[137]

[Vol . 3. No. 18. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B. DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 3, 1894. No. 18.


ORAID.

Bha aig na Gaidheil ann am baile mòr, nacheil fada bhon aite seo, coinneamh chaidreamhach air oidhche-shamhna. Bha nisa lathair, agus mar a bha an tuiteamas an dàn dhomh, chaidh mo thàladh a nios, gu ruig an ard-ùrlar, agus mas math mo chuimhne is ann mar so a labhair mi.

Fhir-na-Cathrach agus aChairdean. Bha mi gle thoilichte, bha mi toilichte gu dearbh, nuair a chuala mi gur robh sibhdol a chumail coinneamh ann an seo, mar a babhuist dhuibh air oidhche shamhna.

Chuir mi romham gum bithinn a lathair, nam faighinn cead nan cos, us cothrom air agus thainig mi ann mar a chi sibh. Ach o nach deachaidh fios a chur orm, an t-aona chuid, chum òraid a dheanamh no chum sgeulachd a taoirt seachd; bha min duil nach biodh dad idir agam ri dheanamh ann, ach aite suidhe a ghabhailn ur measg, agus an aire, agus an eisdeachd a thoirt do fhearas-chuideachd sam bith, a bhiodh a dol air aghart. Ach fhaic sibh a chairdean, cho mor agus a tha mi air mo mhealladh. Chaidh mo chur an aird ann a seo, air beulaobh a Bhaillidh, (bha am Baillidh anns achathair) chums gun innis mi dhuibh air choir, ciod e mo ghnothuch ris achomunn, agus ciod en rud a thug idir ann mi.

Ach ochan mo leon chan urrainn mi.”

An uair nacheil fhios agam féin; cia mar is urrainn mi innseadh dhuibh, co dhiu a be gaol, no an cairdeas, no co dhiu a biad an dithis aca le cheile a thug ann mi.

Air an darna laimh ma their mi gum be an cairdeas, a thug don taobh seo mi cha-neil fhios nach bi a cheisd seo, a tighinn a nuas orm; “Cia meud cairid a bu choir a bhi aig duine.” Ma ta o nach eil mi comasach air freagairt a thabhairt air acheisd sin, chan abair mi, ach, gum faod, a reir coltas, gum faod ro-mhoran chairdean bhi aig duine, a chionn, ged tha an talla seo an trasd, glé làn de chairdean dhomh, chan aidich ni gu bheil tuillesa choir ann us mig ionndrainn fear no dha eile fathast.

Agus air an laimh eile; ma their gur e an gaol a thug ann mi, bi eagail orm, gun bi sibh ag iarraidh orm sgeul air dreach agus cumadh an rud neonach seo, nach fhaicear, agus nach fhaighear a leithid eile air muir no tìr. Is iomadh uair a chual mi sgeulan iongantaich air, mar cho meallaidh, mealltach agus a tha e. Chuala mi cuideachd nacheil feum ann a bhi cur na aghaidh gun tig e oirnn gun chuireadh, gun chead, mar a thainig abhana-bhuidseach air Iain, agus gun gabh e greim oirnn air dhaindheoinagus nis mios na sin, gum falbhaidh a rithist e, air uairibh, gun fhios carson, Ach cha dfhuair mi féin fios no faireachduinn air mar sin. ’S ann a thachair dhomh, o chionn bliadhnachan gun do ghabh mi gaol airma ta chaneil fhios nach be an gaol a ghabh greim orm, ach coma leibhghabh mi gaol air a Ghaidhlig agus cha do threig e fhathast mi.

Nis a chairdean ged nach labhair mis aGhaidhlig cho briagh, deas, agus a babhuist dhomh, ged nach brudhinn mis an trast i cho neochearbach glan agus bu mhath leam. Seadh ged nach aithris misi ach gu mabach, manntaeh, mall, tha mi ag innseadh dhuibh agus ag iarraidh oirbh achreidsinn nach e mo ghaol don Ghaidhlig, nach e an gradh a bhagam riamh, do chainntnam beann us nan gleann’, a tha teireachduinn ach na focal féin a tha gam threigsinn.

Agus se cion cleachdadh, ’s coireach dha sin o na threig mo chruinneag ghaidhealach. Rinn an gille ruadh suas rithe dhfhalbh i leis, agus cha dfhag i an t-aona chuid, blathas nam pògan no blas na Gaidhlig air mo bhilean. Mar sin an saoil sibh gur neonach, ged robh mi creidsinn, ’s migu fuar, ’us gu aghabhail an turus ann, an nochd am bitheadh e iongantach ged bhithinn a chreidsinn nach robh uiread aGhaidhlig air fhagail agam, aguscia mar tha sibha raidhtinn, nuair a ruigeann.

Ach cho luath agus a rainig mi ceann mo thuruis agus chunnac min soluss na h-uinneagan, agus a chuala mi nuallan nam piob anns an taigh riomhach seo, ghrad dhfhalbh an sgios, cha robh cuimhnair an fhuachd, ghabh mi air an staidhre na mo ruith suas. Agus air tuigsinn dhomh, agus a chunnac misann, a luithad chairdean a baithne dhomh, agus a chaidh failte a chur orm anns achainnt a thuigeas sibh, ged is gam a thuigeas mi féin a nis i, ghrad dhaithnich mi gun robh nan laidh na mo chridhe fhathast, mar gum bann nan cadal, focal no dhaGhaidhlig nach do theirig dhomh. Agus tha iad a nis mar gun bam, a togail an ceann, agus a stri le mo theangaidh, agus sabaid na mo bheul, co am fear bu luaithe a mach dhiu, chum mi buidheachas a thoirt dhuibh; chan e amhàin air son mar a chuir sibh failte orm, agus mar a rinn sibh furan rium, an diugh, ach cuideachd, chum innseadh dhuibh, cia cho fada agus a than ur comain, air son achairdeis, agus achaoimhneis a nochd sibh ruim, o na thachair sinn. ri cheile air tùs. Be sin aig acheud choinneamh chaidreamhach Ghaidhlig a bha air a gleidheadh aig na fior-Ghaidheil anns abhaile seo. Agus riamh on uair sin, tha e na thoilinntinn mhòr dhomh a choinnicheadh ribh, ogus oidhche air a cheilidh a chur seachad ann an cuideachd ur Co-chomunn) Mo rùn air a Chomunn, is fada gu dearbh o na chaidh a chur air chois, agus tha e na sheasadh fathast, cho laidir liomhor agus a bha e, ullamh gu obair sam bith a bhios cum leas nan Gaibheal anns a bhaile seo, a ghabhail os laimh, agus a dheanamh gu coimhlionta. Thatar ag radh gur e is crioch do gach comunn dealadh.



[138]

[Vol . 3. No. 18. p. 2]

LARACH NINEBHEH.

(BHO FHEAR-TATHAICH NAM BEANN.)

Be Ninebheh aig aon am ceann-bhaile Iompaireachd mhor Asiriaan t-aite anns an do thuinich prionnsachan agus maithean na rioghachd sin re ioma linn; agus be baile a bu mho agus a bu shluaghmhoire a bhas an am sin air aghaidh an t-saoghail. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Gheneses (x. 11. ), gun deach Asur, aon de mhic Sheim, a mach o thir Shinar, agus gun dothog e Ninebheh;” ach chan eil sinm acluinntin tuilleadh cunntais uimes na Sgriobtuirean naomha gus an do chuireadh am faidhe Ionah le teachdaireachd o Dhia a dh-ionnsuidh a luchd aiteachaidh, a chur an ceill doibh gum biod am baile air a sgrios an ceannda fhichead la,” do bhrigh gun robh an aingidheachd air dol suasan lathair Tighearna nan sluagh. Tha Ionah acur an céill gun robh ann an Ninebhehtuilleadh agus se fichead mile pearsa (120,000), nach baithne an lamh dheas seach an lamh chli,” ’s e sin de chloinn bhig; air choirs nach burrainn gun robh an luchd-aiteachaidh gu leir dad fo shea ceud mile sluaigh (600,000) ’n a aireamhtuilleadhs a than Glaschu! Bha en abhaile ro-mhor, astar thri laithean,” no thri fichead mile mun cuairt. Cha robh e idir coltach ri bailtean mora nan laithean socha robh an luchd-aiteachaidh air am pacadh suas ann an sraidean cumhann, salach, far a bheil sea no seachd de theaghlaichean domhail a chomhnuidh os ceann a cheile, mar a tha iad aig an am sos na bailtean mor as ainmeiles an Rainh-Eorpa; oir chan e mhain gun robh sluagh lionmhor ann, ach bha mar an ceudnamoran spreidhann. Mar so, ’n uair a bheir sinn fainear meudachd Ninebheh, agus mar an ceudna an teisteas a tha Nahum atoirt uimpe; ’s e sin gun robh in acathair fhuiltich? uilen a ceilg, lan de reubainn,” chaneil e idir iongantach gun doidhirpich duine iosal ann an imbhes am misnich mar bha Ionah, airteicheadh do Tharsus ofhianuis an Tighearna;” oirbheir eagal duine ribe leis.”

Ged a ghabh muinntir Ninebheh aithreachas fo shearmonachadh Ionah, agus a bha iad car uine air an caomhnadh; gidheadh tha e coltach nach robham maitheas ach mar neul na maidne, agus mar an druchd moch a shiubhlas air falbh;” oir gle ghoirid na dheigh so than Tighearna, le beul nam faidhean Nahum agus Sephaniah, acur an ceilltrom eallach Ninebheh” —ag innseadh gum biodh e air adheanamh“ ’n a larach luim, tioram mar an fhasach,” agus gum biodh cumhachd agus moralachd rioghachd Asiria air an toirt gu lar. Tha Nahum ag radh mudheighinn gum bu bhail e le moran dhaingneach, le geatachan lionmhor agus croinn-dhruididhgun robh a luchd-malairt lionmhor thar reultan neimhgun robh a phrionnsachan lionmhor mar na locuist, agus nach robh crioch airionmhais. “So (arsa Sephaniah) achathair luaghaireach a ghabh comhnuidh gu tearuinte; a thubhairtn a cridhe. Tha mi agus chaneil ann ach mi. Cionnus a dhfhas in a fasach, ’n a h-aite air son bheathaichean gu luidhe sios ann!” A reir achuntais a tha air thoirt seachad le luchd-eachdraidh creideasach, bhan fhaidheadaireachd so air a coi’ -lionadh o cheann da mhile agus ceithir cheud gu leth balidhna. Chaidh righ Mhedia agus Phersia agus Nabopolosar, righ Bhabiloin ann an co-bhoinn an aghaidh Ninebhah, agus do bhridh gun robh tomhas aingidheachd abhaile sin air a lionadh, thug an Tighearna thairis e do lamhan a naimhdean. Thainigesan a phronnas ann am bloighdibh a nios fa comhair;” bhafuaim slait-sgiursaidh, agus torman farum nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnachran cluinntinn anns na sraidean; “bha geatachan na h-aimhne air am fosgladh, agus bhan luchairt air a sgaoileadh;” “cha robh crioch air na cairbhinnibh;” bha chreach airgid agus oir aira glacail;” agus“ ‘cha chualas guth a teachdairean nis mo;” “chunnaic na cinnich a lomnochduidh, agus na rioghachdan a naire.”

Than cunntas a dhfhag seann sgriobhaireann an deigh, agus mar an ceudna aithris an luchd-turuis sin a shiubhail troimhn aite, acordadh air dhoigh ro-chomharraichte ris na dhinnis na faidhean a bha gu tachairt. Tha e air a radh gun robh ballachan Ninebdeh ceud troidh air airde, tri fichead mile mun cruairt, agus air an dion le cuig ceud deug tur (1500) —gach aon diubh da cheud troidh air airde. Tha Lucian, aon de luchd-aiteachaidh Samosata dluth air an abhainn mhoir Euphhrates, a sgriobh mu cheud bliadhna an deigh bas Chriosd, ag innseadh gun deach as do Ninebheh gu tur, agus nach burrainn neach air bith innseadh urad agus cait an robh en a sheasamh.

Re nan ochd ceud deug bliadhna a a chaidh seachad o na sgriobh Luican, cha robh aithne air bith air Ninebheh ach a mhain ann an ainm. Chaidh eadhoin a laraichean briste as an t-sealladh; agus an uair a bha luchd-turuis agus daoine foghluimte eile ationndadh suas agus arannsachadh gach ni bha air mhaireann de riomhadhs de mhòralachd na Greig agus na Roimh, cha robh ach gann forais air bithg a dheanamh mu Ninebheh no mu Bhabilon, no oidhirp air bith air a toirt gus an t-aites an do sheas luchairtean greadhnach righrean Asiria agus Chaldea fhaotuinn a mach.

O cheann beagan uine thug cuid den luchd-turuis a thaoghail an Asiria fainear aireamh mor de dhuinteans de tholmain air taobh na h-airde tuath den abhainn sin ris an abrar an Tigrisabhainn a tha ruiths an aon chursa ri abhainn Euphrates; oir tha iad araon ag aonadh ra cheile tacan maith mum bheil iad ataomadh a mach ann an Geodha mor Phersia(Persian Gulf) .Thug aon no dha oidhrip air cladhach am measg nan duintean ud, dhfhench am faigheadh iad ni air bith a chuireadh solus air eachdraidh an aites an am a dhfhalbh; ach do bhrigh nach robh aca gach goireas a bha iomchuidh a chum obair den t-seorsa a ghiulan air a h-aghaidh, beiginn doibh sgur gun a bhi dad ni bu ghlice na bha iad an uair a thoisich iad. Air mullach aon de na duintean so tha uaigh ris an abrarUaigh Ionah,” agus tha beul-aithris ag radh gur h-ann an so a bha am faidhe air adhlacadh.

Air do dhuinog, tapaidh dan ainm Layard, agus a tha de naisinn Fhrangaich, iomradh a chluinntin air na duinteans air na tolmain air an robh sinn alabhairt, thog e air, agus cha deach stad air a chois gus an drainig e bruachan na Tigris. Cho luaths a rainig en t-aite, ’s a dhamhairc e gu mion mun cuairt air gach colas balla, agus tuir a bha ram facinn; agus air dha beagan phiocaidean agus shluasaidean a sholar, agus muinntireas a chur air leth-dusan de na h-Arabaich a tha fuireach mun aite, thoisich e air cladhach anns an aon as motha de na



[139]

[Vol . 3. No. 18. p. 3]

duin, a tha mu ochd ceud deug troidh air fad, naoi ceud troidh air leud, agus cuigs tri fichead troidh air airde. Cha deach iad fadair an aghaidhn uair a thachair iad air seomraichean ro-eireachdail. Bha ballachan nan seomraichean so air an deanamh suas de leachdan mine air an robh dealbhan each agus charbadan cogaidh, saighdearan mar gum biodh iad ag caitheadh len saighdean, agus moran grabhalaidh eile de iomad seorsa; ach a thaobhs gum bann le teine a chaidh an tur so a mhilleadh, mar a tha gu soilleir ra fhaicinn, bhachuid mhor de na seomraichean air am briseadh, agus na leachdan air an losgadh gu h-aol. Ach ged a bha moran de na leachdans de na h-iomhaidhean a thuitn an smur co luaths a chaidh an rusgadh, gidheadh bha feadhain co cruaidh, shleamhain, agus an grabhaladh co soilleir, cuimirs a bha iad riamh! Bha cuid de na dealbhan a bha air an tilgeadh thairis le h-or agus le nithibh luachmhor eile; agusn uair a chunnaic na h-Arabaich an t-or cha robh teagamh aca nach bann air toir ulaidh, no ionmhas foluichte a bha Mr. Layard; agus bha mor ioghnadh orra, ’n uair a thuirt e riu gur clachan a bha esan ag iarraidh, agus gum feudadh iadsan gach or agus airgiod a gheibheadh iad a ghleidheadh. Bha na daoine so, mar a bha sluagh na cearnsin gu leir, ro aineolach araon air eachdraidh an duthcha fein agus dhuthchannan eile, agus mar sin cha burrann doibh a thuigsinn ciod an toileachadh nobhuannachd a bheireadh e do neach, a mhaoin agusuine chaitheadh air ni a bha co faoinn am beachdsan. Cha dfhairich iadsan riamh an dian iarrtas a bha aig Mr. Layard gu ni-eigin fhaotainn a chuireadh solus air cleachdadh agus suidheachadh nan Asirianach anns na linntean cians an do labhair na faidhean, agus air son an robh e nisarannsachadh mar air son ionmhas foluichte.”

(Ri leantuinn.)


Phàigh Breatunn sia muillein gu leth ( £6 ,500,000) pùnnd Sasunnach an uiridh air son uighean agus eunlaith. Chaidh ceithir muillein gu leth dheth sin do dhùtchannan céin, agus mhuillein do Eirinn. Tha so a bharrachd air na chaidh a phàigheadh air uidhean us eòin a thogadh am Breatuinn fhéin.


A Leithid Eile.

Bha bean-uasal air lathàraid agabhail na stràide còmhla ri a fear pòsda ann an carbad, agus air dhaibh a dhol mun cuairt oisean, fhuair iad iad féin ann an caol-shràid anns nach burrainn do dhà charbad dol seachad air a chéile, agus aig acheart àm thug iad fa-near carbad ceannachd atighnn nan coinneamh. Cha robh rùm dol seachad no tionndaidh aig aon seach aon. “Is esan a dhfheumas cur air ais,” ars abhean-uasal, cha n-eil mise dol a thilleadh air son fear dhen t-seòrsud idir; ’s math a dhfhaodadh e ar faicinn mun dthàinig e air an rathad.” “Ach,” ars a fear, “cia mar a chitheadh e sinn? cha n-fhaca sinne esan.” “Coma leam dhiu,” ars ise, “cha chairich mise á so gus an téid esan air ais, ged dhfheumainn fuireach gu deireadh an t-saoghail.” Chualam fear a bhanns a charbad eile an còmhradh a bhaca, ’s thuirt e gu robh esan toileach gu leòr cur air ais, aig a cheart àm a gnogadh a chinn ris an duin’ -uasals ag ràdh. “Tha dìreach a leithid eilagam fhin aig an tigh.”


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


Chaidh fear F. Mac-Gill-fhinnein, á Toronto, a null don Ghàidhealtachd toiseach an fhoghair a choimhead a phàrantan a tha fuireach ann am Baile-dhuthaich. Air an latha mu dheireadh de dhOgust, chaidh e air chall, ’s cha dfhuaireas sgeul air fhathast.

Tha aphlanaid mars anns na lathaichean so ri faicinn gu soilleir. Chithear i nas fhearr aig an àm so na chunnacas i o chionn còrr us bhliadhna agus ruithidh bhliadhna eile seachad mum faicear i cho boìllsgeach a rithist. ’S còir do gach neach sùil mhath a thoirt orre fhadsa bhios i na maise.

Minards Linimentair son Loine.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and Sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH.
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[140]

[Vol . 3. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 3, 1894.

TURAS FADA.

LEIS AN URR. E. MAC LAOMUINN, D. D.

An uair a thàinig an Lighichenuas an staidhir bhon t-seómar anns an robh aBhana-mhaighstir Marshalln a luidhe gu tinn, bhan teaghlach uile cruinn anns an tallaréir coslais a chum grabadh a chur air. “Gu cho luaths a dhfhàsas mo mhàthair gu maith!” dhfheòraich Cluaidh, am pàisde. “An urrainn do mo mhàthair tighinn a nuas an staidhir air an ath sheachduin?” dhfheòraich Ceiteag an nighean a bu shines abhean-tighe bheag. “Am bheil thufaireachduinn gum bheil mo bhean mòran ni sfhéarr?” dhfheòraich Maighstir Marshall gu dùrachdach. Cha drinn an Lighiche snodha-gàire. Cha do stad e eadhon a fhrecgairt an ceistean. “Tha mi ann an cabhaig mhòr,” thubhairt e, ’setogail aide leis. “Is éigin dhomh dol gu neach eiletha anabarrach tinn. Taoghlaidh mirithist anns an fheasgar. Dhfhàg mi gach òrdugh leis abhean-eiridinn,” Ach is ann mu dheibhinn comhfhurtachd na mnà bha gu tinn a bha gach seòladh a fhnair abhean-eiridinn. Bha ise, mar bu chubhaidh dhi, faicilleach agus sàmhach. Chaidh impidh a chuir air achloinn a bha acluich air an staidhir, gun iad a dheanadh faruim air bith. Chaidh an latha tiamhaidh seachad. Chaidil abhean thinn agus cha do chuireadh dragh oirre. Ach mun deachaidh achlann a luidhe, fhuair iad cead a dhol a stigh agus oidhche mhaith a ghuidhe lem pògan dom màthair. Chaidh an t sochair cheudnadhiùltadh dhoibh car tamuill roimhe so, agus fhreagair an cridheachan beaga le gàirdeachas don chuireadh’ “Bham màthair ni bfhéarr, neo cha burrainn i am faicinn. Leighis an Lighiche i. Bhitheadh gaol aca air air a shon so uile làithean am beatha.”

Bha i anabarrach glais-neulach, ged rinn i snodha-gàire. Is iad na ceudbhriathran a labhair i riu, “Tha midol air turas.” “Turas,” ghlaodh achlann. “An toir sibh sinne leibh?” “Cha toir. Is e turas fada fadatha ann. “Tha ar màthair adol gus an àirde deas,” arsa Ceiteag. “Thug an Lighiche àithne dhi so a dheanamh. Fàsaidh i gu maith am measg doireachan òir-mheas Fhlorida.”

Tha midol gu dùthaich a tha fada air falbhgu dùthaich gu mòr is boidhche na eadhon an Airde Deas ghrianach,” arsa am máthair gu fann, “agus cha tig mi air mais.” “Tha sibh adoln ar n-aonar, a mhàthair,” dhfheòraich Ceiteag. “Chaneil, arsa a màthair, “tha mo Leigh adol leam. Fàgaibh beannachd leam le bhur pògan, a chlann mo ghaoil; oir anns amhaduinn mum bi sibhn ur dùsgadh, bithidh mise air falbh. Thig sibhse uile gu mionnsuidh, an uair a tha sibh air bhur deanamh ullamh, ach feumaidh gach aon agaibh an turas a ghabhail leis féin.”

Anns amhaduinn bha i air falbh. Ad uair a dhùisg achlann, dhinnis an athair doibh mun dùthaich bhòidheach a ràinig i gu sàbhailte am feadh a bha iadsann an cadal. “Cia mar dhfhalbh i? Cothàinig air a tòir?” dhfheóraich iadsan am measg an deóir. “Carbadan Israeil agus a mharc-shluagh,” thubhairt an athair gu sòlaimte.

Bha ioghnadh air daoine mun t-sìth agus an t-sonais a bha air an taisbeanadh ann an gnùis na cloinnebha nis gun mhàthair. An tràth a tha foighneachd air a dheanamh dhiu, mum màthair, their iad, “Dhfhalbh i air turas,” agus oidhches maduinn tha iad aleughadhn an Leabhar-stiùraidh mun tìr ud anns am bheil inis atuineachadhan tìr anns nach abair a luchd-àiteachaidh tuille, “Tha mi tinn,” agus far an tiormaich Dia E-féin gach deur bhon sùilean. —Au Fhianuis.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost & Co.)
STOC MOR DE BHATHAR UR.

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c ., &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[141]

[Vol . 3. No. 18. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

BHA chùirt mhòrna suidhe ann an Sidni air an t-seachdain so a rithist, air son crioch a shur air càsan nach robh ùine air an toirt air adhartn uair bha chùirtna suidhe roimhe.

THA bruidhinn an dràsd air muileann flùir a chur suas anns abhaile. Tha mòran adeanamh mach gun gabhadh muileann dhen t-seòrsa sin cumail aig obair ann an Sidnì cho math ri iomadach àit eile, agus gum pàigheadh i cuideachd.

CHAIDH duinòg don ainm Ruairidh Mac Fhionghain a ghoriteachadh aig a Mheinn a Tuath, feasgar Di-luain. Chaidh a chas an sàs ann an inneal leis an robh eg obair, agus chaidh a prannadh cho donas gn bheil eagal air na dotairean gun tig orrachas a thoirt dheth.

CHAIDH dithis dhaoine mharbhadh air an rathad-iaruinn eadar Windsor us Annapolissa gheamhradhsa chaidh, ’n uair bha iad arèiteach an t-sneachda dheth. Tha bantrach fear dhiubh an dràsd an deigh ceithir miles còig ceud dollar a thoirt bhar cuideachd an rathaid air son bàs a fir.

CHAIDH caileag òg Susan Cole, fhàgail aig an tigh, ann an Sussex, N. B.. gus an aire thoirt do dhithis phàisdean. ’N uair a thill iadsan a bha air falbh, fhuair iad i aig bonn na staidhres i marbh. Tha iad adeanamh gun do thuit i leis an staidhirs gun deach i á cniàmh na h-amhach.

CHAIDH duinòg dom bainm Frank Westwood a mhahbhadh aig starsach a thighe fhéin ann an Ontario o chronn tri no ceithir de sheachdainean, agus cha dfhuaireas brath air a mhort e fhathast. Tha riaghladh na dùthcha atairgse còig ceud dollar mar dhuais do neach sam bith a bheir am follais am mortair.

CHAIDH sabhalna theine faisg air Dorchester, N. B., aon oidhche ais an t-seachdain ss chaidh, agus loisgeadh e maille ris gach ni a bhana bhroinn. An ath latha fhuaireadh cnàmhan coignear dhaoine anns an làraich. Bu luchd-oibreach ind a bhag obair anns a choimhearsnachd, agus bhan sabhalna àite-cadail aca.

THA Mr. Foster an deigh aona muillein deug dollar ( $11 ,000,000) aghabhailan iasad ann an Sasuinn, air son riaghladh Chanada. Chan eil an teachd-a- steach cho mòr air abhliadhna sosa bha i na bliadhnaichean roimhe so, agus tha chosguis a cheart cho mor. ’S e sin is coireach gu bheil aig an luchd-riaghlaidh ri airgiod a ghabhailan iasad.

O CHIONN treis a dhùine, bha duine dom bainm Day air a bháthadh aig Canso. Chaidh e fhéin us fear Smith a mach ann am bàta agus cha do thill esan. Bha droch amhrus air Smith gu robh làmh aigena bhàthadh, agus than t-amhrus a fás nas làidire, oir tha Smith ag innse iomadh sgeul a thaobh mar thachair. Tha càirdean an fhir a bhàthadh abruidhinn air am fear eile chur an sàs.

CHAOCHAIL Honore Mercier ann am Montrealsa mhaduinn Di-màirt. Bha e tinn o chionn mios no dhà, agus bha dùil ribhàs na h-uile latha o chionn da sheachdain. Rugadh esa bhliadhna 1840, agus an deigh dha dhol troimh chùrsa colaiste, dhionnsaich e bhina fhear-lagha. Bha e treis acur a mach paipear-naidheachd Frangach, agus bha en deigh sinna fhear-pàrlamaid. Bho 1887 gu 1890 bha ena phriomhair air Cuibeic.

BADDECK. —Bha sàcramaid na suipeir air a frithealadh air an t-Sàbaid sa chaidh. Bhan t-Urr. D. Domhnullach, à Strathlathairn a cuideachadh an Urr. D. Dùghallach aig an t-seirbheis. Bha aCheist aca air Dihaoine mar a bábhaist, agus labhair àireamh mhath oirre. Air an t-Sàbaid bhan t-seirbheis Ghàilig aca aig aon uair deugsa mhaduinn, agus an t-seirbheis Bheurla aig trì uairean feasgar. Bha an eaglais lán aig gach tràth.

MEAIRLE. —Tha na meairlich aig an obair fhéin, a deanamh ullachaidh air son a gheamhraidh le cuid chàich. Chaidh còt-uachdair aghoid air duine àraidh aig dhe na h-eaglaisean feasgar an la roimhe. Chaidh fiach dha no tri dhollar de bhathar a ghoid à carbad aig de na stòraichean air a mheadhon-latha: agus air a mheadhon-oidhche fear fad-làmhach aìr choir-eigin a stigh do thigh chearc anns a bhaile agus dhe na bhann de chearcan cha dfhág e ach na cinn. Than t-àm aig luchd laghas ceartais feuchainn ri stad a chur air an obair ud. Cha dean math leigeil le luchd na braìde an cead fhein a bhi aca.


POSAIDHEAN.

Aig Beinn Stùbhart, E. I. P., leis an Urr. I. R. Coffin, an t-Urr. M. A. Mac Coinnich, Grannd River, C. B., ri Pricilla A. Scott.

Air a 24mh la de October, leis an Urr. D. Drummond, Aonghas L. Mac Citheagain, Mheinn a Tuath, ri Anna C. Chann, Bras dOr Mor.

Aig na Narrows Bheaga alr a 4mh la de October, leis an Urr. A. Mac Rath, Coinneach Mac Asguill ri Cairistine Mhathanach.

Aig Bridgeport an 23mh latha de October, leis an Urr. I. A. Mac Glaisein, Niall Domhnullach, Mira, ri Màiri S. Dhomhnullach, Bridgeport.


BAIS.

Aig an Amhuinn Mheadhonaich, an 18mh latha de October, an deigh tinneag fada air fhulaug le mor fhoighrdhinn, Cairistine, bean ChoinnichIc Gill-fhinnein, 61 bliadhna dhaois.

Aig an Amhuinn Mheadhonaich, air an 21mh latha de October, Anna, bantrach Ghilleasbuig Dhùghallaich, 77 bliadhna dhaois.

Aig Salem, Loch Lomond, an 26mh la de Ogust, Duffus Mac Cuish, 83 bliadhna dhaois.


Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.

CumMinard ’s Linimet ’san tigh.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[142]

[Vol . 3. No. 18. p. 6]

MU THUARASDAL.

Chan e an t-aon thuarasdal a gheobh a h-uile seòrsa cosnaiche. Gheobh saor tuilleadh ri sgalaig, agus gheobh òrcheard tuilleadh ri saor; agus chan e fear a bhig oibreachadh nas goirte na fear eile dhiubh is coireach ris achaochladh-thuarasdail.

Tha obair na h-inntinn air an aon chur-h- uige ri obair achuirp. Cléireach aphinn, air cho goirts gan oibrich e, chan eil a thuarasdal cho mòr ri pàidheadh fir-lagha no lighiche.

Uime sin tha e soilleir nach ann a réir goirtead na h-oibre, ach a réir a luach, a tha tuarasdal achosnaiche.

Ciamar ma ta a mheasar luach oibre?

Tha luach oibre mar luach badhair no rud sa bith eile; tha e mòr no beag a réir amhiagh no na foighneachd a bhios oirre; is e sin a réir cho duilich s a thà e a faotainn, Nam bes gum faighteadh punnd òir air cho beag dragh us costuis ri punnd luaidhe bhiodh an luaidhe cho luachmhor ris an òr.

Ach ciod is coireach òrcheird us lighichean a bhi nas goiinne na saoir us sgalagan? Am briathran eile; carson a tha e nas dorra do dhuine faotainn a bhin a òrcheard nan a sgalaig?

Is e bonn aghnothuich gum beil an t-ionnsachadh atighinn gu tuilleadh costuis. Chan fhuilear do dhuine ùine mhòr a thoirt ag ionnsachadh a bhin a òrcheard non a lighiche mum bi achéard no an ealaidh aige air a làimh. Air chors mur bi gu leóir aig duine gu cost air fhein na h-ùine sin, agus a thuilleadh air sin guoid’ -ionnsuich a phàidheadh, nach dian e an gnothuch. Agus cha chostadh duine sa bith air a mhac ag ionnsachadh a bhin a òrcheard non a lighiche, ged a bhiodh en a chomas, mur biodh dùil aige, an lorg sin, gun coisneadh e tuilleadh ri saornach dfhimir idir uibhir a chost ris ag ionnsachadh na saorsainneachd.

N a uaireannan air a shon sin meallar air duinen a dhùl. Mur bi togail aig gille, no ma bhios e gun dìcheall, gun suim, chan ionnsuich e cèaird no ealaidh, co dhiu ach leth-chearbach; air dhòighs gur call gun bhuannachd na chostar risga h-ionnsachadh. Ach cha ne na chostar ri lighiche ionnsachadh is coireach gum pàidhear tuilleadh dha air son duine churs aghlun, na a pháidhear do shaor air son cas a chur am bòrd-bìdh, ach na lighichean a bhi gann. Leis an ionnsachadh a bhi costail, chin eil ach àireamh chuibheasach adol a dh-ionnsachadh na h-ealaidhe. Tha sin afagail nan lighichean gann; uime sin is e goinnead nan lighichean a tha atogail am pàidhidh.

Bho na thuirt mi, ma ta, tha e soilleir gur h-ann a réir pailtead no goinnead na h-oibre a tha a luach, cleas gach rud eile.

Còrr-uair tha tàlann aseasamh do dhuine an àite costuis. Mar shamhladh air sin Piobaire no fear-ciùil sa bith nach eil Nádur lombais ris mun alt a bhuileachadh air, bidh a dheich urad foighneachd air ris an dreangan a fhuair acheart uibhir ionnsachaidh ris agus a tha an ealaidh ag cur móran tuillidh de spàirn air. Ach cleas gach oibre eile, is e goinnead luchd nan tàlann is coireach an tuarasdal a bhi nas motha. Tha luchd nan tàlann gann: uime gin tha an obair am barrachd miagh.

Ach a thuilleadh air na dhainmich mi tha oibrichean ann nach e costus-ionnsachaidh no tàlann a tha togail an tuarasdail. Is ann diubh sin obair sa bith a tha cunnartach, no neo-fhallain, no mi-thaitneach. Mur biodh an tuarasdal math, chan fhaighteadh duine idir a ghabhadh os làimh iad.

Tha feadhain ann a than duil, ma thuiteas dhaibh a bhi ag obair nas goirte na feadhain eile, gur h-ana-ceartas e mur fhaigh iad tuilleadh tuarasdail riutha. Agus chan eil teagamh nach anaceartas e, agus nach eileas ri ainneart orra, ma thathas atoirt orra, gun an coire fhein, oibreachadh air thuarasdal a thograr a thoirt daibh, amhuils na traillean a tha aca ri oibreachadh a bhidhs aodach. Bainneart e mar so nan tugainnsa, mar gum beadh, air urra sa bith, rud sa bithobair, badhar, barr, no spréidh, a reic rium ge boil leis, air aphris a thograinn fhein. Ach chan ana-ceartas e, agus chan ainneart, a thoil fhein a thoirt do dhuine a tha reic, no ceannach; mas ann areic, iarradh e aphris a thogras e; mas ann ag ceannach tairgeadh e na chi e iomchuidh. Is reiceadair obre an cosnaich; is coannachadair afear a the cur muinntirs air; uime sin is ceartas gum bi an toil-shaor aca le chèile.

Bho shean bha lagh ann a shocruchadh an tuarasdail. Chuirteadh ubhla air duine sa bith a thairgeadh no a dhiarradh tuarasdal nach robh an lagh sin ag giulan. Ach is ann a bha lagh mar so ri tuilleadh croin no math. Bliadhnaichean bhiodh an tuarasdal cho mòrs nach bfhiach do thuathanach, mar gum beadh, a chuid sgalag uile chumail; cha chumadh e ach an fheadhain a bfhearr, ’s leigead e mach an talamh; an sin bhiodh am barr ganu agus moran sluaigh a chion oibre. Air an laimh eile an uair a bhiodh an tuarasdal ìosal, bhiodh tuathanach ann a dhianadh luim air muinntireas a chur air rogha nan sgalag le sineadh-na-làimhe a thoirt daibh, agus neothar-thainig don lagh. Bheireadh sin air tuathanaich eilan cleas ciadna a dhianamh; air chors nach robh stàth sa biths an lagh.

Is i an doigh is fhearr sa bith a thoil fhein a thoirt do gach duine—’ reiceadh e no ceannaicheadh e air a phris a chi e iomchuidh.

Tha feadhain eile ann a than duil gur h-ann a réir pris abhidh a than tuarasdal ag éirighs atuiteam; tha iad asaoilsinn, an uair a dhéireas am biadh gur còir don tuarasdal amhuil sin éirigh; air an làimh eile an uair a thuiteas am biadh gun tuit a rèir sin an tuarasdal; air chors gur coma don chosnaiche co-dhiu bhios am biadh saor no daor.

Ach duine sa bith a ghabhas beachd air achuis, tha e soilleir dha nach ann am meinn pris abhìdh a tha éirigh no tuiteam an tuarasdail. Dhfhiach sinn muthrà gur h-e goinnead luchd-céirdealanta is coireach ri tuille tuarasdail a bhi aca na thaig na dubh-chosnaichean. Amhuil sin tra bhios an luchd-oibre gann éiridh an tuarasdal. An fheadhain a bhios a dh-easbhuidh chosnaichean, theid iad gun dùlan gum faotainn, theid, a thairgsinn air a cheile, mar a bha iad adianamh an toiseach an Astralia. Air cho saors gm bi am biadh cha ghabh duine sa bith tuarasdal beag, an s gum faigh e tuarasdal mòr.

Uime sin chan ann am meinn prìs abhìdh a tha eirigh no tuiteam an tuarasdail, ach a reir na foighneachd a thair obair. Tra a bhios na cosnaichean lìonmhar bidh an tuarasdal ìosal. Cha dfhág an sean-fhacal fhein urad sin gun an aire thoirt da: “Is misde na bochdan a bhi lìonmhar.” Air an làimh eile, an uair a bhios mòran am



[143]

[Vol . 3. No. 18. p. 7]

feum luchd-oibre, èiridh an tuarasdal.

Tha cosnaichean gu minig an teinn nach ruigeadh iad a leas, le cion a bhi sealltainneach rompa. Bidh iad ag cur na coire air an atharrach, ach gu tric is iad fhein ceann na coire. An uair a bhios tuarasdal math aig duine, agus nach cuir e peighinn mu seach a dhfheitheamh an latha fhlich, ach a chaitheas an òls an eile, atighinn suas bhon làimh gus an fhiacail, ciamar a bhitheas e achn a éiginn tra a thig nan cuileagan bàna, ’s a ghannaicheas an cbairs a thuiteas an tuarasdal.

Gliocas bhon t-seillein:—

Bha fannan feoir ann roimhe so, ’s bha e toiseach geamhraidh a bhasid an impis a bhi marbh leis an fhuachds leis an acras, agus beudar dha falbh air an tuath. Ràinig e an seilleins fhuair en a shuidhe gu soimeach a stigh e, gun dìth, gun deireas, agus dhiarr e, air ghaol an iochd, an dèirc air. Thuirt an seillein ris gum biongantach leis uirèas a bhi air cho tràth den bhliadhnas an samhradh a bhi cho math, agus dhfharraid e ciamar a chuir seachad teas na bliadhna. “O,” os am fannan, “chuir ag òl, ’s aseinn, ’s adannsa, ’s cha do smaoinich mi riamh aìr gaillinn agheamhraidh.” “Chan e sin mo dhòigh-sa idir,” os an seillein, “tha mi saoithreachadh gu goirt an t-samhraidh ational lòin air son agheamhraidh, agus an fheadhain nach dian mar sin, air leam gur geal an airidh iad air a bhin an teinns agheamhradh.” —An Gaidheal, 1876.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bidh iad againn ron bhliadhnùir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidhsan a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[144]

[Vol . 3. No. 18. p. 8]

Oidhche na Callainne an Tir Chein.

Is tiamhaidh, trom, mo chridhenochd,
Is mi am aonran bochd leam fhéin;
Chan iarr mi tàmh, chan fhaigh mi lochd,
Is mi fo mhùig an dùthaich chéin.

Is iomadh cuimhne thùrsach, throm,
Tha dùsgadh bròins ga mchur fo sprochd:
S e thog an osna ann am chom
Nacheil min Tir-nam-Beann a nochd.

Tha Tir-nan-Beann mar bha i riamh
Gach gleann, is sliabh, is creag nam faobh,
An creachann àrds am bi am fiadh,
S an leacann liath tha sios othaobh.

Tha fòs gach allt aleum le toirm,
Bho chreig gu creig a sios gu tràigh;
Tha bàrr an fhraoich fobhadain ghorm
Gu troms gu dosrach mar a bha.

Ach càita bheil na cáirdean gràidh.
Dan dthug mi bàigh an làithean mòig?
S e fàth mo mhulaid is mo chràdh
A mhéuds a tha dhiubhn diugh fon fhòid.

Athair mo ghràidh, chaneil e beo;
Mo mhàthair chaomh, chaneil i ann,
S mo cho-aoisean rinn falbh mar cheò
A dhfhuadaichear le gaoth nam beann.

O slàn le comunn caomh mo ghaoil,
A chuireadh faoilt am chridhe bochd!
Mo chreach chaneil iad air an t-saoghl
A dheanadh aobhach misenochd.

Ach tha iad beò an dùthaich chéin
An Tir-na-Gréin’, gun oidhcha chaoidh,
S coinnichidh sinn a ris a chéil’,
Gun sùil fo dheur, gan chrìdhacaoidh.

Tha àl afalbh is àl ateachd,
Mar thonn aleantainn tuinn ail tràigh;
Ar bliadhnaichean, tha iad, gu beachd,
Mar sgèulachd dhìomhain, gheàrr, gun stà.

Ach glòir do Shlànghear caomh nam buadh,
A thug a nuas o Thìr-an-àigh
Deagh sgéul an aoibhnis mhòir don t-sluagh,
Air beatha bhuan nach mill am bás.

Choisinn a bheatha so gu daor,
N uair thaom othaobh gach braon da fhuil;
Ach O cia gràsmhor, fialaidh, saor,
Don chinne-dhaonna h-àghs a buil!

Carson a bhithinn brònach, bochd,
Acaoidh fo sprochd an so leam fhéin?
Do shùil, a Dhé, tha ormsa nochd,
Fo dheòraidheachd an dùthaich chéin.

Cha bhi micaoidh, cha toir mi géill;
Fo thaic do sgéith gun iarr mi tamh;
Do thoil-sa déanar leam, a Dhé,
Ga mstrìochdadh fhèin a chaoidh fo dlàimh.

Chaidh an dàn so a dheanamh leis an Urr. nach maireann Tormoid Mac Leoid, D. D., duine a rinn uire air son math na Gàidhligs nan Gàidheals gun dfhuair e mar ainmCaraid nan Gàidheal.


Leis an tiormachd a bhann an cuid de na Stàitean an Iar air an t-samhradh so tham feurs an talamh air a losgadh cho donas nach eil dòigh aig spréidh air a bhi beó agus tha moran de na tuathanaichg am marbhadh air eagal am faicinn abàsachadh leis an acras.

Anns abhliadhna 1850, cha robh ach tri ficheads aon mile deug (71) de rathad iaruinn ann an Canada air fad. Anns a bhliadhna 1867 bha da mhile da cheuds da fhicheadsa h-ochd deug (2258) de mhiltean ann. Agus air a bhliadhna so tha suas ri sia mile deug (16,000) de mhiltean ann. Tha cuid ag ràdh gur dùthaich shlaodach fhadalach a tha ann an Canada, ach chan eil so gle choltch ris.

Chuir duinàraid ann am Manchesteran Sasuinn, fios gu Victoriaan Columbia Bhreatunnach, leis antelegraph,’ agus ghabh e beachd air an ùinethug am fios air an astar. Eadar a chur air falbh us fios-freagairt a bhi air ais, cha robh ach dìreach mionaid gu leth, Ben t-astar a bhann, uile gu léir, ochd mìle deug de mhìltean. Rachadh fios, aig an luaths sin, ceithir-thimchioll an t-saoghail ann an mhionaid! Ceud bliadhna roimhe so, a ghabhadh air fhéin a ràdh gun tigeadh an latha anns an gabhadh a leithid sin a dheanamh.


Iadsan a Phaigh.

Mairi E. Nic Neill, Gardiner Mines, (50c. )
Eobhan Gillios, Bràigh Mhargare.
Iain Peutan, S . W. Ridge, Mabou.
Gilleasbuig Mac PhàilOrangedale .
A. W. Peutan, Loch Lomond.
E. I. Mac-an-t- Saoir, (25c. )
R. Domhnullach, Am Bain Ear.
Alasdair Domhnullach, Salmon River.
Aonghas Mac Gilleain, Catalone .
Iain Mac Ritchie, New Campbellton, (25c. )
M. R. Mac Neill, Benacadie Pond.
Bean IianIc Diarmaid. Stirling .
C. C. Dhomhnullach, South Cove.
An t-Urr. R. MacGillebhràth, Lormore , N.S.
Iain Ros, Ch ’town, P. E. I.
An t-Urr. R. Mac Gilleain, Valleyfield .
Murachadh Mac Leoid,
Iain D. Mac Leoid,
Iain MacGill-fhinnein, Victoria Cross, ( $2 .00)


SPRINGHILL. —Oidhche Di-luain sa chaidh, chaidh losgadh air duine dom bainm Crawford, agus chan eil mor choltas air gun tig e uaithe. Bha e acluich air chairtean còmhla ri triùir Eadailteach, agus air do rud-eigin tighinn eatorra loisg fear dhiubh air. Bhan deoch orra nan ceathrar.

Tha Iompaire Ruisia beò fhathart, ach. Tha e sior dhol nas miosa, agus tha e soillier nach eil moran saoghail roimhe. Thatan a deanamh gach ullachaidh a ghabhas deanamh air son a bhàis ann an Ruisia agus eadhon ann an duthchannan eile. Tha dg lighiche a, frithealadh air a lathasa dhoidhche, ach cha dean an sgil feum sam bith. Tha e air aithris gu bheil iad air a dhol bhar chéile gu dona mu dheaghainn an cuid dotaireachd, an darra fear a cur siòs air an fhear eìle.

Tha Lighicahean cleachdadhM ’ds Liniment

IarrMinards Liniments na gabh ach e.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agusRubbers>gai> dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 1894.

titleIssue 18
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 18. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page