[33]

[Vol . 2. No. 5. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 29, 1893. No. 5.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Bhan t-iasgach gle mhath air an t-samhradh so air taobhn ear us taobh tuathNew Brunswick.

Tha aite ann am mor-roinn Quebec ris an abrar Gaspe, ’s cha do shil boinne uisge o chionn mios. Tha an teas mor, agus tha gach ni a bha fas air a thur mhilleadh.

Chaidh Uilleam Ingraham, a mhuinntir Nova Scotia, a mharbhadh eadar da charbad ann an Lunninn, Diordaoin air an t-seachdain sa chaidh. Bha en duil a bhi seoladh dhachidh la no dha an deigh sin. Fhuaras suim mhor airgid na phoca.

Air a bhliadhna sa dh-fhalbh, bha na bu lugha de dheoch laidir air ol an Canada nam bliadhna riamh roimhe, a reir aireamh an t-sluaigh. ’S math gu bheil sinn a toirt ceum air adhart a h-uile bliadhna ann an stuamachd, ’s nach ann a toirt ceum air ais.

Bha tuathanach amMaskinonge, Quebec, dan ainm Bastiff a spealladh feoir an la roimhe, agus mharbh e gille beag leis fein, aois cheithir bliadhna, a cur a chinn dheth leis an speal. Bham fear beagga fhalach fheinsan fhiar, ’s cha robh fhios aig athair gu robh e ann gus an robh e ro anmoch.

Thanig bas gle ath-ghearr airMrs . Oslen, ann a Halifax, feasgar na Sabaid sa chaidh. Bha i, a reir coltais, cho slansa babhist di bhi, agus rinn i deiseil gu dhol don eaglis. Air an rathad, thoisich tairneanich us dealanich, agus chuir i roimpe tilleadh dhachidh. Nuair a ranig in tigh, ghearain i gu robh a ceann goirt. Chaidh fios a chuir ar dotair air ball ach mun dthaing e bha i marbh.

Bha coinneamh co-thionail air a cumail ann an Eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so Di-ciadinn sa chaidh, air son gairm a thoirt do mhinisteir. Dh-aontich an sluagh gu h-aon-ghuthach air gairm a chuir dh-ionnsidh an Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell, P. E. I. Shearmonich Mr. Mac Leoid don cho-thional air an t-sabaid mu dheireadh de dh-April, agus thaitinn e gu ro-mhath ris gach neach a bhasan eisdeachd.

Thaghail duine mhuinntir Eilean a Phriunnsa ris an abrarIain Thompson, am Montreal air a thurus dhachidh as na Staitean a tuath, agus bha da cheud us ceithir fichead dolair de dh-or na phoca. Achnuair a dh-fhag em baile mor sin fhuair e gu robh a h-uile sgilinn dhe air a ghoid, ’s esan air fhagail lom, falamh.

Bha bean duine bochd dan ainm Schrooder, faisg air Ottawa, as a rian o chionn uine mhor, agus bfheudar a cur don tigh-chaothich an Kingston. Ach an la roimhe co chunnacas a tighinn dh-ionnsidh an taighe ach i, si an deigh coiseachd a h-uile ceum eadar Kingston us Ottawa, sia fichead mile. Tha e coltach gu bheil i aig a tur fhein a rithist.

S iongatach cho bras sa dh-fhasas bailtean anns na duchannan iar-thuathach. Ged nach eil Winnipeg ach beagan us fichead bliadhna dh-aois, tha cheana deich mile fichead sluaigh ann, agus tha iad a paidheadh da mhuillein dheug thar fhichead de chis gach bliadhna. Tha baile Vancouver ri sail Winnipegs tha aireamh mhor de bhailtean eile tha fas a cheart cho bras.

Chaidh bathadh muladach a dheanamh aig River Dennis air an t-seachdamh latha deug dhen mhios so. Chaidh gille le Dughall MacIllinnean, aois shia bliadhna deug, a shnamh don abhinn, comhla ri gille beag eile, Ruairidh Mac Illinnean. Chaidh e ro fhada mach, agus chaidh am fear eile dh-fheuchinn ri thoirt a cunnart, achs ann a chaidh iad le cheill fodha. Mu dheireadh leig iad as a cheiles fhuair Ruairdh rir eigin gu tir, ach chaidh am fear eile bhathadh. Bha brathair dha, aois naoidh bliadhna, air bruaich na h-aibhnegan amharc, ach cha burrinn dha cuideachadh sam bith a dheanamh leotha. Chaidh a h-uile duinesa choimhearsnachd air ball a mach le batichean, ach cha dfhuaras an corp gu ceann corr us uair. Bhan gille bochd a chaill a bheatha gle mheasail aig gach aon de na bha eolach air, agus bha e anabarrach tuigseach agus tapaidh dhe aois. ’Se bainm dha Iain Donnachadh Mac Illinnean. Ben toradh aige aon cho mor sa chunnacas riamh san aite.



[34]

[Vol . 2. No. 5. p. 2]

MAC FIR ACHOIRE.

AS ANEILEANACH.”

Ciod e so? Ciod e so, Fhionnlaidh?” arsa Fear aChoire. “Am bheil dad cearr air duine no air beathach agad?”

Oh nach do thill am mart!” arsa Fionnladh.

Ciod emart?” arsa Fear aChoire.

Thoisich Fionnladh agus dhinnis e a h-uile car mar a thachair.

Oh Fhionnlaidh, Fhionnlaidh!” arsa Fear aChoire, “nacheil an t-am agad fas glic? Nacheil fios agad nach burrainn ni a bhi an sin ach pairt a dhinnleachdan Eachainn!”

Ma ta, Fhir aChoirearsa Fionnladh, “tha mi cinnteach gur ann a bhios mi fas gorach gu brath tuilleadh, ach chan fhaca mi riamh duine a chuireadh a nunn no nall mi mun rud a chunnaic mi lem shuilean fhein. Agus abharrachd air sin, is dona an rud dhuibhse a bhi gabhail oirbh gum bheil sibh acreidsinn gum bheil Eachann cho fad air adhart ann an seirbhis an donaiss gun cuireadh e am mart odhar agamsa air falbh anns na speuran gus an deachaidh i as mo shealladh thar na linne glaise, agus an sin atoirt air a h-ais agus acur a geumnaich aig bealach agharaidh, cho nadurras a rinn i riamh anns abheatha so!” Agus le sud a radh, dhfhalbh e air aghaidh; ach sheas Fearr aChoire air meadhon an rathaid mhoir mar gum biodh e feuchainn ri dheanamh a mach co-dhiubh bha Fionnladh air dol thar a bheachd no nach robh; ach cha bfhada gus am fac e Fionnladh atilleadh, agus Eachann comhla ris agus a ghunna air a ghualainn. Chaidh an dithis seachad airs iad nan ruith, gun uiread agus bruidhinn ris.

Cha burrainn don t-seann duine choir ruith, ach dhfhalbh e nan deigh cho luaths a burrainn dha.

An uair a rainig na fir far an robh am martn a seasamh, thubhairt Eachann ri Fionnladh nach robh aige ach luaidhe chaol anns aghunnas gum feumadh e peileir a chur innte. Leig e an urchair a bha innte anns an adhar agus thug e peileir as a phoca agus shuain e an crioman paipeir e, atoirt an aire aig acheart am nach be an crioman paipeirs an robh am peileir a chaidhsaghunna ach crioman paipeir gun pheileir idir. Thog e an sin an gunna rishuil, acham priobadh na sula thuit a lamhs an gunna richliathaich. Thionndaidh e ri Fionnladh agus thubhairt e, “Tha mi faicinn seachd adhaircean oirre.”

Ged a bhiodh seachd deug oirre,” arsa Fionnladh, “cairich rithe a h-uile srad!”

Thog Eachann an gunna rishuil a rithist agus loisg e air amhart. Cha drinn am beathach bochd ach a ceann a chrathadh.

Thainig Fear aChoirefhein an sin am measg na cuideachd agus thubhairt esan. “Is fada bhon a chuala mi mu chothrom Lachuinn air an reithe, ach than so againn cothrom Eachainn air amhart! Leig a stigh am mart, Fhionnlaidh, agus tog dad sheann amaideachd!”

Rachadh i stigh no mach,” arsa Fionnladh, “tha mise cuidhtes i. Cha teid deur de bhainne na beisteam bheul-sa, noam beul aon dem chuidedchd air an t-saoghal so!”

Ni mi fhein suaip riut,” arsa Fear aChoire, ’se adeanamh gaire.

Cha robh sibh riamhn ar n-eiginn,” arsa Fionnladh, “deanaibh sin fhein, ach reamhraichibh abheist— ’se sin ma ghabhas i reamhrachadhagus cuiribh do Ghlascho i; ithidh muinntir Ghlascho ruds am bith.”

Thilg Fear aChoire an geata fosgailte don mhart agus a stigh dhfhalbh i agus thug i am ba-thigh oirre.

Cait am bheil abheanFbionniaidh?” arsa Fear aChoire.

O, nacheil air falbh ag iarraidh amhairt,” arsa Fionnladh.

Ma ta, ma tha,” arsa Fear aChoire, “than t-am agadsa bhi air falbh ga h-iarraidh-se. Ma theid ise gu speuradaireachd ort, ’s i as duilghe dhuit nam mart.”

Cha chualas riamh a leithid!” arsa Fionnladh, “cha dthainig tubaist riamhn a h-aonar air neach: abhean air chall s an oidhche atighinn!” — ’s ri bhruthach thug e.

Cha robh e fad air falbh an uair a thill a bhean dhachaidh. Dhfhalbh an sin ceathrar no coignear den oigridh as deigh Fhionnlaidh, a dhinnseadh dha (ma bfhior iad fhein) gun dthainig a bhean dhachaidh. Ach mas e sin beachd a bhaca an uair a dhfhalbh iad, ’s luath dhatharraich iad e. An uair a fhuair iad sealladh airs ann a thoisich iad air a leantuinn agus air gabhail beachd air, acur nan car dheth air feadh amhonaidh.

Bha creag mhor ghruamachan taobh thall dheth ris an abradh iad Creag-na-h- uruisg. Theireadh iad gun robh na sithichean a gabhail comhnuidh innte uaireigin, agus tha mi creidsinn gun robh Fionnladhs an lan bheachd gun robh iad ann fhathast; ach co-dhiu bha no nach robh na sithichean innte, bha Mac-talla innte agus a h-uile uair a ghlaodadh Fionnladh, “Ho Iseabal!” theireadh Mac-talla a bhan Creag-na-h- uruisg, “Ho Iseabal!” cho math ris fhein. Chaidh e bho choiseachd gu ruith air, gus an robh gu leoir ri dheanamh aig na balaich sealladh a chumail air. Cha robh


A CHARAID
Ma tha thun duil dad a leughadh nosgriobhadh ruig
Stor-LeabhricheanIc Fhionghain.
ri taobhTalla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saorsa gheibh thu an aite sam bith.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun 1, 1883.



[35]

[Vol . 2. No. 5. p. 3]

Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth-dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


boinne falluis a bha tuiteam dheth nach bathadh cuileag; agus anns a h-uile ruith agus leum a bhanns ethachair gun deach e fodha ann am poll mona gu ruig an da chruachain, agus an uair a rug aon de na h-oganaich air ghualainn air, cha robh mac-talla mun cuairt aghlinne nach do fhreagair don ran a thug e as.

(A Chrioch.)


Litir a Eilean a Phruinnsa.

Tha do charaidCabar Feidhan Lunnainn aig iarraidh fios fhaotainn cia mar tha Ghaidhlic air a cumail suas an cearnan fa leth de Chanada. Is coir freagradh thoirt don iarrtas sin. Ni mise mo dhichioll air fios a thoirt mar tha chuis an Eilean-a- Phriunnsa.

Anns an Eilean so tha 109,000 sluaigh. Tha iad so air an deanaibh suas de Shasunnaich Albuannaich, Eireannaich, agus began Innseanach; achs Albannaich agus clann Albannach a chuid is lionmhaire de luchd-aitiche an Eilein so. Agus dhiu so buinidh a chuid is pailte do Thir nam Beann. Ann an aidmheil tha iad air an roinn mar so, 62,000 Protastanach agus 47,000 Papanach. Anns an Eiglis Chleirich(Presbyterian)tha 34,000 sluaigh, air an roinn nan deich co-thionalan fichead. Ann an deich dhiu sin tha Gaidhlic air a searmonachadh agus ann an tri no ceithir eile bu choir i bhi air a searmonachadhach tha Ministearan Gaidhlic gann agus ged tha Gaidhlic aig an t-sluagh tuigidh iad Beurla. Anns an Eiglis Phapanach tha mu thimchioll 28 Co-thionals mun cuairt air an aireamh sin de shagairt. Is Gaidhail ochd deug dhiu, agus is Easbuig Gaidhealach thair an ceann, an t-Urram. I. C. Domhnullach, an Charlottetown.

Tha againn mar an ceudna 6,000 Baisteach, 7,000 den Eiglis Shasunnaich agus 13,000 Methoduch, ach chan aithne dhoth gu bheil moran Gaidhlic nam measg sin.

Than sheann mhuintir gle mheasail air a Ghaidhlic ach than oigridh cho fileannt anns a Bheurlas gur i is deiseile le moran aca bhi labhairt. ’S tha cuid againn, mar thagaibh fhein, fhir mo chridhe, a call na Gaidhlic anns na Staiten! Cha neil Gaidhlic air a teagasg sna sgoileans mar sin tha moran nach urrainn a leughadh. Ach, coma co dhiu, tha eolas a fas agus mar sin tuille luach aig muinntir ga chur air a Ghaikhlic mar chanan aosmhor agus bhlasda.

Slan leat. S math leam thu thi fas mor. C. C.

Strath-Alba, P. E. I., Iulaidh 20mh, ’93.


GHLEIDH EBHEATHA. —Molidh miseDr . Fowlers Extract of Wild Strawberry, oir ghleidh a mo bheatha dhomh nuair a bha mi mu shia miosan a dh-aois. Tha mi nise ceithir bliadhna deug a dh-aois.
FRANCIS WALSH, Delkeith, Ont.


Litir a Gleann-a Garraidh.

A CHARAID, —Thachair dhomh le tuiteamas aon dhe na paipearan naidheachd Gailic (Mac-Talla) a tha thu a clo-bhualadh fhaicinn sa leubhadh. ’Se aireamh a cheud la dheth nGhiblean, 1893, a chunnic mis gad as ann an Canada a rugadh sa dh-araicheadh mi, gidheadh cha bu toil lium a cheud chlach na clach idir a thilgeil air cainnt na air duthaich mathraichean. Thmoran Ghaidhell ann san t-siorramachd so.

Mar charaid smar fhear duthcha tha mi ann a so a cuir pris bhliadhnail a phaipeir ga tionnsaidh an dochas gun gabh thu gu caoimhneil bhom laimh e. Sgum bi do thoileachadh agam am paipeir fhaighinn an uine ghoirid. Tha mi leth char sean air son dol astar fada a dhiarraidh fabhar gabhail air do phaipear. Tha mi tri-fichead bliadhna sa h-aon deug a dhaois. Ach ma dhfheudte gun amais mi air neach eiginn og a ghabhais ri dol man cuairt air son a phapeir.

Thainig mo pharantan don aite so a Loch-abar an Albinn sa bhliadhna 1802. Mar sin as Canadach mise a thaobh breth as arach. A thaobh teachd-an-tir as tuathanach mi. ’Sa thaobh aidmheil do dhEaglais Shaor na h-Alba, Nan robh thu cho teann orm sa tha thu cho fada as, rachainn uair-eiginn air cheilidh ort. Beannachd leat aig an am so.

Do Charaid,
AONGHAS MAC ILLE-MHAOIL.
An Lagan, Siorramachd Gleann-a- Garraidh, Ont.


Bha mis air mo leigheas de Bhronchitiss den chuing leMINARD ’S LINIMENT.
MRS. A. LIVINGSTONE.
Lot 5, P. E. I.

Bha misair mo leigheas de dhroch loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN MADDER.
Mahone Bay.

Bha misair mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois leMINARD ’S LINIMENT.
JOSUA WYNACHT.

A DHAOIN UAISLE, —Bha mi air mo leigheas le tri botuill de B. B. B., an deigh dhomh bhi fada tinn le cion cnamhidh bidh, agus chomharlichean dhaibh-san air am bheil an tinneas ceudna B. B. B. fhiachinn.

LeighridhMinard ’s LinimentDeideadh.



[36]

[Vol . 2. No. 5. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE IULAIDH 29, 1893.

Tha e gle choltach, leis gach ullachadh a tha rioghachdan na Roinn Eorpa a deanamh gu bheil duil aca ri cogadh, ged a tha sinn uilen dochas gum bi iad air am mealladh mar a bha iad uair us uair roimhe. Nuair a chithear an seillean a tionail na mealla, ’san seangan us creutairean eilecruinneachadh storas dhaibh fein, faodar a ghabhail mar chomharra cinnteach gu bheil duil aca ri geamhradh fada, fuar. Agus air an doigh cheudna, nuair a chi sinn an Fhraingsa Ghearmailt a ceannach gach feoil us ni air an urrinn dhaibh greim a dheanamh, ’s gan storadh suas, agus gu bheil eadhon Breatuinn a bruidhinn air toiseachadh air ceannach nas urrinn dhi fhaotinn de chruithneachd, agus a runachadh a h-armailt-chogidh a neartachadh, faodidh sinn a bhi cinnteach gu bheil lan dhuil aca ris an t-sith a bhi air a bristeadh an uine ghoirid.


Sean Fhacail.

Leum au garadh far an isle.

Leisgeul arain gu ithime.

Leig an t-earball leir a chraicionn.

Lionar long le sligean.

Lionar bearn mhor le clachan beaga.

Ludh an t-sneachda,— ’tighinn gun sireadh gun iarraidh.

Oran na ba maoile— ’tha mi ullamh dhiot’.

Olc mun fhardaich, ’us math mun rathad mhor.

Olc no math mo bhriogais fhein, ’sis fhearr dhomhsa.

Ni an imrich thric an airneis lom.

Na toir breith a reir coltais; faodaidh cridhe beairteachbhi fo chota bochd.

Na toilich do mhiann gus am fiach thu do sporan.

Na spion fiasag fir nach aithne dhuit.

Na tilg dhiot an sean aodach gus am faigh thun t-aodach ur.

Na ni am bodach lechrogan, millidh e lespogan.

Nam biodh mo chu cho olc ionnsachadh riut, ben ciad rud a dheanainn a chrochadh.


Litir o Mhor.

FHIR DHEASACHAIDH, —Thanig MAC-TALLA gam iunnsaidh air a dhubladh am miadachd. Tha sibh a toilltinn moran cliu air son an oidhirp a tha sibh a dianabh gus an Ghalig a chumail suas agus tha dochas agam gun cum na Gaidhil air chuimhe dhuibh e.

Tha na huisgeachean a bhann bho chionn laithean an deigh coltas math a chuir air fiars air barr agus tha dochas againn gum bi iad nis fhearr na bha duil againn aon uair. Tha na daolagan gidheadh, ri milleadh mor air barr a bhuntata.

Tha mi faicinn gu bheil Seonaid agus Caorstaidh an cunnart a bhi namhaichean a cheile man cuid aitichean tamha. Tha eagal orm gun dthig an chuis gutrod-nan-cailleachorra.

Tha no boirionnaich choire dearbhadh an tseanfhacail, “Saolaidh faolag an droch cladaich gur h-ecladach fhein is fhearr a thann.”

Tha Seonaid le bosd mor a labhairt marathad iarainn each iarainn &c .” Togadh i dhe spaglain! ’S mutha gu mor a bha do dheolas aicair lair-mhaide. Each iarainn gu dearbh! Cha nfhaca mi fhein each iarrainn riabh, ged a chunnaic mi eich a bha cruaidh, tana gu leor.

Tha Caorstaidh a deanabh uaill mhor as gu fac i fear-riaghlaidh na Mor-roinn. Cha mhor nach dthuirt i gun do bhruidhinn e rithe, seadh gun do dh-iarr e oirre teannadh as an rathad mar a dh-iarr an righ air an amadan. Ach feumaidh mi stad mas faigh fear no headraigain buile.

MOR.
Eadar Margaree san Camus, Iulaidh 21.


As a Bhain Iar.

Thoisich mi air faighinn MHIC-TALLA leis an darra h-aireamh agus tha mi duilich nach dhfhuair mi an ceud aon. Tha cach uile air sgeul agus lauchmhor na mshuilean.

Tha mi gle thoilichte le piseach MHIC-TALLA, agus leis a so faigh mo dholar air son na bliadhna so.

Tha Gaidheil ann a so, mar an aitean eile, bhios gle dheonach a bhi leubhadh no cluinntinn sgeulachdan MHIC TALLA nach bi idir deonach dolar a chosg air son fhaotinn dhaibh fhein fad bliadhna, ach a chuireas ann a tombaca no ann an goirich eile, cor sa sheachd uiread.

Mur buan MAC-TALLA, co aige bhios a choire? Againne, Gaidhil Chanada.
Do Charaid,
SEUMAS.


LeighsidhMinard ’s Linimentlosgidhean.


STANDARD
Life Assurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. . . $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[37]

[Vol . 2. No. 5. p. 5]

MAC ASGUILL MOR.

(Air a leantuinn.)

Am feadh sa bha eg iasgach, mar a thuirt mi roimhe, thanig duine geur de Shasunnach dam bainm Dunseath an rathad, agus air dha Mac-Asguill fhaicinn, rinn e suas na inntinn fein gum biodh e na dheagh ghnothach dha a thoirt leis do thiribh cein gus a bhiga shealltuinn mar ioghnadh. Mar sin an deigh moran tagraidh dh-aontich Mac-Asguill falbh. Rinn Mr. Dunseath moran airgid a bhliadhna singa shealltuinn an Nobha Scotia, an Canada, ’s anns na Staitean; cha robh Mac Asguill ach air thuarasdal aige agus uime sin cha drinn e moran beairteis. Ach air an ath bhliadhna rinn e cordadh eile ri Mr. Dunseath. Bha an t-airgiod ri bhi air a roinn eatorra, uiread us uiread aig gach fear, agus air an doigh sin rinn e sporan math airgid. Air an turus so bha e fhein usTom Thumbair an sealltuinn cuideachd, agus bu shealladh ri fhaicinn an t eadar-dhealachadh a bheatorra, agus an luaths leis an rachadhTom Thumbtroimh chleasan araidh maille ri Mac-Asguill. Dhannsadh e air a bhois, leumadh e o laimh gu laimh, agus an sin chuireadh am fear eile na phocaid e.

An ath bhliadhnan deigh sin, ghabh e aig fear eile air an aon chordadh. Air an turus sin chaidh a thoirt air beulaobh na Ban-righ, a thuirt gu robh i gle thoilichte fhaicinn gu robh famhaireangan arach an Alba Nuadh cho math sa bha ann an Seann Alba. Thaghail e mar an ceudnasna h-Innseachan an-Iar, far an dfhuair en t-ainm Beinn-Chasguill. Air a thilleadh as na h eilaanan sin bhan luing anns an robh air a ruith le creachadairean, agus mur biodh a neart sa threine, bha i air a glacadh, ’s na bhair bord air an marbhadh.

An deigh so bha e am baile New Orleans, far an deachidh geall a chuir ris nach togadh e acaire soithichsan robh tunna chudthrom. Thog en t-acaire gun striths chuir e air a ghuallinn e, ach nuair a bha ega leigeil air an lar rug e air ghualla airs cha deachidh e na aite fhein riamh tuilleadh. Tha moran dhen bharail gu robh rud-eigin aige so ri dheanamh ri bhas.

Chaidh e rithist don Spainn far am face sabaid nan tarbh agus iomadh ni eile nach fhac e riamh roimhe, ’s nach robh idir a tighinn ri chail. Ged a bin Spainn duthichsam bu mho rinn e dh-airgiod, dh-fhas e cho coma dhis de chleachdannan an t-sluaigh, ’s gu robh fadachd air an ruigeadh e a dhachidh fhein. Thanig e dhachidhse ann an droch shlainte. Thoisich e air ceannachd, ’s air iasgach a bhradain, ’s shoirbhich leis gu math. Cheannich e fearann do gach aon debhraithrean, ’s dh-fhag e iad uile gu math air an doigh. Anns gach gluasad a rinn e bha e nochdadh gu robh e caoimhneil agus onarach, agus bha e na dhuine air dheagh ghiulain fad a bheatha.

Cha robh e ach ochd bliadhna fichead nuair a dh-eug e. Ghabh e fiabhrus trom a lean ris uine fhadasa thug a bhas. Bha a chiste-laidhes na chuireadh a chorp tri troidhean deug a dh-fhad. Bha e air adhlacadh am Baile-nan-Gall, far a bheil an uaigh aige air a comharrachadh le claich air a bheil ainm sgriobhta, agus am a bhreithsa bhais.


Guth bhon Chamus.

Than t-side air tionndadh fabharrach don bharr o cheann da sheachduin. Bithidh am feur nis fhearr na bha feadhainn acuir air mhanadh dha mu thoiseach amhios, ach ged a bhitheas tha reusan aig amhor chuid air a bhi gearain. Tham barr coirce, eorna, ’us cruinneachd, anabarrach gealltannach agus fad air thoiseach air mar a bha e mun am son uiridh. Tha na daolagan ri fhaicinn air barr abhuntata ach cha n-eil min dul gu bheil iad cho paillts gun dean iad mor chall air a bhliadhna so fhathasd.

Bha iasgach arionnaich gle mhath air an t-seachdain sa chaidh. Than t-iasg so daonnan an deagh phris, agus saoilidh mi nach bidh e gle mhor na ghlacadh gach iasgar dhethnuair a bhiodh e riaghailteach toilichte.

Bha aon de na cruinnichean sin ris an abrairconcertaig sgoilearan Dhunbheagain o cheann corrus seachdain. Bha ceol, orain, comhraidheans gach fearras-chuideachd den t-seorsa sin ann gu paillt agus air an toirt duinn gu nadurra, snasail, ionnsaichterud a tha na chliu mor araon do na sgoilearan agus don mhaighstir-sgoil.

Than t-Urramach Domhnull Siosal an drasd air sgriob air feadh cuid de bhailtean mora na Staitean, agus tha sinn uile ann an dochas laidir gum bi mor thoil-inntinn aig air a chuairts gun till e dhachidh thugainnan deagh shlainte.

Chaochail ann a so o chionn uine ghoirid duin-uasal og, cliuteach, dham bainm Seumas Mac Illios, maighstir sgoile. Bha ionnsachadh math aige, agus bha meas mor air anns gach aites na theagaisg e.

Tha mi tuigsinn nach eilCaorstaidhair son mibhi cur cearna sam bith an coimeas ann am maise ris an oisinn iomallaich anns a bheil i fhein atamhachd. Tha i gu math sgaiteach leis apheann agus cha toil leam cur amach oirre. Is fearr leam a fagail na beachd fhein na sin a dheanamh.
SEONAID.
Iulaidh 26 la, 1893.


Se K. D. C. an leigheas as fhear rag tha ri fhaotinn air son droch stamag.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


THA
STOR SAOR SHIDNI
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.

Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, as fhiach $5 .00.. .. .. 1.00
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15

Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.

Bruidhridh na cleirich Gailig.



[38]

[Vol . 2. No. 5. p. 6]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.

Bhan oidche dluth, agus uime sin rinn iad cabhaig chum na stucan a thearnadh. Do bhrigh gun robh an tearnadh duilich ghreimich iad ri aon a cheile air eagal gun tuislicheadh iad agus gum briseadh iad an cnamhan. A dh-aindeoin an curam thuislich cuid diu. Cha bioghnadh e gun shleamhnaich iad, oir bhan suilean lan de dheuraibh.

Rainig iad an traigh, ach, a chionn gu robh an soitheach na luidhe aig acair bha iad an ioma-chomhairle cia mar gheibheadh iad air bord.

Spion Peadar dheth a chota chum snamh. Labhair Tomas mu shlaod uisge; thog an Aithair suas a ghuth agus ghlaodh e, “Soitheachn ceann!” Nuair nach d-freagradh e, ghairn e rithisd.

Bha grian an anmoich a dearsadh air an t-soitheach, gus an robh ig amharc ni bu mho na bha i roimhe.

Rinn oiteig an anmoich an rinn nuallan air na h-uisgeachan; thuiteadh an dorchadas orra a thiotadh.

Bha eagal air Talamh Dearg, agus a Theaghlach, air dhoibh teachd an fhad so nach gabhte steach don t-soitheach iad; agus air dhoibh cromadh comhlath air an traigh, rinn e urnuigh: “O Thighearna greas chum ar cuideachadh.”

An sin thaisbean aon cosmhull ri Mac an Duine e fein air clar uachdar na Luinge. Shin e mach a lamhan agus thubhairt e, “Thigibh a mionnsuidh-sa sibhse uile a ta ri saothair, agus fuidh throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhiubh. “Tha e gar gairmarsa Talamh Dearg, le gairdeachas, “Ach am bheil an guth air an son-ne?” dh-fhoighnich Tomas.

O thusair bheag creidimh,” thubhairt athair, nach eil Leabhar na Beatha ag radh. “Ge be neach leis an aill, thigeadh e?” Agus tha mi faicinn lem shuilean fein aon coltach ris a choigreach bheannaichte a dh-aithn duinn teicheadh on fheirg a ta ri teachd,” thubhairt ant-athair.

Och nach robh agam sgiathan mar choluman! —” ghlaodh Peadar, agus thug e ionnsuidh mar gun coisicheadh e air an uisge. Chaidh Tomas air faontradh measg nan creagan, agus air dha bhi fearrsheallach, thubhairt os iosal,” ’Se bhi faicinn creidsinn.”

An sin bha bata beag air a leigeal sios bhon t-soitheach, agus dh-iomaradh i dh-ionnsuidh a chladaich, le aon sgeadaichte ann a fionnadh chamhal, agus a ghuth a seirm thairis air na h-uisgeachan ag radh, “Gabhaibh aitheachas, oir a ta rioghachd neimh am fagus.” Nuair rainig e asdar bruidhne thubhairt e ri Talamh Dearg. “Co tha thugiarraidh?” Fhreagair Talamh Dearg. “Bu mhiann leinn dol air bordSgeul a mhoir aoibhneis.” “Na threig thu Babilon gu tur as gu brach?” Fhreagair Talamh Dearg, “Threig.” An sin thubhairt an Teachdaire. Se n soitheach tha thu faicinn da rireadh. Sgeul a Mhor Aoibhneis, chaidh a togail le Emmanuel, faodaidh na h-uille a chreideas tighinn air bord.

N trath bha iad a labhairt thainig an Teachdaire nis dluithe agus nis dluithe na bhata aig an robh sgriobhta air a raimh na facail so. “SeadhagusAmen.” Be ainm a bhat aige, “An Gealladh.”


M BHEIL CEANN-GOIRT ORT? Leighsidh B. B. B., ceann-goirt, oir tha e tighinn bho dhroch-stamag, ’s bho thiemeas a ghruain, agus tha B. B. B. a glanadhsa riaghileachadh na fala agus mar sin a deanamh feum don chorp uile.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.

ThaMinard ’s Linimentri reics gach aite.


Tha Dotairean ag radh nach dig Choleranad choir ma bhios do stamag glan. Glanidh
K. D. C
do stamags cumidh e air falbh an Cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.

Ainmich am paipear so.


DR . WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botull.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhannan, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Donghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[39]

[Vol . 2. No. 5. p. 7]

Eadar-Theangachadh bhoUtopia.”

LE CABAR-FEIDH.

Nach eil an riaghlachadh sin an da chuid mi-cheart agus mi-thaingeil a tha cho struidheil le chuid baighean dhaibhsan ris an abrair daoine-uasal, no or-cheaird, no an leithid eiletha diomhain, no beo aon chuid le miodal no le bhi tionnsgain innleachdan airson toileachas-inntinn faoin, agus air an laimh eile nach eil a gabhail curam sam bith dhiubhsan a tha de sheorsa nis diblidh, mar treabhaichean, guaillearan, agus goibhnean as engmhais nach burrainn dha cumail suas? Ach an deigh don mhor-shluagh uile thairbhe an seirbheis a mhealtuinn agus a thig iadsan gu bhi air an claoidh le aois, euslainnte, agus gainne, tha an saothair uile agus am maith a rinn iad air an di-chuimhneachadh agus sen duais a tha iad a faotainn gum beil iad air am fagail gu basachadh ann an amhghar mor. Tha an seorsa as beartaiche gu tric a feuchainn ri duais luchd-obair a lughdachadh, cha n-e mhain len cleachdaidhean cuilbheartach ach leis na laghan a tha iad nam meadhon air a dheanamh chum na criche sin, air dhoighs gun dthug iad do na cruaidh-chasan so ainm agus dreach ceartais le bhi faotainn laghan air an deanamh gu bhi gan riaghladh, ged a tha e na ni ro mhi-cheart ann fhein duaisean cho beag a thoirt dhaibhsan tha cho toilltinneach air nithe maith bhon t-sluagh.

Air an aobhar sin feumaidh mi radh, mar tha duil agam ri trocair, nach urrainn dhomh beachd sam bith eile bhi agam de gach riaghlachadh eile tha mifaicinn no is aithne dhomh, na gur ethannta cealg chomhairle dhaoine saobhir nach eil ach an toir air an ruintean diomhair fein ged a tha iad a cumail a mach gum beil iad a riaghladh an t-sluaigh, agus a thadealbh gach doigh agus innleachd is urrainn dhaibh fhaotainn a mach chum, anns a cheud aite, gum feud iad gun chunnart gach ni a fhuair iad air doigh cho eucorach a ghleidheadh agus an sin an sluagh bochd a thuarasdalachadh gu saothrachadh agus oibreachadh air an son air duais cho beags a dhfheudas a bhi, agus air sarachadh uibhirs a thogras iad; agus ma theid aca air na h-innleachdan so a steidheachadh le coslas ughdarras follaiseach, air am beilear ag amharc mar nitha taisbeanadh toil an t-sluaigh gu leir, an sin tha iad air am meas nan laghan; gidheadh an deidh do na droch dhaoine so, len sannt do-shasuchaidh na nithe sin a roinn nam measg fein lem feudadh cach uilebhi air an riarachadh gu cothromach, tha iad fada gearr air an t-sonas sin a thair a mhealtainn a measg nan Utopianach, oir air do mhiann, agus mar an ceudna gnathachadh airgeid a bhi air an cuir as, tha moran iomagain, agus fathan mora uilc air an gearradh as mailie riu; agus co nach eil a faicinn gun sguireadh cealgaireachd meairle, reubainn, comh-stri, aimhreite, strith ceannairc, mort, foill agus buidseachd, nithe tha da rireadh air am peanasachadh agus chan ann air an coisgeadh le cruadhas an lagh, mur robh luach air a chur air airgiod nibfhaide leis an t-saoghal? Rachadh as do uile eagalan, iomagainean, churaman, shaothraichean agus fhaireachan dhaoine aig a cheart am ri luach airgeid agus theirgeadh eadhon bochdain fhein ged a than t-airgiod cho feumail air son a bhi ga leasachadh.


Oran Gaoil.

(Do Chatriona Nic Aonghais ann aMuideart. Le Aonghas Ceanadach. Ma tha tuilleadh air an oran, cha chuala mis e. —Domhnull.)

Chatriona bhoidheach gun tug mi speis dut;
Gur buidhan oigear gheibh coir da fhein ort;
Da chuailean boidheach mar or na h-Eipheit,
Ga charadh suas ann an ordugh gle mhath.

Mo cheist achaileag than tir aChoirneil;
Gur math thig siod agus pios den t-srol dhut;
Do chuailean riomhach mar shithean eorna;
Gun suibhlain fhin leat nam bi tu deonach.

Mo cheist a chaileag as grinne nadur;
Gur buidhan oigear a gheibh do mhanran;
Mar faigh mi coir ort gun teid mo charadh
An ciste chaol,— ’s e do ghaol a chraidh mi!

Ged bhithinn trom, dheiradh fonn le sunnd orm;
Ged bhithinn tinn, cha bhiodh minntinn bruite,
Nuair chi mi chaileag as glaine giulain
Dhan tug mi gaol thar gach aonsan duthich.

Gad a shiubhlain fads tha meolas,
Eadar Muideart agus Moror,
As a sin gu ruige Cnoideart,
Chan fhaic mi h-aon ann, a ghaoli dhe dsheorsa.


Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

LeighsidhMinard ’s Linimentcannabhrist.

Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.



[40]

[Vol . 2. No. 5. p. 8]

Oran do Dh-Ailain Muidertach.

Chi mi, chi mi, chi mi thallad,
Chi mi na feidh air a bhealach.

Ho ri iru o hi-il o ro ho,
Ho ri iru o hi-il i ri iu,
Ho ri iru o hi-il o ro ho.

Chi mi na feidh air a bhealach,
S an giomanach fhein gan leanailt,

Leghunna caols le mhiol-choin sheanga.
Dhireadh bheannsa thearnadh bhealach.
Dhfhagadh cun damh donn gun anail.
Air an fhraoch a call na fala.
Bhiodh do mhiol-choin sgith gan leanailt.
Bhiodh do ghillean sgith gan tarruinn.
Ann san anmoch tighnn gu dbhaile.
Far am faighteadh feidh gun ghainne.
Ol is ceol is comhradh tairis.
S beg an t-ionghnadh thubhi smerail,
S tu mac-oighre Mhic- ”Ic-Ailain.
Oghas iar-oghnam fear fearail.
Dheanadh luchd an streup nan lannibh.
S car thu do Mhic-Leoid na Hearadh.
S do Mhac-Dhomhnuill Duibh on darich.
S tha thud bhrathair do na fearabh.
Dheanadh eirigh leat gu h-elamh.
N t-armunn treun be-fhein an cennair.
S an laoch gleust o Ghlen na-Garadh.
Dheanadh reubadh air na Gallibh.
La Raon-Ruari fhuair sibhn ceannas.
Chuir sibh ruaig gu luathna dennibh.
Sgathadh ghualann, chluas, is cheannibh.


Oran a Mhaorach.

(Bidh muinntir Eilean PhrionnsIomhair air deigh nan ainicheansa gheamhradh, ag cladhach poll maoraichs ga tharruing gu tir le eich. Is tric leo bhi gabhail an dinnearach air an deigh)

AIR FONN, —Horos ann again than gaol art.

LUINNEAG.

Horos droch obair a maorach
Thug iomadach giobalan gaoid as
Horos droch obair a maorach.

S droch obair am pollga tharruing a toll
Na bhoganach eiserach phlaosgach.
Horo &c .

Bi h-uile fear againn dol sios anns a mhaduinn,
Us fhiaclan a snagadichs craos air.

Nuair thig an t-am bidhsa ruigeas sinn tir
Bi pocannan bidhgan sgaoileadh.

Bi n ti gun deosan t-aran na sgodan
S cluigeanan reota ri taobh sin.

Theabas Eirionnach mor a thachdadh le feoil
Na shuidh air an tor ga caobadh.

Shuidh Tearlach Mac Laoid air boganach loid
Bha lathach ma thoin na laoplach.

Nuair thug e sin tomhadh mu thiomcheall a ghnothaich
Sann bha air reothadh sa mhaorach.

Achs ann a bha fuathas nuair chualas a steall
Rinn Nealldolsan toll le daoraich.

Chaidh Aillean na bhreislich ageubhachse teichadh
Bi bathadh air eich agus daoin ann.”

Thuirt Alastair Garbhmun gabhadh e teanchas
Dhfheumta an fhairge thaomadh.”

Thuairt Ruairis e crom air bearradh an tuill
Gun dfhuair mi greim air mhaoil air.”

Sin Thuirt Mac-a- PhearsainCum greim, na lig as e!
The botalna Achlais is taom ann.”

Than t-am again togail de u deigh is mo-thogair
Oir s salach an obair an maorach.

D.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Mac Gillios & Mac achuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin.

titleIssue 5
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 5. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page