[Vol . 2. No. 7. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, OGUST 12, 1893. No. 7.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Tha tuathanach ann a Middleton, N. S. a chuir ochd ceud fichead galan de na suidheagan lair gu margadh air an t-samhradh so.
Tha coig duine as a cheud an Canada nach urrinn aona chuid leughadh no sgriobhadh a dheanamh. Tha so gle fhad air ais de dhuthich anns a bheil sgoilean us taighean foghlum cho lionmhor.
Chaidh duine agus bean a mhuinntir Halifax a chur do’n phriosan an la roimhe air son droch dhiol a bha iad a deanamh air nighean bheag a bha air a fagail air an curam. Fhuair an duine tri miosan, agus a bhean sia miosan.
Chaidh soitheach a mhuinntir St. Pirrre a ghlacadh aig Sidni-a- Tuath madinn Di-domhnich s’a chaidh. Bha na batichean aice air am faicinn a dol gu tir le luchd de dheoch laidir, agus thanig oifigeach na cuspuinn orra gun fhios, gun fhaireachadh, agus ann an ainm na ban-righ ghabh e sealbh orra. Chan fhaigh an soitheach a spogan an lagha gus am paigh a sealbhadairean ceithir cheud dolair de chain.
Bha Seoras Mac Coinnich, duin’ og a mhuinntir na Forks air a leon gu dona faisg air na meinnean guail an Cove Kelly Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e fein us dithis no triuir eile ag obair air togail drochid. Dh-fhuasgil an obair fhiodha air an robh iad air doigh eigin agus thuit iad do’n uisge. Thuit maide air muin ’Ic Coinnich ’ga goirteachadh gu dona. Tha sinn a cluinntinn co-dhiu gu bheil e ’dol air taobh an fheabhais, agus gu bheil a h-uile ri e bhi ’n uine ghoirid cho slan sa bha e roimhe.
Tha na paipearan-naigheachd a feuchinn a h-uile latha ri fhaotinn a mach gu de ’n co-dhunadh gus an danig na h-uaislean ris na dh-earbadh an cas a tha eadar Breatinn ’s na Staitean a thaobh Cuan Bhering. Cha mhor gu’n tig paipear an rathad aig nach bi sgeul eigin uime, ag innse aona chuid gu bheil na Staitean an deigh an cas a ghleidheadh no chall. Cha neil fhios fathast cia mar a tha dol dhaibh, ach ’s cinnteach nach fada ’nis gus am bi iad a deanamh am breith follaiseach.
Chaidh fear Calum Mac-a- Phi, a bha o chionn aireamh bhliadhnichean a mach ’sa stigh as a phriosan air son ol us aimhreit, a ghlacadh an la roimhe air son bristeadh a mach as a phriosan, agus air son priosanich eile a leigeil fuasgailte. Thugadh gu cuirt e Di-mairt sa chaidh agus an deigh do’n bhreitheamh Dodd eisdeachd ris na bha ri radh air gach taobh de’n chas, thug e dha tri bliadhna ’s tri miosan de’n tigh oibreach. Dh-fhalbh e air a thurus gu Dorchester madinn Dior-daoin.
Chaidh dithis thuathanach a mhuinntir Dorchester, N. B., thar a cheile mun cuid chaorach agus cha deanadh dad an gnothuch ach a dhol a shabaid. Anns an t-seorsa sabaid a bh’aca bhristeadh meur an darna fear dhiubh, agus chuir e am fear eile san lagh air a son. Chaidh a chuis air beulaobh nam breitheamhna agus rinn iad sin a mach gu robh coir aig air da cheud ’s leth-cheud dolair ’s a h-ochd air son call na corraig. Nach b’i corrag an aigh i! Nan robh e air na meoirean a chall uile bha fhortan deanta.
Bi’dh na paipearan gu tric a toirt iomradh air cho mi-rianail sa tha cearnan de na Staitean, agus gu h-araidh air cho beag suim sa tha de bheatha dhaoine. An la roimhe thanig sgeul air ionnsidh a thugadh ann am baile an Indiana air dithis bhraithrean da’m b’ainm Conrod a chrochadh. Bha amhrus aig muinntir a bhaile gu’m b’iad a chuir as da’n athair a dh-eug gle ath-ghearr s’a gheamhradh sa chaidh. Chuireadh fios da’n ionnsidh mur fagadh iad am baile gum biodh iad air an crochadh, ach cha tug iad cluas. An oidhche roimhe thanig corr us ceud duine thun an taighe gus am bagradh sin a chur an gniomh. Dh-fhalich na braithrean iad fein faisg air an tigh, agus loisg iad air an t-sluagh a theich air ball a fagail coignear marbh nan deigh. Air dhaibh tilleadh a rithist chaidh an ath fhras nan deigh a rinn tuilleadh marbhidh. Theich na Conrods as a bhaile romh mhadinn. Tha ’m fios ag radh gur iad an fheadhain a mharbhadh na daoine bu mheasaile ’sa b’fhearr a bha sa bhaile. ’S ann a bha ’m fearr gun a bhi ann idir.
[Vol . 2. No. 7. p. 2]
ORAID GHAILIG
a liubhair an t-Urr. Iain Mac Griuridh aig coinneamh bhliadhnail a Chomuinn Ghailig an Inbhirnis, Iulaidh 13mh, 1893.
Fhir na Cathrach, a mhnathan uaisle agus a dhaoine uaisle gu leir. —Cha robh mise riamh aig a’ leithid so de chuideachd, agus mar a tha e furasda gu leor dhuibh a thuigsinn, tha mi ’g am fhaireachadh fhein mar nach d’ fhairich mi mi-fhein riamh roimhe. A nis, o ’n a tha agam ris na nithean a th’ air m’ inntinn aig an am so innseadh dhuibh gu soar, soilleir, feumaidh mi staid m’fhaireachduinean innseadh dhuibh anns a’ cheud dol a mach. Tha mi ’g am fhaireachadh fhein ann an tomhas coltach ri mar a bha ’n t-Eirionnach ’ga fhaireachadh fhein an uair a fhuair a bhean aige bas. “Cia mar a tha thu ’g a d’ fhaireachadh fhein an diugh, a Sheaghain,” arsa Brian? “Chuala mi gu’n d’ fhuair a bhean agad bas.”
“Tha mi ’g am fhaireachadh fhein,” arsa Seaghan ’s e ’fregairt, “mar nach d’ fhairich mi mi-fhein riamh roimhe—tha mi araon gle thoilichte agus gle mhi-thoilichte. Tha mi gle thoilichte a chionn gu’n d’ fhuair a bhean bas; ach tha mi gle mhi-thoilichte a choinn nach d’ fhuair i bas o chionn fada.” Tha mise gle thoilichte a chionn gu bheil mi ann an so air an fheasgar so, agus tha mi duilich nach do thachair dhomh a bhith aig coinneamh dhe ’n t-seorsa so riamh roimhe. Ach feumaidh mi aideachadh gur ann agam fhein a bha ’choire. Fhuair mi cuireadh uair is uair gu tighinn do ’n bhaile so aig am a’ cho-chruinneachaidh bhliadhnail; ach bha draghannan an t-saoghail agus nithean eile ’gam chumail air m’ ais. Tha mi gabhail a’ chrothrom so, ma ta, air moran tainig a thoirt do ’n Chomunn-riaghlaidh agus do ’n Runchleireach air son na h-ard-urram a chur iad orm ann a bhith ’g earbsadh rium labhairt ris a’ cho-chruinneachadh mhor, mhaiseach so ann an seana chanain nan Gaidheal. An uair a dh’ aontaich mi tighinn, thuirt mi ris an Run-chleireach, nan tugadh an Comunn-riaghlaidh bonn labhairt dhomh, gu feuchainn ri labhairt air a’ bhonn sin; ach dh’ fhag iad mi gu saorsa mo thoile fhein, agus tha eagal orm gu’ m bi aithreachas orra. Ach faodaidh mi radh le firinn gu feuch mi ri labhairt air dhoigh nach toir oilbheum do neach sam bith aig am bheil speis do chanain aosda nan Gaidheal. Faodaidh e bhith gu ’m bi ar cairdean aig nach ’eil a’ Ghailig a’ gabhail beagan fadachd mu ’n cuir mi crioch air na bheil a mhiann orm radh; ach an uair ainneamh a theid oraid Ghailig a liubhairt do ’n Chomunn Ghailig aon an Ceanna-bhaile na Gaidhealtachd, cha bu mhisde a’ chuis ged a bhiodh foighdinn air a chleachdadh eadhon ri oraid a a tha mi nis a’ labhairt, Is ann mu ’n Chomunn so, ma ta, a tha ’mhiann orm labhairt, agus their mi (1) beagan mu ’n obair mhath a rinn an Comunn mar tha, agus (2) ma ’n obair a dh’ fhoadas an Comunn a dheanamh ’na dheigh so. Tha ’n Comunn a nis air tighinn gu aois—tha e bhliadhna ar fhichead a dh’ aois. An uair a thig na mic a’s sine aig nachdairain agus aig daoine a tha ann an ard-inbhe agus an ard-urram anns an t-saoghal gu aois bliadhna ar fhichead, bidh greadhnachas agus fleadhachas gu leoir air a dheanamh mu’n timchioll. Bheirear iomradh air mar a bha iad ’gan gluasad fhein o am an leanabais gus an tig iad gu aois lan dhaoine. Ma bha ’n caitheamh beatha o’n oige maiseach, bidh a h-uile duil gu lean iad air a bhith mar sin, agus a’ sior dhol ni’s fhearr, gu latha deireanach an saoghail. A nis, ged nach eil mise mion-eolach air eachdraidh a’ Chomuinn anns gach ni o thoiseach gu deireadh, tha e soilleir dhomh gu robh, agus gu bheil soirbheachadh mor aig a Chomunn. Tha seachd deug de leabhraichean maiseach, loma-lan fiosrachaidh agus foghlum air an cur a mach leis a Chomunn, agus mu ’n tig bliadhna eile bidh fear no dha eile ris an aireamh. Bha lamh aig iomadh neach anns an obair mhath so: mur bitheadh, cha gabhadh i deanamh idir. Tha so a’ teagasg dhuinn ma bhios clanna nan Gaidheal ri guaillean a cheile mar bu choir dhaibh a bhith, gu ’n teid aca air moran math a dheanamh. Tha e nis soilleir dhuinn gur e am peann a’s cumhachdaiche na ’n claidheamh, agus o’n a ghabh aireamh mor dhe na Gaidheil tlachd ann a bhith ’g obair leis a’ pheann, agus o’n a dhearbh iad gu’m b’ aithne dhaibh feum a dheanamh leis, cha ’n ’eil teagamh nach fhaod an euchdan leis a’ pheann, a bhith ’cheart cho ainmeil ’s a bha ’n euchdan leis a chlaidheamh. Tha barrachd mor de thoradh ri’ fhaicinn an deigh saothair a’ Chomuinn o chionn bliadhna ar fhichead na na seachd leabhraichean deug air an d’ thug mi iomradh. Anns an am ’san deach an Comunn a chur air a chois bha aireamh mhor dhe na Galdheil air an robh naire aideachadh gu robh Gailig aca. Bha mar an ceudna aireamh mhor anns an duthaich a bha ’meas gu m bu pheacadh mor do neach sam bith oran no sgeulachd a bhith air chuimhne aige. Ach an uair a chuireadh an Comunn so air a chois ’s a thoisich daoine uaisle ri sgriobhaidhean Gailig agus Beurla a chur a dh’ ionnsuidh a Chomuinn, thoisich daoine eile air an robh naire air son gu robh Gailig aca, ri ’toirt fa near gu robh daoine turail, tuigseach gu leor anns an duthaich aig an robh meas air ga Ghailig. Thug iad sin fa near gu robh moran dhe na Goill agus dhe na Gearmealtich ni b’ eolaiche air a’ Ghailig na bha iad fhein. Tha cuid de dhaoine ann nach ’eil idir a’ toirt fa near gu faodar moran gliocais
(Air a leantuinn air taobh 5.)
A CHARAID
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig
Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain.
ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1883.
[Vol . 2. No. 7. p. 3]
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
A’ PHIOB AGUS CEOL NA PIOBA.
Cha b’ ann bu neo-thaithicehe ceilearan na pioba ’n uair a chruinnicheadh an oigridh an ceann a’ cheile an deigh saothair an la, a measg nan gleann, a chum solas a’ ghabhail aig uair an fheasgair anns an dannsadh.
Is dearbhta gur culaidh ioghantas do do Ghoill ghlasa nan lurgann caola, bhi faicinn na dearsadh caoimhneil a tha r’a faotainn air an gnuis, mar fhoilseachadh air na farachduinnean aoibhneach agus neo-lochdach a tha ’nan cridhe; agus c’aite am bheil fear-crabhaidh na h-aghaidh leointe a bheir orm a chreidsinn gu’m bheil coire ann bhi mar so a’ deanamh gairdeachais neo-chiontaich aig uairibh. Is e cuimhne air sonas na h-oige agus na cairdean ’s na companaich dhileas ghradhach a bha mar so a’ deanamh cridhealais maille ris, a bheir togail air cridhe an fhior-Ghaidheil ’n uair a chluinneas e fonn suilbhear na pioba; agus ged bhios ’aimsir air a caithe a rithisd am measg gach grinneis. agus h-uile inneal-ciuil a’s fonnmhoire a chaidh riamh a dhealbh anns an Eadailte, ’n uair a thig ceileirean na pioba gu a chlusan, thig mosgladh air a’ chridhe mar nach tainig air o ’n chual e roimh i. Ach tha buaidh aig a’ phiob innte fein thar aignean dhaoine, ma thuigear a ceol gu ceart.
Cluinnibh ciod tha Fionnlath Piobair ag radh mu thimchioll piobaireachd ’n uair dh’ fheoraich neach araidh dheth, an robh e dol a dheanamh piobair d’ a mhac. “Ma ta cha ’n eil, tha la na piobaireachd seachad. Tha na tighearnan mora suarach uimpe. Tha am bladaire ronnach a ’s mo ’san duthaich na ’s taitniche leo na Mac Cruimein. Cha bu mhisd leam gu dearbh ged b’ urrainn da cuairt a chluich. Is tric a thug ceol faochadh do mo chridhe fein. Tha mise ’g radh riut, Eoghainn, gu’m bheil cuairt cheolmhor air feasgar tla ri taobh na h-aibhne sin shios do m’ anam-sa mar aiteal an Earraich do ’n eu-slainteach bhochd, mar chiuran uisge, no mar dhriuchd an anmoiche air na lusaibh maoth. Cha mho orm an saoghal aig na h-amannan sin na an cluaran a tha ’falbh leis en oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadh anns a’ chreachainn, ach cha n ’eil togradh ann mo chridhe ach togradh gu cairdeas agus gniomharaibh fiughanta; cha ’n aighearr e ’s cha bhron e, ach mo bheannachd aige, is iomadh la a sheas’ e mi.” Tha Fionnlath Piobair ceart; dh’ fhalbh la na pioba, agus ged tha iomadh piobair fhathasd am measg tir nam beann a ’s urrinan a’ phiob a ghleusadh gu ceol cho taitneach agus milis, (agus tha nis tuilleadh misnich air a thabhairt dhoibh, le duais mhath do ’n fhear a ’s eolaiche a chluicheas) an deigh sin uile, tha aobhar againn a chreidsinn nach ’eil iad ach mar sholus na gealaich ann an coimeas ri ard-mheadhon la, lamh ris an dream ris an canadh iad piobair anns a’ Ghaidhealtachd chionn ceud no dha bliadhna air ’ais’, oir anns an am ’san robh Oil-thigh Mhic Cruimein ’na chala, bheireadh neach o shea gu da bhliadhna dheug a’ foghlum, mu ’n goirteadh lan-phiobair dheth. Theagamh, dhaoine uailse, gu ’m bi sibh a’ smuaineachadh gu’m bheil mi air tuiteam anns a’ mhearachd a tha ro choitcheann anns na linntibh so bhi a’ tabhairt tuilleadh ’s a’ choir dh’ urram do ’n aimsir a dh’ fhalbh, ach ma bheachdaicheas sibh gu geur air a’ chuis, chi sibh cho chosmhuil a’s tha e. Ach a chum a’ phiob a chluinntinn gu ceart, cha ’n ann am measg boladh breun, agus toit mhi-fhallain nam bailtean mora a dh’ fheumadh i bhi air a seirm, ni mo a chordas e r’ a gne a tha a ghnath ag eigheach saorsa bhi air a cumail a stigh ann an tighean.
Ach co ’nar measg nach do mhothaich cumhachd na pioba ’chum bhi a’ gluasad nan aighean ’s a’ cur taitneas anns a’ chridhe, ’n uair a chualas a ceileirean tiamhaidh a’ sruthadh air sgeith na h-osaig mine thar an lochain gun bhruaillean, am measg bheanntan duthcha ar graidh, ann an samhchair an fheasgair Shamhruidh ’n uair a bhiodh a’ ghrian a’ dol air chul nam beann, no ’ga cleith fein fo stuaidh ’san iar—na beannta mora le ’m beuraibh arda comhdaichte le fraoch fo lan-bhlath, am measg an cluinnear, theagamhs rann seillein aonaranach a’ pilitinn anmoch o shaothar an la; clann bheag nam preas air mhile geig a’ dusgadh gach doire le aoibhneas an luinneig fheasgair; an osag sheimh a’ giulan fionnarachd agus faileadh cubhraidh an fhraoich fo dhriuchd, agus i cho ciuin a ’s gur gann bheir i mosgladh air duilleach fhaoin na caoill. Is e so an t.ionad anns am bu choir agus am bu dual do ’n phiob bhi air a gleusadh far am biodh mac-talla nan crag le sunnd a’ tabhairt failte d’ a ceol.
Cha ’n ann a’s mi-thaitniche a buaidh ’n uair a chluinnear a glaodh cianal a’ bristeadh am measg beucaich dhoinneanach an gaoithe, na ’n uair bhios a nualan tuirseach leth-mhuchta le toirm steallraidh liath shruthan ard’ an aonaich. Tha a guth a ghnath tiamhaidh tuirseach, gidheadh i ’s e tuirseadh a th’ ann, anns am bheil solas agus taitneas. Mar tha Oisean ag radh:—
“Is taitneach leam aoibhneas a’ bhroin,
Mar dhriuchd mothar Earraich chaoin,
Fo ’n lub geug dharaig nan toir
’S an duilleach og ag eirigh maoth.”
Cha ’n ’eil neach againn nach do mhothaich firinn briathran a’ bhaird. Tha am fonn cianail bronach ’na aobhar suaimheis agus faochaidh do ’n chridhe fo leon, ni ’s mo na gach subhchas agus aighear. Saoghal fad do na piobairean agus neo-bhasmhoireachd do ’n phiob, agus ged bhi slaodairean leibideach gallda a’ feuchainn ri fanaid a dheanamh oire, tha an t-sean fhocal ag radh, nach misd a’ ghealach na coin bhi labhanaich rithe. Nis fagaidh mi beannachd aig na piobairean, agus is e durachd mo chridhe, gu ’m mair an sliochd gu suithainn sior, buan mar an fraoch, cruaidh mar an dar ach. —An t-Ard-Albannach.
[Vol . 2. No. 7. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’S e Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 12 1893.
Tha sinn ag earbsa as na tha gabhail a MHAC-TALLA cheana air aon tuilleadh de luchd na Gailig a dheanamh eolach air. Tha aireamh mhath ga ghabhail ach dh-fhaodadh an aireamh a bhi dheich uiread. Duanadh gach aon de ar cairdean a dhichioll air aon no dha eile fhaighinn gus a ghabhail fad bliadhna, agus bi’dh e suas a bhruthach an uine gle ghoirid. “Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile.”
Tha ’n Riaghladh an Ottawa an deigh fios fhaotinn a Japan gu bheil Priunnsa Yorohito Komatsue, aon de dh-ard Mhaithean na ducha sin gu bhi air chuairt an Canada an uine ghoirid. Tha ’m fios so a ciallachadh gu bheil dul aig a phriunnsa ri bhi air a dheagh fhreasdal fhad sa bhios e ’n Canada, agus chan eil teagamh air bith nach bi e sin. Chan eil duthich ann an diugh a’s iongatiche, no ’s mo tha toirt aire ’n t-saoghil ’ga h-ionnsidh fein na Japan. Bha i o chionn beagan bhliadhnichean cho borb ni gin de rioghachdan na h-Asia, agus bha ’n sluagh cho aineolach ’sa bha air an t-saoghal. Ach an diugh cha mhor nach eil i suas ri rioghachdan na Roinn Eorpa, agus chan eil teagamh nach eil i eadhon air toiseach air cuid diubh. Tha a doigh-riaghlidh a fas na’s fearr gach bliadhna, ’s tha a sluagh uile tighinn beo air doigh nas fearr na bha iad. Tha moran de sgoilean ’s de thaighean foghluinn air an cur suas, agus tha ’n oigirdh ag eiridh suas nan ginealach aig a bheil eolas agus tuigse.
Ma ’s i ’n fhirinn a tha iad a cur air Morair Rosebery thanig Breatuinn agus an Fhraing na b’ fhaisge air a bhi cogadh ri cheile air an t-seachdain s’a chaidh na thanig iad riamh o am Waterloo. Mar a tha fios aig a h uile aon bha ’n Fhraing a cur gu cruaidh ri Siam, agus cha Breatuinn a gabhail oirre bhi air taobh seach taobh gus an d’fhas an Fhraing ro dhalma buileach agus gu’n robh i dol a chreachadh Siam le a crothadh a stigh air chor ’s nach faigheadh soitheach ceannachd aona chuid a mach no steach. Nuair a thuig Breatuinn mar a bha chuis, chuir i fios thun na Frainge nach robh ise dol a cheadachadh a leithid idir, gu ’m feumadh a cuid shoithichean-se faighinn a stigh ’sa mach ’s na h-acarsaidean mar a b’ail leotha. Cha robh aig an Fhraing an sin ach aona chuid geilleadh no dol a chogadh, agus gu fortanach dhi fein s do rioghachdan eile roghnich i geilleadh. Tha mar sin gach duil a bha aig an t saoghal ri cogadh air falbh, ’s tha coltas cho sitheil air rioghachdan na Roinn-Eorpa an diugh ’sa bha orra riamh.
RODAN NO LUCH.
Bha caraid ann uair a bha posda fad aireamh bhliadhnichean, agus bha iad cho cordte ’s cho sitheil ri cheile ’sa b’urrinn do dhithis a bhith. Cha robh strith no aimhreit no ard-bhruidhinn ri chluinntinn nan tigh. Ach aon fheasgar ’s iad nan suidhe ri taobh an teine, ruith beathachan beag a mach o chul an t-simealair, chuir e cuairt air an rum ’s chaidh e as an t-sealladh ann an cuil eile. “O! nach faic thusa ’n rodan!” ars an duine. “Cha bu rodan a bha ’n sid,” ars a bhean, “ach luch.” “Luch,” ars esan, “saol nach fhainichinn fhin luch.” “Cha do dh-aithnich thu ’n uair ud i co dhiu,” ars ise. “Tha mise ’g radh riut gur e bh’ann rodan,” ars esan. “Tha mise ’g radh riut-sa nach bu rodan a bh’ann idir, ach luch,” ars ise. Chaidh an ceol air feadh na fidhle air ball, agus dh fhas an trod cho searbh ’s cho salach ’s nach b’urrinn daibh dad a dheanamh ach dealachadh, agus bha iad mar sin a tamachd air leth fad da bhliadhna. Ach aig ceann an darra bliadhna, dh-aontich iad a dhol a chumail an taighe aon uair eile. Agus a cheud fheasgar a chuir iad seachad ’san tigh cha robh cion seanachis orra. Mu dheireadh thall, thuirt fear an taighe, ’s fiamh a ghaire air, air dha bhi smuaineachadh cho gorach ’sa bha e fein sa bhean ’san am a dh fhalbh, “O,” ars esan, ‘nach beag tuir a bh’aginn fhein nuair a chaidh sinn a dhealachadh air sgath rodain. Nach bu sinn e nach robh, cho coma de’n rodan ’sa bha esan dhinne.” “Ach” ars ise, “cha be rodan a bh’ann, ach luch.” “Gu de “math dhuit a bhi ’g raitinn sin” ars esan, “tha mise lan-chinnteach gu’m b’e rodan a bh’ann.” “Ma ta, tha mise lan chinnteach gu’m b’e bh’ ann luch, ’s cha toir thusa no fear eile a chreidsinn orm nach b’e. ” Ma bha trod aca roimhe ’s ann a nise bha ’n trod ceart aca. Be’n co-dhunadh a thanig air gun do dhealich iad, agus ma chaidh iad a dh-fhuireach cuideachd riamh an deigh sin cha chuala sinne e.
STANDARD
Life Assurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. . . $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 7. p. 5]
ORAID GHAILIG.
(Air a leahtuinn o thaobh 2)
fhoghlum o bheachdan faoine agus amaideach an t-sluaigh a bha ann o shean. Tha iad so ag radh nach ’eil e a chum feuma sam bith dhuinn a bhith ’cumail uan sgeulachdan ’s nan giosragan ’s nam beachdan ’s nan oran a bh’ aig ar sinnsear air chuimhne. Ach tha moran gliocais air fhilleadh a steach anns gach ni a tha air chuimhne againn mu dhoighean agus mu chleachdaidhean nan Gaidheal. Nam biodh uine gu leor agam gu iomradh a thoirt air, rachadh agam air so a dheanamh soilleir gu leor do gach aon a thuigeas a’ Ghailig. Ach goirid ’s mar a tha ’n uine bheir mi iomradh air ni no dha a chuireas solus air a’ phuinc so. Anns an am a dh’ fhalbh bha moran a’ creidsinn nam biodh neach a’ dol air cheann gnothaich ’s gum fagadh e ni sam bith an dichuimhn, ’s gun tilleadh e air ais ga iarraidh, nach fhaigheadh e a ghnothaich a dheanamh an latha sin. Bha moran a’ toirt lan-chaeideas do’n bheachd so, ach bha cuid eile dhe ’n t-sluagh nach robh a’ toirt geill sam bith dha. Ach ciod e an teagasg a tha air fhilleadh a steach ann? Tha so, gu’m bu choir do gach aon a bhiodh a’ dol air thurus no air cheann gnothaich an aire thabhairt nach fhagadh e ni sam bith an dichuimhn an am dha bhith falbh. A rithist, bha moran air an teagasg a bhith ’creidsinn, nan sealladh iad nan deigh an am dhaibh a bhith ’siubhal troimh ’n duthaich air an oidhche, gu faiceadh iad sluagh an da shaoghail ag imeachd as an deigh. Anns an am ud cha robh rathaidean mora troimh ’n duthaich mar a th’ ann a nis, agus nam biodh daoine oga, amaideach ag amharc ’nan deigh an am dhaibh a bhith falbh na h oidhche bhiodh iad ann an cunnart tuiteam agus iad fhein a ghoirteachadh. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ann a chum daoine oga ’theagasg a chaidh na beachdan so agus moran bheachdan eile dhe ’n cheart sheorsa a chur an ire dhaibh o thoiseach. Bha agus tha an doigh teagaisg so cumanta ann am measg gach sluaigh. Ach ma rinn Comunn Gailig Inbhirnis moran math roimhe so faodaidh e moran tuilleadh math a dheanamh ’na dheigh so. Tha na finneachan Gaidhealach a’ togail an cinn as ur anns na bliadhnachan so. The gach finue ’nam buill de’n Chomum, agus theid aca so air an co-cluchd-cinnidh a bhrosnachadh gu eud agus gu deadh oibre ann a bhith ’nochdadh gu bheil meas aca air canain aosda nan Gaidheal. Bu choir gu’m biodh a’ Ghailig air a leughath agus air a labhairt leis gach neach do ’n aithne i. Cha’n ann mar so a tha chuis idir. Tha moran aig am bheil a’ Ghailig a’ cur cul rithe do bhrigh gu bheil iad a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu’m biodh moran soirbheachaidh aca nach ’eil aca nan do dhichuimhnich iad a h-uile facal Gailig a chuala iad riamh. Bu choir dhaibh so a thoirt fa near gu bheil na Gaidheil aig am bheil lan an cinn de’n Ghailig a’ faotainn air an aghaidh anns an t-saoghal a cheart cho math ri daoine eile, agus moran ni’s fhearr. Cha dean a’ Ghailig bochd sinn, agus cha mho a ni a’ Bheurla beairteach sinn mur ’eil a’ ghne cheart annainn fhein. Am measg nan nithean anns am bu choir do ’n Chomunn Ghailig, a reir mo bharail-sa. lamh a chur gun dail sam bith, tha aon ni sonraichte, agus is e sin, gach oidhirp laghail a thabhairt a chum ’toirt air a’ chleir, a tha ’leughadh agus a’ searmonachadh na Gailig anns an duthaich, a’ Ghailig air a’ chuid a’s lugha a leughadh gun mhearachd, agus feuchainn ri bhith ’smaoineachadh ann an Gailig an uair a bhios iad a’ labhairt ris an t-sluagh ann an Gailig. Ged a tha car de naire orm iomradh a thoirt air, feumaidh mi radh gu bheil aireamh mhor dhe’n chleir nach ’eil a’ gabhail suim sam bith dhe so. Theid iad do’n chubaid air latha na Sabaid gun a’ chaibidil a leughadh idir, agus an uair a bhios iad a’ labhairt is gann a thuigeas cuid dhe’n t-sluagh ciod a bhios iad a’ ciallachadh. So agaibh, ma ta, cuid dhe na briathran a labhair ministear aig an robh droch Ghailig. Tha e ’furasda gu leor dhuinn a thuigsinn nach b’ urrainn gu’m biodh sluagh sam bith toilichte le Gailig dhe’n t-seorsa sin. Bha cinn an t-searmoin sgriobhte aige ann am Beurla, agus bha e’ gan eadar-theangachadh mar a bha e ’dol air ’aghaidh: “Mo chairdean, anns a’ cheud aite, tha so a’ tachairt ’gu direach, agus, mo chairdean, tha e’ tachairt anns an dara aite, “gu mi-direach.” Tha dearbhadh againn gu bheil briathran a cheart cho beag seadh riutha so air an labhairt gach Sabaid ann an aite ’s an aite air feadh na Gaidhealtachd. Cha bu choir do’n chuis a bith mar so idir. Bu choir gu’m biodh gach ministear og air a chur fo dheuchainn a chum gu faighteadh mach co dhiubh b’ aithne no nach b’ aithne dha a’ Ghailig a leughadh, agus a labhairt gu cothromach agus gu ceart. Nan cuireadh an Comunn Gailig agus na Fineachan Gaidhealach a tha nis a’ togail an cinn, an casan a dh’ aon taobh, rachadh aca air na nithean so a chur air bhonn ceart ann an uine ghoirid. Tha dochas agam gu feuch iad ri so a dheanamh, agus gu’n soirbhich leotha. Buaidh is piseach leis a’ Chomunn an latha ’chi ’s nach fhaic.
Bha triuir fhoghlumichean oga a mhuinntir a Bhai an Ear, na h-Urr. D. Mac Adhamh, Ioseph Domhnullach, agus Niall Domhnullach, a chur air leth air son dreuchd na sagartachd air an t-Sabaid s’a chaidh leis an Easpulg Chamaran, ann an Eaglis Antigonish. B’iad a cheud fheadhinn as an sgireachd a thug a mach an dreuchd sin.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. .. 1.0
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 7. p. 6]
Tha seann chrun nan righrean Albannach air a ghleidheadh fhathast ann an caisteal Dhun-eideann. Tha daoine de’n bharail gu’n d’ rinneadh an crun so air tus doRobertBrus, an deigh do chrun na ducha bhi air a thoirt air falbh le Eideard, righ Shasuinn. Tha e air a dheanamh air or, agus tha moran de chlachan luachmhor ann, ach ’s ann a chionn e bhi air ceann a Bhrusich agus nan righrean a thanig na dheigh a tha e cho fior luachmhar sa tha e.
Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan leMINARD ’S LINIMENT.
R. F. HEWSON.
Oxford, N. S.
Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh leMINARD ’S LINIMENT.
FRED COULSON,
Y. A. A. C.
Yarmouth, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTan Ros dubh ormsa.
J . W. RUGGLES.
Inglesville.
Tha leth-cheud mile sa h-aon de thaighean-grudaireachn air an t-saoghal, agus tha sia mile fichead diubh anns a Ghearmailt leatha fein. Tha sluagh na Gearmailte air fad ainmeil ais son na theid aca air a chur nam broinn de dheoch laidir.
LeigsidhMinard ’s Linimentloimdh.
Cha mhor gu bheil ni air an smaoinnich duine nach teid aig luchd-ceairde ’n latha ’n diugh air a dheanamh air paipear. Tha eadhon cuibhlean nan carbad-iarinn air a dheanamh air. Nithear dorsan thaighean air moran nas fearr na air fiodh. Gabhidh iad an sin dath air coltas fiodha sam bith, agus cha suigh ’s cha sgain iad am feasda.
’SeMinard ’s Linimentan leigheas a’s fearr
“Agus bha thu bruidhinn ris an Diuc an raoir a Dhomhnuill,” “Bha gu dearbh, agus be fein an duine coir caoimhneil. Bha sinn a conaltradh ri cheile corr us leth-uair.” “Seadh, agus co air a bha sibh a bruidhinn re na h-uine sin!” “Ma ta, sin rud nach urrinn domh innse nhuit. ’S i Bheurla bh’ aginn agus cha robh mi fhin a tuigsinn facal.”
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
Tha call na Victoria air a dheanamh suas cheana. Chaidh long-chogidh air a cheart chumadh ’s an aona mheudachd rithe a chuir gu cuan an la roimhe. Agus tha te no dha eile dhe’n t-seorsa ’gan togail.
Bha cuirt aig oifigich na cabhlich Bhreatunnach air a mhios s’a dh-fhalbh a thaobh call na Victoria, agus b’e ’n co-dhunadh gus an d’thanig iad gu’m b’e Admiral Tryron e-fein bu choireach ris an sgiorradh uamhasach leis ’n do chaill e-fein agus aireamh mhor de na daoine bha fodha am beatha. Tha e air a radh gu’n d’aidich e-fein sin ’nuair a bha ’n long a dol fodha. Bha na ceannardan eile air an coireachadh air son deanamh a reir an orduigh a thug Tryon, ach cha d’rinneadh peanas sam bith orra.
Cha n eil daoine tuigsinn cho feumail ’sa tha na-eoin anns an t-saoghal so. Tha meas mor aig a h-uile neach orra air son am boichead ’s air soh an ciuil, ach se duine sa cheud a tha smuaineachadh gu bheil feum annta. Tha iad-san aig ’m bu choir fios a bhi, ag radh gu bheil aon ghobhlan-gaoithe gach latha a cur as do thri fichead mile cuileag. Nuair a smaoinicheas sinn air aireamh nan eun bhoidheach sin, ’s an uine tha iad ’san duthich, ’s ann a thuigras sinn gu de phlaigh uamhasach a tha iad a cumail uain.
ThaMinard ’s Linimentmath da’n fhalt.
Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na
K. D. C
Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c us 50c am botull.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Donghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 7. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.
Bha nis a chamhanaich ann; is gann a bhite Talamh Dearg agus Tomas. Dh’ fheith an “Gealladh” ghairm an Teachdaire, thog oiteag an anamoich cirein air an uisge. Thubhairt athair ri Tomas: “feuch a nis an t-am taitneach; feuch, a nis la na slainte.” Fhreagair esan “Fathasd tamull beag measg na ’n creagan so, air am bheil sgriobhta nithean chuireas iongantas air an t-saoghal.” “Ciod ’math ni iongantas a’n t-saoghail dhuit-se, a mhic, ma bhitheas usa agus an saoghal air ur sgrios comhlath?” “Cha neil mi faicinn comhairiean sgrios,” arsa Tomas. “Nach d’ innis Dia dhuit mo mhac, gu’n teid sgiamh’ an t-saoghail so seachad?”
Theagamh, fhregair Tomas le sealladh glic; “ach tha daoine foghlumte ag radh nach robh toiseach aig an t-saoghal, agus nach bi crioch aige.”
A Thomhais! A Thomais! thubhairt athair, nach eil fios agad-sa gu ’m bheil gliocas an t-saoghail so na amaideachd an sealladh Dhe? Bi glic, ’se nis la na slainte.
“Tha moran bhliadhnachan romham fathasd,” thubhairt an t-oganach, gabhan “Sgeul a Mhor Aoibhneis air an ath turus.” “Carson nach deanamaid a chuid is fearr de’n da shaoghal?” Thionndaidh Aithair gu bronach air falbh, ag radh, biodh t’fhuil air do cheann fein.
Nuair chaidh Talamh Dearg air bord a “Gheallaidh,” shaol leis gu ’m fhearr dha seasamh direach, ged dh-iar an Teachdaire air suidh sios. Aig a cheud sgriob thug na raimh, cha mhor nach do thuit e thairis, ghreimich e air taobh a “Gheallaidh,” agus theab e cuir thairis; bha e, uime sin, lan thoileach an suidheachan a b’ isle ghabhail. Thainig na h-uile bha air bord ga fhaicinn tighinn a steach “Sgeul a Mhor-Aoibhneis.”
Bha samchair shonruichte nuair sheas Talamh Dearg fa chomhair an Tighearna, chrom se e fein dh-ionnsuidh a chlair-uachdair, agus thubhairt e: “Cha’ nairidh mi gu’n goirte do sheirbhiseach diom.” Fhreagair Imanuel e gu grasmhor; “imich a steach do aoibhneas do Thighearn.”
A thuilleadh air so thubhairt e ris, “Ciod a’s ainm dhuit?” Nuair dh-innis Talamh Dearg dha, fhreagair esan. Cha ghoirear Talamh Dearg dhiot nis mo, ach se “Criosduidh” a’s ainm dhuit; uime sin dh-ung Dia, do Dhia-sa, thu le oladh aoibhneis os ceann do chompanacha.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
Seall an aireamh so dhe’n MHAC-TALLA do d’ choimhearsnach, gun fhios nach cuireadh e ’ga iarridh dha fein.
Mur eil thu gabhail a MAC-TALLA tha lan am agad cur ga iarridh. Cha n-eil e ach dolar sa bhliadhna. ’S suarach sin an tace ri paipear Gailig a bhi ’gad’ ruigheachd a h-uile seachdain fad na bliadhna.
AN LEIGHEAS A’S FEARR. —Bha mise gle dhona le laige, cion caile, ’s cion cadail, agus fhuir mi B. B. B. na leigheas na b’fheair na dh-fhiach mi riamh air son a leithid
MRS . HEASLIP, Toronto, Ont.
’Se ’n duine dh-innseas do choire dhuit an aon charaide ’s fearr a th’agad, agus ged is e fhein, cha n-eil duine air an t-saoghal a b’fhearr leat gabhailair.
THA IADSAN UILE air a bheil curam cloinne ag radh nach eil ni coltach riDr Fowler’s Extract of Wild Strawberryair son gach tinneas samhridh, gearrach, greimeannan, cholera morbus, cholera infantum, ’s an leithide sin air cloinn.
“Eirich, Uilleam, eirich! nach eil nair ort fhein a bhi san leabidh cho fada. Tha na h-eoin air an cois o chionn fhada.” “Ma ta,” ars Uillean, “na’m bithinn-sa a cadal air leaba air a deanamh air maidean ’s air fodar, bhithinn air mo chois o chiom fhada cuideachd.”
TIGH SOLUIS SHAMBRO. Tha Mr. R. E. Hart a sgriobhadh a Sambo, N. S., mar a leanas; “Gun teagamh sam bith rinn B. B. B. feum mor dhomh. Bha mi tinn, lag ’s gur chail, ach rinn B. B. B. mi cho slan ’sa dh-iarrinn. Nan robh fhios air an leigheas”
Chaidh sia dotairean uair a chur deuchinn air duinne air a robh coltas a bhi as a rian. Bha triuir dhiubh a theireadh gu robh e as a cheill cinnteach gu leor, ’s bha ’n triuir eile cheart cho cinnteach nach robh. An deigh dhaibh a bhi fad seachdain a deasbuireachd ’sa consachadh fhuair iad a mach gur ann a bha iad ag obair air an duine chearr.
ThaMiss A. L. Schooley, Sparta, Ont. ,a sgrobhadh,— “Bha droch Stamag a cur dragh orm fad tri bliadhna, agus bha mi tric a fulang pian mor. Dh-fhiuch mi moran leigheasan gun faochadh sam bith fhaotinn. Chunnaic mi K. D. C. air a mholadh am paipear naigheachd agus chuir mi ’ga iarridh, agus an uine ghoirid bha mi air mo leigheas. Tha mi ’n dochas gu’m fiach gach aon air am beil an tinneas so K. D. C.”
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 7. p. 8]
MAC-TALLA.
Tuireadh Nighin air son a Leannain ann an tir Phictou.
(LEIS AN URR. D. B. BLAIR.)
LUINNEAG.
Thug mi gaol, gaol, gaol,
Thug mi gaol do’n fhear bhan,
Thug mi luaidh dhuit a ghaoil,
Och chan fhaod mi bhi slan.
Och is mise tha fo leon!
’S mi ’nam onar an tras:
’S cruaidh leam aobhar mo bhroin,
Fhuair mo Dhonullach bas!
Shiubhlainn leat air feadh an t-saogh’l
’S luchd mo ghaoil air mo chul;
Nam biodh tusa ri mo thaobh
Bhithinn aotrom fo shunnd.
Shuibhlainn leat air muir us tir,
Feadh nan Innseachan thall;
Nam biodh tusa na mo choir
Cha bhiodh leon orm no call.
Ach a nis bho’n chaidh tu eug
Bidh mi deurach do ghnath;
Och! Is trom air an fheur
Bhios mo cheum h-uile la.
Ged a sheasas mi aig d’ uaigh,
’S bronach truagh leam an t-ait;
Cha bhi choinneamh ud ach cruaidh,
’S tus’ am fuar-ghlaic a’ bhais.
A nionaga nan leadan donn,
Feadh nan tom so tha tamh,
Deanaibh maille rium co-bhron,
Oir cha bheo fear mo ghraidh.
O! nach gabh sibh rium-sa truas,
’S mi gu truagh air mo chlaoidh,
Cosmhuil ris a’ chaillich-oidhch’,
Feadh nan coilltean a’ caoidh.
A nigheana na Beinne Guirm,
Cha chuis-fharmaid mi fein,
Bho’n nach faic sibh fear mo ghaoil,
Ri mo thaobh air an fheill.
Nuair a bhios mi ann am shuain.
Bidh mi bruadar gun tamh
Air an oganach shuairc,
Bha na b’ uaisle na cach.
Chuir mi umam culaidh bhroin,
Ged bu neonach an gnath;
’S tha mi cianail gu leor
Ged nach eol sin do chach.
Tha mi fasgadh nan dorn,
Air mo leon ’s air mo chradh,
Bho’n nach ’d fhuair mi bhi posda
Ri oigear mo ghraidh.
Tha na leumadairean feoir an deigh am fiar ’s an cruinneachd a thur mhilleadh ann an coimheasnachdBelfast , gai> , an Eilean-a- Phriunnsa. Tha am t-aite air ’n do ruith iad seachd mile dh-fhad agus mu cheithir mile a leud. Tha na machraichean air am fagail cho lom ri urlar taighe.
BATHADH AIG GRAND RIVER. —Di-ciadinn air an t-seachdain s’a chaidh bha duin’ og, Coinneach Mac Aoidh maille ri athair agus dithis eile ag iasgach aig aite ris an abrar an Rudha Dubh. Bha iad a togail acaire bata gus a thoirt gu tir agus nuair a bha iad gu falbh leis chaidh an rop a bha ’n ceangal air an acaire air aimhreit agus b’fheudar daibh a leigeil as. Laidh cudthrom an acaire uile air an darra taobh de’n bhata agus chuir e car dheth, a tilgeadh nan ceathrar do’n uisge. Ghreimich iad uile ris a bhata ach Coinneach Mac Aoidh. Thug esan ionnsidh air snamh gu bat’ eile a bha faisg air laimh, ach mu’n robh e ach beagan us leth an astair chaidh e fodha. Thanig e air uachdar uair no dha an deigh sin ach cha robh duine ann a b’urrinn a chuideachadh. Bha athair ’s an dithis eile an crochadh ris a bhata ’ga fhaicinn ach cha robh dad ann ach gun deachidh aca air iad fein a shabhaladh. Fhuaras corp a ghille bhochd an ath latha, agus bha e air adhlacadh Di-sathairne. Bha brathair dha air a bhathadh o chionn seachd bliadhna faisg air a cheart aite, mu thri cheud lats bho thir.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear-ionaid.
Mac Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
title | Issue 7 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 7. %p |
parent text | Volume 2 |