den aineart a chaidh a dheanamh am bun an doruis againn aso, ach cha cheadaich bhur n-uine dhomh dol thairis air na thachair den obair sgriosail cheudna ann an aiteachan eile. Ach diubhalach agus ma tha an caramh a thainig air an t-sluagh, neo-ar-thaing mur deirich acheart cho olc don luchd-foirncart, oir air an lathan diugh, tha achuid mhor dhiubh gun phloc fearainn, agus gun sion a lathair ach an droch ainm a choisinn iad daibh fein, agus an deadh chliu a bha aig an aithrichean. Olcs mar bha bhuil, tha mi toilichte nach deachaidh cur as gu buileachdo na Gaidheil, agus a reir coltais tha an t-am dluth anns an eirich aghrian orra fhathast. Tha iad atogail an cinn; agus is i mo bharailsa ged nach biodh againn ach an comùnn cridheil so fhein, cruinn fo bhratach Comunn Gaidhealach Inbhirnis, gum faodamaid misneach a ghabhail a chionn gu bheil comhlan cho tuigseach, gramail aghabhail os laimh sealltainn as deigh ar cor agus ar leas a chur am feobhas. Mar mhisneach, do chlanna nan Gaidheal, agus gu neartachadh an toil gu seasamh, theirinn riu, mar thuirt Donull Gobha, am Bard Glaiseach

Na gabhaibh eagal a cuan,
Faichibh mar sgoilt aMhuir Ruadh,
As cumhachdan an Ti tha shuas,
An diugh cho buans an ceud la.

MA thig frasan mathuisge an ùine ghoirid, bidh dùil againn ri bàrr math feòir fhaicinn air an eilein so. Tha deagh choltas air an dràsda ach cha bhin tiormachd so fadaga mhilleadh.



[370]

[Vol . 2. No. 48. p. 2]

BEINN AN EOLAIS.

LEIS AN URR. D. B. BLAIR, NACH MAIREANN.

Ann an aimsir sin den bhliadhna nuair a ni soilleireachd agns ciuineachd nan speur, na measan eagsamhuil a tha cuirneachadh an lair, duilleach eas-dathach nan craobh, agus gach adh milis, ach seargach, a ta air an fhogharadh shunndach, an inntinn fhosgladh gu deagh run, agus a chuireas iad i ann an suidheachadh air son meomhrachaidh, bha mi afarsanaich ann an duthaich bhoidhich, ard bheannaich, gus an do thoisich mannos air geilleadh roimh sgios, agus shuidh mi sios air sgor creige a bha air a comhdachadh le coinich, far an drinn fuaim nan duilleag atuiteam, tormanaich nan eas, agus borbhanaich nam biltean fas as minntinn a thaladh gu samhchair iomlan, agus dhealuigh an codal gun mhothachadh a steach orm am feadh s bha mi leigeil ruith leis gach faoin bheachd taitneach a rinn na cuspairean mun cuairt orm a dhusgadh aminntinn gu nadurra.

Fhuiar mi mi fein air ball ann an conard reidh, farsuinn, sinteach, aig an robh beinn mhor ag eirigh suas as a mheadhon na bairde na bha beachd agam roimhe air i bhi. Bha sluagh mor air abheinn, gu h-arair oirgridh; bha moran diubh adian-ruith air au adhart agus an gnuis ataisbeanadh comharan ro bheothail air deineas an inntinn, ged a bha an t-slighe ann an iomad aite cas, docrach, agus ro gharbh. Thug mi fainear gun robh an dream, nach drinn ach toiseachadh ris abheinn a streap, an duil nach robh iad air an aghaidh bha beanntin ura ag eirigh daonnannan sealladh; agus cha robh ann am fireach na te a bairde a bheachdaicheadh iad roimhe ach bonn te eile, gus an robh abheinn fadheoidh cosmhuil ri i fein a chall anns na neoil. Am feadh a bha mi ageur-amharc air na nithibh so le h-ioghnadh chunncas fear-teagaisg cairdeil laimh rium gu h-obann agus labhair e mar so. “Abheinn sin a ta fa do chomhair,” arsesan, “is i beinn an Eolais. Air a mullach tha teampull na Firinn, aig am bheil a ceann os cionn nan neul, agus tha brat de sholus fior-ghlan afalach a gnuis. Beachdaich air triall a luchd-leanmhuin; bi thusa tosdach, agus furachail.”

An deigh dhomh nithean eagsamhuil a thoirt fainear thionndaidh mi mo shuil ris amhor-shluagh a bha direadh abhruthaich chais; agus bheachdaich mi’ ’nam measg oganach aig an robh sealladh beothail, suil bhiorach agus a bha rud-eigin teineil, agus mi-riaghailteachna uile ghluasadaich. Se a bainm dha ciallmhor(genius). Thug e saighdeadh as mar iolair anaird abheinn agus dhfhag e a chompanaich ag geur-amharcna dheigh le farmad agus le h-ioghnadh; ach bha a thriall mi-chomhnard, agus bhacadh a shiubhal le mile breathal. Nuair a sheinneadh Saimh a ceileir binn anns aghleann reachadh esan am measg a cuideachd. Nuair a smeideadh uabhar ris teachd a dh-ionnsuidh bile na creige ghabhadh e misneach dol ann, ged a bha am bile acrith fo a chasaibh; bha e agabhail mor thoileachais ann an ceumannaibh taoibh as an t-slighe nach dfheuchadh riabh roimhe: agus rinn e cho liugha leum bharr an rathaid as gur tric a dhfhag a chompanaich a banfhainne e air dheireadh. Chunnaic mi gun robh acheolraidh(the Muses)ag amharc air le leth-bhreth, ach dhamhairc an Fhrinn air gu minic le muig, agus thionndaidh i a gnuis a lethtaobh.

Am feadhs a bha Ciallmhor mar so acaitheamh a spionnaidh le leumannaidh taoibh on fhior ghnothach, chunnaic mi neach eile air an robh coltas calg-dhireach an aghaidh so, dam bainm Dur-aire(Application. )Shnaig esan air adhart le ceum mall gun stad, ’s a shuil suidhichte air mullach na beinne, se gu foighidneach acarachadh gach cloiche a chuir grabadh air a cheum, gus an dfhag e as a dheigh moran diubh-san a rinn air thus tair air a thriall mall saothaireil. Gu firinneach bu tearc iad a dhirich abheinn le seasmhachd chonaird agus neo-bhristich; oir a bharr air dorradas na slighte, bha iad daonnan air an taladh gu tionndadh a thaobh le buidhinn lionmhoir de Chiocrasaidh(Appetite)de Aignidhibh(Passions)agus de Shaimhean(Pleasures, )a bha cho liosdas nan aontaicheadh iad aon uair leotha bhiodh an comas afas na bu lughas na bu lugha gu curnan aghaidh; agus ged is minic a dhath phill iad a chum na slighe, bha gairbhead an rathaid air fhaireachdainn leo na bu ghairbhe; na measan a bha roimhe fallain agus urail, dhfhas iad searbh agus droch-bhlasda, dhfhas an sealladh dorcha; agus thuislicheadh an casan aig gach grabadh bu lugha.

Chunnaic mi le mor-ioghnadh gun robh aCheolraidh, dam bu ghnothach misneach agus sunnd a chur air an dream a bha gan saruchadh adireadh abhruthaich, gu tric aseinn ann an doireachan badanach na saimh, agus atoirt coimheadachd dhoibh-san a bha air an taladh air falbh leis na h-Aignidhibh; gidheadh cha dthug iad coimheadachd dhoibh ach uighe ghoridh; agus threig siad iad daonnan nuair a chailleadh iad sealladh air abheinn. Dhublaicheadh na h-aintighearnan an sin an slabhruidhean air na ciomaich mhi-shona; agus threoiricheadh siad air falbh iad gun bhacadh gu cuiltibh an Aineolais agus gu ionadaibh comhnuidh na Truaighe.

Am measg an Luchd-meallaidh do-aireamh a bha ag oidhirpeachadh ri luchd-leannhuinn an Firinn a tharuinn air falbh o cheum an Eolais bha aon a bha cho neo-eagallachna coltas, agus cho foil us fann na h-ionnsuidhibh as gur gann a bheirinn an aire dhi, mur bhith an aireamh mhor a rinn i a luchdachadh le a slabhraidhean gun mhothachadh aca air sin. Se an Leisg a bainm dhi, agus bha i fada bho eirigh air cogadh riutha as an aodun; cha dthug i ionnsuidh air an cosan a thionndadh as an t-slighe; ach thoilich si i fein le bhi cur maille air an triall; agus an run sin nach burrainn di a thort orra a threigsinn, chuir e impìdh orra dail a chur ann. Bha cumhachd aig a buille cosmhuil ri cumhachd aChraimb-eisg(Torpedo)nuair a bheanas se ri neach sam bith, oir bhair e an lus as an h-uile neach ris am bean e. Bha a braighdean mi-shona fathast ationndadh an aghaidhean ris an teampull, agus daonnan an dochas gun ruigeadh iad sin, ach bha an talamh mar gum bann asleamhnachadh fon cosaibh, agus fhuair siad iad fein aig an iochdar mun dthug iad fainear gun do charaich iad as an laraich. Achiuineachd sheimh sin a bha air tus ri fhaicinnnan gnuis chaochail i uigh air n-uigh gu airsneal gruamach agus marbhantas duilbhear, air an robh dreach an dubh-bhroin asior dhol nas truime a reirs mar a bha iad asleamhnachadh gu samhach sios air sruth na Mis-peadharachd, uisge dubh mall nach eil air a phreasadh le aon oiteig, nuair a bhlothachadh le aon torman, gus am bheil e atuiteam a staigh ann am Muir-mharbh far am



[371]

[Vol . 2. No. 48. p. 3]

bheil an luchd-turuis aclisgeadhs amosgladh leis achrathadh a gheibh iad, agus air an ath mhionaid theid iad fodha ann an Doimhne na Diochuimhne(Gulf of Oblivion. )

Am measg nan daoine mi-shona a threig ceumannan an Eolais cha robh neach sam bith aig an robh na bu lugha de chomas gu pillltinn air ais na luchd-leanmhuinn na Leisge. Ghlacadh braighdean nan Ciocras agus nan Aignidhean an cothrom, nuair a bhiodh na h-aintighearnan sonan cadal no fo airsneal, gu dol as bhon geasaibh; ach bha tighearnas na Leisge seasmhach agus buan-mhaireannach agus is ainmic a chuireadh iadna aghaidh gus am bu diomhain teannadh ris.

An deigh dhomh bhi beachdachadh air na nithibh so thionndaidh mi mo shuilean ri mullach na beinne far an robh an t-athar daonnan fior-ghlan agus lan suilbhireachd, agus na rathaidean air an dubrachadh le luaidhrealaibh agus preasan eile a bha urar do ghnath, agus an drilleanachd a bha boilsgeadhna gathannaibh o ghnuis an Eolais mar gum bann adortadh a mach gloire mun cuairt air a luchd-leanmhuinn. “Is sona an dream,” arsa mise, “a gheibh cead aBheinn a dhireadh.” Ach am feadh a bha mig eigheach so le deineachd neo-ghnathaichte, chunnaic mina seasamh laimh rium neach aig an robh aogus neamhaidh agus dealradh grasmhor. “Tha iadsan nas Sona,” arsise, “a tha air an treorachadh le subhailc a dhionnsuidh ionada-comhnuidh an toileachais-inntinn.” “Ciod,” arsa mise, “am bheil Subhailc ma ta agabhail comhnuidh anns aghleann?” “Gheibhear mi,” ars ise;” “anns aghleann, agus tha mi asoillseachadh na Beinne. Tha mi cur sunnd air a choitear, nuair a bhios e aig obair, agus tha mi deachdadh don Fheallsanach nuair a bhios e a beachd-sumuaineachadh. Tha mi dol am measg mor-shluagh nam bailtean mora, agus abeannachadh a mhanaichna chuil uaignich. Tha teampull agam anns gach cridhe a dhaidicheas mo chumhachd; agus dha-san a ghuidheas air mo shon tha mi cheana lathair. Faodaidh Eolas do thogail gu Ard-inbhe agus mor chliu, ach is mise a mhain a threoraicheas thu gu sonas agus aghmhoireachd.” Am feadh a bha Subhailc alabhairt mar so, shin mi mach mo lamhan da h-ionnsuidh le deineas a rinn mo dhusgadh as mo chadal. Bha an driuchd fuar a tuiteam mu mthimchioll, agus bha dubhar an fheasgair asineadh air aghridh an fhuinn. Dheifrich mi dhachaidh; agus chaith mi an oidhche gu tosdach an am beachdsmuaineachadh.


An Seol air an Deanar Airgiod.

Leig seachad gnothuch gach neach eile, agus thoir an aire do dghnothuch fein. Na ceannaich an ni sin nacheil a dhìth ort. Gnàthaich gach uair chum buannachd, agus feùch gun cuir thu t-uairean diòmhanach gu deagh bhuil. Smuainich a rìs mun tilg thu fiu na sea-sgillin air falbh gu h-amaideach, agus cuimhnich gum bheil eile agad ra dheanamh na h-áite. Biodh e dhuit mar chulaidh-shùgraidha a bhitoirt an aire do dghnothuch fein agus mar sin cha dearmadar do ghnothtch an uair a bios tu an toir air culaidh-shugraidh. Ceannuich ìosal, reio cothromach, agus gabh curam den bhunnachd. Na biodh do sùil an déigh na sgillin a bheir thu don deircean thoiltinneach. Gléidh do leabhraichean-cùnntais gu riaghailteach, agus ma gheibh thu fiù abhònn-sea am mearachd faigh a mach agus ceartaich e. Dean ceartas teann edar duine agus duine, agus ged a bhiodh enadchomas na meall neach eile anns achuid as lugha. Na iàrr phrìs, ach reic air an aon sgillin ris an uachdaran agus ris an iochdaran. Ged a thuiteadh buille mi-shealbhach ortnadcheaird fein, gabh cùram fosgail do shùilean, oibrich nis cruaidhe, agus ma tha e idirnadchomas na gèill. Còmhlaich cruaidhchas agus téinn le buan-sheasmhachd gun sgìos agus teichidh iad achuidsa chuid air falbh. Agus ged a dhfhàilnicheadh thu nadghleacadh ri cruadal, measar airidh air urram thu; ach géill anns achùis, agus, nithear dìmeas ort. Na tig beò os ceann do chumhachd, agus ged nach robh agad ach sgillin Shasunnachsan , caomhain an deicheamh earrann di. Le bhileantuinn nan riaghailt so, le beannachd, chan eagal nach teid achuis leat. Dean ceartas, diòl gu h-ealamh gach fiach agus mar sin faigh do dhlighe fein. Na rach an urras air neachsam bith ged bu bhrathair e. Ma ni thu sin chaneil teagamh nach dean thu do charaidna namhaid, a thuilleadh air gum fuiling thu càlldach nach fhurasd duit a dheanamh suas. Cùm t-fhocal gu poncail treibhdhireach, cuir do dhòchas ann am freasdal an Ti as Airde, iarr a bheannach-san air do dhìchioll, agus chan eagal duit.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[372]

[Vol . 2. No. 48. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, . . . . $1 .00
Sia miosan, . . . . .50
Tri miosan, . . . . .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an duthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
J. G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IUN 23, 1894.

GHEIBH ar luchd-leughaidh anns an àireamh so dàn no òran ùr le Niall Mac Leòid bàrd air am bheil iad uile eòlach. Is e so a cheud óran leis a bhàrd ainmeil so a fhuair MAC-TALLA direach uaithe fhéin, agus tha sinnga mheasna chomain agusna onair mhoir.

THA romhainn tòiseachadh anns an ath àire amhair eachdraidhean goirid a thoirt air imrich nan Gàidheal do Chanada. Tòisichidh sinn le cunntas a tha Callum Mac Fhearghais a toirt dhuinn air turnas-cuain troimhn deachaidh e-fhéin an uair a bha e tighinn a nall. An deìgh sin chò-bhualaidh sinn eachdraidh Bhartimeuis, a thag innseadh mu cheud-aiteachaidh Mhalagawatch. An deigh sin gheibh ar luchd-leughaidh eachdraidh nan Gàidheal a shuidhich ann an Eilean a phrionnsa, air a sgriobhadh le Murchadh Mac Laomuin. Ni na h-eachdraidhean so, maille ris na bhiosDiarmad” (on cluinn sinn a ùine ghearr) a toirt dhuinn mu Ghàidheil Ontario, solus a chur air staid us cleachdaidhean nan Gàidheal a chuir cùl ri tir an dùchais agus a rinn dachaidhean dhaibh fhéin ann am fàsaichean coillteach America.


Martuinn Mor a Bhealich.

Bha Domhnull Martuinn a fuireach faisg air Duntuilm san Eilean Sgiathanach. Phos e Iseabal, nighean do dh-Alasdir Og Domhmullach, agus piuthar do Chaiptin Somhairle. Bha cethraar mhac aige agus ceathrar nighean. Biad na mic Martuinn, ris an abirteadh Martuinn Mor a Bhealich, Aonghus, Lachinn, agus Domhnull. Bha Lachinn na cheanniche. Bha Domhnull na mhinistir. Rugadh e sa bhliadhna 1750. Phos e sa bhliadhna 1788 Anna Dhomhnullach. Bha coig mic aige agus coig nighean. Biad na mic Domhnull, Tormaid, Sir Seumas, agus Alasdir. Bha Sir Seumas na lighiche ainmeil Chaochail Mr Domhnull an strath Spesa bhliadhna 1838. Ged nach freagradh e do dh-fhear a chota a bhi cur a spionnidh an cleachdadh bha e a reir iomraidh cho laidir ri Martuinn Mor, a bhrathair. ’S e ogha dha a bha ann an Sir Domhnull Martuinn Stiubhart, a bha na cheannard airms na h-Innsean.

Rugadh Martuinn Mor a Bhealich mun bhliadhna 1740. Bha e na dhuine cho tlachdmhor rifhaicinns a bha san Eilean Sgithanach. Bha e laidir, foghainteach. Phos e nighean Mhic-Leoid Rathasa. Bha dithisd nighean aige rithe, Sine agus Iseabal. Bha Sine posda ri Frangach. Bha Iseabal posda ri Martuinn Martuinn an Duntuilm. Bha Martuinn Mor a Bhealich a comhnuidh an Lachasan uair a dheug e. Bha oidhche stoirmanns bhan t-uisge a tighinn a staigh troimh mhullach an taighe. Thoisich a bhean air gearan nach robh sgliat air an taigh mar a bhairtaigh a h-athar. Dheirich Martuinns chaidh e am mach a chur ceart an tughidh. Fhuair e fuachd thug a bhas. Ged is math na boirionnich is iomadh olc a rinneadh len teanga. Bha gaol aig Martuinn Mor bho laithibh oige gu latha a bhais air banarich don bainm Beathag. Cha ghearaineadh Beathag air an t-snighe.

Rinn Niall Mac-an-Aba cumha do Mhartuinn Mor. Bugadh Niall aig ceann a Bhaighe mun bhliadhna 1740. Greis an deigh dha fas a suas dhfhag e am Baghs thug e Cille-Mhoire air. Dheug e mun bhliadhna 1818. Dhfhag e da mhac agus da nighinn. Bha fear de mhic, Iain Ruadh, na mhaighstir-sgoile. Rinn Niall Mac-an-Aba iomad oran, achs e is docha gun do leig an t-aineolas is cion tuir leotha a dhol air chall. Than cumha a rinn e do Mhartuinn a Bhealich anns an 37 aireamh dhen MHAC-TALLA. Bha Martuinn na charid math dha.

MURCHAID MARTUINN.
Sept. 3, 1888.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)

STOC MOR DE BHATHAR UR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


Gillios & Mac Eachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.



[373]

[Vol . 2. No. 48. p. 5]

NAIDHEACHDAN

CHAN eil na naigheachdan glé phailt air an t-seachdain so, ach mar than sean-fhacal ag radh, ’s math an naigheachd a bhi gun naigheachd idir.

THA e air radh a mis nach robh na tuiltean ann an Columbia Bhreatunnach idir cho mor no cho milltachsa bhan t-ainm, agus gum biad na Geancaich, (a bhios an còrnhnuidh a cur sios air Canada) a rinn an sgeula cha dona.

CHAIDH mèinn Chaledonia na teinesa mhaduinn Di-dòmhnaich, ach fhuaradh a chur as an ceann dha no tri dhuairean. Bha seachd eich air an tachdadh leis a chò. Chan urrainnear a mhèinn oibreachadh gu ceann tri no ceithia de sheachdainean.

THA gualadairean nan Stàitean air a dhol a dhobair a rithist; rinn iad fhèins sealbhadairean nam mèinnear còrdadh a thaobh tuarasdail. Chailleadh fichead muillein dollar fhadsa bha na mèinnean nan tàmh. Is ioma latha bhios iad ag obair mun deanan suas an call sin.

BHA Erastus Wiman, mun robh moran air a radh san duthaich so ceithir no còig bliadhna air ais, aig cùirt air an t-seachdain so ann an New York air son a bhi tarruinn airigid as a bhanca le paipearan-meallta. Fhuaradh ciontach e agus thug am breitheamh dha coig bliadhnas sia miosan dhen tigh-oibreach.

CEARTACHADH. —Anns an 45mh aireamh dhen MHAC-TALLA, bha eachdraidh ghoirid air Rarsaidh leis an Urr. Calum Caimbeal. Rinneadh mearachd bheag anns a chlò bhualadh a tha sinn air son a cheartachadh. An àite, “Se ro is aobhar gun cainte Siol Thorcuill ri Leodaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh,” ’s ann bu choir e bhi mar so, ’Se so is aobhar gun cainte Siol Thorcuill ri Cloinn Leoid Leodhais agus Siol Thormoid ri Leodaich Dhun-bheagain agus na h-Earradh.

FOGARRACH MHEGANTIC, —O chionn àireamh bhliadhnaichean bha duine aig Loch Megantic, ann an mor-roinn Quebec dam bainm Domhnull Moireastan, a loisg air maor a chuireadh ga ghlacadh, ’sa thug ùine mhor an deigh sin dùbhlan do oifigich an lagha greim a dheanamh air. Ach rinn iad greim air mu dheireadh thall, agus chaidh a churan tigh oibreach. An deigh a chur a stigh thuit e ann an caitheamh throm agus o chionn ghorird bha e cho fad air aiss gum facas iomchuidh leis an luchd-riaghlaidh a leigeil ma sgaoil. Thugadh as an tigh-oibreach don ospidal e sa mhaduinn Di-màirt sa chaidh agus feasgar an latha sin féin chaochail e.


Naigheachdan Amhuinn Dhennis.

Tha teans an t-samhraidh air tighinn agus than aimsir gle thioram.

Tha daolagan a bhuntàta cho pailt air a bhàrr ùrsa bàbhaist, agus tha e coltach gum feum sinn ampuinnsean guineach Frangach a thorit dhaibh, no bithidh sinn mar thuirt am fear eile, “a bristeadh ar caoldruim feadh nan raointean as an deigh.

Tha mi duilich aithris mu bhàs Ailein N. ’Ic Gilleain, gille òg gealltanach a chaochail aig Valley Mills air an treas latha deug dan mhios so. Chaochailathairsan fhoghar sa chaidh, agus an taobh a stigh de thri bliadhna roimhe sin, a mhàthairsa dhithis pheathraichean.

Tha bean A. R. ’Ic Coinnich agus a brathair, N. D. Mac Coinnich, a Great Falls, Montana, an so air chuairt beagan mhiosan maille rin cuideachd.

ThaTearlach Mac Ailein Bhàinùghdar, “Cead Deireannach Mhargaree,” a cur seachad an t-samhraidh seachadnar measg. Ghabh e dhuinn, an la roimhe, àireamh da chuid orain aguss e mo bharail fèin gur math is fhiach cuid dhuibh a bhi air an clò-bhualadh. X. Y. Z.

Iun, 20, ’94.


Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha egan creic gle shaor.

SHEINN Durward Lely anns a bhaiel oiche Di-màirts Di-ciaduinn. Bhan talla gu math làn a cheud oiche, ach cha robh ach taosg beagg a éisdeachd an darra h-oiche. Tha iad ag radh gur h-e seinneadair as fhearr riamh dhan eillein.

THA Mr. Gladstone a dol gu math nas fhearr. Bha sgleò a bhafàs air dhe shùilean air a ghearradh dhith o chionn còrr us da sheachdain agus thafhradharc a nis cho math no nas fhearr na bha e roimhe. Tha cuid adeanamh dheth nach bin ùine fada gus am bi e air aissa phàrlamaid a rithist.

Minard ’s Linimentair son Lòinidh.


BAIS.

Aig Clarkes Road, an 26mh dhen chéitein, Máiri Anna, bean SheumaisIc Gilleain, 27 bliadhna dhaois.

Aig an aite cheudna, an 31d dhen chéitein, leanamh mic le Seumas Mac Gilleain, 11 latha dhaois.

Aig Sidni a Tuath, an 8mh. la dhen mhios so, Iain D. Donhnullach, 48 bliadhna dhaois.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[374]

[Vol . 2. No. 48. p. 6]

MO THURUS DON GHAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.

Air an t-Sàbaid Shearmonaich an Cameronach bho na briathran. “An ti nach do chaomhain a mhac féin ach a thug thairis e air ar son, cionnas maille risan nach toir e dluinn gu saor na h-uile nithean.” Shuidh tri Bùird agus chaidh an sin focal earail a thoirt dhaibhs an dealachadh. Thug mise focals an fheasgar dhoibh. Bha an eaglais cho làn sa chumadh i. Air Diluain thugadh shearmons an dealachadh dhoibh agus an sin sgaoil iad gu bhi dealachadh, cuid dhiubh gu siorruidh.

Bha òrdugh suipeir an Tighearna air a fhrithealadh ann am Màiniss na h-Earradhmuair a bha mi aig an tigh cuideachd. Bha na h-Urr. Iain Macilleathain far an Tairbeairt, Maighstir Moireaston a Beàrntraigh, agus Maighstir Mac Aoidh a Tiridhe mi féin aseirbhiseachadh aig an òrdugh. Thug Maighstir Moireaston searmon do mhuinnìir Rothadail agus Shranda air Dirdaoin ann an Eglais Rothadail. Thug mi iomradh a cheana air an togail so. Is ann aig an Eaglais Stéithichte a bàbhaist an eaglais so a bhi air son seirbhis ach an diugh tha i aig an Eaglais Shaoir. Thug ministeir Sgarastaidh oilbheum mòr do Thighearna Dhunmòr aon bhliadhna ann a bhi a reic na seilg air a chlib ri Sasunnach. ’S ethàinig as a sin gun dthug Dunmòr Eaglais Rothadail uaithe agus gun dthug e do mhuinntir na h-Eaglais Shaoir i. Air feasgar Dirodaoine fhuair sinn aiseag ann am bàta iasgaich Dhomhnuill Mhic Thormaid Mhic Shomhairle gu Màinis. Bhà a ghaoth gu math beò agus direach nar naghaidh. Bha i fuidh thri chinn a chuid bu mho den astar, ach ged a bhà, rinn gleusdachd stiuiridh a sgiobair ar tabhairt gu teurainte agus tioram gu ar ceann uidhe. Thug banntrach Mhaighstir Davidson caidreamh fhuranach dhuinn. An uair mu dheireadh a choinnich cuid againn rithe bha a companach beò agus bu deas an seann mhinisteir air a chosaibh e. Bha e beagan agus ceithir fichead bliadhna a dhaois an uair a caaochail e agus chaith e a bheatha mar mhinisteir gu h-iomlan eadar Màinis agus Sgarastadh no na Buirgh. Is iomadh latha sgìth a choisich e, a coiseachd tarsuinn mòinteach nam Borgh. Thog iad teaghlach measail de nigheanan. Tha te dhiubh pòsda aig aon do dhuaislean na Spàine, te eile pòsda aig an Urr. Maighstir Mac Aoidh a Tiridhe agus te eile aig Maighstir Mac Rath Fear Bhuirgh Bhig.

Aig an ordugh bha na seirbhisean air a frithealadh air an dòigh àbhaisdich. Air latha na Sàbaid Shearmonaich Maighstir Macilleathain roimh na Bùird. Thoisich an t-seirbhis aig meadhon-la agus lean i gu leth-uair an deigh a cuig. Thug an searmon ceithir uairean gu leth leis. Bha cuid dhe na bodaich gu math sgith dhen chnoc (oirs ann air an raon a bha sinn) agus bha an cnoc gu math sgith dhiubhsan. Tha e àbhaisteach do Mhaighstir Iain searmoinean mòra tomadach a thoirt seachad. Is e diadhair Gàidhlig cho cumhachdach anns an fhìrinns a dheisd mi ach aineamh riamh ris. Tha e air aithris mu thiomchioll gun do chuir coimh-thional a Bhacan Leòghas an uair a bha e aca na mhinisteir fa nearclockmòr a chur muchoinneamhs an eaglais. ’S e thuit a phiuthar riutha. “Is sibhse a tha gòrach; bu cho math dhuibh tuirneap a chur fa chomhar riclockoir cha toir e fa near e fad an t-searmoin,” agus bha i ceart.

(Ri leantainn.)


Minard ’s Linimentas fhearr.

Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT
C. SAUNDERS.
Dalhousie.

Leighis mi each, a bhair a dhroch riabadh, leMINARD ’S LINIMENT.
ED. LINLIEF.
St. Peters, C. B.

Leighis mi droch at air each leMINARD ’S LINIMENT.
THOS, W. PAYNE.
Bathurst, N. B.


Iarr Minards Linimentsna gabh ach e.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearrsa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[375]

[Vol . 2. No. 48. p. 7]

TURUS A MHARAICHE.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. VII. —Air a leantuinn.

Leig iad sios an acair ach cha do ghrunnaich i; chriothnaich an Compaisd. Ghlaodh na maraichean ri Diale glaodh àrd agus searbh, agus tra bha iad a glaodhaich, dhéisd an Tighearna agus trid beul a sheirbhisich Tuigse thubhairt e riutha. “Na bitheadh eagal oirbh ach a mhain Creidibh.” An sin bha e air fhoilseachadh do Chriosduidh gu robh eadar iadsan agusRudha gun Dochas” —Creag ris an abradh iadCreag nan All,” agus nan tuisleadh iad Oirre gun bitheadh a soitheach air a pronnadh na sgealban; ach air cùl na creige bha àite dion bhon ghaoith agus fasgadh on doinionn. Nuair chuala na maraichean uime so bha iad subhach agus dhfheith iad air a son troimh chobhar agus cheo agus tiugh dhorchadas, gus na bhrist a ghrian troimh na neòil agus carraig coltach ri Righ-chathair Dhé: Air a beulthaobh bha na tuinn air bhoil air a cul-thaobh bha . Rainig iad a fasgadh, agus bha iad sabhailt bho eagal uilc. Nuair thainig fuasgladh, ’s gann a chreideadh iad a sùilean; oir ni an dochas annsan cuirear moille an cridhe tinn. Leig iad an acair sios, agus bha iad ri geuramharc air a chreig a bha mar gum beadh air eiridh as an doimhne mhòireadhon mar slanuighear on uaigh. Ann a scoltadh na creige bha beòthobraichibh uisge, craobhan blàthan agus Ionadnaomh. Bha a bunaitean farsuing agus domhain; bha a taobhan air an reufadh leis an dòinionn; a fiormhullach dol as an t-sealladh ann an corp nan speur agus comhdaichte le neòil; An sin dh-àrdaich Criosduidh an Tighearna a shabhail iad le neart. An fhad so bha eagal orra dol air tìr, ach chual iad guth: Cuiribh-sa bhur dòchas anns an Tighearna do ghnàth oir anns an Tighearna Iehobhah tha Carraig nan àl. Gh-abh iad fasgadh fo sgàil na creige gus an robh na h-uile so uile thairis.

Bha ghrian a nis air èiridh, agus feuch, bogha-frois timchioll na Carraig.

Rinn na maraichean gairdeachas nan Slàinte, agus mar as mo a bheachdaich iad ar an aingeachd fèin ann a bhi monmhar, sann bu mho a dhiarr bhi moladh an Tighearna an Carraig, agus an Daingneach agus am fear-saoraidh; agus gu tric thubhairt le aon o shean, “Is beò an Tighearna agus gu ma beannaichte mo Charraigsa: agus air ardachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte!” Nuairsguab sanigh iad buird na Suinge, agus an achfhuinn, chualiad guth an Tighearn an an fionnfhuaireachd an fheasgair ag imeachd air a Charraig ag radh: Thigibh a nis, agus tagramaid ri cheile, ged robhur peacanna mar an Scarlaid bithidh iad geal mar an sneachdadh: ged robh iad dearg mar chorcur, bithidh iad mar olainn.

(Ri leantuinn.)


Seann Ghailig.

Seachdain no dha air ais thug sinn dar luchd-leughaidh mìr de sheann Ghàilig. Chuireadh an t-eadar-theangacha a leanas gar n-ionnsaidh leis an Urr. Domhnull Mac Nèill, Charlottetown, E. P. I.

Thàinig Callum Cille agus Drostan Mac Cusgraig a dhalta gu tigh òglaich (no seirbheiseach) , Aba inbheach a bha tinn. Bha en cruth neach ro mhor mun dthainig iad, gu tricna bhreitheamh agusna cheann-iùil.

Thainig as àite eile seann cheann-suidhe eile agus thubhairt e ri Callum Cille, “Tha aidmheil Dhé ag aobhairachadh tinneis, agus mharbh e moran ann an I. Gum feudar cunntas a thabhairt dha agus stad a chur air a chionn gun ghabh a mhac tinneas ùrnuigh nan cléireach, agus mar bu mhòbhac iad esann bu mhò dhiarr e bhin cuideachd ionmhuinn nan cleireach. Nan deanadh iad urnuigh air son a mhic gun aisigte slàinte dha, bheireadh e dhaibh àite uaigh a chladhaich e gun fhios da mhac (a carnadh suas an doruis) anns an robh gumhac a chur gus an tigeadh slàinte dha. An sin thubhairt Callum Cille ri Drostan an seann ceanu cinnidh agus a bhrathair ro bheannaichte agus foirfe, gun biodh a bheatha air a caomhnadh dha fad bhiadhna. Bu fhrasach deòir Dhrostain ag éisdeachd ri Callum Cille. Dhinnis Callum Cille dha gum faigheadh anam aon-ghin inneachd.


LeighsidhMinard ’s Linimentan Grip


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.”

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach buriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear dam baithne charadh.”


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[376]

[Vol . 2. No. 48. p. 8]

Cumha Coire an Easain.

LE IAIN DALL MAC AOIDH.

Min diugh afàgail na tire,
Siubhal na frith air an leath-taobh,
S e dh-fhàg gun airgiod mo phòca
Ceann mo stoir bhi fo na leacan.

S mi aig bràighen alltain riabhaich,
Ag iarraidh gu beallach na featha,
Far am bi damh dearg na croice,
Mu Fhèill-an-roid a dolsan dàmhair.

S mig iarraidh gu Coire an easain,
Far a tric a sgapadh fùdar,
Far am bi miob-choingan teirbeirt,
Cur mac na h-éilde gu dhùbhlan.

Coire gun easbhuidh gun iomrall
S tric a bha Raibeart mu dchomaraich,
Cha-n èil uair a ni mi diomradh,
Nach tuit mo chrìdhe gu troma-chràdh.

“ ’S e sin mise Corie an easain
Tha mi msheasaidh mar a babhaist
Ma tha thusa na dfhear ealaidh
Cluinneanaid annas do làimhe.”

An àill leat mise a rùsgadh ceòil dut,
S mi mo shuidhe mar cheo air bealach,
Gun spéis aig duine tha beò dhiom,
On chaidh an Còirneil fo thalamh.

Mo chreach! mo thùrsa! ’s mo thruaighe!
Ga chuirsan uair-so dhomh an ìre,
Mhuinntir a chumadh rium uaisle,
Bhi an diugh anns an uaighgamdhi-sa.

Nan creideadh tu bhuam a Choire,
Gur e doran sud air minntinn,
S cuid mhòr a ghabhail mo leisgeul,
Nach urrainn mi seasamh ri seinn dut.

Measar leam gur tu mac Ruairidh,
Chunnaic mi mar ris a chòirneal,
Nuair a bha e beòna bheatha
Bu mhiann leis do leithidna sheòmar.

Bu lionmhòr de mhaithean na h-Eireann,
Thigeadh gum reidhlean le h-ealaidh,
Sheinneadh Ruairidh dall dhomh fàilte,
Bhitheadh Mac Aoidhs a chairdean mar ris.”

On tha thusacaoidh nan armunn,
Leis am babhuist bhi gadthaghall,
Gun seinn mi ealaidh gun duais dut,
Ge fada bhuams mi gun fhradharc.

S lionmhor caochla teachds an t-saoghal,
Agus aobhar gu bhi dubhach,
Ma sheinneadhsan uair sin but failte,
Seinnear an tràth so dhut cumha.

“ ’S e sin ceòl is binne thruaighe,
Chualas o linn Mhic Aoidh Dhòmhnuill,
S fada mhaireas e am chluasan,
Am fuaim a bhaig tabhunn do mheòirean.

Beannachd dhut agus buaidh-lorch,
Anns gach aiten dean thu seasaidh,
Airson do phuirt bhlasda, dhionach,
S aghrian ateannadh ri feasgar.”

S grainach t-ursainn fein a choire,
S gun fheidh atearnadh gu dbhaile
S iomadh neach dam bfhiach do mholadh,
Do chliath chorrach, ’bliadhchar, bhainneach.

Do chiob, do bhorran, do mhilteach,
Co shlios a choire gur lionach,
Lubach, luibheach, daite, dionach,
S fasgach do chuiles gur fiarach.

Than t-eideadh uilair dhreach a chanaich,
Cìrein do mhullaich cha chrannaich,
Far am bi na feidh gu torrach,
G éiridh farumach mu fhireach.

Sleamhuinn slios-fhad do shliochd àraich,
Gun an gart non càl mu t-iosal
Manngach màghach, adhach, tearnach,
Graidheach, cròiceach, fradharc frithe.

Neoneanach, gucagach, mealach,
Lonanach, lusanach, imeach,
S bòrcach do ghorm luachair bhealaich,
Gun fhuachd ri doinionn ach cidheach.

Seamragach, sealbhagach, duilleach,
Min-leacach gorm-shleibhteach, gleannach,
Biadhchar, riabhach, riasgach, luideach,
Len diobta cuideachd gun cheannach.

S cruiteal leam gabhail do bhraighe,
Biolaire t-uisge mu t-innsibh,
Miòdar, mághach, conochdach, cathair,
Gu breac blàth-mhòr an uchd mìn-fheoir.

Gu gormanach, tolmanach áluinn,
Lochach, làchach, dòsach, crai
Gadharach, faghaideach, bràidheach,
G iomain na h-eilde gu nàmhaid.

Buireìneach, dubharach, bruachach,
Fradharcaeh, croichd-cheannoch, ullaach,
Feoirneanach uisge nam fuaran,
Grad ghaisgeant air ghasgan cruadhlaich.

Colg-shuileach, fàileanta, biorach,
Spang-shronach, eangladhrach corrach,
S an annoch is meanbh-luath sireadh,
Air mhire adireadhsa chòire.

S a mhadainn ag èiridh ler miol-choin,
Gu mùirneach, maiseach, gasda, gniomhach,
Lubach, leacach, sgiamhach,
Cracach, cabrach, fiamhach.

Nam dan ghrein dol air a h-uilinn,
Gu fuilteach, reubach, gleusda, gunnach,
Snapach, armach, calgach, ullamh,
Riachach, marbhach, tarbhach, giullach.

N am dhuinn bhitearnadh gu dreidhlean,
Tinnteach, càinteach, cainnleach, ceireach,
Fionach, còrnach, ceòlar, teudach,
Ordail, eòlach, ’g òl le rèite.

Sguiridh mi nis dhiot a choire,
On tha mi toilichte dheth do sheanachas,
Sguiridh mise shiubhal t-aonaich,
Gus an tig Mac Aoidh do dh-Alba.

Ach ise mo dhùrachd dhut a choire,
On is mòr mo dhuil ri dol tharad,
On tha sinn tuisleachsa mhonadh,
Bitheamaid ateannadh gu baile.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith ort cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr as cosg a tha rim feotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh.

Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.

titleIssue 48
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla II No. 48. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page