[Vol . 3. No. 14. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, OCTOBER 6, 1894. No. 14.
A Amhuinn Dhennis.
Tha àm nan eisirean air tighinn, agus tha moran a’ stri ri’n iasgach. Tha lagh ùr ann am bliadhna. Feumaidh gach iasgair bàta air a h-ainmeachadh a bhi aige, agus cead laghail airson an togail. Cha ’n eil e ceadaichte an iasgach ma ’s éirich a’ ghrian, no an deigh dhi dhol fodha, agus ma thachras aon orra a bhios na’s lugha na tri òirlich air fad, feumaidh iad an cur air ais d’ an loch. Tha Domhnull Mac Fàidein agus Fearchar Mathanach air an òrduchadh air son cead laghail(license)a reic agus sealltuinn thairis air na h-iasgairean.
Bha an t-Sàcramaid air a frithealadh aig an Amhuinn, air an t-Sábaid sa chaidh leis an Urr. Iain Calder, as a Bhai- ’n-Iar, a bha toirt seirbheis dhuinn o mheadhon Iulaidh, agus an t-Urr. M. A. Mac Coinnich áGrand River.Bha an t-Urr. A. Mac Illemhaoil as a Bhai- ’n-Iar ri cuideachadh feadh na seachdain.
Tha an òigridh gach seachdain ’g ar fàgail. Tha àireamh de na gillean dol a thaighean-foghluim agus moran de na h-igheanan ’dol do na Stàitean Dh’ fhaoighnich mi de dhaoin’ òga bha còmhlath an la roimhe, car son a bha iad a leigeil nan nigheanan air falbh, agus ’s e thuirt fear dhiubh rium, “ ’N uair bhios sinne ’g an iarraidh bheir tri sentichean (litir) dhachaidh iad;” ma tha so fior tha dòchas agam gu’n gabh na bachelors misneachd agus gu’n toir iad cuid diubh air ais m’ an tig am fuachd, neo, mar thuirt am bàrd mu bhachelor roimhe, “Tha mi ’smaointinn ma bhios tu ’d aonar an àm an fhaoilich gu’n bi thu reòta.”
Chuir mi dollar ugaibh Di-màirt, agus a dha gu leth air an t-seachdain roimhe so. Tha dochas agam gu ’n d’ rainig. iad sabhailt.
X. Y. Z.
Sept . 27, ’94.
A’ Chuag.
Tha a’ chuag air aon do na h-eunlaith sin a théid air imrich o aon dùthaich gu dùthaich eile. Thig i do’n earrann so do ’n t-saoghal san earrach, agus falbhaidh i gu deas mu’n tig fuachd a’ gheamhraidh. Fhad ’sa dh’ fhanas i an so, chi sinn i a’ leum a chraoibh gu craoibh: agus gach maduinn chéitean cluinnidh sinn i a’ seinn a ceileir sunndach air bhàrr nan geug. Cha ’n ’eil a’chuag a’dragh ri nead a sholas di féin; cha mhó a bheir i mach à h-àl, agus cha’n àraich i iad ’nuair a bheirear mach iad le eoin eile. An toiseach an t-smhraidh seallaidh i mu ’n cuairt di air son nid a’ ghealbhoin, no an uiseig agus an uair a gheibh i an nead falamh, beiridh i ubh innte, agus fàgaihh i an sin e gun tuille cùran a ghabhail deth. Tha an t-eun do ’m buin an nead a’gur air; agus ’nuair thig an t-àl a mach, tha a’ chuag òg a’ fàs suas, agus a’ cur as do na h-eoin bhig eile, agus air an dòigh sin a’ faotainn na nid, agus cùràim nam pàranta di féin gu h-iomlan. Le lagh nan Indhach bha a’ chuag air a meas neo-ghlan, agus air an aobhar sin bha e neo-laghail dhoibh a h-itheadh.
AN DRONN. —Bha e ’na chleachdadh aig na seann daoine ’n uair a mharbhadh iad mart no caora “an dronn,” no sgriob-an-droma, a chur air leth mar chuid a bhàird. Tha e air aithris air do neach éigin mart a mharbhadh, gu ’n d’ thainig triùir bhàrd g’a thagairt, agus bha e duilich do’n duine deanamh a mach co dha a bhuineadh an dronn agus ’s ’i ’n dòigh a ghabh e gu breith a thoirt ’s a chùis, dh’ iarr e orra le chéile ranna dheanamh agus gu ’n deanadh esan a mach an sin co dha a bhuineadh an dronn. Bitheadh a bheachd fhéin aig a h-uile neach a réir na leanas co bu chòir fhaighin; ach tha e air aithris gu h-e am fear mu dheireadh a bhuannaich.
1
O’n chuir i cos air an fheur,
’S a chriomadh i bàrr an fheòir;
Tha sgriob na druinne air mo bheul,
Eadar fhuil ’s chnàimh ’s fheòil,
2
’S math mo chòir air an dronn,
’S olc mo chòir air a’ chall,
’S toigh leam aiteal a’ chùil duinn,
’S e rium ’na dhitheannan saill.
3
Mo chridhe air chrith thu na druinn,
’S e rium ’n a dhitheannan saill,
Dh fhàg mi ’m bùrn air ghoil;
’S e chuid ’s fheàrr a letheal leinn.
Sgeul mu Ghreusaiche.
Mu thoiseach na naodhamh linn deug, bha duine ’fuireach faisg air a Bhail-Ur (Cornwall) ann an Canada Uachdrach do nach faca ’m freasdal iomchuidh companach a thoirt. Bha e ’na ghreusaiche, agus bha e ’comhnuidh leis fhéin ann an tigh a chuir e suas air pios fearainn a thog e. ’N uair bhiodh e glè thrang aig ’obair b’ àbhaist da bhi bruich buntata ’s uidhean anns a ghriosaich air clach-an-teinntein. Bha pailteas griosaich an còmhnuidh anns an t-simileir a bha cha mhor a lionadh ceann an taighe. ’An cul an t-simileir bhiodh sgonn mor de mhaide ris an cante maide-cuil, agus ri aghaidh an sguinn sin bhiodh an teine air a chumail ’na chraosatch dheirg fad an latha.
Aon latha smaoinich Domhnull agus Callum, dithis de nàbuidhean a ghreusaiche, gu ’n rachadh iad air chéilidh air, agus fhuair iad e gu trang a greusachd. Air clach-an-teinntein chunnaic iad tòir griosaich annsan robh buntàta na dinnearach air an tiodhlacadh agus a’ bruich air an socar. ’N uair bha iad beul ri bhi bruich, rinneadh áite anns an tòrr cheudna dha na h-uidhean. Bha ’ghriosach tuilleadh us teth air son nan uidhean, agus cha robh iad fad ann ’nuair a thionndaidh an t-uisge, ’tha gu nàdarrach annta, gu bhi na smùid(steam, )agus spraidh iad le fuaim mgran na bu mhodha na dheanadh urchuir musgaid, agus sgapadh, an tòrr griosaich ’s an buntata air feadh an thighe. Bha ’n greusaiche ’s a luchd-céilidh air an cuartachadh le neul de luathainn, agus bha iad aig an àm cheudna air am bualadh le frasan de ghriosaich ’s de bhnutàta teth. ’N uair fhuair an greusaiche anail a tharruinn ’sa shùilean a shuathadh, ’s e thuirt e, ’s coltas cho taingeil air, “Bless me!nach math dhòmhsa nach do dh’ ith mi na h-uidhean ud!”
D. B.
[Vol . 3. No. 14. p. 2]
DONNCHA CAIMBEUL.
BHO URSGEULAN SHEUMAIS HOGG, CIOBAIR ETTRICK.
VI.
Air do Dhonncha a bhi ’dluthachadh ri srath a dhuthchais choinnich e ri ’athair a’ gabhail a shraid-fheasgair, le ’cheann crom agus le ceum athaiseach. Cha d’ thug e an aire do Dhonncha ’s an dol seachad. “Feasgar maith dhuibh,” ars’ esan; chlisg ’athair, agus sheall e ’n a aodann le suil luainich, neo-umhailich. “Feasgar maith, feasgar maith,” ars’ esan, agus e a’ suathadh a bhathais le ’laimh, agus a’ gabhail air adhart. Runaich Donncha nach deanadh se e fein aithnichte gus am faiceadh e cionnus a bha cuisean a’ seasamh timchioll an tighe. Bhuail e gu diblidh aig an dorus-chuil airson cairtealan oidhche, ni a fhuair e gun sòradh. Ri h-uine, thoisich e air saor-chonaltradh ris na seirbhisich. Cha b’ fhada gus an d’ thainig a mhuime agus a phiuthar a stigh ’n am measg. Thug e fainear gu ’n robh a mhuime lan de ’n straic, agus de ’n uabhar aineolach sin a chithear gu tric anns a’ phrabar a gheibh togail suas gu inbhe nach ’eil dligheach dhoibh. Bh’ ar leis, gn’n robh rud-eigin taitneach ann an giulan a pheathar, ged bha i, ’reir coltais, air a riaghladh gu buileach le ’mathair, a’ teagasg dhi bhi di-measach air a h-athair, air a chairdean, agus air gach neach ’bu toigh leis. Air dhi a bhi a’ frith-chomhradh ri Donncha, oir thalaidh i ris o ’n cheud sealladh a fhuair i dheth, thainig a h-athair a stigh do ’n Chitsinn. “A Lexy, ghaoil,” ars’ esan, “am faca tu mo speuclair?” “Chunnaic,” ars’ ise; “Bha e air do shron aig àm-braiceis. “Dh’ fhoodainn,” ars’ esan, “a bhi cinnteach ciod a’ ghne fhreagraidh a gheibhinn uaitse.” “Cia mar is urrainn dhuit labhairt ri d’ athair air a leithid sin de dhoigh,” arsa Donncha; “na’m bithinnse ’n a aite, chuirinn thu far an ionnsaicheadh tu barrachd modha. Cha mhaith a thig e do mhnaoi-uasail oig, eireachdail, a h-athair aosda a fhreagairt mar sin.” “An e esan,” ars’ ise,” co nach ’eil coma air a shon? seann slaodaire gun fheumm breisleachail, gearanach neo-thoilchte, ni’s miosa na leanabh beag.” “Ach smuaintich air ’aois,” arsa Donncha; “is docha gu’n d’ thainig ioma crois a’s call ’n a charmr, a ghoirticheadh nadur duine a b’oige na e. Bu choir dhuitse, air gach achd, a bhi caomhail, urramach agus speiseil mu d’ athair,” Bha a’ bhaintighearna a’ farcluais orra, agus thill i’ stigh far an robh iad. “Oganaich mhaith, is beag na chuala tu dheth,” ars’ an seann duine, “O, na’m b’fhios dhuit mar tha mo chridhe ’g a fhàsgadh air uairibh‘ is ioma call a thainig ormsa, da-rireadh.” “O, do challdachsa,” arsa ’bhean; “cha d’ thainig call riamh ort nach robh chum do bhuannachd aig a’ cheann mu dheireadh.” “An bheil thu ’meas mar neoni,” ars’ esan, call mo mhnatha agus mo mhic ionmhuinn?” “Ach nach d’ fhuair thu bean agus nighean ghradhach n’ an aite?” ars’ ise,– “nighean nach mill do chuid mar dheanadh mac strodhail, agus bean a ghabhas curan dhiot, ’n uair nach urrainn dhuit fein sin a dheanamh; call do mhic, gu dearbh! B’e sin am beannachd is mo de na thainig riamh ort.” “A bhean chruaidh-chridheach!” ars’ esan, “co aig am bheil fios nach aisigear fhathasd air ais am mac sin a dhion ceann liath ’athar, agus gu a leagail le onoir fo’n uir.” Shil a dheoir, agus ghuil e mar leanabh. Thoisich a bhean ri fochaid air, agus a nighean’s na seirbhisich, ri gaireachdaich. “A bheistean gun mhodh’s gun iochd!” arsa Donncha, agus e aig eirigh ’n a sheasamh, ’s ’g am putadh a thaobh; “an dana leibh a bhi mar so ri fanoid air faireachduinnean seann duine, eadhoin ged nach b’ e ur tighearna agus ar maighistir a bhiodh ann? ach thugaibh an aire! ma tha aon ’n ur measg aig am bheil a chridhe a leithid de thàmailt a thoirt dha an deigh so, ròstaidh mi air an tein e.” Dhluthaich an seann duine ris, agus sheall e gu muladach ’n a aodann. “A bhaigeir bheadaidh ladarna?” arsa ’bhain tighearna, “am bheil fios agad co ri ’m bheil thu a’ labhairt?” Thionndaidh i ris na seirbhisich, agus dh’ orduich i a’ bhiast a chur a mach as an tigh agus gach cu a bha ’s an tigh-chon a stuigeadh ann. “Air d’ athais, air d’ athais, mo dheagh bhean-uasal,” arsa Donncha, “thoir an aire nach ann a thionndaidheas mise thu fein a mach as an thig so.” “Mo chreach, mo chreach! oganaich chaoimh,” ars’ an seann duine “is beag tha dh’ fhios agad ciod a tha thu ’deanamh; as uchd trocair, bi samhach; tha thu ’togail dioghaltais agus aimhleis dhuit fein agus dhomhsa.” “Na biodh eagal oirbh dheth sin,” arsa Donncha; “dionaidh mise sibh air chosd mo bheatha.” “Am faod mi ’fheoraich,” ars’ an seann duine “co thu, no ciod is ainn dhuit?” “Is sibhse ’dh’ fhaodas,” arsa Donncha, “cha ’n ’eil e beo ’g am bheil a’ choir cheudna ni sam bith fheoraich dhiomsa ’s a th’ agaibhse: is mise Donncha Caimbeul, ur mac fein!” M-m- m-mo mhac fein!” ars’ an seann duine, agus le clisgeadh buaireasach thuit e ann am paiseanadh air suidheachan a bh’ air a chul-thaobh. Ghlac Donncha e ’n a ghairdeinibh; thainig e thuige gun dail, agus dh’ iarr e air Donncha a chos dheas a rusgadh, air an robh da bhall-dorain fo ’n ghluin; agus air dha sin a dheanamh, phog ’athair e, leag e a cheann air ’uchd, agus ghuil e le aoibhneàs “O Dhe Neimh!” ars’ esan, “is fada o’n a dh’ fhoghluim mi ’bhi taingeil airson gach trocair, ach a nis tha mi taingeil da-rireadh, oir fhuaradh leam mo mhac, m’ aon mhac ionmhuinn.”
Sheall a’ bhalntighearna agus na seirbhisich an aondannaibh a cheile, gun smid as an cinn; ach chaidh Lexy air baindidh le gairdeachas gu ’n d’ fhuaradh a h-aon bhrathair—cho taitneach ’n a ghne ’s ’n a ghiulan. Anns a’ cheud dol a mach, bha ’mathair air bhoile le feirg agus le duil-bristeadh; ach air dhi deagh fhios a bhi aice nach robh foidhpe ach a bhi an eisemeil Donnchai, nochd i dha gach caoimhneas agus urram a bu dligheach dha. Fhuair e gun dail gach ni fo ’mharasglachadh fein, agus fhuair e mach, a bharr air an oighreachd a bhi saor o fhiachan, gu ’n robh suim mhor airgid aig ’athair a mach air riadh, fo bhanntaibh cinnteach, tearuinte.
Aig an am ud ’s an robh gach fardoch a’s bothan air oighreacld Ghlinn-eilich, lan gairdeachais agus fleadhachais, bha trioblnidean agus mi-fhortain a’ tuiteam, muin air mhuin, air teaghlach m’ atharsa. A bharr air caochladh fhreasdalan mishealbhach a thainig ’n a charamh, thainig e a dh-son bheum gu dorus na baigeireachd le ’dhol an urras airson caraid mealltaich, ann an suim nach robh ri’ chul d’ an t-saoghal na dhioladh i. B’ eiginn gach ni a bha ’n a sheilbh a toirt suas fo cheannas luchd-lagha. Chaidh sinne uile gu ’r dichioll a-ehdanamh na cuid a b’ fhearr de ’n t
[Vol . 3. No. 14. p. 3]
suidheachadh anns an deach’ ar tilgeadh ach threig a mhisneach ’s a thabhachd m’athair, ach beag gu buileach. Thug Mairi barrachd oirnn’ uile, le a gniomhachas dealasach ann am marasglachadh gnothuichean an fhearainn agus eadhoin le a comhairlean crionnta geurchuiseach mu nithibh eile. Bu tric a smuaintich mi mu ’n am ud, gu ’m b’ ulaidh luachmhor a leithid de mhnaoi, do chompanach adhartach d’ am biodh fior ghradh aice. A dh’ aindeoin air ’n uile oidhirpean, cha d’ fhada gus an d’ thainig ar teanntachd gu aon-cheann; fhuair m’ athair litir agartais airson suim nach bu chomasach dha a dhioladh; agus bha fiughair againn, latha an deigh latha, n’gu tugta uainn e, agus gu ’n cuirt’ am priosan e.
Latha de na laithean, air dhuinn a bhi ’n ar suidhe ’n ar seomar beag, a’ cur ar comhairle ri’cheile ciod a dheanamaid, cha b’ urrainn sinn tighinn gu codhunadh sam bith, oir bha ar cor eu-dochasach da-rireadh. Thuit sinn ann an seorsa breislich, ach air do’n uinneig a bhi togta, chunnaic sinn sealladh a thug grad chlisgeadh dhuinn agus a lion gach cridhe le doruinn—da mharcaiche ’n an deann-ruith a’ deanamh direach air an tigh. “So na maoir a tighinn,” arsa mo mhathair, “ciod a a ni sin?” Dh’ eirich sinn uile a dh-ionnsaidh na h-uinneige; ghlaodh gach aon, “Sud am fear-lagha air thoiseach agus am maor n a dheigh.” Dh’ asluich mo mhathair air m’athair e ’dhol as an t-sealladh, agus e fein ’fholach, gus an rachadh a ’cheud stoirm seachad. “Cha’n fhag mi,” ars’ esan “larach na’m bonn; cha d’rinn mi ni sam bith de ’n bheil naire orm; seasaidh mi ri aghaidh am fhir is fearr dhiu; deanadh iad nas urrainn iad.” Mar sin, cha robh dad ’n ar comas ach suidhe mar bha sinn, a’ feitheamh ris na bha gu tighinn. Gun dail, chual sinn tartar nan each aig an doras. “A Sheumais,” arsa m’ athair, “ ’s e is fearr dhuit dol agus seasamh aig cinn na ’n each, o nach ’eil neach eile aig laimh a sheallas ’n an deigh.” “Ma’s e ur toil e,” arsa mise, “feithidh sinn gus am buail iad aig an dorus.” Ach air eagal gu ’n rachaidh a chobhartach as, cha do bhuail am maor aig an dorus, leum e ’stigh gun chuireadh; chaidh farum a chos air an urlar, mar shaighid theinntich troimh gach cridhe; ann am priobadh na sul bha e stigh ’n ar measg. —Co a bh’ ann, ach Donndha! ar Donncha caomh, gradhach fein. Sgread agus chlisg na boirionnach car tiota, ach dh’ eirich m’ athair gu grad ’n a chodhail. Cha bu luaithe a ghlac e lamh dheas Dhonnchai, na bha mise an chrochadh ri ’laimh chli, agus da lamh mo mhathar mu ’mhuineal. Ann an tiota sheall e mu ’n cuairt, leag e a shuil air Mairi, agus i ’n a seasamh ann an oisinn de ’n t-seomar cho glaisneulach ri corp, agus air chrith le aoibhneas agus le ioghnadh. Gun naire no athadh, ghlac agus theannaich e ri bhroilleach i phog e i, agus mu ’n robh fios aice c’ aite an robh i, bha a da ghairdein paisgte mu ’mhuineal. “O Mhairi mo ghaoil,” ars’ esan, “cha robh mo chridhe aig fois o ’n latha dh’ fhag mi thu; cha b’ urrainn mi smid de ni’ inntinn a dheanamh aithnichte dhuit mu ’n d’ fhalbh mi, gus am faicinn cionnus a bha cuisean air thoiseach orm aig a’ bhaile.” Thug e an sin dhuinn lan chnnntas air mar fhuair e gach cuis ’n uair a rainig e a dhacdhaidh, agus mar dh’ fhagei ad ’n a dheigh. Thionndadh ar dubhachas gu aoibhneas, agus ar teanntachd gu saorsa; dhi-chuimhnich sinn gun dail, gach eiginn agus buaireas leis an robh sinn air ar fiosrachadh, augs fhuaradh sinn, aon uair eile, n’ ar còisir bheag, cho chaidreach, shona ’s a shuidh riamh le ’cheile. Mu ’n do sgoaileadh anart-buird na dinnearach, rutth Mairi a mach do’n Chitsinn a dh’ atharrachadh a deise, agus a chireadh a cinn. B’ e a’ cheud ni a choinnich a suil, duin uasal og, sgiolta ’n a shuidhe aig an teiue, le coileir sgarlaid air a chota, agus bann òir mu ’aid. Cha ’n fhaca Mairi riamh roimhe, duin’ -uasal cho finealta: rinn i ’beic gu lar dha, agus dh’ iarr i air a leanailt do ’n t-seaomar. ach le fiamh ghaire dh’ iar e gu ’n gabhadh i a leisgeul; gur h-e a bha annsan gille-coise Tighearna Chlinneilich. Dhi-chuimhnich sinn uile an dnine-uasal a thainig le Donncha.
Chaith Donncha agus Mairi greis de ’n fheasgar a’ sraidimeachd le cheile anns a’ ghàradh. An la ’r-na mhaireach, dh’ innis e do m’ pharantan an gnothuch air an d’ thainig e. Air an ath sheachdain rinneadh Donncha agus Mairi ’n an aon, ann an daimh onorach a’ phosaidh. Mu ’n tug e air falbh i o thaobh a mathar phaigh e gu fialadh fiachan m ’athar gus an fheoirling dheireannach. Chaidh mise ’n an cuideachd do ’n Ghaidhealtachd. An uair a bha mi ’dealachadh riu gu tilleadh dhachaidh cha bu ghnothuch soirbh e; cha ’n urrainn mi idir cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte leis an d’ fhag mi mo mhile beannachd aig companach agus coimhleapach m’ oige, agus aig mo phiuthair chaoin-ghradhaich, Baintighearna Ghlinneilich.
A’ CHRIOCH.
[Bha eachdraidh Dhonnachai Chaimbeil air eadar-theangachadh o’n Bheurla le “Muileach” agus air a chlo-bhualadh anns a Ghaidheal ’sa bhliadhna 1874. Chlo-bhuail sinn i anns a phaipear so air iarrtus o aon de ’r càirdean. ]
IarrMinards Liniments na gabh ach e.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 3. No. 14. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, OCTOBER 6, 1894.
THA Sina us Iapan ag obair air cogadh ach tha e glé dhoirbh fios ceart a bhi air ciamar tha dol dhaibh. Tha ’m blàr mor nara bha aca aig Pang Yang chionn da sheachdain a cosnadh moran bruidhne. Tha Iapan ag innse aon sgeul, agus Sina sgetl eile, agus tha e doirbh a dheanamh mach co aca ’s firinniche. A reir gach coltais, ’s ann le Iapan a chaidh an latha, ach cha d’ fhuair i as gun call dhaoine ’s shoithichean, ged nach math leatha sin aideachadh. Tha fhios aig Iapan gu bheil an cothrom aic’ air Sina a chionn gu bheil a cuid shaighdearan ionnsaichte, mar nach eil saighdearan Shina, agus tha toil aice buille-smachdachaidh a thoirt dhi fhad ’sa tha ’n cothrom sin aice. Tha Sina air an làimh eile suidhichte air Iapan a thoirt gu striochdadh mu’n stad i, ged leanadh an cogadh deich bliadhna fichead, agus cha’n eil teagamh ma chuireas i a cuid armailtean ’an deagh òrdugh nach téid aice air sin a dheanamh. Tha Breatunn, an Fhraing, Ruisia, us rioghachdan eile a’ feuchainn ri sith a dheanamh eatorra, ach cha deachaidh leotha cho fad so, oir tha iad taobh air thaobh deònach air a dhol ais adhart. Tha eagal air moran gu’n tig air rioghachdan mora na Roinn-Eòrpa bhi anns an t-sabaid mu’n tig crioch oirre, ach tha sinn ’a dòchas nach bi an chùis mar sin idir. Tha na rioghachdan sin an drasda mar nach biodh toil sam bith aca bhi ’san aimhreit. Tha iad a’ gabhail na comhairle a thug Clay Sgàin, “An rud nach buin dhuit na buin dha.”
Bha Fèill Halifax glé mhath ach bha moran dhe’n bharail gu fadadh i bhi gu math na b’ fhearr. Bha àireamh mhor à Ceap Breatunn ann, eadar aona cheud deug ’s tri cheud deug. Cha deachaidh ach beagan á so gu Feill an Eilein, ach na chaidh ann bha iad glé riaraichte le ’n turus. Car son nach cuireadh muinntir an eilein so fhéin an cinn cuideachd ’s nach biodh féill mhath aca ’n ath bhliadhna? Cha’n eil sinn a’ smaoineachadh gu bheil dad gus an cumail air ais ma thòisicheas iad.
’S i Beinn St. Elias a bheinn a’s àirde tha ’n ceann a tuath America. Tha i naoidh mile deug ’s coig ceud (19.500) troidh a dh’ àirde. Bha i riamh air a cùnntas a bhi ann an Alaska, a bhuineas do no Staitean, ach air do ’n chrich eadar an dùthaich sin us Canada bhi air a ruith am bliadhna, fhuaireadh a mach i gur h-ann tha i air fearam Chanada.
A CHARAID: —So agad dollar air son do phaipeir gasda chur g’ am ionnsuidh bliadhn’ eile. ’S e ’n aon phaipeir a tha mi ’gabhail as am beil mi faighinn a bheag de thoileachadh, gu h-àraid ’nuair bhios m’athair ’s mo mhàthair mn’n cuairt diom ag éisdeachd. ’N uair chuir mi ’g a iarraidh an toiseach, o chionn beagan us leth-bhliadhna, cha b aithne dhomh tri facail Gàilig a leughadh ceart, ach an drasda, leughaidh mi na h-uile facal dhe’n paipeir cho math ri fear sam bith. Tha uaill mhor orm air son a MHAC TALLA mar bu chòir a bhi air na h-uile Gàidheal aig a bheil gràdh d’a chànain féin.
Tha na tuathanaich ann an so a’ gearain air gainnead an uisge, ach cha b’ ioghnadh leam ged dh’ éireadh iad maduinn air choir-eigin ’s an talamh tuilleadh us bog. Bha ’m barr glé mhath an taobh so air an fhoghar so, ged tha cuid mi-thoilichte, gun ghuth ac’ air gu faodadh e bhi moran na bu mhiosa. Tha ’n rionnach beag anabarrach pailt anns na lochan aig an am so, na’s pailte na chunnaic sinn o chionn fhad iad. Cha’n eil mi cluinntinn iomradh air politics an drasda, agus tha mi cheart cho math dheth. Cha ’n abair mi ’n còrr aig an àm so, air eagal gu ’n toir mi mach tuilleadh ’sa chóir de rùm. Is mise leis gach deagh ghuidhe.
MICHEIL D. CAIMBEUL.
Baoghasdal.
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR,
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 14. p. 5]
NAIDHEACHDAN
THA maor ann an Matitoba, fear Seumas Mac Dhiarmaid, air an d’ thàinig dìleab is fhiach ceud mile dollar,
THA coithional Malagawatch a’ cur mu dheibhinn gairm a thoirt do’n Urr. M. A. Mac Coinnich, ministeir Ghrand River.
THA Seanadh na h-Eaglais chleireachail cruinn ann an New Glasgow air an t-seachdain so. Tha chuid a’s mo de mhinisteirean an eilein so ann, agus àireamh mhath de na h-eildearan.
BHA teine mor ann an Nanaimo, B. C., Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh agus bha dithis dhaoine air an losgadh gu bàs, agus fiach muillein dollar de thaighean air an cur ’nan luathainn;
AN latha roìmh bha fear Tomas Carr, ann an Yarmòuth a’cur bharailtean air carbad agus air dha bhi ’g obair bhrist e cùisle, agus an taobh a stìgh de dheich mionaidean thraigh e gu bàs. Bha e ochd bliadhna deug air fhichead a dh’ aois, agus dh’fhàg e bean us sianar chloinne.
CHAOCHAIL duin’ òg a mhuinntir Plaster Mines d’am b’ ainn Callum Mac Cuidhein, anns an ospidal ’an Boston air an 19mh. latha de September. Bha e tinn o chioinn dha no tri bhliadhnaichean leis a chaitheamh. Bha e ’na dhuin òg cliùiteach air an robh deagh mheas aig na h-uile. Thugadh a chrop dhachaidh agus bha e air adhlacadh ann an cladh Baigh Bhaddeck. Bha e seachd bliadhna fichead us ceithir mìosan a dh’ aois.
IADSAN a théid do’n stòr aig D. J. Domhnullach, chi iad bocsa beag anns a bheil ri fhaicinn bonn òir is fhiach fichead dollar. An deigh na bliadhn’ ùire’ am fear no ’n té aig am bi an iuchair a dh’ fhosglas am bocsa, gheibh e no i am bonn òir a nasgaidh. Ma tha thu air son iuchair fhaotainn, ceannaich fiach dollar no còrr anns an stor. Tha ’m bathar cho math ’s na prìsean cho oisal ’sa gheibhear anns a bhaile.
THA dùthaich bheag anns na h-Innsean an Iar d’ an ainm Haiti a tha air a riaghladh gu h-iomlan le daoine dubha. Is duine dubh a tha na riaghladair oirre, duine d’an ainm Hippolyte. An la romhe thugadh ionnsuidh air nighean do Hippolyte a mharbhadh. Cha’n eil fhios ceart fhathast ciod a b’ aobhar do’n ionnsuidh a thughadh oirre, ach bha ceathrar no còignear de dhaoine bh’ anns a ghuim air am feuchainn air a shon, agus aìr an cur gu bàs.
CHAOCHAIL duin ann an Chicago o chionn ghoirid d’ an b’ ainm Padruig O’ Leary. A reir coltais, cha chluinnte guth mu bhàs an duine so air feadh an t-saoghail mur biodh gu’m b’ ann leis a bha bhò a bu choireach ri Chicago a chur ’na theine am foghar na bliadhna 1871. Bhreab i lampa, agus chuir sìn teine ris an t-sabhal anns an rohh i, chuir an sabhal taighean us saibhlean eile ’nam teine agus mu’n d’fhuaireadh a chasg, bha chuid a b’ fhearr dhe’n bhail air a losgadh gu làr.
THA na tuathanaich ag obair air buain a bhuntàta. Tha cuid dhiubh a ach tha cuid eile smaoineachadh gu bheil e pailt tràth air son a bhuain fhathast.
THEICH dithìs phriosanach as an tigh-oibreach ann an Dorchester o cionn, ach rugadh orra rithìs cha d’ rinn iad bucnnachd sam bith air teicheadh; ’s aun a chuireadh bliadhna no dha eile ri ’n ùine.
PHAIGH Sir Domhnull A. Smith coig mile deug ’s naoidh ceud punnd ( £15 ,900) air oighreachd Ghlinn-comhain a cheannaich e o chionn ghoirid, Bha ’n oighreachd aig na Domhnullaich o chionn cheudna bliadhna. Tha sia mile ’s tri cheud acaire fearainn ann.
THAINIG an soitheach smùid Lucania thairis air a chuan Atlantach eadar Liverpool us New York air an t-seachdain s’a chaidh ri coig latha, seachd uairean, ’s do fhichead mionaid ’sa h-ochd. Tha’n ùine sin leth-cheud mionaid na’s lugha na thug soitheach riamh roimhe air an astar cheudna,
CHA’N eil rionnag ’san athar a’s bòidhche tha sealltuinn ’san àm so dhe’n bhiadhna na Mars. ’Si ’n aon a’s fhaisge oirnn dhe na planaidean uile, agus tha i mu ’n aon mheudachd ris an talamh. Tha na speuradairean a deanamh nach eil daoine no crenrairean béotha sam bith a chomhnuidh air Mars fhathast.
CHAIDH soitheach à St. Piorre, am Pink Quick, ghlacadh le luchd na cuspuinn faisg air Souris, E. P, I, air son a bhi toirt stuth làidir us tombaca do’n dùthaich gun cìs a phàigheadh orra. Bha mu fhiach mile dollar aic’ aia bòrd aig an àm, ’Se so an darna h-uair dhi bhi air a glacadh. Thaghail i uair us uair ann an Ceap Breatunn.
“CHA dean an t-òl ach am fear a dh’ fhaodas;” ach ’s tric leis an fhear a dh’ fhaodas tuilleadh ’sa choir dheth a dheanamh, Fhuair ferr-oibreach ann a Winnipeg dain b’ ainn Joseph Hartley dileab a b’ fhiach leth-cheud mile dollar, o chionn ghoirid, agus an la roimhe bhàsaich e anns an ospidal. Chuir e a da féin leis an ol.
THA duine mhuinntìr na h-Aimhne Meadhonaich ag ràdh gu’n deanadh e tuarasdal math latha air togail òir as a ghainnmhich air bruaichean na h-aimhne aig iochdar a chuid fearann fhéin. Ma tha so ceart, cha ’n fhada gus am bi ’n Amhuinn Mheadhonach cho ainmeil ri California ’s Australia aìr on òir.
THA iadsan a bh’ air an Fhéill ann a Halifax ag ràdh gu’m b’e ni a b’ fhearr a chord riutha fhad ’sa bha iad ann, cath a bh’air a chur eadar saighdearan-mara bhar na “Blake” agus na saighdearan-tire. Dh’ fheuch na màraichean ris a ghearastan a thoirt a mach ach an deigh blàr cruaidh a chur, b’ fheudar dhaibh an ratreud a ghaibhail.
Minards Linimentair son Loine.
An S. S. Arcadia.
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleadh a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 14. p. 6]
Oichair Dubh Bhaile-Chrodhain
Rugadh Caiptin Iain Mac-a- Phearsain an Gleanntruim am Baideanach sa bhliadhna 1724. Bu mhac e do dh-Alasdir Mac-a- Phearsain. ’Se nighean do dh-Fhear Abarardair a bu mhathair dha. Bha e de ’n mheur de Chloinn-a- Phearsain ris an abrar Sliochd-Ghilliosa. A reir an iomraidh a tha againn air bu duine e anns nach moran iochd. Ghlacadh e aon mhac banntraich cho luath ri fear eile is chuireadh e san arm e. Phos e sa bhliadhna 1777. Bha mac agus da nighinn aige. Chailleadh e ann an stoirm uamhasich an Gadhaig air an oidhche mu dheireadh de ’n bhliadhna 1899. Theirear oidhche an oichair Dhuibh ris an oidhche sin fhathasd. Bha moran dhe ’n bheachd gur h-e namhid Iob a b’ fhear-aobhir do’n stoirm.
Rugadh Calum Dubh Mac-an-t- Saoir san Dallanich an Gleann-Truim mu ’n bhliadhna 1755. Theriteadh Calum Dubh nam Protaigean ris am bitheantas. Bha e greis ann am feachd-duthcha Dhiuc Gordan. An deidh dha an t-arm fhagail bhiodh e a dol mu ’n cuairt bho aite gu aite na chleasiche ’s na fhear-nochdaidh iongantasan do shluágh. Bha ceann math is teanga mhath aige. Chaochail e mu ’m bhliadhna 1830. Co dhiu is e duine math no dona a bha san Oichair Dhubh tha ’n t-oran a rinn Calum dha a nochdadh ard chomasan bardachd. Tha e air a radh gun do rinn Calum iomad oran. Ma rinn is e ’s docha nach gabh iad faighinn. Bha bean is teaghlach aige. ’Se Sine Nic-an-t- Saoir a b’ ainm do ’n mhnaoi aige.
Call Ghadhaig.
LE CALUM DUBH MAC-AN-T- SAOIR.
FONN. —Alasdair, a laoigh mo cheille.
’S beag an t-ionghnadh mi ’bhi dubhach
’San fheasgar, ’s a ghrian le bruthach;
Dh’ fhag mulad ar suilean sruthach,
’S i ’n nolluig so ’thionndaidh ’chairt-dubh orm;
Cha b’ eiric an ait an udhir,
Ged bhidhinn gu brath ri cumha,
’S nach dig thu ’chaoidh slan le d’ bhuidhinn
’Dh’ imich do Ghadhaig nan aighean.
Nan digeadh iad slan, an Caiptin,
’M Brathach ’s Iain Og Mac-a- Phearsain,
An Granndach ’s Mac-Farlain sgairtail,
Ged nach digeadh na feidh ghlasa,
’S ged a bhiodh na miool-choin tachdte
Bhiodh eibhneas ’s gach gnuis a lasadh.
’S e ’n t-Aog a bha guineach, ascaoin!
’S truagh nach robh e ’m priosan glaiste.
Nam bu mhise maor a phriosain,
Cha n-fhaginn a chiont’ gun innse;
Mo chomhdach air paipairean sgriobhte
Air bialaobh luchd-breith’ is binne.
’S cinnteach gun rachadh a dhiteadh,
Gun cuirt’ e gu grad as an righachd,
An ceangal air slabhruidhean iaruinn,
’S a chumail annt’ leth-chiad bliadhna.
Ge boidheach gach rionnag a chi mi
Tha ’n saoghal ’na bhriagadair inntinn.
Cha n-fhaic mi thu ’siubhal frithe,
Le d’ ghunna caol ’s e reidh, diaeach
A bhuaileadh air ball na disne;
Le d’ ghillean ’s le thaghadh mhial-chon.
Tha cuaileanan gearrt’ gun chireadh
On thaisgeadh thu ’n cladh ’na sgireachd.
’Nuair ’bhiodh tu ri fiadhach beinne
’S tric a bha mise ’nam ghille,
Le d’ lomhinn, beagan air dheireadh,
A feitheamh ri fuaim do theine.
’Nuair ’stiuireadh tu e’s an eilid
Bhiodh toll air a bian le d’ pheilair.—
Marbhaich’ na h-earbaig ’s a choilich,
An dobhrain, na liath-chirc, ’s an t-sionnich.
Cha n-fhaca mi barr aig duin’ ort
A dhireadh nan carn ’s nam mullach,
A mharbhadh nam fiadh ’sa mhunadh,
A tharrinn nan lann ’bu ghuinich’,
A bhualadh nan dorn ’sa chunnart.
Deas labhirt aig mod ’s tu b’ urrinn,
Dh’aindeoin bu leat buidhinn;
’S gach cuis bhiodh morchuis is urram.
Rinn stoirm call am braigh’ a ghlinne,
’S bha cruinneachadh mor ’san fhireach
A giulan dachidh nan gillean
’S tu fhir mhoir nach gabhadh giorrag,
Marcich eich shrianich air mhire,
Ceann-feadhna an am na h-iomirt,
Ite chorra sgeith do chinnidh,
Nach d’ rinn riamh de ’n t-saoghal cillein.
Cha b’ ionghn’ thu bhi ’n tus nam fear barricht,’
’Laoich nach biodh fada mu ’n mhalirt,
’Phaigheadh fear togail na carraid;
Gur cairdeach thu ’dh-Alastir Garrach,
Do Mhac-Dhughill mor a Lathurn,
’Dh-Iarl’ Anntrum ’s do Mhac-Ic-Ailain,
’Dh-oighre Dhun-tuilm nam fear fallain,
Da ’m bu shuaineas leoghann ’s lamh fhala.
Olc air mhath le luchd do mhi-ruin,
Nam b’ aithne dhomh dheaninn t’ innse;
Pearsanach do shloinneadh direach
Caiptin thu air Sliochd Ghiolliosa
’Chiosinn am blar a bha ’m Piorait.
’Sa leag an trup Gallt gu h-ìseal.
’S Ban-Domhutllach ’thug glun is ciòchn dhuit.
Am nach a teaghlach Iarl’ Ile.
Ged a tha mi ’n drasd air m’ aineol,
’Sann a bha mi og ’nam leanabh
Air duthchas t’ athar ’s do sheanar,
Mu dheas air baile nan gallan,
Far am biodh crodh-laoigh air ghleannibh,
’S mnathan breidgheal ’fuaghal anirt
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
[Vol . 3. No. 14. p. 7]
Far am faighteadh fion gun cheannach
’S’ or ga dhioladh do luchd-ealidh:
Nam bu daoin, a bheireadh dhinn thu,
Bhiodh Cluainidh air thoiseach na strithe;
Cha b’fhada ’bhiodh t’ eiric gun dioladh,
Bhiodh tional air fir na tire.
Le caismeachd ard sgal na pioba
’Thoirt t’ aichmheil am mach gu dileas;
Mun tilleadh an cat mor ’s a tinn bhiodh
Full air an lon ’s feoil ga sioladh.
’S cruaidh an sgeul a dh’ fheumar fhulang
Mu ’n fhear threun bu shar ghlan buille;
Leann-dubh air a chloinn a dh’ fhuirich,
Tharruinn am bàs lamh o’n uilinn,
’S leag e ’m flur ’s an grainne mul lich;
Dh’ fhag sud do bhraithrean gun fhuras,
Mar Oisain ’bha ’ghnath ri tuireadh
’M dèidh na Feinne, dall air tulich.
Oid’ agus athir an fheumich,
’Dh’ fhuasgleadh air aircich ’s air eignich!
Nam b’ urrinn mi dheaninn leich dhuit,
Ghleidhinn cuach-iocshlain,’ na Feinn’ dhuit
’Thug Fionn Mac-Cumhil a Eirinn;
’S thoginn a rithisd o’n eng thu,
’S bhiodh Bail’ -a-Chrodhain fo eibhneas,
’S maithean agol do dheoch-reite.
Gu mu slan a thig e dhachidh,
Oighr’ Iain oig Mhic-a- Phearsain,
An Caiptin ’tha ’n arm Chlann-Ailpainn.
Ma bheir e an dualchas o ’athair,
Eighear am mach air thus feachd’ e,
’S biodh muirn ann an duthich nam badan;
Cinnidh fiar aig miad an dealta,
’N deidh dorcha na h-oidhch’ thig madinn.
Sheid gaoth ìs sneachd as na speuran
’Chuir an taigh-claich’ as a cheile,
’S a chuir a choignear ’nan eiginn,
Naidheachd a’s bronach ri h’ -eisdeachd
Bhur faodinn ’n ur laighe fo chreuchdibh,
Gun chomas labhirt no sgeula:
Ar dochas gun d’ fhuair sibh reite
Air sgath na fal’ a chaidh ’cheusadh.
Udhar, leon, goirteas. Ite choma sgeith, an it a’s fhearr san sgeith. Suaineas, suaicheantas. An cat, Suaicheantas Chlann-Chtain. An Caiptin tha ’n arm Chlann-Ailpain, mac an Oichair Dhuibh. ’Am blar a bha ’m Piorait. Chan fheil iomradh sam bith aginn air a bhlars o.
An Aimsir.
Tharruing na h-Eiphitich dealbh na h-Aimsir le tri chinn. An ceud cheann, eadhon ceann maduidh-alluidh ghionaich, le beul fosgailte, air son na h-Aimsir a chaidh seachad; do bhrìgh gu’n d’ith an Aimsir sin suas cuimhne gach ni a chaidh dheanamh fo’n ghréin agus nach toir i tuilleadh air ais na làithean agus an cothrom a mhi-ghnàthaich mac an duine. An dara ceann, eadhon ceann leòmhain air a chrùnadh, air son na h-Aimsir a ta làthair; do bhrigh gu bheil uachdaranachd aig an Aimsir sin air na h-uile ghnìomharaibh; agus gur e deadh bhuil a toirt aisde bheir buaidh do’n duine, agus a chrùnas e le h-urram agus le glòir. An treas ceann, eadhon ceann madaidh chealgaich, a’ sodal air son na h-Aimair ri teachd; do bhrigh gu bheil i a’ beathachadh cuid do dhaoinibh le dòchas mealltach, —g’an luasgadh thairis gu codal cealgach le a miodal, agus fadheoidh g’an tarruing gu bochdainn agus truaighe.
Tha na samhluidhean so gu soilleir a’ ciallachadh nach tig an Aimsir a chaidh seachad tuille air a h-ais, agus nach faighear gu sìorruidh greim air a’ chothrom a chaidh aon uair a chall: nach ’eil san Aimsir ri teachd ach ni neo-chinnteach, agus nach ’eil san dòchas tha i ag altrum ach dòchas saoin agus mealltach; agus air an aobhar sin gur e dleasdanas gach neach deadh bhuil a thoirt as an Aimsir a ta làthair, agus na mionaidean tha iad a’ sealbhachadh a ghnàthachadh chum leas an anama, —do bhrigh nach ’eil còir aca air mionaid roimh no an déigh sin, agus “nach ’eil obair no innleachd eòlas no gliocas san uaigh chum am bheil iad uile triall.”
Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.
Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish IAIN A. FOREY.
Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s a gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 14. p. 8]
Aireamh Fhear Dhub
A DHEAGH CHARAID; —Chedaich dhomh beagan fhacal a ràdh ri A. Mac Aoidh, á Providence mu “Aireamh Fhear Dhubhan.” Cha leig mi leas innseadh d’ur luchd-leubhaidh mar chaidh na roinn a dheanamh oir dh’ innis e fhéin dhaibh sin. So mar chuala mise iad agus ma chùnntas sibk thig an crann air an naodhamh fear Dhubhan gus nach bi aon air am fàgail ach Fionn ’s a cheithir dhaoine deug.
“Ceathrar fear Fionn fialuidh air thùs Le’n còignear dhubh ’nan déigh De luchd dhearbh chogaidh Dhubhain Dithis bho mhac Chuthail o nuadh, Fear o Dhubhan dreach-ghruaidh, Triuir o Fhionn a’s deirge dreach, ’S fear o Dubhan diùramach. Cha suidh Fionn ’sa bhrùgh bhàn, Gun dithis dhubh’ air a làimh, Gun dithis Fhionn air a leis de chuideachd an righ á Alba. Dithis dhubh’ mu Dhubhan Dìll, Aon fhear Fionn ’na fochar sin; Da laochar dhubh n’ an dàil, Dithis o Fhionn ’s fear o Dhubhan.”
Tha dòigh eile air an cur sios as fhasa na lies an rann so. lies na foghairean(vowels)a, e, i, o, u, àireamh mar so a 1, e 2, i 3 o 4, agus u 5, agus an rann Beurla so a’ ghabhail. —From numbers aid and art, never will fame depart. ’S i o a’ cheud fhoghair anns an fhacal from, agus ’s e a h-àireamh 4, agus cuiridh sin sios ceathrar gheala. ’S i ’nath aon u ’s an fhacal numbers, agus ’s e a h-àireamh 5, agus cuiridh sin sios coignear dhubha, agus mar sin air adhart gu’m bi na h-uile foghair anns an rann againn. ’N uair chùnntas sinn iad, thig an naodhamh air a h-uile fear dhiubh bi gu ’m bi iad as air fad.
BARTIMEUS
Malagawatch , Sept. 29, ’94.
THA Lachuinn Wilson, Cladach a Tuath Ghabarus, a’ sgriobhadh mara leanas:—
“Tha mi duilich nach d’ thug mi fios dhuibh roimhe so mu litir bheag a chuireadh g’ ur n-ionnsuidh ’sa mhios Mhàibh ’sa chaidh ag hadh gu robh tinneas gabhaltach anns an tigh agamsa. Cha robh sin ceart. Cha robh tinneas dhe’n t-seòrsa sin ’san tigh agam riamh ’s tha mi ’n dòchas nach bi. Cha n-eil fhios agam car son a chuirte leithid de naidheachd g’ ur n-ionnsuidh. B’ fhearr dhàsan a ghabh an dragh sgriobhadh fuireach aig an fhìrinn.
Iadsan a Phaigh.
Iain A. Mac Isaic, Sydney Mines.
Cailein Caimbeul, Amhuinn Mheadh’nach.
Somhairle Mac Neacail, do.
Callum Mac Ille-ghuirm, Valley Mills.
Niall Mac Odrum, Mineral Rock.
Niall Mac Gilleain, Fourchu.
Bean Neill Mhoireastain, Salem Road.
Murcha Mac Gilleain, Margaree .
Catriona Chaimbeul, Plaster ,
Tormod Domhnullach, Dutch Brook.
Dùghall Mac Cuidhein, Glace Bay.
Murchadh Moireastan, Sidni, (50cts.)
Iain L. MacGilleain. Mineral Rock.
Tormoid Mac Asguill, Framboise .
Iain Moireastan, do.
Micheil D Caimbeul, Baoghasdal.
D. D. Mac Pharlain, B . C. Chapel.
H. K. Domhnullach, Point Tupper.
Paduig Cash, Irish Cove, (25cts. )
Mor Nic-an Tòisich, Valley Mills.
Seumas A. Gillios, South Bar (50cts. )
Bean C. ’Ic-Gill-fhinnein, Melford .
Iain C. Gillios. Gleann-nan-Sgiathanach.
Niall Mac Gilleain, (eldear) Roseburn .
Niall Mac Fhionghain, (Tailear) Hogomah .
Dr. F. Mac Fhearghais, New York.
A. Mac Feachtain, Calumet , Mich.
Seumas Domhnullach, Boston .
An t-Urr. Iain Mac Neill‘ Cowal , Ont, (50c. )
Tormoid Murray, Montreal .
An t-Urr. D. M. Mac Eamhuinn, Antigonish ,
Callum Buchanan, Braidalbainn, E. P. I.
I. D. Mac Phàrlain, Knappa , Oregon.
POSAIDHEAN.
Aig Sidni, an 2mh. la de dh’ October, leis an Urr. Daibhhidh Hìckey, Ruairi Mac-Coinnich ri Cairistiona Nic Fhionghain.
Aig Gleann-nan Sgiathananch, air an 18mh la de September leis an Urr. E. S. Bayne, Domhnull Domhuullach ri Seònaid Ghillios.
Aig Strathlorne air an 18mh la de September, leis an Urr. D. Domhnullach, Ailein MacFhionghain ri Marsali Chamaran.
Tha Lighichean a cleachdadhM ’ds Liniment
BAIS.
Aig Port Morien, air an 28mh latha de September, Nìall Mac Gilleain, 60 bliadhna dh’ aois.
Aig Hogamah, air an 13mh latha de September, Callmu Domhnullach, 74 bliadhna dh’ aois.
Aig Amhuinn Dennis, air a 25mh latha de September Iain Mac-an-t- Saoir, 67 bliadhna dh’ aois,
Aig Sidni, air an darra latha de dh’ October, le pairileis, Samuel Howard, leth-cheud bliadhna ’sa ceithir a dh’ aois.
CHAIDH mart air an rathad iarruinn faisg air Ottawa air an t-seachdain s’a chaidh ’s chuireadh cóig carbardan fichead bhar an rathaid ’s chaidh moran dhuibh a bhristeadh.
THA Dior daoin, an treas latha fichead de Nobhember air a shónruchadh leis an riaghladh gu bhi ’na Latha Taingealachd air a bhliadhna so.
THA romhainn àireamh de dhuaisean a thoirt seachad mu bhliadhn’ ùir dhaibhsan a’s mo chuireas de ghabhaltaichean ùra thugainn ré nan trì miosan, October, Nobhember, us December. Bidh na duaisean sin air an ainmeachadh anns a paipeir air an ach sheachdain.
ANNS an Spàinn, ’nuatr a bhios duin-uasal air son toileachadh mor a thoirt d’a chàirdean, cuiridh e ’g an iarraidh agus bi’dh sabaid-tharbh aca. Tha na sabaidean glé brùideil, ach tha iad ’nan toil-inntinn mhor do na Spàinntich.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.
title | Issue 14 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 14. %p |
parent text | Volume 3 |