[Vol . 3. No. 13. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 29, 1894. No. 13.
Litir o Chabar-Feidh.
Bha mi glé thoilichte ainm m’ fhear-cinnidh Ian MacCoinnich, Hamilton, fhaicinn am measg na muinntir a tha gabhail MAC-TALLA. Tha barail agam gur e so am fior-Ghaidheal air an do chuir mi beagan eòlais an toiseach na bliadhna 1892 troimh bhi sgriobhadh ann an “Eachdruidh an Taobh Tuath.” Aig an am sin dh’ innis e dhomh gu’n robh Comunn Gaidhlig aca am baile Hamilton, agus co-cheangailte ris a chomunn gu’n robh class airson ionnsachadh na Gàidhlig ach nach robh e furasda dhaibh moran uidhe dheanamh le cion leabhraichean. Thug mi dha ainmean nan leabhraichean a bha sinn a cleachdadh aig a chlass Ghaidhlig an so agus tha mi ’n dochas gu’n deach aca air beagan dhuibh fhaotainn. Bhithinn ro dheònach air cluinntinn a rithisd o “Iain Chanada” (se so an t-ainn a chuir e ri ’litrichean) troimh ’n MHAC-TALLA agus tha mi cinnteach gu’m bitheadh bhur luchd-leughaidh gu lèir toilichte naigheachd fhaighinn uaithe. Bhithinn na choman na’n innseadh e dhuinn ciamar a tha ’n comunn agus an class Gaidhlig a dol air an aghaidh.
Thug mi sgriob a’ dh’ionnsuidh na Gaidhealtachd o chionn beagan sheachdiunnean agus cha n eil mi ’n duil gu’m faca mi an dùthaich riamh a’ coimhead ni’s fhearr. Tha ’m bàrr gle throm air feadh na dùthcha gu léir, agus ma bhitheas am fogharradh fàbharrach cha bhi easbhuidh air duine no ainmhidh fad a gheamhraidh.
Air dhomh a bhi dol troimh Dhuneidean thaghail mi aig bùth-leabhraichean Thormoid Mhic Leòid (air North Bank Street.) Chuir Mr. Mac Leóid fàilté orm gu furanach agus sheall e dhomh moran sheann leabhraichean Gaidhlig. Na’n robh mo sporan cho làn ’s a bha e cho falamh cha robh mi air tighinn air falbh gun làn mo mhàileid dhuibh. Is e fior-Ghaidheal agus deadh sgoilear Gaidhlig a th’ ann a Mr. Mac Leoid agus mar sin cha ’n eil e càll cothrom sam bith air bhi ’cuir ris an àireamh mhor a th’ aige cheana de leabhraichean Gaidhealach.
Fhuair mi eòlas o chionn ghoirid air comunn air nach cuala mi riamh iomradh roimhe. ’Se is ainm da “Na Dlighich” neo ordugh an Naoimh Germain” agus tha buill a chomuinn glè eudmhor mu bhi cumail taice ri Prionnsan a chaill sealbh air rioghachdan an athraichean. Tha iad a’ cur a mach paipeir-naigheachd da’n ainm “an dligheach” agus tha earuinn de’n àireamh mu dheireadh a thàinig a mach air a chlo-bhualadh anns a Ghaidhlig. Tha iad mar an ceudna a craobh-sgaoileadh feadh na dùthcha duilleagan beaga ann an Gàidhlig a tha ’a cur an céill nam firinnean anns am beil iad a creidsinn. Co dhuibh tha sinn de’n aon bheachd ris na “Dlighich” an nithe éile no nach eil tha sinn toilichte bhi ’ga ’m faicinn a toirt a h-àite féin do’n Ghàidhlig. Gu ma fada beò gaeh comunn agus gach duine ’tha deanamh so.
CABAR FEIDH.
Lunnuinn, 12, 9, 94.
Litir a Strathalba.
FHIR MO CHRIDHE: —So agad dollar o Chaitriana ni ’n Chalum, mar theirte rithe na h-òige, —Nighean do Chalum Dòmhnullach am Bearnasdul ’san Eilein Sgiathanach. Dh’ fhag i tir a dùchais maile ri companach, air ùr phósadh anns a bhliadhna 1841 ’s thùinich iad ’an Ceap Breatunn. Tha i sea bliadhna na bantraich. Chaochail a companach, Iain Caimbeul, mac do Iain Ruadh Cléireach á Sgiathabost anns a bhliadhna 1888. Tha i nise dlùth air a cheithir-fichead, ach tha i cho dìreach ri saigheid agus cho gniomhach, a réir a neart, sa bha i na h-òige, ’s tha a cuimhne ’s a h-aithne gun ghaiseadh. Tha i ’leughadh a MHAC-TALLA gach seachduin ’s mar sin a faotuinn ’a mach dé tha dol air adhart anns an t-saoghal cho math ris a mhuinntir tha leughadh nam paipearan gallda. Bha mi thall ga faicinn an uiridh agus ’nuair chunnaic mi toirt làmh air bàrd MAC-TALLA thug i ’m chuimhne mar thuirt am bàrd Mac Gilleain mun chuirteir.—
“Cha ’n ioghnadh òigridh thoirt mòran spéis dha
’Nuair ’tha na seann daoin’ tha ’call an léirsinn
’S an cinn air liathadh cho dian an déigh air,
’S nach dean iad fhaicinn mur cleachd iad speuclair.”
Cha n-eil naidheachd ùr agam duit. ’Smath a naidheachd a bhi gun naidheachd idir. Thug thu fhéin iomradh air a ni mhuladach a thachair anns na h-Eileanan Coille, ach cha robh fios agad gu’m bu mhac an gille a chaidh a mharbhadh do Sheumas A. Mac Ille-Mhaoil a tha ’sgriobhadh cho taitneach thugad as an àite sin. Beagan bhliadhnachan air ais chaidh mac eile le Mr. Mac Ille-Mhaoil a mharbhadh gu h-oban leis a charabad iaruinn ann am Boston. Tha co-fhaireachadh aig càirdean ’s aig luchd-eòlais risan agus ri bhana-chompanach chliùiteach a tha nise as ùr air an ciùrradh le bàs cho muladach.
C. C.
Strathalba, Sept. 19, ’94.
THUG Morair Rosebery, priomh mhinisteir Bhreatuinn, cuairt do’n Ghàidhealtachd air a’ mhios so, agus chuireadh fàilt’ us furan air. Thug muinntir a Chaisteil-Ruaidh, Ionbharnis, us Dhornoch saorsa na’m bailtean dha.
Tha fear de na ceannaichean a’s beairtiche th’ ann an Lunnuinn gun ghuth sgoile; cha leugh ’s cha sgriobh e, ’s tha ’bhean cho fad air ais ris féin. O chionn ghoirid, chaidh ceud mìle punnd ( £100 ,000) a thoirt uaithe le slaoightearachd, ’s cha robh fhios aige gu robh dad cearr. Ged tha e faighinn air adhart gu math gun sgoil, gheibheadh e air adhart na b’ fhearr na’m biodh beagan aige.
[Vol . 3. No. 13. p. 2]
DONNCHA CAIMBEUL.
BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.
V.
(Air a leantuinn.)
Bha laithean agus solasan ar n-oige a’ dol seachad le ’cheile ach bha curaman agus solasan eile a’ feitheamh oirnn. Mar dh’ fhas sinn ann an neart agus an am bliadhnaibh, chuibhtich sinn a’ bhuachailleachd, gu bhi a’ gabhail ar pairt fein ann an saothrachadh an fhearainn, anns am biodh Mairi gu tric ’g ar cuideachadh. Bha i fein agus Donncha ’n an comhaoisean—bha esan ard, eireachdail agus aoidheil; agus ma bha aon nighean eile anns an sgireachd a bu bhoidhche na Mairi, cha b’i sin barail Dhonnchi na mo bhaireil fein. Bu tric leinn a bhi a’ coimeas gach maighdinn a b’ aithne dhuinn ri ’cheile, a thaobh an eireachdais agus am buadhan, ach b’ fhada uainn a ghabhadh e, an te a b’ fhearr dhiu a choimeas idir ri Mairi. Bha i firinneach, simplidh, neo-chiontach agus na’m b’ ainneamh iad a bu mhaisich, bu ro ainneamh iad a bha cho math agus cho taitneach, ionmholta ’n an cliu agus an giulan, ach mar a bha i a’ fas ann a laithean, chite gu’n robh i mar a ceudna a’ fas ni bu toighiche air cuideachd Dhonnchai, agus mu ’n robh i thar naoi bliadhna deug a dh’ aois, thuit i ann a gaoil a thug atharrachadh aithnichte air a giulan, air a spiorad agus air a slainte. Air uairibh, bhiodh i cho sunndach mireagach ri piseig, a’ seinn, a dannsa agus a’ gaireachdaich le aotromas deothasach, neo-mheasarra. Air uairibh eile, bhiodh i tosdach, trom-inntinneach, le cianalas marbhanta ’na gnuis, leis a robh boichead a h-iomhaigh air a meudachadh. Cha bu ghaol gun chomain e; ach chum Donncha ’fhaireachduinnean ’na uchd fein, ged a bha iad gu soilleir air an taisbeanadh anns an t-suairceas chaomhail, chomhfhulangach a bha e a’ nochdtch gu bunailteach d’a taobh. Bha Mairi mar sud air luasgadh le eagal, agus le dochas, aig a robh a leithid de bhuaidh air a h-aignidhean agus air a giulan ’s nach bu chomasach dhi an eucail ioma-ghneitheach a bha a’ reubadh a cridhe simplidh, saor, neo-chealgach a chumail folaichte. Air do chuisean a bhi a’ seasamh anns an t-suidheachadh ud, thainig tuiteamas ’nar caramh, leis an robh ar sonas air a ghrad luasgadh, agus thainig a nis an t-am anns am b’ eiginn gu’m biodh bristeadh air a dheanamh air comunn cho chaoinhneil, cho gaolach agus cho chaidreach ’sa bha riamh a chomhnuidh fo’n aon fhardaich.
Mu ’n am ud cha robh na caoirich mhora leis am bheil a’ Ghaidhealtachd a nis a’ cur thairis, ri ’m faotainn ach ro thearc an tuath na an air Druim-Alba, agus mar sin, bha a’ Ghaidhealtachd ann an tomhas an eiseimeil na Galldachd airson cloimhe gu bhi a’ deanamh aodaich da luchd-aiteachaibh. Fad mios na dha de gach samhradh bhiodh sgaothan de “mhnathan-cloimhe” tuathach, mar theirte riu, a siubhal air feadh n’an gabhalaichean chaorach ’s an taobh deas, a’ malairt sheudan saor, agus faoin-rudan, ann an suaip airson cloimhe; agus b’ ainmig oidhche air nach biodh aon na dha dhiu air chairtealan ann a tigh m’athar. Is ann o dhithis dhiu sud a fhuar Donnacha a mach co e, agus ciod a bha e: gur h-e a bh’ann, aon mhac agus oighre Tighearna Ghlinn-eilich, agus gu’n robh suim mhor air a tairgse do neach air bith leis am faighte mach e. Bha deagh fhortan Dhonnchai gu’n teagamh, ’na thoileachas-inntinn do’m pharantan, ach bha e ro chruaidh leotha dealachadh ris; oir bha e cho uigheil aca ri aon da ’n cloinn fein; agus tha mi creidsinn, o’n cheud latha chunnaic iad e, gus an latha air a d’ thainig na mnathan cloimhe ud ’na rathad, nach do smuaintich iad gu’n dealacheadh iad ris. Air mo shon fein dheth ’se a b’ fhearr leam nach robh na mnathan ud riamh air a breth; oir bha dealachadh ri m’ dheagh chompanach ’na sgaineadh cridhe dhomh. Ach cha robh ar faireachduinnean uile ach mar neoni an coimeas ri faireachduinnean mo pheathar, Mairi. O’n latha a dh’ fhalbh na mnathan cloimhe, cha ’n fhacas fiamh-ghaire air a gnuis; cha d’ rinn i teugmhail a cridhe aithnichte do neach fo’n ghrein, agus bha i ’n duil gu ’n robh a gaol do Donncha fhathasd na dhiomhaireachd do na h-uile neach.
Mar theaghlach, laidh dubhachas tiamhaidh air ar caidreamh o’n am ud; gheibhte sinn latha an deigh latha a’ suidhe agus ag eirigh o’n bhord gun dad de chonaltradh saor no suilbhir ri cach a cheile. Aon latha aig am dinnearach, bhrist m’ athair a stigh air an tosdachd neo-aodheil ud, agus thuirt e ri Donncha, “gu’n robh e an dochas nach robh e cur roimhe ar fagail an cabhaig.” “Tha mi duil,” arsa Donncha, “falbh am maireach.” Thuit an sgian a laimh mo mhathar; sheall i direach ’na aodann car mionaid. “A Dhonnachai” —ars’ ise, le guth bristeach, agus i sileadh dheur— “A Dhonnchai, dh’ fhairtlich orm riamh thuige so ’fheoraich dhiot, ach tha mi ’n dochas nach e do run ar treigsinn gu buileach? Phut Donncha a thrinnseir uaithe gu meadhon a bhuird—ghlac e leabhar a bha lamh ris air bonn na h-uinneìge, agus thoisich e ri tionndadh nan duilleagan. Dh’ fhag Mairi an seomar. Cha do fhreagair Donnacha, agus cha dubhairt mo mhathair smid tuilleadh ris aig an am ud; agus mar sin sgaoil ar comunn beag ann an tosdachd mar b’abhaist.
An uair a chruinneach sinn a rithist ’s an fheasgar, bha sinn cho tosdach ’s bu ghnath leinn. Thoisich mo mhathair air seanachas mu chaochladh de nithibh, ach bha e soilleir nach robh a bheag de cheangal aig a smuaintean ris na briathran a bha air a bilean. “A Dhonnachai,” ars m’athair. “Cha’n fhada gus a leig thu sinne as do chuimhne; ach tha cuid dhinne nach diochuimhnich thusa ri ’luathas.” Ghrad dh’ eirich Mairi agus chaidh i rithist a mach as a t-seomar: cha do labhradh focal tuilleadh re an fheasgair, gus an do ghairmeadh an teaghlaich a dh’ ionnsuidh an aoraidh.
Bha earrann de urnuigh m’ athar air an oidhche ud air am bheil fathasd deagh chuimhne agam, facal air fhacal. Faodaidh i a bhi neo-thoirteil ann am beachd mo luchd-leughaidh ach rinn i drughadh domhain oirnne agus cha d’ fhag i suil thioram am measg an teaglaich uile. Bha an earrann ud mar a leanas. “A Dhe, is treud beag neo-fhiughail sinne a tha an so air ar gluinnean ann ad lathair, ach beag mar tha sinn, is e is docha nach lub sinn uile ar gluinean le cheile ’n ad lathair ni ’s mo anns a’ bheatha so. Bha sinn fada le cheile ann an sith agus ann an suaimhneas, agus an dochas gu ’m faodamaid a bhi mar sin moran mi b’ fhaide; ach o’n i’s do thoilse gu’n dealaich sinn, cuidich leinn striochdabh dhi gu bunailteach agus ged sgapar leat sinne ri ceithir ghaothaibh neimh, biohh do ghairdein uile-chumhachdach mu ’r tiomchioll airson maith, agus deonaich gu ’n coinnich sinn uile fadheoidh ann an
[Vol . 3. No. 13. p. 3]
saoghal is fearr.” Air an ath mhaduinn, dh’ eirich Donncha gu moch, chuir e uime an deise a b’ fhearr a bh’ aige, agus phaisg e suas caochladh de rudan beaga a bhuineadh dha. Bha mise air mo chur uige gu goirt, n’am luidhe ’s an leabaidh agus a leigeil orm a bhi ’n ’am throm chadal. ’N uair a bha Donncha ullamh chuir e ’ultach fo ’achlais, thainig e gu taobh na leapa a dh’eisdeachd an robh mise ’n am dhusgadh. Sheas e car greis a’ sealtuinn an drasd ’sa rithist air an dorus, agus chunnaic mi e uair na dha a’ suathadh a shul. Mu dheireadh, chaislich e mi gu caomhail, a’ feoraich an robh mi ’n am dhusgadh. Fhreagair mi e mar gu ’m bithinn ’n am leth chadal. “Mo shoraidh leat,” ars’ esan agus e a’ sireadh mo laimhe anns an dorcha, “Nach feith thu ri d’ bhraiceas leinn,” thuirt mi ris. “Tha mi saoilsinn,” arsa Donnacha, “gur h-e is fearr domh seapadh air falbh, oir sgainidh e mo chridhe, mo shoraidh fagail aig do pharantan agus aig.” Agus co aige, a Dhonnchai,” ars mise. “Agus agad fein,” ars esan. “Cha’n e sin is fearr, a Dhonnchai” arsa mise; gabhaidh sinn uile ar braiceas le cheile, airson na h-uair ma dheireadh, agus an sin, gabhaidh sin ar cead de chach a cheile.” Re na h-uine a shuidh sinn aig a bhord, bha ar conaltradh mu na laithean a dh’ fhalbh, gle dhruidhteach. ’Nuair a thug m’ athair buidheachcs, bha fios againn ciod a bha gu tighinn, agus thoisich sinn air sealltuinn an aodannaibh a cheile. Dh’ eirich Donnacha, agus air dhuinn a luchdachadh le ar guidheachan cairdeil agus le ar beannachdan, phog e m’ athair agus mi fein. Thionndaidh e mu’n cuairt; chite gu soilleir ’na shuil gu’n robh e ag ionndrainn cuid-eigin nach robh sa’n lathair ach bha a chridhe cho lan ’s nach b’ urrainn e diog a radh. “C’ aite am bheil Mairi?” arsa m’athar. Bha Mairi air chall. Rannsaich sinn gach cuil a’s cuilidh s’an tigh, anns a’ gharadh, agus an tighean n’an coitearean, ach cha d’ fhuarudh i. Mairi bhochd threigte, leointe, aonarach! Dh’fholuich si i fein fo sheann chraoibh iubhair a bha dluth do’n tigh, far am faiceadh i cuspair a ceud ghaol, agus annsachd a sul a’ toirt cul a chinn rithe, gun i bhi air a faicinn a’ taomadh a mach tuiltean maoimeach a cridha an deigh Dhomachai. Mairi bhochd! Bu tric a chuala mi gu soilleir o sna throm a cleibh, agus a chunnaic mi a suilean dearg le caoineadh; agus bu leoir e gu cridhe adamaint a leaghadh, am fiamh ghaire fann leis am biodh a h-aghadh, throm, mharbhanta a’ lasadh suas, ’nuair a chluinneadh i aon air bith a’ labhairt gu speiseil mu Donnacha.
Air feasgair an t-seathamh latha a deigh do Donnacha tigh m’ athair fhagal, rainig e tigh-mor Ghlinneilich, a tha ’na sheasamh air srath beag, boidheach, coillteach ann a sealladh an Iar-chuain agus Innse-Gall. Bha gach craobh, a’s creag agus frith-rathad fhathasd gu soilleir ’na chuimhne; agus cha ’n urrainnear faireachduinnean blath cridhe Dhonnchai, mar a bha e ’tighinn dluth air tigh ’athair, a thuigsinn, ach a mhainn le cridheachan rud-eigin co-ionann ri chridhe fein. Dh’ fhoghluim e o duine a choinnich ris air an rathad, ach do nach d’ rinn e e fein aithnichte, gu’n robh ’athair fhathasd beo; ach nach d’ fhuair e riamh an uachdar air call a mhic, airson an robh e ri sior chaoidh gach latha; gu’n robh a bhean agus a nighean straiceìl, cruaidh-chridheach ris neo-shuimeil mu ’thoil agus a deanamh laithean a sheann aois anabarrach mi-shona dha; gun d’ fhogair iad an t-seann tuath agus na coiteirean as an oighreachd, agus gu’n robh an aiteachan air a lionadh le cairdean cumanta, graisgail, ladarna bain-tighearna, o nach robh e a faotainn ach ro bheag de mhal, de urram, no de umhlachd.
(Ri leantuinn.)
Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.
Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.
Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 3. No. 13. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, SEPTEMBER 29, 1894.
A Canada Ard.
Tha ’m foghradh seachad agus tha ’bhuain a stigh. Tha gach aon a nis gu trang a bualadh toradh na talmhainn a chaidh a thoirt dhaibh. Cha’n eil e ann am bitheantas os ceann a dheich uiread ’sa chuireadh; faodaidh e bhi ann an corra àit gu’n déid e fhichead uirerd ach ’s ann ’an àit gle ainneamh. Bha ’m bàrr, ri ghabhail thar a chéile gu math aotrom oir bha ’n samhradh cho tioram ’s gu’n do stad e mu’n robh e aig leth ’fhàis. Ach cha n-eil aobhar bhi gearain againn; bidh gu leòr againn an son ar cumail beò bliadhn’ eile, agus ’s math a bhliadhna dh’ fhoghnas dhi féin. Tha cuid a’ gearan. Bha agus tha cuid ri gearan, agus bidh iad a’ gearan ri’m beó, agus tha aobhar eagail ann gu faod aobhar ghearain a’s mò bhi aca an deigh am bàis. Tha cuìd ann ’s tha iad a’ smaointinn gu’n sluig iadan saoghal le aon làn beòil, oir cha’n eil iomradh ac’ air gu bheil saoghal ann ach am fear a ta làthair. Tha mi taingeil gu faod mi a rádh mach eil moran de’n t-seorsa sin ri ’m faotainn am measg nan Gàidheal timchioll a bhaile bhig so.
Chaidh moran calla dheanamh leis an teine anns a’ chearna so de’n dùthaich. Chaidh muilleann sàbhaidh le Cloinn Eachairn a losgadh ann an Durham, agus chaidh muiilein troigh de gach seòrsa fiodha ’na smùid. Tha ’n call air a mheas aig leth-cheud mile dollar. Ach tha iad beairteach gu leòr fhathast. Tha sinn a faotainn uisge gu leòr a nis agus gu cinnteach bha feum againn air.
Bha ùpraid mhor againn air an t-samhradh so anns an tigh-sgoile th’ againn ’san àite so. Bha fuaim iongatach a’ dol air adhart am feadh sa bhiodh a bhan-mhaigstir a’ teagasg na cloinne. Bha cuid a smaointinn gu’m b’e manadaireachd air choir-eigin a bh’ ann, cuid eile theireadh gu’m bu bheothach fiadhaich a bha fo ’n ùrlar, agus mar sin sios. Bha iad as gach cearn ann, agus bha iad cho glic a tighinn ’sa bha iad a falbh. B’ fheudar dhuinn tigh-sgoil’ ùr a thogail, agus an seann tigh fhàgail aig a bhòchdan. A reir coltais, mar tha cuid a’ creidsinn, cha robh bòchdan ann ach bòchdan beò; ach cha’n abair mi ’n còrr an traths’.
Cha’n eil mi dol a radh moran aig an àm so, oir tha eagal orm nach urrainn duit na chuir mi sios cheana a dheanamh mach. Bu mhath leam a’ Ghàilig a chumail suas cho math ’sa b’ urrainn domh. ’Se sin a dhùisg mi air oidhche nochd gu suidhe sios agus beagan a chur thugad dhi. Slàn leat an tràths. Cha’n eil mi dol chur m’ ainm sios, ach.
Rugadh m’ athair ann am Muile,
’S mo mhàthair chaomh ’s an aon bhaile;
Chaidh mise bhreith ’sa choille mhòir,
’N uair bha i tiugh us àrd gu leòr.
Is mise ur caraide dileas,
MAC’ILLEASP’ ’IC NEILL ’IC ALASDAIR.
Priceville , Ont. .Sept. 14mh, 1894.
THA mach ’sa stigh mu 5,000,000 sluaigh ann am baile mor Lunnuinn. Tha còrr us 1,000,000 dhiubh so aig a’ bheil ri tigh’nn beò air coig tasdain fhichead ’s an t-seachdain mu choinneamh gach teaglaichi agus tha 300,000 eile ann am fior bhochduinn.
’Si Austria an aon dùthaich anns an fhusa do mhurtair a bheatha ghleidheadh. Anns a’ bhliadhna 1879, fhuarieadh ochd ceud ’sa sia deug (816) ciontach de dhòrtadh fuil an co-chreutairean, agus cha do chuireadh gu bàs dhiubh sin ach a còig air flichead.
THA e air a mheas na onair mhòr le saighdearan, am beatha chall ann an dion an dùthcha. Bha fear dhe’n t-seòrsa sin ann am blàr air uair, agus bha e air a dhroch leònadh. Ach ged bha ’n leòn dona, chuir e mìothlachd mhor air gu robh leithid de ghaoir aig daeine leòint’ eile ’s nach mor gu’n cluinnte ’ghlaodh fhéin idir. Mu dheireadh chaill e fhoighidinn gu buileach ’s dh’ eubh e mach, “Sguiribh dhe ’ur donnalaich thall an sin! A’ bheil duin’ idir air a mharbhadh ’sa chath so ach sibhse!”
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR.
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 13. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THUIT mullach taigh-sgoile ann an Naples( ’s an Eadailt) air an t-seachdain s’a chaidh agus chaidh fichead dhe’n chloinn a mharbhadh ’na bhroinn.
CHAIDH àireamh de dhaoin’ òga chur as an obair ann am Méinn Ghowrie air an t-seachdain s’a chaidh, air son a bhi deanamh dearmad air an obair.
OIDHCHE Mhàrt, bha soitheach smùid a dol a mach le luchd guail, agus bhuail i ann an soitheach iasgaich a bha tighinn a stigh, agus rinn i droch mhilleadh oirre.
THA Mercier, a bha na Phriomhair air mor-roinn Chuibec àireamh bhliadhnaichean, gu tinn. Tha na dotairean a deanamh dheth nach bi e beò ach beagan lathaichean,
CHAIDH tri fichead tigh a chuir ’nan teine ann a Warsaw, am Poland, oiche Di-luain, Bha aireamh dhaoine anns na taighean tinn leis a cholera agus chaidh an losgadh gu bàs.
Tha fear Iain Ambruy, a mhuinntir Berwick, Ont. air a chur do’n tigh-oibreach ’s tha aige ri da bhliadhna chur seachad ann, air son tuilleadh s’a chòir de mhnathan a bhi aige.
THA ’n t-side air tionndadh gu math fuar. Bha toiseach na seachdain so fuar gu leor air son ceud mhios a gheamhraidh. Ach cha’n fhada nis gus am faigh sinn “Samhradh beag nan Innseanach.”
BHA stoirm ghàbhaidh anns na h-Innsean an Iar, ’s anns na dùchannan mu’n cuairt air an t-seachdain so. Bha i cho garbh ann a Florida, ’s gu ’m b’ fheudar na rathaidean iaruinn uile chur ’nan tàmh.
THA Seanalair Booth, ceannard Armailt na Slàinte an drasd ann a Halifax, ’s tha roimhe cuairt a chur air Canada. Cha robh e ’s an dùthaich so riamh gu so. Tha e teagasg na h-uile feasgar agus tha àireamh mhìltean a dol ’ga éisdeachd.
BHA cuairt-ghaoth ann an cearna de na Stàitean an Iar toiseach ua seachdain so agus bha call mor air a dheanamh leatha. Bha àireamh dhaoine air am marbhadh, agus chaidh milleadh uamhasach a dheanamh air taighean ’s air togalaichean dhe gach seòrsa.
’N uair bha ’n t-Urr. R. Domhnullach, Sagart Hawkesbury a fàgail a pharaisde air son a dhol gu New Glasgow, thug an sluagh dha ceud dollar mar ghibht, agus thug sagairt òga na sgireachd dha cupan-comanachaidh òir. Bha Mr. Domhnullach ann a Hawkesbury sia bladhna.
Bha Féill Halifax air a fosgladh feasgar Di-màirt, le oraid bhlasda o Riaghladair na mor-roinne, Mr. Daly. Bha taosg mor sluaigh cruinnn agus bha ceòl air a chumail riutha le “band” aon de na réiseamaidean. Bha gach ni a bh’ ann air an cur ann an deagh òrdugh. ’S e ar barail gu bheil na chaidh dh’ ionnsuidh na Féille làn riaraichte le’n turus.
BHA teine ann am Moncton, N. B., Di-luain. Thoisich e ann am bathach-each far an robh treud ghillean a cleasachd. Chaidh a bhàthach agus àireamh de thighean eile ’losgadh gu làr. Tha ’n call air a mheas a mach ’s a stigh mu choig mile deug dollar.
Tha Sàcramaid na Suipeir ri bhi air a frithealadh ann an Eaglais St. Andrew’s am màireach. Bha na seirbheisean àbhaisteach air an cumail air an t-seachdain. Tha na h-Urr. Mr. Stirling, á Eilean a Phrionnsa, agus Mr. Calder, á Mira a cuideachadh an Urr. Mr. Forbes.
A charaid chòir an iasaid, cuir a dh’ iarraidh a MHAC-TALLA. Cuirear thagad e fad bliadhna, ’s cha’n iarrar ort ach dollar. Mur-a fiach e sin na leubh e; fuirich uaith, neo gabh dhuit fhein e. De ’n rud nach pàigh thu na gabh spéis, neo bheirear beum dhuit leis gach ballach.
THA muinntir Shina ag altrun gamhlas mor do na coigrich. Cha’n eil iad glé chàirdeil riutha ’n uair a’s fhearr iad, agus o’n thoisich an cogadh ri Iapan, tha barrachd fuath aca dhaibh. Tha Breatunnaich, Frangaich, us eile, uile air an aon ruith aca. Tha na coigrich gu tric a’ fulang moran mi-mhoidh air na Straidean.
THA feadhain a deanamh mach ma leanas na sealgairean air marbhadh na h-uiread de na cearcan-tomain, nach fhada gus am cuir iad as dhaibh gu buileach. Cha’n eil ian seilg anns an dùthaich so a nis ach a chearc-thomain fhéin, agus ma tha cunnart sam bith gu’n téid as dhi, ’s coir do’n luchd-riaghlaidh ni-eigin a dheanamh ’g a dion mu’m bi e tuilleadh us anmoch.
Tha ’n Fhraing a cur roimpe Madagascar a bhi aice ge b’e cò chuireas na h-aghaidh, agus ’s i barail nan uile gu bheil a leor aice ri dheanamh. Tha ’n t-side cho mi-fhallain ’s nach seas Frangach no Eorpach ’sam bith rithe ach ùine glé ghoirid, agus a bharr air sin tha na nàisinnich gu math laidir, agus làn shuidhichte air na Frangaich a ruagadh air falbh as an criochan cho luath ’s thig iad.
IADSAN a théid do’n stòr aig D. J. Domhnullach, chi iad bocsa beag anns a bheil ri fhaicinn bonn òir is fhiach fichead dollar. An deigh na bliadhn’ ùire’ am fear no ’n té aig am bi an iuchair a dh’ fhosglas am bocsa, gheibh e no i am bonn òir a nasgaidh. Ma tha thu air son iuchair fhaotainn, ceannaich fiach dollar no còrr anns an stor. Tha ’m bathar cho math ’s na prìsean cho iosal ’sa gheibhear anns a bhaile.
THA dotairean Lunnuinn an deigh leigheas fhaotainn do’n Amhaich Ghoirt. Tha ’n tinneas sin glè dhona ann an Lunnuinn an dràsda, agus tha ’n leigheas ùr so a’ cur casg mor air. Chuir an Dotair A. S. Kendall ’sa bhaile so fios gu Lunnuinn o chionn ghoirid, air son an stuth. Tha toil aige bhi deiseil, gun fhios c’uin a dh’ fhaodas an tinneas cendna bristeadh a mach an taobh so. Tha ’n dùthaich gu math cùibhteas e aig an àm so.
An S. S. Arcadia.
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 13. p. 6]
Facal mu’n Ghaidhlig.
Tha sinn a toirt na litir a leanas as anOban Times.Bha i air a sgriobhadh ann am Bankok, ceann-bhaile Siam, air an 21mh latha de dh Iulaidh.
FHIR DEASACHAIDH. —Fhuair mi Tiom an Obain air an t-seachduin so chaidh, agus aig a’ cheart àm paipeir Gàidhealach (MAC TALLA) á Lunain. Cha’n fhoisrach dhomhsa cò ’chuir g’ am ionnsaidh e. Bhithinn anabarrach toilichte na’n sgrìobhadh e. Leugh mi ’s a’ phaipier agaibh gu robh nàire air mòran Ghaidheil Gàidhlig a bhruidhion. Tha sin glé fhìor. Is truagh an gnothach! Thig fear glic( ’n a bharail féin) agur their e, “Dé m’ feum a th’oirre? Cha chuir i airgiod ’n ar pòca!” Choinnich mi-fhéin mòran da ’n, t-seòrsa sìn. Iadeah a’ bruidainn mar sin agus nach téid aca air a’ Bheurla ’labhairt ro mhaith Theid iad do’n Ghalldachd a dh’ obair; an ceann dà bhliadhna cha’n ’eil Gàidhlig idir aca—ma tha, tha i fuasach gann, agus aig Féill Ghlaschu théid iad dachaidh ann an còta sgoilte, briogaisean fada agus ad dhubh. C’ar son a bhruidheneadh daion’ uaisle Gàidhaig? ’S e spiorad suarach a th’ann! Chuna mi ann am MAC TALLA naigheachid ghoirid; feumaidh mi a h-innseadh. Choinnich ministear ainmeil Gàidhealach nàmhaid do’n Ghàidhlaig, agus an t-àm a bha iad a labhairt ri’ chéile mu dhéighinn na Gaidhlig, thubhairt an duine. “Ciod e am feum a bhi ’cumail suas na Gàidhalig; is cinnteach gu’m faigh i bàs co dhiù; nach ’eil cho math leigeil leatha siubhal ’an sith?” So freagairt a mhinisteir:— “Ciod e am feum dhuit sa ’bhi g ad chumail féin suas le itheadh agus òl, oir gheibh thusa bàs mar an ceudna latha éigin?” Cha robh facal eile aig an duine ri ràdh. Tha Gaidhlig ri faotinn a mach an so am measg fir-inneal bàtaichean nan smùid. Cha bhi fios aig neach cho milis a’s tha’n t-seann chànain gus an tig iad thairis. Gur tric a bhios mo smuaintean a nis air Muile nam mòr bheann agus an uair a bhithinn ag iasgach bhreac ’s na sruithean. Bha na seann daoine cóir laghach, facal caomhail daonnan aca. Chi duine gu robh mòran de’n seann spiorad uasal Ghaidhealach ag amharc le duilichinn air an teaghlach ’fàs suas cho toigheach air fasain ghalda. Tha ’ghrian ag éiridh nis. Faodaidh mi tighinn gu stad le rannan a’bhàird;—
Tha ’Ghaidhlig ’s a’phìob ag éiridh
Gu nòr spèis ’an tir nan Gàidheal;
Urram gach ciùil li deagh reusan,
’S ann aig a’ phìob fèin a tà e;
Gach fonn ceileir a thig a ’braghad,
’S i ’s binne ’s a’s àirde ’sheinneas,
Cha chluinnear ceòl eile làimh rithe.
Le beannachd agus gach dùrachd math, ’s mise,
ROB MC ’ILLE DHUIBH.
Am Bard Mac Codrum.
Tha luch-dùthcha a bhàird ainmeil so an dràsda air cur mu dheaghainn carragh-chuimhne chur suas dha. Cha’n eil a nis ach da bhliadhna dhith a cheud o’n chaochail e, agus riamh uaithe sin tha ’uaigh, ann an cladh Chill-mhonaidh, ’an Uidhist a Chinn-a- Tuath, air a comharrachadh a mach le lic leathainn a thagh e féin roimh àm a bhàis. Ach anns na bliadhnaichean ri teachd bidh comharra aig an uaigh a’s airidhe air ainm us cliù a bhàird nach maireann, agus a nochdas gu bheil aig a luch-ddùthcha spéis d’a féin ’s d’a bhàrdachd air nach toir tìm caochladh.
Air aon taobh dhe’n charradh, tha air a sgriobhadh ann an Gàilig,— “Mar chuimhneachan air Iain Mac Codrum (Iain ’ic Fhearchair ’ic Iamhair), am Bàrd Uidhisteach, 1710-1796. Air taobh eile, tha na briathran ceudna ann am Beurla, agus air iochdar na claiche, thà da rann de “Smeòrach Chlann Domhnuill,”
“Ma mholas gach eun a thìr fèin,
Ciod am fàth nach moladh mise
Tir nan curaidh, tìr nan cliarr
An tìr bhichair fhialuidh, mheasail.
’N tìr a’s bòiche ta ri faicinn
’M bi fir òg an còmhdach dreachail;
Pailt ni’s leòr le pór na machrach;
Spréigh air mòintich; òr air chlachan.”
Tha òrain ’Ic Codrum, maille ri òrain Ghilleasbuig Dhomhnullich (Gille na ciotaig), bard Uidhisteach eile, ann an lámhan a chlo-bhualadair ’an Glascho agus cha ’n fhada gus am bi iad am mach. ’Se ’n t-ainm a tha gu bhi air an leabhar, “An co-chruinneachadh Uidhisteach.”
DH’FHALBH moran sluaigh as a bhaile ’sa mhaduinn Di-ciaduin gu dhol gu Feill Halifax. Dh’fhalbh moran eile á Port Morien, Glace Bay us Bridgeport, agus á Sidni Tuath. Cha robh falbh us tilleadh a cosg ach tri dollar.
IarrMinards Liniments na gabh ach e.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 3. No. 13. p. 7]
Am Mod Gaidhealach.
Bha treas mòd bliadhnail a Chomuinn Ghàidhealaich air a chumail anns an Oban air Di-màirt an t-aonamh latha deug dhe’n mhios so, agus tha na h-uile bha làthair ag radh gu’n d’thug e bàrr air an da mhòd a bh’ ann roimhe ged bha iad le chéile math gu leòr. Bha sluagh mor cruinn, agus chaidh gach ni air adhart gu rianail, òrdail, Bha duaisean air an toirt seachad air son sgriobhaidhean Gàilig air son Bàrdachd, leughadh, seinn, agus piobaireachd. Choisinn Niall Ros, à Gleann-dail ’san Eilean Sgiathanach, a cheud duais air son sgriobhadh Gàilig, agus Uillean Gillios, à Lunnuinn an darra duais. Fhuair Iain Mac Fàidein, Glascho, a chud duais, ar son bàrdach Ghàilig, agus Nialll Ros, Gleann-dàil, an darra. Air son eadar theangachadh bàrdachd Ghailig gu Beurla, fhuair Calum Mac Lùcais, Duror, a cheud duais, agus Alasdair Stiùbhart, Polmont, an darra. Air son sgeulachd Ghàilig fhuair Iain Mac Fàidein a’ cheud duais s’ Niall Ros an darra. Air son sgeul no oran Gàilig aithris air an teangaidh, fhuair Gilleasbuig Munn, as an oban, a cheud duais, Iain Mac Fàidein, Gleann liobhain, an darra, Mairi Nic Artair an treas, agus Alasdair Domhnullach, Glascho, an ceathramh. Air son leughadh Gàilig fhuair Màiri Nic Artair a cheud duais, Gilleasbuig Munn an darra, agus Alasdair Stiùbhart, Gleann-liobhain, an treas. Bha an sin deuchdainn air a chur air luchd na seinn. Bha da choisir-chiùil òigridh ann, aon as an Oban ’s aon á Liosmor. Fhuair coisir Liosmor an duais. Bha an sin duaisean air an toirt seachad do ghillean ’s do nigheanan òga air son seinn òran leotha féin. Cha robh ach dithis nighean anns a choimh-shreip, ’s bhuineadh iad le chéile do’n Oban ’s fhuair Seònad Laurie an duais. ’Se ’n t-òran a sheinn i “Fhir a Bhata.” Bha ceathrar ghillean air am feuchainn, agus fhuair Iain Bell, Oban, an duais. Cha robh aig na breitheamhna ach an aon duais ri thoirt seachad. ’Se ’n t-òran a sheinn Iain Bell, “Ged tha mi gun chrodh gun aighean.” An sin bha duaisean air an toirt seachad air son piobaireachd le gillean òga. Fhuair Domhnull Hunter, ’san Obán, a cheud duais, agus Domhnull Mac Calmain ’san Oban, an darra. An deigh sin bha deuchainn air a chur air na coisirean-ciùil. Bha sia dhiubh a láthair, agns sheinn iad uile gu math, ach thug coisir-chiùil Challuim-Chille, ’an Glascho a mach an duais a b’ àirde. B’ fheudar an darra duais a roinn eadar da choisir, aon as an Oban ’s aon á Glascho. Rinn na breitheamhna moladh mòr air na Coisirean uile. An deigh sin bha duaisean air an toirt seachad air son seinn Gàilig le fir us mnathan. Dhe na mnathan, fhuair Mairearad Dhomhnullach, á Glascho a cheud duais; sheinn i, “Crodh Chailein.” Agus fhuair Cairistine ’Nic-Ille-mhicheil, á Glascho an darra duais. ’Se ’n t-òran a sheinn ise, “Fhir a Bhàta.” Dhe na fir, fhuair R. Mac Leoid, á Ionbharnis, a cheud duais; sheinn e, “Théid i ’s gu’n téid i leam.” Fhuair Padruig M. Domhnullach, à Glascho, an darra duais le seinn, “S e ’n leòn an gaol.” Fhuair Uilleam Caimbeùl, á Glascho, an treas duais, le seinn “C’ àit an caidil an rìbhinn.” Thug so am mòd gu co-dhònadh.
Anns an fheasgar, bha co-sheirm ciùil aca. Bha na coisirean uile làthair agus fhuair iadsan a chaidh ’g an èisdeachd òrain Ghàilig a chumail riutha gus an robh iad buidheach, Bha ’n talla, anns an robh iad cho lan ’sa chumadh i, agus bha moran do nach robh rùm anns an talla, a b’ fheudar-tionndadh air falbh. Thainig a cho sheirm gu crich le bhi seinn. “Dhia Gléidh air Crun.” Tha’n ath Mhod ri bhi ann an Glascho, air a bhliadna tha tighinn, air mios deireannach an fhoghair. Tha àireamh mhor Ghàidheal anns a bhaile sin, agus cha’n eil teagamh, ma ni iad an dichioll, nach bi ceathramh mòd a Chomuinn pailt cho math no na’s fhear na aon de ’n tri a chaidh seachad.
Minards Linimentair son Loine.
THA D. J Domhnullach an deigh stoc mor flùi.r fhaighinn a stigh, ’s tha e ’ga chreic saor. Agus tha ’n t-ìm cho math leis ris an airgiod.
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
BHA oighreachd Ghlinn-Comhain air a creic ann an Dùn-eideann air a choigeamh latha dhe’n mhios so, agus tha i nise aig Sir Domhnull A. Smith, fear de Ghàidheil uaisle Chanada. Tha e air a radh gu bheil a Bhan-tighearna Smith càirdeach do Chlann Domhunill Ghlinn-Comhain. M tha sin ceart, thig an oighreachd glé nàdarrach dhi.
Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan,
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 13. p. 8]
A Ghruagach Dhonn nam Meall-shuilan.
LE EOGHAN OG STRATH-NIN.
E-san.
A ghruagach dhonn nam meall-shuilean,
Gu’n d’ chum thu ’n raoir a’ m’ chaithris mi;
Gur beag tha dh-aogas cailinn ort,
’S do chul mar fhaileas oir.
Mo run dhuit ainnir oig.
Ise.
Gu’n d’ thog iad moch Di-haoine orm
Gu’n deachaidh mi do’n chaochan leat;
Cha d’ fhuadaich sid mo ghaol-sa dhuit,
Na ’m faodainn a bhi beo.—
Mo run dhuit Eoghain oig.
E-san.
Gu ’n d’ thog iad moch Di-sathairn’ orm,
Gu ’n robh mi-fhin a laighe leat;
Bidh sinne mar sin fhathast,
Is don-rath air luchd an sgeoil.—
Mo run dhuit ainnir oig.
Ise.
Na ’m biodh de ghaol aig baintighearn’ ort
Na thug mi fhin bho Chaingis dhuit,
Bu shuarach chuirteadh saibhreas leath’;
Gu ’m b’ oighreachd leath’ do phog.—
Mo run dhuit Eoghain oig.
Ged bha thu ’n rioir san ridhe so,
Cha d’ fhaod mi ’dhol a bhruidhinn riut,
Do bhreacan trom fo ’n t-snighe
Is mo chridhe-s’ air a leon.—
Mo run dhuit Eoghain oig.
’Sann aig a’ ghlacaig sheilich ud
A rinn sinn fhin an dealachadh;
Bu chaoimhneil biath ar faireachdainn,
’S gu talamh ruith na deoir.—
Mo run dhuit Eoghain oig.
Bu mhac Eoghan Og do dh-Eoghan Domhnallach ann an Strath-Nin, faisg air caisteal na Moighe. Ghabh e gaol air nighinn breabadair a bha ’na ban-seirbheiseach an taigh athar. Bha a chuideach an aghaidh dha a posadh. Thug e an t-arm air agus dh’eirich e gu bhi ’n a chaiptein. Thill e dhachaidh an ceann sheachd bliadhna, agus phos e an nighean. Bha da mhac aca, Gileabart agus Aonghas. Tha co dhiu tri fichead bliadhna bho na chaochail e.
ANN an Switzerland, gheibh banarach obair na’s luaithe, agus tuarasdal na’s fhearr ma tha guth binn aice air son seinn nan òran. Bheir bò barrachd bainne ma bhios a bhararach a’ gabhail òrain an àm a bhi ’ga bleodhan.
BHA na Gearmailtich o chionn fhada ainmeil air son na bhiodh iad ag òl de leann; ach anns na bliadhnaichean so tha iad a dol na’s aotruim’ air. Tha cearnan de ’n dùthaich an diugh anns am mò bheilear ag òl de bhlàthaich na de leann.
So mar tha Domhnull a’cur thugainn a Dhollair agus a Moladh na Gaelig
AIR FONN. —Fal, Fal, Fal De Ra Ro.
So dhut dollar, fhir mo chridhe,
Tha thu dligheach air san am;
’S gum a fada beo a’ Ghàelig
Anns gach cearn tha bhos ’us thall;
Buaidh is piseach air MAC-TALLA!
Miann gach caraid’ e bhi ann
Gu bhi seinn na Gàelig luachmhor
Mar bu dual do Shiol nam Beann.
Gu bhi seinn na Gaelig aosda
Bh’ aig na daoine fearail, treun,
A chaidh arach feadh nan Garbh-chrioch,
’S gum bu dealbhach i bho’m beul:
Bha i’n cleachdadh’s gum bu bhlasd i
Aig na gaisgaich ’bha ’san Fheinn;
’S air reir seanachais, anns a’ Ghàradh
Gum bu chànan i do dh’ Eubh.
Air feadh dùchannan Rionn-Eorpa
Bha i eolach ann bho chian;
Ma’n deach Caésar null do Bhreatuinn
Bha i’n cleachdadh aig gach Triath;
’S nnair a rinn na Gaidheil gluasad
Far a chuain gu tigh ’nn a Niar,
Thug iad leoth’ an cànan priseil
Bha mar dhileab aca riamh.
Tha fir fhoghluimte ag ìnnseadh
(Leinn gur firinn e ’s cha bhreug)
Gu bheil storas innt’ an tasgadh
Agus pailteas dheth nach trèig,
Nach eil i an taing no’ n eismeil
Cainnt na h-Eadailt’ no na Gréig,
Cainnt na Frainge no na Gearmailt,—
Tha i earbsach aisde fhein.
Tha i finealta gun éislein;
Tha i spéiseil, cùin, gun mheang;
Miann gach rìbhinn i— ’s cha’n ìoghnadh,
’Labhras siobhalta gun sgraing;
Thug na giomanaich i’ roghainn,
Ann a faoghaid nan damh seang;
’S nuair a dh’ éireas fearg no tuasaid,
Gur h-i ’bhuannaicheas gun taing.
Tha i deas gu dol a sheanachas,
Modhail, earbsach anns gach cùis;
Tha i bèurraidh, fallain, fuasgailt,
’Strìc’a bhuannaich i sa chùirt;
Stiuradh luinge ri la stoirmeil
Bha i ainmeil air bho thùs,
Soilleir, làidir, deas, gum fhaillinn
’Nam bhi bàirlìnneachadh criu.
’S beag an t-ioghnadh sinn ’bhi ’n chiù oirr
Gur h-i dh’ ’ionnsaich sinn na’r cloinn
’Sco nach tugadh meas ’as gràdh dhi?—
Rinm ar màthair a toirt duinn;
A chainnt liobharra, ghlan, uasal,
Gu bheil buaidh ort agus loinn;
’S co a leigeadh tu air diochuimhn’
Ach an siochaire gum sgoinn!
A chainnt ullamh, ealamh, iasgaidh,
’Nam a dh’ iarrair thu gu feum:
A chainnt iomraiteach gun mhòrchuis,
Mhillis, òranaich, ghlan, reidh;
A chainnt fhuranach gun fhaillinn,
Thug mi gràdh dhut agus spéis;
Gum a fada beo ’s gach tir thu,
Agus mìlltean ort an deigh!
AN CAMUS, Sept. 20, 1894.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith ’a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.
title | Issue 13 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 13. %p |
parent text | Volume 3 |