[Vol . 2. No. 9. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 26, 1893. No. 9.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Ged a tha Dotair Buchanan air a dhiteadh gu bas air son a bhean a mhort, tha e sior aicheadh gu robh dad aige ri dheanamh ri a bas. Tha e ri bhi air a chur gu bas an October.
Aon latha air an t-seachdain s’a chaidh, thanig coig ceud fear-imrich a Iceland gu Quebec, air an turus gu Manitoba. Tha na h-Icelandich nan daoine matha, stuama agus nan deagh thuathanich, agus nithear am beatha ge be aite ’n teid iad.
Tha na leumadairean-feoir an deigh milleadh mor a dheanamh air feur us barr an cearnan de Nobha Scotia. Ann an caochladh aitean b’fheudar am barr a ghearradh air son a ghleidheadh bhuapa. Cha chuala sinn gu’n d’rinn iad call sam bith air an eilean so.
Di-sathairne sa chaidh bha fearTomas Luckna sheasamh ri taobh an rathad-iarinn aig Burford, Ontario, agus na carbaid a dol seachad. Rug fear de na bha air bord air laimh air agus mu’n do tharr e a leigeil as dhragh e an duine leis agus thuit e fodh na cuibhlean far as robh e air a mharbhadh.
Dh-eug nighean bheag dam b’ainm Rogers aigSummerside, an Eilean-a- Phriunnsa an la roimhe. Bha i coiseachd air feadh buntata air an robhParis Greenair a chrathadh air son cur as do na daolagan. Bha gearradh beag air a cois agus chaidh am puinnsean ann, agus am beagan uine dh-fhas i tinn agus dh-eug i an ceann dha no tri laithean re na dh-fhuiling i cradh mor.
Tha moran de na meinneadairean ann aWalesan drasd air sgur a dh-obair ag iarridh tuilleadh tuarasdil. Chan e mhain gu bheil iad fein nan tamh ach tha iad a cur rompa nach leig iad le duine oibreachadh aun an gin de na meinnean eile. Tha buidhnean dhiubh a falbh o mheinn gu meinn ’s iad air an armachadh le cuailtean mora de bhatichean ’sa toirt orra-san a tha fathast ag obair sgur a dheoin no dh-aindeoin. Is daoine oga ’tha ’nan ceannardan orra. Tha na seann daoine cha mhor uile deonach a dhol a dh-obair ach cha leig cach leotha.
Chaidh tuathanach ann an Sackville, N. B., do’n t-sabhal an la roimhe agus de fhuair e an sin ach da chu mhor ag obair air marbhadh nan caorach. Dhe ’n t-sia thar fhichead a dh-fhag e ann am feasgar roimhe sin, cha robh gin gun leonadh ach tri. Bha coig marbh, agus bha cach air leonadh cho dona ’s gum basich a chuid a’s mo dhiubh.
Chaidh am bradan bu mho air an d’ rugadh riamh an Columbia Bhreatunnach a ghlacadh an la roimhe anns an amhinn ris an abrar anFrazer River. Thomhais e ceithir fichead punnd ’sa ceithir gu leth. Am bradan bu mho a fhuaireadh riamh an Ceap Brertuinn, cha do thomhais e ach leth-cheud punnd us aon.
Madinn na Sabaid s’a chaidh dh-eugMr . Aonghas Gillios, aig a dhachidh ann a Hogamh. Cha robh e tinn ach beagan us seachdain agus thug a bhas ris nach robh duil idir, buille ghoirt d’a chairdean uile. Bha e ann a Hogamah o oige agus bha e ris an dathadaireachd mar cheaird. Rinn e moran chairdean re a bheatha agus choisin e meas da fein le bhi firinneach onarach na dheiligeadh ris na h-uile. Bha e mu thri fichead bliadhna dh-aois.
Rinn an stoirm a bh’ ann Di-luain call mor an iomadh aite. Chaidh an soitheacheach-smuid Dorcas, agus bata-guail a bha i tarruing, do’n ghrunnd aigThree Fathom Harbour, leis a h-uile duine bha air bord. Cha deachidh duine a shabhaladh. Bha mu fhichead air bord an Dorcas, am measg an robh dithis mhnathan us coignear chloinne, agus bha seachdnar air bord a bhata-ghuail, anEtta Stewart.Tha mar so moran de bhantraichean ’s de dhileachdain air am fagail gun doigh aca air tighinn beo, agus tha sinn an dochas gun teid muinntir na ducha an guaillibh a cheile, agus gu’n nochd iad am fialidheachd ann a bhi cur airgiod cruinn a bheir teachd-an-tir dhaibh. Bha ’n Caiptean Mac Fhearghais a chaidh a bhathadh am measg chaich gle eolach ’sa bhaile so, agus bha e gle mheasail aig gach aon da’m b’aithne e. Bha cha mhor a h-uile aon de na daoine ’chailleadh a mhuinntir an eilean so fein. Cha do thachair sgiorradh mu’n eilean so o chionn fhada a rinn uiread calla.
[Vol . 2. No. 9. p. 2]
AM FEAR A GHOID EACH AN EASBUIG.
(Air a Leantuinn.)
Dh’fhalbh e, agus chaidh e gu taillearan an teaghlich rioghail. Dh’fharraid e dhiubh an robh gin de dheiseachan deas aca do uaislibh mora. “Chan’eil,” ars an taileir, “ach deise a th’againn do nighinn an righ, agus te da maighdean choimheadachd.” “Ciod e,” ars Iain, dh’iaras tu orra sin fhein car da uair a dh’uine?” “O,” ars an taillear, “tha eagal orm nach faodh mi a thoirt duit.” “Na bitheadh eagal air bhith ort,” ars Iain, “paighidh mi thu agus bheir mi an da dheise gun bheud, gun milleadh air an ais. Gheibh thu ceud marg.” Shanntaich an tailleir an t’ airgiod mor ud us thog e dha iad. Dh’fhalbh e us fhuair e an gille bh’aig an oidhche roimhe. Chaidh iad dh’aite sonruichte, ’us fhuair iad iad fhein a chur an uidheam ’san da dheise. Dh’fhalbh iad nuair a fhuair iad iad fein cho maith ’us bu maith leo gu dorus an Easbuig. Fhuair e mach mu’n d’rainig e an dorus, nuair a thigeadh aon air bith de’n teaghlach rioghail gu tigh an Easbuig, nach e an dorus an bhualadh a dheanadh iad, ach sgriob a thoirt le barr an coise aig bonn an dorruis. Thainig Iain a dh’ionnsuidh an doruis agus rinn e sgrioba. Bha dosair aig a dorus an oidhche sin, ’us dh-fhalbh e ’n a ruith, dh’ionnsuidh an Easbuig. “Tha aon de’n teaghlach rioghail aig an dorus,” ars esan, “Chan ’eil, is e th’ann am meirleach Albannach.” Sheall an gille troimh tholl na h’iuchrach ’us chunnaic e gur e coltas da bhean uasal a bh’ann. Dh’fhalbh e gu mhaighstir ’us dh’innis e. Chaidh a mhaighstir a dh’ionnsuidh an dorus ’us sheall e fhein. Bheireadh Iain sgriob an trathsa ’sa rithis air an doruis, ’us e cath-trod ris an Easbuig airson amideachd.
Sheall an t’Easbuig ’us dh’aithnich e gur e guth nighean an righ bha ’san dorus. Fhosgail e gu grad an dorus, ’us chrom e gu lar rithe. Bhruidhin nighean an righ ris air son a nighean a chur ann an geall ’sam bith, gu’n robh feadhain a gabhal brath air airson a leithid a dheanamh. “Cha mhor a b’fhiach thu a dheanadh a leithid gu’n fios dhomsa, ’us cha ruigeadh tu leas a leithid a dh’athil ’us a dh’amaideachd a dheanamh.”
“Gabhaidh sibh mo leithsgeul,” ars an t’Easbuig. “Cha ’n urainn mi do leithsgeul a ghabhail,” ars ise. Stigh thug e nighean a righ do ’n t’seomar s’an robh an nighean ’us an fheadhain a bha ’ga faireadh. Bha ise ’am meadhon an t’seomar air cathair na suidhe ’s cach ceithir thiom chioll oirre. Labhair nighean a righ rithe: “Mo ghaol, ’s e d’athair an duine gun tur a chuir ’sa chunnart thu, ’us na ’n d’ thug e fios dhomsa ’us do chur far a robh mise, aon sam bith thigeadh a d’ choir, rachach an crochadh ’us a bharrachd air an sin a losgadh.”
“Falbh” ars ise ris an Easbuig,” a chadal ’us cuiribh fa sgaoil a chuideachd mhor so mas bi iad a’ magadh oirbh.” Thubhairt an t’Easbuig ris a’ chuideachd gu’m faodadh iad gabhail mu thamh, gu’n d’thugadh nighean an righ, ’sa maighdean choimheadachd an aire dha nigheansa, An uair a fhuair Iain uile gu leir air fhalbh iad. “Thig thusa, a nighean mo ghaol cuide riumsa gu tigh righ na rioghachd.” Mach a thug iad; bha an t’each donn goireasach aig Iain, agus cho luath sa fhuair e mach an nighean far an robh an t’each donn, tilgear dheth ann an aite dorch an deise. Chuir e dhachigh an gille leis na deiseachan dh ionnsuidh an tailleir. Phaigh e an gille ’us thubhairt e ris a choinneachadh an sud an ath oidhche. Chaidh e fhein sa nighean air druim an eich dhuinn; ’us air a thug e gu tigh a mhaighstir.
Ge bu mhoch a thainig an la, bu mhoiche na sin a thainig a mhaighstir a dh’ionnsuidh a stabuill. Bha Iain ’us nighean-an-Eisbuig nan cadal, ’us dhuisg iad n’ uair dh’fhairich iad an duin’ uasal a tighinn. “Cha bu chall leam mo shaothair,” ars esan, “na ’m bitheadh m’ Albannach bochd romhan an so an diugh.” “Tha mise a so,” ars Iain, “agus nighean an Easbuig comhla rium.”
“Oh,” ars esan, “bha meas agam ort roimhe, ach a nis tha meas mor agam ort.” Be sin Di-sathairne. Bha aigesan agus aig a mhaighstir gu dol a choinneachadh an Easbuig an latha sin cuideachd. Chaidh an t’Easbuig agus an duine uasal an coinnimh a cheile mar a b’ abhaisd.
An nuair a thainig e far an robh Iain cha robh aig ris ach, “a mheirlich ’us a shlaoitir?” “Faodaidh tu do bheul a dhunadh,” ars Iain, “cha’n urrainn thu tuilleadh a radh rium. Cuir an nall mo dheich ceud marga so.” Phaigh e an t-airgiod. Bha e leantuinn air a chaineadh. “Oh dhuine,” ars Iain, “leig dhiot do chaineadh, cuiridh mi an deich ceud marg riut gu ’n goid mi thu fhein an nochd.” “Gheibh mi deich ceud marg ud air ais,” ars an t’Easbuig “ach cuiridh mise cuig ceud riut nach giod thu mise.” “Ni mi cordadh riut,” ars Iain. Cheangail an duine uasal am bargan eadorra. Dh’fhalbh Iain ’us a mhaighstir dachigh. “S’ garach thu,” ars a mhaighstir, “bha meas mor agam ort gus an duigh, caillidh thu na fhuair thu dh’ airgiod, agus cha n urrainn thu an duine ghiod.” “Cha’n eil eagal sam bith orm fhein,” ars Iain. ’Nuair a thainig an oidhche dh’fhalbh Iain, ’us thug e tiomchioll tigh an Easbuig air. An sin smuainich e gu’n rachadh e far an robh iasgairean a bhaile, dh’fheuchain ciod a chitheadh e acasan. ’Nuair a thainig e far a robh na h’iasgairean dh’fharraid e dhiubh, an robh gin de bhradan aca air ur-mharbhadh? Thubh-
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
ABTHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. heannichean a bhrist ann an Nobha. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 2. No. 9. p. 3]
airt iad ris gu robh, “Ma dh’fheannas sibh,” ars Iain, “na h’uiread so a dh’iasg, bheir mi dhuibh uiread so dh’airgiod; na airgiod sa bith a’s coir dha bhi” Rinn na h’ iasgairean sin. Thug iad dha de chraicinnean eisg na shaoil leis an dheanadh cleochd, an fad ’us a leud a dh’ iar e. Dh’fhalbh e sin a dh’ionnsuidh nan taillearan. Thubhairt e ris na caillearan an deanadh iad deise dha de chriacinnean an eisg, bho chionn da uair deug a dh’oidhche, ’us gu faigheadh iad paidheadh math air a shon. Dh’innis iad dha ciod e an t’suim a ghabhadh iad. Ghabh iad tomhas a ghille us thoisich iad air an deise. Bha deise ullamh an ceann na da uair dheug. Cha’n fhaodadh iad bhi na b’fhaide. Bha ’an Domhnach ’tighinn a stigh. Dh’fhalbh e leis an deise ’us n’ uair a fhuair e e fhein goirid o eaglais an Easbuig chuir e uime an deise. Fhuair e iuchair a dh’fhosgladh an eaglais ’us chaidh e stigh. Suil do’n tug an dorsair uaith ’us faire mhor air an Easbuig, dh’fhalbh e, ’us thubhairt gu ’n robh solus ’s an eaglais. “Solus” ars an t-Easbuig, “ruith thusa null ’us faic ciod e an solus a th’ann. Bha e an deigh da uair dheug an nis. “O,” ars an dorsair ’us e tighinn, “tha dune a’ searmonachadh.” “Tharruing an t’Easbuig ’uaireadair ’us chunnaic e gu robh toiseach an Domhnaich a tighinn a stigh. Dh’fhalbh e ’na ruith dh’ionnsuidh na h’ eaglaise. ’N uair a chunnaic e’ an soillse bha ’s an eaglais ’us na h-uile car chuir an duine bha’ searmonachadh dheth, ghabh e eagal. Dh’fhosgail e beagan an dorus ’us chur e a cheann stigh dh’fhaicinn ciod e an coltas a bh’ air. Am fear bha ’san eaglais cha robh canain bha fo na rionnagan nach robh e toirt treis air. ’Nuair a thigeadh e dh’ionnsaidh na h-uile canain a thuigeadh an t’ Easbuig is ann ’cur iomchair air an Easbuig a bha e gu’n robh e call a cheill. Sud stigh an t’ Easbuig agus theirigear air a ghluinean aig bonn na crannaig. Thoisich esan air asluchadh ann an sin ’us n’ uair a chunnaic e an dearrsadh bha’ sa’ chrannaig ghabh e gu curam leis na bha e ag radh ris. Mu dheireadh thubhairt e ris, na’n gealladh e dhasan gu’n deanadh e aithreachas glan ’us gu’m falbhadh e leis-san gu’n d’thugadh e maitheanas dha. Ghealladh a t’ Easbuig sin da. “Falbh leamsa,” ars esan, “gus am faigh mi beagan uine ort.” “Falbhaidh,” ars an Easbuig, “ged a b’ann as an t’saoghal dh’iarradh tu orm falbh.” Dh’fhalbh e leis. Rainig iad stabull an duine-uasal. Fhuair e aite suidh do’n Easbuig. Shuidh e fein; cha ruigeadh iad a leas solus, oir bha eudach Iain deanamh solus far an robh iad. Bha e’ mineachadh don Easbuig an sin ann an canainean a thuigeadh agus ann an cuid nach tuigeadh e. Bha e mar sin gus an robh an t’am da mhaighstir tighinn s’a mhaduinn. N’uair bha an t’amteann air laimh, thilg e dheth an deise, lub e ’us chuir e am folaich i, oir bha e ris an t’ soillearachd. Bha an t’ Easbuig samhach an so, ’us thainig maighstir Iain. “Cha bu ghearain leam mo shaothair na ’m bitheadh m’ Albannach bochd romham an so an diugh.” “Eh, tha mi so,” ars Iain, “ ’us an t’ Easbuig agam.” “Ud, a laochain,” ars an mhaighstir, “is maith a gheibhear thu.” “Oh, a dhaor-shlaoitir,” ars an t’Easbuig,” ’n ann mar so a rinn thu an gnothuch orm.” “Innsidh mise dhuit mar a tha,” ars an duine uasal, “is fhearr dhuit deanamh gu maith ris, no bhi ’ga chaineadh; tha do nighean aige, agus tha d’each aige, agus d’ airgiod, agus air do shon fhein, cha ghleidh esan thusa, ach is fhearr dhuitse esan a ghleidheadh. Thoir e fein ’us do nighean leat us dean banais dhoibh le eireachdeas.” Dh’fhalbh e us chaidh e dhachigh leis an Easbuig ’us chaidh Iain ’us a nighean a phosadh gu ceart ’us rinn an t-Easbuig gu maith ruitha. Dh’fhalbh mise ’us fhag mi sud iad.
[Bha ’n seann sgeulachd so air a sgriobhadh ’s air a cuir thuginn le Mr. I. D. G. Mac Neill, an Acarsaid Chloinn Fhionghain. ]
Cha n-eil rathad-iarinn no goireas sam bith de’n t-seorsa sin am Persia. Tha ’n t-impire a ghnath a dol air a thurusan air muin eich ’s ged a tha e pios math seachad air an tri fichead bliadhna ’se marcaiche cho math ’sa tha san rioghachd.
EACHDRIDH 15 BLIADHNA. —O chionn choig bliadhda deug tha sinn a cleachdadhDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberryair son gearrach ’s gach tinneas de’n t-seorsa sin, ’s cha d’ fhuair sinn a leithid riamh. Ni sinn a dheagh mholadh. SAMUEL WEBB, Corbett, Ont.
Bha tuathanach coir Gearmailteach ann uair, agus comhla ris gach olc eile ’bha cur ris, bha droch bhean aige. Cha leigeadh i tamh no fois leis ach a caineadh ’sa trod o mhoch gu dubh, agus aona latha thrus i leatha ’cuid de’n t-saoghal ’s dh-fhag i e, a boideachadh nach tilleadh i am feasda. Sgaol an naigheachd air feadh nan coimhearsnach, agus ’nuair thanig am feasgar, thionail aireamh dhiubh far an robh Iain a dh’innse dha cho duilich ’sa bha iad air a shon. “Ma ta, ’dhuine,” arsa fear dhiubh, “ ’s mi fein a tha duilich air do shon. Tha thu ’nad fhior chulaidh-thruais.” “Gu dearbha tha,” ars Iain, “mi nam chulaidh-thruais da rireadh. Chan ann a chionn gu’n d’fhalbh i idir, ach a chionn gu’n do thill i. Tha i direach air tighinn dhachidh!”
’SeMinard ’s Linimentan leigheas a’s fearr
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’ uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’s e uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 9. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig ’an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE OGUST 26, 1893.
Naigheachdan a Framboise,
Tha na tuathanaich an nise ag obair air an fheur agus tha iad uile toilichte mar a dh-fhas e mar nach robh duil aca. Tha an coirce mar an ceudna a coimhead gle choltach ri bhi gle mhath, ach cha’n urrain sinn dad a radh ciamar a bhitheas am buntata. Ged cha’n daolag gu math pailt cha do rinn i moran call fhathast, agus mar tig i nas miosa cha toir sinn guth air. Dh fhaodadh gu leanadh iad rompa gu’s an teid iad car ma char a mach air a chuan.
Chaidh Sacramaid Suipeir an Tigherma a fhrithealadh ’san aite so la na Sabaid ’sa chaidh. Bha an t-Urr. Mr. Mac Leoid air a chuideachadh leis an Urr. M. A. Mac Coinnich aGrand Riveragus leis an Urr. Ruairidh Mac Leoid a thachair a bhi air chuairt nar measg aig an am. Bha’n t-side gle fhabharrach agus mar sin chruinnich moran chairdean maille ruinn as na cathionalan eile mun cuairt. Bha an t-Sacramaid aig Loch Ghabarouse aig a’n aon am.
Chaidh fear da’m b’ainm Eagan Moireastan a ghoirteachadh gu dona an la roimhe. Bha e fein agus dithis nighean ann an carbad a tighinn dhachaidh as an Eaglis bha am beathach aige car mall agus b’eiginn da tarruing chum an darra taobh den rathad gus na h-eich a bha as a dheigh a leigeil air thoiseach. Dh-eirich an roth air cloich a cur car de’n charabad. Leum na h-igheanan gu sgiobalta mach gun dochann sam bith, ach bha Mr. Moireastan car lapach agus thuit e air an rathad, ach tha e nise a dol am feabhas.
Tha duine neonach nar measg an drasda ’tha feuchainn ri thoirt a chreidsinn air cuid gur a Dotair ainmeil a th’ann. Tha e toirt dhuinn ainm mar Tearlach-A- Domhnullach agus ag radh gur ann a Glascho a thainig e bho chionn ghoirid. Chan ’eil aige ach bosca beag na dha de dh-acuinn liegheis, ach tha e gu trang a bruich freumhaichean is lusan s tha e ag radh gun leigheis e eucail sam bith. Ged nach do chreid mi fein gun dean e moran leigheis ri bheo, s’ iongantach an creideas a tha cuid don t-sluagh a toirt da
Is mise do Charaide.
CEANN LIATH.
A Eilean-a- Phiunnsa.
Fhir mo chridhe: —Tha fios agad fhein gun robh mi air chuairt an Ceap Breatunn o chionn ghoirid, s ma bha, ’s mi chunnaic an caochladh air an tir o n’ bha mi ann beagan bhliadhnachan air ais.
Dh’fhag mi Eilean-a- Phriunnsa aig sia uairean ’sa Mhaduinn ’s bha mi an latha sin fhein, romh dhol fotha greine, am Baddeck, priomh-bhaile siorrachdVictoria. Sin agad siubhal! Chuireadh e ar n-aithrichean am breislich. Shaoileadh iad nach b’urrainn iad an anail a tharrainn nam biodh iad air an giulain cho luath sud o aon aite gu ait eile.
As a sin chabhagaich mi air aghart ’s le cuideachadh chairdean rainig mi ’n Rudha Tuath(Cape North)far na choinnich mi ri luchd-daimh ’us eolais. Tha n t Urr. Calum Mac Leoid na mhinistir an sin ’s co-thional math Gaidhealach aige. Bha Sacramaid na Suipeir air a coimhead, an t-Sabaid a bha mi ’n sin, ’s cha’n fhaca mi an aite air bith sluagh na bu stolda na’n co-thional a bha cruinn an sud. Bha ’n t-Urr. D. Mac Dhomhnuill o Hastings agus an sgriobhadair a cuideachadh Mhr. Mhic Leoid aig an am, agus bha sin le cheile ag aideachadh gu’m bu mhath dhuinn r bhi ’n sud. Thill mise air ais Di-luain, a fagail mo chead aig cairdean agus a guidhe soirbheachadh pailt do sgire an Rudh-Tuatha. Chuir mi seachad oiche no dha air a Chladach-a- Tuath, uine ro ghoirid seach na dhuraichdinn, ach cha cheadaicheadh tim dhomh fuireach fad an aon aite. Chuir mi ’n ath Shabaid seachad air an Amhainn-Mheadhonaich. Bha ’n la sin fliuch, ’s dh-fhag sin an co-thional beag, ach thug e solas domh cuid fhaicinn de na h-aodainn air an robh mi eolach an laithean m’ oige.
As a sin chaidh mi sios gu Sidni ’s co chunna’ mi an sin ach MAC-TALLA! S fad’ on bha toil agam failte chur air-san do bhrigh a dhilseachd do m’ chainnt mhathrail. Rinn mi sin agus chuir esan failte is furan ormsa.
An ath latha thug mi cuairt a dh’fhaicinn chairdean an Glace Bay ’us anCow Bayfar am pailt a’ faicear gual. As a sin chuir mi m’ aghaidh air a bhaile. Choinnich mi ri mor-chaoimhneas anns gach ceum de’n t-slighe. Thill mi dhachaigh lan riaraichte le m’ thurus, agus taingeil do’n Fhreasdal chaoimhneil a ghabh chram dhion air an t-slighe.
An deigh domh tighinn dhachaidh bha gairm orm gu tiodhlacadh aon do mhinistearan an eilean so, an t-Urr Ailean Mac Gilleain. Rugadh Mr. Mac Gilleain ann a Hogomah, C. B. Fhuair e fhaolam ann an oil-thigh Halifax. Chaidh a chur air leth a chum dreuchd na ministeireileachd anns a bhliadhna 1862. Bha e suidhichte, air tus, an Dundas, P. E. I., an deigh sin, aine ghoired, an Glace Bay, C. B., agus bho sin gu am a bhais an Tryon, P. E. I. Bha mu thiomchal da cheud carbad air an torradh. Dh’fhag e bantrach agus teaghlach.
C. C.
Strathalba, P. E. I., Aug .17mh, 1893.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chiateachaidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. . . $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn.. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 9. p. 5]
MORT GHLINN COMHANN.
Thachair ni no dha ’an riaghladh Uilleim III air Alb’a bha na’m meadhon air sluagh na duthcha sin a thionndadh gle mhor ’na aghaidh. B’ e’n ceud ni dhiubh, sin ris an abrar Casgradh Ghlinn Comhann. Mar a bha cuid de na cinn-fheadhna Ghaelach, fathast a’ seasamh a mach o Uilleam ’us Mairi aideachadh, fhuair Iarla Bhraidalbainn fichead mile Punnd Sasunnach o’n Ard-chomhairle gus a roinn a measg nan ceann feadhna sin, agus an umhlachd do’n righ a cheannach. Ma ’s fior na sgeoil, rinn an t-Iarla roinn Mhurchaidh ’us Fhearchair air an airgiod. Co-dhiu thainig na Gaeil gu bhi samhach. Ach bha Mac Dhomhnuill Ghlinn Comhann sa dhaoine an deigh creach a ghiulan air falbh thar fearainn an Iarla. Chuir an t-Iarla fios gu Mac Dhomhnuill gu’n robh e ’cumail aige fein, air son paigheidh na creich’ a’ chuid sin de’n airgiod a bhuineadh dhasan fhaotainn; ach gu’m feumadh e’n righ aideachadh mar a rinn na cinn-fheadhn’ eile a fhuair an t-airgiod. Cha ghabhadh Mac Dhomhnuill sud; mur faigheadh e ’chuid de’n airgiod, sheasadh e mach. Bha Reachd air a dhaingneachadh aig an am cheudna leis a’ Chomhairl’ a reir orduigh an righ gu’m feumadh na h-uile ceann-feadhna ’s a’ Ghaeltachd an umhlachd do righ Uilleam aideachadh air an la mu dheireadh de’n bhliadhna 1691, no roimhe sin, fo phein teine ’s claidheamh.
Thug na h-uile aon diubh umhlachd do’n reachd so roimh ’n am shuidhichte, ach Mac Dhomhnuill Ghlinn-Comhann. An uair a dh’aithnich esan gu’n robh e ’na aonar chaidh e fein gu Gearasdan Inbherlochaidh, gu umhlachd a thoirt do cheannard an daingnich sin. Dh’innis an ceannard dha nach robh ughdarras aige-san gu sud a ghabhail, agus gu’m feumadh e dhol gu Siorraimh Inbheraoraidh, air son an gnothuch soluimt’ ud fhaotainn deanta. Leugh Mac Dhomhnuill an t-eagal; ’s ged a bha e ’na sheann duine, ’s an talamh comhdaichte le airde nan crann de shneachda, ghreas e thun an t-Siorrrimh. Bha ’n ceann la air dol seachad aon la; ach ghabh an Siorraimh umhlachadh an duine, ’s thuirt e ri gu’n sgriobhadh esan thun na Comhairl’ a mhineachadh aobhar na moille, ’s nach b’eagal do Mhac Dhomhnuill. ’S ann mar sud a bha. Chaidh Mac Dhomhnuill dhachaidh, ’s chaidh litir an Siorraimh a Dhuneidin; ach dh’fholuich Sir Iain Dalrimpil, ard Chleireach Alb’ i, agus cha robh dearbhadh sam bith air gu’n d’ umhlaich Mac Dhomhnuill e fein. Bha Sir Iain, ’s an t-Iarla na’m fior naimhdibh do Mhac Dhomhnuill, agus ’an guaillibh a cheile, runaichte, air cur as da. Chuir iad a’ bhreug fa chomhair an righ ’s fhuair iad ughdarras gus am peanas a chur an gniomh. Dh’ earb iad so ri Caiptin Caimbeul a’ bhuineadh do Earra-Ghael. Gus an gnothuch a dheanamh furasda dhoibh fein ach da rireadh ni bu mheasa, thainig esan le aireamh shaighdearan do Ghleann Comhann da sheachduin roimh dha’n t-olc a dheanamh. Bha e air aoidheachd aig na Domhnullaich re na h uine sin. Air maduinn an treas la deug de cheud mhios an earraich thoisich obair a’ mharbhadh. Chaidh ochd duine deug thar fhichead a mharbhadh a measg an robh seann Mhac Dhomhnuill fein ’s a bhean: bhasaich moran ’s an t-sneachda ’n uair a thoisich an sluagh air teicheadh. Thug na saighdeara leo na ghabhaddh iomain ’us giulain de chreich—naoi ceud bo, ceithir cheud each, agus caoraich ’us gabhair gun aireamh. Bha so na ni co sgreataidh ’s a thachair ’an aite sam bith; ach cha robh aig an righ ach a’ chuid bu lugha de’n choire, ma bha sin fein aige. Agus cha leanadh coir’ idir ris na’m bitheadh e air Sir Iain ’s an t-Iarl’ a pheanasachadh mar a thoill iad. Tharr dithis mhac ’Ic Iain as le’m beatha. —Eachdraidh na h-Alba.
Tha e air aithris gu bheil duine bochda mhuinntir Mhaitland, N. S., an diugh gu tursach an deigh a mhna, agus ise air teicheadh air falbh le coigreach a thanig an rathad, ’sa bha ’gabhail air a bhi na dhotair. Dh-ionndraineadh iad an la roimhe. Thug ise leatha an duine cloinne bu shine bh’aice agus dh-fhag i an dithis a b’ oige aig a fear. Chaidh an duine bochd sin as an deigh gu Truro, ach nuair a thuig e gu’m b’e ’n teicheadh a bh’ann da rireadh thill e dhachidh ag radh “bho’n chunnaic mo bhean iomchuidh teicheadh le fear eile cha chuir mise bacadh oirre, agus cha mho a ghabhas mi rithe ma thig i leatha fein.” Tha coltach gu’n d’ fhalbh a charaid so gu Halifax agus gun do ghabh iad soitheach-smuid a sin gu Boston. Bu bhoirionnach dreachmhor a bha innte-se, a bha roimhe so gle mheasail air a fear, ach tha e coltach gu’m b’e ’n dotair am fear a b’fhearr leatha.
ThacoloniesAustralia a bruidhinn aon uair eile air aonadh ri eheile ’sa bhi ’nan aon duthich. Tha ’n t-eilean mor sin air a roinn na sheachd duchannan, gach aon diubh sin ’ga riaghladh fein, agus nan cordadh iad air a dhol cuideachd, dh-fhaodadhAustraliaa bhi na dhuthich mhor shoirbhetchail mar a tha Canada na diugh. Cha bhi cuid no gnothuch aig New Zealand ris an aonadh idir. ’S fear leis an duthich bheag sin a bhi deanamh air a son fein.
Tha bean a fuireach faisg air Shelburne N. S., a bha ceud bliadhna dh-aois air an naodhamh latha deug de’n mhios so. Rugadh i faisg air an aite ’sa bheil a comhnidh an drasd ’sa bhliadhna 1793.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. .. 1.00
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 9. p. 6]
MAR BHA, MAR THA, ’S MAR A BHITHEAS:
Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean.
(LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.)
AIR FONN— “Thug mi gaol do’n fhear bhan.”
MAR A THA.
Ach dh’fhalbh na seann nithibh uainn,
’S nithibh nuadha nan ait,
Tha ’chuid nach deach a null air chuan
Dhinn air cruadhlach ri traigh.
Ach fhuair sinn naigheachd gu ar miann,
A tha riaraicht’ le m’ chail,
Gum bheil fridhean nam fiadh,
’G an cur sios gus a lar.
Duisgibh a luchd mo ghaoil,
’S bithibh aonach an traths.
’S cuiribh teine ris an fhraoch,
’S eiridh laoich na ur pairt.
Bi’ “Balallan” air ur ceann,
Gabhail suim dheth ur cas,
S cha bhi liad a roin air chall
Aig an t-sonn nach bi bhan.
Cuiridh a “Chlach” air a doigh,
H-uile feorlaig tha fas,
Eadar so is Taigh Ian Ghrot,
A bheir por air son mal.
Gu’m bheil diunnlaich ro-threun,
An Duneidean a lamh,
Agus Dughal cho gleusd
Is cho eudmhor mu’ r cas.
Tha soideannach do dhuine coir,
Rinn ar comhnadh mu thrath,
Mac ’ic Dhomhnuill sa Mhor-thir,
’S bithidh ’n corr air a shail.
Thainig fios a nall thar chuan,
Nuair a chual iad ur cas,
Leanaidh sinne mar bu dual
Ri ur guaillean ’sa bhlar.
Chunnaic mi rud le mo shuil,
Nach robh duil a’m gu brath,
Gu robh aon na mo dhuthaich
A dh’ umhalaich dha.
Ag giulan duine ’sa leth marbh,
Eadar gharbhlach is charn,
A’ toirt uainn ar cuid seilg,
Is ar leanabain ’dol bas.
A Cinntaile nam bo,
Far ’n robh comhnuidh nan sar,
Cuiribh Winans le chuid oir
’Mhanitoba a thamh.
Mar a toir sibh buille chruaidh,
Fhad ’s a tha ’n tuagh na ur laimh,
Cumaidh iad sibh dol mu’n cuairt,
’Na ur truaghain gu brath.
Nach e cuid e bh’as an ciall
Leig an t-srian as an laimh.
Ghabh an gad air an robh ’n t-iasg,
’S dubhain ’s biathadh aig cach.
Chuir sibh cul ris an t-seud.
Sheas cho treun na ur pairt,
’Bhrist an t’slighe dhuibh ’n ur feum.
’S a rinn reidh i do chach.
Chuir sibh cul ris an t’sonn,
A ghabh suim dheth ur cas,
’Sheas cho duineal air a bhuinn,
Anns gach puing na ur pairt.
Tha e air a radh gur e ’nscorpionbeathach a’s miosa nadar a th’ ann. Ma chuirear dithis dhiubh cuideachd ann am bocsa, cha bhi iad ann fada sam bith nuair a lotas iad a cheile gu bas.
Bha mise air mo leigheas de dhroch cnatan leMINARD ’S LINIMENT.
R. F. HEWSON.
Oxford, N. S.
Bha mis air mo leigheas dhroch bhruthadh leMINARD ’S LINIMENT.
FRED COULSON,
Y. A. A. C.
Yarmouth, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTan Ros dubh ormsa.
J . W. RUGGLES.
Inglesville.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
ThaMinard ’s Linimentmath da’n fhalte
Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na
K. D. C
Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c. us 50c. am botull.
A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Don has Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 9. p. 7]
Turas a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.
Ach cha robh Tomas fathast tearuinte: Smuainich e barrachd air creagan briste na cridhe briste agus, fliuch leis a chathadh-mara, dh-imich e air faontradh o’n chladach gus fadheoidh na thuislich e air tuairean air duine araidh ris an dubhairt e— “Mur do mheall mo shuilean mi, tha mi ’g amharc air Feallsanach Seasach a Sraid a Cheo. Thionndaidh Seasach mu’n cuairt agus thubairt e. ’S mi tha aoibhneach t-fhaotuinn a faoghlum gliocas; mu bhuanaicheas thu ann a’m reachdan, ni thu farum anns an t saoghal.”
Air dha Tomas bhi lan riaraichte leis an t’sodal so thionndaidh e Chulaobh air “Sgeul a Mhor Aoibhneis;” agus nochd Seasach dha creag a bha dearbhadh nach tig crioch air an t-saoghal. “Ach,” arsa Tomas, “tha iomradh a falbh gu bheil Babilon gu bhi air a sgrios.” Chriothnaich Seasach co mor le gaireachdaich, gus na thuit a speucalairean air a chreig agus bhristeadh iad. An sin thubhairt e ri Tomas:
“Bha an dearbh iomradh ga aithris o’ chionn mile bliadhna; chreid amadain e o thus: tha amadain ga chreidsinn a nis; ach tha sin a gairm gu’m chuimhne gu’n cuala cuid-eigin a’ gra gu robh t-athair a creidsinn an iomradh.” “Is fior,” fhreagair Tomas, “chaidh e direach air bord “Sgeul a Mhor Aoibhneis” ud chum seoladh chum an t-saoghail ur: agus tha leth dhuil agam fein dhol maille ris.”
Bi samhach! Bi samhach! a Thomais, mo charaid! An tilgeadh tu air falbh gach nib ’s an t-aealladh?”
Nach d’ innis mise dhuit nach eil cladach air taobh thall na fairge? an d’ thainig duine air ais? Fhreagair Tomas a mhain, “chaidh mo pharantan air bord an t-soithich.”
Fhreagair Seasach, ach ’se tha’nn dhiotsa duine—thoir breth air do shon fein.” Bha Tomas air seachranaich. Dh-fas an oidche ni bu duirche; dh-fhas guth an Teachdaire fann aig aon am ghabh e ceum dh-ionnsuidh chladaich, ach chur briathran sgeigeil Seasach, eis air. Air dha fhaicinn ann an ioma-chomhairle, dh-intrinn Seasach air comh-labhairt fhada ag cuir a’n ceill, nach b’fhiu Leabhar na Beatha am paipeir air an do sgriobhadh e; cha ’d fhosgail esan e fad leth cheud bliadhna; cha robh ann an guth an Aingeil ach Tairneanach. Chriochnaich e le bhi dearbhadh chum a riarachadh fein, nach robh aon chuid, agus nach b’urrainn a bhi, saoghal eile ann.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
LeigsidhMinard ’s Linimentloimdh.
’N do phaigh thu am MAC-TALLA? Mur do phaigh, na cuir an corr dail ann, ach cuir an t-airgiod air adhart leis a cheud phosta. Tha sinne gle fheumach air ’s bidh sinn ro thaingeil nuair a thig e.
LEIGHEAS DO DHROCH STAMAG: —Tha moran euslaintean, mar a tha droch fhuil, ceangal-cuim, us ceann goirt a leantuinn droch stamag. Leighsidh B. B. B. iad so uile ma theid a ghabhail a reir nan seolidhean. Dh’fheuch na miltean e, agus rinn e feum dhaibh.
Tha e air radh gu robh Uilleam, Impire na Gearmailt fior thoilichte ’nuair a chual e gu robh Breatuinn ’san Fhraing gu bhi ’m bad a cheile. “Nis,” ars esan, “tha ’n spors air toiseachadh.” Tha e gle choltach ri rud a theireadh e, ach gu fortanach tha n spors gun toiseachadh fhathast.
LeighsidhMinard ’s Linimentan Grippe.
Caite ’n robh ’n coileach nuair a chuala h-uile neach a bh’ air an t-saoghal e ’gairm? Anns an airc.
Ma chi thu tri eoin air craoibh ’s gu marbh thu dha, cia meud ian a bhios air a chraoibh an deigh sin? Cha bhi gin, Teichidh an treas fear.
De ’n rud a’s coltiche ri leth ubhail? An leth eile.
COCAIRE MATH. —Cha toir cocair. math dhuinn uair sam bith biadh nach gabh cnamh. Ach tha na cocairean matha gann agus air an aobhar sin, tha moran ann nach eil a cnamh am bidh. Ach faodidh tu biadh sam bith ithe agus na thogras tu dheth ma bhios tu a gabhailBurdock Blood Bitters,an leigheas a’s ferrr air son gach meur de na h-euslaintean sin.
Thanig fear-turuis uair gu baile anns nach robh e riamh, agus cha robh e idir a cordadh ris cho geur s’a bha muinntir a bhaile ’g amharc air. Air son stad a chuir air an cuid amharc thionndaidh e ri fear dhiubh agus thuirt e ris, “Cha chreid mi nach aithnich sibh mi ma thig mi ’n rathd am feasda tuilleadh.” “Aithnichidh gu deimhin,” ars am fear eile, “chan eil duine sa bhaile nach aithnich thu, ’se sin mur-a glan thu t-aodann.”
ThaP . I. Quinn, St. John, N. B. ,a sgriobhadh, —An deigh dhomh a bhi tinn le droch stamag aireamh bhliadhnichean, agus an deigh dhomh gach leigheas fheuchinn air an cuala mi iomradh, tha mi nise toileach innse do na h-uile gun do leighseadh mi gu buileach le K. D. C., ged nach no ghabh mi dheth ach ceithir bocsichean. Cha robh mi riamh na bu shlaine na tha mi ’n diugh.
Chan eil air an taobh-sa dhe’nAtlanticach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 9. p. 8]
A BHANIS THIORAM.
LE DOMHNULL DOMHNALLACH AN TIRREADH
Thachir am bard an Iain Mac-Gille-dhuinn air latha bainnse Iain. Thog e bean-na-bainnse air a chulthaobh air an each, agus thug e leis gu taigh-na-bainnse i. Cha d’ iarradh air urad agus o dhol a staigh. Air an rathad dhachidh thoisich e air an oran.
LUINNEAG.
Chaidh mise leat, Iain,
Gu cridheil le m’ ghearran;
’S ann agad, a charid,
Bha banis an aigh;
A damhs’ air an urlar
Bu shubailte bras thu,
’S do ghruaidhean air lasadh
Le maise thar chaich.
’S tu Iain Mhic Challuim,
An galan ro ghasda;
Gu bheil thu fior thaitneach,
Ach t’ fhaicinn air blar.
Gu’n d’ choinnich mi ’n de thu
Le d’ cheile ’s le d’ ghillean;
’S cha b’fheairde mi sud,
Mur bu mhisde mi e.
Gu ’m faca mi-fhin sin,
Triuir dhe do chuideachd
Bha tuilleadh is duilich
A chumail ’ad phairt;
Seadh Ailain Mac Dhomhnuill,
Is Padruig is Lachinn
A dh’oladh ’sa sgapadh
Am pailteas le cach.
Thog mise le bosd
A bhean og air mo chulthaobh,
Is dh’fhalbh mi gu siubhlach.
Gun churam, gun phramh;
Gu ’n dug mi bhean og dhuit
Gu foil aig an dorus;
’S tu fein a bha sona
Mu ’coinnimh air lar.
Cha d’ iarr thu gu d’ bhord mi,
No dh’ol ann ad chuideachd,
’S gu’m paighinn cho ullamh
Ri duine de chach.
An sgioba math uasal,
A ghluais leat o’n bhaile,
Cha d’fhuair dhe do bhanais
Ach aran is cais.
Carson bhiodh tu ’g iarraidh
Fear riarachadh drama,
’S do bhuideal sa falamh
Mur gabh iad an clar.
Bhon fhuair thu mar dh’iarr thu
Do riarachadh tochir,
Gum faodadh tu botull
A chosg agus cart.
Bidh ballart gu dilinn
Is miothlachd is farran
Air duine nach h-aithne dha
’Charid seach cach.
Gu’m b’amaideach dhomhsa
Dol comhl’ riut o’n bhaile,
Mi fhin is mo ghearran,
Is feaminn air traigh!
Gur h-iomadh og gleusda
’Bha ’teumadh do leannain,
Ged rinn thus’ a mealladh
’S an car ’thoirt a cach.
Bho ’n fhuair thu fo d’ sgeith i,
Na treig i ri d’ mhaireann,
’S’ nach h-eil ann san fhearann
Te eil’ ’theid ’ad dhail.
Tha mise ’m brath posadh
Ri oigh dha bheil earras;
’S gu’m bi aig mo bhanis
Na gallain le agh;
Ach fiach thus’ a laochainn
Am faod thu ’bhi ’m chuideachd;
Cha doir mise cuireadh
Do thrudar gu brath.
Thhanig bas gle ath-ghearr air Mr. Alasdir Mac Illinnean, a bha o chionn aireamh bhliadhnichean a gleidheadh an taigh-sholuis Bai St. Lawrence. Bu bhrathair e do’n Dotair Mac ’Illinnean am Margaree, agus thugadh a chorp dhachidh do’n aite sin gu bhi air adhlacadh.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Di-ciadinn aig seachd uairean (7 p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nam Cleireach.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear-ionaid.
Mc Gillios & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin.
title | Issue 9 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 9. %p |
parent text | Volume 2 |