[Vol . 2. No. 49. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 30, 1894. No. 49.
TURUS A MHARAICHE.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
CAIB. VII. —Air a leantuinn.
An sin thug Crosduidh mach aran agus dh’iarr e beannachd nan lathair air fad. An t’ aran a dh’aobhraich monmhur roimh an stoirm, bha e nis milis da’n càil mar mil. Dh’innis Tuigse dhaibh mar an ceudna gun deach “Aideachadh an taobh a muigh” a long bhriseadh; agus thubhairt Criosduidh maille ri cach, “Trid gras Dé tha mi nith a ta mi.” Chuimhnich e air an dosguinn thainig nan caramh thaobh dol air tir an àite eile, agus bha eagal easontais air, ach dh-aithn an Tighearn dha dol air tìr. AN sin chunnaic gach aon ni eigin a chord ris a bharrachd air ni sam bi eile. Thubhairt Tòmas, “cha ghluaisear i” Thubhairt Peadar, “cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beannta gu meadhon na fàirge; ged bheuc a h-uisgeacha agus ged chuirear thar a cheile iad; ged chriothnuich na beannta le a h-ataireachd.”
Ghabh Marta tlachd anns’ an toradh, Màiri, anns an t’ samchair, agus Rut anns’ na h-uain a bha ri mireag oirre. Bha na maraichean miannach chum a dhol air tìr. Dh’asluich Eudmhor orra na nithibh a gheobhadh a lamhan a dheanamh anns’ an t-Soitheach a chriochnachadh. Chuidich Ceann-Cruaidh Faiciall—a bha fathasd lag anns’ na casan; agus nuair chunnaic Timoteus Dearsadh cho deigheil air a dhol air tìr thubheirt e ris: Biodh bhur measarrachd follaiseach do na h-uile dhaoinibh. An sin ghlac Deagh-Mhisneachd—a bha tinn fad an turuis—neart; bha anam air a lionadh mar le smior ’s le saill ro-reamhar rèidh. Bha Cridhe-Subhach geanail, agus nuair a chrath Cuilc—e. Nach cual thu mu neach a reir Cridhe Dhé a dhanns an lathair an Tighearna? Bheachd smuainich Cuilc-Bhruit’ air a so: Bha e cleachte leis na mairaichean-nuair bha aobhar air a thoirt, rannsachadh airson an aobhar. Dhiar iad dearbhadh a chur air na h-uile nithibh agus a bhi gleidhead gu daingean sin a bha maith.
Nuair bha gach ni ullamh, chaidh Criosduidh sios fo chlar agus threoirich e iad dhionnsuidh an Tobair-ris an abradh iad an Tobair airson Peacadh agus Neo-ghloine Chunnaic iad tighinn a dh-ionnsuidh na Tobair Oigh-sgith-thurusach agus le casan fuilteach leum i steac agus thainig i mach glan mar shneachd.
(Ri leantuinn.)
Am Buachaille-laogh agus am Ministeir.
Bha balachan òg, mac baintrich bhochd, aon uair ’n a bhuachaille-laogh aig tuathanach araidh. Bha e a’ faighinn a bhidh mar thuarasdal o’n tuathanach, agus bha a mhathair ’g a cumail fein a suas mar a b’ fhearr a b’ urrainn di le ’bhi ag obair do na coimhearsnaich maille ri cuideacheach beag a bha air a bhuileachadh oirre o am gu am á airgiod nam bochd. Thuit gu ’n robh fearann an tuathanaich a’ criochnachadh riglebea’ mhinistir agus co-dhiu a leig am buachaille na laoigh am measg coirce a’ mhinistir, no ciod air bith a b’ aobhar, ghabh e fuath agus gamhlas mor co ’n bhalachan, agus cha ’n iarradh e ach a’ bhi ’g a smadadh a h-uile cothrom a gheobhadh e. Bha aig ’a mhinister gille miodalach, trailleil a b’ abhaist da a thoirt leis an uair a bhiodh e, le ’charbad beag, a’ gabhail a chuairt troimh ’n sgireachd. Thachair dhoibh a bhi ’a gabhail sgriob air latha araidh, agus faicidh iad buachaille nan laogh ’n a shuidhe taobh an rathaid mhoir le deise uir aodaich air. Bu mhath a bha fios aig a’ mhinister c’ aite ’n d’ fhuair am balachan an deise, agus smaointich e gu ’n gabhadh e an cothram air a nàrachadh. “Co, mo ghille math,” ars esan, “a chuir ort an deise ur, ghasda sin?” “Chuir,” thuirt am balachan bochd ’s e ’togail a chinn, “le ’r cead a mhinisteir, a’ cheart fheadhainn a chuir an deise sin oirbhse, —chuir an sgireachh. An uair a mhothaich am ministeir a’ chuis air a tilgeil cho deas ’n a aodann leis a’ bhalachan chuir e ’chuip ris an each, agus thàr e as. Ach air dha dol beagan air agharc smuainich e gu ’m bu tamailteach da leigeil leis an ruaig a bhi air a cur air mar so an lathair a ghille fein; stad e an carbad agus chuir e air ais an gille a dh-fheoraich d’ an bhalachan, an gabhadh e muinntireas gu bhi ’n a bhurraidh aig a’ mhinisteir. Thill an gille le othail mhoir, agus chuir e a’ cheist ris a’ bhuachaille. “Am bheil thusa dol g’ a fhagail?” ars am balachan. “Cha ’n eil,” fhreagair an gille. “Ma ta, mar eil,” thuirt am balachan, “rach air d’ ais agus abair ris ’a mhinister, gu ’m bheil mise ’meas gu’m bheil a thighinn a stigh beag gu ’m leoir a chumail a suas da bhurraidh gun ghuth air a’ bhi ag iarraidh an treas fir!” Dh’fhalbh an gille ’s a theanga ’n a phluic a dh’ innseadh a shoirbeachaidh, agus is i mo bharail nach do chuir e fein no am ministeir a’ bheag tuillidh de dhragh air a’ bhuachaille laogh. —MAC-MHARCUIS, ’sa Ghaidheal, 1873.
RUGADH leanamh mic do Dheòrsa, Diùc York Di-dòmhnaich s’a chaidh. Ma bhios an urra bheag so beò an deigh bàs athar ’sa sheanar ’sa shinn-sean-mhàthair, bi’dh e ’na righ air an Impireachd Bhreatunnach.
CHUALA sinn roimhe mu Hooper a bha air a chur an greim aig Three Rivers, Que. an uiridh air amhrus gu’n do mharbh e ’bhean, ach a fhuair cuibhteas an lagh a chionn ’s nach robh fianuisean gu leòr na aghaidh. Cha robh e fada ma sgaoil ’nuair a rugadh air a rithist air son ionnsuidh a thug e air a bàthadh roimhe sin. Thàinig an càs gu cùirt air an t-seachdain s’a chaidh agus fhuaras ciontach e. Thug am breitheamh dha còig bliadhna fichead dhe’n tigh oibreach.
[Vol . 2. No. 49. p. 2]
TURUS CUAIN A DH’ AMERICA.
LE CALLUM MAC FHEARGHAIS.
Anns an earrach ’sa bhliadhna 1843 thàinig duin’ -uasal briagha dha’n dùthaich, d’am b’ ainm Gilleasbuig Mac Nìmhein, duine ’mhuinntir Ile. Bha e dol feadh an t-sluaigh anns an dùthaich dh’ fheuchainn am biodh iad deònach tighinn a dh’ America. Chòrd àireamh de theaghlaichean ris anns an dùthaich againne, —Uidhist mu dheas; thubhairt e riutha gu’n cuireadh e dróbhair do’n dùthaich toiseach an t-samhraidh agus gu’n gabhadh e luach an fharaidh dhe’n chrodh uapa. Chórd a seachd no h-ochd de theaghlaichean ris air a’ bhonn sin. Lean sinn romhainn air an àiteach mar a b’ àbhaist agus air a cheud latha de mhios a chéitein thàinig an drobhair, rinn e pris do’n chrodh ’s thug e leis iad. Thòisich sinn an uair sin air deanamh deiseil an son na h-imrich. Chuireadh griasaichean, figheadairean us tàillearan a dh’ obair a dh’ oidhche ’sa latha. Bha sinn an dùil nach biodh againn ri falbh gus an rachadh féill an t-samhraidh seachad, ach cha b’ ann mar sin a bha; air an ochdamh latha dhe’n òg-mhios fhuair sinn fios gu robh “soitheach America” ann an Tobarmhoire. B’eigin an uair sin cabhag a dheanamh. Bha aodaichean air bhlaigh deanamh, agus aodaichean ’sa bheairt-fhighe, ach cha robh math a bhi riutha; thug sinn ionnsuidh air a bheairt bu fhreagarraiche dhuinn. An ceann beagan lathaichean rinn sinn deiseil, thainig soitheach beag ’g ar n-iarraidh gu ruige Loch Bhaoghasdail agus mar sin dh’fhalbh sinn as an dùthaich anns an d’ fhuair ar breith ’s ar n-àrach. Thug an soitheach beag sinn gu Tobarmhoire, far an robh barc mhor, a ghiulaineadh luchd da cheud deug tunna, a feitheamh òirnn, ’s chaidh an luchd imrich uile air bòrd. B’e n àireamh, eadar shean us òg, tri cheud tri fichead ’sa ceithir deug. Bha iad á Ile, muile, Colla, Cnòideart, Eige, Arasaig us Uidhist, ach ’sann á mòrthir a bha chuid bu mhò dhiubh. Bha sinn a’n sin air bòrd an t-soithich àireamh mhòr de lathaichean, ’sa cur seachad na h-ùine gle shocair. Bha triuir ghillean bàna a’ deanamh gle mhath oirnn, ’g ar n-aiseag air ais ’s air adhart eadar an soitheach us tir a h-uile maduinn us feasgar. Cha robh am faradh a cosg ach sgillinn an ceann ach bha na gillean bàna ’deanamh deagh thuarasdal.
Bha sinn a’ seasamh air an acair o latha gu latha; ruith seachdain ’s ruith a dha ’sa tri de sheachdainean gun iomradh air carachadh. Bha sinn a’ gabhail fadachd—ni nach b’ ioghnadh—a chuid a b’ fhearr dhe’n aimsir a’ dol seachad gun ni ’ga dheanamh. Bhrist an sin fathunn a mach am measg an luchd-imrich nach falbhadh an soitheach idir; nach b’ urrainn do Mhac Nimhein am faradh a phaigheadh agus nach leigeadh maighstir an t-soithich air falbh i gus am pàighte ’m faradh, ’s gu robh e coltech gu’n cuirte h-uile duine air ais gu tir. Ach n uair a’s tinne ’n taod ’s ann a’s dòch e bhristeadh; ’n uair bha sinn air an t-soitheach tri latha fichead thainig ceathrar dhaoin’ -uaisle á Mòr-thir air bòrd, —Ministeir, Dotair, agus da shagart, agus co-dhiu ’s e ’n t-airgiod a phàigheadh no dhol an urras air Mac Nimhein a rinn iad, cha’n eil fhios agamsa, ach sheòl an soitheach air an ath latha, agus chuir i a h-aghaidh air America.
Aon uair ’s gu’n d’ fhag sinn Tobarmhoire, thug sinn an aire gu robh seòladairean an t-soithich a h-uile maduinn us feasgar a toirt gleadhar fuathsach air na pioban-taomaidh, ach cha robh sinn an duil gu robh dad cearr. A chuid bu mho dhe na bh’ air bòrd, cha’n fhac’ iad soitheach mor riamh roimhe, agus bha iad an dùil gu’m biodhte taomadh na h-uile soitheach mar sid, agus nach fàsadh i na bu mhiosa gus an ruigeamaid America. Ach cha b’ ann mar sin a bha; cho luath ’sa chaidh i gu fairge, thòisich i an dhol na bu mhiosa na h-uile latha. Bha na seòladairean ’gan sàrachadh mu dheireadh; cha bhiodh iad ach leth-uair ’nan tàmh agus leth-uair aig na pioban-taomaidh. Thòisich cuid dhe na gillean bu tapaidhe ’measg an luchd-imrich air torit greisein aig na pioban-taomaidh ’g an cuideachadh. Bha gach duine air bòrd a nis a call am misnich, maraichean us luchd-imrich. Thòisich iad ri radh ri chéile nach ruigeadh iad America am feasda. Cha’n fhaighte facal a ceann duine. Bha ’fairtleachadh orra ’n soitheach a chumail tioram.
Thainig a’n sin feasgar gle ghruamach, coltach ri gaoith àird agus sileadh uisge. Bha sinn a faicinn soitheach mor air fhuaradh oirnn; chruinnich a chuid mhòr dhe’n luchd-imrich gu toiseach an t-soithich agus shònruich iad triuir a chur a bhruidhinn ris a chaiptean gus e chur suas brataich-éigin dh’ fheuch an tugadh iad an sluagh bhar an t-soithich, air neo mur deanadh e sin e thilleadh dhachaidh leatha. Chaidh iad far an robh e ach cha tugadh e feairt orra. Thainig an oidhche ’s thuirt na seòladairean ris na gillean a b’ abhaist bhi ’g an cuideachadh iad a dhol gu h-iosal agus gu’n tugadh iad-san air a chaiptean tilleadh dh’a aindeoin. Chaidh an soitheach a dhùnadh suas, agus bha sinn an sin dubh dorcha fad na h-oidhche. Cha deachaidh duine dh’a leabaidh. Mu Mheadhon-oidhche, ’muair thug na seòladairean suas le sgios, chuir iad fios thun a chaiptein e thighinn dh’ ionnsaidh nam pioban. Dh’éirich e, ’s bha ’n stoirm fuathsach mor, gaoth us uisge, ’s i direach ’na aghaidh, ’s b’ eiginn dha òrdugh a thoirt dhaibh tilleadh leatha.
A nis ged bha cùisean glé ghruamach aig an àm so, bha spòrs gu leòr againn air uairibh. Bha gille air bòrd a thainig a measg an luchd-imrich aig Tobarmhoire ’s a ghoid air bòrd an t-soithich gun sgillinn a phàigheadh air son faraidh(stowaway. )Bha e ’na ghille tapaidh, a bha fada seòladh a mach à Grianaig, agus bha aige ri bhi ’g obair còmhla ris na seòladairean mu’n t-soitheach. An oidhche thill sinn bha e fad na h-oidhche air clàr-uachdar an t-soithich aig obair. ’N uair shoillsich a mhaduinn, dh’ fhosgail e uinneag an t-soithich, ’s thainig e muas gu h-iosal. Sheas e aig bonn na staidhir ’s dh’ eibh e ard a chlaiginn,— “O, ” ars esan, “bithibh air ur glùinean a h-uile duin’ agaibh! Cha ’n eil còig mionaidean a shaoghal agaibh.” ’s thill e suas ’sa mhionaid. An ceann tiotadh beag thainig e muas a rithist, ’s airs esan “A chlannaibh an fhir so, bithibh aig a phiob, a h uile duine ’s urrainn car a dheanamh!” ’s dh’ fhalbh e suas. Chuireadh a phiob-thaomaidh an òrdugh a rithist; ghabhadh i h-ochdnar dhaoine còmhla gus a h-oibreachadh. Roinn an luchd-imrich iad fhéin suas ’nan sgiobachan, ochdnar anns gach sgioba, ’s bha aig gach sgioba ri leth-uair ma seach a thoirt ag oibreachadh na pioba, ’s bha i mar sin gun tamh a dh’ oidhche ’sa latha. Dh’ fhaighnich seana bhean a bh’ air bòrd am measg chàich aon latha dhe’n ghille dh’ ainmich mi cheana, cia mar a bha cùisean a dol. “Cha ’n eil.” ars esan, “ach gu bheil an sgadan beò air an
[Vol . 2. No. 49. p. 3]
deckan deigh bha ’tighinn a nios troimh ’n phump.”
Bha sinn an uair sin a tilleadh a null agus a sior thaomadh an t-soithich. An ceann seachd latha nochd sinn ri fearann Shasuinn. Sheòl sinn eadar Sasunn us Eirinn; is ann am baile Bhelfast an Eirinn a bha sealbhadairean an t-soithich a còmhnuidh. Thug sinn tri latha seòladh eadar Sasunn us Eirinn mu’n d’ fhuair sinn a stigh do bhun acarsaid. Bha sinn oidhche ann an sin agus air an la mhàireach chaidh sinn air tir. Bha fear-lagha Albannach ’sa bhaile ’s chaidh sinn far an robh e dh’fhuchainn de dheanadh e air ar son. ’Nuair a fhuair e bun ar sgeòil chaidh e gu sealbhadairean an t-soithich ’s thuirt e rutha iad a dh’ fhaotainn soitheach eile cho luath ’sa b’urrainn dhaibh air neo gu faigheadh esan soitheach eile a chuireadh an luchd-imrich gu America air an cosg. Bha soitheach leotha fhéin anns an acarsaid agus luchd fiodha innte. Dh’ fhosgail am fear-lagha tigh mor a bhuineadh don chrùn a bh’ air bràighe na laimhrig agus thuirt a ruinn sinn a chur gach ni a bh’ againn a stigh a’n sin. Bha rudha briagha glas sios ri taobh na h-aimhne; chuir e àireamh de chairtean guail a’n sin gus sinn a dheanamh nigeadaireachd. Bha sinn mar sin da latha dheug. Bha ’n uair sin an soitheach eile deiseil ’s fhuair sinn caismeachd a dhol air bòrd. Thill ceithir no còig de theaghlaichean dhachaidh; cha mheintrigeadh iad ris a chuan an darra h-uair. Bha againn a nis mu’n seòlamaid ri stòras bidh a chur a stigh as ùr. Thug òrdugh na Ban-righ do gach aon againn punnd arain ’sa latha gus an ruigeamaid America, ach cha deanadh sin an gnothuch, dhuinn. Bha biadh glé shaor ’sa bhaile ’san robh sinn, agus thug sinn leinn na shaolamaid a dh’ fhoghnadh dhuinn. Sheol sinn an sin an darra h-uair, ach bha deagh shoitheach againn. Bha i dionach agus math air seòladh. ’Se da latha dheug thar fhichead a thug sinn eadar Eirinn agus Caolas Chanso. ’S ann gu Judique ’s gu Creignish a chaid a chuid bu mho dhe’n luchd-imrich. Chaidh beagan theaghlaichean gu Antigonish, beagan a dh’ Eilein a Phrionnsa, agus thainig beagan eile rathad Shidni.
Cha ’n eil a bheag tuilleadh agam ri ’radh, ach their mi so: Bha sinn anns an t-soitheach ud cha mhor as gach aon dhe na h-eileanan an iar, ’s bha sinn de chaochladh eaglaisean, ’s cha chualas facal a tighinn eadruinn fhad ’sa bha sinn còmhla.
Cha robh euslaint ghabhaltach air bòrd idir, ach ged nach robh, chuir sinn naoi cuirp dh’an chuan. Bha h-uile h-aon dhe’n t-seann fheadhain tinn a tighinn gu tir.
Cha mhor a tha beò an diugh dhe na bha air bòrd an t-soithich ud. Cha ’n eile a h-aon an rathad so ach mise ’s aon duin’ eile.
C. McF.
Leighis mi cloimh air each leMINARD ’S LINIMENT
C. SAUNDERS.
Dalhousie.
Leighis mi each, a bh’ air a dhroch riabadh, leMINARD ’S LINIMENT.
ED. LINLIEF.
St. Petrs, C. B.
Leighis mi droch at air each leMINARD ’S LINIMENT.
THOS, W. PAYNE.
Bathurst, N. B.
Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar eile. S tha e ’gan creic gle shaor.
IarrMinard ’s Liniment ’s na gabh ach e
THA “picnic” gu bhi aig Caitlicich Bhaddeck air an t-seachdain s’a tighinn. Tha sùil aig àireamh mhuinntir a bhaile so dhol ann Tha cruinneaciadh eile dhe’n t-seòrsa cheudna ri bhi aig Caitlicich Hawkesbury mu mheadhon an ath mhios.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grip
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.”
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chur air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheil ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’uriainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
G . H. GUZZWELL,
ann an Sidni, fear da ’m b’aithne charadh.”
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BOINAID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI, - - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 49. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, . . . . $1 .00
Sia miosan, . . . . .50
Tri miosan, . . . . .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s. 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duilleig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J. G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IUN 30, 1894.
THA Riaghladh Chanada an dràsd a’ bruidhinn air creic nan eileanan bòidheach a tha anns an Abhainn St. Lawrence agus ris an canar am Mile Eilean. Tha àireamh mhòr de mhuinntir na dùthcha gle fhad an aghaidh so, agus tha cuid dhiubh a’ togail an guth gu làidir ’s ag radh nach fhaod a leithid a bhith. Tha na h-eileanan so tuilleadh us bòidheach air son a bhi air an tilgeil an lamhan dhaoine nach deanadh, ma dh’ fhaoidte, am feum bu chòir dharbh a dheanamh dhiubh, agus cha’n fhaigh am Riaghladh pris cho mòr orra ’s gu’m bu chòir sin a a bhith na bhuaireadh sam bith. Bhiodh e glé iomchuidh do’n Riaghladh na h-eileanan so a ghleidheadh mar fhearann crùin ’s gun an creic ri neach sam bith. Tha ’n t-aigiod gle mhath ’na àite fhéin ’s tha ’n luchd-riaghlaidh cho feumach air ri muinntir eile, ach ’se ar barail féin gu’m biodh Canada pàigheadh tuilleadh us daor air son beagan de mhiltean phunnd Samunach ’nuair a dhealaicheadh i ris a Mhile Eilean, an aon bhad eileanan a’s bòidhche air ùr-uachdar an domhain.
Minard ’s Linimentair son Lòinidh.
LEIS an àireamh so tha an darra bliadhna dhe’n MHA-TALLA air a toirt gu crìch. Thainig a cheud àireamh dheth a mach air an ochdamh latha fichead dhe’n Chéitein, agus thainig ceud ’sa còig a mach uaithe sin. ’N uair a nochd e ris an t-saaghal an toiseach, ’s iomadh neach a bha cur air mhana dha nach b’ fhada mhaireadh e, agus a chum an cuideachadh fhéin uaithe air eagal gu’n cailleadh iad beagan! Ach a dh’ aindeoin sin cha d’ thug e suas an deò fhathast, o tha e cho béo, slàn, ’sa bha e riamh, agus tha e nise, ’n deigh da bhliadhna chur na dheigh, a’ cur aghaidh air an treas bliadhna le deagh mhisneach agus le sùil ri soirbheachadh nas’ fhearr na bh’ aige riamh. Tha a chàirdean lionmhor anns gach cearna anns am beil luchd Gàilig a còmhnuidh agus ’s ann a sior dhol na’s lionmhaire tha iad. Tha sinn ann an deagh dhòchas gu’m bi a bhliadhna a tha romhainn ’na bliadhna mhath. Tha sinn a toirt moran taing dhaibh-san a bha ’g ar cuideachadh agus ’g ar misneachadh ’s an àm a chaidh séachad le facal agus gniomh; tha fhios againn gu lean iad sin air an deagh obair, agus tha sinn a creidsinn gu’m bi gach latha an deigh so a cur ri ’n àireamh. Thigeamaid, ma ta, agus rachamaid, an guaillibh a chéile mar dheanadh na Gàidheil o shean, deanadh gach aon againn a dhleasnas fhéin, gun tathunn, gun dail, agus leigeamaid fhaicinn do ’n t-saoghal gu’n téid againn air paipear Gàilig a chumail suas a dh’aiudeoin cò theireadh nach téid.
CHAIDH M. Carnot, Riaghladair na Frainge a mhurt air an t-sràid ann am baile Lyons mu naoidh uairean s’a mhaduinn Di-sathairne s’s chaidh. Bha e air tighinn dh’an bhaile an latha sin fhéin ’s bha ’n sluagh ri iolach mor mu’n cuairt air, a’ deanamh a bheatha. Ruith Eadailteach de’n ainm Santo dh’ionnsuidh a charbaid anns an robh e ’s pasgan beag aige na làimh mar gu ’m biodh e dol ’ga thoirt dha. Fhuair e cothrom air leum a stigh dh’ an charbad, agus an sin ghrad thug e mach biodag agus shàth e i ann an corp an Riaghladair. Ghreasadh an carbad dh’ ionnsuidh na lùchairt, agus a’n sin chaochail Carnot beagan an deigh dà reug. Bha am murtair air a ghlacadh air a bhad ’s air a thoirt do’n phriosan; mur biodhte air sin a dheanamh, bha e air a ghrad mharbhadh aig an t-slaugh.
Minard ’s Linimenta’s fhearr.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI C. B.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, - - C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
[Vol . 2. No. 49. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THUIT frasan matha uisge feasgar Dior-daoin. Bha ’n talamh tioram gu math feumach air.
THA ochd deug de dh’ fhactoraidhean càise ann an Eilean a Phrionnsa. Tha iad a cur a stigh ris na tuathanaich ochd mile deug dollar ’sa bhliadhna.
CHAIDH triuir ghillean oga a bhàthadh aig Montreal feasgar Di-luain. Bha iad a mach le bàta, ’s leis a chluich a bh’ aca chaidh e thairis.
THUIT fras sheangan ann am Buctouche, N. B., air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh annta ach rudan beaga, ach rinn iad iad fhéin glé a dhraghail.
THA na tuiltean a bh’ann an Columbia Bhreatunnach thairis agus cha robh iad faisg cha dona ’sa bha ’n t-ainm. Tha aon duine a bha ’sgaoileadh nan droch sgeul air a chur ’an sàs.
BHA réis mhor each aca am an Sasuinn o chiom ghoirid, ’s thug “Ladas” each le Morair Rosebury a mach an duais a b’ àirde. Reic am Morair an t-each beagan lathaichean an deigh na réise.
CHAIDH soitheach fodha anns air acarsaid faisg air Boston ’sa mhaduinn Di-dòmhnaich, ’s bha dithis dhe’n chriù air am bàthadh. Bhuineadh fear dhiubh, Eanruic Mac-a- Phi, do Cheap Breatunn.
BHA stoirm ghàbhaidh ann an cearna de Ohio Di-sathairne s’a chaidh. Bha craobhan us taighean air an leagadh. Bha frasan mora de chloich-mhealain ann agus rinn iad call mor air a chruithneachd.
BHA bean dhe’n ainm Mrs. Yates air a taghadh o chionn ghoirid gu bhi na h-àrd bhàillidh air baile Onehuga ann an New Zealand. ’S i cheud bhean a bha riamh ’na bàillidh a’n cearna sam bith dhe’n Impireachd Bhreatunnach. Nach i fhéin an laochan!
THA ’n t-Urr. Seumas Firseal Caimbeal gu bhi air cearnn na seirbhis ann an eaglais St. Andrews am màireach. Tha Mr. Caimbeal o chionn còrr us fichead bliadhna a’ saoithreachadh mar theachdair anns an h-Innsean ar ear. Rugadh agus thogadh e ann am Baddeck.
THA cuid a deanamh a mach gur i phlàigh a tha cur as do na ceudan ann an Hong Kong an dràsda, am “Bàs Dubh,” plaigh a rinn sgath uamhasach am measg slaugh Asia ’s na Roinn Eòrpa ’sa cheathramh linn deug agus a ris anns an seachdamh linn deug. Is i euslaint a’s miosa thainig am measg sluaigh riamh.
THA da shoitheach cogaidh Fhrangach anns an acarsaid. Thainig soitheach an admiral a stigh Dior-daoin. Cha robh fhios aice mu bhàs an Riaghladair gus an d’thàinig i ’m fianuis na té eile, Leag i an uair sin a bratach gu leth a chroinn, ’s chuir i suas gach coltas bróin a b’urrainn dhi. Di-ciaduin chuir an soitheach a bha stigh a bratach aig leth a chroinn agus loisg i urchair gunna-mor an ceann gach uair.
CHAIDH còig duine fichead a bhàthadh ann an acarsaid New York Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha iad a mach air son toil inntinn daibh féin, agus chaidh am bàta fodha.
MA bhios on t-side fabharrach tha choltas air gu ’m bi measan gle phailt ’san dùthaich air a bhliadhna so. Tha na craobhan fo bhlath mar nach fhacas iad o chionn iomadh bliadhna.
CHAOCHAIL Iain Mac Illealain, a mhuinntir Mhria ann a Halifax air ann t-seachdain s’a chaidh. Bha e na oifigeach air soitheach a tha air an Atlantic. Bha e mu chòig bliadhna fichead a dh’ aois.
THA Domnull Mac Leòid, Drochaid na h-Aimhne Tuath, St. Ann’s ’an deigh soitheach a ghabhas luchd dheich tunna fichead a thogail gun duine chur làmh na còir ach e fhein. Thug e còig bliadhna air a togail.
THA Mr. Gladstone a dol a dh’ fhaotainn cuireadh o sheanadh nan Stàitean tighinn air chuairt dh’ an dùthaich sin air an fhoghar s’a tighinn. Ma thig e cha’n eil teagamh nach toir e sgriob a Chanada.
THA ’m fearam a sior fhàs na’s saoire ann an Sasuinn. Tha oighreachd ann an siorramachd Khent a bha beagan bhliadhnaichean air ais a pàigheadh da cheud deug punnd máil, nach eil an nis a pàigheadh ach tri cheud punnd.
CHAIDH dithis bhràthrean de ’n ainm Ellsworth a bhàthadh aig Souris E. P. I. air an t-seachdain s’a chaidh. Bha iad a mach ag iasgach agus chaidh am bualadh leis an dealanach, Cha robh ’m fear bu shine dhiubh ach fichead bliadhna, ’s am fear a b’ òige ochd bliadhn’ deug.
Chaidh mèinn ghuail ’na teine ann a Wales Di-sathairne s’a chaidh agus bha da cheud ’s da fhichead ’sa h-aon deug dhe na mèinneadairean air am mùchadh gu bàs. Bha moran dhe na cuirp air an reubadh ’s air am milleadh cho dona ’s gu robh iad air an cur à aithne.
CHAIDH dithis dhaoine ann am Parsboro N. S. a chur dh’ an tigh oibreach an la roimhe air son each a ghoid. Bha ’n t-each air fhàgail aca air feuraich agus ’nuair thainig a mhaighstir ’g a iarraidh bha e air a chreic. Fhuair fear dhìubh ceithir bliadhna, agus am fear eile da bhliadhna.
CHAOCHAIL Dudley Foster, an duine bu lugha bh’ air an t-saoghal ann am Brìdgeton N. S., air an t-seachdaìn s’a chaidh. Cha robh e ach deich òirlich fhichead a dh’ àirde ’s cha robh e riamh thairis air fichead punnd a chudthrom. Rinn e siubhal mor air feadh an t-saoghail, ged nach robh e ann ach gann seachd bliadhn’ deug.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnnllach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 2. No. 49. p. 6]
ORAID GHAILIG.
LE GILLEASBUIG MAC-GHILLEAIN,
Aig coinneachadh Comunn-Gaidhlig baile mor Hamilton, air oidhche Di-haoine an seachamh la-deug do mhiosa meadhonach an fhoghair, 1890.
A Chinn-shuidhe, ’s a chlanna nan Gàidheal, a mhnathan agus a dhaoine uaisle. Tha e a toirt dhòmhsa moran toileachas-inntinn aig an àm so, cothrom a bhi agam air coinneachadh ri àireamh cho mor do chuideachd Gàidhealach Hamilton, cruinn ann an so a nochd. Feumaidh mi ’s a cheud àite buidheachas a thoirt dhuibh airson an onair árd a bhuilich sibh orm, le cead a thoirt dhomh beagan fhacail a ghradh ruibh anns a chànain so anns an do rugadh agus anns an do thogadh mi. Cha’n urrainn mi le firinn a ghràdh gu robh mi cho mor ’s a tha mi an diugh mu’n robh facal beurla agam, ach tha cuimhne gu math agam ’n uair a chaidh mi do’n sgoil an toiseach, gu robh mi ann am chnad math balaich, ’s gu ruige sin nach robh facal beurla ann am chlaigionn. An iongantach leibh air an aobhar sin gu bheil meas sònruichte agam air a chànain sin anns an deachaidh m’àrach ann an làithean m’òige, an canain anns am b’ àbhuist do m’ athair agus do m’ mhàthair a bhi seinn nan òran dhoimh ’n uair a bhiodh iad ga m’ altrum air an glùn, na ga m’ thulgadh anns a chreathail. Ma tha ni ’s am bith as a bheil mise mor asam fein a nochd, ’s e so e, nach e a mhàin gun urrainn mi a Ghàidhlig a labhairt a measg mo choimhearsnaich agus muinntir mo dhùthcha, ach gun urrainn mi mar an ceudna a leughadh, le tomhas co-dhiu, de dh’ fhileantachd. (Caithream.) Anns an linn so anns a bheil sinne beò, bithidh ard-sgoileiran coimheach mor asda féin ma bhios prabaireachd de Ghreugais agus do Laidinn aca, ma theid aca air na seana chànainean so eadar-theangachadh bheir iad orra féin a chreidsinn gu bheil iad anabarrach fòluimte. Is iadsan na daoine, agus bàsachadh gliocas maille riu. Ach c’àite a bheil an Greugach no an Romanach aig a bheil eachdraidh cho finealta, na cho lan do ghniomharan treubhach ris an t’ sinnseachd d’an buin sinne? (Caithream.) Feudaidh e a bhith gu robh fàillinnean a measg nan Gàidheal mar a measg muinntir eile, oir cha ’n eil neach ’s am bith foirfe, gidheadh anns a choitchionn thug iad bàrr a’s barrachd air muinntir eile. Bha iad coltach ri Saul a measg a bhràithaean, bha an ceann ’s na guaillean os-ceann an t-sluaigh gu h-iomlan. ’S a nochd ma leughas sinn an eachraidh le furachas cha toir i nàir air ar gruaidh, no fuachd air ar cridhe Mar a thubhairt Pàruig Grannda anns an òran, ’s ann dha bu mhath a b’ aithne:—
“ ’S an t’ sean seanachas bha Gàidheal ainmeil,
’Measg dhaoine b’ ainmig an leithid ann,
Le gaisge, a’s cruadal a’s creach air uairibh,
’S bha fuil cho uaibhreach toirt buaidh dhoibh ann.”
Mar a chi mi sgriobhta air na comharraidhean agaibh a so a nochd. “Bha iad cruaidh mar a fraoch, agus buan mar an darach.” An seadh! Ged is iomadh uair a chuir na Gàidheil an ruaig air na naimhdean, cha b’ iad na saighdearan a thionndadh an cùl ris a nàmhaid ann an teas a chath. Bha iad coltach ris na Spartanaich bho shean, cha striochdadh iad ’s iad beo, ’s gun amharas sa bith, be sin a bhuaidh a rinn treubhach iad ann an iomaidh cath. Cha b’e claidheamh Uallais no an lann a bha e a giulan, ach an spiorad treubhach a bha a air shiubhail a thug buaidh a mach dha. Do na Gàidheil buinidh an onair, ged is dùthaich bheag an dùthaich aca, nach deachaidh riamh a toirt fo chis le faobhar a chlaidheam. Mar a thubhairt an t-Onarach Alasdair Mac Coinnich e an uair a bha e aig cuirm ann am baile Dhundee, ’s e na phriomh fear-riaghlaidh na duthcha so, ’s e so a thubhairt e. “Is ni glòirmhor e do rioghachd ’s am bith gun bhuaidh a bhi air a thoirt orra, agus cliù gu robh do Dhia, cha deachaidh buaidh a thoirt air Albainn fhathast, ged aig an àm cheudna is gann a tha leud troidhe d’a fonn, nach eil air a thaiseachadh le ’m fuil ’san a thug gradh dan dùthaich.” B’ iad so beachdan oirdhearc air an labhairt le duine fiachail agus urramach. Ah seadh mo chairdean! Cha bu daoine suarach, leibideach, aon chuid ann an corp no ’n inntinn a bha ’n air sinnsirean, ach daoine staideil sgairteil, daoine duineil treubhach, agus tha mi an dòchas gu lean na buadhannan òirdhearc so na Gaidheil thun na crìche ’n uair a bhios iad a tagradh airson a cheartais. Ged nach urrainn mise mar as urrainn cuid agaibhsa, mo bhòsd a dheanadh gun do rugadh mi ’s an duthaich òirdhearc sin, gidheadh tha mi mor asam féin ann an so a hochd, gu bheil beagan de dh’fhuil nan daoine treun a
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 2. No. 49. p. 7]
sin a sruthadh troimh mo chuislean. Cha ’n eil cearn don t-saoghal dh’ ionnsuidh an déid sibh anns nach eil an Gàidheal miosail. Tha earbsa air a chur ann nach eil air a chuir ann an duine ’s am bith eile. Air an aobhar sin cha ’n eil oifig na onair àrd fo’n ghréin, nach eil air an lionadh le pairt do’n chinneach sin. Tha iad lionmhor anns na h-uile àite ach anns na priosain, agus anns na tighean caothaich. Cha ’n eil iad buileach cho lionmhor a sin, ach na h-oifigean is àirde anns an dùthaich mar a thubhairt mi roimhe, tha iad air an lionadh le Gáidheil. Ma tha dearbhadh a dhìth oirbh air an ni a tha mi a labhairt, direach seallaibh mu’n cuairt anns a chearna so fein. Cò a tha agaibh anns a bhaile-mhor so fein na cheannard air a bhliadhna so? Tha an duine uasal Daibhidh MacGillfhaoian. (Caithream.) A rithist co a tha agaibh na fhear-mios aig comann urrais-beatha Chanada? Tha an duine uasal, sunndach cridheil Dughal Caimbeul. A rithist co a tha agaibh na Shiorram anns a bhaile so? Tha an duine uasal urramach miosail Gilleasbuig MacEillair. (Caithream.) Ma sheallas sinn a sios a rithist gu baile-mor Thoronto, co a tha agaibh a sin na cheann os-ceann sgoilean na dùthcha gu h-iomlan? Tha an Gaidheal urramach, deas-bhriathrach, cogarrach, Deorsa Uilleam Ros, duine beag cdo smachdail ’s a sheas riamh ann a leathrach bhrog. A rithist, co a tha agaibh na cheannard os-ceann Ontario gu h-iomlan? Tha an duine uasal urramach, ( ’s fear-lagh mor nan reachdan, nach gann a dh’ fhaillinnich riamh na bharail air puinaean reachd na rioghachd.) Oilibhreis Mowat. A rithist, na sheallas sinn a sios a dh’ ionnsuidh Ottua, co a tha agaibh a sin air mullach a mheall? Tha an Ridir urramach glic Iain Mac Dhomhnuil. Bho cheann beagan bhliadhneachan, ’s uair a dh’fhas an sluagh sgith do Dh’ Iain MacDhomhnuil, ’s a chuir iad a mach e, co a thainig na aite? Thainig an duine urramach eile ’s an Gaidheal onarach miosail Alasdair MacCoinnich. A rithist, an uair a thuit esan le e bhi a seasamh airson aobhar anns an robh e lan chreidsinn, co a thainig na aite? Thainig an duine urramach a rithist, Iain MacDhomhnull. Ged nach ann de mhuinntir an an ath-leasachaidh Iain, ’s e Gàidheal math a tha ann, ’s tha e neo chumanta tapaidh, mar am bitheadh e sin cha chumadh e a laimh air stuir na staid cho fada. Ma gheibh buidheann an athleasachaidh gu brath tuille gu cumhachd ann an Ottua, saoilidh mise gu feum iad gach Frangach, Eireannach, agus Sasunnach a chuir air chul, agus Gaidheal tapaidh a thaghadh gu bhi na cheann-iùil os an ceann. Gus an dean iad sin, saoilidh mi nach ruig iad a leas suil a bhi aca ri moran soirbheachadh. Cumaidh an Ridir Iain a shul air na h-eisg ’s na builinnean, gus an toir Gaidheal tapaidh eile uaith iad. (Caithrean) Ach ma leanas mi air m’ aghaidh air an doibh so, tha eagall orm gu faigh sibh a mach co an taobh do na h-innleachda-riaghlaidh air a bheil mi, ’s faodaidh e bhi nach bith sin freagarrach aig an am so. A nis cha ’n eil ach uine bheag on a thainig mi a chòmhnuidh don bhaile-mhor, ’s cha ’n eil mi a cleachduinn na Gaidhlig cho tric ’s a bu mha leam, air an aobhar sin gabhaidh sibh no leisgeul, ged nach eil mi cho fileanta ’s a bu mha leam a bhith, agus a bharr air a sin uile, tha mi coltach ris na fir nach eil posda am bitheantas, tha mi beagan gnuis-naireach ’n uair a dh’fheumas mi seasamh a suas fa chomhair na h-uiread do nigheanagan og maiseach ’s a chi mi a so a nochd. (Caithream.) Tha cuimhne agam air a cheud mhaighstir a bha agam ’n uair a chaidh mi don sgoil an toiseach, ’s e Gaidheal a bha ann. Bha e na bhard, ’s an uair a rinn e coimeas eadar aogasg na nigheanan bòidheach a dh’fhag e as a dheigh ’s an t-sean duthaich, agus iadsan a thachair air an taobh so don chuan, bha e beagan fo sprochd. ’S e so a thubhairt e ann an oran mu nigheanan Chanada:—
“Na nigheanan oga cha ’n eil iad boidheach,
Cha d’ thuginn pog dhoibh ged gheibhinn duais.
Bithidh cradh as deidadh an luib gach te dhiu,
’S an fiaclan caobach cho buidhe ruadh,
An aite bhi sgiamach tha iad presach ciarach,
Le neul na aois a laidh air an gruaidh,
Tha ’d cho bhuidhe spionta ri giobag liona
A bhidh cor a’s mios’ ann an uisge fuar.”
A nis cha ’n eil an duine beo a a nochd a rinn an t-oran, ach na ’n robh, cha b’ urrainn e sin a ghradh ann am firinn ma nigheanagan boidheach Hamilton. Ach ma leanas mi air m’ aghaidh a bheag na ’s fhaide, tha eagal orm gun tachair e dhomh mar a thachair e do mhinisteir, a chuala mi iomradh air aig aon am. Bha a ministeir so ’n uair a bhiodh e a searmonachadh coimheach fad-analach. Cha robh ciall-stad idir aige. Na h-uile ceann-teagaisg a thaghadh e roinneadh e e na dheich na dusan ceann, is leudaicheadh e air gach ceann air leth gus an saraichidh e foighidinn Iob. ’S an ceann na h-uile tacan ’n uair a shaoileadh sibh gun robh e dol a stad, ghlaodhadh e mach; “gu de tuilidh as urrainn mi a ghradh?” Thachair gun robh amadan anns a choimh-thional aig an am so, agus an uair a ghlaoidh a ministeir a mach, “gu de tuilidh as urrainn mi a ghradh?” fhreagair an t-amadan, “Air sgath trocair abair amen agus dean suidhe.” A nis tha beagad eagail orm na’n leanainnsa air m’ aghaidh a bheag na b’ aide, gum biodh cuid agaibhse ealamh gu radh riumsa, mar a thubhairt an t-amadan so ris a mhinisteir, “Air sgath trocair abair amen agus dean suidhe.”
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean us Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 2. No. 49. p. 8]
CUMHA
Dodh’ Aoghnas Gillios,’ Marsanta, a dh’eug am Port Hood, Ceap Breatuinn sa bhlidhna, 1885.
Di-dòmhnaich, thainig sgeul ugainn
’Dh’ fhàg éisleanach gach cridh’,
’Chuir mulad air na dh’ éisd ris;—
’Tuille, éibhneas oirnn cha bhi
O’n chuala sinn gu dh’ eug a fear
’Bha sùnntach, fearail, treubhach, glan,
’Bha fialaidh ris na feumannaich,
S’ bha beusach anns gach ni.
’Nuair fhuair mi ’n toiseach eòlas air,
( ’S gu ’m b’ òg mi anns an àm,)
Bu mhiannach leam ’bhi còmhla ris
An fhear bu bhòiche ceann;
Bu chaoimhneil, càirdeil, eòlach e,
’S cha b’ iosal ann an seòltachd e,
’S bu mhuirnearch e na sheòmbar
Far am b’ eòlach mi air dram.
Gur duilich leamsa ’n dràsta
Fear mo ghràidh a bhi sa chill:—
An t-sùil bu chaoimhneil sealladh leam,
A ghnuis— ’s bu smiorail i,
A lamh o faighte fàilteach’as,
An cridh’ o faighte càirdealachd,
’S am beul o’n d’ thigheadh mànran
A bhi ’n diugh fo’n chlàr gun chli.
Gur iomadh gin san dùthaich
’Bhios ag ionndrainn an fhir fhial;
Gach aon a th’ ann ’bha eòlach air
A gal le bròn gu dian;—
Gur tric a thaoghail càirdein
’Us fir-siubhail as gach àite air;
’S bu dòigh dha ’bhi cuir fàilt orra
Le muirn ’us gràdh ’us cial.
Bu dòigh do dh’ fhear mo ghráidh a’ bhi
Cuir fàilt orra le fonn;
Gu ciatach, fialaidh, pàirteach riu,
’S gach rian o làimh neo-lom;—
Bhiodh branndaidh ’s fion air bord aige
’S gach am ’s gun dith air lòn aige,—
Bhiodh sòlas cridh’ le ceòl aige
’Sa chòisridh nach biodh trom.
Gun cluinnte ceòl nan teudan tric
Ga ’n gleusadh ann ad rùm,
’S bu mhiann leat a’ bhi ’g éisdeachd ris
Le éibhneas agus sùnnd;—
Cha ’n fhacas riamh fo ghruaman thu
Bha t-inntinn glan neo-smuaireanach,
Bu triath, ’bha fiachail, uasail thu
Nach fhaigheadh fuath no diomb.
Bu tu fear fonnmhor’ furanach,
Sar churaidh na’n each seang,
Bu bhòidheach ann ad dhiolaid thu
Gun fhiaradh ann an eang;—
Gan gleidhteadh réis gun chùram leat,
’S gum b’ aighearach an sùgradh leat
A’ bhi cuir chach gu ’n dùbhlan
Leis an turn a bhiodh gun mheang.
Bu damhsair air an ùrlar thu
Bha sùbhailt ann an ceum;
Bu diunlach ann an dùthaich thu
A leanadh cùis gu feum;
’S gur e do bhàs na t-òg-laithean
A dh’inntir moran bròin ugainn,
’S a chuir gu sgaoil air sòlas oirnn
Mar bhadan ceò ri gréin.
Gu ’n bheil an taigh far ’m b’ àbhuit duinn,
’Bhi àbhachdach ’s gach ám,
’S far ’m bidhmaid fonnar, briathrachail
’Nam riarachadh na ’n dram,
Na fhardaich lom air fhàgail;—
S cha ’n ’eile fear’ theid seach an dràst’ an sin
Nach cuimhnich air na làthean iad
Le cridhe cràiteach trom!
Cha ’n ionghnadh cáirdein dlùth dhut
A bhi tùrsach mu do bhàs:
Gun thuit na lios am flùran sin
Bu bhòidheach cùbhraidh fàs;—
Ach guidhmaid gu dùrachdach
Le creideamh glan n’ ar ’n ùrnuighean
Gun deachaidh t-anam ùrachadh
Le Righ nan dùil ’s nan gràs,
C. Mc. I.
Bràigh Mhargaree.
Fios a Loch Ainslie.
Tha ’m bàta bòidheach, am “Minnehaha” a nise ri fhaicinn air ais ’s air adhart air an loch. Bidh e ’na ghoireas mor do’n t-sluagh mu’n cuairt, agus na shòlas mor dhaibhsan a bhios a tigh’nn a h-uile samhradh a ghabhail seallaidh air an dùthaich. Is facal Innseanach Minnehaha, agus ’s e ’s ciall dha, “uisge gàirich,” ge b’e cò fhuair sin a mach.
Tha ’n t-sàcramaid ri bhi air a frithealadh aig Srath-lathainn air an t-sàbaid s’a tighinn, ’s tha ’n t-Urr Mr. Grannd ri bhi cuideachadh an teachdair urramaich a tha air ùr-shuidheachadh anns an sgìreachd sin.
Tha ’n t-Urr. Lachuinn Mac Gilleain, a fhuair breith us àrach aig an Loch, an dràsd air chuairt an Ceap Breatunn. Cha d’ rinn e fhathast ach cèilidh gle ghoirid air a chàirdean ann ’an so, ach tha dùil aca ris fhathast. Bha e air an t-sàbaid s’a chaidh anns a mhéinn a tuath(S’ y’ Mines. )
Tha sùil aig na maighstirean-sgoile bhi cuibhteas “Tigh na Daorsa” deireadh na seachdain s’a tighinn. ’S ioma latha fada chuir iad seachad ann, s bheir e faochadh mor dhaibh a bhi aig saorsa ’n toile fèin fad mios no dha.
Tha Allt nam Breac o chionn bliadhna no dha air a leth thachdadh n bancaichean gainnmhich, agus cha’ eil na bric faisg cho pailt ann ’s a b àbhaist dhaibh. Tha sinn an dochas gu’m faic iad-san a th’ ann an ùghdarras gu’m bi iad air an toirt air falbh an ùine ghoirid.
Tha mèinn Johnstone ag obair gu bras, fo laimh Mhr. Wilsoin à Truro. Tha iad an deigh tri cheud tunna dhe’n stuth a chur air falbh cheana, agus tha iad ag obair air tri cheud eile.
The moran dhe na h-igheanan a tigh’nn dhachaidh à Boston, ’s iad an deigh an gruaidhean dearga bòidheach a chreic air son deiseachan riomhach sioda. ’S e mo bharail fhéin nach d’ fhuair iad ach droch cùnnradh.
AILEIN AN FHARAIDH.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir air son an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan fhearr a’s cosg a tha ri’m feotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh.
Brogan-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c, Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus feoil agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
title | Issue 49 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 49. %p |
parent text | Volume 2 |