[73]

[Vol . 3. No. 10. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 8, 1894 No. 10.


CUL-CHAISE MUINNTIR GHLINN-COMHAIN.

Tha gnàth-fhacal coitchionn air feadh na dùthcha air a chleachadh le moran aig nach eil fios ciod is ciall da. ’S en sean fhacal sin,— “Bidh tuilleadh uime na bha mun chùl-chàise.” Tha mhiann orm an t-àm, an t-àite, agus an t-aobhar mun do chleachdadh air tùs e a dheanamh aithnichte dhaibhsan aig nach eil fhathast fios air.

Tha fhios againn uile nach robh dùthaich no ceàrna den domhain anns nach do thachair air an fhear-thuruis da inbhe dhaone, ’s iad sin daoine beairteach agus daoine bochda. Tha so mar an ceudna ri fhaotainnsa Ghaidhealtachd. Bha seana chleachadh am measg nam fior Ghàidheal a thainig a nuas bho ioma linn, gun rachadh na h-uireasbhuidhean, roimh àm na Nollaig airFaoidh Nollaiga measg an càirdean agus an coimhearsnach shaobhir a chums gun faigheadh iad nithean leis an cumadh iad féisd na Nollaig. Bhan cleachdadh so gu ro shónruicht air a chumail am measg muinntir a ghlinne.

Anns a bhliadhna 1543, air maduinn an naodhamh latha deug de cheud mhios a gheamhraidh, thàr ochd-fir-dheug air turus faoidhe. Bha iad òg, curanta, meamnaich nach gabhadh giorag roimh ghnùis nàmhaid nan uchd cruaidh gàbhaidh, nach meataicheadh ri garbh fhrasaich foghair, no sneachda dùmhail dùdhlachd a gheamhraidh, an cas-cheum air taobh glinne mar chiar-cheò maduinn foghraidh no sneachda dùmhail dùdhlachd a gheamhraidh air sliabh beinne. Iadsan a bha chòmhnuidh am bràigh a ghlìnn, thog iad a mach ri Gleann-lic-na-muidhe, tarsuinn a nunn cath na cunneaghaidh, agus iadsan a bhasan t-srath a mach ri Gleann-na-fihodhe a nunn thar Màm-uchdaidh, agus air bheag de latha, shocraich gach buidhean iad féin air Cnocan-na-Comhairle, ’se sin tullach beag, bòidheach, uaine, air taobh deas Mhàmuchdaidh, ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe comhairlaghabhail on mhor-bhuidheann an deigh dhaibh uile cruinneachadh, agus sònrachadh air an àm agus air an àite anns an tachradh iad a rithist.

Air dhaibh, air an àm so, a mhor-bhuidheann a roinnna tri buidhnean beaga, sianar anns gach buidhinn, agus gach buidheann dhiubh so gu tachairt ri chéile air feasgar an treas latha aig Rudha-na-coinneimh, am bràigh a ghlinne, goirid on àite anns a bheil Tigh-an-Righ; air dhaibh mar so an uile ghnothuichean a shocrachadh air Cnocan-na-comhairle, ghabh buidheann dhiubh nunn gualla Chorrobheinn a mach beallachd Caol-chreireann, tarsuinn a nunn Gleann-Eite, a mach Larraig Dochairt agus a stigh bràigh Ghlinn-Urchaidh. Ghabh an da bhuidheann eile sios Gleann-Creireann, adealachadh ri chéile aig an Eilirig, atogail a mach slochd Ghlinn Uidhir, a nunn thar Creag Eancha, agus a stigh ceann Loch Eite. Bha mar so gach buidheann gu sunndach, dian, togarrach, agairm air gach caraid agus fear-eòlais a thuit tachairt orra. Air an àm shuidhichte, thoisich gach buidheann air an aghaidh a chur air Rudha-na-Coinneimh, agus do reir cumhnanta, thachair gach aon dhiubhs an àite sin air feasgar an treas latha. Air dhaibh sgeul a gdabhail, gach aon de chéile, chuir iad an cuid uile cuideachd, chums gum biodh e rithist air a roinn na earrannan beaga, ’s e sin earrann mu choinneamh gach fir. Fhuair iad gu math air an aghaidh leis an roinn, gus mu dheireadh an robh aon chùl-càise ri roinn. Thuirt fear gur ann air an roinn so hu chòir a chur; thuirt fear eile gur ann air an roinn so eile bu chòir a chur; agus thuirt an treas fear nach bann idir, ach air an roinn so. Dheirich mar so cònnsachadhnam measg; lion tnù mar so na laoich lan feirg, ’s o gharbh briathran thainig iad gu marbh bhuillean sgaiteach, geur, gus fa-dheòidh nach robh mac màthar ann an burrainn sgeul a thoirt air mar a thachair. Thainig an oidhches bha an càirdean aig a bhaile fo mhor iomguin agus imcheist ciod an tubaista thachair air an luchd-faoidhe, agus bu shiubhlach iad o bhaile gu baile ag iarraidh na sgeòile nach robh ri fhaotainn. Mu bhriseadh na faire, thog buidheann a mach ri innein a ghlinne, tarsuinn a munn gus an Rudha. Air dhaibh a bhi tarruinn fagus don ionad sin, agus a nis an latha air bristeadh gu soilleir, air leotha gun robh iad a faicinn mar gum biodh daoine nan sineadh ri bruaich uillt bha siubhal seachad ri taobh an Rudha. Rainig iad, agus bhaan sin an càirdean, na h-ochd-fir-dheug, nan sineadh gun phlosg. Bha cladach an uillt a bha siubhal seachad, agus lochan beag a bha aig ceann an uillt, mar uidhe ceud slat don ionad anns an robh iad nan sineadh, dearg le fuil. Theirte ris an lochan sosan àm, Lochan Rudha-na-Coinneimh, ach uaithe sin gus an lathan diugh, theirear Lochan na Fala ris. Laimhsich iad na daoine a bha nan sineadh, gach aon fa leth, agus fhuaras nam measg aon anns an robh an deò. Ghiulain iad e ga thigh féin, agus le mor-chùram chleachdadh gach ni a burrainnear a smaointeachadh chum a chreuchdan a leigheas, ach dhfhairtlich gach oidhearp, agus bhàsaich en ceann beagan ùine. Re na h-ùine bhan duine so beò, chaidh gach oidheirp a dheanamh air mion-chùnntas fhaotainn uaithe, ach cha dfhuaras nas fhaide na thair aithrisan so. Mar so bha toiseach aghnàth-fhacail, “Bidh tuilleadh uine na bha mun chùl-chàise.” —Gleann Comhan, anns a Chuairtear.



[74]

[Vol . 3. No. 10. p. 2]

DONNCHA CAIMBEUL.

BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.

I.

Cha robh e ro fhada anns an t-suidheachadh ud gus am fac e sealladh a thug tomhas faothachaidh da chridhe trom, aonarachdrobh mor de chrodh Gaidhealach. Biad sud na ceud chreutairean cosmhuil ri luchd-eolais a chunnaic Donncha re an iomlain de an bhliadhna a chaidh seachad. Dhuisg sealladh dheth an adhaircean geal agus an sprogain leathann faireachduinnean maoth, measgaichte de sholas agus de chianalasn a chridhe. Mar a bha iad adol seachad, thug e fainear gun robh iad dùr, gruamachn an coltas; ghrad thuig e an t-aobhar. Bha iad ann an seibh nan Sasunnach— ’n am fogaraich bhochd, coltach ris feinadol fad air falbh gu bhi air an casgairt agus air an itheadh, agus far nach faicte leo gu brath beanntabhi na Gaidhealtachd.

An uair a chaidh iad uile seachad air, sheall Donncha as an deigh agus thoisich e ri caoineadh as ur; ach bhaaire air a grad thionndadh air falbh uath le rudeigin a bhean gu tlath richasan; ghrad sheall e mun cuairt— ’s e a bh, ann, cu bochd, crubach, acrach acrubadh ris an lar agus ag imlich a choise, agus air bainidh le sulas agus le aoibhneas buaireasach. Iongantas nan iongantas! Co a bhann ach a sheann chompanach ionmhuinn, dileas, Oscar, cho blion, cho seargta agus cho crubach agus gur gann gum burrainn dha gluasad! Bha e a nisn a thraill bhochd aig drobhair Sasunnach (leis an robh e, ma dhfhaoidte, air a ghoid no air a cheannach aig an Eaglais bhric) a bha cho fad air dheireadh air Oscar a thaobh suairceas agus fiughantachd a ghnes a bha Oscar bochd air dheireadh airsan ann an neart agus ann an cumhachd. Tha e do-dheanta coinneamh a bu taitniche no bu tlaithe a chur an cainnt; achn uair a chunnaic Donncha na bha de aogas an acrais agus na h-aimbeairt rifhaicinn gu soilleir ann an gunis a charaid, bhachridhe airfhàsgadh le faireachduinnean dolasach. “Chaneil mir no spruidhleach agam rithoirt dhuit, mOscar bochd! Chaneil greim agam air mo shon fein, ach chaneil mi cho dona dheths a tha thusa.” Rinn an drobhair fead chruaidh; chlisg Oscar; dhluthaich e gu teann ri broilleach Dhonnchai; leag e a cheann air a ghlun, sheall e gu cianailn a aodann mar gum biodh eg asluchadh air a dhion on chrochairan-iochdmhor ud. Chualas gun dail fead eile a bu chruaidhe na acheud te, agus glaodh ard, iargalta on drobhair, agairm Oscair da ionnsaidh. Chriothnaich Oscar bochd o a cheann gubhonnaibh, ach air eagal peanais sheap e air falbh gu h-athaiseach, aindeonach an deigh a shealbhadair an-iochdmhor, a thug fainear gun robh Oscar mar gum biodh e ann an ioma-chomhairle agus asealtuinn as a dheigh; agus air eagal gun teicheadh e uaithe, ruith an drobhair air aisn a choinneamh. Chrub Oscar ris an lar, ghlac an drobhair air chluais e, agus leag e strachdan air le bata garbh a bhaigen a laimh, gus an do luidh e sios leth-mharbh aig a chosan.

A reir coslais bha na h-uile ni ag oibreachadh lecheile gu bhileon faireachduinnean Dhonnchai, ach bha e air a chur thuige le bruidealachd an-iochdmhor an drobhair ni bu mho na bha e leis gach trioblaid eile leis an robh e airfhiosrachadh. Ruith e airadhart far an robh Oscarn a shineadh agus e agul gu goirt, acaineadh an t-Sasunnaich mar bhruid chruaidh-chridheach; agus arsa Donncha ris; “Mas e as gun tig mise gu bhi am lan dhuine agus gun coinnich sinn a cheile, bi cìnnteaeh gun cuir mi as dhuit.” Shuidh e sios agus thog e ceann Oscair air a ghlun, a dh-fheuchainn an robh fhathasd an deo ann. Bho nach burrainn an drobhair abheag a dheanamh as eugais achoin, dhfheith e gu faighidneach gus am faiceadh e deireadh na cuise. Thainig Oscar thuige ri h-uine, agus dhealaidh e air falbh ri sail a mhaighistir gun a chridhe bhi aige sealtuinn air ais. Sheas Donncha far an robh e, ach leag e a shuil gu bunailteach air Oscar, agus mar a bfhaide bha e dol uaithe is ann a bu mho a bha e air a bhuairaadh gu a leantuinn. Sheall e nulls a null, ach cha robh ni ach falmhaidheachd rifhaicinn air gach taobh, cha rob hfeum da stad far an robh e, agus mar sin lean e as deigh Oscar agus agus an drobhair.

II.

Bhan crodh sgith, agus agluasad gu h-athaiseach; ghlac Donncha slatagn a laimh, agus chuidich e leis na drobhairean ann a bhig an iomain air an turus. Thug fear dhiu sgillinn dha, thug fear eile da sgillinn dha; agus air don oganach aig an robh an drobh air a churamfhaicinn cho ealamh agus cho ghrad-charachs a bha Donncha, agus an t-astar a chaidh e leo gu bhig an cuideachadh, thug e sea-sgillean dha. Bha sudn a mhaoin do Dhonnach. Air dhabhi ro ocrach, cheannaich e tri builionnan sgillinn anns acheud bhaile troimh an deachaidh iad; dhith e aon dhiubh thug e aon eile do Oscar, agus ghiulain e an treasamh aon dhiubh foachlais fa chomhairfheuma air a thurus. Lean e an drobh gus an dthainig an oidhche orra, agus thionndaidh iad a thaobh anns an dubh-thra gu raon ard eadar Uisge Ghala agus Middleton. Leig Donncha e fein sios gu tamh fo fhasgadh seann challaid; roinn e abhuilionn air Oscar, agus dhith iad an greim tioram gu caidreach lecheile. Air do Dhonnchabhi ro sgith, thuit e gun dail ann an trom chodal, as nach do dhuisg e gus an robh aghrian air direadh ri arde nan speur air an latha ar-n amhàireach Bha Oscar, an drobh agus na Sasunnaich air falbh agus as an t-sealladh. Fhuair Donncha bochd e feinn a aonarach air raon lom, fasail, gun fhios dha ciod an duthaich no an rioghachd anns an robh e. Shuidh e car greis ann am breislich iomadanach nee-umhaileach, asuathadh a shul agus atachas a chinn; cha burrainn einntinn a dheanamh suas ciod a dheanadh e, no caite an rachadh e. Anns an dùiseal chianail ud, co a chunnaic e atighinn air ais da ionnsuidh, ’n a dheann-ruith, ach a chaomh-charaid Oscar; oir ged a beiginn dha air gairm a mhaighistir, Donnchafhagail leis feinn a shuain fo fhasgadh na callaid, far an do chaith iad an oidhche ann an asgailtean a cheile, bu choltach gun do ghabh Oscar fath air acheud chothrom a fhuair e gu teicheadh air ais gus far an dfhag e a chompanach. Olc no math a dhfheudadh tighinnn a dhàil, chuir Donncha roimhe, nam bu chomasach e, dealachadh a chur eadar Oscar agus a dhroch mhaighistir smaointich e nach robh nibfhearr foailghios na teicheadh air falbh bhon rathad mhor cho luaths a bheireadh an cosan iad lechile, agus an aghaidhean a thoirt air monadh fiadhaich a bhasineadh a mach ris an aird-an-iar. Cha deachaidh iad da fhichead ceum



[75]

[Vol . 3. No. 10. p. 3]

thar an rathaid, gus am faca e an Sasunnach atilleadh air ais gun ad gun chota, le a bhata togta righualainn. Chriothnaich Donncha gu bonnaibh a chos, fo eagal gun cuireadh an Sasunnach, ’n a fheirg agusn a bhruidealachd, na h-eanchainnean as fein agus á Oscar. A reir coslais, cha dthug an Sasunnach an aire dhoibh, air dha a bhin a dheannruith agus asealltainn direach roimhe. Luidh Donncha sios fo thoman fraoich, agus chrub Oscar gu teann ribhroilleach. Bha am fraoch cho fadas gun do chomhduich e iad le cheile; leum an Sasunnach thar an rathaid a dh-ionnsuidh an aites an do chuir Donncha agus Oscar an oidhche seachad, ach cha dfhuair e ann ach nead fhalamh. Sheall e mun cuairt, agus ghairm e air Oscar; chlisg Oscar, agus dhluthaich e ri broilleach Dhonnchai; chunnaic Donncha etighinn direach an taobh a bha iàd, ’aodann laiste le feirg agus le aimheal, le a bhata suas righualainn. An uair a thainig e dluth dhoibh sheas e; sheall e a nulls a nall, chuir e a mheoirn a phluic, rinn e fead-ghlaice, agus bheuc e a mach; “Oscar, gheo, ho!” Chriothnaich Oscar, agus chrub e nibu dluithe ri broilleach Dhonnchai. Bheireadh Donncha an saoghal, ged bu leis e, asrson gun sluigeadh an talamh e. “Gonadh agus droch comhdhail air,” arsan Sasunnach: “Nam faighinn greim air dheanainn e fein agus an slaoightear beag, bradach daor aig pris sam bith. Chan urrainn iad a bhi ro fhada air falbh; air leam gum bheil mig an cluinntinn.” Sheas en a thosd a dheisdeachd car tiota, ach aig an dearbh mhionaid ud thainig tuathanach air muin eich suas ris, agus dhfheoraich e dheth an do chaill e a chu? Thuirt an Sasunnach gun do ghoideadh e le biasd bhalaich a choinnich riu air an rathad. Dhinnis an tuathanach dha gun do choinnich e ri giullan agus cun a dheigh mu thuaiream mile air adhart. Air dhoibh a bhi mar so acomhradh richeile, chaidh cu an tuathanaich suas gu uirigh Dhonnchai, chuir e a shron air fein agus air Oscar, choc eearball, thug e cuairt nodha timchioll orra, a grunnsgail gu bagarrach. Mun dfhag e iad bhuin e gu mi-mhodhail ri Donncha, ach air eagal an drobhair, ghiulain Donncha gu foighidneach leis an oibheum a thug cu an tuathanaich dha. Cho luath agus a chuala an drobhair sgeul an tuathanaich mun ghiullan agus mun chu ghreas e air adhart gun suil a thoirt thar a ghuala gus an deachaidh e as an t-saalladh.

An uair a fhuair Donncha e fein agus Oscar aon uair eile saor á lamhan an drobhair, bhauchd air a lionadh agus air a luasgadh le tomhas de sholas agus de thaingealachd, a chuir gach cruaidhchas troimh an deachaidh e riamh, as a chuimhe; agus cho luaths a chaidh an Sasunnach as an t-sealladh dheirich e fein agus Oscar, thog iad ris amhonadh, agus cha bfhada gus an drainig iad gu tigh ciobair, far an dfhuair e aran agus meog air son a bhidh-maidne. Cha bu chuimhne leis gun do bhlais e riamh diota no urachadh cho milis no cho taitneach; ach ocrach mar bha e fein, cha daicheidh e air Oscar a roinn den chreich.

Tur aineolach air an duthaichanns an dfhuair Donncha e fein a nisn a fhogarrach allabanach gum pheighinnn a phoca, cha robh dad a bfhearr na abhaigeireachd foailghios; mar sin bha e corr agus bliadhna adol mun cuairt o thigh gu tigh air feadh nan tuathanach timchioll monadh Herriott afuireach, ma dhfhaoidte bho aon oidhche gudha no trisheachdainean anns gach aite fa leth a reir an tomhais de chaoimhneas a gheibhte leis. Cha ghabhadh e gu dona tair no dimeas a dheante air fein, ach far am faigheadh Oscar beum no buille, no nam faighte coire don chairdeas chaidreach a bha air altrum le Donncha dha, bu leoir sud gu bhi agluasap Dhannchai gu bogadh nan gad, ciod air bith cho fialaidhs a bhiodhte ris fein.

(Ri leantuinn.)


IarrMinards Liniments na gabh ach e.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche,
Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos , Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca,
Coirce, Feur, agus iomadh
ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige o ch mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL W. CROWE



[76]

[Vol . 3. No. 10. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton


SIDNI, SEPTEMBER 3, 1894.

BODACH A CHEARTAIS.

Anns an àmsan robh daoine air ùr-thighinn don dùthaich so, bha cuid de bhalgairean de dhaoinenam measg aig an robh beagan sgoile agus moran uaisle nan cinn, agus bhiodh iad, mar-a burrainn dhaibh, a feuchainn ri ceann-fodha a chumail air a chuid eile dhen t-sluagh air nach fhacam freasdal iomchuidh na nithean sin a bhuileachadh. Thainig bodach dhen t-seòrsa sin a nall á àite ann an Earra-Ghaidheal ris an abradh iad Achateirie agus thug e fearaansna h-Eileanan Coille. Chan eil mi dol a dhainmeachadh neach sam bith air ainm mo air a shloinneadh, oir tha iad a ris uile á sealladh, agus cha mhor á cuimhne. Ach, co-dhiu, bham fear so aruith beagan den uaisles den Ghalldachd thall, agus bha e feuchainn ri leithid eile dheanamh a bhos. Fhuair e an sid aon uair a bhina fhear-ceartais, no mar theirear ann an cainnt nan Gall, Justice of the Peace;agus beagan an deigh dha an dreuchd sin fhaotainn, chaidh e féin us dithis denàbaidhean, —daoine còire, foghainteach, —le bàta gu ruigam baile-mòr. Air an tilleadh dhachaidh, bha aig na daoine so ris an iomradh a dheanamh, agus bodach a cheartais na shuidh’ ’an deireadh a bhàta us cleòchda mor uime mar bhitheadh air a leithidsan àm ud. ’S ann toiseach a gheamhraidh a bhann, agus thachair raon mor deighe orra, agus smaoinich iad gu m bfhearr dhaibh am bàta shlaodadh thairis oirre na dhol timchioll. ’Se sin a rinn iad. ’N uair a bha iad a fàs sgith, leig iad am bàta air a chliathaich, ’s dhiarr iad air fear a chleòchda tighinn a mach agus coiseachd. Ach ma dhiarrs ann a dhat esan suas le feirgsa thuirt e riutha. “Coma leibh de ni mise. Tàirnnibhsem bàta, chonnaibh, neo bheir misoirbh enuair ruigeas mi tir! Cuimhnichibh gu bheil mo Chommission agamna mo phòca, ’s mur dean sibhse mo tharruinn, cha bhuidhe dhuibh!” Cha robh aig na daoine bochda ach a dhol a dhobair a rithist, cho luathsa leig iad an anail, agus am bàtasa luchd a tharruinn mar a bfhearr a burrainn daibh, ’s bodach cleòchdach a cheartais agabhail na cùis air a shocair.

S. A. MAC I.


Litir a Lunnuinn.

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Bha mi aleughadh an latha roimhe gum beil corr agus 35,000 shuaigh ann an Canada a bhalabhairt na Gaidhlig gach latha den t-seachduinn, agus ged a bha sin mar sin, cha-neil aon sgoil air feadh na duthcha, anns am beil i air a teagasg. Mo thruaighe! Nach iongantach an dòigh anns am beil na Gaidheil acur dimeas air an cànain fein. Is sinne sliochd nan gaisgeach treun a choisinn mòr chliu anns gach linn o shean, agus cha-neil urad de dhuinealas againnus a sheasas suas airson cànain ar n-aithrichean, agus a bheir dhi am meas ceudna a tha sinn atoirt don Bheurla. Na leigeamaid as ar cuimhne gum beil e mar dhleasnas oirnn cànain ar sinnsear a theagasg do ar cloinn. Bu choir dhuinn fios a bhi againn gur e teagasg an cànain fein do ar n-oigridh achiad chum a chum ar litireachas a thogail gus an inbhe as airde, agus gur i an sgoil an t-áite anns an coir sin a dheanamh. Nacheil fior Ghaidheal sam bith agaibh ann an Canada aig am beil urad de dhughdarras am measg a luchd-duthchas gun rachadh aige air dòigh air choreigin fhaotainn chum aGhaidhlig fhaighinn air a teagasg anns na sgoilibh? Tha iongantas orm nach do chuir Comunn Gaidhlig Toronto iomradh a dhionnsuidh MHIC-TALLA mu dheihhinn nan oidhirpean a tha iad a deanamh airson cuis na Gaidhlig a chur air adhart. Tha min dòchas nacheil iad cosmhul ris na Comunnan Gaidhlig ann an Albainn agus Sassunn, ma tha, chan fhaigh aGhaidhlig mòran cuideachadh bhuapa. Is e mo bheachd gum beil MAC-TALLA adeanamh tuilleadh airson ar cànain a chumail beò na tha Comunn sam bith air am beil mi eòlach, agus ma chuireas cairdean na Gaidhlig an cinn agus an guaillean ra cheile faodaidh i a ceann a thogail fathast, ach is eudar dhuinn ar n-uile dhichioll a dheanamh, mas àill leinn aGhaidhlig a h-àite a ghabhail am measg cànainean eile an t-saoghail. Tha clann nan Gaidheal fadanur comain airson cho dileas agus cho daingeanus a sheas sibh airson an cainte agus tha min dòchas gun dean iad an dleasnas ribh. Buaidh leibh anns gach ni a ghabhas sibh os làimh.

Is mise bhur caraid,
LAMH LAIDIR.
Lunnainn, 25, 8, ’94.


Minards Linimentair son Loine.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.



[77]

[Vol . 3. No. 10. p. 5]

NAIDHEACHDAN

THA ceò trom air an speuran so o chionn deich mo dusan latha. Chan eile teagamh nach ann o na teinntein mora thasna Staitean an Iar a tha e tighinn.

AN deigh a chòigeamh latha deug, faodar tòiseachadh air iasgach nan giomach; ach feumaidh iadsan aig a bheil dùil a bhi riutha cead a cheannach on luchd-riaghlaidh.

THAm bradan anabarrach pailt ann an aibhnichean Cholumbia Bhreatunnach-Tatargan creic eadar còig us ochd sentichean am fear, agus chan fhaigh na h-iagairean uap iad uileadhon air a phris sin.

BHA pic-nic mhor ann an Glace Bay Di-sathairne. Bha dòrlach mor sluaigh cruinn, moran dhiubh á Sidnis à Sidni Tuath. Chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail agus chaidh na h-uile dhachaidh glé riaraichte.

THA Féill bhliadhnail Eilein a Phrionnsa gu bhi ann an Charlottetown air a mhios so, a tòiseachadh air Di-màirt an 25mh la, agus a dùnadh air Di-haoine, an 28mh la. Tha Féill Nobha Scotia ri bhi ann a Halifax aig an àm cheudna.

CHAIDH fear E. Petro a mharbhadh aig Westville N. S., D-hoine sa chaidh, leis a charbad iaruinn. Bha eg obair air a charbrds chaidh e fodhachur rud eigin air dòigh, ’snuair bha ean sin chaidh an carbad air ghluasad, ’s chaidh na cuidhlean thairis air.

CHAIDH fear Iain Callaghan, mèinneadair, a losgadh gu dona ann am Bridgeport maduinn Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha e tòiseachadh riobair-latha, ’nuair a chuir solus na lampa beagangasa bha mun cuairt na theine, ’s loisg e a cheannsa ghuaillean mun dfhuair e dhol as an rathad.

BHA coinneamh clèire ann an Eaglais St. Andrews air Di-ciaduinn. Bha chuid mhor de na minnistearan a làthair, agus bha iad cruinn gus mu cheithir uairean feasgar, a cur air dòigh ghnothuichean a bhuineadh don chlèirs do na coithionalan, Bha pic-nic aig Sgoilearan Sabaid St. Andrews air an latha cheudna, air taobh thall na h-acarsaid.

THAINIG fear Martin Myers, a bha fuireach ann an Charlottetown ri bheatha féin Di-ciaduinn air an t-seachdain sa chaidh. Chroch e e féin ann an sabhal. Bha e tri fichead bliadhnasa deich a dhaois agus dhfhàg e bean us teaghlach morna deigh. Chan eil fhios air ni sam bith a bha cur deagh air mo bheireadh air an gniomh a dheanamh.

BHAn t-each-iaruinn air a chumail air asi gu tric re a gheamhraidh sa chaidh le stoirmeannan sneachda, ach air a gheamhradh sa tighinn, tha luchd-riaghlaidh an rathaid a cur rompa buaidh a toirt air an t-sneachda. Tha iad a togail thaighean air an rathad anns na h-áiteachanm bu mhiosa na citheachan; bidh mar sin dùil againn ris an each iaruinn a bhi falbhsa tighinn nas riaghailtiche ri àm dùlachd na bàbhaist dha.

An la roimhe dhfagh Uilieam Bisset, (seann tuathanach beairteach a chuir a cuid a bfhearr dhe bheatha seachad faisg air Montreal,) a dhachaidh air son sgriob a thoirt dhan t-seann dùthaich. ’N uair a bha e dol air bòrd an t-soithich a bha gutoirt thairis air a chuan, thuit e bhar na drochaid a bheadar an laimhrigs an soitheach, agus chaidh a bhàthadh.

THA seann duine dan ainm Seumas Mac Neill a mhuinntir nan Eileanan Coillesa phriosan ann an Charlottown, a peitheamh ri bhi air fheuchainn air son marbhadh fear Uilleam Mac Ille-mhaoil, duinòg a bhasa choimhearsnachd aige. Tha e air fhàgail air Mac Ille-mhaoils air gilleile gun deach iad gu tighIc Néills gun do chuir iad an daorach air, ’s an sin gun do thòisich iad air tarruinn as. Ghabh an seann duinen fhearg, fhuair e gunnas loisg e orra, ’s bha Mac Ille-mhaoil air a mharbhadh air a bhad. Tha Mac Nèill ag radh nach robh dùil aige fear seach fear dhiubh a mharbhadhs nach robh e ach a dol a leigeadh na h-urchair mun casan air son eagal a chur orra.

CHAIDH duinòg, dam bainm Iain Day, a mharbhadh leis a charbad air an rathad-iaruinn eadar Sidni Tuaths anJunction,” oidhche Di-haoine air an t-seachdainsa chaidh. Cha robh fhios aca-san a bhair bòrd air a charbad gun do thachair ni sam bith gus an drainig iad Sidni, ’n uair a fhuaras fuil an duine bhochd air na cuidhlean toisich. Chuireadh fios air ball gu fear-gleidhidh na calla aig an Junction agus chuir esan daoine mach a dhiarraidh a chuirp, agus cha deach iadsan ach astar goiridnuair a fhuair iad e. Bhan corp air a dhroch mhilleadh. ach dhaithnich na daoine bhann. Bha cùirt air a suidheachadh an la air n-a mhàireach agus fhuaradh nach robh duine mun rathad ri choireachadh air son an sgiorraidh. Tha e coltach gu robh e ag òl gu trom fad an fheasgair, agus gun do chaidil e air an rathad gun fhios aige càiten robh e. Bhuineadh e don Bhras dOr bheag, agus bha e mu chòig bliadhna fichead a dhaois.

TEINNTEAN. —Tha teintean mora ann am Michigans am Minnesotta, agus iad ri sgrios uamhasach. Tha iad á nis ag obair o chioon còrr us seachdain, agus chan eil àireamh air a mhilleadh a rinn iad. Chan eil iad ach a toiseachadh ri fhaotainn am mach meud a challa. Thainig uisge trom oidhche Di-luain, agus chuir sin tilleadh anns na teinntein an cuid a dhàiteachan, ach ann an àiteachan eile tha iad og obair fhathast. Ann an aon àite mu shia mile fichead a dhfhad agus cóig mile deug a leud, cha robh tigh no stob fiodha de sheòrsa sam bith air fhagail, agus chan eil taobh a thionndaidheas duine nach faighear cuirp dhaoines ainmhidhean air an dthainig an teine cho grads nach robh ùinacair teicheadh. Tha iad adeanamh mach gu robh còrr us sia ceud gu leth duine eadar bheag us mhòr air an losgadh gu bàs. Thugadh tri fichead corpsa seachd á aon lochan uisge ann an cearna de Mhinnesotta, far an dech an sluagh bochdgan dion féin on teine.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[78]

[Vol . 3. No. 10. p. 6]

AN T-EIDEADH GAIDHEALACH.

Aig an am so nuair a tha na Gàidheil a dusgadh suas gu bhi faicinn gur fiach cainnt agus cleachdaidhean an sinnsir a bhi air an cumail suas, cha chreid mi nach bi e freagarrach dhomh facal no dha a radh mu dheibhinn an Eideidh Ghàidhealaich, se sin am Feile-beag Gun ghuth a chantainn mu dheibhinn anCota a dhiomadh datha thug Iacob domhac Ioseph tha min dùil gun dtheid agam air a dhearbhadh gur e am Feileadh an t-aodach a bhair a chleachdadh le ar sinnsiribh cho fad air aiss a tha eachdraidh a dol.

Ann anTaigh-iongantais na h-Arsachan Duneidionn tha leac, a fhuaradh aig Dull an Siorramachd Pheairt, air am beil dealbhan air an gearradh a mach de dhaoine air an comhdach leis an fheileadh. Tha leac eile ann a bhair a cladhach a mach as an talamh faisg air Eaglais an Naoimh Aindrea air am beil moran dhealbhan den aon seorsa, agus aon diubh air muin eich. ’Se an t-armachd a tha iad a giulan claidhean air chumadh duilleig agus sleaghan le cinn dhuilleag. Nis tha fios againn gur ann sna linntean gle fhada air ais a bha armachd den chumadh so air a chleachdadh. Anns an leabhar, “Alba anns na linntean meadhonach,” taobh-duilleag 226, tha e air innseadh dhuinn gu robh muinntir Alba mu na bliadhnachan 600 gu 700a caitheamh falluinnean a dhionnadh dath, gu robh aca carbadan-cogaidh, claidhean, soithichean, —uil air an deanamh de ghlainne bàtaichean leathrach airson nan aimhnichean, agus birlinnean daraich airson na mara.” Chithear o so nach robh iad idir cho aineolach, borb, agus fad air ais aig an àm sos a bu mhath le iomadh neach a dheanamh mach.

Ann am Manachainn àraidh an Nurenbergs a Ghearmailt tha leabhar, sgriobhta san t-seann Ghaidhlig, anns am beil dealbh ceann-feadhna Gàidhealach a bha beò mun a bhliadhna 800. Tha e so air eideadh leis an fheile-bheag agus chithear dathan a bhreacangorm agus uaine.

Nuair a phill Mànus Righ nan Lochlunnach othurus cogaidh gu na h-eileanan an iar anns a bhliadhna 1093 bha e fein agus a luchd-leanmhuinn air an comhdach le aodach nan Gàidheal. ’S ann o so a fhuar e an t-ainm o luchd-duthcha feinMànus an t-AlbannachagusManus cas-rùisgte.”

Air seulan nan Righrean so a leanas than dealbh aca air a tharruing anns an fheileadh direach mar tha e air a chaitheamh an diugh:

Alasdair I. anns a bhliadhna 1107
Daibhidh I. 1124
Calum IV. 1153

An Abaid Phaisli air aon de na ballachan tha dealbh Gàidheal na làn aodachféileadh air a cheangal le crios mu mheadhon, brogan Gaidhealach air a chasan agus bonaid is it air a cheann, direach mar a chi sinn san n diugh. Nis feumaidh e bhi gum beil corr is coig ceud bliadhna o chaidh an dealbh so a ghearradh a mach.

Anns a bhliadhna 1512 sgriobh Ian Major, Sassunnach, mar so. “O mheadhon na sliasaid gu ruig a chos tha an lurgainn ruisgte, tha iad gan comhdach fein le falluinn.”

Am measg chunntasan Ard-ionmhaisear na h-Alba airson na bliadhna 1538 tha aon airson deise Ghàidhealach airson Righ Seumas V. a chosd da phunnd air fhichead, sia tasdan diag agus sia sgillinn ( £22 .16.6) ni a tha sealltuinn gun robh an. Righ fein a cleachdadh an fhéilidhs na laithibh sin.

Dhfhaodainn iomadh sgriobhadair eile ainmeachadh a tha deanamh iomradh air an fhèileadh a bhi air a chaitheadh chan ann a mhàin anns a Ghaidhealtachd ach air iomadh cearn den duthaich ris an abrair a nis a Ghalldachd, achs cinnteach gun dthubhairt mi gu leòr gu dhearbhadh do na h-uile gum be am Féileadh an t-eudach a bhair a chleachdadh le ar sinnsiribh fad iomadh linn, agus neach sam bith aig nach eil meas air airson aobhair sam bith eile dhiarrainn air urram na h-aoise a thoirt da.

Ach faodaidh cuid-eigin fhaighneachd ciamar a thachair e gun do leig na Gàidheil dhiubhbhi cleachdadh deise bha cho freagarrach air an son. Chan eil e duilich a cheisd sin a fhreagairt. An deigh Blàr Chuil-fhodair bha na h-uile meadhon a bha nan comas air a chleachdadh leis a Pharlamaid Shasunnaich gu cridheachan nan Gàidheal a bhriseadh buileach glan, aguss ann le mòr-dhoilgheas a dhfheumas sinn aideachadh gun deach aca air so a dheanamh. Rinn iad achd airson na Gàidheil a dhi-armadh, agus achd eile leis an


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[79]

[Vol . 3. No. 10. p. 7]

robh an Deise Ghàidhealach air a toirmeasg, agus chan fhaodadh gne thartain no suaicheantais eile bhi an cleachdadh leis am bitheadh aon chinneach aithnichte o chinneach eile. ’S e am peanas a bhair a dheanamh air an neach a bhris an achd so, ’bhi air a churs a phriosan fad shia miosan, agus nan robh e air fhaotainn ciontach an dara uair bhitheadh e air fhogradh as an duthaich airson seachd bliadhna. Bha so na chruadal mor do na Gàidheil mar a tha Donnachadh Bàn ag innseadh dhuinn ann anOran nam briogaisean.” So da rann deth:

So tha na briogsa liath-ghlas
Am bliadhna cuir mulaid oirnn
S en rud nach fhacas riamh oirnn,
S nach miann leinn a chunuail oirnn;
S nam bitheamaid uile dileas
Don righ bha toirt cuireadh dhuinn,
Chan fhaicte sinn gu dilinn
A striochadh don chulaidh so.

S on chuir sinn suas na briogsan,
Gur neo-mheasail leinn a chulaidh ud
Gan teannadh mu na h-iosgannan,
Gur triobhlaideach leinn umainn iad;
S bha sinn roimhe misneachail,
S na breacain fo na criosan oirnn.
Ged tha sinn am bitheantas
A nis a cur nan sumag oirnn;

S air leam gur h-olc an duais
Do na daoine chaidh sa chruadal
An cudaichean thoirt uapa
Ge do bhuannaich Diuc Uilleam leo.
Chan fhaod sinn bhi suigearbach,
On chaochail ar culaidh sinn,
Chan aithnich sinn a chéile
La féile no cruinneachaidh.

Bha corr is deich bliadhna fichead mun deach an t-achd graineil so a thoirt air ais agus mar so bhan oigridh gu leir aineolach air an deise Ghaidhealaich, agus bha na seann daoine a chleachd i mun deach an t-achd a thoirt a mach aon chuid ro bhochd nan crannchur gu feillidhean ùra fhaotainn neo bhan spiorad air a bhriseadh air doighs nach robh chridhe aca tionndadh rin seann chleachdaidhean. Ach cha bann dhiubh so a bhan bàrd Donnachadh Bàn. So rann no dhà bhonOran don eideadh Ghaidheaclacha rinn en uair a rainig an naigheachd aoibhneach e mu thoirt air ais an achd:—

Fhuair mi naigheachd as ùr
Tha taitinn ri rùn mo chridh
Gu faigheamaid fasan na dùthch
A chleachd sinn air tùs ar tim.
On tha sinn le glaineachan làn,
A bruidhinn air manran binn
So i deoch-shlainte Mhontrose
A sheasadh a choir so dhuinn.

Chunna min diugh an Duneideann
Comunn na feile cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach an eibhueis dhuinn.
Piob gu loinneil an gleus,
Air soilleireachd reidh an tuim,
Thug sinn am follais ar n-éideadh,
As co a their reubail ruinn?

Chuir sinne suas an deise
Bhios uallach freagarach, dhuinn,
Breacan an fhéile phreasaich,
Is peiteag don eudach ùr;
Cota chadadh nam ball
Am bitheadh a charnaid dlù,
Osan nach ceangail ar ceum.
Snach ruigeadh mar réis an glùn.

Togaidh na Gàidheil an ceann,
Cha bhi iad am fang nis mo,
Dhfhalbh na speirichean teann
Thug orra bhi mall gun lugh;
Siubhlaidh iad fireach nam beann,
A dhiarraidh dhamh seang len
S aotrom theid iad a dhanns
Freagraidh iad srann gach ciùil

Dhearbh mi mata gum be am féileadh an deise a chleachd ar n-athraichean o chionn corr agus mile bliadhna air dhoighs nach eil cothrom aig namhaid sam bith a radh le firinn nach eil ann ach ni ur a chaidh a thoirt a staigh ceud no cheud bliadhna air ais. Agus tha a cheart cho freagarach an diughs a bha e anns na linntibh a dh fhalbh. Co riamh a dhirich gu mullach beinne air a chomhdach leis an fheile-bheag, a dhiarradh brigis a chur air an ath turus a bhitheadh aige ris an ni ceudna a dheanamh; no co a bhair a chleachdadh ri bhreacan a shuaineadh mughunillibh agus a bhoineid ghorm a dhinneadh air a cheann ri am stoirm, nach cuireadh suarach cleocan mora agus adan cruaidhe an lan diugh! Ma bheir na facail so air neach sam bith tionndadh gu caoimhneil ris an fhéileadh theid mi an urras nach gabh e gu brath aithreachas.

CABAR FEIDH.


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha ega chreic saor. Agus than t-ìm cho math leis ris an airgiod.

Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[80]

[Vol . 3. No. 10. p. 8]

Marbhrann.

Do Dhonnachadh Camaron an Antigonish (Dannachadh Shim) a chaochail air sn darna la deug den Cheiteinsa bhliadhna 1861.

FONN:— “Mile marbhaisg ort, a shaoghail.”

Air la ceutach, ciuinsa cheitein,
N uair a beibhinn snuadh gach ni,
S gaithean eifeachdach na greine
Tighnn nan leum le blaths is sith,
Fhuair mi sgeulbu ghoirt ra eisdeachd,
Baobhar dheure anns an tir,—
Gun robh Donnachadhsintair deile,
Aig an eug gu teann fo chis.

Och! a Bhaiss tun righ gun trocair;
Cotha beo nach doir thu bhuainn?
Naoidhein bheaga, thapidh, bhoidheach,
S daoine breoite, sean nach gluais,
Fiurain fhallain, laidir, chròdha,
Agus oighean modhar, suairc’,
Tha thucur gach la a chomhnidh
Fo na foidibh anns an uaigh.

Leag thun drasd le dshaighid chinntich
Oigear siobhalta, gun phrois;
Fleasgach foghainteach cruaidh, calma,
Bu mhath dealbh, ’s bu glaine nòs.
Bha e fiosrach tu i gseach ciallach,
Glic na bhriathribh is na dhoigh,
Ghabh en ceartas mar a riaghailt,
S chleachd en fhialachd mar bu choir.

Dhfhag thu sinn a fhleasgaich thaitnich;
Is air ais cha till gu brath.
Tha thu ann san uaigh an tasgaidh
Ann an glacibh teann a bhais.
Ged bhios ròs gu boidheach, cuachach
Fas a suassa mhaduinn bhlaith,
Roimh mheadhn latha faodidh cuairt-ghaoth
Thoirt an nuas a dh-ionnsidhn lair.

Leag am bas ur ghallan ceutach
Duine beusach, measail, stauam;
A thug fuath do sgleos do dh-eucoir,
S do chainnt bheumnach air cul sluaigh.
Dhaoine bochda, bithibh deurach,
Thug an t-eug deagh charid bhuaibh;
Fear a gheibhteadh baigheil, deirceach,
S cha bann feineil, greannach cruaidh,

Chi mi ghaoth a cur nan sineadh
Dhiasan liontach trom san uair,
S diasan caola, dona criona,
Fas gu direach os an cionn,
S tric tha daoine gasda caochladh
Mun doir aois air falbh an luths,
S daoine crosda, dona faotuinn
Air an t-saoghal moran uin’.

Dhfhalbh thu, dhfhalbh oigeir aluinn
Den dream laidir, chalma, threun;
Camaranichbu doirbhsan araich
Leis na claidhean guineach, geur
Bard an cliu ri am Shir Eoghan,
Ard cheann-feadhna nam mor euchd;
Gam bu tric an naimhdean uaibhreach
Air an ruaig roimh chruas am beum,

Ged bu taitneach leatbhi leubhadh
Mu gach treun a bairde gloir,
Bho do bhilibh binnchan eisd sinn
Tuilleadh sgeul mun euchdan mor
Chaoidh chan fhaic sinn thu mar babhist,
Suildbheir, failteach aig do bhor;
Bu ghearr tuinesan tir chraitich s’,
Sgar am bas bhuainn thus tu og.

S truagh an cassa bheil do bhrathair;—
Gun thun lathair! e leis fein!
Chaill do pheathrichean taic laidir.
Fo throm phramh tha iad nad dheigh.
S tric na deoir air suil do mhathar
S goirt gach la a h-aiceid cleibh;
Fhuair i buille chruaidh no dha, ach
S i sos craitiche gu leir.

Ghabh thu cead an nis den t-saoghal
Le chuid fhaoineasan gun stàth;
S theid gach aontha fo na speuribh
Ann ad dheigh an uine ghearr.
Seall, a Shlanighear, an truas oirnn,
Ghlan ar truailleachd bhuainn ad ghradh,
S dean sin deas airson na h-uarach
S an dig cruaidh ghath fuar a bhais.


Oran Gaoil.

Thoir soraidh bhuam a null air chuairt
Gu bean an sguat-fhuilt reidh;
As guirme suils as buidhe cul;—
Thashnnadh air dhreach nan teud,
Cul faineach, cas, nan iomad cleachd
Mar dhealradh teachd on ghrein,
Ochoin, mo chreach! ’Se dhfhag mi lag
Thu bhi bhuam fadan cein.

Geds iomadh crois air mile troidh
De phaipeir sgriobhaidh ban,
Cho liutha lot tha ann am chorp,’
Ri osnaich ghoirt gach la,
Gach sealladh suairctha thutoirt bhuait,
Bha buannachd dhuit mo ghraidh;
S e gaol do phoig a rinn neo leon,
S a dhfhag gun treoir min drast.

Suil chaoimhneil, chaoin, fo mhala chaoil,
S itarruing gaoils gach ait,
Do dheud mar chailc, do ghruaidh lan mais,’
Gach tlachd tha ort a fas,
Do chas o dghlun bu ro-mhath luths
S tudol air urlar ard
N trathchluinneadh tu na tendain ciuil,
S grad dhuisgeadh tu o phramh.

Thug mise luaidhs cha bann am shuain
Do gheug nan cuachan tlath;
Gum bi thu teachd gum inntinn tric
Is mi gun fhios dem fath,
Ma than so cuis a mhaireas buan
Gur h-e is duais dhomhm bas.—
O thig gun eis le ochomhradh reidh,
Is cuir amchre gach cradh.


CRUITHNEACHD. —Air an fhoghar so bha seachd muillein tunna de chruithneachd air a thogail anns na h-Innsean. Tha tri cheud ceithir fichead us deich muillein buiseal anns na Stàitean, ’s leth-cheud muilleinsa tri ann an Canada. Bha dùil ri bàrr breagha cruithneachd ann an Sasuinn cuideachd, ach toiseach Ogust thainig uisge mor agus stoirm, agus mhilleadh gu tur e. Ach nithear suas an call sin le pailteas an t-sil anns na dùthchannan eile. Cha chùran nach bi biadh pailt agus saor air a bhliadhna tha romhainn.


CumMinard ’s Liniment ’san tigh.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phrìs as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 10
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 10. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page