[129]

[Vol . 3. No. 17. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 27, 1894. No. 17.


MAIRI AGUS AN T-ADMIRAL.

Is cleachda leis na Goill a bhi ri fochaid air na Gàidheil bhochd’, air son cho aineolach, maol-theangachs a gheibhear iad an coitcheannas an uair a dhfheuchas iad ris aBheurla; agus, air uairibh, chaneil teagamh nach bi iad adeanadh thuislidhean agus mhearachdan gle neònach; ach donas mar tha na Goill, chaneil daoinc air bith ann a tha nis toithiche air abhi a labhairt deth a chéile, agus ri fala-dhà neo-lochdach de gach seorsa, na na Gàidheil iad féin. Tha an sgeulachd bheag a leanas glé chumanta ann an cuid de cheàrnan de Earraghàidheal agus theagamh gun toir i gàire air bhur luchd-leughaidh. Chaneil misedol a ràdh co dhiù a tha i fìor no nacheil; ach cia mars am bith a bhàtars an àm a dhfhalbh, is cinnteach mi nach faightear ann an ceàrn dan Ghàidhealtachd an diugh, aon fhear no cho fada air an aiss nach bitheadh fios aca co dhiùbu bheathach no duine a bha ann an Admiral.

Bha aig boireannach deanadach, glic, aon uair, tabhartas beag de uibhean ri chur a dhionnsnidh an Tigh-Mhòir. Air dhith an cur a suas gu téaruinte ann am bascaid ghairm i an searbhanta, caileag òg gum mhòran de eòlas an t-saoghail, agus dhearailich is sheòl i dhi cia mar a ghluaiseadh i i-féin aig an Tigh-Mhòr. “Is bitheanta,” arsise, “leis an Admiral e féin a bhigabhail a shràid fo sgàil nan craobh anns an rathad-dhìomhair eadar an Tigh Mòr agus an geata, agus ma thachras e ort feuch gum bi thu fìor mhodhails gun toir thu ah-uile urram da. Ma dhfheòraicheas e dhiot co as a tha thu, no càite am bheil thudol, no ciod a tha agad, ìnnsidh tu dha gu pongail, ’s bi cinnteach gun abair thu, Ler cead, aig deireadh gach freagairt a bheir thu dha. Aithnichidh tu an t-Admiral cho luatas a chì thu e le cheum flathail, àrd; agus is àbhaist da sràid-lmeachd am bitheantas lechurrachd-oidhche dearg air mar chòmhdach cinn, agus a nis, a Mhàiri, bifalbh agus mo bheannachd adchuideachd?” Thog achaileag bhochd orra gu sùrdail, làn de na comhairlean a fhuair i; ràinig i an geata mòrs ghabh i a stigh. Air dhi a bhidlùthachadh air an tigh faicidh i coilaach-Frangach briagh asteòcadh a nuasn a coinneamh cho moiteils ged a bu leis féin an oighreachdearball sgaoiltesecur smùid as an talamh le bàrr a sgiathan— “Ma tha Admirals an dùthaich,” thuirt i rithe féin, “is e so e. nach faodadh aithneachadh lecheum mórail, uasal, ’s mar a tha e adlùthchadh orm, comharraichidh mi gu soilleir a churrachd dearg ceart mar a thuirt mo bhana-mhaigastir. Ach is mithich a bhi bogadh nan gad, so etighinn!” Bhog an coileach a cheann mar fhior dhuinuasals chuir e fàilte chridheil oirre. Arsa Màiri, agus i aig acheart àm adeanamh a beic, “Tha mi à Lismòr, ler cead, ler cead.” Thug an coileach an dara miolaran as.— “Tha midol dan Tigh-Mhòr, ler cead, ler cead.” An treas uair thug e guileag sùnndach as, agus fhreagair Màiri, “Uibhean chearcan is gheadh, ler aad ler cead.” Le so leig e seachad i. Rinn i a gnothachs till i gun fhaicinn tuillidh. An uair a ràinig i dhachaidh dhfheòraich a bana-mhaigstir cia mar a chaidh dhi. “Chaidh gu mhaths gu ro mhath.” “Am faca tu an t-Admiral?” “Is mi a chunnaic, —an t-uasal grinn, cùirteil, agus fhreasgair mi ah-uile ceisd a chuir e orm, ged is i Frangats a labhair e!”

MAC MHARCUIS, ’s Gaidheal.


THA moran uisge air sileadh ann am mor-roinn Chuibeic o chionn ghoirid. Tha moran de ua h-aibhnichean a cur thairis. Rinneadh call mor le tuilteau ann an Cuibeic as t-earrach sa chaidh.


Eaglaisean na h-Alba.

Tha stri mhor eadar na h-Eaglaisean ann an Alba. Than Eaglais Shaors an Eaglais Stéidhichte car mun aon neart, agus chan eil iad idir tuilleadhus càirdeil ri chèile. Than àireamh as de mhuinntir na h-Eaglais Shaoir dhen bharail gum bu chòir an Eaglais Stéidhichte fhuasgladh on stàit, mar singa fàgail air an aon bhonn ris an Eaglais Shaoir, ’s gum biodh a teachdairean a faotainn an teachd-an-tir o shaor-thabhartasan an t-sluaigh. Than àireamh as de mhuinntir na h-Eaglais Stéidhichte, mar bu choltach, an aghaidh so. Ach tha moran anns an Eaglais Shaoir nach eil a faicinn iomchuidh an Eaglais eile a dhi-stèidheachada, agus air an laimh eile, tha moran anns an Eaglais Stéidhichte fhèin a creidsinn gum biodh e na bfhearr dhi a bhi frasgailte bhon Stàit. Chan eil taobh seach taobh aona-ghuthach. Bha Gladstone us Rosebery, toiseach na bliadhna acur rompa, maille ri moran de nithean eile, gun di-stéidhichead iad an Eaglais, ach bfheudar do Ghladstone an dreuchd a bhaige cho fad aleigeil dheth, agus ged tha Rosebery na àite, tha e lag-làmhach, agus chan eil cha mhor iomradh air di-stéidheachadh an dràsd idir, agus tha e soilleir gu leòr nach bi, gus am bi iomadh ni eile air a thoirt air adharts air a chur ceart.


Chan eil a bheag ri radh a thaobh achogaidh air an t-seachdain so. Tha na h-Iapanich acur rompan cogadh a leantùinn, agus a réir sgeòil, tha na Sinich dhen aon rùn. Tha gach taobh acumail a mach gu bheil an ceart acasan, ’s gu bheil an eucoir gu h-iomlan air taobh caaich. Chan eil ni as fheaar na leigeil leotha.

Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.



[130]

[Vol . 3. No. 17. p. 2]

TURAS AN TAILLEAR MHOIR DO GHLASCHU.

AIR A THOIRT A BHAN BHO BHIAL FHEIN, FACAL AIR AN FHACAL.

(Air a leanntuinn.)

Biodh sin mar sin mata,” arsa Domhnull, “ach cum gle shamhach.” “Feumaidh sinn luchd nam poitean a sheachnadh, air eagal gun dean iad greim ort air son an leir-sgrios a chuir thu air iodhalan Mhic Leoid.” “Na leig am Freasdal!” “O, Mhoir a Mhoir? mo chiad runs mo ghradh, deireanach, mo caairt-iuil, ’s mo reul stiuraidh, am beil en dan dhomh, aon uair fathast t-fhaicinn a dearsadh ann an iarmailt marois, no am faigh mi bas ann an tir choimheach, gun ghal, gun onar, gun mharbhran!” “Tha mi creidsinn gur ceothach an iarmailt a thann a sin Eachuinn, ’s gun teagamh s neonach an ionad dearsaidh an Spardan. ’Saoil thu nach bi an Eclipse a tighnn gu math tric orra na flaitheas sin?” arsa Domhnull. Rainig sgeig Dhomhnuill cho domhainn mi, a dhuine, gun dthubhairt mi ris— “Amadain! Nan robh cuibhrionn de spiorad t-athair air tuiteam ortsa, cha bann a fanaid air Buaidh na Bardachd a bhiodh tu.” “Tha mig iarraidh fathamas ort Eachuinn,” arsesan. “Tha fios agam, gum beil thu na do dheagh fhidhleir, ach cha dthainig e riamh a staigh orm gun robh na Ceolraidh a spionagraich ort.” “Co iad sin, na Ceolraidh! Mas e boirionnaich a tha thuciallachadh; tha misecantainn riut, nach robh thu cho fada dochair bho rugatu. Cha do chuir i cir na cuailean a ghabhadh oirre spionag a thoirt ormsa, ach mo bhean phosdaMo Mhor bheag fhinBlath nan Oigheans barra-gug na muathan taighe. Mo Chreach! Mo Chreach!

Co a sheinneas dhuit an t-oran,
Bhiodh solasach tursach;
No chluicheas dhuit gu h-eolach;
Puirt cheolmhor do dhucha.

S do chruit chiuilus dailleaganna fhogarach ann an tir chein?” Thug Domhnull an sin fead as, agus thoisich e air cunntadh nan rionnagan. Bhan t-suipear aig mo phuithair cheile deis an am dhuinn ruighinn: ’s an deigh dhuinn tacan a thoirt air seanachas, ghabh Domhnull na Leabhraichean, ’s chaidh sinn a laidhe. Ach cha bin fhois a fhuair Eachuinn bochd. ’An deigh dhomh a bhi meadhrachadhs ag osnaich, a carachadhs a tionndadh, rechuid a bfhaide dhen oidhche, thainig nadur de neo-thalbhaidheachd orm. Cha robh mi na mo chadal no na mo dhuisg, ach mar gun canadh tu, leith ma leith, eadar an da staid. Chan urrainn dhomh a chantainn gun robh mibruadairachadh, ’s gidheadh, bha mi faicinn seallaidhean— ’s ann a bha mitaibhseachd, a dhuine. Masa fior dhomh gun robh mi air mo thogail suas eadar an talamhs an adhar, ’s gum faca min cuan air a bhreacadh le luingeas eilthirich. Cuid dhiudol na mirean air na creagan, cuid gan ruith sios le soithirh smuid gun ainm, ’s cuid eiledol nan teine. ’An deigh sin thainig tir mo dhuthchais fa mo chomhair, agus ann an aitarbhar, ’s ebha air gach raon, iomar, agus leathad barr dheanntagan agus chuiseagan-ruadha. Bha feigh, caoraich mhaolas cearean fraoich’, a leubhadhs a mineachadh. “Achd nan Uachdrainn,” air gach cnoc, gleann, ’us craobh uaine. Thainig sgail eadar mis an sealladh anacneasda so, agus ann an tionndadh na bois, ’s ann a fhuair mi mifhin na mo lasguire de ghillog, air Airidh Clais-nan- Cruithnich* Mo chliabh na lasar, ’s mitaomadh a mach tabhartas a chridhe, aig altair Bhenuis. Mor a briseadh a machan ur-bhlath a h-oigheachda falt trom dualach, air shnuadh dol fodha na greine, na chuartagan miteagach sios a cula muinneal sinnteach ban, a tilgeadh gathana soluisa gairdeana caoin-gheal, trid-shoillse, saor bho ollainn sid na anard grinn, bho h-uileanain siosa ceann crom, ’s i faisgeadh sineanStabhaig” —torman bodhar tla aig a mheadarna sguird, ’s iseinn an orain so, air fonn— “Bu chaomh leambhi mire, ri nighinn donn og.”

O, seas a bho riabhach,
Leig dhiot a bhi fiadhaich.
O seas a bho riabhach;
S es ciataichbhi foil.
O seas a bho riabhach;
Tha pailteass a ciliabh dhuit;
Thoir as mar is miann leat.
S bi fialaidh ri Mor.
Ge sleamhainn do bhian-sa,
Ge sultmhor do chiliathaich;
Chaidh geamhradh nan siantan,
Car dian air do dheo.
N uairbha uireasbhuidh biadh ort,
S a chaoile ga dfhiachainn;
Thugadh borrachus sliabh dhut,
Bho na Ghriannan le Mor.
O, Seas, &c .

Dean seasamh gu suairce,
S leig sruthanan fuaimneach,
An cuman na gruagaich,
Thog thu suas air a meoir.
Cuir cop air, ’s craobh aird,
S theid thu fein agusBlarag,”
A dhimlich le cairdeas,
Gu sail Beinn-nan-sgorr.
O, Seas, &c .

Bidh Beitius Seonaid;
Bidh Eilidhus Morag,
S na bruachagan boidheach,
Ri ceolmeasg nam fluo.
Thig Uilleamus Domhnull,
Thig Eachunnus Eobhann,
S bidh Subhailcus Solas
Dian fhogadh as ur.
O, Seas, &c .

Bidhn uiseag ag eiridh,
Sheinn eallaidh nan speur dhuinn:
Dol fodha na greine
Cuir speis air a chuis.
Bidh Clarsair nan geugan,
Seirm binneas le eibhneas,
S ath-shoillseanan Bhenuis
Cuir sgeimh air gach gnuis.
O, Seas, etc.

Bidh seilean a canran
Am boineid gach slainnt-lus:
Bidh torman nan gair-cas,
Bidh bairich nam bo,
Mactalla nan aird
Mar ri cagar nam faillean,
Ag aithris—“ ’s in airidh
Priomh pharras gach beo.”
O, Seas, etc.

Bidh briodal, bidh manran
S na badanan blatha.
Co mhuthachadh graidh.
Chuireas slainnt an cridhog.
Tha iomlanachd Naduir,
Lan-fhoillsichtmun airidh.
Nislian thu a chlaraig
Triseo Stabhag! Theo, theo!

Chaill mi sealladh de Mhors den airidh, ’s chaidh miomchair air sgiathan a chiuil gu mullach Suil-Bheinn. Dhealaich mifhins an oige, solas agus muirn, gun fhaireachadh dhomh. Air dhomh a bhin trom smuainns mo thaic air mo mhaide, chuala mi fathram am measg nan neoil, agus air sealltainn an airde dhomh, chunnaic mi bith a siubhal troimhn iarmailt, a giubhlan bratach nuadh nan tri fillidh, nan tri dathans nan tri gathan, sgaoilltri crann iaruinn. Chuala min sin guth agairm rium— “Eachuinn Mhoir, ’icUrch’ ’connuill!” Mifhin— “Tha mis’ ’an so!”

AN GUTH. —Ciod a ta thufaicinn?”

MIFHIN.— “Bith a siubhal troimhn odhair agiubhlan bratach nuadh nan tri fillidh, nan tri dathans nan tri gathan, sgaoilltri crann.”

AN GUTH.— “ ’S ciod a ta thu tuig-


*The Valley of the Picts.



[131]

[Vol . 3. No. 17. p. 3]

sinn leis an t-sealladh sin?”

MIFHIN.— “Dhfheumadh mo Thuigs a bhi air a soillearachadh mas tuiginn a bheag dhe na tha mifaicinn!”

AN GUTH.— “Eisd, mata, ’s e mbith a tagiubhlan na Brataich, ‘Beachd an t-shluaigh.’ Tha bhratachna h-iomlanachd a ciallachadh Saorsa Bhuan a phobuil. Tha tri fillidh na brataich a ciallachadh, An Gaidheal, An t-Ard-Alabnnach, agus an Reitiche Gaidhealach aonaichtann an deagh ghniomh. Tba tri dathan na brataichDubh, Gormus Geal a ciallachadh, an t-am dubh dorcha chaidh seachad, an t-am measgtatha lathair, agus an t-am soillear eolasach a tha tighinn. Tha tri gathan na brataich a ciallachadh, Coir dhligheach nan Gaidheil, Ath-bheothadhadh spioradan bhurn Athraiche, agus Ceartas bithbhuan. ’An sin sheall mibhan air aghaidh na talbhainn, agus chunnaic mi armailt mhor shluaigh, air an roinn nan tri buidheanaibh. Bha aon bhuidhean a gearradh sios nan lus, a carnadh nan clachs a reiteach nan roidean. Buidhean eileruamhair, a cuir sils a racadh, ’s an triamh buidhean a togail nam bearnan, a compairteachadh eolais agus a stiuràdh barailean fallaiseach. ’Chunnaic mi an deigh sin, seann duine sgiamhach, ’na shuidhair bruach aibhne; fhiasag fhinealt’, a bha air dhreach na cadaich, sgaoillt a bhan air a bhroilleach; an t-ailemire troimh fhalt min, a bha tuiteam na chuachagan airgeadach air a ghuailibhclarsach lathaibh eile na lamh, ’s e cluich oirre mar nach cuala mi riamh. A ghuth binn, reidh, mar bhriodal an t-samhraidh ag eiridhs a laidhair uchd an aile, agus chan urrainn mi ceann nis fhearr a chuir air mastair do Ghlascho, nan t-oran a sheinn e, da rinn a leithid de ghreim air m inntinns nach dthig an laleigeas mi di-chuimhnair, athoirt dhuitn a iomlanachd.

A chlann mo ghaoil! a chlann mo dheoir?
Iarmad sliochd nan laoch a bha,
Bham aoìbhneas bristos ceann nan neoil,
S mo chlannan geimhlibh daorsan sas.
Phairtich minur eiginn chruaidh
Bhon am chaidh mfhuasgladh aig a bhas:
S bho nsgaradh sibhs’ ’us Tearlach Ruadh,
Gach bannus duall nis cruaidha fas.
Duisgmo chlarsach as do shuainn
Clisgeadh aintighrneas roimh dfhuaim.

Gach coirus dlighair uisgus beinn,
Bha aigar sìnnseara bho thus,
Sheilbhich coigrich ann am foill,
Us stamb air statunn Righ nan duil.
Gedbha bhur beathle nadur luaight
Mu ghlac nam fuaran bruaich nan cno:
Sgiurs iad bhur coluinnean thar chuan
S bhur spioraid gluasdan glinn a cheo.
Duisgmo chlarsachmisnich trein
Gairm mo chlann a duthcha cein!

Gach oibheum, uireasbhuidhus turs,
A dhfhuilig sibh bho fhoirneirt dhaoidh;
Chaidh troimheamsuilan Talla chiuil
S cha chaisgeadh seirm nan duil mo chaoidh.
Bhur bailtean chunnaic midol fas;
Bhur taighean faoilidh nan dearg chaoir:
Na banntraichean ag iarraidh dail,
S am baillidh maoidheadbaigha mhaoir.
Duisgmo chlarsach agus nochd,
Cuis nam banntraicheans nam bochd!

Tha Eolass nis a geigibh sgaoìllt’;
Nan dubharachd than aois a tamh;
An oigeg ithdhen toradh chaoin,
S a bhuil a mach, am braomaibh slainnt’.
Tha Ghaidhlig’, shaoillt’, ’bha fo na buiun,
A nis a togail cinn le rath:
Tha gineal Dhiarmaid agus Fhinn,
A nochdadh soillsean cloinn nam flath.
Duisgs a chlann, mo chlarsach bhinn,
Uaill an athrichean ri mlinn!

Dhuisg mo chlarsach as a suainn;
Mhislich iarmad sliochd nan sonn.
Sheirm mo chlarsach saorsa bhuan,
Bho bhaile Chluaidh, gu Stroma thonn.
Dhuisg mo chlarsach, uaill mo lo
Air cnocaibh fraoichs an duthcha cein.
Dhuisg mo chlarsachtheich na neoil,
S tha maisus ciuin an gorm nan speur.
Mo chlarsach dhuisg gu saith mo chri
Us triallaidh sgaila bhairdan sith.

RUDHACH.


Bha gille òg ann roimh so a bhagh mòr-thlachd bhi cluich le teinne, agus a dhiult an droch chleachd so a leigeil deth, ged fhuair e gu tric achmhasan air a shon, Air àraidh, ’nuair chaidh a mhàthair a mach a cheannach ni éigin, shoillsich e bioran, agus air dha bhig iomairt leis, ghlac eudach teine, agus las e suas mun cuairt da. Ghlaodh e gu h-àrd air son còmhnaidh, ach mun dthàinig cabhar da ionnsuidh bha e air a losgadh co mòrs gun dfhuair e bàs beagan an dèigh sin. Is còir da so clann òg a theagasg gun bhi cluich le teine, —ni a tana sheirbhiseach maith, achna dhroch mhaighstir; agus gun bhi eas-umhal do chomhairle am màthar, a ta gabhail mór chùram mun timchioll.

THATAR an deigh meinnean beaait each de dhòr fhaighinn ann an Cooluardie ceàgrna de dhAstralia air nach robh iomradh sam bith roimhe so. Tha sluagh a dòrtach ann as gach cearna de dhAstralia fhéins á New Zealand.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige o ch mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[132]

[Vol . 3. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, OCTOBER 27, 1894.

Chan eil e fior, mar tha cuid ag ràdh, gu bheil anns an linn so na bochdan a fàs nas bochda agus na beairtich afàs nas beairtiche. Cha robh linn riamh anns an robh nithean matha na beatha so air an roinn cho cothromachsa tha iad aig a cheart àm so. Tha iomadh goireas aig na daoine bochdasan lathan diugh nach robh aig na daoine bu bheairtiche anns na linntean a chaidh seachad.

THA gach latha a tha dol seabhad a toirtg ar n-ionnsuidh sgeul o leaba-bàis Sàr Ruisia. Than cogadh, car ùine bheag, air a dhol à cuimhne, ’s tha iadsan a bha deanamh fàisneachd dha thaobh air sgur, ’sa toirt an aire gu leir do Ruisiaagus a feuchainn ri thuigsinn ciod a thacharas an deigh bàis an Impire, ni nach eil a nis fad as. Tha e a sior dhol nas miosa, agus chan urainn dha bhi beò ach ùine ghoirid. Tha an luchd-dreuchad ann an St. Petersburg a deanamh gach ullachadh a dhfhaodas iad, chums gum bin Iompaireachd mhor deiseil aig àm sam bith air son bàis a fir-riaghlaidh, agus air sonoighre chur air achathair rioghailna àite. Tha darra mac an Iompaire mar an cendna tinn; tha e ann an trom chaitheamhs chan eil fhios aig na lighichean as luaithe dhfhalbhas am mac non t-athair.

CumMinard ’s Liniment ’san tigh


Gun ni ach Airgiod.

Bu mhiann leinn uile bhi sona, agus tha sinn a ghnàth asireadh mi-eigin a tha sinn a saoilsinn ni sinn sona; ach mas fhiach e bhiga shireadh, feumaidh an sonas a bheir e dhuinn a bhi, chan annna dheàrrsadh goirid, ach na thaitneas maireannach. Bu mhuladach an t-aideachadh a rinn bean-uasal shaoibhir ann an America.— “An uair a bha mi òg, bha na h-uile ni agam ach airgiod, ach an diugh, ’s mi air fàs aosda, tha mi gun ach airgiod; agus ciod a ni e air mo shon?” Air an dòigh cheudna labhair a chuir seachad mòran de làithean am measg greadhnachas cùirt rioghail acheud Napoleon,— “Ah,” ars ise, “bha tigh maiseach agam, bha diamonds luchmhor agam, dhfhaodainn mo dheise riomhach atharrachadh na h-uile latha, bha àireamh thaghte de chàirdean aigabhail am bidh aig mo bhòrd, bha gach tigh-cluich fosgailte dhomh, cha robh fleadh aig uaislean cheanna-bhaile na Frainge dhionnsuidh nach dfhuair mi cuireadh, ach gidheadh, am meadhon sin uile, bha neul dorcha an crochadh as mo cheann, bha eagal diomhair a thaobh na bha ri teachd agabhail còmhnuidh annam, sga mo chnàmh on taobh a stigh.” —Dr. T. Davidson


Tha briathran an nithibh beaga ach is cruaidh a bhuaileas iad, agus is goirt a leonas iad, an uair a bruchdas iad a mach abeul an tuaileis. Gnathaichear iad co furasds gun di-chiumhnichear na buaidhean agus na cumhachdan foluichte aca. An uair a labhrar iad gu freagarrach, tuitidh iad mar na gathan-greine air la samhraidh, mar an druchd air an lus mhaoth, agus mar an t-uisge tla, a tasileadh gu mall air na raointibh tartmhor; ach an uair a bhras-labhrar iad le nimh agus feirge, tha iad cosmhuil ris an reotha chruaidh, ris na clochaibh-meallain, no ris an doininn sgriosaich a leireas leshearbhad, air muir agus tir.

S ANNan Sina than t-sligh-uisge(canal)as thair an t-saoghal. Tha e ceud thar fhichead mile dhfhad (2100), agus tha da fhichead bailesa h-aon air a bhruachan. Thóisicheadh air a chladhach mun bhliadhna 750, A. D., ’s cha do chuireadh crioch air gu ceann shia ceud bliadhna.

Minards Linimentair son Loine.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR.

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[133]

[Vol . 3. No. 17. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

CHAIDH soitheach-seòlaidh a ghlacadh alg Port Hawkesbury o chionn dha no tri sheachdainean, air son a bhi bristeadh air lagh na cuspuinn, agus tha i ri bhi air a rup air an t-seachdain sa tighinn.

THA muinntir an rathaid-iaruinn acur suasfensicheanfasgaidh mun chuid sin dhen rathad a bàbhaist a bhi air a dhùnadh leis an t-sneachdasna geamhraidhean roimhe. Bidh dòchas againn, uime sin, gum bin carbad aruith nas righailtiche air agheamhradh sona bàbhaist da.

CHAOCHAIL Caiptean Iain Mac Leòid, duine mhuinntir an Eilein Mhoir, ann am Provincetown, Mass., air a 15mh la den mhios. Bha e ris an iasgachsa seòladh o chionn fhada, agus bha e deanamh a dhachaidh anns a bhailud o chionn àireamh bhliadhnachan. Dhfhág e bantrach us triuir chloinne.

THAINIG àireamh de mhéinneadairean á Belgium gu Sidni an oidhche roimhe, air son a dhol a dhobairsna méinnein-guail. Thàinig iad ann an droch àm; chan fhada nis gus am bi na méinnean asgur a dhobair, ’s cha bhi dad aig méinneadairean an àite so fhéin ri dheanamh, gun luaidh air daoine á dùthaich eile.

S iongatach cho deiseilsa than saoghal a fàs. Tha muinntir Lunnuinn us Bhreatuinn an diugh ag itheadh feòil nan caorach a bha o chionn beagan us seachdain acriomadh an fheòir air réidh-shrathan Mhanitoba, agus am bradan a bha aig an àm cheudna a snàmh anns a chuan chiùin mu chladaichean Cholumbia Bhreatunnach, tha e an diughga reic air an taobh so dhen fhearann, ùr anns na margaidhean, gun uiread ui gràine saluinn a dhol air.

CHAIDH ceudsa tri deug a bhàthadh aig an iasgach air na Grand Banks air an t-samhradhs air an fhoghar am bliadhna, agus bhuinneadh tri ficheadsa tri deug dhiubh sin do na mor-roinnean iosal so. So bliadhna cho dona a thaobh call beathasa chunnaic na h-iasgairean o chionn fhada. An uiridh cha do chailleadh ach leth-cheudsa tri. Bha deich soithichean air an call an uiridh, agus naoi air fhichead am bliadhna. Tha dithis bhraithean a mhuinntir Port Hawkesbury, Ailein agus Iain MacEachuinn, air chall o dheireadh Ogust, ’s chan eil teagamh nach eil iad air am bàthadh. Dhfhàg Ailein bean us seachdnar chloinne. Is beag fhios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.

BATHADH. —Chaidh duinòg dom bainm Uilleam Mac-an-Tòisich, a mhuinntir Beinn-a- Mharmoir, a bhàthadh aig an Amhuinn Duibh, faisg air a Bhain Iar, feasgar Di-ciadain air an t-seachdain sa chaidh. Dhfhág e a dhachaidh air son a dhol a mharbhadh thunnagan, agusnuair nach do thill e dhfhas a chuideachd an-fhoiseil dha thaobh, ’s chaidh iadga iarraidh. Fhuair iad an toiseach am báta faisg air a chladach agus astar beag bhuaithe sin fhuair iad corp an duine bhochd anns an uisge. Bhan gunna aige na lamhans greim teann aig air. Tha e doirbh a dheanamh mach cia mar a thachair e dha.

THA cuideachd a ghuail a tòiseaceadh air togail laimhrig-guail aig Louisburg, Di-luain sa tighinn, ’s tha e ri bhi ullamh toiseach an an earraich. Tha e dol a chosg tri fichead us deich mile dollar ( $70 ,000). ’Se Raonull Gillios, as a bhaile so a tha dolga thogail dhaibh.

THA sinn air son àireamh luchd-gabhail a phaipeir so a dhùblachadh eadar sous BliadhnUr, ’s chan eil fhios car son nach gabh sin deanamh. Ma chuireas àireamh mhath den luchd-gabhail a thagainn rompa àireamh de dhfheadhainn ùra fhaotainn, bidh e deante ann an ùine glè ghoirid. Far am bi toil. bidh gniomh.

THAn geamhradh atighinn. Tham blàths air falbh, ’s cha bhi dùil againn ri moran dheth tuilleadh gun tig an samhradh orinn a rithist. Tha reothaidhean geala ann a nis, cha mhor gach oidhche, ’s chan fhada gus am bi an reothadh dubh ann, a chruadhaicheas an talamhsa chuireas as do gach ni a tha fàs. Thig an geamhradh, mar a thig gach ni eile, na àm féin, agusan àite dhuìnn a bhi gearan airsa gabhail eagail roimhes glice dhuinn ullachadh a dheanamh air a shon, agus fhaicinn nach tig e orinn gun fhios duinn.


Iadsan a Phaigh.

Stephen Mac Neill, Beavers Cove.
M. R. Johnstone, Big Pond, (50c. )
Ceat Nic Ille-mhaoil, Catalone .
Mrs. Matheson, Valley Mills.
Iain I. MacAmhlaidhKennington Cove.
T. C. Mac-an-Toisich, Malgawatch ,
E. C. Mac Aoidh,
Domhnull Mac Leoid, Bras dOr Mor.
Lachuinn MacGuaire, Amhuinn Mheadhach
A. R. Domhnullach. (Gobha) Baddeck .
Iain Mac Codrum, Sidni.
Lachuinn MacFhionghain, Acarsaid Mgaree,
Seumas Mac Fhionghain, ( $2 .00)
Raonull Dughallach, Grand Mira, (25c. )
Bean D. W. Mac Leoid, Barra, Alba.
An t-Urr. I. R. MacLeoid, Three Rivers, Que.
Dr. Mac Leoid, Spokane , Wash.
A. E. Mac Farlain,
D. I. Caimbeul, Hamilton , Ont.
Iain D. Mac Gille-bhrath, Ohio , N. S.


POSAIDHEAN.

AigNew Glasgow.Oct. 13mh la, leis an Urr. R. Domhnullach, Iain B. Siosal Port Hastìngsus Mor Shiosal as an aite cheudna.

Aig na h-Eileanan Dearga, Oct. 16mh, leis an Urr. R. Mac Aonghais, Ioseph Johnstone, St. Peters, us Ceat Nic Coinnich, Hay Cove.

AigSt . Andrews, N. S. ,16mh la de October, leis an Urr. Seumas Friseal, Ruairi Mac-a- Phearsain us Màiri Dhomhnullach.


BAIS.

AigKerrowgare , Pictou,Oct. 11, Iain T. Sutherlan, 23 bliadhna dhaois.

Aìg a Ghleann Ur, Baddeck, air an 26mh latha do October, Seònaid E. Nic-am t-Saoir 15 bliadhna a dhaois.

AigSoldier ’s Cove,an 3mh la de dhOctober, Domhnull Sutherlnn, 68 bliadhna dhaois. —R. I. P.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[134]

[Vol . 3. No. 17. p. 6]

MAR FHUAIR EACHUINN AN COIRCE.

Bho chionn ùine mhòir air ais, bha duinefuireach air na cluaintean ann an Gleann-Urchadain, air an dthug na coimhearsnaich mar ainm, “Eachunn Dubh.” Bha croit agus beagan spréidhaig an duine so; agus bha sin ga chumail bho bhliadhna gu bliadhna gun a bhideanamh obraichean sam bith eile. Bha toradh achriomaig thalmhain so, tha e coltach, acumail pailteas bidh ris fhéins rithigh, ’s ri chuid spréidh; agus cha robh an còrr acur cùraim air. Bha so gu math fhrdsa mhair e, Ach co-dhiù, bliadhna dhe na bliadhnaichean, thachair nach dfhàs am bàrr, mar is minig a rinn e, agus air an aobhar sin bha gu leòir aig Eachunn agus aig iomadh croitear eile, man deachaidh an geamhradh seachad, iad fhéin agus an cuid bheathaichean a chumail ann am biadh. Ach le beagan caomhnaidh, fhuair iad an geamhradh seachad; ach ma fhuair, thàinig an t-earrachs cha be a busa, gun fhios cia as a thigeadh an siol-cur Bha an aon ùirnighs an trom-ghearan ann am beul gach aoin: cia mar a gheobhadh iad siol-cuir? Achuid aig an robh sgillinn airgid bha e aceannan t-sìl; ach cha robh airgiod aig Eachunn, agus o nach robh, bha ecumail cagnaidh ris a dhoidhchesa cia as a thigeadh siol a chuireadh achroit.

Chaidh e mach aon mhaduinn se ann an trom smuairean mun ni so, ’s dhunnaic e tighinnna choinneamh ach Eoghann Mac-Gille, fear dhe a choimhearsnaich, le each us càrn làn de phocaunan coirce.

Cia as a fhuair thu au corc, Eoghainn?” arsEachunn.

Ubh! fhir mo ghraidh, Eachuinn, an dfhuair thu graine fhathast? Chaidh mise mhan an diugh a dhfhaicinn aMhinisteir; agus gu fortanach, fhuair mi na tha thu coimhead.”

“ ’S am bheil graine tuilleadh aig aMhinisteir, a lamhas ethoir seachad?” dhfharsid Eachunn.

Tha sin àige,” ors Eoghann; “agus gu dearbh chaneil e na dhroch olach leis.”

Rinn so on gnothuich dh-Eachunn. Fhads a bhiodh corcaig Mrbha fhios aige gum faigheadh e fhein beagan deth.

Cha do leig en corr dail ann; ach dhfhalbh e a dhionnsaidh a Mhinisteir. Ach cia mar a bha e dol a dhfhaotuinn sil on Mhinisteir. gun an t-airgiod? Ged nach robh an t-airgiod aig Eachunn, cha do leag sin a chridhe. Bha ena dhuine carrach agus bha e ag earbsa gu mor ri sin.

Mun robh amhaduin ach og rainig Eachunn tigh aMhinisteir, ag iarraidh fhaicinn, agus air dhan t-searbhanta innsehdh do a maighstir gun robh duine stigh air sonfhaicinn, chaidh Eachunn fhiachainn sios far an robh am Ministeir.

Gu de so, Eachuinn, a thug a mach an diugh thu?” ars am Ministeir.

Thug ler cead, gnothach nacheil ro deallbhach domh ri innseadh, ged is fheudar dhomhdheanamh.”

Ciod e sin?”

Mata, lar cead, chaneil mi air son innseadh dhuibh gus am bi mi cinnteach nacheil aon anns an t-seomar ach sin fhein,” ors Eachunns e dunadh an doruis.

Nacheil thu coimhead nacheil aons an lathair ach sinn fhin? ors am Ministeir.

Tha ach chaneil mi air son gum biodh aon sam bith mun cuairta chluinneadh sinn; a thaobhs nacheil mi air son gun cluinneadh neach air bith an t-uirsgeul so a a tha mi a dol a chur an ceill dnibhse, ach sibh fhein a mhain.”

Chan eagal da sin, Eachuinn; thig thusa mach le duirsgeul; agus ni sam bith a lamhus mise a dheanamh chum do leaghas ni mi e gu toileach,” ars am Ministeir.

Mata, thainig mi dhinnseadh dhuibh nacheil Uirnighn Tighearna fhathast agam!” ors Eachunn; “agus gus an ionnsuicheadh sibh dhomh i.”

Ubh! ubh! mo naire! mo naire! cha robh min duil gun robh neach a dol a stigh don Eaglais air la na Sabaid gun Uirnighn Tighearnaige! gu de abheatha bha thu a caitheadh riamh? An do chum thu dleasdnas riamhn a do thig?h

Is iomadh uair sin; ach cha dfhuair mi lan-ionniachadh air Uirnighn Tighearna fhathast, agus mar a thubhart mi mar tha, is ann a dhfhaotuinn sin a thainig mi so an diugh.”

Bfhearr leam gun dthainig thu ochionn dusan bliadhna,” orsa Ministeir, ach ma ni thu feum math dhe do thurus an drasda fhein, chaneil comas air do mhairnealachd roimhe so: dean suidhe gus an cluinn thu mise dol air aghart leis an Uirnigh, ’s a sin, gabh fhein as mo dheigh i.”

Rinn Eachunn mar a chaidh iarraidh air; agus thoisich am Ministeir air briathran beannaichte na h-Uiruigh a chur an ceill do dh-Eachuàn gu socrach, soluimte, mar is cubhaidh do luchd nan casg— “Ar n-athair a ta air neamh.”

O!” ors Eachnnn gu socrach, soluimte, mar is cubhaidh do luchd nan casag:— “Ar n-athair a ta air neamh.”

O!” ors Eachunn, “an e ar e n-athair uile E.”

Ubh! ubh! an robh thu gun fhios air sin gus a so, Eachuinn! Ma leugh thu riamh am Biobull chitheadh tu gur Esan an Ti-ard, is athair do gach aon do shliochd Adhaimh.”

Mar sinse sinne gu leir na braithrean?” ors Eachunn.

Gun teagamh air bith is sinn.”

Agus is mises sibhse na braithrean?” lean Eachann.

Se, Eachuinn, mises thusa na braithrean, annsan t-seadh so.”

Mata, ler cead, tha mi dol a dhfharaid aon cheisd eile dhibh.”

Seadh, Eachuinn, a mach leatha.”

Nach bu choir do na bhrathair bheairteach cobhair a dheanamh ris abhrathair bhochd an uair a bhiodh ena eiginn?”

Mata, gu dearbh, beadh, agus nam biodh sput idir do dheagal an Athair ann dheanadh e sin.”

Bhuil, ’s ann a bha mise gun ghrainne sil a chuireadh achroit domh; agus air chluinntinn domh e bhi agaibh-se gu pailt, thainig mi dor n-ionnsuidh air a shon; agus on sibh fhein an deigh a dhearbhadh gur braithrean sinn, bidh duil agam nach leig sibh air falbh falamh ml.”

Ubh! Eachuinn! cuiridh sin car urs a ghnothuch; achon a thainig thusa dhiarraidh achorca, ’s an doigh abhachdail so, gheobh thu e. Siubhail don t-sabhall, agus bheir an gille na dhuit bhios uat.”


GED nach fhacas sneachda anns an dùthaich so fhathast, tha dùthchannan eile aig nach eil sin ri radh. Ged is fada deas oirnn Stàit Vermont, ’s ged shaolamaid gum biodh side bhriagha annn uair bhiodh an dùdhlachd againne, thuit sia oirlich de sneachda ann air an t-seachdain. A tuath oirnn, ann an Labrador, bha stoirmeannan mora sneachda aca toiseach na seachdain so, nas na chunnacas ann o chionn aireamh bhliadhnachan.



[135]

[Vol . 3. No. 17. p. 7]

AN GUALADAIRS AN TROMBAIT-CHLUAISE. —Chaidh gualadair Sasunnach a stigh far an robh seann duinen a shuidhe a chois na teine ann an tigh aosda ann an Caisteal-nobha. “Madainn mhaith dhuibh a dhuinears an gualadair. Cha do fhreagair am fear eile. “Madainn mhaith dhuibh, a dhuine choir,” ars an gualadair a rithist; aca cha mho a fhreagair am bodach, ach chuir e lamhn a phocaldus tharruinn e mach adharc mhor mhiotailt, rud mar nach fhac an gualadair riamh roimh. Chuir am bodach an trombaid ra chluais, ’s sheas eg amharc air a ghuladair gu geur; ’s sheas am féar eileg amharc air a bhodach le mor ioghnadh. Mu dhearadh thubhairt an gualadair ris a bhodach. “Cha dean e feum; chan urrainn duit a chluich led a chluais.”

MAC-LEOID.

Tha Lighicahean cleachdadhM ’ds Liniment

IarrMinards Liniments na gabh ach e.


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTETOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bidh iad againn ron bhliadhnùir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[136]

[Vol . 3. No. 17. p. 8]

An Ceathramh Cuid.

Bha duine dubh anns na Staitean uair, agus ghabh e mìr fearainn air mhàl o dhuine geal. Bem màl bliadhnail a bhaige ri phàigheadh, an ceathramh cuid dhe gach ni a dhfhásadh dha. Aon bhliadhna cha robh dad aigen cur ach corn, agus cha robh aige dhe sin fhéin ach tri lóid cartach. Ghabh e each us cairt an dùine ghilan iasad, agus chuir en t-arbhar a stigh. Chuir e na tri lòid dhan t-sabhal aige féin, ’s chaidh e dhachaidh leis a chairt. Dhfheòraich an duine geal dheth, “Càite bheil mo chuid-sa dhen arbhar?” “Chan eil cuid agad,” ars an duine dubh. “Cia mar a tha sin?” ars an duine geal, “nach rohh agamsa ris a cheathramh cuid dhen arbhar fhaotainn.” “Tha sin ceart gu leòr,” ars an duine dubh, “ach cha robhn ceathramh cuid ann. Cha robh ann ach direach na tri lòid agam fhéin.”


Mac-Talla ann an New Zealand.

Tha àireamh mhath de Ghàidheil mun cuairt air Waipu, ann an N. Z., agus tha MAC-TALLAgan ruigheachd gach seachdain mar tha fios aig ar luchdleughaidh mar tha. Cha robhdol ann an toiseach ach aon àireamh, agus so mar a sgriobh am fear a bhaga fhaotainn, uime o chionn ùine gun bhi ro fhada. “Tha mi gle bhuidheach dhen MHAC-TALLA, ’s tha mi creidsinn gu bheil mo choimhearsnaich mar sin cuideachd. Co-luathsa leughas mi-fhin e tha miga thoirt seachd— ’s tha gu leòrga iarraidh. Tha miga chur gu Iain Rothach, ’snuair a chuireas esan air ais e, tha miga thoirt do Uilleam Mac Coinnich, do Mhrs. Domhnullach, do Alasdair Friseal, do Uilleam Mac Leòid á St. Anns, do Iain Kempt, ’s do Alasdair Kempt, á Kempt Head. An deigh sin tha edol as mo shealladh, ’s chan eil miga fhaicinn tuilleadh, ach tha mi creidsinn gu bheil e dol ceithir-thimchioll air Waipu a h-uile seachdain.”

Tha e toirt toileachadh mòr dhuinn a chluinntinn gu bheil am paipeir cho cho siùbhlach anns an dùthaich fhad-as ud, ’s tha sinn an dòchas gur ann asior dhol nas siùbhlaiche bhitheas e. Tha àireamh dhiubhsan a thair an ainmeachadh an so a chuir a dhiarraidh a phaipeir dhaibh féin on chaidh so asgriobhadh, ’s tha sinn cinnteach gu bheil tuilleadh ri tighinnnan deigh.


IS BRAITHREAN SINN UILE.

LE R. NICOL.

O Bàlainn an dachaidh
Bhiodh againns an t-saoghl,
Nan sguireamaid còmhla
Dar connspaidean faoin’,
S gun abradh gach duine
Riurra, le bàigh
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.”

Nach brónach an sgéul e
Gum féum sinn bhithstrìth,
N uair dhfhaodamaid còrdadh
S tighnn beò ann an sìth;
Le fàiltes le furan
Bu duineil bhithg ràdh
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.”

Tha mo chòta-sa molach,
S tha dèideadh-sa mìn,
Bidh miseg òl uisge,
S bidh tusag òl fìon’.
Ach cridheachan tairis
Tha againn a ghnàth,
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.

Is beag ort an cealgair
Le feallsachd na chrìdh’;
S tu sheasadh an fhìrinn,
S nach géilleadhs an strìth.
Bidh mise ri dghualainn,
Gu buaidh no gu bás;
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.

Cha dèanadh tu éucoir
Air créutair fon ghrèin;
S i slighe acheartais
Is taitnicdleam fhéin.
Is aon sinnn ar sòlas,
N ar dòchas, ’sn ar gràdh,
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa dc làmh.

Mun ghaol thug do mháthr dhuit
Is gnàth leat bhithluaidh;
Fhuair misen gràdh céudna
Bhon thas an uaigh.
Eisd cagar na fìrinn
Ri ìosals ri àrd
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhómhsa do làmh.

Is ait leam an céitein,
Is éibhinn a ghnùis;
Is toigh leinn ar dachaidh
O cagailt mo rùin!
S aghrian anns na speuran
Thag éiridh gach
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.

Gu luath thig an aois oirnn
S an t-aog air a cùl;
S gun dàil théid ar càramh
Gu sàmhachs an ùir.
S achill ni sinn cadal
Gu madainn Bhràth
Is bràithrean sinn uile,
Fair dhòmhsa do làmh.

Eadar. le FIONN.


Gaidhlig Beinn-Dorain.

Cha d thug mi an aire gun robh freagairt idir air toirt seachad do na ceistean aig D. D. Tha mis, a reir an eòlais agus an fhiosrachaidh agam féing am fuasgladh mar a leanas:

CUILE, —Coire creagach, dàil no lón le criochan creagach.

FOINEASACHMaiseach gasd, acoimhead gu math, le deagh-choltas air.

CAIDHTICHEA mhaireas fad uine mhath.

USGRAICHEANClachan luachmhor, seudan.

EARRAIGEACHSeòlta, innleachdach. cuilbheartach.

DAIMSEARDamhair, bùireadh.

AIN-FHEASACHAna-miannach, gaors, achd.

MEARACHDASACHSugrach, mear-macnusach.

GALL-GHAIDHEAL.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agusRubbbersdhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 1894.

titleIssue 17
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 17. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page