[Vol . 3. No. 1. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 7, 1894. No. 1.
Eachdraidh Bhartimeuis.
Aig deireadh mios meadhonach an t-samhraidh ’sa bliadhna 1820 dh’fhàg m’ athair Cola le ochdnar d’a theaghlach maille ri moran eile gu tighinn air imrich a dh’ America. ’Sann an Tobarmhoire bha an long ris na h-eilthirich a thoirt air bòrd agus bu muladach an sealladh ’bhi faicinn chàirdean a dealachadh agus gun mhòr dhùil ri coinneachadh gu bràth. Bha la briagh ann ’nuair chaidh nu siùil a thogail agus sheòl anDunlap of Greenockbho chommanda Iain Brown, a leigeil Tobarmhoirea cùrsa bho cheann an iar Bharra air Ceap Breatuinn ged ’sann am Pictou bha na h-eilthirich ri’n cur air tir. Bha soirbheachadh math aginn oir b’e aon latha stoirmeil a thachair oirnn fad na h-ùine. Rugadh còignear air an luing Iain Mac Gilleain, Lachinn Mac Coinnich, Ebenezer Mac Illemhaoil, Iain Mac Raing agus fear Mac Ranig agus fear Mac Nimhein agus bhuineadh iad uile do Eilean Chola. Thainig triuir dhiubh gu Ceap Breatuinn agus chaidh dithis a dh’ Eilean a Phrionnsa.
Còig seachainean an deigh dhuinn seòladh, aig deich uairean air maduinn ghrianaich, thog sinn sealladh air Ceap Breatuinn. Bha soirbheas beag fabharach agus chaidh gach slat aodaich a sgaoileadh ’s an ùine ghearr sheòl i troimh Chaolas Chanso le sruth us soirbheas leatha. Bha luchd-àitich a Chaolais air gach taobh ’g ar fàilteachadh agus mu ’n d’ thainig an oidhche bha sinn aig Ceap Sheorais. An deigh sin chaidh fear-iuil a ghabhail air bòrd, thug sinn a stigh a Phictou far an deach na h-eilthirich ’s an cuid àirneis a chur air tir, agus chaidh an long suas gu Richibucto far an d’ thug i stigh luchd guithais gu thoirt air ais d’an t-sean-dùthaich. Sgaoil sin na càirdean, —chaidh cuid a dh’ Eilean a Phrionnsà, cuid a Cheap Eòin agus cuid eile ’a Cheap Breatuinn. Thuarasdalaich m’ athair agus àireamh eille long bheag le fear Aonghas Dòmhnullach (Co-Lauchie) gu ar toirt a Cheap Breatunn. Bho dh’ fhag sinn Pictou bha an aimsir fàbharach gus na ruig sinn Ceap Sheòrais far an do shéid stoirm o’n iar-thuath agus bha ’n long air a luasgadh a null agus chaidh a chuid àrd dhi a bhristeadh le ainneart na’n tonn. B’i barail na cuideachd nach tugadh i mach cala mur bhithaadh duine tapaidh a mhuinntir Bharra bha maille ruinn agus d’ am aithne gach ni a laimhseachadh. Bha iad mar thuirt Alasdair Mhac Mhaighstir Alasdair mu long Chlann-Raonuill. “Bha fear-innse nan uisgeachan a glaodhaich ri fear na stiuir, agus bha fear toirt uaip a’s dhi mar dh’ fheumadh i,” etc, agus mar sin thuair sinn sàbhailte gu Caolas Chanso far ’n do choinnich duine còir as a Rudh’ Fhada ann a Judique ruinn a chomhairlich duinn an geamhradh a chur seachad maille riu agus ghabh còig teaghlaichean ris an tairgse. Fhuair sinn mor chaoimhneas bho dhithis fhear, Siosalich agus Dòmhnullich, agus bho Shagairt an àite an t-Urr Alasdair Dòmhnullach ré a geamhradh, agus nuair thainig an samhradh thug na daoine còire dhuinn siol agus chomhairlich iad a chuir air an cuid fearann fhéin gu bhi aginn air son a’ gheamhraidh.
Air do m’ athair iomradh a chluinntinn air Loch mor a Bhras d’ Oir thainig sinn agus àireamh eile maille ri fear-iuil ann am bàta beag, an deigh na curachd gu St. Peters agus tharruing sinn am bàta seachad air a Chrossing sin go ’n ruig sinn am Bras d’Or agus bu bhriagha an sealladh an loch fhaicinn an la ciùin grianach sin. Bha Taobh Deas a Bhai ’n Iar air a shuidheacheadh le sluagh a thainig roimhne, ach cha robh duine air a Bheinn a Tuath. Thainig sinn seachad air moran eileanan maiseach agus troimh Caaolas a Bhoom gu Loch Mhalagawatch—air ainmeachadh leis na h-Innseanaich agus a ciallachadh “loch lan eileanan.” B’e so ’n ceanna-bhaile aig an treubh Mic-mac agus bha an ceann-feadhna aca Iain Denny bho’n d’ fhuair Amhuinn Dhennis an an t-ainm. Bha e na dhuine treun agus caoimhneil ach gle fhiadhaich na ’n cuirte fearg air. Cha do chaill na h-Innseanaich riamh an dachaidh an so oir tha mile acair de’n fearann a’s fhearr air a chur air leth dhaibh anns a choimhearsnachd so ged nach eil moran dhiu an duigh a còmhnuidh ann.
Tha Amhuinn Dhennis ruith stigh gu Loch Mhalagawatch agus ’nuair thainig sinn ’sa bliadhna 1821, cha robh duine geal a comhnuidh air. Thoisich sinn air gearradh na coille far an do rùnaich sinn suidheachadh gach neach fagus air a coimhearsnach agus an deigh sin bha sinn uile mar aon duine togail tighean bheag logichean air an tubhadh le cairt nan craobh agus còinneach air a calcaidh eadar na logichean agus maidean caola, direach air snaigheadh leis an tàl air a leagail air son ùrlar. An ceann mios chaidh sinn air ais gu Judique agus aig toiseach samhraidh 1822 thainig sinn uile agus an siol bha againn bho churachd an t-samhraidh uoimhe gu Loch Mhalagawatch go dachaidh dheanadh ann agus rinn sinn air ceud churachd mar dh’ ionnsuich sinn bho na càirdean air Judique. Cha robh feum air calaid oir cha robh beathach a chuireadh dragh air ach am mathan agus bu tric a thainig e san oidhcha ’sa chagainn e bàrr an t-sil ’nuair bhitheadh e air an roan agus a’n deigh na buana bha sinn a’ faighinn trioblaid leis na feòragan* a bhitheadh a’ goid an t-sil as na saibhlean agus ’ga chur seachad air son a gheamhraidh.
(Ri leantuinn.)
*Squirrels .
[Vol . 3. No. 1. p. 2]
BLAR ALLT A’ BHONNAICH.
B’ IAD Sir Tomas Randolph, mac a pheathair, Morair Seumas Dùghlas, agus Sir Eideard Brus, a bhràthair féin, Seanalairean, a b’ àird’ a bh’ aig righ Raibeart os ceann na h-armailt, agus fodha féin. Chum e obair riu eadar a sea ’s a seachd a bhliadhnachan na bha chaistealan ’s an rioghachd a spìonadh a’ làmhaibh nan Sasunnach ann. B’ e sin an aon daingneach a bha nis aig an nàmhaid ’an Alba, agus chuir Sir Eideard Brus séisd theann rithe mu ’n cuairt, gun ni no neach a leigeadh a mach no steach. ’N uair a chunnaic Sir Philip Moubraigh, an comanndair Sasunnach, gu’n robh gach biadh ’us dibh a’ fàs gann, ’s nach b’ urrainn e cumail a mach fada, thairg e do Eideard Brus an daingneach a libhrigeadh thairis dha, mur cuireadh rìgh Shasuinn còmhnadh thuige roimh leth an t-samhraidh. Ghabh Eìdeard Brus ris an tairgse sin, ’s leig e le Sir Philip a dhol gu ruig Lunuinn a dh’ innseadh so uile do’n righ. Ach chuir righ Raibeart fios gu ’bhràthair, gu’n do rinn e ro amaideach leis a’ chothrom ’s an ùin’ ud a thoirt do righ Shasuinn, a bha co cumhachdach, le Eirinn ’us móran de ’n Fhraing, a thuilleadh air Sasunn a bhi fo a thighearnas ’s gu’m b’ urrainn e roimh ’n àm ud feachd a thoirt do Alba, bhiodh ro làidir air an sonsan. “Tha chead aige,” ars’ Sir Eideard, “thigeadh righ Shasuinn leis a h-uile duine a th’ aige, cogaidh sinne riu ged a bhiodh iad ni bu lionmhoire.” Bha fios aig an righ gu’n robh ’bhràthair ’na shaighdear misneachail, ged a bha e bras, ’s leig e leis na cumhachan ud seasamh ’s chuir e fios thuig’ o ’s ann mar sud a bha gu’n seasadh iad ri blàr gu duineil, ’s air son an aobhar sin gu’n coinnicheadh na h-uil’ aig an robh saorsainn Alba mòr gu bhi deas air choinneamh an t-Sasunnaich ’n uair a thigeadh e. Thòisicheadh air ullachadh air son a’ chogaidh a nis a cheart da rìreadh, araon an Alba ’s an Sasunn. Ged a bha Eideard òg, rìgh Shasuinn, ’na dhuine slaodach, gun suim do ni sam bith ach cluich, gidheadh ’n uair a chuir Sir Philip Moubraigh f’ a chomhair staid Alb’ aig an àm, ’s mur cuireadh e còmhnadh sluaigh ’us armachd, roimh leth an t-Samhraidh, a dh’ ionnsuidh Caisteal Shruileidh, an aon daingneach làidir a bha fo ’ùgharras, gu’n robh ’n caisteal, ’s mar sin Alba gu o-iomlan, gu bhi air a liùbhairt do Raibeart Brus air a cheann là. ’N uair a chunnaic ’s a chual àrd-mhaithean Shasuinn, a bha timchioll air a’ chùirt mar a bha ’n gnothuch, cha leigeadh iad támh no fois do’n rìgh gus am falbhadh e féin do Alb’ air cheann armailt co lionmhor ’s a b’ urrainn e thogail, ’s gu’n deanadh e ’n aon diol air gach ceannairceach a bha ’s an rioghachd, ’s a b’ àbhaist d’a athair roimhe ’dheanamh. Their an leisgean tha leòmhan ’s an t-slighe. Cha robh uiread de aobhar aig leisgean riamh air a leithid de lethsgeul a’ ghabhail ’s a bh’ aig Rìgh Eideard II. ’S ann roimhe féin a bha ’n leòmhan. Ach co dhiù, b’ éigin falbh. Chaidh armailt Shasunnach, ’us Eireannach, ’us Fhrangach a thogail anns robh ceud mìle fear, eadar choisichean’ us eile, ’s thriall an righ féin a nall do Alb’ air an ceann.
Bha rìgh Raibeart Brus, aig an àm cheudna ’trusadh nan Albannach ri chéile mar a b’ fhéarr a dh’ fheudadh e, agus bha ’n àireamh sluaigh a fhuair e cruinn mar nach b’ olc, ’n uair a bheirear fainear an staid ’s an robh a riaghachd, agus gu’n robh eadhon cuid de na h-Albannaich féin, thall ’s a bhos, nach robh fathast ga ’aideachadh mar an righ dligheach. Bha fios gu maith aig gach inbhe sluaigh, air Ghàeltachd co maith ’s air Ghalldachd, ciod ris am feudadh sùil a bhi aca, na ’m faigheadh righ Shasuinn cothrom ruith mar thuil thairis air an tir a rìs. Agus ’s e rùnaich, iad a tuath ’s a deas, an strìthean, ’s an cogaidhean beaga féin a leigead fa làr car greis, agus an guaillean a chur ri chéile còmhladh ris an rìgh ’an aghaidh nàmhaid coitchionn na rioghachd. Cha’n ’eil iomradh air gu’n robh uiread riamh de na Gàeil an aon Bhlàr còmhladh ris na Gaill, ’s a bh’ ann là Allt a’ Bhonnaich. Tha Seanalair Stiùbhart ag innseadh dhuinn gu’n robh na h-ochd cinnfheadhna dheug so a leanas a làthair an là ud. Mac Aoidh, Macantòisich, Mac a Phearsoin an Camshrònach, an Sincleireach, an Caimbeulach, am Mengiseach, Mac ’Illeadhain, an Sutharlanach, an Robastonach, an Granndach, am Frisealach, MacFarlain, an Rosach, MacGriogair, an Rothach, MacCoinnich agus MacCuaraidh. Agus mar tha fios gu’m biodh àireamh maith de luchd-leanmhuinn còmhladh ris gach ceann-cinnidh dhiubh sud, tha e soilleir gu’n
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
G . H. GUZZWELL,
SIDNI C. B.,
Taillearachd.
Tha ’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 1. p. 3]
robh na Gàeil a’ deanamh suas roinn nach bu bheag dearmailt na rioghachd an là ud. Ach leis gach tional a bh’ ann, á tuath ’us deas, cha bu mhò na deich mile fichead saighdear a fhuair an righ thun na h-àraich. Bha so ni bu lugha na ’n treas cuid de ’n fheachd Shasunnach. Agus cha b’e mhàin gu’n robh iad co fad air deireadh air na Sasunnaich a thaobh àireimh; ach bha iad mar sin a thaobh armachd mar an ceudna. Bha na Sasunnaich, eadar eachraidh ’us choisichean, air an armachadh co maith ri feachd ’s an Roinn Eòrp’ aig an àm ud, no ni b’ fhearr. Agus bha na fir-bhogha Shasunnach air an iunnsachadh gu foirfeachd ann an cleachdadh an cuid féin de eòlas arm. Ach a dh’ aindeoin sin uile rinn rìgh Raibeart air son ’aghaidh a chumril riu. Threòraich e ’n t-arm sios do chòmhnard a tha faisg air Sruileadh ris an abrar a’ Phàirc. ’S ann dlùth do’n Phàirc sin agus air grunnd ni b’ isle a dh’ fheumadh an t-arm Sasunnach gabhail seachad tre bhoglach ’us shruthaibh uisge. Bha mar so rogha làthraich aig na h-Albannaich. Bha làn fhios aig an righ o chuid de ’àrd-oifigearan féin, ciod an rathad ’s an t’ òrdugh ’s an robh an fheachd a’ tighinn. ’N uair a nochd iad mu dheireadh o’n Eaglais-bhric, le ’n cuid bhrataichibh ’us eile, ’s a bha ’n dùthaich uile mar gu’m b’ eadh, còmhdaichte le luchd armachd, air mharcachd ’s air choiseachd, cha robh feachd ’san Roinn-Eòrp’ an aghaidh am biodh iad a’ tighinn, nach feudadh fiamh a ghabhail.
Bha rìgh Raibeart a nis an déigh an t-arm Albannach a tharruing an órdugh o dheas gu tuath, air làthraich a thaighe féin, ’s a bha fios aig a bhi ro fhàbharrach. Bha e air àireamh mòr shlochd a chladhach ré na h-oidhch, anns an talamh chòmhnard, tre ’m feumadh an eachraidh Shasunnach ruith anns a bhi ’dol a chòmhnadh na fear-bogha, agus beòil nan slochd a chòmhdach thairis a ris leis na sgrathaidh a bha e air thoirt asd’ an toiseach. Agus far nach robh slochd bha bioran geura de fhiodh cruaidh an so ’s an sud air an sàthadh ’s an talamh, ’s gu leòir ris de ’n cheann bhiorach gu each sam bith a sheasadh air aon diubh a dheanamh cuagach. Bha ceann a deas an airm a’ ruigsinn gu bruachaibh Allt a’ Bhonnaich, a tha ’n sin co creagach ’s nach b’ urrainn eachraidh sam bith ionnsuidh a thoirt orr’ air an làimh sin, ’s bha ceann tuath an airm a’ ruigsinn glè dhlù air baile Shruileidh. Bha àireamh mòr sheirbhiseach, nach robh idir fo armachd a’ leantuinn a’ chaimp; gillean cartach, co-cháirdean, ’s a leithid sin. Dh’ òrduich e ’n dream sin uile air falbh gu cùl cnuic a bha tuath air àite na h-armailt, ris an abrar “Cnoc nan gillean” o’n là sin. Bha ’n righ féin a’ marcachd air ais, ’s air aghart o cheann gu ceann de ’n arm, a’ gabhail beachd air an òrdugh ’s an robh iad, agus ag earalachadh nan saighdearan iad a bhi fearail, seasmhaah, agus a bhuaidh a thoirt a mach, no bàsachadh ’s an àraich: ag innseadh dhoibh aig an àm cheudna gu’n robh e féin rùnaicht’ air a’ bhuaidh a thoirt a mach no tuiteam air an àraich, ’s nach robh teicheadh gu bhi ann.
(Ri leantuinn.)
Donnchadh Dubh.
Bha Donnchadh Dubh ro chomharraichte air son gach ìnnleachd a ghnàthaicheadh leis chum e fein a chuideachadh ann an còir no ’n eucoir. Cha bhiodh ni sam bith a dhìth air Donnchadh, ’nam biodh e idir far an ruigeadh a làmhan air. Là de na laithibh bha muc mhòr, reamhar aig Cailean Bán, duine bochd aig an robh bothan-tighe goirid o thigh Dhonnchaidh Dhuibh. Smuainaich Cailean gu’n robh an t-àm aige a’ mhuc a mharbhadh agus a shailleadh. Ach cò a thàinig an rathad ach Donnchadh Dubh, a bha deas gu deagh chomhairle a thoirt do Chailean mu ’n t-seòl air an ullaicheadh e gach mi mu ’n mhuic. “A nis, a Chailein,” deir Donnchadh, “cha ’n ’eil aon mu ’n cuairt duit am fad ’s am fagus, aig nach ’eil deagh-fhios gu’n do mharbh thu a’ mhuc mhòr an diugh, agus thig iad as gach ceàrn agus cùil a dh’iarraidh chriomana a dh’ fhaicinn am bheil an fheoil maith reamhar; ach ’s e so a ni thusa, Chailein, gabh a’ mhuc agus tilg ’s an allt i rè na h-òidhche. Cruaidhichidh an t-uisge fuar an fheòil, agus ni e glan i, agus freagarrach air son an t-salainn. Ma thig neach sam bith chum do thighe ’sa ’mhaduinn a dh’fhoighneachd mu ’timchioll, thoir do mhionnan gu’n do ghoideadh i, agus an sin cha bhi dùil aca ri mìr di fhaotuinn.” Rinn an duine dochd, amaideach, mar a dh’ iarradh air, agus thilig e closach na muice ’s an linne goirid o’n tigh. Thàinig Donnchadh Dubh anns an oidhche, an uair a bha Cailean bochd ’n a chadal, agus ghoid e a’ mhuc air falbh as an allt. Air an ath mhaduinn, air do Chailean ’fhaicinn mar a thachair, thug e gu grad tigh Dhonnchaidh air, agus dh’ innis e dha gu’n do ghoideadh a mhuc gu’n teagamh sam bith. “Ro cheart, ro cheart, a Chailein abair thusa sin, agus mo làmhsa nach eagal duit.” Ach, tha mi da-rìreadh, a Dhonnchaidh, gu deimhin agus gun teagamh dh’ fhalbh, a mhuc.” “Dh’ fhalbh, dh’ fhalch. ro cheart, ro cheart, dìreach abair thusa sin, a Chailein, agus cha’n eagal duit.” “Eisd rium, a Dhonnchaidh,’ agus e a’ lasadh suas le gné chorruich, “éisd rium an uair a tha mi, air m’ onair a’ cur an céill duit gu’n do ghoideadh a’ mhuc co cinnteach ris a’ bhàs.” “Sin e dìreach, a Chailein; ’s e sin a’ cheart ni a dh’ iarr mi ort; thoir thusa an còmhnuidh t’fhocal gu’n do ghoideadh a’ mhuc, agus cha chuir na coimhearsnaich dragh sam bith ort; cuimhnich sin a Chailein, agus dean do ghnothuch gu ro mhaith.” Cha deanadh e feum ’s am bith do’n duine bhochd smid tuilleadh a labhairt; dh’ fhalbh e gu bronach dhachaidh, agus ghléidh ’us dh’ ith Donnchadh Dubh a’ chreach!
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain.
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 1. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.
Tha sinn an dochas gu’n dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLA ’chumail suas, oir ’se ’n aon phaipear Gàilig a tha ri fhaaotainn.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.
SIDNI, IULAIDH 7, 1894.
THA Seanadh nen Stàitean an deigh anTariff Billa chur as an lamhan ’s gu dearbh bha ’n t-àm aca. Tha iad ag obair air o chionn ùine mhor a leagail ’sa togail chìsean an diugh ’s ’g an togail ’s ’g an leagail air ais am màireach. Rinn iad milleadh mòr air malairt na dùthcha le ’n cuid slaodaireachd, ’s bidh na h-uile toilichte chluinntinn gu’n d’ thainig crioch air an obair mu dheireadh thall.
LEIS an àireamh so tha MAC-TALLA tòiseachadh air bliadhn’ ùr, an treas bliadhna dhe ’bheatha. Cha’n eil math dhuinn tòiseachadh air gealltanais sam bith a dheananamh thaobh na tha romhainn a dheamh gun fhios co dhiu bhitheadh no nach bitheadh e ’nar comas an cumail, ach faodaidh sinn a radh gu bheil sinn a’ dol a dheanamh cho math ’s a’s urrainn dhuinn. Rinn sinn ar dichioll ’san am a chaidh seachad air leughadh cho math ’s cho taitneach ’sa dh’fhaodamaid a thoirt do luchd-gabhail a phaipeir, agus tha sinn an dòchas leantuinn air sin ’san àm ri teachd. Agus cho luath ’sa chuireas ar luchd-leughaidh ’nar comas e, ni sinn am paipear a mhcaeudhadh. Cha’n urrainn dhuinn gealltanas na’s fhearr na sin a dheanamh aig an àm so. ’S fheàrr tòiseachadh le paipear beag agus a bhi ’cur ris a lion beagan us beagan, na toiseachadh le paipear mòr ’s e dhol bàs. Deanadh gach aon a chuid fhéin gu math agus gheibh am MAC-TALLA air adhart, ’s mar a theid a luchd-gabhail ’an lionmhoireachd, theid esan am meud.
CHAIDH Carnot na Frainge a thiodhlacadh la na Sàbaid s’a chaidh le greadhnachas mòr. Bha na Frangaich riamh gaolach air greadhnachas us mòr-chùis agus fhuair iad cothrom air iad fhéin a shàsachadh leis an la ud. Bha Carnot ré a bheatha na dhuine air an robh meas mor mar dhuine agus mar fhear-riaghlaidh, agus bha e iomchuidh gu’m biodh gach onair agus uaram, a ghabhadh buileach air an deigh a bhàis, air a thoirt dha le a luchd-dùthcha.
AN TELEGRAPH. —Thuirt bean Ghàidhealach bho cheann ghoirid ri duine àraidh air am bheil sinn eòlach, gu’n cuala ise aig na gillean a thainig á Gallabh gu’n robh innleachd ùr aca an dràsd air son daoine, a thoirt a dh-America; nach bitheadh dad aca ach dol ’n an seasamh air barr slait mhoir iaruinn agus gu’m bitheadh iad a null air a’ “helegra” nan ceò, ann am prioba na sùla. Thuirt te eile a bha ’s an eisdeachd gu’m b’ fhearr leithe fhein dol a null air te dheth na seann soithichean, nan doigh ùr sin; air eagal ’s nach rachadh aice air i fhein a chruinneachadh a rithisd thall.
Thainig fras throm de chlachan-meallain feasgar Diordaoin. Bha chlach cho garbh ’s gu robh uinneagan air am bristeadh ann an cuid dhe na taighean air an t-sràid ìsil. Cha’n eil beachd aig moran an so air a leithid fhaicinn riamh roimhe. ’S ann mu Shidhn bu mhiosa a bha ’n fhras. Bha ’n latha briagha grianach gus mu leth-uair mu’n d’thainig an fhras agus bha e cheart cho briagha grianach mu leth-uair ’na deigh.
Tha cruinneachadh an dràsd ann an Ottawa de dhaoine as gach cearna dhe ’n Impireachd Bhreatunnach. Tha iad a feuchainn de ghabhas deanamh air son math coitchionn gach cearna fa leth. Tha iad ann à Breatunn fhéin, à Anstralia, New Zealand ’s as na h-Innsean an Ear ’s an Iar ’s à Africa. Tha dòchas mor againn gu’m bi a choinneamh so na meadhon air dùthchannan na h-Impireachd a thàthadh ri chéile na’s dlùithe na bha iad riamh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagridh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. Hearn. D. A. HEARN.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. MacRath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 1. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THA muinntir Halifax a deanamh deiseil air son cuirm mhor a thoirt do Iarl’ Abaraidh ’n uair thig e do’n bhaile.
CHA’N fhaodar a bhi ’g iasgach nan giomach air cladaichean Cheap Breatunn an deigh meadhon a mhios so.
SPRAIDH goileadair ann am muillean sàbhaidh an Cayuga Ont., Di.sathairne s’a chaidh agus bha dithis air am marbhadh.
BHUAL an dealanach tigh ann an Huntsville, Ont., a bhuineadh Thòmas Màrtuinn, agus bha ’bhean ’sa mhac air am marbhadh.
THA’N daolag air toiseachadh air a bhuntata ’m bliadhna rithist. Tha i ’n deigh milleadh mor a dheanamh ann an iomadh àite.
CHAIDH soitheach a bha luchdaichte le siùcar a chall aig Sambro faisg air Halifax. Fhuaradh mu dha cheud poca dhe’n t-siùcar a shàbhaladh.
BHA daoine ’gearain air an fhuachd gus o chionn ghoirid; tha iad a nis a’ gearain air an teas. Bha latha no dha de’n t-seachdain so anabarrach teth,
CHAIDH triuir dhaoine’ òga ’n Toronto mach le canù Di-dòmhnaich s’a chaidh, chuir oiteag ghaoithe thairis an canù agus chaidh dithis dhiubh a bhàthadh.
FHUARADH corp nighinn òig anns an t-sruth faisg air Eas Niagara, air an t-seachdain s’a chaidh, agus thatar a deanamh mach gu robh e ’san uisge fad da sheachdain. Cha d’ fhuaradh a mach fhathast cò bh’ ann.
DH’ FHEUCHADH ri oifig na“Witness”ann am Montreal a chur dha na speuaan ledynamiteair an t-seachdain s’a chaidh. Chaidh an tigh a mhilleadh gu dona ach gabhaidh e cur air déigh cho math ’sa bha e roimh e an ùine ghoirid.
AIR an rathad eadar St. John us Baggor, Maine, an la roimhe, chaidh na carbadaid troimh dhrochaid agus bha ceathrar dhaoine air am marbhadh ’s moran air an leònadh. Thatar a deanamh mach gu robh rud-éigin air a chur air an rathad air son so a dheanamh.
THA duine d’an ainm Soucey aig Rivere du Loup, an Quebec a tha ceud bliadhna ’sa tri a dh’ aois. Bu choir do neach eigin doigh a dheanamh air am faighte mach aireamh na feadhnach a tha thairis air ceud, ann an Canada. Is e ar barail gu bheil barrach ann dhiubh ’sa tha muinntir an dùil.
DH’ FHALBH na soithichean Frangach as an acarsaid mu mheadhon na seachdain. Bha aifhrionn aca air bòrd Di-dòmhnaich air son an Riaghladair, agus mu’n àm a bha e air a chur fo’n fhòd, loisg iad urchair air fhichead. Bha iad ann an culaidh bhròin o’n fhuair iad sgeul a bhàis, ach co-luath ’sa shaoil leo a bha ’n tòrradh seachad, chroch iad na brataichean ri bàrr nan crann agus chuir iad gach ni na àite fhein mar bha e roimhe.
THA cuirm shuidheagan gu bha aig mnath an co-thional St. Andrew’s air an treas latha deug.
THA na suidheagan gu math pailt an dràsda. Bha iad a creic aig tasdan an càrt an toiseach ach tha iad a nise a creic aig deich sentichean.
Thainig soitheach Frangach eile stigh ’sa mhaduinn an dé. Cha’n eil innte ach rudan beag, ’s ri gabhail air a coltas, cha mhor a dheanadh i ann an teas blàir.
Bi’dh an rathad-iaruinn eadar Sidni us Louisburg fosgailte mach cho fada ri Cow Bay, (no mar theirear ris a nis, Port Morien) mu thoiseach mios meadhonach an Fhoghair.
’S briaghe ’n t-side fàis a bha againn air an t-seachdain so. Cha’n iarramaid moran na b’ fhearr. Tha sinn an dòchas gu’n lean e mar so gus am bi bàrr math trom againn anns an fhoghar.
Chaidh carbad-iaruiun bhar an rathaid ’an Columbia Bhreatunnach Di-dòmhnaich s’a chaidh agus bha ’m fear-iùil agus naoidhnear eìle a mharbhadh. Bha ’n rathad air a mhilleadh leis an tuil a bh’ ann beagan roimhe sin.
CHUIREADH dithis dhaoin’ òga an greim aig Victoria Mines Di-ciaduin air son ionnsaidh a thoirt air gabhail air Wilkinson a bha sealltuinn thairis air an luchd-oibreach anns a mhèinn. Fhuair gach fear dhiubh deich latha fichead priosain.
Fhuaireadh tri cheud tri fichead sa h-ochd de chuirp anns a mhèinn a chaidh ’na teine ann a Wales air an t-seachdain s’a chaidh. Bhatar an dùil aig an àm nach do mharbhadh ach mu dha cheud gu leth, ach bha ’chùis moran na bu mhiosa na sin.
Ceithir latha ’n deigh do Charnot a bhi air a mhort, chruinnich an Scanadh aig Vrisailes gus fear-riaghlaidh ùr a thaghadh. Bha choinneamh a bh’ aca glé mhi-rianail, ach bha fear Casimer-Perier air a thaghadh. Fhuair e faisg aìr ceudvotea bharrachd air cach uile.
Tha sinn an dòchas nach dean luchd-gabhail a MAC-TALLA dàil sam bith ann a bhi cur air adhart an cuid airgid air son na bliadhna air am beil sinn air tòiseachadh. Tha moran againn ri phàigheadh a mach air a mhios so ’s cuiridh sinn feum air a h-uile dollar.
CHA mhor nach eil a h-uile rathad-iaruinn anns an Stàitean an Iar nan tàmh. Thainig run-eigin eadar na daoine agus luchd-riaghlaidh an rathaid agus thionndaidh na daoine mach. Tha Chicago ann an cunnart gu’m bi gort ann, am biadh gu teirgsinn agus gun dòigh aìr biadh a thoirt a stigh.
Bha fearg nam Frangach air a lasadh cho mor an aghaidh nan Eadailteach a chionn gu’n b’e fear dhiubh a chuir as do Charnot ’s gu bheil na h-Eadailtich a toirt an casan’ leotha as an dùthaich. An taobh a stigh de chòig latha an deigh bas an Fhir-riaghlaidh rainig tri mile dhiubh Berlin ceann bhaile na Gearmailt.
Thaghail duine còir à Grand Lake a stigh againn an dé. Tha e ’g radh gu bheil e dlùth air ceithir fichead bliadhna dh’ aois, agus nach cuimhneach leis leithid na frais a thainig Dior-daoin fhaicinn raimh. Tha e cinnteach gu’n cothromaicheadh cuid de na clachan-meallain cairteal puinnd. Bha cuid an dùil gu robh deireadh an t-saoghail air tighinn.
Iadsan a Phaigh.
An t-Urr. D. Mac Neill, Ch ’town, P. E. I.
Domhnull Mac Neacail, Willington B. C.
Alasdair Mac Rath, Reeftown , N Zealand.
Peigi Nic Fhionghain, Brighton , Mass.
Alasdair Mac Fhionghain, Medford , do. ( $2 .00.)
Iain G. Mac Eachuin, Woburn , do.
R. I. Mac Eachuinn, Newton , do.
D. L. Mac Gilleain, Caledonia Mines.
D. H. Domhnullach, do.
D. Domhnullach, Glengarry Valley.
Iain Moireastan, South Gut, (50cts. )
Iseabal Chaimbeal, Gleann Ainslie.
Uilleam PattersonS ’y Forks.
Tormoid Mac Amhlaidh, Loch Ghabarus.
Eos Sutharlan, Soldiers Cove.
Aonghas Mac ’Illeallain, Stewartdae .
Eachunn Mac Gilleain, do.
Aonghas Mac Ceigain, Marion Bridge.
Aonghas Moireastan, Marsh Lake.
Anna Nic Amhlaidh, Beinn nan Caimbealach.
Steaphain Mac Neill, Pòn Mòr,
Alasdair Domhnullach, Bridgeport .
Anna Chaimbeal, Ceap Nòr,
Fionnladh Mac Aonghais, N . Sydney.
A. F. Caimbeal, Eilean Phictou.
Alasdair Domhnullach, (an Ridge)
Seumas Mac Rath, Marshy Hope N. S.
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , do.
Aonghas Mac ’Illeamhaoil, Lagan , Ont.
Seumas Mac ’Illemhaoil, do.
Niall D. Mac Cuaig, do.
Iain Grannd, do.
Iain Moireastan, Dunbheagain.
Iain D. Mac ’Iliemhaoil, do.
Uisdean Mac Leoid, Harriston .
Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.
C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 3. No. 1. p. 6]
BRON MATHAR.
Chaidh an sgeul bronach a leanas aithris ann an America o chionn ghoirid, le tìomachd agus le blàth-chridheachd anabarraich, leis a’ bhoirionnach bhochd i fein, an deigh dhi an dùthaich sin a ruigsinn mar bhan-eilthireach bho’n rioghachd so. Re na h-uine a bha i ’g a innseadh thug a gnuis chiallach, aillidh, agus na deoir a shruth gu frasach a nuas a h-aodann, dearbhadh air firinn a dh’ aidicheas sinn gu leir—gu’m faighear cridheachan blath agus aignidhean maoth aig muinntir nach do rainig aon chuid air foghlum, no oilein, no inbh na h-uaisle.
“Bha seomar-toisich na luinge air an do sheol sinn lan de dh-eilthirich de gach aois; agus m’ an robh sinn ach goirid aig fairge bhrist anshocair sgriosail a mach am measg na cloinne a bha air bord. Aon an deigh aoin, bha iad air am bualadh agus air an gearradh as leis an trioblaid so, agus aon mu seach dhiubh air a phasgadh suas ann an leine chumhann nam marbh, agus air a charadh anns a’ chuan gun mharbh-rann gun tuireadh ach osnaidhean trom na mathar agus deura goirt nan aithrichean agus nam braithrean agus an luchd coimhid a sheas gu dubhach m’ an cuairt. Mar a shlugadh iad anns a’ mhuir agus a dhuin na tonnan uaine thairis orra, theannaich mi mo naoidhean fein ri m’ uchd agus ghuidh mi gu durachdach gu’n caomhnadh Dia mo leanabh—m’ aon-ghin agus m’ annsachd. Ach cha b’ e so a thoil. Bhuail an tinneas e, agus latha an deigh latha chunnaic mi gu’n robh a bheatha a’ traoghadh air falbh, agus gu’n robh obair a bhàis cheana air tòiseachadh. Air oidhche Dihaoine fhuair e am bàs, agus a chum nach féumainn esan a bha aon uair cho aillidh, agus fhathasd cho priseil, a thoirt a bhiathachadh ainmhidhean a’ chuain, cheil mi air na bha m’ an cuairt domh gu’n robh e marbh. A chum ’s nach biodh amharus orra, bheirinn freagairtean tuaitheal do gach aon a dh’ fheoraicheadh air a shon; phaisginn gu te ann ann am bhroilleach e, agus sheinninn da mar nach biodh mo leanaban gaolach ach ’n a chadal car tamuil, am feadh ’s a bha e ann an cadal buan a’ bhàis. Chaidh latha ’s oidhche chianail seachad, agus thainig an t-Sàbaid. Coltach ri càch chuir mi suas deise ghrinn, ghlan, agus bha feith-ghaire air mo ghnuis; ach O! bu deuchainneach an obair i oir bha mi a’ faireachdainn mo chridhe a’ bristeadh. Air Diluain cha ghabhadh bàs mo leinibh cumail na b’ fhaide an uaigneas, ach air faicinn do’n sgiobair teas mo ghraidh, chuir e an corp ann an cisteig bhig agus gheall e gu’n gleidheadh e fad da latha eile e gun a chur ’s a’ chuan, fheuch an ruigeamaid tir m’ an tigeadh an t-àm sin. Chaidh a’ chiste-mhairbh a chur anns a’ bhàta bheag a bha ’snamh aig deireadh na luinge, agus re thraithean fada na h-oidhche shuidh mi ’g a faireadh—faileas dubh air aghaidh nan tonn, a dh’ fhaodadh a slugadh air falbh as mo shealladh gu brath. Is ann an sin a chuimhnich mi air mo dhachaidh bhoidhich, air tir mo dhuthchais, na cairdean caomh a dh’ fhag mi ás mo dheigh, agus a bu mhiann leam a bhi ri m’ thaobh, chum ’s gu’m measgainn mo dheoir le ’n deuraibhsan. Re na h-oidhche bha mi a’ faireadh corp mo leinibh, agus re an latha bha mi gu geur ag amharc a mach air son an fhearainn—a togail mo chridhe ann an urnaigh ris-san aig am bheil na gaoithibh ’n a lamhan, gu’n tugadh e sinn gu luath gu ceann ar turais. Air an treas madainn, mu bhristeadh na faire dh’ eirich an ceo agus chunnaic sinn cladaichean gorma New Brunswick. Chaidh an long a thilgeil an ceann; agus dh’ fhag an sgiobair agus a dha no tri d’ a chuid daoine an soitheach a’ giulan corp mo leinibh leotha gu tir. Cha do cheadaicheadh dhomh dol comhladh riutha, ach o chlar nan luinge bu leir dhomh iad a’ cladhach na h-uaighe fo sgaile tiugh na coille, aig iochdar bruthaich aillidh a bha a’ claonadh a nuas gu oir an lain; agus bheannaich mi iad ann am chridhe, agus ghuidh mi gu’n ath-dhioladh Dia an caoimhneas araon do’n bheo agus do’n mharbh. An uair a thainig iad air an ais, thainig an sgiobair am ionnsaidh agus thubhairt e— “Mo bhoirionnach math, is e ainm an àite anns an do thiodhlaiceadh do mhac, Greenville air corsa New Brunswick. Sgriòbhaidh mi air paiper e, chum ’s gu’m bi fhios agad c’àite bheil e ’n a laidhe.” Thug mi buidheachas dha air son a churaim, ach thuirt mi ris nach ruigeadh e leas—gu’n robh e cheana sgriobhte air clar mo chridhe, agus gu’m maireadh e an sin gus an coinnichinn fein agus mo bhalachan beannaichte anns an t-saoghal ghlormhor, shona, air taobh thall a’ bhais.” —MAC-MHARCUIS. ’sa Ghaidheal 1874.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig
[Vol . 3. No. 1. p. 7]
MO THURUS DO’N GHAIDHEALTACHD.
LEIS AN URR. RUAIRIDH MAC LEOID.
Choinnich mi ri mòran do na càirdean ’an so as gach cearn mu ’n cuairt. Bha mi g ionndrainn cuid as a measg a b’ àbhaist a bhi comharaichte aig coinneamhan urnuigh maduinn agus feasgair aig amannan sòluimte de ’n t-seòrsa so. Cha’n fhaicte Tormad Mac Shomhairle le ’cheann liath agus le ’bhata agus a bhreacan ann. Cha mho ’chite Aonghas Mac Dhomhnuill Mhic Thormaid na Pòl ann no Gilanders diadhaidh. Chaidh na fearaibh diadhaidh so a sguabadh leis a bhàs dhiunnsuidh an sonais. Dh’ionndrainn mi gu sònruichte Mòr Mhòr na Huaghadh as a measg. Is e boirionnach iongantach a bha innte so. Dh’ fheudta leabhar a sgriobhadh air a deanadeasan agus a cantasan.
Chaidh i féin agus Maighstir Davidson aon uair troimh a chéile air son beachdan eaglaiseil. Bha am ministeir air son an Eaglais Shaor aonadh ri Eaglais Aonaichte Chléireachail na h-Alba agus bha Mòr bhochd an aghaidh sin. ’Se bun a bh’ ann dh’ fhuirich Mòr fad bliadhna no dhá gu’n dol a chéilidh do’n mhansa. Air a ceud thaghall choinnich bean a mhinisteir i aig an dorus. “ ’S fada bho’n uair sin a Mhòr” ars ise; agus air dhi fios a bhi aice air aobhar na connsbaid thubhairt i ri Mòir. “Ma tà cha’n eil ni do dh’ eadar dhealachadh eadar am ministeir an diugh agus ’nuair a sguir thu do thaghall oirnn.” “Mur a bheil” ars a mòr is olc an comhara air, oir is e a tha an fhirinn ag radh. ’Thig piseach air an fhìrean chòir,” Chunnaic i aon uair eile e tighinn do chruinneachadh àraidh agus do bhrìgh an aobhair cheudna ’s ann a thoisich i air brunndail leatha féin— “Ach gu d’ e a tha ga do chursa an so le do dhà sheòrsa creideamh agad?” Mhothaich mi atharachadh mòr air tighinn air cothional Mhànais. Tha grùnd do mhuinntir òga air tighinn fuidh bhuaidh na fìrinn ann. Is maiseach an ni gillean òga agus caileagan òga fhaicinn a frithealadh gu toilìnntinneach air coineamhan ùrnuigh. Mo thruaighe, ann an Canada againne, ’s ann a gheibhear a chuid mhòr de ’n t’ seòrsa so a’ call an anama agus an cliù anns na bàlachan dannsa. Chuir e toileachadh mòr orm àireamh do’n òigridh fhaicinn ’am Mànais fo churam. Ach gu mo sgeul—Air feasgar na Sàbaid shearmonaich mi ’s an eaglais do cho thional ciatach. Air Diluain thugadh da shearmon do’n t-sluagh bhochd anns an dealachadh; agus is iomadh suil dheurach a bha air a chnoc ’nuair a bhà sluagh bochd an Tighearna ag gabhail slàn le aon a chéile. An deigh na dìneir ghabh làn bàta againn an t-aiseag timchioll Rudha Rothadail gu Bearntraigh. Bha an latha breagha ciùin agus a ghaoth na’r deigh. Bu thoilìnntinneach a bhi ag cluinntinn na’m bràithrean a’ tighinn thairis air na chuala iad ré na ’n òrduighean. Rinn Macghilleleathain mòran rannsachaidh timchioll air pearsa Chriosda air an t-Saboid a’ dearbhadh nach robh pearsa duine idir aige agus thug so obair co labhairt do na daoine còire air an aiseag a’ dol dhachaidh. “Chaill mi sealladh gu h-iomlan air mhinisteir” ars a h-aon dhiubh. “Cha toil leatsa na ministeirean a bhitheas a’ toirt car mu chnoc dhuit” arsa fear eile. Nach bu mhath gu’m bitheadh muinntir na ’r sgirean ’an Canada air an cleachdadh air a mhodh cheudna.
Mar so thainig seirbhesean òrduighean Mhànais gu crich agus sgaoil an sluagh mòr gu’n suil ri coinneachadh na h-uile dhiubh gus an coinnich iad aig cathair a bhreitheanais. Ach feumaidh mi a nis an luchd leughaidh a thoirt leam gu cuairt eile a thug mi. Air an ath Sheachdain fhuair mi an t-aiseag gu caolas Stiadair agus dh’ fhan mi an oidhche sin ann an tigh Ruairidh Mhic Challum. Choinnich mi ’an sin ri gille òg a mhuinntir Shranda a tha na bheag fhuamhair. Cha robh e ach sia bliadhna deug a dh’aois agus bha e còrr agus sia troidhean do dh’ àinde agus garbh a réir sin. Chuir a mhaighstir do Ghlaschu a dh’ iarruidh bhrog dha. Fhuair e àireamh a dhà dheug dha, agus bha iad a’ goirteachadh a chosan.
(Ri leantainn.)
Chaidh mise leigheas o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE.
Leighseadh mise o lòine leMINARD ’S LINIMENT.
Mahone Bay. IAIN MADER.
Leighseadh mise o chas ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Bridgewater. IOSUA WEGNACHT.
THA na Baistich anns a bhaile a tòiseachadh air eaglais ùr a thogail.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
RUBBERS dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’ aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 1. p. 8]
An Domhnullach Urramach.
Gur h-e mo ghaol-s’ an t-uasal
A dhealaich mi Di-luain ris;
Bioh iomad te fo ghruaman
Mur buannaich a thuras leis.
LUINNEAG.
An Dòmhnullach urramach
A dhireadh na mullaichean!
Tha t’ fhoghlum cho àrd
’S ged a dh’ àraicht’ an Lunnainn thu.
’S gur h-e mo ghaol an t-àrmunn
A thug Diardaoin an tràigh air;
Gun d’ òl mi do dheoch-slàinte;
’S e b’ fhearr na bhi muladach.
Thig biodag gu neo-chearbach
Is breacan nam ball meanbh ort,
Is claidheabh a chinn airgid,
’S gun dearbhadh tu buillean leis.
’Sa mhaduinn an am dùsgadh
Bha snighe le mo shuilean,
A cuimhneachadh do shùgraidh;
’S e dh’ ùraich mo mhulad dhomh.
Bidh tadhal mara ’s tire
Air taigh an fhleasgaich riomhaich,
Lamh a sgapadh fiona,
’S a riaghladh na tunnachan.
Bu mhath thu san taigh-òsda
A cur nam fear an òrdagh;
Cha togadh tu ann còmhstrith
Ach òrain is uirighioll.
’S tric an nùll ’s an nall thu
Do Lunnainn ’s ’thir na Franige
Fhir ud ’rinn mo chall
’Nuair a gheall mi bhi ’fuireach riut.
Marbhaich’ an roinn mhaoil thu,
Creachadair na faoileig;
’S bu deas ad léine chaoil thu
Air raointibh na h-iomaineach.
B’i ’n fhior fhuil ghlan gun truailleadh
An cinneadh as ’n do bhuaineadh thu,
Coilich an taobh tuatha
’Toirt buaidh air a h-uile fear.
Ma theid thu ’n cleit chlann Dòmhnuill
Gur h-iomadh fiùran bòidheach
A dh’ éireadh leat a Dhòmhnuill
Nan toisicheadh cunnart dhuit.
Bhiodh leòghann, fraoch, ’s lamh-dhearg leat,
Mar sin is bradan tarragheal,
Long ’s a slios ri fairge,
’S i falbh fo cuid chularan.
Rinneadh an t-òran so le Flori Dhòmhnullach an Tota Raonuill ’san Eilein Sgiathanach do mhac Fir an Ath-Leathainn. Bha e na chaiptin’ ann san arm. Cha do phòs e Flori. Chaidh i car air airmhreit na h-inntinn.
LeighsidhMinard ’s LinimentBreac.
Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aeile.chean, agus gach seòrsa bath-ar-po ai ’S tha e ’gan creic gle shaor.
Failte Mhic-Coinnich.
LE FIONNLADH DUBH MAC-RATH.
Slàn gu’n till fear ’chinn duibh,
Slàn gu’n till fear ’chinn duibh,
Slàn gu’n till fear ’chinn duibh,
Slàn gu’n till Uilleachan.
Slàn gu’n dig, slàn gu’n ruig,
Slán gu’n dig Uilleachan;
’S toigh leam fhin fear ’chinn duibh,
’S toigh leam fhin Uilleachan.
Tha na ceudan am muigh,
’S tha na ceudan a staigh,
Tha na ceudan am muigh,
’S toigh leam fhin Uilleachan.
Slàn gun dith, slàn gu sior,
Slàn gun dith Uilleachan;
’S toigh leam fhin fear mo chridh’,
’S toigh leam ’chaoidh Uilleachan.
Slàn gu’n till fear ’chinn duibh,
Slàn gu’n till Uilleachan;
Slàn gu’n dig, slán gu’n ruig
Slàn gu’n dig Uilleachan.
’S e mo rùn fear ’chinn duibh,
’S e mo rùn Uilleachan;
’S mor a chùirt ’bhi ort dlùth,
’Fhir mo rùin, ’Uilleachain.
’S gaisgeach treun Uilleachan;—
Claidheamh geur ’n laimh ’n fhir fhéill,
’S na seòid ag éigheach gu léir
Is trom beum Uilleachain.
An Gobhainn agus am Ministear.
Is minic a bha guaillean teine ann an sgornan gobhainn, agus bu ro thaitneach leis a smàladh as le uisge ni ’s treasa na uisge fionnair an tobair. Air là àraidh chòmhlaich gobhainn na sgireachd am ministear, agus thachair gu’n robh an rathad-mòr rud beag cumhann dha; gadheadh, chuir e failte air a’ mhinistear, a thubhairt ris, “O Sheumas, Sheumais, tha mi ro bhrònach ’fhaicinn gu’n bheil thu air tòiseachadh air do sheann cleachdadh a ris, dh’ aindeoin nam bòid a thug thu gu minic seachad. Ciod a dh’ éireas dhuit, a dhuine thruaigh, agus ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh de ’n bhallachan gille so agad, —brogach glan, tapaidh, gleusda gu’n teagamh?” Ma ta, a mhinisteir chòir, tha mi ’cur romham a dheanamh dheth ni nach urrainn thusa, ged is duine-uasal, fiosrach, fòghluimte thu, a dheanamh, dhe d’ mhac féin.” “Ciod sin, a Sheumais, innis domh, innis domh air ball, ciod sin?” “Ma ta, le’r cead, a mhinisteir,” ars an gobhainn le fiamh- ’ghaire, “tha mi ’cur romham duine a dheanamh dheth mòran ni ’s fearr n’ a athair!”
LeighsidhMinard ’s L’ mentCrosdachd.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’ againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Faigh Paidhir airson an Earraich.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr ’sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.
title | Issue 1 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 1. %p |
parent text | Volume 3 |