[Vol . 3. No. 16. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 20, 1894. No. 16.
A’ GHAELIG.
Ged is e Oisein a sheinn cliu ’s a thog moladh nan looch ’s nan sonn d’ am b’ aite comhnuidh Mor-bheinn, ged a thog è dan ’s a bhuail è classach aig fleagh nan sar, ged is e ’tha ’ginnseadh duinn cia mar bhuadhaich laoich na Feinne aig Caruinn, cia mar thuit na coigrich a’ b’ airde guth roimh shleaghan sgaiteach nan Gàidheal, ged is Oisein a tha nochdadh duinn cia co meamnach, curanta ’s a bha ’n triath Cleasamor am feachd a namihdean, oir bha anam a’ lasadh gu thrian leis fein, agus a chlaidheamh a’ crith. mhosgladh gu ’cheann, tha iomadh bàrd Gàidhealach eile againn a tha measail, mileanta agus urlabhrach. Nach ciatach ’us nach tiamhaidh Miann a’ Bhàird aosda.
Rainig e feasgar a laithean. Threig a lugh ’s a threoir e. Tha è ’dortadh mach ’fhaireachduinnean cianail agus iarrtuisean ann am briathran modhail. Is è mhiann gun bi gach caraid saoghaltá ’g a leanntuinn; siubhal mall nan allt; cairdeas na greine, na sobhraichean ’s na neoineanan, clann bheag nam preas; lu-chleas nan laogh, ’us binn fhuaim geum nan aighean mear, —tha è miannach gum bi iad so uile ’g a leanntuinn.
Co a dhiultas moladh a dheanamh air gaisge ’s bàrdachd Mhairi Nighean Alasdair Ruaidh, bana bhàrd nan eileanan. Tha a dain ’s a h-orain treubhach mar bha i féin. Is i a’s ughdair do’n Talla ’m bu ghnath le Mac Leoid. Is geur ’us is muladach a tuireadh on tha Sir Tormod sar Mhac Mhic Leoid iosal. Dh-fhuadaich Mac Leoid gu eilean i. Bha ise cairdeil risan, agus chuir i ri cheile luinneag Mhic Leoid a’ moladh a ghliocais, a mhisnich, a chruadail, a ghaisge, a dhreach, a dheilbh, ’us uaisle. Choisinn a luinneag bhoidheach a saorsa dhi; chaidh i air a h-ais le deoin gu duthaich Mhic Leoid.
Bha Iain Lom am bàrd Abrach, fileanta, briathrach. Is iomadh marbhrann ’us cumha ’rinn e ’s a sheinn e. Ged nach robh è fein gaisgeil no aghartach, tha a bhardachd milis snasmhor. Is àrd smuaintean agus is flathail Gàelig a’ Phiobaire Dhoill ann a’ cumha Choir an Easainn,” a tha duilleach tormanach, gormanach, aluinn. Agus co an Gàidheal nach ’eil eolach air ainm ’s air bàrdachd Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. Dhearbh esan gu cinnteach gum bheil beachd nan daoine sin cearr, a tha ’smuainteachadh nach ’eil è comasach ni air bith àrd no domhainn a sgeadachadh le trusgan Gàelig; agus air an aobhar sin gur coir duinn a chuideachd a thréig sinn gu bueileach. Is e bàrd foghluimte ’bha ann am Mac Mhaighstir Alasdair. Cha-n ’eil neach a leughas oran an t-Samhraidh, nach faic cia co àrd-aigeannach, àrd-inntinneach ’s a bha e. Cha-n ’eil furasda buardh a thoirt air Moladh Mhoraig, an ribhinn bhuidhe bhastalach. Tha Birlinn Chlann Raonuill a’ seasamh leis fein ann an sgiamh ’s ann an treubhanis na bàrdachd.
Cha bhitheadh e ceart imeachd seachad air Iain Mac Codrum, oir bha è maith air moladh agus air caineadh. An uair a bha Seumas Mac a’ Phearainn a’ gabhail cuairt air feadh na Gáidhealtachd, a’ cruinneachadh dain Oisein chuir è cheisd so air Mac Codrum; ‘am bheil dad agad air an Fheinn?’ Fhreagair Mac Codrum, “cha-n ’eil, ’us ged do bhitheadh, cha ruiginn leas iarruidh a nis.” Tha ceisd Mhic a’ Phearsainn a’ dearbhadh gu soilleir nach robh e comasach air dain cosmhuil ri dain an treun-laoich Oisein a chur ri cheile. Choisinn Rob Donn dha fein ainm a mhaireas. Tha e soilleir au’n robh e bho thus oige deas-chainnteach agus deigheil air a smuaintean ’s a bheachdan uile chur ann an uidheam cheolmhor.
Ach am measg iomadh bàrd iomraiteach snasmhor Gàidhealach, tha aon ann d’ am buin ailleachd ro-mhor, —filidh aig nach robh comas sgriobhaidh no leughaidh, —bárd Choire Cheathach nan aighean suibhlach bárd a’ choire runaich a’s urar fonn, far am bi ’m bradan tarra-gheal le shoilisinn airgid, gu h-iteach meanbh-bhreac gu lannach dearg-bhallach earrgheal sliom: “am bàrd a mhol Beinn Dorain a tha ’gu cnocanach cnapanach, caiteanach, romach, pasganach, badanach, bachlagach, boidheach:” am bàrd a sgriobh cumha Tarlo Bhrad-Albainn, agus Cumha Chailein Ghlinn Iubhair an duine suairce foisinneach faillteach, caoimhneil, cinneadail, cairdeil; —bàrd Ghlinn Urchaidh far an cinn an-t- arbhar craobhach co caoin gheal ris a’ ghruth, bàrd ghleannain blath na tioralachd—Donncha Ban Mac an t-Saoir.
Chaidh Uilleam Ros sios do’n uaighe mum fac è moran laithean; gidheadh dh’fhag è cuimhneachain a mhaireas ’n a dheigh. Sheinn Iain ruadh Stiubhard cliu us chaoidh e gu goirt caramh Thearlaich d’ an thug e speis co mor. Eoghainn mac Lachuinn, uaill ’us onoir Lochabair, an duine uasal, foghluimte foinnidh fial; co ’n Gàidheal nach eil measail air ’ainm, an sgoilear pongail, ionnsuichte, is blath an cairdeas a bha aige riamh ris a’ Ghaelig, agus is mor da rireadh a ruin e air a son. Is esan a tha’ labhairt mar so ris an Samhradh, “a shamhraidh, gheugaich, ghrianaich, cheutaich, dhuillich, fheuraich, chiuin-ghil.”
CONA.
THA na h-ùbhlan moran na’s pailte ann an Gleann Annapolis am bliachna na bha iad an uiridh. Tha roinn mhor dhuibh ri bhi air an cur a null gu Sasuinn. Tha na h-ùbhlan glé ghann ann am Breatuinn.
Minards Linimentair son Loine.
[Vol . 3. No. 16. p. 2]
TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU.
AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL.
(Air a leanntuinn.)
’N uair a bha e deis, dh’ eigh am breitheamh—Are you guilty or not guilty? My Lord?Arsa mis. Are you guiltg or not guilty?ars esan. “Cha mhi ’n gealtair no mac a ghealtair!” arsa mis. “Na ’m b’aill le do chairdean, luchd na ’m poitean guirmein, ’s math a dh’fhaodadh iad a cheist sin fhuasgladh dhuit!” arsa mifhin. ’N uair a chual’ e so, a dhuine, chrath e cheann ’s sheall e ’n aird’ air na sailean. Ach a leithid de lachadaich ’s a bha ann an sin, cha chuala ’mac no ’n t-athair. ’N uair a thainig closd orra—ars esan, you ’re insane! “Mearachd a rithisd, my Lord,cha mhi ‘Ian Sine’ ni ’s mo na thu fhein, ach ’s mi Eachunn Mor, Mac ’Urch ’c ’Onnuill a’ Rudha-na-claiche-siomain, ’s ciod is urrainn thusa ’channtainn mu dheibhinn?” arsa mis. A mhic na ’n creach, na bha lachadaich ann roimhe, bha ialltuil ann a nis. ’N uair a chunnaic e mar a bha mifhin a deanadh ceol gaire dheth, ’s ann a dh’ ordaicheadh do luchd na ’m poitean greim a dheanadh orm. Ach gu freasdalach dhomhsa, co ’thigeadh a staigh ach Domh’l mo bhrathair, na chorp ’s na choluinn, a dhuine; ’s bho na bha e fhein ’s am breitheamh eolach air a cheile, rinn e reit’ eadar sinn; ach b’ fheudair dhomh pund-Sasunnach a phaidheadh air son an t-siabharachd a rinn mi ’meesg nam poitean guirmein. “Holo! a Dhomh’l mo bhrathair!” arsa mifhin. “Holo thu fhein! Eachuinn mo bhrathair!” arsa Domhnull. “Ciod am brosnach a ghluais o n’ bhail’ thu, gu bhi cluich ‘cus pait a dol fodha, ’s cus pait ag eiridh,’ air cabhsar Lagh-na-sguaib.” ( ’S e so is ciall do ’n ainm, Broomielaw, do bhrigh ’s gur ann leis na sguabhaichean a b’ abhaisd do mhnathan Ghlaschu an cuisean a reiteach ann.) “Mata ’bhrathair, ghluais briathra mo mhna agus m’ iomacheist mu do dheibhinn fhen o na bhaile mi, agus mu ’n fhearas-chuideachd air a chabhsair, cha do rinn mi ach fhaighneachd dhe bhurraidh do mhaor-sith, am fac e thusa, ’n uair a b’ aill leis a dhol a mhagadh orm. Ach mar a thubhairt mise ris, gu ’m b’e e fein cuisbhuirt bu mhodha, ’falbh le seann phoit ghuirmein air a cheann. Agus a bharrachd air a sin,” thubhairt mi ris. “Am b’ eil thu faicinn dad-eiginn go-m na mo shuil.” “S’ math a thubhairt thu e Eachuinn, a bhrathair!” arsa Domhnull, “agus air m’ onair gu’n d’ thug thu da shiul dhasan cho gorm ’s a chunnaic mis’, agus foghnaidh sin. ’S cinnteach leam gun do chuir thu lasraichesn tein’ asd.” “O, dhuine, rinn mi mo lamhan a gharadh riuth,” arsa mis. “Nach eil sin car laidear a bhrathair!” arsa Domhnull. “Ach eadar da sgial’ agus iomlaid sgine, cait am b’ eil do dha bhot? ’S cinnteach nach d’ thainig thu o’n taigh casruist?” “Cha b’ ioghnadh thu fhaighneach, a bhrathair,” arsa mis, “cha’, dhuine, ’n goid dhe mo dha chas, ann an Saobhaidh nan ciontach, ’s cha ’n e sin a chuid a b’ fhearr dheth, ach gun do mhaoidh an dearg mheirleach a ghoid iad orm, gun d’ thugadh e suas mi air sondefamationde charadeur, nan canainn facal gu braeh mun chuis.” “Agus ciod a thubhairt thu ris?” dh’ fheoraich Domhnull. “Thubhairt, gu’m b’e e fheindefamationcaradair bu mhodha, ’s gun deanainn a shumanadh do Dhornach chum sin a dhearbhadh,” fhreagair mi. “ ’S coltach riut e, bhrathair;” arsa Domhnull, “ach coma co dhiu, lean mise, agus theagamh gum b’ eil paidhear aig a’ bhean ann an cuil air choir-eiginn, a dhionas d’ ordagan mora o na clachan gus am faigh thu dhachaidh.” “Tha feum air a chobhair sin!” arsa mis, “agus Sabhalaidh sin mo bhonaid dhomh,” (or, bha mi ’n de cho-dhunadh gun d’ tigeadh orm da chuaran a dheanadh dhith,) Lean mi e, dhuine, ach shaoil mi nach ruigeadh sinn an taigh idir, ’s gur ann a dh’ eirich do Dhomh’l mo bhrathair ’s dhomh fhin mar a dh’ eirich do Mhurchadh Iomhar ’n uair a chaidh e dh’ iarraidh cliabh moine do na mhinistear. So mar thachair do Mhurchadh mata. Dh’ fhalbh e gu h-iollagach ’s a mhadainn mhuich ’s a chliabh air a ghualainn: thainig e air ais’s an fheasgar anmoch, le chliabh air a ghualainn, cho falamh ’s a bha e ’n uair a dh’ fhalbh e. “Ciod a thachair riut a Mhurchaidh!” arsa ’n t-Urramach ris, “chuir thu sinne fo mhoran ionngain.” “A’ Ruighe! ’s ann a dh’fhalbh a chruach.” arsa Murchadh. “ ’S ge do bha mi ’n toir oirre bho mhadainn, cha d’ fhuair mi fios na faoidh oirre. ’Saoil sibh fein cait an rachadh i!” Ach rainig sinn taigh Dhomh’l mo bhrathair mu dheireadh; ’s an deigh dhuinn ceartas a dheanadh do dhiothad thaiceil thomaltach, ’s ann a theireadh mo phiuthar-cheile. “Fhir-an-taigh’! nach ann is coir dhuibh a dhol a thoirt sealladh air a bhaile dha bhur brathair.” “O! bhean gun eolas!” deir Domhnull, “Ciod a ta anns bhaile so is fhiach a dhol a chomhead?” “Ud, a dhuine, tha sibh dochair! Nach fhiach na tha dh’ or ann an Sraid Earraghaidheil a dhol ga fhaicinn, ’s nach fhiach “Bhocsbhurcs’ Mhic Leoid a dhol gu ’m faicinn,” ars ise. “Bhithinn da riridh air son a dhol do na Bhocsourcs,” arsa mifhin. (Oir bha mi ’n geall air bocas no dha a thoirt dhachaidh gu Mor, gu bhi cumail a cuid cluaimh annt, bho nach robh aic ach seann chriathar air son a ghnothaich sin.) All right!arsa Domhnull, ’s as a thug sinn.
Chaidh sinn a bhan sraid a Channanaich, sios sraid Earraghaidheil; agus ge do tha mo cheann liath ’s mo chiabhag maol, ’s fheudair dhomh aideachadh nach fhaca mi a leithid de shealladh bho ruigte ’s a choluinn mi, no fada roimhe sin. Cha robh uinneag ann nach robh cho mor ’s cho leathann ri seol-toisich eanstraich! ’s na h-aile h-aon dhiu a dh’ aon mhir. Ach ge do bha sin iongantach, ’s e bha miorbhuileach na bha ri fhacinn annta. C Bhuadhaich ort? na bha dh’ or, a dh’ airgead, a dh’ umha ’s a chlachan luachmhor sgaoilt air feadh nan uinnaagan ud, cha chreideadh mac duin’ e. Bha slabhraidhean or ann, a dhuine, dheanadh buill-acair do Bhata Buidhe ’Ghreumaich. Uaireadairean oir, cho buidhe ’s cho leathainn ri cairtiuil Mhurchaidh Shinglear (mullachag cbais?) Braisdeachan buidhe donn ’us lachdunn, o mhiad bonn grot gu leud guite, ’s gach ni a’ urrainn mac duin’ ainmeachadh agus moran a thuilleadh sin. An deigh dhuinn a bhi sgith, a coimhead or ’us airgead, rinn air na Bhocsbhurcs, ’s thug reis a staigh. Ach a’ dol an aird’ a cheud staidhre, ’s ann a chidhinn fhin duin’ uamhasach os mo chinn, air a chomhdachadh ann an deise lannach bhuidhe, cho coltach ’s chunna tu riamh ri lurach Carbhanaich, agus cliadheamh ruisgte ’n a dhorn. “A mhuire ’s a Righ” ghlaodh mifhin, ’s mi deanadh greim bais air Domhnull “tiorc sinne.” “Chan fheagal dhuit” arsa Domhnull,” chan eil ann ach deilbh balbh nach
[Vol . 3. No. 16. p. 3]
urrainn dochunn sam bith a dheanadh ort. Chaidh sinn’ an sin air ar ’n adhairt, ach cha do leig mi as mo ghreim de Dhomhnuil, ’s chaidh na ’r seoladh do rum mor farsuinn, a bha lan fhear ’us bhan, dhe gach seors’ ’us staid o’n righ air a chaithear, gus an ionad is isle measg chlann daoine. ’N a dh’fhosgail an sealladh ud air mo radharc, a dhuine, cha mhor nach do dh’fhannaich mi ’s thoisich mi air mo chath-bheannachadh, oir shaoil mi gur ann an Caithir Shith a bha mi. “A Domh’l mo Brathair!” arsa mise, ’s mi teannachadh a bhun-duirn, (a dh’ fhiachainn am faighinn cnamh ann) “innis dhomhs’ an e thu fein a tha agam, ann ad chorp ’s na do choluinn, no an e do spiorad a th’ ann!” Thug e lachan mor gair’ as, a dhuine, ’s thubhairt e. “Tha mi creidsinn gu’m b’eil sinn le cheil’ ann, Eachuinn. Ach ciod a tha thu farachadh? an ann a’ dol a bhriseadh mo ghairdean a tha thu!” ’N uair a chuala mi so, dh’ fhaithnich mi gu ’n robh farachadh aige ’s ghabh mi misneachd. Thug sinn car tiomchioll an rum. Bha iad ann an sin nan sreathan, a dhuine, mar sgairbh air sgeir, ’s am Brod-garbh croicht’ ri broilleach gach aon dhiu. “Cha’n fhaod e bhi,” arsa mise, “gu’m b’ eil na tha so ag ionnsachadh an Aibideal cearta comhla?” Bha mhiad ’s nach robh air a bhrodgharbh dhiu a falbh mu’n curirt ’s a comhradh, ach bha cach mar a thubhairt mi cheana, cho samhach ’s cho stuidire ri sgairbh a Stacain uaine. “Co am fear a ta’n sud?” arsa mise, ’s mi tomhadh ri duine min, maisneach ann an deise seoladair. “Tha Garibaldi,” arsa Domhnull. Chlab mo chridhe, a dhuine, la eibhneas, an uair a chuala mi gur a Garibaldi a bh’ ann, na chorp ’s na choluinn, agus bhuail agam gu’n canainn facal no dha ris, mu staid na Gàidhealtachd. “Holo! ’Mhaig’st’r Garibaldi!” arsa mis, ach cha d’fhuair mi “holo,” air ais. Chuimhnich mi’n sin, gu’n robh e bodhair le fuaim na ’n gunachan mora. “Holo, Mhaigh’st’r Garibaldi!” ghlaodh mi rithis aig aird’ mo ghuth, ach ’s ann a chaidh mo fhreagairt le co-sheirm ghaireachdaich as gach cearnaigh dhe ’n taigh, anns na dh’ aonich na h-uile, ach luchd a bhrod ghairbh. Phut Domhnull mi ’s thug e thaobh mi. Ars’ esan “nach d’ thu a nairich air thalamh mi le do holo-arachd;” cha’n eil anns an rud sin ris am b’ eil thu glaodhaich ach iomhaigh leaght, deilbh balbh, bodhair, obair lamhan dhaoine.” “Nach d’ thubhairt thu fein riumsa, gur e Garibaldi a bh’ ann,” arsa mis. “Thubhairt mi sin cheana, ach cha robh mi ’n duil gun gabhadh tusa ri iomhaigh leaght’, ann an ait’ anam duine!” arsa Domhnull, “Ach leig ort gur ann an di-bhearsan a bha thu,” ars esan “mas gloc na du-ghoill os ceann d’ aineolas.” “Bheir mi sin fainear,” arsa mis, “Ach ’s duilich leam a chreidsinn gu’r e aon chuid, deilbh leaght’, no snaidh’t’ e, or, tha mi lan dhearbht’ gum faca mi e priobadh orm.” “Tha do reasan a priobadh ort!” arsa Domhnull. Chuir e moran cachdain orm, am ball-magaidh a rinn mi dhiom fhin, ’s chuir mi romham nach tuitinn ’s a mhearachd cheudna rithis, ach cha do leig mi dad orm. Bha sinn a dol mu’n cuairt a’ measg nan iodhalan ’s an luchd aoraidh. Bha Domhnull a sealltainn dhomh fhin righean ’us bann-righean, gaisgich threuna ’s a toirt eachdraidh dhomh mu’m beatha ’s mu’m bas. Sid chunnaic mi fhin ’lamh rium, deilbh leaghte, agus a dhuine, b’ e sealladh bu tiamhaidh a chunnaic mise riamh, bha ceart iomhaidh ’n Fhir-Mhillidh air, le aghaidh bhuidhe poreasachd, a shuil ghleon, fiasag phiollagach bhuidhe-lachdunn, car na bhial, agus cuaile mor bata na dhorn. “A Domh’l mo bhrathair,” arsa mis, “nach d’thig thu ach am faic thu Iudas Iscariot.” “Tha mi fada na d’ chomainn,” ars an deilbh ’s e togail a bhata gu mo smaladh. “Righ glac m’ anam!” arsa mise, ’s mi ’toirt na’m buinn asam. Ghearr mi direach triomh theis-mheadhon na ’n iomhaidhean leaght’ ’s na ’n deilbhean snaidht’. Chuireadh e eibhneas air do chridhe ’dhuine, ’n sgrios a chuir mi air deé na’n cinneach na mo dheifir; ach gu gan-fhortanach dhomhsa, bualam clab mu char an glacaibh deilbh iargalt na deise charbhanaich. Sid car mu char leis an staidhre sinn, gus an deach a sinn nà uar spainean air leac an doruis. Chaidh tuaineal orm, a dhuine, ’s bhruadair mi gun robh mifhin, gadaiche nam bot agus Iudas, a plubhartaich ann am fomhair de phoit-ghnirmein, ’s Garibaldi ga na ’r cuir troimhe cheile le ramh. B’ e stararaich Dhomhnuill a tighnn a bhan a staidhre ’dhuisg mi. Cha luaith ’a thainig mo bhuadhan air an ais, na thug mi reis asam ’us Domhnull ’n a mo dhidh. Rug e air chul amhaich orm a’ dol suas caol-shraid, ’s bhruth e mach eadar fhiaclan, “A dhuine thoirmisgt’! an ann a do a chiall a tha thu?” “Cha’n eil e mi-choltach ris, ’n uair nach aithnich mi na beo a measg na’m mairbh!” arsa mis. “Coma co dhiu a brathair,” arsa Domhnull, “aithnichidh tu bho cheil’ iad an ath uair, cha ’n eil thu fhathast ach ain-eolach air cleasachd na ’m bailtean mora.” “Cha’n eil, a brathair, agus fanaidh mi mar sin— ’Buailidh cumhail bheag cumhail mhor’ mas fhaicear mis ann an Bhocsbhorcs a rithist.”
(Ri leantuinn.)
Tha Lighic ahean cleachdadhM ’ds Linimen
IarrMinards Liniments na gabh ach e.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.
A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.
Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.
Call and Examine Stock.
Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige o ch math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil e ’ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, s’ cor dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
[Vol . 3. No. 16. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25
Tha ’phris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.
Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealand ’s an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.
Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig g’ ar ’n ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh d’ an duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
Editor “Mac-Talla,”
Sydney Cape Breton.
SIDNI, OCTOBER 20 1894.
’Se n cogadh an aon sgeul. Cha’n eil cinnt sam bith air ciamar tha dol dhaibh-san a tha ris. Cha’n eil dòigh no innleachd aig luchd nan naidheach a dhol na’s tinne air a chogadh na dha na tri cheudan mile, ’s na naidheachdan a gheibhear bho Shina ’s bho Iapan fhéin, cha’n urrainnear moran creideis a thoirt daibh. Tha sgeul Shina calg-direach an aghaidh sgeul Iapan, ’s tha ’n darra h-aon cho firinneach ris an aon eile. ’Si bharail a a th’aig a chuid a’s mò co-dhiu, nach eil an cogadh ach na fhior thoiseach, agus ’nuair a thòisicheas e da-rireadh nach bi Sina idir cho fad air deireadh ’sa bu mhath le feadhain a thoirt orinn a chreidsinn. Ach ’s glice dhuinn foighidinn a dheanamh, agus gun fàisneachd duine sam bith a ghabhail mar fhirinn. Tha e air a radh “gu faighear deireadh gach sgeòil a nasgaidh.”
THA ’n cruithneachd ’s am flùr an’abarrach saor am bliadhna, agus ’s ann a sior dhol na’s isle tha phris. Gheibhear barailte flùir ann an Sidni an diugh air $3 .50, pris air nach fhacas aiamh roimh’ e. ’S math an t-àm a thàinig e gu bhi cho saor, tha ’n saoghal an deigh bliadhna chruaidh a chur seachad, obair us airgiod glé ghann ann an iomadh cearna. Na ’m bitheadh biadh cho daor ’sa bha e iomadach bliadhna, ’s iomadh àite anns am biodh gort.
CumMinard ’s Liniment ’san tigh.
DUAISEAN
dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra do ’n MHAC-TALLA eadar so us Bliadhn’ Ur. Bheir sinn do ’n neach a gheibh an àireamh a’s mò a cheud duais, an neach a’s fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach a’s fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.
I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair Gàilig ’Ic Ailpein.
Bidh iad againn ro ’n bhliadhn’ ùir, ’s bidh iad air an cur g’ an ionnsuidhsan a choisinn iad cho luath ’sa bhios fhios againn cò iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn do’n phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan a’s fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd.
Leabhar Ur Gailig.
“Laoidhean agus Dain Spioradail, air an tional, agus àireamh mhòr dhiubh air an eadar-theangachadh leis an Urramach nach maireaun Gilleasbuig K. Mac-Caluim, M. A., LI. D. Air an ullachadh agus air an cur a mach fo laimh Iain White.” Tha an leabhar so air ùr thighinn am mach. Tha ceithir cheud laoidh ann air am eadhar-theangachadh o’n Bheurla, de na laoidhean as bitheanta th’ air an cleachdadh anns na h-eaglaisean ’s anns na sgoilean Sàbaid, a bhàrr air àireamh mhath de iaoidhean na Gàidhealtachd féin. ’Se air barail gu bheil an t-eadar theangachadh air a dheanamh glé mhath. Bu mhath leinn an leabhar a bhi air a chraobh-sgaoileadh gu math. Tha a air a chur a mach le A. Sinclair, 10 Bothwell Street, ’an Glascho.
Iadsan a Phaigh.
A. Moireastan, Great Falls, Mont.
D. B. Domhnullach, Birch Grove, C. B.
Joanna B. Mhoireastan, North Gut.
Ceat A. Pheutan, Beatonville .
Micheal Mac Neill, Piper ’s Cove.
D. A. Màc Gilleain, Stirling .
Iain E. Mac Leòid, Ingonish .
F. D. Caimbeul, Middle Cape.
Alasdair Caimbeul, Brook Village.
Donnach Mac Coinnich, Milton .
Calum Mac Neill, (Gobha) Reserve Mines,
Bean Aonghais ’Ic Fhionghain, Roseburn .
Fionnladh Moireastan, L ’Archeneque, $2 .00.
JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR.
Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .
Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhi ’ga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,
CHEAPSIDE WAREHOUSE.
D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.
Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETER’S, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.
Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.
SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE
D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.
Leabhraichean Gailig.
RI ’N REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa ri’n reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdain ’san aite cheudna.
[Vol . 3. No. 16. p. 5]
NAIDHEACHDAN.
CHA’N eil am “Marion” gu bhi dol troimh na lochan ach aon uair ’san t seachdain ’an deigh so. Bidh i a’ fágail a bhaile so gach maduinn Diordaoin.
Chosg e coig mile deug dollar do bhaile Winnipeg cur as do ’n bhric an uiridh. Tha seanairean a bhaile nis dhe ’n bharail gur còir do riaghladh Chanada an t-suinn sin a phàigheadh air ais daibh.
Bha pàisde tinn leis an amhaich ghoirt anns a bhaile air an t-seachdain s’a chaidh, ach tha e nis air a dhol am feabhas. Tha ’n teaghlach co-dhiu air an cumail a stigh gus am faicear an gabh gin eile an tinneas. Cha’n eil ach ùine ghoirid o’n thàinig iad do’n bhaile.
CHAIDH pàisde le Uilleam Carter, ann am Meinn a Reserve, aois da bhliadhna, a sgàlldadh gu bàs Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Thuit e ann am poit de dh’ uisge goileach a leig a mhathair as a laimh aìr an ùrlar, agus chaidh a losgadh cho dona ’s gun do dh’eug e an ath latha.
CHAIDH tòrr mor guail a chur a mach á Meinn a Reserve, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Cha robh e ach làn da charbad goirid air ceithir cheud deug tunna (1400). Mur e so an obair latha ’s fhearr a rinneadh riamh ann am méinn ghuail ’an Ceap Breatunn, tha e glé fhaisg air.
Tha seachd mile mulchag chàise air an càrnadh suas ann an Charlottetown, ’s tha tuilleadh a’ dol ris an àireamh gach seachdain. Bha iad air an deanamh ré an t samhraidh ’s an fhoghair ann a’ factoridhean an eilein fhèin. Cha’n eil ach beagan bhliadhnachan o’n chaidh a’ cheud fhactoridh a chur suas.
AIG a chùirt mhòr air an t-seachdain s’a chaidh, fhuair fear Ioseph Hart da bhliadhna gu leth dhe ’n tigh-oibreach air son meirle; fhuair Ioseph Bonnain, Glace Bay, tri miosan dhe’n phriosan air son losgadh air Iain Doyle ’s iad an an sabaid; agus fhuair Iain Doyle (og) da mhios air son a bhi ri Bonnair anns an t-sabaìd cheudna.
CHAIDH Robert Wallis, a bha ’na fhear-inneal(engineer)air bòrd soitheach-smùid, a bhàthadh aig laimhrig a ghuail am Port Morien aon oidhche air an t-seachdain s’a chaidh. Tha iad a deanamh dheth gur e tuiteam le cliathach an t-soithich a rinn e ’s e ’dol air bòrd air feadh na h-oidhche. Tha cuid ag ràdh gu robh ’n daorach air.
THA Mr. Walter Ros, aig a bheil deagh theisteanas bho luchd-teagaisg ciùil ann a Halifax ’s an àitean eile air tigh’nn a Shidni, agus tha e ’teagasg seinn, agus cluich air Organ ’s air Piano. Tha e cuideachd a toirt leasanan ann an leasachadh ’s an neartachadh guth(voice culture). Tha e air iarraidh orra-san leis ’m bu mhath a dhol a dh’ ionnsachadh aige, taghal air, agus gheibh iad gach fiosrachadh a bhios a dhìth orra thaobh phrisean, etc. Tha e fuireach ’san tigh a’s fhaisge do’n eaglais ùir Bhaistich, a deas oirre.
CHAIDH gille beag, Uilleam Reynolds, a mharbhadh le gunna ann an tigh ’athar, am Port Hawkesbury, Di-haoine air an t-seachdain s’a chaidh. Bha e tearnadh bhar na lobhta air fàradh agus thuit e ’s bhual e ann an gunna a bha ’na sheasamh ris a’ bhalla. Dh’ fhalbh an urchuir, ’s chaidh am peileir ’na thaobh, ’g a mharbhadh air ball.
CHAIDH iolaire mhòr a mharbhadh faisg air Baddeck o chionn ghoirid. Thomhaiseadh i seachd troidhean us ochd òirlich eadar bàrr an dà sgéith. Tha i nis aig fear ann an Sidni Tuath, ’ga cur suas air dòigh ’s gu faic muinntir an àite co ris a tha i coltach. Cha’n eil an iolaire ach glé ghann anns an dùthaich so ’s cha’n eil teagamh nach eil sinn cho math dheth.
CHAIDH da thigh dheug air fhìchead a a losgadh gu làr ann am Port Morien, mu mheadhon oidhche Shathurna s’a chaidh. Cha robh duine fuireach annta, ’s cha robh annta ach seann taighean. Bhuineadh iad do mhéinn a Bhlockhouse, agus cha d’ rinneadh feum sam bith dhiubh o’n sguir a mheinn a dh’ obair. Tha iad a’ deanamh mach gu’m b’e cnapaich ghillean a chuir teine riutha.
CHAOCHAIL fear Donnacha Mac Nèill, a mhninntir an eilein so, air bòrd na soitheach-smuide “Halifax” air an turus mu dheireadh a chaidh i gu Boston. Bha e o chionn àireamh bhliadhnachan a còmhnuidh anns na Stàitean ach air dha bhi ’g obair tùilleadh us cruaidh, ghabh e droch thinneas ’s thàinig e dhachaidh air son a shlàinte. Cha deach e dad na b’ fhear, ’s air a thurus air ais chaochail e.
CHAIDH gill’ òg Alasdair Mac Aonghais, aois shia bliadhn’ deug, a mharbhadh ann am Meinn Victoria, feasgar Di-luain. Bha e ’g obair le each, agus an deigh dha obair-latha a dheanamh, chaidh e thoirt na h-acuinn bhar an eich. Air dha bhi tearnadh as an tuba, thug an t-each leum air adhart, s thuit esan eadar am tuba ’s am balla, ’s bha e air a phrannadh cho dona ’s gu’n d’ thug e bhàs an ceann beagan mhionaidean.
Dh’fhalbh seann duine da’m b’ainm Iain Pertus, caiptein soithich, á Poulamond ann an Siorramachd Richmond, o chionn ghoirid gus a dhol dh’ an Fhraìng air toir-dìleab a bha ’tighinn air. An deigh dha bhi ochd no naoidh de lathaichean air a chuan chaochail e. Bha e ceithir fichead bliadhna dh’ aois. ’N uair fhuair a bhean sgeul a bhàis, dh’fhàs i tinn, agus chaochail i Di-luain s’a chaidh. Thàinig iad a nach as an Fhraing o chionn leth-cheud bliadhna.
RINN an stoirm a bh’ ann oidhche Mhàrt air an t-seachdain s’a chaidh, ’s air an d’ taugadh iomradh goirid anns a phaipeir so, call mor mu chladaichean St. Pierre agus nan Stàitean a tuath. Bhristeadh mòran shoithichean, bhàthadh àireamh dhaoine, agus tha soithichean eile air nach d’ fhuaras sgeul o’ n bha ’n stoirm annn, ’s tha e ro choltach gu robh iad air an call. Cho fad so sheachainn an stoirm Ceap Breattunn gu math, ged bha ghaoth làidir gu leòr toiseach na seachdain so.
An S. S. Arcadia,
THA’N ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Ann’s, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Dior-daoin.
P . KERR,
Maighstir.
SANAS.
Bathar Ur na h-uile Seachdain.
Na prisean na’s isle na bha iad riamh.
Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.
Tha Gailig aig na cleirich.
STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich
Taillearachd.
Tha’n stor-taillearachd a bha ’sna bliadhnaichean a dh’ fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.
[Vol . 3. No. 16. p. 6]
CIONTACH—ACH AIR MHISG.
(Air a leantuinn.)
“An d’ fhair mi iad? Nach eil thu a’ faicinn ainm Dhomhnuill-nan-siolachan orra? Ciod a th’ agad air no dheth ach gu’n do ghoid mi iad!”
“Ghoid thu iad?”
“Ghoid, gun teagamh sam bith!”
“A dhuine mo ghaoil, cha ’n urrainn da sin a bhith! —co uaith?”
“Bho Dhomhnull-nan-siolachan thall a, sin; tha ’ainm orra.”
“A righ ’s a Ridire! Ciod an aona bhuaireadh a thainig ort?”
“Is furasda sin ìnnseadh dhuit, mo chreach! bha mi air mhisg an uair a thàinig mi dhachaidh, nach robh?”
“Cha ’n fhacas riamh air atharrachadh thu an uair a gheobh thu am measg nam fear-lagha sin.”
“Ach an robh mi trom air mhisg?”
“Bha thu, gu dearbh.”
“An robh mi gu sonruichte air mhisg?
“Bha thu cho làn ri buideal, agus cho stallachdach ri laogh-gogain.”
“Bha mi ’smaointehchadh sin;” ars’ am breitheamh ’se tuiteam ’na shuidhe ann an cathair fo bhuaireas mor— “bha fhios agam gu ’n tigeadh e gu so air a’ cheann mu dheireadh. Bha mi riamh fo amhrus gu ’n tachradh breamas air chor-eigin dhomh—gu ’n deanainn ciorram air cuid-eigin na ’n eireadh orm—ach cha do shaoil mi riamh gu ’m faicteadh an latha anns an tuitinn cho iosal ’s gu’m bithinn ciontach de ghadaidheachd!”
“Ach cha ’n eil fhios nach faod mearachd eigin a bhi anns a’ ghnothuch.”
Cha ’n eil’ cha ’n eil. Tha làn fhios agam cia mar thachair e. Tha ’n slaightire sin, Domhnull-nan-siolachan, a’ reic an aon uisge-beatha a’s truaillidhe a dh’ òl mac duine riamh—uisge-beatha a bheireadh air duine gniomh tàmailteach sam bith a dheanamh. Is fada bho’n thuirt mi gu’n robh e truaillidh gu leòr a thoirt air duine goid, agus a nis tha dearbhadh agam air!” agus thòisich an seann duine bochd air sileadh nan deur.
“Na bi ad leanabh,” arsa ’bhean agus i a’ tiormachadh a dheòir; “tog ort, glac misneach, agus rach an taobh a tha Domhnull-nan-siolachan agus abair ris nach robh anns a’ ghnothuch air fad ach feala-dhà. Rach agus fosail am mòd agus cha chluinn thu tuilleadh uime.”
Ghabh e comhairle a mhnatha, dh’ fhalbh e, ’s cha robh e duilich dha cùisean a chur ri Domhnull nan siolachan, oir cha’n e mhàin gu robh cliù a bhreitheamh, mar thigéadh d’ a leithid, os cionn amharuis, ach bha forais aig Domhnull mu’n chleas a rinn na seòid air an oidhche roimhe. Ghabh am breitheamh ’àite-suidhe anns a mhòd; ach thug daoine an aire gu’n robh e fo smalan agus fo bhuaireas eigin, agus gu’n robh ’inntinn an drást ’sa rithist a’ seachran air falbh bho’n chùis a bhiodh air a bheulaobh. Cha robh e idir cho deas agus cho soilleir ’na bheachdan ’sa b’ àbhaist da.
An uair a bha obair a mhòid a’ tarruing gu crìch, chaidh coltas duine uilc, aingidh, a thoirt m’a choinneamh air son meirle. An uair a leugh cléireach na cùirte an sgriobhrdh-casaid, chuir a a cheisd ris a’ chiomach bhochd— “Am bheil thu ciontach, no neo-chìontach?”
“Ciontach—ach air mhisg,” fhreagair am priosanach.
“Ciod a tha e ’g ràdh?” thuirt am breitheamh, ’s e ’na leth thura-chadal anns a’ chathair.
“Tha e ’g aideachadh a chionta ach ag ràdh gu’n robh an daoraich air,” fhreagair an cléireach.
“Ciod a tha sibh a’ cur as leth an duine?”
“Tha meirle an-tromaichte”
“Cia mar a thachair?”
“Ma ’se ur toil e,” ars’ am fear-casaid, “tha sinn a’ cur as leth an duine so gu’n do ghoid e suim mhór airgid á tigh-òsda Dhòmhnuill-nan-siolachan.”
“Seadh, agus ciod a tha e ’g ràdh?”
“Tha e ag aideachadh a chionta, ach ag iarraidh gu’n gabhar a leisgeul a chionn gu’n robh an deoch air.”
Mhosgail am breitheamh suas aig cluinntinn so.
“Ciontach—ach air mhisg! Is neònach an dòigh thagraidh sin. A dhuin òig, tha thu cinnteach gu’n robh thu air mhisg?”
“Tha le ’r cead.”
“Agus c’ ait’ ad d’ fhuair thu an deoch?”
“Aig Domhnull-nan-siolachan.”
“An d’ fhuair thu deur aig duine sam bith eile?”
“Cha d’ fhuair diod, le ’r cead.”
“Ghabh thu an daorach air a chuid dibhe an toiseach; agus an sin ghoid a’ chuid airgid?”
“Direach sin, le ’r cead.”
“Fhir-chasaid,” ars’ am breitheamh, “dean de chomhstath dhomhsa a’ chasaid a tha agad an aghaidh an duine so a thoirt air a h-ais. Tha uisge-beatha Dhomhnuill-nan-siolachan dona gu leoir gu thoirt air duine ni tamailteach sam bith a dheanamh. Ghabh mi fhein an daorach dheth an raoir, agus a bheil fhios agad gu ’n do ghoid mi na bha de spainean airgid air a’ bhord! Leighibh mar sgaoil an duine bochd sor Tha am mod a nis thairis.”
Eadar. le I. B. O.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
’S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agus ’se ’n ni ’s fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinn ’sa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhi ’nad dheise, san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.
Tha stoc mor de dh’ aodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.
Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.
CLOIMH.
THA ’m fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris a’s fhearr sa mhargadh oirre.
D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.
[Vol . 3. No. 16. p. 7]
Ros Dheireannach an t-Samhraidh
LE TOMAS MOORE.
’S i ros dheireannach samhraihh, le fhéin, si fo blàth.
Bho’n a shearg, ’s bhon a d’ fhalbh, a caomh chòmpanich tlàth;
Cha ’n eil dithean dhe dhreum, cha’n eil gucag fo ghnùis,
Anns a faic i a fiamh, —fhreagras osnaich a chùis.
Cha’n fhag mi thu cianail, ma’s searg thu gun bhuain,
Bho’n a chaideal na gaoleach, nam measg sa dean suain;
Ach sgapidh mi càoimhneil, ann sa ghàradh tha fas,
Mo bhlàth measg na màighdean, gun chubhradh chaidh bàs.
’S mi gu’n deanadh da leantin, ’n uair chrioneas an dàimh,
’N uair theid seudan a chàirdeis a’s fàinntean a ghràidh;—
Chridhean fireantach, seachta— ’s gach càomh, ’s gach sonn,—
Co e dh’fhuireadh na aonair, ann a saoghal cho lòm?
Eadar. le MURCHADH MAC RATH, Ottawa.
FHIR-DEASACHAIDH CHOIR; —Leugh mi litir “Làimh Làidir” anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi de MHAC-TALLA, agus tha mi a’ cur leis anns na h-uile facal a tha e ag ràdh. Tha e soilleir gu leòr nach téid aig MACTALLA air a’ ghnothuch fhearail a ghabh e os làimh a ghiùlan air aghaidh mur eil daoine ann a tha comasach air a’ Ghàidhlig a’ leughadh; uime sin, is còir do leughadairean a’ phaipeir, ma tha gaol aca dha, agus ma tha suim aca dhiubh féin, MAC-TALLA a chumail suas, agus aig an àm cheudna orra féin fhàgail aig an siol, le a bhi cuimhneachan a’ teagasg an cànain dhaibh. Tha mi cinnteach nach bu toil leinn na’n rachamaid air diochuimhn, air ar dubhadh as á measg nan cinneach, ach ciamar a sheachnas sinn an staid thruagh, dhìmeasach sin, mur fàg sinn a’Ghàidhlig aig a chloinn chum ’s “gu’m bi eolas aig na pàisdean glic air an aithrichean féin.” Ma tha dad a dhìth òirnn, feumaidh sinn pàigheadh air a shon, agus mar sin leis a’ Ghàidhlig. Na’n cuireadh Gàidheil Bhaddeck no Shidni suas comunn (mur eil aon aca cheana) a bheireadh duais mhath a thoirt do na maighstirean-sgoile a theagaisgeadh an àireamh bu mhò de’n óigridh, agus beagan misneachaidh a thoirt do na sgoilearan iad féin, cha’n eil teagamh agam nach fhaigheabh iad moran a thòisicheadh air ionnsachadh gun dàil. Buaidh us piseach air a’ Ghàidhlig, agus air MAC-TALLA, an caraid a’s fhear a th’ aice!
Ur caraide dìleas,
4, 10, ’94. IAIN S. MACAOIDH.
Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.
Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.
Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.
CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhe’n t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.
MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.
TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNI—C. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadh ’s air an caradh.
Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deanta air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.
ADAN! BONAIDEAN!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ro taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN
no ni sam bith eile a’s gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.
[Vol . 3. No. 16. p. 8]
Bho Chabar-Feidh.
’N uair a bha mi sgriobhadh thugaibh air an t-seachduinn a chaidh seachad bha mi ’n duil gu’n rachadh agam air facal no dha a radh mu dheibhinn litir “Laimh Laidir” ach cha do cheadaich uine domh. Tha na tha e ag radh mu theagasg na h-oigridh airidh air ar deagh aire. Faodaidh Gàidheil Chanada rabhadh a ghabhail anns a’ chuis so bho Ghàidhealtachd na h-Alba. Is aithne dhomh féin ficheadan theaghlaichean anns nach cluinnear facal Gàidhlig ach gle anaminic ged is i a’ Ghàidhlig moran is fearr a th’aig na parantan na ’Bheurla. Cha’n ’eil uiread de chiall aig a ’chlann iad fein ’s a thuigeas gu’m beil iad a deanamh dearnad air ni a bhitheadh na bhuannachd agus na thoil-inntinn dhaibh ’s na làibhibh ri teachd, ach thig là a dh’fhosglas an sùilean, agus an sin cha chreid mi gu m beannaich iad am pàrantan air son an dearmad a rinn iad air an dleasnas. Tha mi ’tuigsinn nach d’ thàinig Canada gu bhi cho dona ri so, ach ma ’s miann leinn ar cainnt a chumail da-rìreadh beò, cha’n fhoghainn a bhi ’g a labhairt a mhàin, feumaidh a litreachas a bhi air a chumail suas aig an àm cheudna. Chum so a dheanamh, feumaidh sluagh a bhi comasach air leubhadh agus a sgriobhadh, agus is e an aon dòigh anns am faod so a bhi air a thoirt mu’n cuairt i bhi fhir a teagasg anns na sgoiltibh. Cha ruig neach sam bith a leas a smuaineachach gu ’n cuir teagasg na Gàidhlig éis sam bith air a’ chloinn bho ionnsachadh gach ni feumail eile. ’Sann a tha na h-uile maighstir-sgoile anns a’ Gháidhealtachd a tha ’ga teagasg ag innseadh dhuinn gu’m beil iad ’ga faotainn ro fheumail ann a bhi ’toirt air a’ chloinn nithe eile thuigsinn. Agus neach sam bith leis am miann cànain eile ionnsachadh—a’ chainnt Fhrangach, Ghearmailteach, Spàinteach, no cainnt sam bith eile—bithidh a’ Ghàidhlig ’na cobhair mhòr dhaibh. Is uarainn domh féin m’ fhacal a thoirt air a so. Na’n rachadh agaibh air a faotainn a steach do na sgoiltibh, nach bu bhriagha an latha sin do MHAC-TALLA. Ann am beagan bhliadhnachan rachadh na miltean a chur ri luchd-leubhaidh agus cha bhitheadh gainne sgriobhadairean air; thigeadh naidheachdan a steach o gach cearn agus cha bhitheadh e air a chrubachadh mar tha e an drasd. Tha mi ’n docaas gu’n teid an gnothach so a ghabhail os laimh gun dail agus tha mi’ guidhe gach uile shoirbheachadh le neach iam bith aig am bi urrad a mhisneachd ’s ni tòiseachadh.
Chunnaic mi an t-oran so a leanas ann am paipeir Albannach an la roimhe agus smuainich mi gu ’m b’ fhiach e àite fhaotainn ann am MAC-TALLA. Rinneadh e le Mhr. Padruig Camshron a tha ’n dràsd an cearn fad às de Africa far nach ’eil duine geal ach e fein.
BEANNACHD LEIS NA BEANNTAN
Tha m’ intinn lionta le curam cianal
’S mi air mo phianadh le pian nach gann,
Oir ’s trom a tha mi ’s mi caoidh gu craiteach,
Do bhrigh bhi fàgail Tir ard nam Beann.
Gu dubhach tuirseach ri tionndadh culthaobh,
Ri tir mo dhùthcha ’bu mhuirneach leam,
Gu tirean ceine fodh theas na greine
’Ni m’ fheoil a’ cheusadh le deuchainn throm.
A’ ceainnt ’bu bhinn leam le tlachd a ’chlu-inntinn
’S ’bu tric a sheinn mi gun chuimhn’ air bron
Cha chluinn mo clùasan ’s na cearnaibh truagha
’S an tric is dual dhomh bhi tinn fodh leon;
An aite mànran guth-cuin mo mhathar
’Se chluinn mi cànran gun suim gun bhridh,
Bho ghràisge neonach cho dubh ri ròcais,
’S nach ionnan comhradh ro ceol mo chridh.
Bu tric a dhirich mi ard nam beanntan,
’S tre choil nan gleanntan bu tric a thriall,
’S gu’m b’ aotrom deonach mo cheum air mòinteach,
’Nam bhallach gòrach ’s mi òg gun chiall;
Ach ’s ann is eigin dhomh nis an treigsinn,
Gum fhios am feud mise chaoidh gu brath,
Toirt sealladh suile feadh fonn na dhutcha,
’Bu mhoir bu mhuirneach leam cliu no cach.
Tha ’n long ri seòladh gu grinn fodh ’comhdach,
Bho dhùthaich m’ eolais ri cumail curs’
’S tha ’ghaoth ri seideadh, ’s na tuinn aig eiridh,
’S tha mise deurach le meud mo thùrs,
’S gur beag an t-ioghnadh mi féin bhi cianail
An am bhi triall dhomh tha ard nan tonn,
Le cudtrom inntinn bho thir mo shinnsear,
Bu ghuirme frithean ’s bu riomhaich fonn.
Mo chairdean ghràdhach, ceud soraidh slan leibh,
Ceud soraidh slan leis gach ribhinn bhinn,
Ri ’n taobh a b’ aill leam bhi cluith ’sa mànran,
’S a riamh a b’àbhaist bhi bàigheal, grinn;
Gach bodach aosda, gach cailleach chaoimhneil,
Gach oigeir aoidheil, slan leibh gu leir,
Oir ’s eigin fagail gach gleann a b’fhear leam
Os ceann gach àite fodh ard nan speur.
Ach ged is falbh dhomh bho chrìochan Albainn,
Air leam nach searg-bhuam air muir no tir,
An gaol gun gho’ thug mi dhùthaich m’ òige.
’S cho fad ’s beo mi ’bhios daigionn fior;
’S ged dh’ iathadh buaireas no bàs mu ’n cuairt dhiom,
’S ged bhiodh an cruaidh-fhortan goirt g’ am chlaoidh,
Bidh mise dìleas do thir mo shinnsear,
Le gaol nach diobair mi fein a chaoidh.
CABAR FEIDH.
POSAIDHEAN.
AigNew Victoria,Oct. 9mh. Fearchar Mac Isaic us Anna Chamaran.
Air an Eilean Mhor, an 9mh. la de dh’ October, leis an Urr. D. Drummond, I. A. Friseal, as an Acarsaid Mhòr, us Ceat Nic Leòid, as a Bhanca Mhòr.
Aig Pictou, air an 10mh la de dh’ October, leis an Urr. A. Robertson, an t-Urr A. I. Domhnullach, Baile-nan Gall, us Catriona F. Robley, Pictou.
Ann am Boston, air an 9mh. la de dh’ October, leis an Urr. S. C. Gunn, Iain Mac-a- Phi, á Baddeck, us Iseabail Nic Aidh, á Loch Ainslie.
Aig Braidalbainn, E. P. I., air a cheud la de dh’ October, leis an Urr. C. Caimbeul, Iain A. Mac Coinnich ri Mairearad Anna, nighean Eoghain ’Ic Leòid.
BLIADHNA MHATH UR!
Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na th’againn air laimh
Gle shaor air son airgid.
Brogan a’s fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.
Soithichean Creadha agus Glaine.
Tha sinn mar an ceudna ’cumail nam brogan a thatar a deanamh ’san Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan a’s fhearr cosg a tha ri’m faotainn, agus tha sinn ’gan reic air pris na factoridh
Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.
SIABUNN
air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.
AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.
Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a’s fhearr orra an coinneamh bathair.
C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 1894.
title | Issue 16 |
internal date | 1894.0 |
display date | 1894 |
publication date | 1894 |
level | |
reference template | Mac-Talla III No. 16. %p |
parent text | Volume 3 |