[Vol . 2. No. 8. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-STHAIRNE, OGUST 19, 1893. No. 8.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Shalbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Chaidh fear oibreach da’m b’ ainm Aonghas Buchanan a mharbhadh aig Meinnean Chaledonia air an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh a bhruthadh gu dona eadar da charbad ’s cha robh e beo ach beagan uine na dheigh.
Leth-cheud bliadhna roimhe so chaidh am fearann air a bheil Chicago air a thogail a reic air son coig ceud dolair ’sa coig, An diugh ’s fhiach am fearann sin coig muillein dolair, ’s tha e ’fas nas luachmhoire a h-uile latha.
Tha ceann a deas Shasuinn air dhroch caradh an drasd le plaigh speachan. Dh-fhas iad lionmhor ris an t-side theth agus a nise tha iad a gabhail do’n daoine ’s do na h-ainmhidhean. Bha moran de na caorich air an lot gu bas leotha.
Chaidh seann duine mhuinntir Brookfield, N. S., da’m b’ainm Alasdir Nelson air cheilidh air caraide dha an la roimhe agus an deigh dha bhi beagan uine na thigh, thuit e marbh. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa deich a dh-aois.
An la roimhe, chunnic Mrs. Hammon, Hamilton, Ont., nighean bheag leatha fein a cleasachd air an rathad-iarrinn, ’s na carbadan a tighinn nan deann. Thug i ionnsidh air a phaisde thoirt as an rathad, ach thanig an carbad orra, agus mharbh e ’n dithis aca.
Tha ’m paipear-naigheachd a’s sine air an t-saoghal air a chuir a mach am Pekin, baile-mor China. ’Se ’s ainm dha “King Pan,” agus thanig a cheud aireamh dhe a mach ’sa bhliadhna 911. Bha e air a chur e mach uair ’san t-seachdain riamh o’n bhliadhna 1312, coig ceud us ceithir fichead bliadhna roimhe so.
Thachir ni gle mhuladach aig Baoghasdal feasgar Di-luain. Chaidh nighean og, piuthar do Niall Mac Neacail, ceanniche, a mach feasgar a dh-iarridh bo a bha air chall. Cha danig i dhachidh cho luath sa bha duil rithe agus chaidh iad a shealltuinn air a son agus fhuair iad i pios bho’n tigh, marbh. Chan eil teagamh nach be tinneas a chridhe a thug a bas. Cha robh i ach naoidh bliadhna deug a dh-aois.
Nuair a ranig an soitheach-smuid “Worcester,” Halifax maduinn Di-luain s’a chaidh, air a turus a Boston, bha toll mor na toiseach. A tigh’nn a mach a acarsaid Bhoston, bhuail i ann an soitheach eile, agus chaidh roinn mhath de mhilleadh a dheanamh oirre. Chaidh an toll a stopadh air ball agus sheol i gu sabhailt gu Halifax. Bha corr us tri cheud duine air bord.
Tha ceud bhean an Dotair Buchanan ann an New York, ’s tha e air a radh gu bheil i gle bhochd na cranchar. Tha i ’sgriobhadh gu cairdean ann a Halifax air son cuideachadh. Mas fior an sgeul chan eil aice ri ithe ach aon bhiadh san latha. Shaolamid gun toireadh iad-san a tha toirt nan dinnearan greadhnach don dotair fein cuimhne uair no uair-eigin air a bhean. ’Si b’airidhe air an caoimhneas.
Tha de Ghaidhil ’s de leughadairean Gailig ’san duthich so na chnmadh suas deich paipearan nan rachadh iad an guaillibh a cheile. Cha n-fhaod e bhith, ma ta, nach feuch iad ri aon phaipear a chumail beo. Tha h-uile duine a tha gabhail a phaipear so ’s ga phaigheadh a deanamh a chuid gu canain nan Gaidheal a chumail beo, ’s tha gach duine nach eil ga ghabhail no nach eil ga phaigheadh a deanamh a chuid fein gus a leigeil bas.
Chaidh ceathrar ghillean oga a ghlacadh an Sidni-a- Tuath air son airgiod a ghoid a stor le Mr. A. Tadini. Cha be so a cheud uair a rinn iad a mheirle, agus bha lan am casg a chuir orra. Dh-aidich triuir de na gillean gu robh iad ciontach, agus chaidh a dhearbhadh air an fhear eile. Fhuair an dithis a b’ oige dhiubh an cur do’n phriosan an Sidni-a- Tuath fad da sheachdain, agus fhuair an dithis bu shine mios de’n phriosan an Sidni.
Tha fios a Newfoundland ag innse gu’n do bhrist beinn theine mach air cladach Labrador mu thri cheud gu leth mile tuath air St. John’s. Bha iasgairean ag iasgach a mach o’n chladach agus chunnaic iad cnoc ard as an ceann ua lasair theine. Air dhaibh a dhol gu tir fhuair iad gu robh fosgladh mor anns an talamh agus lasraichean mora a bruchdadh a nios as. Bha ’n teine ri fhaicinn gu soilleir ceithir mile mach air a chuan.
[Vol . 2. No. 8. p. 2]
AM FEAR A GHOID EACH AN EASBUIG.
Bha gille Albannach, da’n b’ainm Iain, aig duine uasal ann an Lunninn, bho chionn iomadh bliadhna a bha air a chunntas na fior gille tapaidh.
Bha e fhein s’a mhaighstir air latha airid air chuairt is co thachair orra ach Easbuig a mhuinntir Luinninn. “Nach briagha an t’ each a th’ aig an Easbuig, le’r cead, a mhaighister,” “Seadh, a laochain,” ars ’a mhaighstir, “tha an t’ each is fhearr ’an Lunninn aige.” “Saoil thu,” ars’ Iain, “ciod e ghabhadh e air an each na’n reiceadh e e.” “Uh, amadain,” ars’ an mhaighstir, “shaoil leam gur balach ceart a bh’annad, is iomadh fear a dh’fheuch ris an each ud a cheannach ’us dh-fhairtlich orra fhathasd.” “Tillidh mise ’us feuchaidh mi ris” ars Iain. Thill a mhaighstir comhladh ris a dh’fhaicinn. Is ann air Diar-daoine a thachir so. Thubhairt Iain ris an Easbuig, an reiceadh e an t’each. Ghabh an t’Easbuig ardan us’ miothlachd, us cha robh e creidsinn gu’n ceannaicheadh esan e.
“Mata ciod e am beathach bhitheadh agadsa na aig duine eile nach fhaodar a cheannach?” ars, Iain. “Bhuraidh gun tur,” ars’ an t’ Eisbuig, “tha thu amaideach, falbh dachigh, cha cheannaich thu m’ each-sa.” “Ciod e an geall a chuireas tu,” ars Iain, “nach bi e agamsa an maireach?” “Ne m’ eachsa bhitheas agad?” ars an t’ Easbuig. “Is e d’eachsa bhitheas agam.” ars Iain “ciod an geall a chuireas tu rium nach goid mi e?” “Cuiridh mi coig ceud marg riut,” ars an t’ Easbuig, “nach dean thu sinn.” “Mata chan ’eil agamsa ach aon phunnd ach cuiridh mi sin, ’us mo cheann riut gun goid mi e,” ars Iain. “Is bargan e,” ars an t’Easbuig, “Thoir an aire tha mi cur mo chinn agus am punnd riut, agus ma ghoideas mise e, is e mo chuid fein a bhitheas ann,” ars Iain. “Bithidh e mar sin cinnteach,” ars an duine-uasal. Tha mi ag aontachadh ri sin,” ars an t’ Easbuig. Chaidh iad dachigh an oidhche sin. “Mo ghille bochd, bha thu cordadh gu maith rium on fhuair mi thu. Tha mi duilich do chall a nis. Tha thu amaideach, Bheir an t’ Easbuig an aire nach goid thusa na fear eile an t’ each; .cumaidh e faire maith air.” ars a’ mhaighstir. Dh’fhalbh an gille ’n uair thainig an oidhche a’s chaidh e gu tigh an Easbuig; fhuair e mach gu robh an t’each stigh ann an seomar aige, agus daoine ann an sin ’ga chaithris ag ith ’us ag ol. Sheall Iain timchioll air ’us smuainich e gu’m feumadh e fear tapaidh eile fhaighinn comhladh ris. Suil da’n d’thug e uaithe, chunnaic e fear a bitheadh ri cran daonnan feadh a bhaile.
“Ma theid thu comhladh riumsa beagan uine, bheir mi rud eigin duit airson do shaothrach” ars Iain. “Ni mi sinn,” ars a fear eile. Dh’fhalbh iadsan ’us air a cheud dol a mach rainig iad an crochadair, a bha sa bhaile. “An urrainn thu innseadh dhomsa,” ars Iain “c’aite am faigh mi duine marbh?” “Is urrainn, chaidh duine a chrochadh an duigh fhein an deigh mheadhoin-latha,” ars an crochadair. “Ma theid thu us gu’m faigh mise e,” ars Iain, “paidheadh mi thu gu math.” Dh’fhalbh e leis ’us rainig iad an corp. “An aithne dhuit a nis,” ars’ Iain, “c’aite am faigh mi rop mor fada, laidir?” “Is aithne dhomh sin,” ars’ an crochadair, “tha an rop a chroch an duine an so goireasach dhuit ’us gheibh thu e.” “Dh’fhalb iad leis, ’us thug iad leo e. Chaidh iad gu tigh an Easbuig. Thubhairt Iain ris a gille nuair a rainig e, “fuirich thusa an sin ’us thoir an aire da so, ach an d’theid mise suas air mullach an tighe.”
Dh’fhuirich an gille, ’us chaidh Iain suas air mulaich an tighe. Chuir e bheul ’us a chluas ris an t’siomalair ach a faigheadh e math c’ aite an robh na daoine, a bha chmail faire air an ’each, agus aig an robh ard-bhruinnin ’us orain leis an ol.
Fhuair e mach far an robh iad, agus thuairt e ris an ghille: “Cuir an rop tiomchill air amhaich an duine mhairbh, ’us tilg an ceann eile aig ormsa.” Shlaod e an duine marbh leis gu mullach an t’siomalair. Bha na daoine bha ’s an t’seomar a’ faireachduinn na bha de shalachar ’s an t’siomalair a tuiteam. Bha Iain a leigeadh sios ’s a leigeadh sios an duine mharbh gus am faca e an solas briagha bha aig luchd na faire’ tighinn air casan a duine mharbh.
“Fascibh,” ars iadsan, “ciod e tha so. “Oh! am meirleach Albannach,” ars am feir eile, “nach e thug an oidheirp! B’fhearr leis a bheatha chall mar so na a ceann a bhi aig an Easbuig.” Nuas bhar mullach an tighe a bha Iain le mhor chabhaig: am meadhon nan daoine e a stigh ’us nuair a thainig an t’each mach air an dorus be a’ cheud laimh a bha srian an eich, lamh Iain. Dh’fhalbh e leis an each da’n stabuil ’us thuirt e riu gu’m feudadh iad nis dol a chadal, gu robh iad sabhailt gu leor. “Tha mi creidsinn,” ars Iain, ris a gille eile, gu bheil thu ’n ad ghille tapaidh, bi aig lamh an ath oidhche ’us chi mi ris thu.” Phaigh e an gille, ’us bha n gille ro thoilichte. Dh’fhalbh Iain dachigh gu stabull a mhaighstir le each donn an Easbuig. Ghabh e mu thamh, ’us ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaighstir gu dorus an stabuill. “Cha bu ghearan leam mo shaothair na’m bitheadh m’ Albannach
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun 1, 1883.
A CHARAID
Ma tha thu ’n duil dad a leughadh no ’sgriobhadh ruig
Stor-Leabhrichean ’Ic Fhionghain.
ri taobh “Talla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saor ’sa gheibh thu an aite sam bith.
[Vol . 2. No. 8. p. 3]
bochd romham an so an diugh.” Tha mi ann a’ so, a mhaighstir, maith” ars Iain, “agus each donn an Easbuig agam.” “Ud! mo gille maith,” ars an mhaighstir, “bha meas agam ort roimhe, ach tha meas mor a nis agam ort.” B’e so Di-haoine, agus nuair a chur iad gnothaichean eile air doigh fhalbh iad an choinneamh an Easbuig. “Nis” ars Iain, “dh’ fhalbh mi gun each an de, ach cha’n fhalbh mi mar sin an duigh.” “Ma tha, a bhallaich ’on a fhuair thu fhein an t’ each bheir mise diollaid duit,” ars an mhaighstir.
Dh’fhalbh Iain ’us am mhaighstir an coinneamh an Easbuig, each ’us diollaid aig gach fear. Chunnaic iad an t’Easbuig a tighinn ’n an coinnimh ’us coltas a gnothaich air. ’Nuair a thainig iad an lathair a cheile, chunnaic iad gu’n robh an t’ Easbuig air muin eich eile nach robh cho maith idir ris an each donn. Chaidh an t’ Easbuig sa’ ’n duine uasal an coinnimh a cheile le failte. Thionndaidh an-t’ Easbuig ri Iain: “Shlaoftir, ’us a dhearbh mheirlich,” ers esan, “Cha’n urrainn thu sin fein a radh rium le ceartas, thaobh, dh’innis mi dhuit gu’n robh mi dol g’a deanamh; gun tuilleadh de do sheanachas cur an so mo chuig ceud marg am ionnsuidhse.” B’eigin d’a sin a dheanamh ged nach robh e toileach. “Ciod a their thu,” ars Iain, “ma ghoideas mi do nighean an nochd?” ’Se aon nighean a bh’aige ’us cha robh na bu briaghe na i an Luinninn. “Mo nigheansa,” ars an Easbuig, “Cha ghoid thu mo nigheansa. “Cuiridh mi,” ars Iain, “na cuig ceud marg a thug thu dhomh ’us an t’each donn gu’n goid mi i.” “Cuiridh mise deich ceud marg nach ghoid,” ars an Easbug. Rinn iad cordadh. Dh’fhalbh Iain ’us a mhaighstir dhachigh. “Mo dheagh sgalaig,” ars a mhighstir, “bha mi ’a saoilsinn gu math dhiot uaireigin, ach rinn thu turn amaideach a nis, nuair a fhuair thu thu fhein ceart.” Coma leibhse, mhaighstir mhath,” ars Iain, “bheir mi an ionnsuidh co dhiubh.” ’Nuair thainig an oidhche, thog Iain air, us chaidh e air falbh gu tigh an Easbuig. Nuair a rainig e tigh au Easbuig, chunnaic e duine uasal tighinn mach air an dorus, “Oh,” ars Iain ris an duin’ uasal; “Ciod a tha so aig tigh an Easbuig an nochd?” “Tha gnothuch mor, sonraichte,” ars an duin’ uasal, “Albannach mosach tha an sud, agus e maoidheadh a nighean a ghoid. Gu dearbh cha ’n eil gin an Albainn a ghoideas i leis an fhaire a th’ oirre.” “Uh, tha mi cinntich nach ’eil,” ars Iain, agus thionndaidh e uaithe. “Tha fear an Sasunn an drasd,” ars Iain ris fhein, “a dh’fheumas feuchainn ris co dhiubh”!
ThaMinard ’s Linimentmath da’n fhalt.
An Reiseamaid Gaidhealach.
Tha caismeachd air feadh na tire gu bheil cruinneachadh mhor Ghaidhealach r’ a cumail ann am Baile Toronto, air seachdain bho di-Sathuirne sa tighinn (an naoidheamh la deug de’n mhios so) fodh thearmunn na reiseameaid Ghaidhealach, aig am bi duaisean airson piobaireachd, nan dannsan Gaidhealach, an deise Ghaidhealach, cur na cloiche, tilgeadh a chabair, an uird, agus cleasan neirt eile a bhuineas do na Gaidheil. Bithidh na duaisean mor agus bithidh cliu an luchd a choisinneas iad iomraiteach, a chionn ’s gu’m bi an cruinneachadh speiseal am measg cruinneachaidhean Gaidhealach na tire. Bithidh ullachadh sonraichte air a dheanadh airson na muinntir a bhitheas a lathair agus tha e coltach gu’m bi toil-inntinn air a chuideachd. Air an fheasgair cheudna bithidh coinneamh chaidreach aig Comunn Gaidhlig Toronto aig am bi diulanaich an latha nan aoidhean. Bithidh ceol ’us dannsa, us oraidean ann; agus an deigh sin bithidh suipeir air a riarachadh aig am bi deochan slainte Gaidhealach air an ol.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
Chan eil fhios nach faodadh an Victoria a bhi air uachdar an uisge fhathast. Tha Eadailteach seolta an deigh innleachd a dhealbh leis a bheil e an dochas a bhi comasach air am long a thogail a grunnd a chuain. Co dhiu theid leis no nach teid tha e cur roimhe ionnsldh a thoirt air.
COCAIRE MATH. —Cha toir cocaire math dhuinn uair sam bith biadh nach gabh cnamh. Ach tha na cocairean matha gann agus air an aobhar sin, tha moran ann nach eil a cnamh am bidh. Ach faodidh tu biadh sam bith ithe agus na thogras tu dheth ma bhios tu a gabhailBurdock Blood Bitters, an leigheas a’s ferrr air son gach meur de na h-euslaintean sin.
’SeMinard ’s Linimentan leigheas a’s fearr
Nuair a chluinneas tu duine ’bruidhin mar gu’m biodh fios aig air h-uile rud, faodidh tu bhi cinnteach gur e duine cho aineolach sa thachair ort riamh agus gu mair e mar sin ri bheo, ach ma’s ann a gheobh thu e de’n bharail nach eil fhios aig air ni sam bith, is duine e aig a bheil beagan foghlum ’s a tha gach latha ’g, oidhearpachadh air tuilleadh a chuir na cheann.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 8. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 19 1893.
Bha ’n t-Urr. Calum Caimbeal, Strath-Alba, an Eilean a-Phriunnsa, air chuairt ghoirid an Ceap Breatuinn e chionn ghoirid. Bha e ’n Sidni latha no dho air an t-seachdain a’s chaidh, agus rinn e ceilidh bheag an ofig a MHAC-TALLA. Bidh Mr. Caimbeal gu tric a sgriobhadh ’dh-ionnsidh a phaipear so, agus cha ’litrichean a ghnath toilichte. Tha sinn an dochas nach fhada gus an cluinn sinn maithe rithist.
Tha aireamh bheag d’ar leughadairean nach d’ fhuair MAC TALLA na seachdain s’a chaidh, ’s tha sinn cinnteach gum bu toigh leo fhios a bhi aca car son. Bhrist an inneal clo-bhualidh mas robh an aireamh abhaisteach a mach agus cha ghabhadh i leasachadh aig an am. Air an aobhar sin cha robh paipearan gu leor aginn ’s tha eagal oirnn gu bheil cuid a gearain. Bidh sinn fada ’n comain duine sam bith a chuireas thuginn aireamh na seachdain s’a chaidh an deigh dha fein a leubhadh, a chum a chur gu neach eigin nach d’ fhuair e.
Air an turus mu dheireadh a thug an St. Pierre eadar so us Newfoundland, chunnaic iadsan a bh’ air bord muc-mhara mhor anns an uisge ’si a reir gach coltais marbh. Dh-fhalbh bata-smuid a Cow Bay air a toir agus thug iad gu tir i. Bha i suas ri ceithir fichead troigh a dh-fhad, agus thoimhseadh i a reir am barail-sau a fhuair i ceud gu leth tunna. Tha daoine a nis ag obair air a gearradh suas ’sa toirt na h-olla dhi. Chan ann gle thric a gheobhar muc cho mor air na cladaichean so.
Tha paipear-naigheachd a New Zealand ag innse mu bhas Caiptean Donnachadh Mac Coinnich aig Waipu air an 29mh latha de Iun. Rugadh e an Eilean a Phriunnsa ’sa bhliadhna 1807. Bha athair aig an am sin ri ceannachd san eilean agus rinn e beairteas ann, ach an ceann beagan bhliadhnichean chaidh e air ais do dh-Alba, far ’n do dh-ionnsich a mhac Donnachadh an t-seoladaireachd. Nuair a bha Donnachadh mu shia bliadhna fichead a dh-aois thog e air gu America, agus bha e ’seoladh ’sa ceannachd mu chlaidichean Nova Scotia us Cheap Breatuinn uine fhada. ’Sa bhliadhna 1851 dh-fhalbh e maille ri bhrathair ’s ri feadhain eile gu Australia, agus a sin gu New Zealand far an d’ fhuair iad fearann air son aiteach. Riamh o’n chaidh e gu New Zealand, bha e seoladh ’sa ceannachd, ’s aig am a bhais bha aireamh de shoithichean aige dha fein. Bha e na dhuine firinneach, onarach, air an robh meas mor aig na h-uile. Bha e treis na fhear-parlamaid ’s an t-siorramachd ’san robh a chomhnuidh. Tri bliadhna romh ’bhas chaill e a fhradharc. Bha e ceithir fichead bliadhna ’sa sia a dh-aois.
An Leanabh [ ? ]each ’s na Brogan.
Bha duine coir ann an Tigh-nan-Cnoc aig an robh leanabh bochd, crion, seargta nach d-fhuair riamh as a’ chreadhail. ’Se bu bharail do na coimhearsnaich gur ’h-ann a chaidh am paisd a “thoirt as” ’s nach robh anns a’ chreadhail ach duine sith. Co dhiu, thainig greusaich an rathad, la, agus an tuathanach, ’sa chuideachd ’s an achaidh a buain. Chaidh e stigh; ’s an deigh beagan conaltraidh dh-iarr an leanabh air a’ ghreusaiche paidhir bhrog a dheanamh dha, ’s gun cluicheadh e port air a’ phiob mar dhuais air an son. Chord iad mu’n ghnothuch, ’s shuidh an creutair anns a’ chreadhail ’s sheid e suas am mala ’sa mach sgal am feadan, ’s thoirm na duis, gus an robh an tigh lan de cheol nach cual fear nam brog riamh a leithid. Sheid is chluich is char an sithiche gus am beag nach robh a fear ’bha ’g eisdeachd a speirean a chinn leis an toilinntinn a bh’ aige.
“Nis’ ars fear na piob, “an dean thu na brogan domh?” “Is mi ’ni” ars an greusaiche, “ach feumaidh tu innseadh dhomh ’d e mar a ni mi iad.”
“Ni thu” ars am fear eile:—
Brogan bileach, baileach, beul-dubh,
O dhrium leathar nam bo,
O shar leathar nan aighean;
Farra-bhuinn a steach, gearra-bhuinn a mach,
Buinn fhada, dhireach nan sineadh eatorra sin;
Buillt chiar-dhubh, dhonna, o’ chirean an droma,
Snathain caol reidh, guin gheur, tarraing air eigin.
Lamh deadh fhoghlum ga ’m fuaigheal,
Na faiceadh am bonn an t’athar no’n t’uachdar an talamh;
Buanas broig fir eilein, eireachdas broig mhic righ
’S ged a bhuaileadh i air a chreag
Gum bu mhiosa do’n chreig na dhi.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chiateachaidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. . . $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 8. p. 5]
Facal Bho’n Chamus.
Chi mi an drasd’ agus a rithisd cunntas air a thoirt seachad mu Chomuinn Ghaidhlig Inbhirnis, Toronto agus aiteachan eile. Is ro thaitneach, ga rireadh, cairdean na Gaidhlig ’bhi dol cruinn mar so, uair no dha anns a’ bhliadhna, ’toirt meas ’us onair do chainnt Tir nam Beann agus a’ cumail suas gu dileas, treibhdhireach cleachdannan beusach an sinnsreadh. Tha oraidean briagha, mar is tric, air an toirt seachad le ard sgoilearan a’ Chomuinn; tha orain bhinn, bhlasda nam bard Gaidhealach air a’ seinn le coisir ionnsaichte; tha ’phiob agus an fhiodhull air ghleus agus duaisean air an toirt do’n luchd-ciuil a’s airidh orra; tha dannsaidhean ceadaichte, cleasan, agus ioma fearas-chuideachd eile dhe ’n t-seorsa sin air an cleachdadh.
Is duilich leam r’a thuigsinn nach eil aon Chomunn de’n t-seorsa sin aginn ’an Ceap Breatuinn no an aite sam bith fagus duinn ged is ioma Gaidheal ’us Mac Gaidheil a th’ ann. Cha’n ’eil teagamh sam bith nach eil an “teud nadurra na ’dusgadh” a measg moran diubh fhathasd ged nach eil iad ’ga dhearbhadh an doigh fhollaiseach. Tha fior Ghaidhil gu leoir ann an Siorramachd Inbhirnis fhein gun tighinn air Ceap Breatuinn uile gus an leithid so de Chomunn a chur air bonn, ach co ni toiseachd toiseachaidh?
D.
Chaidh Seanalair Wylie duine statail aNew Yorka mach a dh-iasgach faisg airKingstonDi-haoine s’a chaidh, agus air dha fas ro dhana thuit e do’n uisge, far an d’fhuair e deagh bhogadh, ach gu fortanach rachadh aig air snamh agus mar sin fhuair e gu tir. Mun deachidh e do’n uisge bha aona ceud deug dolair de dh-or air a shiubhal, ach an deigh an tumidh fhuair e gu robh an t-airgrod ’s am poca ’s an robh e air fhagail. Thairg e tri cheud dolair do dhuine sam bith a gheibheadh an sporan dha, ’s tha h-uile iasgair sa choimhearsnachd ’ga shireadh.
Thanig an soitheach Amur aNew Yorkgu Sidni-a- Tuath Di-sathairne s’a chaidh a dh-iarridh guail, agus thilig i ’n t-acaire faisg air aon de na laimhrigean. Nuair a chaidh an dotair air bord fhuair e gu robh dithis dhaoine bu choir a bhi air bord nach robh ann ’s air nach toireadh an caiptean cunntas sam bith. Dh-orduich e an sin an soitheach gu taobh eile na h-acarsaid gu bhi air a cumail an sin gus am faicte nach robh droch ghalair sam bith air bord. Di-luain chaidh a leigeil ma chul a gnothuich a rithist, an deigh de’n chaiptean ’s do na h-oifigich a dhearbhadh nach danig an dithis dhaoine a bh’ air chall air bord idir. Bha eagal air moran gur ann a bha ’n cholera air bord.
Faic So!
Ainmean na muinntfr a phaigh am MAC-TALLA gu toiseach Iulaidh 1894. Tha sinn an duil a bhi cur sios an ainmean bho sheachdain gu seachdain mar a e chuireas iad an dolar thuginn. ’S iad so an fheadhain a chumas suas am MAC-TALLA agus a Ghailig ma bhitheas iad air an cumail suas. Buaidh us piseach air an ceann!
A. G. Mac Gilleain, Sidni.
Padruig Mac Gille Mhoire, do.
Tormod Domhullach, Dutch Brook.
P. M., Salem Road.
D. Mac Iille-Mhaoil, Dunbheagain, Ont
I. I. Mac-an-t- Saoir, Boston.
Domhnull Mac Gille-Ghlais, Stellarton , N. S.
Eachann Mac Fhionghain, do.
Donnacha Mac Ghriogar, Westville , N. S.
An t-Urr. C. Caimbeal, Strath-Alba, P. E. I.
Catriona Chaimbeal, Plaister, C. B.
I. Domhnullach, French Road, C. B.
Domhnull Boyd, Frazer Mills, N. S.
Muracha Mac Leoid, Valleyfield , P. E. I.
Iain D. Mac Leoid, do.
Aonghas Mac Fhearghais. L ’Archeueque, C. B.
Tearlach Mac-an-Toisich, Malagawatch.
H. C. Mac Aidh, do.
Niall Domhnullach, Baddeck.
Domhnull Smith, New Glasgow.
An t-Urr. E. Mac Laomuin, Milan , Que.
Calum Mac-an-Leigh, Duntrom , Ont.
Iain Mac-Iille-Mhaoil, South Finch, Ont.
H. A. Mac Ille-Mhaoil, do.
An t-Urr. Ioseph Mac Laomuin, ’san Eilean Sgiathanach.
Domhnull Mac Fhearghais, Penetanguishene , Ont.
Alasdir Mac Ealair, do.
Uilleam Stiubhart, do.
Iain Mac Ille-mhaoil, do.
Dr. Uilleam C. Gilchrist, Orillia , Ont.
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont.
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath.
Iain Domhnullach, Stellarton , N. S.
Ruairidh Domhnullach, Providence , R. I.
D. R. Caimbeal Intervale Chloinn Fhionghain.
Iain Mac Fhionghain, (Tailear) Sidni.
Murachadh Smith, do.
Tha ’n Dotair Buchanan a nise bho bhinn bais. Dh-fheuch na fir-lagha aige gach innleachd a b’ urrinn daibh gus a thoirt saor aig a chuirt agus nuair a dh-fhairtlich sin orra ’sa thugadh a bhreith na aghidh dh-fheuch iad ris an cas a chur gu cuirt eile, cha d’ fhuair iad sin leotha dad na b’fhearr, ’s tha ’n dotair ri bhi air a chur gu bas leelectricitytoiseachOctober. Tha na fir-lagha ’s e fhein fhathast an dochas gun teid aca air a chuis a chuir seachd air chor ’s nach teid a chur gu bas gu ceann bliadhna.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. .. 1.0
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 8. p. 6]
MAR BHA, MAR THA. ’S MAR A BHITHEAS:
Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean.
(LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.)
AIR FONN— “Thug mi gaol do’n fhear bhan.”
MAR A BHA.
Dh’fhalbh mi latha na seann bhliadhn ’uir,
’S thug mi leam each ’us carn.
Ach mun d’ rainig mi ’n sluagh,
Thuit mo shuaimhneas gu lar.
Rainig mi beinn Tota-Gormshuil,
Ann an t’earbadh nan trath
Far am bith’maid aotrom og.
G uallach bho ’mios a Mhaigh.
Nuair a chaidh mi troimh na ghleann,
’S gun neach ann mar a bha,
Thainig nial no mo cheann,
’S dh’fhas mi tinn leis a chradh.
’S gun tuirt Eoghann ’Ill Ghespic Bhain,
Ogha ’n t-sar dhuine choir,
Tillidh mise leibh an traths,
Ma tha ur cail gu ur leon.
Na gabh ioghnadh a ghaoil,
Ge do chaochail mo neoil.
Tha mi faicinn cro nan laogh,
Rinn na laoich nach eil beo.
Nuair a chunnt mi gach cro,
’Rinn na seoid ’sa robh ’bhaigh,
Cro Mhic Mhathoin, is Ian Chaimbeil,
Mhic Amhlaidh ’s Ian Bhain.
Dh’eirich smuainteanan uamhasach,
Uaircneach, gum bhaigh,
’Na mo chridhe ’n aghaidh ’n t-sluaigh
’Chuir an tuath as an ait.
Nuair a dh’ fhalbhamaid ’s a gheamhradh,
’N ar deann na Ghlaic Bhain,
Leis na h-eallaich air ar druim,
Mas biodh soills’ air an la.
Nuair a bhiathamaid a spreidhe,
Reitheadh an treud ann an ar,
Toiseachadh air ruith ’s air leum,
Gu sinn fein ’chumail blath.
Nuair a reitheamaid ann am buinn,
’S math mo chuimhne air an traths,
’S Calum Shomhairle air ar ceann,
’S “Dheas a Gheimhleag” aig cach.
Theicheadh Calum Phadruig dhuinn,
’S cach nan dean air a shail,
’S nuair a thionndadh an sonn,
Bhiodh an druim ris an lar.
Dh’eireadh Tearlach Shaw grinn,
’S e na righ as cionn chaich,
’G eigheach, Hu, bhi, liuman,
’S ann leamsa tha’m blar.
’A chaillach a bh’ againn an raoir;
Deanamh grein oirre ’n traths,
Thugte ’bhannag far a cinn,
’S ceanglaibh teann i mu sail;
Bliadhna no dha roimhe so cha robh duine ’san Fhraing bu mheasaile ’sa b’ urramiche na Ferdinan de Lesseps. Ach an diugh tha e air a dhruideudh a stigh ’sa phriosan, ’s cha n-fhaod e uiread sa dhol a choimhead a theaghlicn, gun maor a bhi air gach taobh dheth.
Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan leMINARD ’S LINIMENT.
R. F. HEWSON.
Oxford, N. S.
Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh leMINARD ’S LINIMENT.
FRED COULSON,
Y. A. A. C.
Yarmouth, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTan Ros dubh ormsa.
J . W. RUGGLES.
Inglesville.
Tha e air a radh gu bheil easbuig an Colorado ag urnigh asr son Parlamaid na Staitean, ’sa gairm air feadhin eile gus an ni ceudna dheanamh. Chan eil teagamh nach eil a pharlamaid gle fheumach air.
Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na
K. D. C
Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Donghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 8. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN. M. A. D. D.
Is gann a fhuair e gabhail ris nuair a chuimhnich e orra-san a dh-fhagadh air a chladach, a dh-faodadh bhi air a’n glacadh leis an dorchadas; uime sin chaidh e gu taobh an t’soithich, agus maille ri cuid eile smeid e le laimh ri Talamh Dearg.
Chunnaic e “An Gealladh” a rithist aig a chladach.
Bha Mairi a dol a steach innte, agus rainig ise mar an ceudna. “Sgeul a Mhor Aoibhneis” a thiota, ghreimich i air casan Imanuel, agus dh-amhairc i na aghaidh, ag radh, “a Mhaistir.” Thubhairt esan rithe, “a Mhairi, rinn thusa roghainn do’n chuid mhath sin nach toirear uait,” agus thug e seachad i gu curam Ban-mhaighstir Crionnachd—bean Tuigse, ard Oifigeach na Luinge.
Phill an “Gealladh” rithist dh-ionnsuidh a chladaich, agus chaidh Marta, —nach duraigeadh bhi air a fagail air deireadh le a puithar—steach innte. Chaidh a h-iomaireadh dh-ionnsuidh “Sgeul a Mhor-Aoibhneais” ach ni bu shochraiche na aon chuid Peadar na Mairi; mar an ceudna bha dragh aice an am dhi dhol air bord.
Nuair thainig i gu Imanuel thubhairt i gu h-iorasal, “A Thighearn, ciod is aill leat mise a dheanamh?”
Thubhairt Esan rithe, “agus ge b’e neach a ta beo, agus a’ creidsinn annamsa, cha’n fhaigh e bas am feasd. Am bheil thu creidsinn so?”
Thubhairt ise ris, tha, a Thighearn, tha mi creidsinn gur tusa Criosd, Mac Dhe, a bha gu teachd chum an t-saoghail.
Fhuair ise air tus a puithar Mairi thuit iad air muineal aon a cheile, agus ghuil iad deuraibh gairdeachais, an sin comhlath dian shealltain dh-ionnsuidh na traghad—a labhairt aig aon am mu thimchioll a’m parantan, agus an sin mu Imanuel, Rinn Marta cagar ri piuthar gu robh a chota fighte o’n mhullach gu iochdar.
Thubhairt Mairi rithe, “O gu’n robh na h-uile tearuinte air bord.”
Tra bha i labhairt, bha a mathair a guidhe air Talamh Dearg dhol a steach do’n “Ghealladh” ach cho-eignich ise esan dhol air thoiseach.
Nuair nach gabhadh e comhairle, chaidh ise air bord, oir thubhairt esan, “leanaidh mi thu nis fein.”
Dhluth-lean Rut ri Sean-Mhathair.
Air do’n teachdaire bhi an ioma-chomhairle, bhagair e’n leanamh; ach thubhairt guth an Tighearna, “Fulaingibh do na leanabaibh, agus na bacaibh dhoibh teachd a’m ionnsuidh, oir is ann da’n leithibh sin a ta rioghachd neimh.”
Gheill e; agus ge neonach ra ghra, shnamh a’n “Gealladh” ni b-eutruime leis a’n dithis ud na le cach singilte.
Chuir a triur chloinne failt air am athair ach gu’n moille air bi, thainig i dh-ionnsuidh a’n Tighearna ag radh, “Feuch mise agus a chlann thug Dia dhomh!” Fhreagair esan i, ag radh, Failte dhuit, o thusa da’n do nochdadh mor dheadh-ghean, a ta an Tighearna maille riut.
Thainig an leanamh Rut mar a’n ceudna dh-ionnsuidh Imanuel, agus thubhairt i, “Tha gradh agam dhuit.”
Chuir e lamh air a’n leanamh agus bhuannaich e i.
LeigsidhMinard ’s Linimentloimdh.
“ ’Se baile uamhasach a th’ann a Chicago air son bristeadh na Sabaid,” arsa Seumas an deigh dha tilleadh bho fheill an t-saoghil, “Cha robh mi fhin am broinn eaglis riamh o’n dh-fhag mi ’n tigh.
LEIGHEAS DO DHROCH STAMAG. —Tha moran euslaintean, mar a tha droch fhuil, ceangal-cuim, us ceann goirt a leantuinn droch stamag. Leighsidh B. B. B. iad so uile ma theid a ghabhail a reir nan seolidhean. Dh’fheuch na miltean e, agus rinn e feum dhaibh.
Tha e air a radh nach eil beothach ann a’s turaile no is fearr a ghabhas ionnsachadh na ’nelephant. Tha e air a radh cuideachd gur h-i beothach a’s faide saoghal a th’ann, moran diubh a bha tri cheud bliadhna dh-aois nuair a bhasich iad.
EACHDRIDH 15 BLIADHNA. —O chionn choig bliadhda deug tha sinn a cleachdadhDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberryair son gearrach ’s gach tinneas de’n t-seorsa sin, ’s cha d’ fhuair sinn a leithid riamh. Ni sinn a dheagh mholadh. SAMUEL WEBB, Corbett, Ont.
Dhe na tha de shluagh air an t-saoghal tha mu’n treas cuid diubh air an deagh chomhdach, tha ’n darra leth dhiubh nach eil a cosg ach feilleadh no aodach de’n t-seorsa sin agus tha ’n t-seathamh earrann diubh nach eil a cur feum air comhdach de sheorsa sam bith, ach a tha h uile la dhe’n bhliahhna cho lomnochd ’sa bha Adhamh an garadh Eden.
Tha P. I. Quinn, St. John, N. B., a sgriobhadh, —An deigh dhomh a bhi tinn le droch stamag aireamh bhliadhnichean, agus an deigh dhomh gach leigheas fheuchinn air an cuala mi iomradh, tha mi nise toileach innse do na h-uile gun do leighseadh mi gu buileach le K. D. C., ged nach no ghabh mi dheth ach ceithir bocsichean. Cha robh mi riamh na bu shlaine na tha mi ’n diugh.
“Mac-Talla’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 8. p. 8]
Co Chunna mi Seachad.
Co chunna mi seachad
Air an each ud na leum?
Co bh’ ann ach am Muileach,
An t-og furanach treun:
Call uilirinn i,
’S call uilirinn o;
Ho ro ’n t-Eileineach!
Call eile ho ro.
Tighearn og Loch-a- buidhe
’Sa bhuidheann na dheidh,
Le ghunn’ air a ghualainn
’Se ’ruagadh an fheidh.
Nuair theid thu do’n mhunadh
Bidh do ghunn’ air dheagh ghleus;
Bidh do mhiolehoin air lomhain,
Cuid diu romhad ’s nad dheidh.
Nuair a thigeadh tu dhachidh
Bhiodh do chairdean riut reidh;
Bhiodh do thaigh an deagh uidhim
Aig an nighinn ’b’fhearr beus.
Bhiodh do sheomrichean cadil
Air an lasadh le ceir.—
Nuair bha ’n gleachd an Gleann-Garadh
Thug thu barrachd air ceud.
Fhuair thu broilleach nan Leodach
Nuair a thoisich an t-streup;
’S mor an spionnadh a fhuair thu,
’S i do ghual’ a bha treun.
’S tric a chum mi riut coinneamh
Ann an coille nan geug;
’S tric a ghabh sinn an t-anmoch
Gu bhi seanachas ri cheil’.
Ciod a dh’fhairich, no chual thu,
No fhuair thu mu m’ dheidh?
’Nuair a dh’fhas thu cho fuar rium
’N deigh do shuaircas ’s do speis.
Oran Gaoil.
A chailin sin a’s ro ghlan
A sheoladh air chuan,
Cha b’ ann air a mhointich
A dh’ fhalbhadh tu uainn.
Thoir mo shoraidh comhla
Gu cailinn oig gun ghruaim,
’Si gun uabhar, gun ardan,
Is ailteachd na gruaidh;
Ciochan corrach air uchd soluis,
Broilleach a’s glan snuadh;
’S i ’n t-seirce tha ’nad bhraigh’
Dha’n dug mi mo ghradh gu buan.
Do chul buidhe lubach
Mar dhriuchd air an fheur;
’S corrach gorm do shuilean,
’S gur geal ’s gur dluth do dheud;
Ruiteach dearg do ghruaidhean,
’S gur suairce do bheul;
Do shlios mar eal’ air chuan
No mar shneachd air uachdar gheug.
Beul milis gle thairis
Ceum banail reidh;
’S gur binne leam do chomhradh
Na cronan nan tend,
B’ fhearr leam na mo chota
Ge b’ or e gu leir,
Gu ’m bidhinn is tu posda
Le coir bho na chleir,
Bho ’n ’s tu mo chruit cheolair
Mar smeorich nan geug;
’S math mo bharail fhad ’s’ is maireann
Mi air talamh reidh,
Nach beag an t-aobhar broin dhomh
Gun phoig bho do bheul.
Cia mar stolas m’ inntinn
Gun innleachd bho leigh?
Cha b’ann air a bhilich
A dh’imich thu ’n ceum;
Cha b’ann do chrodh nan gleann,
Cha dean mi drann de’n bhreig,
Cha ’n eich is cha ’n aigich
A thair mi nan deidh.
Gach ni chleachd mi bhi as m’ easibh
Bho ’n taice so ’n de;
’S an traigh nach lub am feoirnean,
Bu mhodhaire leum.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGA
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear-ionaid.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin.
title | Issue 8 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 8. %p |
parent text | Volume 2 |