[Vol . 3. No. 11. p. 1]
Mac-Talla
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 15, 1894. No. 11
CUMADH AN T-SAOGHAIL.
’N uair a sheasas neach air àite leathann, réidh, no sheallas e mach air a mhuir, saoilidh e nach eil anns an t-saoghal so, air am beil sinn a tigh’nn beò ’sa gluasad, ach àite farsuinn, còmhnard, a’ ruith an ear ’s an iar ’sa tuath ’sa deas, agus ’nan coisicheadh e fada gu leòr gu’n tigheadh e gu oir na talmhainn agus nach b’ urrainn da dol na b’ fhaide. ’Si so a cheud bheachd a bha againn air uile ’n uair bha sinn ’nar pàisdean, agus b’ e ’m beachd ceudna bh’ aig a chinne-daonna air fad anns na ceud linntean. Bha iad a’ meas gu robh a ghrian o latha gu latha ’s o bhliadhna gu bliadhna, a’ toirt seachad a soluis ’sa blàthais a mhàin air son math sliochd Adhaimh, agus cha robh an t-adhar le ’uile reultan ’nan sealladh ach mar sgàile bòidheach air a chrochadh os ceann na talmhainn.
Ach faodaidh sinn a dhearbhadh gu soilleir nach eil an saoghal idir còmhnard, mar a shaoil, agus gur ann tha e cruinn air cumadh ubhaill no orange. Anns an dùthaich a’s còmhnairde cha léir duinn taighean no craobhan na’s fhaid’ air falbh na ceithir no còig de mhìltean. Ma dhireas sinn gu mullach cnuic no gu bàrr tùir, bheir sinn fa-near moran nithean a tigh’nn am fianuis a bha as ar sealladh air an làr. Agus ma dhìreas sinn beinn àrd, chi sinn barrachd bhar a mullaich na chitheamaid bhar aon de na h-àiteachan eile. Mar a’s àirde dhìreas sinn, ’s ann a’s fhaide chi sinn.
A rithist: na ’n rachadh tu ’s seasamh air an tráigh aig bonn creige, ’s gu’n tugadh tu fa-near siùil-àrda soithich eadar an cuan ’san t-adhar. ’Na ’n dìreadh tu a chreag chitheadh tu cha’n e mhàin na siùl, ach an soitheach air fad, agus dhearcadh tu, ma dh’ fhaoite, siùil eile na b’fhior fhaid air falbh, ’s nach faiceadh tu idir o’n tràigh gu h-iosal. ’N an seasadh tu treis ùine air a chreig, ag amharc air na soithichean, chitheadh tu an fheadhainn a b’ fhaid’ air falbh dhiubh ’s nach deanadh tu ach gann am fiaicinn an toiseach, a fàs na bu mhò. Chitheadh tu an toiseach barraibh nan crann ’s nan seòl, an sin na siùil, ’s mu dheireadh an soitheach gu h-iomlan. Theireadh tu gu’n do sheòl iad a nios thairis air oir an t-saoghail. Air an laimh eile bheir thu fa-near soithichean a bha faisg ort an toiseach, a seòladh air falbh, ’s mar a b’ fhaide rachadh iad uat ’s ann bu mhò rachadh iad as do shealladh, gus mu dheireadh nach faiceadh tu mir dhiubh.
’N uair bheir thu fa-near na nithean so uile, tuigidh tu nach urrainn an saoghal a bhi còmhnard, oir na’m b’ ann mar sin a bhitheadh, cha rachadh na soithichean as àn t-sealladh mar a ni iad. ’S ann tha ’n saoghal ’na chorp mor cruinn, agus ’nuair tha sinne gluasad air ’uachdar, tha sinn mar gu’m biodh cuileagan a coiseachd air poncan, no air cnap cruinn sam bith. Cha’n fhaic iad ach astar goirid uapa do bhrigh cruinnead an ni air a bheil iad.
Mar thuilleadh dearbhaidh air gur h-e so cumadh an t-saoghail, ma dh’ fhalbhas neach á àite sam bith ’s gu’n lean e air adhart air an aona clùrsa thig e air a cheann mu dheirradh a mach aig an dearbh àit o’n d’fhalbh e. Na falbhadh fear-turuis à Sasuinn no à Alba ’s gu’n cumadh e aghaidh a ghnàth ris an àirde n iar, mus stadadh e, ruigeadh e Sasuinn no Alba a rithist. Chaidh so a dheanamh uair us uair; agus fhuair an luchd turuis am fearann ’san cuan anns gach ceàrna mar chithear anns an dùthaich so féin, ag aomadh uap’ air gach taobh, nithean a tighinn ’n am fradhrac no dol as am fianuis mar a bhiodh iad a tighinn faisg orra no dol fada uapa.
Bidh e car doirbh le cuid a chreidsinn gur corp cruinn an saoghal, a thaobh gu bheil ann an iomadh àite am fearann gle bhristeach agus neo-chómhnard, làn de bheanntaidh àrda ’s de ghlinn dhomhainn. Ach cha’n eil an neo-chòmhnardachd sin a deanamh atharrachadh sam bith air cruinnead an t-saoghail. Amhairc air ubhall no air orange agus chi thu an rùsg làn de chnapan beaga meanbha nach modba na pluc prìona; ach cha’n eil iad idir a cumail na h-ubhail no na h-orange o bhi cruinn. Air a cheart dòigh tha ’n saoghal cho mor ’s nach eil na beanntan a’s àirde air uachar ach mar chaapan beaga. Tha an saoghal anabarrach mor; na’n rachadh aig soitheach air seòladh air cùrsa direach ceithir-thimchioll air, bheireadh i àireamh mhiosan air an turus. Neo na’n b’urraiun an carbad iaruinn ruith air an astar cheudna, ’se dheanamh da fhichead mile ’s an uair, bheireadh e mios a ruigheachd an àit o’n d’ fhalbh e.
Chaidh aig na reuladairean air an talamh a thomhas, agus fhuair iad nach eil e uile gu léir cruinn, ach gu bheil e beagan na’s tiugha air aon rathad na tha e air rathad eile. Ri thomhas troimhe eadar an da cheann, ’se sin eadar an ceann a tuath ’s an ceann a deas, tha ann beagan a bharrachd air seachd mile ochd ceud ’s ceithir fichead mile ’sa naoi deug (7899); agus ri thomhas air an rathad eile, troimh ’n àite ’s an tiugha e, tha ann seachd mile naoi ceud ’s còig mile fichead (7925). Ri dhol ceithir thimchioll air an t-saoghal dh’ fheumamaid astar ceithir mile fichead, ’s naoi ceud sa dha (24.902) de mhìltean a dheanamh. Coisich deich no dusan mile lath’ -eigln, agus feuch ri dheanamh mach an uair sin de’n ùine bheireadh tu air a dhol ceithir-thimchioll an t-saoghail. A. B.
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
[Vol . 3. No. 11. p. 2]
DONNCHA CAIMBEUL.
BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.
II.
(Air a leantuinn.)
Dh’ fhuirich e mois do ’dha ann an aite d’ am b’ ainm Dewar, far an robh, na’m b’fhior an sgeul, tannasg piobaire a’ tathaich; chaidh am piobaire a chur gu bas moran bhliadhnachan roimh an am ud, agus air mhodh eigin a dh’ fhuirich riamh ’n a dhiomhaireachd; agus b’ ainmig oidhche anns a’ bhliadhna nach robh am piobaire air a chluinntinn no air ’fhaicinn le cuideigin timchioll an tighe. Bha a leaba aig Donncha ann an oisinn de ’n bhathigh, agus bha e air a sharuchadh gu h-eagalach leis a’ phiobaire. Bhiodh e ’g a chluinntinn gu tric a’ sgriobadh am measg nan taobhan agus nan sailean, agus air uairbh a’ ròcail mar gu ’m biodh neach a’ tilgeadh na h-analach, no mar mhart ’g a tachdadh anns an nasg; ach fa dheireadh, air oidhche araid chunnaic e am piobaire ri a thaobh, ni a chuir a leithid de uamhas air a’s gu’m b’ eigin dha an t-aite ’fhagail, an deigh dha ’bhi re ioma latha ann an tinneas fiabhrusach. Bheir sinn an sguel so ann am briathraibh Dhonncha fhein, mar ’bu tric a bha e air ’aithris leis:
“Air feasgar araid, air dhomh a bhi ag iomain cruidh gu mullach Willenslee, thuit an oidhche orm mu ’n d’ fhuair mi air m’ ais. Bha mi a’ smaointeachadh ’s a’ smaointeachadh cho cruaidh-chridheach ’s a bha e, am piobaire bochd a mharbhadh—a theanga ’ghearradh a mach as a bheul, agus a throimh-lotadh o’n taobh-chuil. Smaointich mi nach b’ iongantgch ged a ghabhadh a thannasg gu ro dhona e. Ann am priobadh na sul, thug mi fainear solus air thoiseach orm. Shaoil mi gu’n robh an t-slatag a bha ’n am laimh ri theine, agus thilg mi air falbh i, ach chunnaic mi an solus, a’ snamh gu h-athaiseach seachad air mo chois dheis agus a’ dearrsadh air mo chulthaobh. Cha robh dad de eagal orm, agus thionndaidh mi mu’n cuairt a shealltuinn air an t-solus, agus ciod a chunnaic mi ach am piobaire ’n a sheasamh lamh rium air mo chulthaobh, agus air dhomh tionndadh mu’n cuairt, sheall e direach ’n am aodann. Bha e coltach ri corp marbh; ach cha d’ fhuair mi ach plathadh dheth; oir ann in tiota dh’fhas gach ni mu ’n cuairt dhomh cho dorcha ri slochd! Dh’ fheuch mi ri ruth, ach thuit mi ’n am ghlag air an lar, luidh mi sios ann an seorsa de dhùiseal, cha ’n fhios cia cho fada ’s a bha mi ’n am shineadh; ach ’n uair a thainig mi thugam fein, dh’eirich mi agus dh’ fheuch mi ri ruith, ach cha tugainn da cheum gun bhi ’n am shineadh a rithist. Cha robh mi ceud slat o’n tigh, agus tha mi lan chinnteach gun d’ fhuair mi corr agus ceud leagadh mu’n d’ rainig mi e. Air an la ar-n a’ mhàireach bha mi ann an ard fhiabhrus; rinn na searbhantan leaba air mo shon ann an oisinn de ’n Chidsin, far an robh mi’n am luidhe re mhoran laithean, a’ fulang gach oidhche fo eagal agus fo uamhas, a’ sior shaoilsinn gu ’n robh an piobaire a’ cromadh tharam air an aon taobh no air an taobh eile. Cho luath agus a fhuair mi comus gluasaid dh’ fhag mi Dewar; ach fada na dheigh sud, cha b’ urrarnn dhomh codal am aonar ’s an oidhche, no fuireach ro fhada leam fhein eadhon re an latha.”
III.
Bha beachdan saobh-chreideach air an deargadh air inntinn Dhonnchai leis a’ choinneamh mhi-fhortanach a bh’ aige ri tannasg a’ phiobaire dheth nach d’ fhuair e cuibhte (a reir coslais) am fad ’s bu bheo e; ni a tha ’nochdadh an curam agus an fhaicill a bu choir a bhi air an cleachdadh ann a bhi a’ toirt cumachd do mhaoth-bheachdan inntinn na h-oigridh. Is e teisteas Ciobair Ettrick mu Dhonncha, nach b’ aithne dha riamh neach air an robh uiread do eagal roimh bhocain anns an dorcha. Bha a leithid de bhuaidh aig na faoin-bheachdan ud air ’fhaireachduinnean agus air a bhreithneachadh, agus nach bu chomasach dha am fuadach air falbh eadhoin le solus a reusain agus a thuigse. Cho luath agus a chiaradh am feasgar, bhiodh e an comhnuidh a’ sealltuinn a mach airson nan creutairean diomhair ud aig nach robh bith an taobh a mach d’ a mhac-meamna fein, le suil eudmhoir amharusaich air gach tom agus preas, air eagal gu’m faodadh iad a bhi ri feall-fholach ’n am measg, ullamh gu leum a mach ’n a dhail ann an tiota. Na’n coinnicheadh e ri neach anns an dorcha, no na’n cluinneadh e fuaim obann air bith, bu leoir e gu a chainnt a thoirt uaithe car uine.
Air dha Dewar fhagail, bha e car greis air seabhaideachd bho aite gu aite. Bu choltach gu’n do choisinn e cairdeas agus comhfhulangas an t-sluaigh air sgath ’oige, a mhaise, a chrannchur aimbeartach, faondrach, agus an gradh a bh’ aige d’ a chompanach dileas, Oscar; oir mar bu bhitheanta, bha furan agus caoimhneas air an nochdadh dha anns gach aite air an tugadh e ’aghaidh. Bha cuimhne aige air ainm ’athar agus ’aite comhnuidh; ach mar nach cuala an sluagh air an robh e a tathaich ionradh riamh air aon seach aon dhiu, cha robh a’ bheag de shuim aca do ’n chuis.
Dh’ fhuirch e faisg air da bhliadhna ann an aite d’ an goirte Cowhaur, gus an d’ thug creutair suarach a bu chompanach leapa dha, droch laimhseachadh dha, air dhoihh cur a mach air a cheile. Aan an spiorad feirge agus dioghaltais, dhirich Donncha a dh’ ionnsuidh an lobhta, ghearr e ad, brogan agus cota sabaid a chompanaich ’n an stiallan, agus dh’ fhag e an t-aite mu ’n d’ thainig an oidhche.
Bha e air allaban car uine ’n a dheigh sud feadh nan tuathanach timchioll na Tweed agus na Yarrow; ach thainig an caithe-beatha ud gu bhi anabarrach neo-thaitneach dha. Cha b’ urrainn dha cadal leis fein, agus cha bu toigh leis na seirbhisich, mar ’bu bhitheanta, balach fuadain le ’chu a ghabhail mar choimhleabach.
Air feasgar fliuch, mu dheireadh an fhogharaidh, thainig Donncha gu tigh m’ athar; cha robh a’ bheag de aodach uime ach seann chota dubh a rinneadh do nach eigin a b’ airde na esan, agus a bha ruigheachd gu ’shailtean; bha ’fhalt riobagach, caisreagach, agus air ’fhailceadh leis na siontan; ach bha ’aodan urail, eireachdail, agus a’ taisbeanadh comharraidhean soilleir air fallaineachd cuirp, agus air cridhe faireachail agus toinisgeil. Bha Oscar ach beag cho mhor ris fein, agus air dath an t-sionnaich, le stiall gheal ’n a aodann, agus cearcal geal mu’ amhaich—cha ’n fhaca mi riamh cu-chaorach eile a b’ eireachdala. Thalaidh mo chridhe ri Donncha a’ cheud sealladh a fhuair mi dheth, agus ghuil mi le aoibhneas ’n uair a chunnaic mi an caoimhneas a nochd mo pharantan dha. Ghabh mo mhathair a leithid de thlachd dheth, agus gu’n robh a’ chuid bu mho d’ a h-uine air a toirt suas car laithean ann an conaltradh ris. Bha mise gu bunailteach ’n an cuideachd
[Vol . 3. No. 11. p. 3]
ag eisdeachd le ioghnadh ri eachdraidh gach allabain troimh an deachaidh e. Cha b’ fhada gus an robh mo pharantan cho uigheil uime agus ged a bu mhac dhoibh fhein e. Sgeadaich iad e le deise ur do dhrogaid ghorm, agus cheannaich iad dha boineid bheag Ghaidhealach, anns an robh e a’ sealltuinn cho ionghradhach, agus nach bu tamh no fois dhoibh e uamsa, gus an d’ fhuair iad dhomh leth-bhreac boineid Dhonnchai. Bha gach ni a theireadh no a dheanadh e, a reir mo bheachdsa, ’n an eiseimpleir dhomh; oir ghradhaich mi e mar mo bheatha fein. Air ’iarrtas, dh’ aslaich agus fhuair mi cead cadal leis, agus b’ ioma latha agus oidhche sholasach a chuir mi seachad le Donncha agus le Oscar.
Cho fad ’s is cuimhne leam, cha b’ aithne dhuinn uireasbhuidh do sheorsa air bith; bhiodh ar sonas iomlan, mur bhith na bha do eagal oirnn roi na spioraid. Na ’n tachradh dhuinn toiseachadh air seanachas mu Phiobaire Dhewar, mu Mhaighdean Phlora, no mu Mharsanta-siubhail muillinn Thirlestane bu tric a luidh sinn le ar cinn fo’n aodach gus am bitheamaid an impis a bhi tachdte. Bu toigh leinn na sithichean agus na glaistigean; bha sinn rud-eigin baigheil ris na maighdeanan-mara, air sgath an aillidheachd fein, agus binneas an cuid oran; ach bha sinn rud-eigin amharusach mu na h-eich-uisge, agus cha bu toigh leinn dol ro dhluth air na puill eagalach anns an robh iad a’ tuineachadh. Bha fuath cridhe againn do ’n diabhul, ged nach robh mor eagal oirnn roimhe; ach tannasg! Oh! uamhas nan namhasan! Bha fuaim bocain, tannaisg no spioraid, mar bheum cluig leirsgrios ’n ar cluasan, agus a’ dol troimh ar cridheachan mar shaighdean fuar a’ bhais. Bha Donncha a’ buachailleachd spreidh m’ athar re an t-samhraidh; bha mise gu bunailteach ’n a chuideachd—cha b’ urrainn sinn fuireach dealaichte bho cheile. Dh’ fhas sinn cho ealanta air iasgach ’s nach rachadh na bric bhallach as oirnn a dh’ aindeoin am furachrais agus an seoltachd. Bu tric a chuir sinn seisdeadh ri aiteachan comhnuidh nan seileinean fiadhaich, agus a spuinn sinn iad dheth an ionmhasan millis, ged nach b’ ann gun fhios c’ arson. Bha na sgeapan cho lionmhor air feadh nan ailein agus gu ’m faighte iad fo gach spagh fheoir agus anns gach tuilmein. Na ’n tachradh dhuinn ionnsuidh a thoirt air sgeap anns am biodh lan-reisimeid, cha b’ ainmig a b’ eiginn dhuinn an ruaig a ghabhail gun chomharradh buaidhe no cobhartach. Bu tric le Oscar a bhi ’g ar cuideachadh anns gach iorghuill de’n t-seorsa ud, agus mur tuiteadh d’ a naimhdean dol an sas ’n a tharr no fo ’earbull, b’ esan am fear mu dheireadh de ’n triuir a ghabhadh an teicheadh. Cha chuimhne leam gu ’m faca mi riamh sealladh eile a b’ abhachdaiche na bhi faicinn Oscair air a chuairteachadh le neul dumhail de sheilleinean fiadhaich, agus e a’ cuibhleadh mu ’n cuairt, a tiolpadh thall ’s a bhos, agus a’ sior-chrathadh a chluasan.
Bha aig Oscar tomhas do gheire thoinisgeil a bha ach beag dochreidsinn; mar sheirbhiseach dileas, bha ’mhisneach agus a shuairceas eiseimpleireach eadhoin do chreutair reusanta. Da uair, thiorc e beatha Dhonnchai; aon uair, bho ionnsuidh a thug tarbh guinideach air, agus uair eile a thuit e thar eich bho chulthaobh m’ athar ann am meadhon aibhne, agus i ’n a lan thuil. Shnamh Oscar a null air thoiseach orra. cha bu luaithe a thuit Donncha, na a leum Oscar a mach as a dheigh; air a’ cheud sathadh rug e air boineid Dhonnchai, ach dhealaich a cheann rithe, ghrad-leig e as i, agus air an ath ionnsuidh fhuair e greim air coileir a chota agus shlaod e gu traigh e. Dhuisgeadh e Donncha gach maduinn aig an sm shuidhichte; thilleadh e an crodh gun ordugh, gun ughdarras, na ’m faiceadh e iad a’ dol cearr. Na ’n tuiteadh an sgian á laimh Donnchai, ghiulaineadh Oscar ’n a bheul i. Na ’n cuirte air falbh e an toir air ni air bith a rachadh air chall, dh’ fhaodte bhi cinnteach nach tilleadh e gun ’fhaotainn. Aig sia bliadhna deug a dh-aois, an deigh dha bhi a dha no tri laithean gu tinn, bhasaich e air oidhche araid fo leaba ’mhaighistir. Mu fheasgar, ’n uair a thainig Donncha a stigh bho an treabhadh, thainig e mach bho ’ionad-foluich, chrath e ’earbull, dh’ imlich e lamh Dhonnchai, agus chaidh e air ais gu leaba a bhais. Rinn Donncha agus mi fein caoidh air a shon le bron gun cheilg; thiodhlaic sinn e aig bun craobh chaorainn air taobh cuil garaidh m’ athar; chuir sinn suas clach cheithir-chearnach aig a cheann, agus an uair mu dheireadh a bha mi anns an aite, fhuair mi i’n a seasamh, direach mar dh’ fhag sinn i. Le mor shaothair, rinn sinn suas rannan cuimhneachain eadaruinn, a ghearr sinn air a’ chloich. Bha an ranntachd gle mhath, ach bha a’ chlach cruaidh agus an grabhaladh cho eu-domhain, agus gu ’m hheil na litrichean, cosmhuil ri solasan ar-n oige air an dubhadh a mach agus air dol as an t-sealladh.
(Ri leantuinn.)
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 3. No. 11. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh d’an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney, Cape Breton
SIDNI, SEPTEMBER 15, 1894.
THA tri cuideachdan ceannachd air an cur ’s an lagh ann am Montreal aig riaghladh Canada air son a bhi ri mealltaireachd air na taighean cuspuinn a thaobh bathair a bha iad a faotainn, ’s air an robh cìs ri phàigheadh. Tha air fhàgail orra so gu robh iad a cleith fiach a bhathair, agus mar sin an còir o luchd na cuspuinn. Tha ’n riaghladh ag agairt ceud mile dollar agus ma théid a chùis an aghaidh nan ceannaichean, feumaidh iad sin a phàigheadh, agus faodar am peanasachadh gu trom a bharrachd air sin.
THA’N cogadh eadar China us Japan a’ dol air adhart, ach cha’n eil a bheag tuilleadh ri rádh da thaobh. A réir coltais cha’n eil iad ach ag ullachadh air son cogaidh. Tha iad a’ cur blàr beag an dràsda ’sa rithist, ach mar a’s trice, cha’n eil call mor no buinig mhor air taobh seach taobh. Bha ceann-bhaile Chorea roimhe so aig na Chinich, ach thug na Japanich uap e o chionn ghoirid le fior beagan sabaid, ’s tha e aca fhathast. Tha e air aithris gu bheil muinntir Japan air son séisd a chur ri Pikin, ceann bhaile China, agus gu bheil eagal gu leòr air Iompaire ’s air riaghladh China gu’n toir iad an ionnsuidh.
So rud a thainig d’ar n-ionnsuidh á Mira, ge b’e co-thuigeas e. “Oiche Shathurna chunnacas duine á tir nam braoilleagan, ’s fideag aige a toirt caismeachd do dhaoine ma’s ruitheadh e sios iad.”
THA ’n t-uisge anns na h-aimhnichean St. Lawrence agus Ottawa anabarrach iosal aig an àm so, cho iosal ’s nach fheil na h-acarsaidean gu leòr air son soithichean mora dhol thun nan laimhrigean ach a mhain ’n uair tha ’n làn a stigh.
BHA maor de’n ainm Donnacha Mac Rath, à’ glacadh duine aig French River, Ont., an la roimhe, ’s thug bràithrean an fhir a bha e ’glacadh an sàs ann. Anns an t-sabaid a bh’aca, thug fear dhiubh ionnsuidh air daga bh’ aig Mac-Rath a spionadh as a laimh; dh’ fhalbh an urehair ’s chaidh am peilear na cheann, ’ga mharbhadh far an robh e.
Minards Linimentair son Loine.
O’n Amhuinn Mheadhonaich.
Tha buidhnean d ’ar n-òigridh an dràsd a’ dol gu tric dha na fàsaichean air chùl nan Narrows Bheaga agus Margarae, a chruinneachadh nan dearcan-gorma. Tha iad ag radh gu bheil iad cuimseach pailt.
Cha’n eil cion stòraichean òirnn a nis A bhàrr air na bha ri marsantachd ’nar measg roimhe so, tha Mr. Tormoid Domhnullach air stòr ùr a thogail anns am beil e ’cumail gach seòrsa bathair tha feumail bhi ann an stòr air an duthaich. Tha na h-uile earbsa againn gu’n dean e gu math.
Shearmonaich an t-Urr. Eachunn Mac Gilleain, á Acadia Mines, N. S., anns an eaglais againn air an 12 mh la de dh’ Ogust, agus air an 19mh la, shearmonaich an t-Urr. Alasdair C. Mac Gill-fhinnein, agus an t-Urr. Niall C. Mac Gill-fhinnein air an 26mh la. Is bràithrean an dithris mu dheireadh a dh’ ainmich mi, agus bha iad air chuairt a coimhead am màthar, bean Choinnich ’Ic Gill-fhinnein, an t-eildeir. Tha i glé iosal ’na slàinte, agus cha’n eil mor choltas gu’n téid i am feabhas. Cha robh a beatha diomhain ’nuair a thog i an dithis mhac ud a bharrachd air ceathar eile de thiaghlach nach eil a bheag air deireadh orra ann an cliù no ’am buadhan. Bha iad uile aig an tigh air a mhios so.
Chaidh an triùir mhinistearan so a bhreith us àrach air an Amhuinn Mheadhonaieh, agus tha iad, araon an Gàilig ’s am Beurla, ’nan searmonaichean cho pongail, cho comasach, ’s cho dùrachdach ’sa gheibhear ’an àite sam bith.
E—.
THA D. J. Domhnullach an deigh stoc mor flùir fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATH ARUR
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 11. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THUIT deàrsach mhath uisge air Di-màirt. Bha ’n dùthaich glé fheumach air uisge; bha’n talamh air fàs gu math troram.
FHUAIREADH corp duine anns an Acarsaid Bhig am Pictou Di-luain s’a chaidh. Cha n-eil fhios co e, ’s cha mho tha fios ciamar a thainig e gu bhi far an d’ fhuaradh e.
THAINIG dithis dhaoin’ òga, dlùth chompanaich dhà chéile, ri’m beatha féin ’am Montreal an là roimhe, mu’n aon àm. Mharbh fear e féin le urchair; agus bhàth am fear eil’ e féin anns an amhuinn.
BHA ’n Comanachadh ann am Mira air an t-Sàbaid s’a chaidh aig Marion Bridge. Bha cruinneachadh mor sluaigh ann. Bha ’n t-Urr. Mr. Calder air a chuideachadh anns an t-seirbheis leis an Urr. Mr. Forbes, Shidni,
MORAN taing do “Lamh Laidir” air son a bhadain fraoich a chuir e d’ ar n-ionnsuidh ’na litir. ’Se a cheud bhadan fraoich a fhuair sinn riamh, ’s tha sinn ’ga ghleidheadh gu cùramach. Gu ma fada beò “Làmh Làidir.”
CHAIDH tigh ’na theine ann an Kamouraska, ’an Quebec, air an t-seachdain s’a chaidh, agus chaidh ceathrar dhe na bha ’n chòmhnuidh ann a losgadh gu bàs. Thug a ghaoth an teine gu tri taighean eile, ’s chaidh an losgadh gu làr.
CHAIDH dithis iasgairean de’n ainm Lewis agus Dunn a thogail á bàta beag air cladach Newfoundland an la roimhe, an déigh dhaibh a bhi air chall air an t-soitheach anns an robh iad ag iasgach fad shia latha. Cha mhor nach robh iad air toirt suas.
THA sinn fada ’n comain nan càirdean a chuir an t-airgiod air adhart, ’s tha sinn an dòchas gu’n cuir cach air adhart an cuid fhèin an ùine ghoirid. Ged nach e MAC-TALLA ’m paipear a’s mo th’air an t-saoghal, tha cosgais mhor an co-cheangal ri chur am mach.
FHUAIREADH fear Uilleam Connolly marbh ’na leaba ann an Charlottetown, ’sa mhaduinn Di-haoine an 7mh latha. Air dha bhi dol a laidhe an oiche roimhe sin, fuair e eunluch ’san rùm, agus thatar a deanamh mach gu’m b’e ’n clisgeadh a ghabh e a dh’ aobharaich a bhàs.
THAINIG sgùla mor de sgadan gu cladach ann an Clam Harbour, N. S., air a mhios a dh’ fhalbh, ’s chaidh moran dhiubh a ghlacadh. Tha cuid a deanamh dheth gu’m b’ e so an sgùla b’ àbhaist a bha tighinn gu cladaichean Cheap Breatunn, agus nach d’ thàinig air an fhoghar so idir.
THA iasgairean nan ròn an deigh tairgse nan Stàitean a ghabhail, agus bidh an t-suim ( $425 ,000) air a pàigheadh cho luath ’sa shuidheas tigh-pàrlamaid na dùthcha sin. Bha na h-iasgairean an toiseach ag iarraidh seachd ceud mile dollair ( $700 ,000), ach saoilidh sinn gu faod iad a bhi toilichte leis an t-suim a chuireadh ’nan tairgse.
CHAIDH fear Iain Mac Neacail a bhàthadh aig Aspy Bay an la roimhe, Bha e fhéin us dithis eileann am bàta, ’nuair a thàinig oiteag gaoithe a chuir thauis e. Chaidh bàta chuir o thir ’g an cuideachadh, ach mu’n d’ rànaig e, bha esan air dhol fodha. Fhuair an dithis eile cumail air uachdar an uisge, gus an d’ ranaig am bàta.
CHAIDH muillean-chloimhe le MacAoidh & Brine ann an Antigonish a losgadh gu làr maduinn Di-dòmhnaich. Chaidh na h-innealan càrdaidh ’s na h-innealan sniomhaidh a mhilleadh gu tur. B’ fhiach a mhuilleann ’s na bh’ innte mu ochd mile deug dollair, ’s cha robh ach deich mile dollar de dh’ airgiod-urrais oirre.
CHAIDH carragh a chur suas ann an Springhill an la roimhe mar chuimhneachan air na daoine ’chaill am beatha leis an sgiorradh a thachair anos a mhéinn air a cheud latha dhe’n earrach, 1891, sia ficheadh duine ’sa còig. Bha àireamh de dhaoine mora na dùthcha a làthair, agus rinn cuid dhiubh òraidean freagarrach do’n àm. Chosg an carragh $3 .500.
CHAIDH Tearlach E. Robertson, ceannaich bh’ ann an Charlottetown, a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg air Summerside ’sa mhaduinn Dlor-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e feuchainn ri leum air bòrd a charbaid, ’s e air ghluasad, ’s thuit e fodha. Bha a dha chois air am prannadh ’s air an gearradh gu h-eagallach, ’s cha robh e beò ach ùine glé ghoirid. Bha còig mile fichead dollair de dh’airgiod-urrais air a bheatha.
CHAIDH dithis dhaoine mhùchadh gu bàs ann an tobar ann an Newport, R. I., Di-luain s’a chaidh. Bha fear dhiubh air son an tobar a ghlanadh, agus air dha dhol sios ann, thuit e, gun, smid a ràdh, dh’ an uisge. Bha ’n duin’ eile faisg air làimh ’s chaidh e sios g’ a chuideachadh, ach ’s ann a chaidh e féin air an aon dòigh. Cha robh an tobar air fhosghladh, cha’n eil fhios c’uin, agus bha àileadh cho don’ ann ’s gu’m marbhadh e creutair sam bith.
Iadsan a Phaigh.
D. R. Mac Cuaig, Kirk Hill, Ont.
A. Mac Cuaig, do., do.
An t-Urr. Seumas Friseal, St . Andrews, N. S.
Bean Iain ’Ic Gilleain, Eilean Phictou, do.
Iain Peutan, San Francisco, Cala.
F. A. Gemmel, Selkirk , Manitoba.
I. I. Mac Phi, Little Sands, E. P. I.
Calum Mac Ille-ghuirm, do.
Aonghas Buchanan, Marsh Lake, C. B.
Domhnull Mac Amhlaidh, Reserve Mines.
Niall I. Domhnullach, Irish Cove (50c) .
Gilleasbuig Gillios, Gleann-nan-Sgiathanach.
Michail S. Mac Neill, Gleann Bharra.
Murcha Mac Coinnich, Sidni.
Iain M. Mac Fhearghais, Port Morien.
D. F Mac Aidh, Tairbeart, St . Ann’s.
Seumas Mac Neill, Middle Cape.
D. B. Mac Mhaighstir, Creignish .
D. I. Mac Isaic, Edwardsville . (25c) .
F. D. Mac Gill-fhinnein, Vancouver , B. C.
Bidh tuilleadh ainmean anns an ath àireamh.
An S. S. Arcadia,
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
[Vol . 3. No. 11. p. 6]
PAT O’CONNOR.
Chaidh duin’ -uasal, Sasunnach àraidh, air tìr ann an Eirinn, agus chuir e fastadh air gille óg, tapaidh a thachair air d’ am b’ àinm Pat O’Connor, gu bhi ’dol maille ris air feadh na dùthcha. Thòisieh am Maighstir agus esan air comhradh r’a chèile anns na briathraibh a leanas.
MAIGH. —An i do bharail gu’n dean e an t-uisge an diugh, oganaich?
PAT. —Tha mi cìnnteach gu’n dean e an t-uisge uaireign, ach cha’n fhios domh cuin.
MAIGH. —Tha e eu-cosmhuil ri uisge ’san àm, oir tha ’ghrìan a’ sòillseachadh gu h-àillidh.
PAT. —Tha gun teagamh. Gidheadh cha’n ’eil i a’ deanamh ach an ni a’s coir di. Ciod tuilleadh am feum a ta innte?
MAIGH. —Ciod an ùine a bha thu maille ris a’ Mhaighstir a dh’ fhàg thu?
PAL. —Air m’ onair, cha’n urrainn mi innseadh. Chuir mi m’ ùine seachad cho toilichte ’na sheirbhis ’s nach do ghléidh mi cùnntas air. Dh’ fheudainn teachd beò maille ris uile làithean mo bheatha, agus mòran ni b’ fhaide n’an tograinn fein.
MAIGH. —Carson a dh’ fhàg thu e, ma ta?
PAT. —Do bhrigh gu’n do ghabh mo Bhan-mhaighstir ’n a ceann mo chridhe a bhriseadh. Cha tugadh i tàmh dhomh a là no dh’ òidhche ach ’g am chur thàll ’sa bhos, a dheanamh sud ’sa so, air chor ’s nach robh innleachd agam a bhi beò ni b’ fhaide maille rithe.
MAIGH. —An ann mar sin a shàruicheadh thu, ged tha thu ag ràdh gu’n robh thu cho toilichte agus sona?
PAT. —Bha mi cho aoibhneach ’sa bha’n là cho fad.
MAIGH. —Nach robh do Mhaighstir ’n a dhuine ro uaibhreach àrd ìnntinneach?
PAT.— ’ ’Se bha. An duine is uabhraiche ’san rioghachd air fad, oir cha deanadh e gniomh suarach, salach, ged a gheibheadh e dha fein an cruinne-cé mu’n iadh a’ ghrian.
MAIGH. —Ciod a’s aois duit a nis, mo ghille tapaidh? Cia lìon bliadhna tha thu?
PAT. —Tha mi dìreach ’san aon aois ri Morgan Finnigan. Rugadh sinn ’san aon là, agus air duinn a bhi seachduin a dh’ aois, tha cùimhne agam gu’n do bhaisteadh cuideachd sinn leis an aon uisge.
MAIGH. —Gu’n teagamh is maith do chùimhe, oganaich; ach iunis domh, ma ta, ciod a’s aois do Mhorgan Finnigan?
PAT. —Cha’n urrainn mi ìnnseadh, agus a réir mo bharail, cha’n ’eil e a’n comas do Mhorgan fein a’ cheisd sin a fhreagairt.
MAIGH. —An ann a’m Baile-cliath, ma ta a rugadh tu?
PAT. —Cha’n ann idir. Dh’ fheudainn a bhi air mo bhreith anns a’ bhaile sin n’an tograinn fein, ach b’ fhearr leam an dùthaich; agus ma bhios mi beò gus am faigh mi bàs, agus ma bhios deagh ghiùlan agam, bheir mi an aire gu’n adhlaicear mi ’san sgìreachd far an d’ rugadh mi.
MAIGH—Ro cheart, ro cheart, —tha mi ’faicinn gur tapaidh an diùlnach thu, agus gur ainneamh do leithid; ach innis domh an dean thu sgrìobhadh?
PAT—Sgrìobhadh! Is mise a ni, agus ni mi gu h-ealant’ e, —ceart co luath ’sa ruitheas am miol-chù an déigh an fhéidh air an raointibh.
MAIGH. —Ach a nis innis domh ciod an seòl cumanta air an téid neach air thuras troimh an dùthaich bhòidheach so?
PAT. —Ma ta, a’ Mhaighstir choir, tha ’chùis dìreach mar so, —ma théid thu air muir, feumaidh tu ’dol air luing sheòlaidh no air toit-long; ma théid thu air tìr feumaidh tu dol air carbad, no air muin eich; ach mar ròghnaich thu aon dhiubh sin, cha’n ’eil ann duit ach na casan a ghabhail, agus coiseachadh mar a’s feaar a dh’ fheudas tu, gus an ruig thu ceann do shlighe, biodh i fad no goirid.
MAIGH. —An deachaidh thu fein riamh astar mòr air do chosaibh?
PAT. —Is mi neach deachaidh. Cha do choisìch mi riamh a mach air tri no ceithir cheud mìle a null tarsuing air an rioghachd; ach rinn mo chomhaois Morgan Finnigan Eirinn a choiseachd o cheann gu ceann, gun bhròg air a chois, gun bhonaid air a cheann, agus gun snàthainn eudaich air a dhrùim, ach beagan luideagan reubta, salach, a bha ’gabhail beannachd le aon a’ chéile.
MAIGH. —Mo thruaighe! Mórgan bochd, cha robh sin idir furasd da, ach ciamar a chaidh aige air?
PAT. —Chaidh gu ro mhath, oir cha
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 3. No. 11. p. 7]
robh dith bìdh, no dibhe, no leapach air, an uair a bha teanga ’n a cheann, agus taighean, agus tobraichean ann an tìr na h-Eirinn. —Mar cuir mi fadal ort, a Mhaighst chòir, dh’innsinn sgeul beag dhuit mu Mhorgan.
(Ri leantuinn.)
Gaidheil Ghlinn Garraidh.
Tha paipearan a tha tigh’nn d’ ar n-ionnsuidh á Gleann-Garraidh, ag innse mu chruinneachadh mòr a bh’ aig Gàidheil Loch-iall air Di-màirt an 4 mh. la dhe’n mhios, mar chuimhneachan air an aithrìchean a thainig thar cuain ’sa shuidhich ’san sgireachd a cheud bliadhna ’n t-samhraidh so. Cha bu lugha na mìle de shliochd nan daoine còire sin a chruinnich air an lath’ ud gu Eaglais Challuim Chille aig Kirk Hill (Cnoc na h-Eaglais); agus chuir iad seachad latha toilichte maille ri chéile a’ còmhradh mu bheatha ’s mu chliu nan daoine o’n d’ thàinig iad agus ag éisdeachd ri óraidean fhileanta mu na deuchrinnean agus na cruaidh-chàsan troimh ’n deach iad an àm a bhi deanamh dhachaidhean dhaibh féin ’sa “Choille Ghruamaich;” agus a’ gabhail baachd air an liuthad atharrachadh a thainig air an t-saoghal, agus air cleachdaidhean agus dòigh oibreachaidh an t-sluagh seach mar bha iad ri linn an aithrichean. Bha aca air an làraich moran de dh’ uidheaman agus de nithean eile, a bha glé chumanta am measg dhaoine ceud bliadhna roimhe so, ach nach eil an diugh, moran dhiubh, air an cleachdadh idir. Bha tri bràthan ann leis am biodhte bleith a choirce ’s an eòrna mu’n d’ thainig muillein gu bhi cho pailt ’sa tha iad an diugh. Buinidh té dhiubh do dh’ Aonghas Mac Cuaig, Cnoc na h-Eaglais, agus tha beul-arthris ag radh gu robh i ann an campa Mhorair Shiport ’nuair bha e dion ’oighreachd o ’naimhdein. Bha ann cuideachd da sheann mhusgaid, aon còrr us ceud bliadhna dh’ aois, ’s te eile rinn a cuid fhéin gus an ruaig a chur air armailt Bhonipart ann am blàr Waterloo. A bharr air moran de nithean eile eadar còig fichead us naoi fichead bliadhna dh’ aois; paidhir speuclair a rinneadh le gobhainn, coinnlear iaruinn, bocsa snaoisein, spàinean adhairc, sochd crainn-treabhaidh, cas chrom, cuigeal, cuidheal-shniomh, spliùchdan, &c . &c . ’S ann aig da uair feasgar a thòisich na h-òraidean, agus bha iad uile toirt cliù air beatha agus saothair nan laoch a rinn dùthaich thorach, shaoibhir de thir a fhuair iad na fàsaich choilltich, agus ag earallachadh air an cloinn an cothroman féin a bhuileachadh cho math ’sa rinn iadsan, agus mar sin leantuinn gu dluth ri cliù an sinnsre. Bha òraid bhreagha Ghàilig air a toirt leis an lighiche, A. R. Domhnullach, á Orillia, agus thug i toilinntinn mhor do’n t-sluagh. Bha òraid Ghàilig eile ri bhi air a toirt leis an Urr. Dr. Mac Nis, ach cha b’ urrainn da bhi làthair, ni a bha na chall do’n chruinneachadh, oir tha e na àrd sgoileir Gàilig, agus cha b’ urrainn a sheanchas ach a bhi taitneach do choithional Gàidhealach mar bha ’n sud. Bha Iain Mathanach, piobaire Réiseamaid Ghàidhealaich Mhontreal, air an làraich fad an latha agus a toirt cuairt air a phiob-mhoir an dràsda ’sa rithist, a cur aiteas us blàthachadh-cridhe air na h-uile leis na seann phuirt Ghàidhealach air an cluich air an t-seann dòigh. Air an fheasgar bha co-sheirm chiùil aca, agus mar sin thug iad gu co-dhùnadh latha air am bi cuimhne ann an siorramachd Ghlinn-Garraidh, agus gu h-àraid ann an sgìreachd Loch iall, fad iomadh latha ’s bliadhna.
Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.
Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.
Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.
BAIS.
Aig a Phòn Mhòr, air an treas latha deug a dh’ Ogust, Steaphain Mac Dhughaill, duine air an robh meas agus deagh chliù, 55 bliadhna dh’ aois. Dh’ fhag e bean us dithis chloinne.
Aig Amhuinn Shidni, air an ochdamh latha de September, Anna, bean ionmhuinn Erneist A. Alnutt, Boston, Mass.
AigBrook Village,air an t-seachdamh latha de September, le tinneas a chridhe, Anna Nic Fhionghain, bantrach Chailein Shiosail, 65 bliadhna dh’ aois.
Aig Loch Ainslie, air an darra latha de September, Iain Mac Gilleain, (eildear), 77 bliadhna dh’aois.
Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment
IarrMinards Liniments na gabh ach e.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 11. p. 8]
Iorram.
DO DH’ IAIN GARBH, TRIATH CHOLA.
’Righ! nach eireadh i tuath,
’Si ’bhi siobhalta buan,
Is gu ’n togadh ar n-uaislean breid rith’!
Righ nach eireadh &c .
A Righ fheartich nan dul,
Cum an soirbheas sin ciuin,
Chum ’s gu’n gabhadh mo run na dheidh e.
Ceann mo thaighe gu ceart,
’M fear a’s urranta smachd,
Criosd gad’ choimhead ’s gach feachd san deid thu.
B’e do chleachdadh bho thus,
A bhi dileas do ’n chrun;
S gun ’bhi foilleil an cuis fo ’n ghrein so.
Ceist mo chridhe an t-ainm
Leis ’n do bhaisteadh Iain Garbh;
Is og a rinn mi leat leanabas deideig.
Mac na lanaine ceart
’Dheonich Dia ’san aon ghlaic;—
’S fhuair iad dioladh gu math da reir sin.
Tha mi tamull gun suain
Agus m’ aigne fo ghruaim;
Och, tha ionndrichinn bhuam a’s leir dhomh.
Gur h-e ogha mhic Eoin
’Bha o nighean Mhic-Leoid
S mac na deadh-mhna o’n Mhorthir m’eudail
Gun robh freagradh ad cheann
Agus deaspud neo-gham
’N Gaidhlig, Laideann, am Fraingis, ’s Beurla.
Gu’n robh susbin ad chorp
Agus uaisle gun spot
Fhir a dheanadh air cnocibh reiteach.
Craobh de ’n iubhar a b’ fhearr
Bu mhath luthadh ri sas,
As a choille a b’ airde geugan.
Ceist mo chridhe-sa ’n geard
Bha mu d’ thimchioll ’san ait,
B’ ann do dh’ abhall do ghàrídh fein e.
’S caisteal tubaisteach ’bh’ ann
Mu ’n robh chaismeachd bha searbh:
Righ. bu shoilleir ar call mu dheibhinn.
Mo chreach an tainisteir og
Leis an rachadh tu ’d dheoin
Bhi gad fhaicinn gun deo ’nad chreubhaig.
’S mairg do ’n uachdaran òg
’Bhi gad fhaicinn fo, leon;
Ged a thuit thu, bu chonspull cheud thu.
Tha chinnidh fo sprochd
Bho ’n la chaidhidh do lot;
’S ann ’tha ’n diobhalas goiat fo d’ leine.
Rinneadh an t-oran so do dh-Iain Garbh, an 9 mh Mac-Gilleain a bha air Cola. Bha e dol do ’n Ard-thaigh-foghluim an Duneideann. Chaidh urchir a losgadh air tional graisge a bha air an t-straid gu sgapadh a chur annta. Ged nach rooh Iain Garbh nam measg chaidh a mharbhadh le spealg de ’n t-slige chaidh a thilgeadh. Cha robh e ach ochd bliadhna deug dh’ aois. ’Se nighean do dh’ Iain Dubh Muideartach a bu mhathair da. Ged tha ’n t-oran sean cha deach a chlo-bhualadh riamh gus a so.
Thug mi ’n Oidhche ’n raoir ’san Airidh.
LEIS A’ PHIOBAIRE MAC-GILLEBHRATH.
Mile marbhphaisg air an t-suiridh,
’S bochd le neach da ’n deid i iomrall;
Bithidh inntinn fo lan iomgain,
’Gluasad cho simplidh ri meirleach.
Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’san airidh,
Thug mi ’n oidhche ’n raoir ’san airidh,
Thug mi ’n oidhche ’n raoir gu caoimhneil
Mar-ri maighdeanan na h-airidh.
Oidhche dhomh ’s mi ’m bun na tire,
’S mi goirid o bheagan nionag,
Smaointich mi gluasad os ’n iosal
’Nochdadh mo bhriodail le gradh dhaibh.
’N uair ’ranic mi taigh an dunain,
Bha chomhl’ ac’ air a deagh dhunadh,
’S a dh-aindeoin m’ eolais ’s mo thuir
Gu ’n d’ thoisich na goid chuil ri ranaich.
Labhair mo chompanach runach,
Dean stad ’s feuchaidh sinn cleas ur dh’ i;
Faigh thusa boiseag de ’n bhurn,
’S gu ’n cum sinn na ludagain samhach.
Fhuair sinn a staigh gun dad uamhain,
’S bha sinn farasda ’n ar gluasad;
Ranic sinn leaba nan gruagach,
’S chuir mi-fhin le stuaim mo lamh orr’.
Thuirt i ruim na dig na’s fhaide,
’S leanabh te eil’ ann am achlais;
Chan fheil rum agad fo ’n phlaide,
’S bi tilleadh dhachaidh mar thanic.
Thuirt mise, na bi cho doich’llach,
Fuirich gu siobhalta, socrach,
Dad de mhi-mhodh dhuit chan nochd mi
Gus ’n cirich thu moch am maireach.
Thuirt i, ma ta, thig fo ’n aodach,
Bheir mise ’n nochd mo leith-taobh dhuit
Air eagal ’s gun dean thu m’ aoireadh
’S chan ann airson gaol do mhanrain.
Mun d’ fhuair mi mi-fhin gu socrach,
Ciod a rinn am paisd ach mosgladh,
’S ’n uair a ghrios mi e bhi tosdach
’S ann theann e ’s droch-uair air ranaich.
Thuirt bean an taighe le dearras,
A chlann a chum mi ’am chaithris,
Air leam gum feumadh sibh anail,
Gur siubhlach ur teang’ le Gaidhlig.
Chuir a brithran mi o thapadh,
Eadar seorsa naire ’s gealtachd,
’S cha robh druchd a bha troimh m’ chraiceann
Nach cuireadh cnag air an lar dheth.
Dh’ eirich i ionnn ’sa bhi ruisgte,
’S theann i ri lasadh a’ chruisgein;—
Mun d’ fhosgail i ceart a suilean
Bha mis’ air taobh cuil na fardaich.
Ach fhir a tha fuireach ’sa bhaile,
Giulain mo shoraidh gu Anna,
’S innis dh’ i gun d’ rinneadh ealaidh
Do ’n luchd-faire ’bh’ air an airidh,
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phrìs a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.
title | Issue 11 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 11. %p |
parent text | Volume 3 |