[89]

[Vol . 3. No. 12. p. 1]

Mac-Talla

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 22, 1894 No. 12.


Mu Bhreugaibh.

An ti a ni olc pillidh e air a cheann féin, agus esan a thréigeas an fhirinn, cha toir neach air bith creideas da. Bha ena chleachd aig òganach a bhag ionaltradh treudathar samhachair bhig éigheach gu h-àrd gun robh madadh alluidh am measg nan caorach. Bha e deanamh so air son spòrs da fèin, agusnuair a chruinnicheadh na seirbhisich le cabhaig ga chòmhnadh, dheanadh e fanoid orra do bhrìgh gun chreid iad e. Air àraidh thachair e gun dthàinig madadh-alluidh, agus gun dthug e ionnsuidh air na caoraich; ach ge do ghlaodh an t-òganach gu àrd air son cobhair, agus ge do ruith e dhachaidh dhionnsuidhathar agus a bhràthar, cha dthug aon diubh creideas da. Air an aobhar sin fhuair am madadh-alluidh a chead caor a mharbhadh, agus caor eile a ghiulan air falbh as an treud.

Thachair e thuille air sin, ’nuair a bha an t-òganach aruith air ais a dhionnsuidh nan caorach gun do thuit e, agus gun do bhris e a chos. Ghlaodh e ris gach neach a bha gabhail an rathaid cabhair a deanamh air ach cha dthug aon neach creideas da, do bhrìgh gun robh ena chleachd aig bhi mealladh sluaigh air son spòrs dha féin, agus air an aobhar sin sheachainn iad an t-àite san robh ena luidhe, Chunnaic agus mhothaich e nis an t-olc a thug e air féin ledhroch sheòl; agus an uair a bha e ann an cràdh mòr, agus agul gu goirt, thug e bòid nach cluinneadh neach tuille e alabhairt bhreug.

Aig tràth feasgair, ’nuair nach robh e teachd dhachaidh leis an treud, chaidhathair a mach dhfhaicinn ciod a thachair dha, agus fhuair se ena luidhe aig bun cnoic, agus a chos briste. Dhaidich an t-òganach gun robh e ro-dhuilich air son a sheòlanna seachranach, agus gheall e, nan tugadhathair maitheanas da an uair so, nach tigeadh breug tuille a mach á bheul.


Litir a Providence.

FHIR MO CHIDHE: —Tha micur an dollar so ad ionnsuidh, ’s gu dearbh cha be luach a MHIC-TALLA phrìseil am paipear beag, leibideach, Geancach so. Bu choir dhomh bhi air a chur thugaibh o chionn còrr us da mhios, achs fhearr seann fhiachan na seann ghamhlas. Cha be cion toile no cion dhollair a dhfhàg cho fad air deireadh mi, ach cion ùine; ’s mar sin tha dòchas agam gun gabh sibh mo leisgeul.

Bfhearr leam gun cuireadh fear-eigin der luchd-sgriobhaidh thugaibh an rann ris an abradh na seann daoine, “Aireamh Fhear Dhubhan.” Tha e coltach gun deach e air chall. Bha e agam uair-eigin, ach tha e air dol air diochuimhnormna dhòigh cheart; ach so cuid de na facail.—

Ceathrar fhear Féinne air thùs,
Len coig laoich dhubhanan deigh;
Dithis mhac Chuthail nan nuadh,
S fear o Dhubhan dreachmhor;
Triùir o Fhionn is àille dreach,
S fear o Dhubhan tiùrr a mach;
Dithis dhubhmu Dhubhan Dill,
S aon fhear Fionn am fochair sin.
Cha suidh Fionn,” arsa Brubhan,
Gun dithis dhubhair a laimh chearr,
S gun dithis eile chuideachd Fhìnn o Shelma;
Dithis o Fhionns fear o Dhubhan.”

Chaidh na rainn so a dheanamh le nighean Dhubhain, agus be so an t-aobhar: Ghabh i gaol air Fionn, ’s gheall Fionn a pòsadh nam faìgheadh i dòìgh air a h-athairsa cheithir ghaisgich dheug a chur gu bàs. Rinn i fleadhs thug i cuireadh a dhFhionns do cheithir deug deghaisgich, ’s bha gach fear air an tigeadh naoidh (9) ri chur gu bàs. Leis an rann so chuir inan suidhe aig a bhòrd iad air dhòighs gum bann air a h-athairs air a chuid dhaoine a thuit an crann, ’s bha iad air an cur gu bàs. Ach cha do phòs Fionn i fhathast, ’s tha eagal orm nach pòs.

A. MAC AOIDH.


Baddeck.

Tha càirdean na Gàilig a cur rompa Sgoil-Sheinn Gailig fhosgladh toiseach an ath mhios, agus bu toigh leotha gun biodh an càirdean ag ullachadh air a son. Tha toradh na sgoilebhacan uiridh ri fhaicinn gu soilleir. Tha sianar sheinneadairean Gàilig a togail fonn nan salms an eaglais far nach bàbhaist a bhi ach aon no dithis. Agus fear dhiubh so, cha robh aige ach fior bheagan Gàilig mun àm son uiridh, ’s cha leughadh e facal.

Tha Acarsaid Bhaddeck làn de rionnach. Tha mar an ceudna trosg ann. Rug fear de ar n-iasgairean air trosg a thomhaiseadh eadar da fhichead us leth-cheud punnd.

Chaidh dithis Fhrangach us mathan aca troimhn bhaile an la roimhe. Bha moran dhen t-sluagh nach creideadh gum bu mhathan am beathach idir, ach thug e a stigh moran airgid dha mhaighstir. Tha moran de dhoigridh a bhaile glé dhéighail air bhi dannsa, agus fhuair iad cothrom an ruidhlùr ionnsachadh an la ud.
N. D.


Than t-Urr A. Mac Gilleain Sinclair an deigh leabhar ùr a chur a mach; leabhar Beurla dan ainm, The Peoples and Languages of the World,anns a bheil e toirt cùnntas ath-ghearr air uilfhineachan na talmhainn, agus air gach gné chànain a tha iad a labhairt. Tha an leabhar loma-lan fiosrachaidh, aguss math is fhiach e aphris. Tha sinn an dòchas gu faighear deagh reic dha. Gheibhear e ri cheannach ann an oifiig a MAC-TALLA. Aphris, $1 .00.


S fhada bho nach dfhuair sinn naidheachdan no litir á Eilean a Phrionnsa. Gu de tha cearr air ar càirdean? An e gun do theirig na naidheachdan dhaibh non ann a theirig an cuid Gáilig?


CumMinard ’s Liniment ’san tigh.



[90]

[Vol . 3. No. 12. p. 2]

DONNCHA CAIMBEUL.

BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.

IV.

(Air a leantuinn.)

Bu tric a chuala mi mo mhàthair, le solus dealasach acur an ceil mar bha deagh bhuadhan inntinn Dhonnchai, agus soilleireachd a bhreithneachaidh air an taisbeanadh dhi fein agus do mathair air tus, ged is eigin dhomh feinaideachadh nach robh maire air a glacadh leis na buadhan ud, a dhaindeoin gach ard-mheas a bhagam air. Bhe en a chleachdadh bunailteach aig mathair a bhi acumail aoraidh anns an teaghlach gach feasgar; ag iocadh taing don Uile-chumhachdach airsona chaoimhneis dhoibh re an latha, agus ag asluchadh a dhion thairis orra troi fhairibh dorcha, tosdach na h-oidhche. Cha ruig mileasinnseadh do m luchd-leughaidh, gun robh an dleasdanas ionmholta ud acosheasadh ann a bhi aseinn earranan de shalm, anns an robh guth gach sean as og air an togail suas ann an comhsheirm le guth mathar. An deigh sin, leughadh e caibibeil den Bhiobul, adol direach troimhe gu deireadh nan Sgriobturan. Bha aoradh gach oidhche air a chriochnachadh, le urnuigh, anns an robh sgrios an Ana-Criosd airasluchadh le dian dhurachd; ministeirean an t-soisgeil air an cuimhneachadh, agus anns nach robh caraid no coimhearsnach a dhfhaodadh a bhi ann an cruaidhchas, air a dhearmad.

Ann an cumantas, bha e air a cheadachadh do na seirbhisich dol a luidhe gun a bhi a lathair aig an aoradh, nam be sin a bu roghnaiche leo; ach cha rachadh Donncha air achd sam bith da leabaidh as eugais na h-urnuigh, eadhoin ged a bhiodh e fliuch agus sgith, agus ged a bhiodh mo pharantang a ghreasad da leabaidh air eagal gun glachdte e le fuachd. Cha robh e riamh ro dhuilich mise a chur a luidhe mun am ud. Bu tric a theireadh mo mhathair gun robh mi gle bhuailteach do ghoirteas eigin mu mchridhe aig an am ud den oidhche, leis an robh mi air meigneachadh mo leaba a thoirt orm mun toisicheadh an t-aoradh.

Is e is docha, gum be sud a dh aobharaich maineolas air gluasad-inntinn Dhonnchai fo eisdeachd an aoraidh. Le millseachd chomharraichte, sheinneadh e ard-phairtean fuinn aosda na h-eaglais, oir bha a ghuth binn, fonnmhòr, ceileireach; agus re na h-uine a bhiodh mathair aleughadh achaibidil, nam bann an earrann air bith de leabhraichean eachdraidheil an Sgriobtuir a bhitheadh e, leigeadh e a thaice air a bhord agus shealladh en a aodann, aslugadh gach focail le gionachd dhein agus dhurachdaich. Air oidhche araidh, air do mathair a bhi aleughadh achuigeamh caibidil thar da fhichead de Ghenesis, ghuil e cho goirt as gun do chur e stad air an leughadh, agus air do mathairfheoraich ciod a chuir a leithid de bhuaireas air? thuirt Donncha ris, nach burraim einnseadh.

Uair eile, air do mathairn a chursa leughaidh tighinn gus an naoitheamh caibideil deug de Leabhar nam Breitheamhnan uair a thoisich e air a leughadh, bha Donnchan a shuidhe air taobh eile an tighe, ach mun drainig e meadhon achaibidil dhealaidh e suas dluth da uilinn. “Beachdaichibh air, gabhaibh comhairle agus labhraibh,” arsa mathair, agus dhuin e an leabhar. “Air adhart, mas e ur toil e,” arsa Donncha, “air adhart, agus cluinnemid ciod a thubhairt iad muthimchioll.” Sheall mathair le gruaim air Donncha, ach air dhafhaicinn gun do ghabh e naire airson neo-iomchuidheachd a ghiulain gun aon fhocal a radh, dhfhosgail e am Biobul, agus leugh e an fhicheadamh caibideil, fada ged a bha e. Air an latha-ar-na-mhaireach bha Donncha adol mun cuairt leis aBhiobul foachlais, ag iarraidh air gach neach a choinnicheadh e, a leughadh dha thairis agus thairis a ris. Bha mo pharantan air an gluasad leis an tuiteamas ud gu comh-labhairt dhurachdaich eatorra fein mu chosdas agus mu thairbhe foghluim; agus mar thoradh air a chomh-labhairt ud, air an ath sheachdain chuir iad Donncha agus mi fein do sgoil na sgireachd, far an do thoisich sinn le cheile ri ionnsachadh na cuid sin is toirteile agus is bunabhasaiche den litireachdan A. B. C.; ach bha mo phiuthar, Mairi, a bha ni bu shine na mise, cheanan a ban-leughadair eagnaidh, chuimsich, fhinealta.

Tha so atoirt gu mchuimhne mion-sgeul eile a chuala mi gu minig airaithris mu Dhonncha, agus air am bheil deagh chuimhne agam, air mo chosd fein. Air oidhche araidh a thachar do mathair a bhi air falbh aig faidhir, ’n uair a thainig am an aoraidh, dhiarr mo mhathair air aon da na sgalagan aite mathar a ghabhail ann an ceann an dleasdanais; ach dhiult e a ghabhail os laimh, agus sheap e air falbh da leabaidh. “Mo thruaighe!” arsa mo mhathair, “gur eiginn dhuinn uile dol a chadal an nochd gun urnuigh; cha chuimhne leam cuin a thachair dhuinn a bhi anns an t-suidheachadh cheudna roimhe so.” “Tha mi asaoilsinn,” arsa Donncha, “gum faodumaid achuis a mharasglachadh eadaruinn,” agus ghabh e fein os laimh gun seinneadh e salm, agus gun rachadh e an dail na h-urnuigh, nam be as gun leughadh Mairi an caibideil. Dhaontaich mo mhathair, ann an rathad a bha car teagmhach, ri tairgse Dhonnchai, “Ach,” arsise, “ma ni thu urnuigh mar is fearr is urrainn dhuit, le cridhe treibhdhireach, chaneil teagamh nach faigh thu eisdeachd cho pailt agus ged a bhiodh diarrtasan air an cur ann am briathran ordail, fileanta.” Cha robh Donncha aig an am ud comasach air abheag a leughadh, ach air dha cuid de na sailm a thogail air a chuimhe, le Mairi a bhi gu tricg an leughadh dha, dhaithris agus sheinn e an treasamh salm thar an fhichead o cheann gu ceann, gu rianail, binn. Leugh Mairi caibideil dan Tiomnadh Nuadh; lub sinne ar gluinean lamh rithe, agus thoisich Donncha ris an urnuigh mar a leanas:— “O Thighearna, bi thusan ad Dhia dhuinn, ’n ad fhear stiuraidh, agusn ad dhion dhuinn gu am ar bais, agus troimhn bhas” —briathran a babhaist do mathair a bhi ag aithris gu tricn a urnuighean. Rinn Donncha greim orra; agus thoisich mo mhathair ri smauainteachadh nach robh Donnchan a choigreach do chleachdadh na na h-urnuigh:— “O Thighearna, is tusa” —ars’ ’esan, ach stad e gun dol ni bfhaide; mhair an tosdachd ud car mionaid nodha, gus an do bhrist mise a mach le glag-ghaire. Dheirich Donncha le cabhaig, agus le ceann crom: thug e a chasan as gu a leabaidh acaoineadh agus asuathadh a bhasan. Cha do stad mise den ghaireachdaich gus an do leag mo mhathair strac air mo dhruim leis achlobha. Mar sin, thainig ar n-aoradh air an oidhche ud gu crich mhi-shealbhaich. Lean mise air sail



[91]

[Vol . 3. No. 12. p. 3]

Dhonnchai; acaoineadh nibu ghoirte na esan, achg a smadadh airsonurnuigh gun sta, as leth an dfhuair mise a leithid de smachdachadh, agus a reir mo bheachd fein, gu neo-chiontach.

Mun dfhag sinn an sgoil, gu bhi abuachailleachd achruidh air an ath shamhradh, rachadh againn air aBhiobul a leughadh gu gle mhath lecheile. Ach bha Donncha moran ni bu turaile na bha mise; agus bha e cho toigheach air leughadh eachdraidhean aBhiobuil, as nach robh caitheamh-aimsir eile a bu taitniche leinn na bhig a shior leughadh. Bu tric a shuidh Mairi, esan agus mise, fon aon bhreacan, ri taobh an arbhair, aleughadh caibidil mu seach re iomadh uair de gach latha mun am ud, agul thairis air laigsinnean agus tuislidhean dhaoine diadhaidh, agus fo iongantas mu chumhachd eugsamhuil ghaisgeach nan seann linnteann. Cha robh duine riamh air a lionadh le solas ni bu mho na bha Donnchan uair a thainig e gu eachdraidh Shamsoin, Dhaibhidh agus Gholiah. Cha burrainn ebhi riaraichte gus an do leugh e iad do gach neach a baithne dha asaoilsinn gun robh iad cho ur agus cho annasach do mhuinntir eiles a bha iad dha fein, Bu tric a chunnaic mi en a sheasamh lamh ris na caileann uair a bhiodh iad ableodhan achruidh, agus e aleughadh dhoibh mu eachdraidh Shamsoin, agus asarachadh gach fear agus bean a bhs anns achoimhearsnachd lechuid leughaidh. Air laithean na Sabaid, babhaist do mpharantan a bhi adol a mach leinn air feadh nan raointean, agus agabhail pairt anns achaitheamhaimsir thaitneach ud

(Ri leantuinn.)


Naidheachdan Cheap Noir.

FHIR MO CHRIDHE; —Tha sibh ag iarraidh naidheachdan as gach cearnan t-saoghals am bheil am MAC-TALLA dol. ’S e so aon de na cearnaibh sin, ach tha tomhas de nàire orm nacheil tuilleadh chàirdean aige s an àite so na shaolar a bhi ann. Feudidh e bhi gur e cion eòlais air a tha fàgail cuid anns an t-suidheachdadh thruaigh sin. Tha mi creidsinn gu bheil àireamhn ar measg nach cuala uireads gu bheil am MAC-TALLA ann. Saoilidh mi nacheil teaghlachs am biodh esan a taghal fad bliadhna anns nach faigheadh e càirdean nach tréigeadh e fhads bu bheò iad.

Tha mi fhéinga fhaotinn o fhuair e bith, ’s ged nacheil aige ach aois a leanabais fhathasds math an coltas a thair, —coltas fallain, coltas gum tig e gu meudachd leis am faod sinn uile bhi làn-rianaichte. Rachamaid uile ann an guaillibh a chéile, mata, ’s seallamaid don t-saoghal gun téid againn, air a chuid as lugha, air aon phaipear Gàilig a chumail suas.

Thug an litir aigCeann Liathanns an àireamh mu dheireadh, gaire air iomadh neach. Nach e cuid de na Gàidheil a tha fàs Galldan uair thig iad ann an ùine cho goirid gu bhi ag radh gu bheilNo Gaelicacasan. Tha e moran nis usadh dhoibhsan sin a ràdha na tha a dhuinnechreidsinn.

Tha morann ar measg féin a shaolamaid a tha air a Ghàilig a chall gu buileach, se sin nan tugamaid breth a réir an cleachdaidh. Fàgaidh iad an tigh-aoraidh cho luathsa than t-seirbheas Bheurla thairis, mar nach biodh smid Gàilign an cinn. Chan ioghnadh ged thug ar ceann-iùl greis air labhairtn a chùbaid an an aghaidh a chleachdidh sin, ’s air moladh na Gailig; a dearbhadh gur i cainnt is fearr na cainnt nan Gall. Chan e cion Gailig a tha tighinn ris an t-seòrsud ann an co-thional sam bith, ach cion cail do nithibh spioradail. Dhfhalbh am ministeir againn a dhionnsuidh a Chladaich a Tuath air an t-seachduinn sa chaidh, a chuideachadh an Urr. I. Friseal aig a chomanachadh. Bidh sùil againn ris air ais an ath sheachduinn, ’se sin mur éirich tubaist dha a thaobh an droch rathaid eadar so agus Ingonish.

S neònach nacheil na buill pharlamaid againn a sealtuinn ris an rathad san idir. Chuir buill siorramachd Inbhirnis còig ceud dolar air an rathad eadar so agus am Bagh Taitneach(Pleasant Bay)an uiridh, ’s tha uiread eile ri bhi air a chosg ris am bliadhna. Sealladh na buill a roghnuich sinne gun teid aca féin air deanamh a cheart cho math riutha-san latha sam bith.

Tha e air aithris gun tugadh moran deoch-làidir a stigh gu folachidh dan àite so am bliadhna a rithisd. Ged nacheil e ceaduichte dhuinn a bhi fuathachadh luchd-reic na deocha gidheadh is duine gun diù aig nach biodh fuath don chleachdadh sgriosach a tha iad a leantuinn.

Tha e sgriobhte gur an-aoibhinn dhàsan a tha toirt air a choimhearsnach ol, a tha cur ris a chopain, agusga chur air mhisg mar an ceudna, &c . ’S eagalach a ni ri smuaineachadh, gu bheil, a reir a MHAC-TALLA agus paipearan eil da-fhichead mile pearsa a basachadham Breatuinn gach bliadhna leis a mhisg, agus uiread eile sin a call am beatha le goirt, sgiorraidhean, agus tinneasan a tha air an aobharachadh leis an òl. Tha iad sin uile a sgnos an cuirp agus an anmaibh fein. ’S uamhasach an cùnntas a bhios aig misgearan agus aig luch-deanamh mhisgeasan ri thoirt seachads cha bhi sinne nacheiln ar misgearan, idir saor bho chionta mur dean sinn ar dichioll a chum a mhalairt mhalluichte so a chur gu làr gu buileach.

M. D.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige o ch mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scoir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[92]

[Vol . 3. No. 12. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, SEPTEMBER 22, 1894.

CHAN eil an ùine ro fhada o bha eagal air moran gu robh Breatunnsan Fhraing gu dhol a mach air a chéile mu chriochan an cuid fearainn ann an Africa. Chan eil fhios ciamar a chuir iad a chùis air dòigh, ach tha e coltach gun drinn iad réiteach de sheòrs’ -eigin, oir cha chualas an còrr uime. Tha nise gnothuch eile acur dragh orra, agus mar a bha roimhe, chan eil fhios dhionnsuidh a dhfhaodas e tighinn.Than Fhraing, o chionn cheithir bliadhna no còrr ag agairt seòrsa de chòir air Madagascar, eilean mor a thair taobh an ear Africa, ’sa tha fo riaghladh ban-righ agus pàrlamaid de na nàismuich féin, Than Fhraing air son a bhina Dionadair no na h-Ard-Riaghladair air an eilein. Cha do chuir Breatunn no Ghearmailt, no aon eile de dhùthchannan na Roinn-Eòrpa dadna h-aghaidh anns an agartas sin, agus cho fad so bha cùisean adol air adhart math gn leòr, ged nach drinn ban-righ, no pàrlamaid, no sluagh, Mhadagascar ùmhlachd don Fhraing fhathasts ge do dhiùlt iad as us as a bhi fo chuing sam bith dhith. Ach a nis than Fhraing a dol a thoirt ceum eile, agus a dol a cheangal an eilein rithe féin cho daingeanns cho dlùths nach bi aig na nàisinnich ri dad a dheanamh ach a bhi air an riaghladh mar-a chi ise freagarrach, agus tha teachdaire uaipe air an t-slighe le làn-ùghdarras sin a thoirt gu crìch. Tha so an deigh moran monmhuir a dhùsgadh ann am Breatunn, gu sònruichte on tha Ghearmailtacur a h-aonta ris. Tha a criochan fhéinsan amharc aig a Ghearmailt; mar tha gnothuichean air an suidheachadh ann an Africa aig an àm so, ’s ann aig Breatuinn a thadòigh féins na h-uile rud; ach mas es gun dean an Fhaing greim air Madagascar agus nach cuirear dragh sam bith oirre, bidh cumhachd Bhreatuinn, ann an Africa, ann an tomhas mor air a lagachadh, agus an sìn bidh cothrom nas fearr aig a Ghearmailt air deanamh air a son féin anns a chearna sin dhen t-saoghal. Tha Breatunn a tuigsinn so, agus tha asluagh a gabhail na feirge, agus cha bhiodh e idirna ioghnadh ged bhiodh cùisean gu math teth eatorra. Ach chan eile rioghachdan an lathan diugh cho deigheil air a dhol a chogadhsa bha iad anns na làithean a dhfhalbh, agus cha tarruinn iad an claidhmhnein gus an fheudar dhaibh. Tha iad ag ionnsachadh, gach bliadhnatha dol seachad, gur-a buannachdaile call beag fhulang, taobh air thaobh, na dhol a sgrios a chèile le cogadh.

THA càirdean a MHAC-TALLA adol an lionmhoireachd na h-uile seachdain; tha feadhain ùra a sior chur eòlais oirnn, agus tha na seann chàirdean nas càirdeile na bha iad riamh. Tha sinn an dòchas gun lean iad air a bhi mar sin.

THA D. J. Domhnullach an deighs toc mor flùi.r fhaighinn a stigh, ’s tha ega chreic saor. Agus than t-ìm cho math leis ris an airgiod.

GED than aimsir a fas fionnar gu leór, cha do sguir na pic-nics fhathast. Bha cruinneachadh dhen t-seòrsa sin aig na Forks air an t-seachdain sa chaidh, agus te eile aig Coxheath, air an t-seachdain so.

Chaochail duin og dam bainm Iain Domhnullach ann an Santa Cruz an California, o chienn ghoirid, agus dhfhàg ena dhéigh fiach mile dollar no còrr dhen t-saoghal. Thachuid a nis aig na fir-lagha, ’s tha iad ag iarraidh a chàirdean air aon an t-aigiod a roinn orra. Tha iad aon chuid ann an Ceap Bhreatunn no ann an Eilean a Phrionnsa. Be Alasdair ainmathar, agus Ailein ainm a sheanair, ’s thàinig iad a mach as an Eilean Sgiathanach. Tha e air iarraidh air a chàirdean sgriobhadh dhionnsuidh a Chonsuil Bhreatunnach ann an San Francisco.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
S G TORD OE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[93]

[Vol . 3. No. 12. p. 5]

NAIDHEACHDAN

AN deigh so, tha deich sentichean air an dollar de chìs ri bhi air a phàigheadh air gach seòrséisg a chuirear dha na Stàitean.

THATAR ag obair an dràsd air cladhach air son guail air àitIc Gilleain aig Amhuinn Dhennis, ’s tha iad ag ràdh gu bheil deagh choltas air gu faigh iad e.

Tha Sultan na Tuirce an deigh tri cheud punnd Turcach a thoirt air son cuideachadh leothasan a thanan éigin air tàilleabh nan teinntean a bhanns na Stàitean an Iar.

TOISEACH na seachdain so fhuair na sealgairean ccad na cearcan-tomain a mharbhadh, agus bha iad glé shiùbhlach fad na seachdain. Roimhe sin bha e mi-lagbail am marbhadh.

THA Sar Ruisia tinn. Ghabh en grippe gu dona air an earrach sa chaidh, agus cha dfhuair e thairis air ceart fhathast. Chan eil fhios, an deigh a h-uile rud, nach fhaigh e an saoghal fhàgail air dòigh màdurra.

FHUAIREADH seann duine, Padruig Boutillier, marbhna leabaidh, ann an Seann Bhridgeport. ’sa mhaduinn Di-Sathairne sa chaidh. Chaidh e chadal am feasgar roimhe sin, ’sena shlàinte àbhaistich. Dhfhàg e bean us teaghlach.

THAn t-Urr. R. Dòmhnullach, Sagart Hawkesbury a nis air a shuidheachadh ann am paraisde Ferrona, ’am Pictou; agus than t-Urr. A. L. Dòmhnullach, Sagart Lakevale. N. S., air a shuidheachadh ann an Hawkesbury.

THA Morair Abaraidhean an deigh a chuairt dha na mòr-roinnean iosal a thoirt gu crìch, ’s air ais an Ottawa a rithist. An ceann latha no dha tha e falbh air cuairt eile gu Columbia Bhreatunnach air a chuan an Iar.

THA luchd nam méinnean guail abruidhinn air innleachd eigin a dheanamh air an acarsaid so a chumail fosgailte a cheud chuid dhen gheamhradh, chums gu faigh iad a bhi cur a mach guail mios no sia seachdninean nas anmoiche nas àbhaist.

CHAIDH fear Deòrsa Wharton a bhàthadh ann an acarsaid Louisburg aon oiche air an t-seachdain sa chaidh, le tuiteam á bàta beag anns an robh e féin us triùir eile. Fhuair iad sin snàmh gu tìr. Bhuinneadh iad uile do shoitheach-iasgaich Geancach.

THA fear Niall Moireastan ann an St. John. N. B., an deigh fios fhaotainn mu dhìleab a thair tighinn air. Chaochail bràthair-màthar dha, Uilleam Mac Aoidh, ann an Kimberlyan Africa Deas, agus dhfhàg e mu dha mhuillein gu deth dollar aige.

AN diugh, than lathas an oidhche dhen aon fhad, uair dheug. Dhéirich a ghrian aig sia uaireansa mhaduinn agus théid i fodha aig sia uairean feasgar. Cha n-eil ach aon la eilesa bhliadhna mum faodar sin a radh, ’se sin a cheud latha fichead dhen Mhàrt.

CHAIDH fear Louis Archmbault a mharbhadh aig St. Charles, Que., maduinn Di-luain le breab a thug each dha mun stamaig. Cha robh e beò ach beagan mhionaidean an deigh a bhreab fhaighinn.

CHAIDH duinòg, Domhnull Moireastan a leònadh gu dona ann am méinn airgid ann an Colorado. Bha eg obair le fùdar. agus spreadh e ma aodunn, ’s chan eil teagamh nach caill e a fhradharc. Buinnidh e don Allt Dhubh air an Eilean Mhor, far a bheil moran de chàirdean a fuireach.

THA e air a ràdh gum bann le coire dhaoine a thòisich na teintean mora a rinn an sgrios uamhasach ann am Minnesotta. Bha àireamh dhaoine agearradh fiodha air àite a bhuineadh don Stàit, agus air son iad fhéin a ghleidheadh o bhi air am brath, chuir iad teine ris a bharraich, agus sgaoil e air gach taobh.

THA tuathanach ann an ceann an Iar Nobha Scotia a tha gle rathadach ann an deanamh airgid. Chuir e mach ribeachan o chionn ghoirid leis an do ghlac e a h-uile catsa choimhearsnachd, agus fhuair e còig dollar am bus orra on riaghladh, air dha thoirt a chreidsinn air luchd-pàighidh an airgid gum bu chait fhiadhaich iad.

CHAIDH gille beag le Eideard Kernan a losgadh gu bàs ann an Eilean a Phrionnsa Di-sathairne sa chaidh. Thugathair a mach e gu pàirce anns an robh ecur teine ri barraich. Dhfhàg se ena shuidhe faisg air fear de na teinteans chaidh e féin taobh eile a ghabhail mu chùl cruidh. Air dha tilleadh fhuair e am fear beags aodach air dholna theine, ’s air a losgadh cho donas nach robh e beò ach beagan mhionaidean.

CHUIR na Sinichs na h-Iapanich blàr mor o chionn ghoirid, agus chaidh an latha gu donan aghaidh nan Sìneach. Chaidh àireamh mhìlltean dhiubh a mharbhadh, mas fior an sgeul, agus chaidh ceithir mìle deug dhiubh a ghiulan air falbh mar phriosanaich. Tha e air a ràdh gun do chaill Sina leis a bhlàr sin an aon bhuidheann dhaoine ris am faodte le ceartas armailt-chogaidh a radh, oir ged tha saighdearan aice cho pailtsa dhiarradh i, chan eil aon chuid airm no ionnsachadh aca mar bu chòir a bhi aig fir-chogaidh, agusnuair théid iad mu choinneamh shaighdearan ionnsaichte, cha seas iad tiota dhaibh. Tha i mar an ceudna glé ghann de dhairgiod, agus tha e gle dhoribh dhi eadhon airgiod-iasaid fhaotuinn, rud a chumas air ais i aig àm sam bith. Chan eil dòigh air an gabhair i anns nach eil an cothrom aig Iapan oirre, ach a mhàin aon dòigh, agusse sin ann an àireamh an t-sluagh. Tha aice na chumadh ri Iapan mo ri dùthaich sam bith eile mile bliadhna. ’S e sin an aon dòigh air a faigh i buaidh air Iapan, ma gheobh i buaidh idir.


Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment

IarrMinards Liniments na gabh ach e.


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidui us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich.


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[94]

[Vol . 3. No. 12. p. 6]

PAT OCONNOR.

MAIGH. —Rach air t-aghaidh, ma ta, agus innis ciod a dhéirich don truaghan bhochd.

PAL. —Bha e an siod ag imeachd gu cruaidh air rathad mòr an rìgh, gus an drug e air duin’ -uasal a bhacoiseachd air thoiseach air. An uair a bha e dìreach aig sàil an duin’ -uasail ghrad thionndaidh e mun cuairt, agus rug e air amhaich air Morgan, agus thubhairt e ann am feirge mhòir ris, “a mhèirlich ghoid thu mo neapaigin-pòca uam. agus cuiridh mi air ball don phriosain thu.” “Ro mhaith, ro mhaith, a dhuin’ -uasail chòir, cha mhòr gur miosa sin na so, ach dean foighidinn beag, agus na bi cho bras, cha do ghoid mise òirleach dheth. Bham fallus adalladh an duin’ -uasail, le bhitarruing Mhorgainna dhéigh, agus stad e tiota beag. Mu dheireadh, thug e an ad aige bhàrr a chinn a thiormachadh an fhalluis. Ach ciod a fhuair esan aid ach an neapaigin-pòca a bha dùil aig a ghoideadh. Ghrad thionndaidh e ri Morgan, agus thubhairt e ris, “Tha mig iarraidh maitheanais ort, a dhuine bhochd, oir dhìt mi thu gu deo-chiontach.” “Cha ruig thu leas maitheanas iarraidh ormsa,” a deir Morgan, “oir ghabh thusa mise mar mheirleach, agus ghabh mise thusa mar dhuin’ -uasal, agus bha sinnnar dithis air ar mealiadh!” Thug an duin’ -uasal le deagh-ghean bonn-crùin da, agus dhealaich iad.

MAIGH. —Is laghach an sgeul sin; a Phat, agus bu tapaidh am ballach Morgann a luideagaibh. Ach innis domh a nis, ciod an t-àm as freagarraiche gu dol air thuras air feadh na duthcha so?

PAT. —Tha gu cìnnteach an t-àm anns am mo am bheil a dhàirgiod aig duinen a sporan.

MAIGH. —Glé cheart, glé cheart, (adeanamh gàire) ach tha dùil agam gum bheil na rathadan morasan dùthaich so glé fhurasd imeachd.

PAT. —Glé fhurasd gun teagamh ma phàighear na cìs-gheataichean a ta co tiugh air an suidheacdh, mar astar ochd mìle o chéile, air gach slighesan rioghochd.

MAIGH. —Dhìnnseadh dhomh gum bheil àireamh mòr agaibh dhen chrodh adhairceachsan tìr so. Am bheil sin ceart?

PAT. —An iad na seilcheagan a ta thu aciallachadh?

MAIGH. —Chan iad, chan iad idir an crodh-dubh tha miciallachadh.

PAT. —An crodh-dubh! Than crodh againn deth gach dath, —dubh, geal, buidhe, bàn, odhar, riabhach, agus deth gach dath rgus dreach eile fon ghréin.

MAIGH. —Ach tha dùil agam gum bheil eg uisge tuilleadh as tric ann an Eirinn.

PAT.— ’Se sin tha ma h-uile neach ag ràdh; ach is comadh co dhiubh, chan fhad gus an tig crìoch air sin, oir gheall an duine maith OConnell gun robh e gu achd Parlamaid a thoirt a staigh air son turaidh agus aimsire bhlàth, agus gheibhanam e. Guidhidh mòran gun teid achùis leis, gu sònraichte luchd buaineadh na mòine agus an fheóir. Guidhidh na h-uile gun tuit mìle beannachd air a cheann.

MAIGH. —Air duibh mòran aibhnichean grinna bhi agaibhsan rioghachd so, shaoilinn gum biodh pailteas, éisg agaibh an còmhnuidh.

PAT. —Pailteas dhen iasg is fearr a fhliuch riamh uisge! A cheud iasg air an talamh ach e fein! Gun teagamh, a Mhaighstir, chan innis mi breug dhuit, ach nam biodh tu aig abhainn Bhoyne gheibheadh tu na bradain agus na bric a nasgaidh; agus nan rachadh tu gu Baileshanaidh, gheibheadh tu iad air moran nis lugha!

MAIGH. —Is leòir sin, ma ta, biomaid a nis afalbh.

SGIATHANACH SA GHAIDHEAL.


THAINIG frasan matha de dhuisge air an t-seachdain so, ’s cha robh duinegearain. Bha talamh gle thioram roimhe sin agus ann an iomadh àite bhà na tobraicheans na h-uillt an innis a bhi tioram. Tha so gu sònruichte fior a thaobh taobh deas an eiiein, ann an siorramachd Richmond, far an robh aig an t-sluagh ann an àiteachan ris an uisge tharruinn astar mile. ’S fada bho nach robhn aimsir cho tioram mun ám so dhen bhliadhna.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[95]

[Vol . 3. No. 12. p. 7]

Litir oSheumas.”

A CHARAID: —Tha MAC-TALLA air dols na tri bliadhna, agus uime sin tha micur air adhart mo dholar air son na bliadhna so. Tha mi toilichte bhi faicinn gu bheil MAC-Talla a toirt dhuinn o àm gu àm sgeulachdan beaga agus cùnntasan ath-ghearr air na làithean a dhfhalhh, air an cur sios le daoine aig a bheil moran bàigh ris na cnoics na glinn a dhfhàg iad. Tha iadsan a chaidh àrachsan duthaich thall a nis air fàs glé ghannnar measg. Agus is cóir do gach neach a dhainmichear air a mhuinntir dhichiollaich so, a thòisich le droch thuaghannan air ionnsachadh leagadh nan craobh, agus a ghearr a mach as a chòille mhoir, dachaidhean dhaibh féins dan cloinn, a bhin comain MHIC-TALLA air son a bhi toirt dhuinn naidheachdan firinneach mar fhuair sinn oBhartimeus” ’s o fhear no dha eile.

Gu bhicur clach air a chàrn, innsidh mi facal air an fhacal, mar thuirt seann duine, Alasdair Mac Asguill, (no mar theirte thall ris, Alasdair Mac Iain Bhainic Calluimic Coinnich riums mi faighneachd dheth càiten) robhCoillen Dùin,” far an dthug Gilleasbuig Aotrom làmh air Mr. Sutor, mar leubh sinnsa MHAC-TALLA. “Coille meòlais!” arsesan, “Coille meòlais, Coillen Dùin! Chan eil cnoc no slochd anns nach do ruith nis cas-ruisgtenam bhalachan. Rugadh ni eadar dha Nollaig, bliadhnr Uaterloo, mu mhìle bho chaisteal Dhun-bheagain. Thòisich mi aig aois cheithir bliadhna air dol dhan sgoil tri mile gu bailen Dùin, gu Mr. Alasdair Allan a mhuiuntir Loch Carrunn. Dhfhàg mi fhéin agus mu thri cheud eile Loch Uige air maduinn Sàbaid ann an Iulaidh 1841, agus air an treas Sàbaid na dheigh sin, chunnaic sinn fearann Cheap Breatunn. Bhan turus air a chunntas gle sgiobalt’ ’san ám ud. Chaidh sinn air tir ann an Sidni. Shuidhich moran aca air cùl Hogamah, ann an Gleann-nan-Sgiathanach. Dhfhàg long eile aig an àm cheudna an t-Eilean Sgiathanachs chaidh i do Eilean à Phrionnsa, far a bheil, tha mi creidsinn, beagan diubh féins moran den clann rim faotainn an druigh.” Is mise do charaide, SEUMAS.
Am Bain Iar, Sept. 17mh.


Iadsan a Phaigh.

Ailein Mac Phiocair, Port Morien.
An t-Urr. I, Friseal, Cladach-a- Tuath.
Niall Moireastan, Hornes ’ Road.
Murchadh Smith, Sidni.
Iain Moireastan, Boulardarie .
An t-Urr. A. Grannd, Loch Ainslie.
Coinneach Mac Rath, S ’y Forks.
R. I. Mac Gillean, St . Peters,
C. Mac-an-Toisich, BeinnIc-an-Tòisich.
Ailein Mac Leoid, International Pier.
Ailein Domhnullach, Salmon River.
An t-Urr. C. Mac Leoid, Ceap Nòr.
An t-Urr. M. A. Mac Coinnich, Gr . River.
Seumas C. Domhnullach, Iona .
D. A. Mac Cuish, Salem Road.
An t-Urr. A. L. Domhnullach, Hawkesbury .
Domhnull Mac Cuish, Milton .
Lachuinn Domhnullach, do.
Domhnull Mac Phàrlain, Coxheath (25c. )
Niall Mac Fhionghain, Grand Mira (25c. )
A. W. Mac Dhùghaill, Xmas Island.
Domhnull Mac Cush, Bridgeport .
Màiri Cheanadach, Alba, C. B.
A. D. Mac Neill. St . Peters.
Domhnull Caimbeul, Beinn nan Cambeulach.
Seumas Calder, Barn Iar.
Alasdair Mac Amhlaidh, New Zealand.
An t-Urr. A. Mac Coinnich, Tomatin, Alba.
Domhnull Mac Gilleain, New York.
Domhnull Dmhnullach, do.
Domhnull Currie, do. (25c.)
F. I. MacNeill, Boston , (50c. )
Aonghas Mac Aoidh, Providence .
Ailein Mac Neachtain, Amhuinn Deas, N. S.
Uilleam A. MacLeoid MacCrimmonP . O. Ont
Seumas Mac Criomain.


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[96]

[Vol . 3. No. 12. p. 8]

Oran Gaoil.

Gur h-i culaidh mo shugraidh
Rinn mo dhiultadhsan uair so,
Si an og-bhean as deise;
Ghabh mi cead moch di-luain di.
Ach nar misde do phiseach
Ged robh mise ann an gruainn rùit.
Bidh mi tamul fo thursa,
Bho na dhiult thu leam gluasad.

Si an lili bhàn, bhoidheach,
An ur-oigh sos fearr buadhan.
S tu ros cuimir a ghàraidh,
Agus aillecur snuaidh ort.
Cul clannachs fearr ordagh.
Fiamh an oir air gach dual dheth.
Aghaidh narach, chiuin, bhanail.
Is caol-mhala gun ghruaman.

Suil ghlan, chorrach, ghorm, mhodhar
Ni na h-oig-fhir a bhuaireadh.
Is glan dfhior-fhuil air lasadh,
Lan de mhaisenad ghruaidhean.
Beul as binne ni manran,
Fiamh a ghaire gach uair ort;
Leam a baìtebhid phogadh
Nabhig ol air fion uaibhreach.

Broilleach min-gheal mar t-shneachd a
Thig o chreachann nam fuar-bheann.
Us corp seang air dheadh-chuma
Dhfhas gu furanach, suairce.
Tha do shlios mar an canach.
No mar ealair na cuaintean;
Calba cruiun nach iarr gartan,
Shiubhladh faiche gu h-uallach.

Strom mo chridhair a ghuin leat.
Chaidh mo chuislean den luaimhneachd.
S lionmhor buaidh agus maise,
A ruidh bras troimh dfhuil uasail.
Dhfhas thu foinnidh deas, finealt,
Soitheamh, siobhalta, suairce,
S truagh nach robh mis tu posda;
Rachadh bron bhuam air fuadach.


Oran Gaoil.

As mo chadal cha bheag mairtneal,
S gun thu agam, ’ghraidh;
N deigh dhomh dfhaicinn ann am leaba
Eadar mo dha laimh.
Sud an aisling bho nach ceart mi,
S thacur as dhomhghnath,
Saighead Chupid tha gu guineach
Annam-sa an sas.

Corp seang fallan mar an Eala
Air bharr tuinnesnamh
Cùl donn, dualach, bachlach, snuadhmhor,
Lom-lan chuach gu bharr.
Deud as gille, beul as binne
Meoir as grinneta.
Ur-shlat shuairc thu nach faigh uam-sa
Cridhe fuar gu brach.

Aghaidh thana fo chaomh-mhala,
Suil ghorm, mheallach, bhlath.
Gruaidh mar dhearcaig air bharr slataig;
Bean as taitnichgnaths.
Mar gheig uir thu lan de dhubhlan
Lubadhdhionnsaidhn lair.—
Thug mi ceist dhuit us cha bheag i,
Oigh nan leadan tlath.


Minards Linimentair son Loine.


CALL MOR AIR MUIR, —Chaidh soitheach smùide dam bainm Mamyong a bharuith eadar da phort anns na h-Innsean an Ear, a chall air an ochdamh latha de dhOgust, le tri fichead duine sa ceithir a bha air bòrd. Chaidh i air sgeir air feasgar an latha roimhe sin agus thàinig soitheach Breatunnach an rathad a thug cuideachadh dhisa thug bhar na sgeire i. Cha robh choltas oirre gu robh milleadh mor sam bith air a dheanamh oirre, agus an deigh a faicinn gu sàbhailte ann an uisge domhain a rithist, dhfhàg an soitheach Breatunnach i. Bha iad ann an fianuis a chéile gu sia uairean feasgar, ach beagan an deigh sin, air don oidhche bhi air dorchadh, chunnacas soluis mar gum biodh an Namyong alosgadh urchraichean. A tuigsinn gu robh ni-eigin cearr, chuir an soitheach Breatunnach mun cuairt, agus sheòl e sia mile deug air ais, ach cha robh sgeul air an t-soitheach eile shios no shuas. Chan eil teagamh nach ann a bha i air a milleadh air a chreig air dhoighs gun dfhàs i eu-dionach co-luathsa chaidh i ri fairge, agus gun deach i fodha cho grads nach robh ùine aig na daoine air fàgail, A bharrachd air a chaipteans còig oifigich, bha ochdnar eile de dhaoine geala air bord, agus leth-cheud de dhaoine buidhe a bhanan seòladairean.

Chaneil ni ann a tha co iongantach ri leabhar, ach duine beo a mhain. Is teachdaireachd dhuinn on bhas e. Is aithris e a chuireadh dar n-ionnsuidh le muinntir nach fhac sinn riamh, le muinntir a bha beo o cheann mhilte bliadhna, agus a bha miltean de mhiltibh astair air falbh. Gidheadh tha iad sin anns na duilleagaibh beaga sin, alabhairt ruinn, ’g ar dusgadh, ’g ar brosnuchadh, gar teagasg, atoirt misnich agus comhfhrtachd dhuinn, agus afosgladh an cridheachan mar ar cairdean as dillse!

BU mhath an gniomh do luchd-gabhail MHIC-TALLA, ’nuair a bhiodh iad acur air adhart an dollair féin, fear-gabhail ùr fhaotainn agus an da dhollar a chursan aon litir. Tha àireamh mhath an deigh sin a dheanamh cheana, ’s tha dòchas againn gun gun dean moran eile e fhathast. Chuir Mr. Uilleam A. Mac Leoid, á Ontario, ainm ùr us dollar gar n-ionnsuidh an la roimhe. ’Sen t-ainm ùr Seumas Mac Criomain; chan eil fhios nach ann de shliochd nam piobairean ainmeil a bha air uair an Dunbheagain a tha e.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 12
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 12. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page