[113]

[Vol . 3. No. 15. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE OCTOBER 13, 1894. No. 15


AGHAELIG.

Chan eil ni air bith as còir barrachd aigheir us subhachaisfhadadh suas ann an cridheachan Gàidhealach nan cánainn mhilis, bhlasda, chairdeil fein. Tha etaitneach agus freagarrach duinn a bhigleidheadh cuimhne air seol nann àrmunn á babhaistbhi ga luaidh. Thig do gach Gàidheal gaisgeil, uasal mor-mheas a bhi aige air achainnt thaitneach, dheas-labhrach a laimhsich iomadh bàrd ann an caismeachd fhonnmhor eireachdail. Is lionmhor cliùs meas us buaidh a tha dluth-cheangailte ris aGhaelig. Thruis còinneach nan laithean liatha ma timchioll mun deirich iomradh beag no mor airBeurla no Frangais. Feumaidh sinn òige ar canain chruadalach, sgairteil, iarruidh ann an og-mhaduinn an t-saoghail. Agus mur bheil è comasach dhuinn dearbhadh a thabhairt gum bheil Bard Ghlinn-urchaidh ceart agus seasmhach, an uair tha èg radh, “Gur i Ghaelig an labhairt phriseil churamach arinn cumhnanta ri Adhamh: Gur ibu chainnt do Noah an am seòlaidh anns an airc; ’us gur ifhuair maighstireachd an uair a sgaoil na cainntean aig Tur an aimhreidh mhoir,” Co an Gall non Sasunnach as urrainn a dhearbhadh nacheil beachd Dhonncha Bhain fior? Tha Ghaelig airidh air mor-mheas, oir bi caisimeachd chaithriseach nan triath ann an iomadh talla faoilidh agus ann an iomadh spairn fhuileachdach. Tha i gun truailleadh; gun mheasgadh, treubhach, foghainteach, reachdmhor. Chan fhiach leatha cuideachadh a ghabhail bho Laduinn no bho Ghreugais. Carson a dhiarruidh i comhnadh bho chanainean a tha air freumh a ghabhail ann an tirean a bhuineadh do na Gàidheil chalma, churanta air tus. Tha luchd-labhairt na Beurla proiseil as an cainnt fein. Tha na Frangaich, ’s na h-Eadailteich eudmhorus ardanach, on tham briathran fein co snasmhor, grinn: ach cuimhnicheadh iad uile gum bheil iomadh daths an sgeadachadh riomhach a tha iad acaitheamh. Chan ann idir len solus fein a tha iad dealrach. Thionail iad an dreachs an sgiamh bho iomadh cainnt us cearna. Mar thubhairt neach dam baithne beusan na Gaelig aithris, agus a buaidhean dealbhach a ghleusadh gu ceolmhor: “An seana mhathair chiatach, lan de mhile buaidh, chaneil feum aices cha mhodha dhiarras i iasad. Tha i fein daonnan saoibhir, maoinneach, slan. Thatighean tasgaidh lan de dhfhocail ghasda.” Co nacheil fiosrach air co neo-aoidheils a tha Ghaelig ri focail choimheach. Tha i fein beartach neartmhor gu leòir, ’s cha thoir i fardach do chainnt nan coigreach, on tha Ghaelig co laidir fallain foghainteach, chaneil è idir iongantach gnn drinn na baird Ghaidhealach gniomh co treun us co euchdach leatha. Feoruichidh Sasunnaich gu tamailteachcaite am bheil ur bardachd? Chaneil dain fhlathail no orain mhilis agaibh.” Cha chuala iad so riamh iomradh air an treun ghaisgeach Oisein, righ caoin nam fonns nan caomh dhàn. Chan eil fios aca gum babhaist do bhaird na Feinne, ann an laithean nam bhiadhnachan a dhaom, ann an laithean nan sonn a bairde gniomh, achlàrsachs achruit-chuiil a ghleusadh, ’us gu ciuin farasda fial ceol eagsamhuil iarruidh air feadh torman gach teud. Chaneil fios aca gum bheil smuaintean Oisein aillidh; gum bheil èseasamh leis fein am measg nam filidheanus nacheil coimeas ann doBhard Sheallama nam feart.” Is e bardachd Oisein as sines as maisiche a tha againn. Bhaanam a siubhail ann an ceol nan dan. Euchdan nan ard-threun agus mor-ghaisge na Feinne ann an trusgain ciar achomhraig a sheinn, luadh a dheanamh air treubhantais a dhaoine fein, air an ciùineads air an càirdeas ann an sith ris abhochdus ris air lagair an cruaidal ann an stri nan lannbe so saothair Oisein. Be miannus iarrtuis na Feinne an deigh dhoibh imeachd gan ciar-thalla fein, agus am feadh bha iad asealg feidh dhoilleir nan niall, gum bitheadh an cliu ann an ceòl nan dàn, ’n a gath soluis don am nacheil beo. Sheinn Oisein nam fonn, chan ann a chosnadh clius a thoirt toileachaidh do dhaoine foghluimte, ach chionn gun robh an ni so taitneach agus tlachdmhor do anam aBhàird. Bha Oisein gaisgeil ann an smuains an gniomh. Is e nàdur féin a bu charaid dileas da. Na h-aonaichean farsuing fraochach, na sruthan fuaimneach gaireach, trathan na bliadhnas eideadh gorm nan raon, mac nan speur le chiabhan orbhuidh aruagadh air falbh dorchadais na h-oidhche, ’us an deigh dha gorm astar nan speur fhàgail, agus dol ga leabaidh anns an iar, aghealach neulachs na reultan boillsgeanta, cruaidh aspealtadh air cruaidh, gniomharan treuna na Feinne, biad so uile cairdean Oisein. Chaneil neach aig am bheil speis do fhior-bhardachd nach aidich an deigh dha smuainteachadh air linn us suidheachadh Oisein gum buin da cliu nach gann agus meas nacheil faoin. Tha e fior nacheil o cheann iomadh linn, slige no oran no clàrsach ann an Seallama, an Taura no an Tighmora. Tha e fior gum bheil iad uilen an tulaichean naine, ’s an clachannan cluainibh fein. Tha è fior gum bheil an liath-cheann an coinneach nan sliabh, gidheadh mar a thubhairt Oisein fein, ’S iad na bàird clann an ám a chaidh sios, cluinnear an guth air ard, an uair a dhaomas gu lar an siol; siol righrean Thighmora nan crann.” Co an Gaidheal nach gabh tlachd ann an dàin Oisein, us nach mothuich gaisge laidir aBhaird anns na rannan foghainteach a sheinn e?”

CONA.



[114]

[Vol . 3. No. 15. p. 2]

TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU.

AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL.

S ann a thug mi sgriob do Ghlaschus a Mhairt sochaidh a dhuine, agus mar a dthug gnothaich ann mi, ’s cinnteach gun dthug gnothaich as mi. Ciamar a thachair e! an e? Thachair e mar so, a dhuine, mata. Mar a ta fios agad, chan eil de dhfhearainn a Chruithear na mainm no na mo sheilbh, urads air an seasadh tu; agus air an aobhair sin feumaidh gach iarunn a bhi ghnaths an teine mas cum sinnn phoit a goil. ’S ged thubhairt Donncha Ban agus muinntir eile mun taillearachd, gur i ceaird Naduir, chan urrainn misechanntainn gum beil i tighnn ro nadurach dhomhsa. ’S ann orm a ruigeadh, mar a thubhairt Domhnull Ros caomh mun fhear eile

“ ’Nuairthainig thun tu (taobh) so,
Gun deanadh tu triubhsair,
Nam faigheadh tu cludan
Ri thaillearachd;
Sn uair bhiodh i fuaighte,
Bu mhiosi na buarach;
S i Briogais Mhic Ruairidh
A bfharr na i.”

Ach biodh sin maa thogras e, feumaidh sinn a bhi deanadh bhuairchean fhein, mar a dtheid againn air nas fhearr a dheanadh; ’s mar a thubhairt Mo Sheanaidhn uair a thuit e fon eallach chabairs am peathar ga ruith, “S math cobhair nam bioranan le chcile.” Faodaidh misa channtainn nach bfhiach mi cus ruith a dheanadh orm a dhi miarunn mors mo Shnathad. Mar a bha mig innseadh dhut, mata, bha mi cur luideagan ri cheile do dhfhear an Dunain o cheann ioma bliadhna, aguss in duais a bha mifaighinn uaidhe, caob fearuinn anns an curainn buntata, agus bu ghlan an duais i gun amharas. Bha fior smuid orm fhin aruamhar aon fheasgar Di-Sathuirn’, buill-tharruiun mo bhriogais ceangilttiomchioll mo mheadhon, mo bhriolleach ruisgtri aiteal na gaoith tuath agus sruthan falluis atighinn a bhad la mo leith-cheanan; bha Mor a chuairs a chlais dhomh agus iolach aic air senn. “Tha mo ghradh air an Taillear acuinneach,” ars ise, ’s itogail a ceanns a sealltainn orm direach eadar an da shul. “Thi ort Eachuinns ars ise, “nach fhada o nach cula sibh o Dhomhlur brathair?” “Thi ort, ’s fhadarsa mis. “Saoil sibh cuin a chluinneas sibh uaidhe? ars ise. “ ’Saoil sibh cuin!” ars mis. “Chan eil fios nach eil e beo no marbh,” ars ise. “Chan eil fhios nach eil,” arsa mis. Anns na facail, a dhuine, sann a gheobhainn sgobadh creithleigs as a bheirinn na buinn, mar gum biodh duinair a chaothach ann, ’s Bradaidh air a shaillean. Cha do dhaom mi gus an laimh dheas no chli, ’s cha do sheall mi romham no as mo dheigh gusn do rainig mi lamraig na Culaig, ’s gusn do leum mi air bord soitheach na smuids i direach an deigh ruighinnthug godag a bhan don t-seomar mhors cha do nochd mi mo chnuaic as ceann buird gus an robh sinn a mach dhe ceann Rudhna h-airde. Bhuail briathra mo cheile mi cho laidir, ’s gun do chuir mi romham Domhl mo Bhrathair fhaicinn, eadar dha bhi anns acholuinn no as acholuinn, mus tilginn dhiom an lurach thruaillidh seo. Cha chuir mi dragh ort, ledhol a dhiomradh air gach triohloid cuirpus inntinn a chaidh mi troimhe air an taisdeal ud, ach chrun cuir na mara agus bocanaich chraosach Ard-na-Murchan mfhein-fhiosrachadhs an fheoil. Chunnaic mi greann air Ceanna-Dhunnachaidh, muig air a Cheanna bheag agus car-ma-chraos-ain air an Duisg-lic, ach chan fhaca mi mi fhin riamh roimhe, cho fagus do dhuchd Abrahaims a bha min uair ud air airde doimhne Ard-na-Murchan. Ach, a Bhuadhaich ort! ’S e cho dlus a bha sinn air an aiteile, ’thog am falt air mo cheann, ’s a chuir a ghris troimh mfheoil. Cha robh slog anns an dtheidheadh i bhan nach robh min duil cnap a thoirt air ceann an duine shaibhir. Gu samhlachleachdadh, bha mi fad thri uairean a thim a banacharachd mu iomall saoghal nan sgails aiteal spioradan mo shinnsearachd, cuid teth tochdaidhs cuid fionnar cubhraidh mire-chuartagaich mum aghaidh. Ach gu sgeula goirid a dheanadh fada, fhuair mi na bha lathair dhiom air fabharan, air cabhsair a Bhroomielaw alr feasgar Di-ciadain. Le tuanalaich na mara agus fuaim nan cuirns nan carbadan, ’s gach gleadhraich mhi-nadarrach eile bha truailleadh mo chlaisdeachd, cha robh mi car tamull gle chinnteach an anns a choluinn nos an spiorad a bha mi. Thug mi oidhearp air a dhol a sheanachas ri iomadh dhe na bha ruith seachad orm, ach cha leigeadh a h-aon dhiubh orra gum faiceadh e mi. ’S iad tuathanaich a Bhroomielaw sluagh as mi-oileanach a chunnaic mise ribmh, a dhuine. Mu dheireadh chunnaic mi, ’spaidsearachd, sios agus suas air a chabhsair, duine mor colgail, ann an deise chaol liomhaidh ghorm, le butanan buidhe, plocan buntata slaoda ri chrios, agus colast de sheana phoit-ghuirmein air a cheann an aite bonaid. Shaoil min toiseach gum be Alasdair Ban a Loch-chrocaich a bhann, a chionn gum babhaisd dhabhidol do Ghlaschu a cheannach guirmein; ach an sin chuimhnich mi gun deach Alasdair ionraic aiseag do dhInnis-nam-flath o cheann iomadh bliadhna, agus nach burrain e bhi an Glaschu aig an am so, gu h-araidh anns a choluinn, mar a bhan duine so gun teagamh. ’S ann a dh theidheadh agam air gairm air. “Halodhuine!” arsa mis’. “Holo thu fein a dhuine! ars esan.” “Am facthu Domhl mo bhrathair?” arsa mis’— “Co?” ars esan. “Domhl mo bhrathair!” arsa mis’. “Domhl do bhrathair!” ars esan. “Sin fein!” arsa mis’. “Ciod e fios dhomhsa co e Dhomhl do bhrathair s’ ?” ars esan. “Gun cobhair e thudhuine! nach aithnicheadh tu anam duine?” ars mis. “Dhaithnichinn cuid de choluinnean dhaoine, ach chan urrainn mi cus a chantuinn mun anamaibh,” arsa fear na poite guirmein. “Ciod bu choltas do Dhomhl do bhrathair?” ars esan. “Coltas duine!” arsa nis. “Cait am beil etamhars esan. “Ann an Glaschu!” arsa mis’. “Ciod an t-aitann an Glaschu?” ars esan. “ ’S tu fein a tha tamhs a bhailes aigm bu choir fios a bhi!” arsa mise. “Tham baile farsuinnbu choir dhut ainm na sraidagus aireamh an taighs am beil Domhl do bhrathair afuireach a bhi agad mun do dhfhag thum baile, ma bha thun duil fhaighinn ann an Glaschu,” arsa Poit ghuirmein. “Am beil thufaicinn dadeiginn gorm na mo shuil? Chan ail taigh eadar amPutaigus Loch-Aillsair nach eirmisinnsair gle bheag seolaidh, agus dhaithnichinn a chuid mhor dhen luchd aitich a thuilleadh air a sin, ’s ge mor bhur bosd as a pholl-chuairtein aingidheachd so, ler turan suitheachs bhur cabhlach ghrod, cha shealladh es an uidhud a dhuine, cus nis fhearr na phoit leobach sin a a thair do cheann,” arsa mise. “Tha uidhen sin cheana,



[115]

[Vol . 3. No. 15. p. 3]

ach am beil a mhor roinn dhen t-sluagh nan leith-chiall aich?” ars esan. “Ciod a tha thu ciallachadh leis a sin?” arsa mis. “Chan eil, ach gun aithnich an seorsud a cheile,” arsa Poit ghuirmein. “Tha ni creidsinn gur ann leis an eolas nadurrach sin chuir misaithnortsa!” arsa mi fhin. “Tha thuincapable !arsa esan.” “Tha!” arsa mis. “Agus bu chiataiche dhuits ceap a bhi ort cuideachd, nabhi falbh le seana phoit ghuirmein air do cheann. Amhlair a tha thu ann, ’s ann a tha thu coltach ri balagan buachair laomaidh!” “Thig comhla riumsa,” ars esan. “Cait?” arsa mis’. “Don Ophis,” ars esan. “Am beil thu faicinn dad-eiginn gorm na mo shuil?” arsa mise, ’s mitoirt glum air mas na poit le mo bhata. Thug e sgalch a feadan buidhe bhana dhorn, a dhuine, ’s ann am priobadh na suils ann a bha mi air mo chuartachadh le neul de phoitean guirmein, ’s an aon iallt nam bial— “Oibearahend ta maidman,” ’S iad bu choltaich a chunnaic thu riamh ri sgaoth ghiomaich ògaspogaireachd ann an lod, ’s na h-uile h-aon dhiugiulan faochag mhor dhubh. Arsa mi fhin, ’s misealltiunn geal mo shuilean dhoibh— “Riabhach orlach a gheibh sibh dhe mo mhaide-sa, ’shiol nan ceanna-phocanan, ’s a chlann nam portanan tuaighealt!” Ach bha na beisdean ro lionmhor air mo shon; ’s cha robh poit a chuirinn a bhan nach eireadh tri eilen a h-aite. Bha mitimeachadh nam buillean leis a chronan so— “IomairEachuinn, —Fodha— ’Ruairidh,— ’S cas napoite, Tighnn anuachdar.” Ach mu dheireadhs ann a chaidh Eachunn fhein fodas thainig na poitean uilen uachdair. Shlaod iad eadar dha-lionn mi, dhuine, don Ophis. Air dhaibh mfhaighinn an sin, dhfheoraich coslas de chlobha-tomhais de dhfhear a bha sgriobhadh ann an leabhair a bha chearta cho mors cho leathunn ri do leabhair sgrobaireachd fhein. What ’s the charge? Breach of the peace and assulting the police!deir na poitean. “Cochuala riamh a leithid?” arsa mis’. Briseadh piosaichs a saltradh polis. Hold your jaw!arsa clobha-tomhais. Hold your jaw!usa ghlarlaich! arsa mis’, ’s mi toirt coilleag air anns a bhrusg, a chuir na luban air feadh an urlar e. Ach leum luchd nam poitean orm a rithis, ’s cha mhor nach dthug na madaidh gach iall as a cheile dhiom. ’N uair a thainig mi thugam fhin, s ann a bha mi glaistann an toll dubh udlaidhe, maille ri ainmhidh de fhear droch-bheirt, agus mo dha bhot ur air a dha spog thuaithealt. “Cuir dhiot mo dha bhot ur gu h-aithghearr a dhearg-mheirlich!” arsa mis’. “Do dha bhot ur-sa?” arsesan. “Mo dha bhot ur-sa!” arsa mis. “Sin agad da bhot ur dhuit!” arsesan, ’s e toirt breab dhomh a chuir na mo chuibhl air cul being mi. “Cia mar a tha sin a taitinn riut?” ars esan. “Direach mar a thaitneas so riuitsa? arsa nises mi toirt gleadhar air eadar an da shuil a chuir car a bhodaich dheth, ’s e glaothaich—Fire ! fire! (Shaoil leis a dhuine, gun robh an taighn a theine, leis na lasraichean a chuir mi as na suilean aige.) Cha robh mi ann, an uair a thainig eas uisga bhan a mullach an taigh oirnn, a chur a dhaithneagraichs a bhocadaich air feadh na saobhaidh sinn. Cha robh fios, co a bairdebhag eigheachesan, Fire ! fire!Foit! foit! Foiteagaidh! foit! ! na mise Tit! tit! titeagaidh! tit! ’N uair chaisgeadh an t-uisges a thair sinn forn anailsas ann a cheilebha na seoid

Lamh an iochdair, lamh an nachdair;
Guaill ri guaill ri le onfhadh.
Car le car s an aghaidh cuir;
Fasgadh dhromas camagag.
Togail obann, sgailceadh bhonnan,
Sgoltadh lobhtle garbh-chnap,
Glun air broilleach, crog air amhach;
Stararaichus aimlisg.

Leig as do ghreim!” arsan gadaiche. “An leig!” arsa mis, “bithidh mo dha bhot ur agam an toiseach!” “Bheir mise suas thu air sondefamationde charadair!” ars esan. “An dthoir?” arsa mis. “Saoil thu nach biodh e feumail dhuit thu fhein faighinn suas an toiseach!” arsa mi fhin. Achs glan a chaidh fhoillseachadh dhomhsa, gurMairg a dheanadh uaill a gairdean feola.” Or, air dhomh a bhi mealtainn ard-shuaibhneas buaidhs a chath, fosgladh Poitghuirmean an dorus, gu fealltach, ’s faigheam breabs a cheann iochdrach, a chuir mobhuilsgean tarruina thuainealaich, air choirs gun dfhuair mi mifhin steidhichtair mo cheann uachdrach ann an oisinn; ’s mas do thar mi tionndadh gu bonnchar nadurrach, bha phoits an gadaich araon air falbh. Chan urrainn mi luaidh air mar chuir mi seachad an oidhch’ ’s an toll udlaidh ghrannd ud; ach thainig an la, mu deireadh, ’s leis an la thainig trioblaidean ura. Mu naoi uaireans a mhadainn threoraicheadh don Taighmhoid mi, ’s dheigh Dlobha-tomhais a machEachunn MacUrchsOnnuill,” alais AnTaillear Mor.” Here !arsa mis. Stand up!arsam breitheamh. Dheirich mi, leubh an cleireach paipear cho fada ri mo ghirdeanga mo chaineadh fhin, ’s be sin an caineadh; cha chuala mise, ’dhuine, ’leithid de chainnt riamh.

(Ri leantuinn.)


Tha Lighicahean cleachdadhM ’ds Linimen

IarrMinards Liniments na gabh ach e.

Minards Linimentair son Loine.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige o ch mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith irt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.



[116]

[Vol . 3. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu,
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 13, 1894.

THA Times Lunnuinn, aon de na paipearan as tuigsiche tham Breatuinn, ag ràdh a thaobh a chogaidh eadar Sina us Iapan, nach biodh e gu feum sam bith do rioghachdan na Roinn-Eorpa dholsan eadraiginn, a chionn nach burrainn daibh stad a chur orra gun feachd ro làidir a chur dhan chogadh, feachd nas làidiae na ghabhas cur ann. A bhàrr air sin, ge be rioghachd a ghabhadh oirre féin a dholsan eadraiginn, dheanadh i nàmhaid ghuineach de dhIapan, an rioghachd as cumhachdaiches as fhearr tha fàs de rioghachdan na h-àirde n-Ear uile, agus cha bhiodh i agleidheadh dad dhi féin no adeanamh math sam bith don t-saoghal. Feumaidh Sìna us Iapan an cogadh achur air adhart eatorra fhéin.” Tha Iapan ag iarraidh airgid-iasaid air son an cogadh a chumail suas, ’s tha Sìna adeanamh gach ullachadh is urrainn di féin. Tha a cuid shaighdearan aig an àm so ann an droch shuidheachadh air son cogaidh, moran dhiubh aig nach eil arm as fheárr na boghas saighead. Tha e air aithris gu bheil Sìna atagradh ris a Ghearmailt air son nas urrainn dhi adheanamh gus an cogadh a thoirt gu crich.

Bha stoirm mhor aig St. Pierre oiche Mhàrt. Bha mu leth-cheud soitheach iasgaich air an tur bhristeadh agus bha co-dhiu deichnear air am bàthadh. Tha àireamh mhor de na soithichean iasgaich air nach dfhuaireadh sgeul fhathast, agus bha dha no tri cheudan de dhaoine air bòrd.

BHA eagal mor air daoinann am Breatuinn toiseach na seachdain so, gu robh i fhéinsan Fhraing ri bhin amhaichean a chéile rithist. Ach dhfhalbh an t-eagal sinnuair a chual iad nach robh dad neo-àbhaisteach eatorra. Ged a bhitheadh, tha iad nas glice na gu rachadh iad a chogadh gus am fairtlicheadh orra tighinn gu còrdadh sitheil.

CumMinard ’s Liniment ’san tigh

Chan eil cùisean ach glé mhi-riaghailteach ann an Eirinn. Riamh on chaochail Parnell, tha na fir-phàrlamaid anns an dùthaich sin air an roinn an aghaidh a chéile, air dhòighs nach eil neart sam bith annta nan duthaich féin no ann an tigh na pàrlamaid. ’S ann tre eas-aonachd a sluagh féin a thàinsg Eirinn gu bhi fo chis do Shasuinn an toiseach, aguss e eas-aon acad a sluaigh féin a than diugh a cumail uaipe acheartais a tha ig iarraidh.


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


POSAIDHEAN.

Aig Allt nan Innseanach, air a Chladach-a- Tuath, air an 20mh latha de September, leis an Urr. Iain Friseal, Murchadh Mac Aonghais, ri Cairistine Nic Leòid, nighean UilleimIc Leòid.

Aig Ceap Nòr, air an treas latha de dhOctober, leis an Urr. Calum Mac Leòid Sìmon Mac Fhionghain, ri Peigi Fhriseal, le chéile aMeat Cove.


BAIS.

Aig Iona, an 8mh latha de dhOctober, Iain S. Mac Néill, 70 bliadhna dhaois.

Aig French Road, air an 20mh le de September, Mor Dhomhnuilach, bantrach Aonghas Mhóir Dhomhnullaich, 76 bliadhna dhaois.

Aig Taobh Deas Amhuinn Dhennis, air an 30mh. latha de Sepetember Domhnull A. Ceanadach, duinùg cliùteach, tri bliadhna deug air fhichead a dhaois.

Aig Baigh Bhaddeck, air an 13 latha de September, Gilleasbuig Mac Dhearmaid, 76 bliadhna dhaois. Rugadh e anns na h-Earadh. Bha ena eildeirs na fhear-seinn ann an eaglais Bhaddeck o chionn àireamh mhor bliadhnachan. Bha ena dhuine measail, ’s dhfhàg e moran chàirdein.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR.

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[117]

[Vol . 3. No. 15. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

THA Caitlicich Eilean aPhrionnsa adeanamh deiseil gus eaglais mhor bhriagha a chur suas ann an Charlottetown.

THUIT uisge gu leòr air an t-seachdain so, agus bhan dùthaibh glé fheumach air. Ann an iomadh àite bha na tobraicheans na h-uilltan imis a bhi tioran, ’s bha aig cuid ri bhi tarruinn uisge astar mor.

CHAIDH tigh-òsda Bhras dOir ann am Baddeck, a losgadh oiche Di-luain. Thòisich an teine ann an rum cadail air an lobhta, ’s bha e air a dhol cho fad air adhart nuair a thugadh an aire dhas nach gabhadh casg cur air.

DHFHALBH àireamh de dhEadailtich, a bhag obair air an rathad iaruinn fad an t-sanhraidh, air an turus dhachaidhsa mhaduinn Di-màirt. ’S iomadh duine thuirtBliadhna mhathnan deigh” ’nuair a chunnaic iad afalbh ìad.

LE bàs bràthair-céile dhi, thainig dileab mhor air Mrs Bosdet, ann an Arichat; ’s in dileab aon de na h-oighreachdan as fhearr a tha air Jersey, agus suimeannan morairgid. Bha Mrs. Bosdet roimhe so acumail tigh-òsda ann an Airchat.

THA chùirt mhor na suidhe anns a bhaile air an t-seachdain so. ’S tric le daoine bhi fàgail air a chùirt mhòir gu bheil side bhog shliubach atighinn leatha, ach mas i a thug an t-uisge gar n-ionnsuidh air an turus so, ’s bochd nach robh i ann na bu tràithe.

THAn cogadh eadar Iapan us Sìna adol a chur suas pris na ti. Tha na ceannaichean ann am Montreal an deigh fios fhaotainn á Sina gu bheil a phris air éiridh anns an duthaich sin cheana. Cha n-fhada uime sin gus an éirich a phris anns an dùthaich so. Bidh ancupan tian uair sin beagan nas cosgaile dhuinn.

TEINE. —Chaidh ceithir taighean a losgadh ann am Port Morien oiche Di-luain. Thòisich an teine ann an tigh anns an robh Iain D. Mac Ille-mhaoil a fuireach agus sgaoil e air gach taobh gus an robh tri taighean eile air an losgadh, fear le Iain Mac Amhlaidh (Gobha) agus tigh us sabhal le Gilleasbuig Mac Fhionghain. Rinn an teine an sin greim air tigh anns an robh Domhnull Mac-an-t- Saoir a fuireach, ach fhuaireadh an tigh sin a chur as a chéile, agus chuir sin stad air an teine. Mur biodh gu robhn oiche ciùin gun ghaoth a bhi ann idir bha chuid a bfhearr dhen bhaile air a dholna smàl.

THAINIG bàs glé aithghearr air fear Iomhar Farrel, ann am Bridgeport, oiche Shatharna sa chaidh. Ghabh e shuipeir mar a babhaist, ’s chaidh e mach do stor a bha ecumail. Cha robh e ach gann air ruigheachdnuair a thuit e marbh air an ùrlar. Bha ena dhuine slàn riamh, ’s cha robh choltas gu robh tinneas sam bith air mu àm a bhais. Bha e na chaiptein soithich fad àireamh bhliadhnachans cha do sguir e dhol dhionnsuidh na mara gus o chionn ghoirid.

CHAIDH beagan bristidh a dheanamh air soitheach-seòlaidh aig drochaid nan Narrows Mhòra. Bha i air a dhol troimhn drochaid, ’s air doigh-eigin bhuail i air an obair-chlachaireachd. Chan eil an call glé mhor.

THA Iompaire Ruisia glé thinn aig an àm so. Tha na dotafrean adeanamh dheth nach mair e fada mur téid em feabhas adh aithghearr. Tha a mhac as sine, oighe chrùin gle thinn cuideachd, choinns nach eil dùil rie dhol nas fhearr.

BHAnKingfisher,” te de na soithichean beagatha Canada acumail mu chladaichean nam mor-roinnean so air son dion an iasgaich, anns an acarsaid oiche Di-ciaduinn Is soitheach seòlaidh i, achdhen fhasan ùrmar a thuirt fear de na seòladairean ruinn, agus cuiridh i barrachd astair as a deigh na chuireas iomadh soitheach a thair a cur air falbh le smùid. Bha i mun cuairt de dhEilean aPhrionnsa fad an t-samhraidh.

BHA soitheach adol suas Gulf St. Lawrence an la roimhes thainig i faisg air taigh-soluis a thair Bird Rock, eilean beag aonranach a tha ceud mill on fhearann as fhaisge air. Bha comharra aig luchd an taigh-sholuis suas ag iarraidh taghall. Rinn an soitheach sin, agus fhuair i gu robh iad gann de dhiadh. Cha robh aca ach gann na chuireadh sheachdain seachad, agus iad ceud mile bho thirs gun dòigh acair fios chur a dhiarraidh bidh. Cho luathsa rainig an soitheach port chuir i fios thun a riaghlaidh ag innse mar a bha, ’s bidh biadh air a chur gan ionnsuidh gun dàil.


Iadsan a Phaigh.

Iain I. Gillios, Meadows , Sy Forks.
A. N. Nac Fàidein, Malagawatch .
Bean NeillIc Leoid, Beinn Chain, (25cts.)
Calum Mac Leoid, Narrows Bheaga, (25c.)
Peigi M. Dhomhnullach, S . W. Margaree.
Murchadh I. Mathanach, Grand River.
Euphemia Nic Aidh, Boston .
Iain Ros. Iron Rock, Picou, N. S.
P. M. Caimbeul, M. D., Lagan , Ont.
Alasdair Kempt, Waipu , New Zealand;
Iain Rothach, Marsden Point, do.


Freagairtean.

CABAR FEIDH. —Leugh sinn do litir, ’s tha sinn a toirt moran taing dhuit air a son. Feuchaidh sinn ris na comhairlean a thug thu oirnn aghabhail. “Is math an sgàthan sùil caraide.”

IAIN ROTHACH. —Cluinneamaid uat a rithist acheud chothrom a gheibh thu air sgriobhadh. Thoir beannachdan uainn gu luchd na Gàilig anns a chearna sin dhen t-saoghal.

CALUM RUADH. —A Ghàilig a bàsachadh? Co thag radh gu bheil? Luchd na Beurla! Sin an duan a bhaig luchd na Beurla, mar a tuirt am fear eile, riamh o linn righ Calum Ceann-mor, a phòs a bhan Shasunnach. Cha robh linn uaithe sin nach robh Gháilig, a réir am barail.san, a tilgeil na h-analach, ach tha in diugh cho beòsa bha i riamhs gun taing dhaibh. Nach fhadon chual thu iomradh airaisling caillich air a dùrachd.”


An S. S. Arcadia,
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[118]

[Vol . 3. No. 15. p. 6]

ORAN NAN COILEACH.

Rinneadh an t-òran so o chionn dlùth air ceud bliadhna. Be Aonghas Mac-a- Phearsain, ann am Beinn-a- Bhaoghla, no, mar chante ris, Aonghas òg mac Aonghaisic Dhomhuillic Iain, a rinn e. Bha Aonghas ògna thaghadh abhàird. Rinn e iomadh òran, ach chan eil mòran air chuimhne dhiubh an diugh. Chaidh mac do dhAoghnas òg dom bainm Iain, gu ruige Ceap Breatunn o chionn dlùth air tri fichead bliadhna. Dhinnis mo charaide, Micheal Domhnullach, dhomh, gu bheil cuid de theaghlach Iainic Aonghais òig beò, slan, agus glé mhath air an dòigh ann an àite gun bhi fada o Mhèinnean Lorbhaidh. Ma chaidh iad ris na daoine on dthàinig iad, feumaidh gu bheil iad gu nàdurra glé gheur-chuiseach, agus deas aig àm sam bith gu ceathramh us ceathramh òrain a chur ri chéile.

Anns an àmsan drinneadh an t-òran cha robh na h-uaireadairean cho pailtsa tha iad an diugh. Cha robh uaireadair aig fear sam bith, ach aig daoine a bha os cionn achumanta, mar a bha tuathanaich mhòra, pearsachan-eaglais, maighstirean-sgoile, agus daoine don do thachair a bhith asiubhal an t-saoghail agus ag iarraidh an fhortain, mar bhaDomhull dona mac na bantraich.” Ged a bha Aonghas ògna thuathanach cho math air a dhòigh ri h-aon de sheòrsa a bhanns an dùthaich, cha robh uaireadair no cloc aige. Anns an àm ud bha daoine mòran ni ba dìchiollaiche agus ni bfhearr gu obair na tha sluagh an lathan diugh. Dhéireadh iad gu math mochs amhaduinn, gu h-àraid an àm an earraich agus an àm an fhoghair. Cha bhiodh na seana Ghàidheil air an dromannan dìreach anns na leapannan gu naoi no deich a dhuaireans amhaduinnsan àm ud idir, mar a bhios na seotairean gun fheum a tha cho lìonmhor air an taobh so den Chuan-an-iar aig an àm so.

Mu ghairm choileachs amhaduinn Di-luain, eadar dhà Shamhuinn, dhéirich Aonghas òg, agus thog e an teine, agus chuir e na ràinig aois cosnaidh den teaghlach air an cois, air dhòighs gum biodh iad deas gus a dhol a thogail abhuntàta cho luma luathsa thigeadh balt air an latha. Dheasaicheadh am biadh, agus an déigh dhaibh a ghabhail shuidh iad mun cuairt an teine gus an tigeadh an latha; oir cha robh feum sam bith dhaibh a dhol a mach gus am biodh de sholus latha aca na chitbeadh am buntàta. An uair a bha iad mar so afeitheamh gus an tigeadh an latha, thàinig isean coilich a nuas bhar na spiris air an robh, an uair a dhùisg iads a chunnaic iad solus an teine agus achrùisgein. Thòisich iad ri gairm gu fraumachs iadnan seasamh air bathais an ùrlair. Cha robb iad aon chuid math gu gairm no idir bòidheach rim faicinn; oir cha robh annta ach gurasglaich ghrannda a thug cearc a nuas ann tom fheanntag anmoch air abhliadhna. So an t-òran mar a sgriobh caraid dhomh e o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha amhrus agam gu bheil ceathramh no dhà a dhìth air.

22, 9, ’94. IAIN.


AN T-ORAN.

Di-luain is moch a dhùisgeadh
An t-sùil a bhanam cheann;
Bha dithis air an ùrlar,
S bu chùirteil leam an cainnt;
S iad aseinn achiùil dhuinn,
S bu bhòidheach leam an greann;
Gur e thog an sùnnd orm
Bhithg innsna h-ùine bhann.

Bhan coileach dubh gu spòrsail,
Se toisechadh gu ciùin,
Cur a ghùth an òrdan
Gu freagairt còmhladh dhuinn;
Nam bithinn leatsan t-seòmar
Gu faighinn òrga chionn;
Cha chualas riamh nis bòidhche
Nan ceòl a sheinneas tu.

Mo choileach dubh mar fheucaig
A dhéireas gu ro thràth;
Tha maigneadh anns an leumnaich
Ag éisdeachd ri dghuth tlàth;
S beag ioghnadh tu bhith leomach,
S ann ort than còtas fhearr;
Do neapaiginn an òrdan,
Mar neonain buidhes bàn.

N uair théid thuna do chòmhdach
Gu spòrsail air abhlàr,
S en dath a thair do chòta
Chuir maiso dshròin gu dearr;
Tha lainnir uainetòchdadh
S an eun as bòidhche blàth;
Tha cus a dhitean cuachach
O dearball suas afàs.

Gun duirt an coileach ruadh rium
S etogail suas gu féil
Gur ann domh bu dual a
Bhith cruadalach, deas, treun;
Gun cuirinn fiughair bhuadhach
Air duine oshuain gu feum,
N uair a dhéireadh gruag orm,
S a bhuailinn mo dhà sgéith.”

Cha toir mise tàmailt
Gu bràth don choileach dhearg,
S gun ort ach smachd na h-òige
S tun còmhnuidh afas calam’;
S tu gu taiceil, dùmhail
Le dchùl-spuirs le ddhà chalap’;
S gun fhitheach anns an dòthaich
Nach spùil thu— ’s tu tha garg.

Coileach nan ciamh planntrach
S gach ball dhe mar an t-òr,
Tha goic is muineal càm air,
S e gàllanach gu leòr;
Is tu gun togadh innsgin
Air duine tinn gu spors,
S e am fuaim a thìg o dchìdhlean,
Thog minntinn thun mo bheoil.

Cha toir mise uam thu,
S tu buachaillle mo chearc,
Gur onarach an céilthu,
Ort fhein a dhfhàs an tlachd,
Saoil thu nach be siad e,
Gu foinnidh, fiachail, bras;
Ged thachradh nion* an righ ris
Cha toir i chaoidh as feachd.

Nan cuirteadh ruigse nàduir
An eun an àitair bith,
Gur anns achoileach dháicheil
A thog a chàil ri meas;
A ni dhomh ceann na càraid,
S gu h-àraidsguabadh taigh;
S a ghleidheadh am buntàta,
Nam bàbhaistfhàgail ris.

On tha mi air mo phianadh.
S nach mol mi trian der gnàths,
Sguirdh mi dhem bliadhna,
Mum bi mo sgeula cearr.—
Eoin gun sgread gun sgreuchail,
Mar thogas fianuis chàich
Ga ballach, ruiteach, sgiamhach,
Gu loinneach lionta, lan.


*An iolaire.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[119]

[Vol . 3. No. 15. p. 7]

CIONTACHACH AIR MHISG.

Bho chionn mhoran bhliadhnaichean, bha ann am Baile-nach-abair-mi breitheamh ainmeil agus ro ionnsaichte anns an lagh. Bha e fo mhor cliu air son treibhdhireas agus ionracas a bheatha mar bhreitheamh; ach bha aon choire air. Bha en a fhear-cuideachd cho math gun robh e ealamh gu bhi, a dh-aindeoin a ghliocais, air a bhuaireadh gu bhi leum garadh-criche na stuamachda dh-innseadh na firinn bha e trom air an ol. Dhfhaodteadh a bhi cinnteach, am feasgar roimh an latha air am bitheadh mod ri bhi aige agus an uair a thigeadh na sgaoimirean oga de luchd-lagha a babhaist a bhi afrithealadh na cuirte cruinn, dhfhaodteadh, mar tha mi ag radh, a bhi lan chinnteachd gun geilleadh am breitheamh coir don t-seana chleachdainn, agus gum faighteadh e gu solasach, seasgairn a shuidhe ann an aon de sheomraichean arda an tigh-osda a bha air taobh elle achunic, mar gum biodh righ ann, am meadaon sgaoth de muinntir nan gruaga geala.

Thachair da a bhl anns an t-suidheachadh so air feasgar earraich, bliadhna de na bliadhnaichean. Bha e fein agus achoisir aluinn a bha leis an deigh suipeir ghreadhnach a cur thairis agus iad a nis air toiseachadh air ol agus air aighear.

A dhaoin’ -uaisle,” arsam breitheamh, “tha uine mhor a nis bho nach robh gloine cridheil againn le cheileolaimaidm an cuairt deoch-slainte an Righ,

S gun tuit an lamh bhon uilinn
De gach duine ni a diultadh’.

Tha uisge-beatha is fearr agad an drast na bha agad an uair mu dheireadh a choinneach sinn aso, a Dhomhnuill-nan-siolachan,” arsasan, agus e ationndadh air an osdair; “an deoch a bha agad an oidhche sin cha tairginn do mchu i!”

Mhol Domhnull an t-uisge-beatha, agus na thaice ghabh na feara. Cha ruigear a leas toiseachadh air a chur an ceill co ris a tha a leithid so a chodhail ann an tigh-osda duthcha coltachis leoir ra innseadh gun do thog am breitheamh fiachail air, uair eigin mu mheadhon oidhche, a dheanamh a rathaid lubaich dhachaidh mar a burrainn da. Ge ta, beagan man do thog e air, mar bha an t-olc anns na fir-lagh a bhan a chuideachd, ciod a rinn iad ach, gun eagal duine no breitheimh, gun do chairich iad na bha de spainean airgid air bord Dhomhnuill-nan-siolachan, ann am poca abhreitheimh.

Mu ochd uaireans amhadainn an latha-ar-na-mhaireach dheirich mo laochan, ghlan e e fein ghabh e a lon-maidean agus chaidh e stigh da sheomar ga chmr fein an uidheam air son dleasnasan an latha.

Tha mi,” arsesan ra mhnaoi, “ga mfhaireachdainn fein moran nas fhéarr na bha suil agam an deigh ruiteireachd na h-oidhche raoir.”

O, dhuine,” fhreagair ise, “is mithich dhuibh fas glic agus sgur den chleachdainn ghraineil sotha an aois alaidhe oirbh.”

Is faoin duit a bhibruidhihn,” ars am breitheamh, aig aceart am acur a laimh ann am poca a chota-mhoir, an uair, ciod a biongantaiche leis na greim fhaighinn air lan an dusain de spainean airgid Dhomhnuill-nan-soliachan. Thilg e mach air an urlar iad. Le gnuis lan uamhainn agus naire ghlaodh e
O Ealasaid!”
Ciod air thalamh than sin, a bhreitheimh?”
Am faic thu na spainean sin!”
An ainm an aigh, caiten dfhuair thu iad?”

(Ri leantuinn.)


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[120]

[Vol . 3. No. 15. p. 8]

Litir a New Zealand.

A MHIC-TALLA CHOIR, —Tha mi acur thugad òrdugh air an tigh-litrichean air son thasdan deug us sia sgillinnean de dhairgiod Sasunnach. Tha e bho mo charaid, Alasdair Kemp, agus uam fhéin, air son bliadhna, do gach fear againn, dhen MHAC-TALLA. Tha ar n-ainmeans ar n àitean-comhnuidh air an sgriobhadh air an taobh eile dhen duilleig. Bha mifaicinn àireamhan den phaipear a bha tighinnan taobh so gu muinntir eile, agus ghabh mi tlachd mor dhiu. Tha e cho snasail, ’s a toirt naidheachdan ar dùthcha a tha cho taitneach leinn abhigan leughadh, agus gun facal Beurla eadar a dha cheann. Tha na paipearan Albannannach gle mhath, ach cha tig iad suas ri MAC-TALLA. Tha moran de dhaoinen dùil nach urrainnear Gàilig a labhairt no a sgriobhadh gun Beurlana measg, ’s gur ann on Bheurla tha moran dhen Ghàilig air a togail. Cha n-eil sin ceart; than fheadhain a tha cantainn a leithid sin a nochdadh an aineolais. Tha MAC-TALLA fhéinna dhearbhadh air sin. ’S ann tha Bheurla gu trican eiseamail na Gàilig air son mòran de dhfhacail, an aon dòighsa tha i an eiseamail na Laidinns na Gréigis, ’s cànainean na Roinn-Eòrpa cha mhor uile.

Ged is duilich leann e, thaGhàilig adol air ais gu mor anns acheàrna so den dùthaich so. Ann am beagan bhliadhnachan eile cha bhi facal dhi ri chluinntinn idir. Cha n-eil sinn ann ach beagan de Ghàidheil, agus tha sinn air ar cuartachadh le Sasunnaich, ’s thaBheurla mar sin a toirt buaidh. Tha chuid mhor den t-seann fheadhain alabhairt na Gàilignan dachaidhean, ach glé thric, bheir a chlann, a tha gach lathan comunn nan Sasunnach freagairt dhaibh ann am Beurla. Bidh an òigridh adol on bhaile gu cosnadh, agus le cion a bhi cleachdadh cainnt am pàrantan, tha iadg a call, Tha iad acumail suas comunn Gàidhealach ann a Waipu, agus dòcha nach bi facal Gailig air a labhairt aig aon de na coinneamhan! Than toil aca ach cha n-eil an comas aca air a chainnt bu chòir a bhi aca chur an céill. Tha iad acumail suas moran de chleachdain an sinnsir. Tha mòran de na gillean òganan deagh phiobairean, agusnan sàr dhannsairean. Bidh iad gu tric acosnadh udhaisean air lathaichean-féille, air son cluichean Gàidhealach, piobaireachd, agus dannsa ri ceòl na pioba. Agus tha na caileagan a cheart cho math ris na gillean. Tha sinnethàinig à Ceap Breatuinn air ar sgapadh eadar tri sgirean agus gu math fada o chèile. ’Se Waipu an an t-àite anns am bheil de shluagh. ’N am bitheamaid uile cuideachd, bhitheamaid na bu treise anns a h-uile dóigh. Ach mar a tha sinn, tha sinn fo anacothrom mòr.

Chaochail, o chionn beagan mhiosan, ann aWaipu, Alasdair Mac Coinnich, dam bfhath-ainmam Bàillidh.” Thàinig e bhon Amhuinn Mheadhonaich( ’an C. B. ), àite bha riamh ainmeil air son fath-ainmean. Bha e tri fichead bliadhnasa naoi a dhaois, agus dhfhàg e bantrach, triùir nighean agus aona mhac. Bha ena dhuine còir measail. Chaochail mar an ceudna Domhull Mac Leòid, ceannard luinge còigeamh mac AlasdairIc Leòid (clachair) a thàinig á St. Anns. Bha e chomhnuidh anns na h-eileanan agus ann aNoumea, baile-mòr mam Frangach a chionn iomadh bliadhna. Bha e da fhichead bliadhnasa deich a dhaois. Dhfhàg eroinn dhe bheairteas da chàirdean anns an dùthaich so. Bha e glé bheairteach.

Tha mhuinntir a thainig don dùthaich so gu math cothromachnan crannchur, agus beannaichidh iad an latha ghluais iad on bhaile. Mun àm tha misgriobhadh so, tha i glé fhuar; bha sneachd aca mu thimchioll baile-mor Auckland, ach cha robh smod anns a cheàrua so. ’S ann uair ainneamhtha reothadh againnan so. Is mise do dhearbh charaid.

IAIN ROTHACH.
Rudha Mharsdan, N. Z., an 4mh latha dhen t-Sultuine, 1894.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND &CO . ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.

titleIssue 15
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 15. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page