[145]

[Vol . 3. No. 19. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 10, 1894. No. 19


Litir a Valleyfield.

Than dolair glé dhoirbh fhaotainn aig cho iosalsa tha prìs gach a tha ri reic aig muinntir aig an àm so, ach gheibh na fior chàirdean dolair a MHAC-TALLA, ann an rathad onarach, mas leig iad èis ro mhòr air ma ghabhas e deanamh idir. Tha mi ro thoilichte coslas soirbheachaidh a bhi ri fhaicinn air, agus bithidh an còrr ri fhaicinn ann am beagan ùine ma sheasas càirdean na Gàidhlig gu greimeil ri do ghuallainn, mar is còir dhaibh a dheanamh, agus mar tha àireamh mhath dhiubh adeanamh. ThaGhàidhlig anns achearnaidh so de Eilein a Phrionnsa, glé phailt fhathast, ach tha cuid mhòr afàs glé choma dhe bhiga labhairt. Tha na pàrantan ògasmaoineachadh gum bi e nas usadh don clonn sgoil us fòghlum ionnsachadh ma bhios Beurla math aca an toiseach. Innsidh ùine ma tha sin mar sin. Dhfhaodainn fichead us córr ainmeachadh dhuit nan ceadaicheadh ùine dhomh, mar fhaisg da mhile dhomh, a chaidhna sgoil gun smid aca nan cinn de Bheurla nas na bhaig mo sheana-mhàthair— ’s bha sin glè bheagagus a than diugh ann an inbhe àrd mar luchd-gnothuich, dotairean, pearsachan-eaglais, agus mar sin sios. Bha aon diubh sin, nach maireann, fad aona bliadhndeug na àrd fhear-amhairc-thairis air uile sgoiltean an Eilein(Chief Supt. of Education for P. E. Island. )Ma nin linn a tha ag éiridh an dràsd, nas fhearr, chi am fear a bhios fada beò e. ’N uair a thig na h-oidhcheannan fada geamhraidh, feuchaidh mi ri cùnntas a thoirt air ceud luchd-àitich an àite so, agus cia as a thàinig iad.

Dean am feum a thogras tu dhen litir so, agus am feum as fhearr as aithne dhuit dhe na còig dolair a tha innte, aon uam féin, ’s aon an urra o cheathrar de mo nàbuidhean (tha an ainmean air cùl so) fior Ghàidheil, a tha dileas don Ghàiligs do MHA-C TALLA. Is mise do charaid.

IAIN D.


FREAGAIRTEAN.

Fhuair sinnna chuir D. B., thugainn á Ontario agus ni sinn feum dheth an ùine glé ghoraid.

Moran taing doIainagus doChonaair son na tha iadsgriobhadh dhan MHAC-TALLA.

Bidh an t-òran a chuir ar caraide à Dunbheagain thugainn anns an ath àireamh. Cha burrainn duinn a churs an àireamh so.

Tha sinn duilich gun ddrinn sinn seòrsa de mhilleadh air an eachdraidh a sgriobh ar caraide, Murchadh Mac Laomuinn, mu Ghàidheil Eilein a Phrionnsa. Bha pios dhi nach robh air a chlo-bhualadh idir, ’s cha dthug sinn an aire dha gus an, robh sinn, o chionn ghoirid a sealltuinn thairis air an àireamh anns an robh e. Bhitheamaid fadan comain Mhurchaidh choir nan ath sgriobhadh e a chuid sin den eachdraidh, agus ged chuireadh e uiread eile, no a dha uiread eile, rithe cha bu mhisde leinn dad e.

Taing do Iain D. air son a litir, ’s air son an airgid a bhana doi Tha litrichean gle thaitneahh, agua is math linn a bhigam faotainn, ach cha n-eil iad idir cho taiceil ris an alrgiod Bidh feadhainn a foighneachd dhinn am bheil diorbh a bhicur cruinn na tha de naigheachdans de leughadh eiledol anns a phaipeir? agus faodaidh sinn a ràdh gu bheil gu dearbh; air uairean, bidh na naigheachdan ganns bidh gach ni eile gann. Ach cha n-eil suathadh aige sin ris cho doirbh sa tha e dhuinn an gnothuch a dheanamh as aonais airgid. Cha dean math a bhi tighinn thairis air; cha deanadh e ach dorran a chur orra-san a tha, coltach ri Iain D. ’sa cheathrar nàbuidhean, a deanamh an dleasanais, agus cha n-eil fhios an deanadh e feum sam bith dhaibh-san nach eil.

Tha àireamh de sgriobhaidhean againn air cùl ar làimhe a gheibh àite cho luathsa ghabhas deanamh.


Deas Fhreagairtean.

Is iongantach cho ealamh, ’s cho sgaiteachs a gheibh cuid de dhaoine freagairt facail. Thuit dhomh feim a bhi ann an aite araidh far an robh cruinneachadh mon dhaoine. Thainig neach an lathad le steud-each briagh aigeg a nochdadh. Am measg iomadh maise eile, bha sguab mhor earbuill air an each. Thuirt fear a bhan a shessamh dluth dha, uair no dha, “Nach aluinn an t-earball a thair!”

Thionndaidh am fear a bha an ceann an eichs thuirt e gu spideil, “Am faca tu earball eich riamh roimhe,” arsam fear eile, “ ’s ann a chunnaic mi e daonnann a dheigh!”

Latha a bhaSir Walter Scottamarcachd thainig e gu cachaileith. Chuir am marcaiche a lamhn a phoca air son sea sgillinn, ach cha robh aige na bu lugha na tasdan; shin e don Eireannach e, ag radh, “Tha sea sgillinn agam ort

Ma taarsesan, “gun robh sibh maireann gus am paigh mi sibh.”

Air do dha dhuin’ -uasal bhigabhail an rathaid aon latha thachair Eireannach orra agus air do thoil a bhi aig fear dhiubh beagan feala-dha a dheanamh ris an Eireannach, thuirt e ris,

Nam faigheadh an Droch-Spiorad a roghainn an ceart uair, co a shaoileadh tu a bheireadh e leisthu fein no mise?” “Mise, gu cinnteach,” arsan t-Eireannach. “Carson sin?” arsan duin’ -uasal.

A chionn gu bheil e cinnteach asad-sa aig àms am bith!”

J. W.


Faigh a mach gach conndhe dtheachd a steach, agus ge be ciod e, biodh e mor no beag, thig beo air nis lugha. A nis, dean so, agus cha bhi thu chaoidh bochd.



[146]

[Vol . 3. No. 19. p. 2]

LARACH NINEBHEH.

(BHO FHEAR-TATHAICH NAM BEANN.)

(Air leuntuinn.)

Goiridn a dheigh so chuir na Mahomadanaicha bha mun cuairt an aite stad air Mr. Layards air a chuid daoine, acumail a mach gun robh iad amilleadh uaighean nan fior Chriosduidhean (na Mahomadanaich! ); ach dhearbh Mr. Layard gu ro sheolta dhoibh nach buaighean Chreidmheach a bhannta; “oir (ars esan) nam beadh bhiohh an dara cuid an ceann non casan ri Meca (an t-aites a bheil am faidhe breige Mahomaid adhlaichte); ach tha sibh afaicinn nach ann mar sin a tha, agus air an aobhar sin feumaidh gur uaighean Ana-creidmheach a thannta.” Leis amhineach so bha na Mahomadnaich lan riaraichte, agus cha do chuir cuid eile de na cinn-chinnìdh ioma bacadh air; ach le siobhaltachd, ’s le gleusdachd fhuair e thairis orruile.

Aon la, ’n uair a bha iad acladhach am measg nan laraichean, ruisg iad iomhaigh shnaidhte de mheudachd mhoir. Cho luaths a chunnaic na h-Arabaìch ceann na h-iomhaigh so, chrith iad le h-oillt agus thug dithis dhiubh as co luaths a ghiulaineadh an casan iad a chum an sealladh eagallach a chunnaic iad a chur an ceill dan ceann-cinnidh. Ann am beagan uine, ’n uair a bha Mr. Layard atogail air falbh na h-urach a bhacomhdach na h-iomhdigh, chuale talmraich chos atarruing dluth dha, agusn uair a thug e suil os a chionn chunnaic e sgaoth de na h-Arabaich len ceann-feadhna, uile air mharcachd, ’n an seasamh air bruaich na daise. ’N uair a chunnaic iad ceann na h-iomhaigh, ghlaodh iad le aon ghuth, “Chaneil dia ann ach Dia, aguss e MahomadFhaidhe!” Cha chreideadh na h-Arabaich an toiseach uach be aon de na bocain, no de na h-urraisgean air a bheil iomradh ro thric ann an seann sgeulachdan an duthchabhann; ach an deigh moran iompaidh, ghlac an ceann-feadhna de mhisnich na theirinn don t-sloc. ’N uair a laimhsich e’ ’n iomhaigh, ghlaodh e gu h-ard, “Cha drinneadh an obair so riam le lamhan dhaoine,— ’s iad na famhairean ana-creideach mum bheil am Faidhesith gun robh maille ris! ag radh, gun robh iad na bu mho na chraobh a bairdes achoille— ’s e so aon de na h-iodhalan a mhallaich Noah, —sith gun robh maille ris! roimh laithean na dile;” agus anns abheachd so dhaontaich gach Arabach a bhalathair. ’N uair a shocraich na cuisean thoisich an luchd-cladhaich a rithis, agus mun deach a ghrian fodha ruisg iad iomhaigh eile den aon mheud, ’s den aon choltas ris acheud aon. Aig na h-iomhaighean so bha aghaidhean mar aghaidh duine, bhan cuirp agus an cosan mar leoghain, agus bha sgiathan aca mar sgiathan iolaire. Bha gach aon diubh mu dhusan troidh air fad, agus mun tuaiream cheudnair airde! Leis an toil-intinn a ghabh Mr. Layard ris na h-iomhaighean so rinn e feisd ro mhor do na h-Arabaich air an oidhche sin, agus chaith e fein agus iadsan tacan maithan cuideachd a cheile, le mor chridhealas agus ghreadhnachas. Chomhdlcich Mr. Layard na h-iomhaighean so thairis le peallagans le luirichean ioma-gnetheach, ’s chum e luchd faire orralathas a dh-oidhche.

Is tric (ars (Mr. Layard) a sheas mi re ionad uair de thiom adil-bheachdachadh air na h-iomhaighean miorbhuileach so. Re dha mhile gu leth bliadhha bha na samhlaidhean iongatach so air mòrachd Asiria air am folach o shealladh dhaoine; agus tha iad a nis air seasamh a machn an seana mhòralachd aon uair eile! Ach O, cia mòr an t-atharrachadh a thair gach ni mun cuairt doibh! Chaidh ìnnleachd agns sògh nan cinneach thréin a thùinich aon uairs amhor-roinn so gu tur as as an t-sealladh, agus tha iad air an leantuin le bochduinns le aineolas beagan de fhineachan borba. The beairteas nan teampull agus saibhreas nan bailtean-mora air an leantuinn le laraichean briste, ’s le duintean salachair. Thairis air an t-seomar anns an do sheas na dealbhan so chaidh an crann-treabhaidh, agus os an ceann ghearr corran abhuanaiche an t-arbhar! Anns an Eiphit tha carrachan-cuimhne a gleidh an laruch anns gach linn agus a bha ghnath ram faicinn acur an ceill a cumhachd, a h-uabhairs a h-innleachd ann an laithean a soirbheachaidh agus a cliu, ’n uair nach drinn na h-iomhaighean so ach an cinn a thogail eadhoin a nis àn seomraichean cadail udlaidh a thogail fiannus leis an fhaidhe gumbu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianaeh, le geugaibh maiseach, agus le sgaile dhorcha, agus le airde mhoir; agus bha a bharr am measg nam meangana tiugha. dheirichairde suas os ceann uile chraobhan na machrach, agus bha a mheangana lion-mhor, agus dhfhas a gheugan fada, le lionmhoireachd nan uisgeachan, an uair a sgaoil e mach. Rinn uile eun-laith nan speur an nìdn a gheugaibh, agus fuidh a gheugaibh rug uile bheathaichean na machrach an alach, agus fuidh a sgaile ghabh cruinneachadh mhoran chinneach comhnuidh.

Air an aobhar sin, mar so tha an Tighearna Dia ag radh. A chionn gun drinn e uail asairde, agus gun do chuir e suas a bharr ann am meadhon nan neul, agns gu bheil a chridhe air a thogail suasn a airde; uime sin thug mise thairis e do laimh aoin chumhachdaich nan cinneach: buinidh esan gu laidir ris, dhfhuadaich mise a mach e air son a chionta.’ ” —Ecec. xxxi.

Mu thoiseach an earraich, 1846, fhuaradh da iomhaigh mhor eile, car coltach ris acheud dithis: agus goiridn a dheigh sin ruisgeadh aon seomar anns an dfhuaradh sea leoghainn deug, air an deanamh de mhiotailt ruadh, car coltach ri copar. Bha cuid diubh so nach robh thar oirleach air fad, agus cha robh an t-aon a bu mho dhiubh ach gann troidh air fad, agus bha iad uile ro sgeineil, chumachdail. Chaneil teagamh air bith nach biad so na diathan breige don robh muinntir Ninebheh ag aoradh, agus tha e coltach gun robh na h-iomhaighean beaga so air an deanamh le luchd-ceird seolta, coltach ri Demetrius an ceard-airgid, a bhadeanamh beairtis air taileabh saobh-chrabhadh an coimhearsnaich. ’S iad soan iomhaigh shnaighte, agus an iomhaigh leaghta,” a tha Nahum, ag radh a ghearradh Iehobhaha mach a tigh nan de:” agus da-rireadh tha na h-iomhaighean so acur solus ro iongtantach air Nahum, ii. 11, 12. “Càit am bheil comhnuidh nan leoghann, agus aite-beathachaidh nan leoghainn oga? far an do ghluais an leoghann, an seann leoghann, agus cuilean an leoghainn, gun aon air bith a chur geilt orra. Reub an leoghann gu leoir air son o chuileana, agus mharbh e airson a leoghanna-boirionn, agus lion e a thuill le cobhartach agus agusuaimh le creich.” Mar so tha e coltach, gun robh ann an teampuil nan diathan breige so, mar tha ghnath ri fhaotinns gach aite den t-saorsa, sagartan cuilbheartach a bha sior-



[147]

[Vol . 3. No. 19. p. 3]

sparradh air an luchd-aoraidh tabhartais a toirt a steach a bhiodh freagarrach do chail nan diathan, gus am biodhan tuill air an lionadh le cobhartach, agus an uaimhean le creich;” air chors gun robh am pailteas aca fein a chum an ciocras a shasachadh.

An uair a chualas an Lunainn an soirbheachadh a bhaig Mr. Layard am measg laraichean briste Ninebheh, chuir an Comunn aig c bheil riaghladh aBhritish Museum, airgiod da ionnsaidh a chum comhnadh a dheanamh leiss an obair mhoir ud. Chaneil en comas duinne aig an am deicheamh cuid de na ruisgeadh de sheomraicheans de iomhaighean, de gach dealbh agus cumadh, a chur an ceill. Air iarrtas aChomuinn cheudna phac Mr. Layard achuid a basaghluasad de na h-iongantais a fhuair e, ann am bocsaichean, agus an deigh moran saothair as cosdais chaidh aigair an cur gu cladach, far an robh soitheach Breatunnach afeitheamh gu an gabhail air bord a chum an toirt do Lunainn. An deigh dealbhan na cuid nach burrainnear a charachadh a tharuing air paipeir, chomhdaich e le h-uir iad, agus phill e do Shasunn.

Chaneil neach air bith a thacreidsinn gun dolabhair Dia o shean gu minic agus aìr iomadh doigh leis na faidhibh,” do nach toir na nithean a tha mar so air an toirt gu solus moran misnich, oir tha iadn an dearbhadh laidir, maille ri iomadh aon eile den nadur cheudna, gus anteid aon lide no aon phuincde na labhair Diathairis, gus an coi’ -lionar gach gach aon ni.”

Biodh ar rioghachd-ne afoghlum gliocais o na larsichean briste air an robh sinn a nis abeachdachadh. Ma chaidhcrann seudair Leabanoina leagail agusa mheangain a bhriseadh,” gabhadhcrannaibh na fritherabhadh, air eagals gum bi iadsan mar an ceudnaair an toirt thairis gu bas.” Ma bha Ninebheh, “uilen a ceilg agus lan de reubainnair a caitheadh as le teinemarinn Dia a h-uaigh a chionn gun robh i graineil,” ciod a thachras do bhailtean mora fuileachdach an ama so, nacheil a, pilltinnon fhoirneart a tan an lamhan!” Tha eachdraidh nan Impireachdan a chaidh seachd acur an ceill gu soilleir gum feum rioghachdan uibhreach an t-saoghail tuiteam gu lar. Uime sin than Criosdaidh gu tric amiannachadh sgiathan acholmain a bhe aige, chum gun itealaicheadh e air falbhs gum biodh e aig foisfar am faigh e lan sheilbh air anoighreachd a ta neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimheads na neamhaibh.” Ach ged a a rachadh rioghachdan an t-saoghail so as o na breitheanasaibh coitchionn mun robh sinn alabhairt, gidheadh than t-am a teachd anns anteid na neamhan agus an talamh thairis le toirm mhoir, agus anns an leaghar na duilean le dian theas.”

On theid gach ni mar so a sgrios,
Mar fhuair sinn fios o Dhia,
Nach inmchuidh dhuinn deasachadh
Fa chomhair teachd a Triath?

Cia naomh bu choir dhuinn bhi gach uair
N ar smuain’, ’nar cainntsn ar gniomh
N uair tha ar suil ri crioch an t-saoghl,
S ri caochla gach aon ni? ”.

S.


Bu choir do chomhairle tuiteam gu seimh mar an druchd, ’s chan ann marr fhrois chlacha-meallain.

Do na daoinibh treuna tha deagh shoirbheas agus droch shoirbheas, mar an lamh dheas agus an lamh chli; ach tha iadg an cur le cheile gu feum.

Thuirt leanaabh araidh ri brathair athair gum bu choir dha a bhi faicioll ach gun dad ach airgiod cruaidh a bhi aigenuair a bhasaicheadh e air eagals gun loisgeadh na notaichean an uair a ruigeadh e thall.


Leighseadh mi o ghreim droma leMINARD ’S LINIMENT.
Two Rivers, N. S. ROB ROS.

Leighseadh mi o amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Antigonish. IAIN A. FOREY.

Leighseadh mi o chrupadh féithean leMINARD ’S LINIMENT.
Dalhousie. MRS. R. SAUNDERS.


Na fàg ni sam bith gun dheanamh a ta freagarrach ann an cuis nan obair a ta dligheach a bhi deunta. Measar cumhachd an duine leis an ni air an cuir e crioch, agns ni h-ann leis an ni air am feud e ionnsuidh a thabhairt.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Organs, and sewing Machines of all the best kinds.

A good stock of Accordeons, Harmonicas, Violin Strings, and Music Books.

Sewing Machine Needles and oil always kept on hand.

Call and Examine Stock.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile. agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, scor dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith rt, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca
Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[148]

[Vol . 3. No. 19. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu lichd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air sor $1 .52, neo 6sd. 3d. ’sa bhliadhna.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsidh an aire nach sgribbh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney Cape Breton.


SIDNI, NOBHEMBER 10, 1894.

Chaochail ALASDAIR AN III., Iompaire Ruisia, feasgar Diordaoin air an t-seachdain sa chaidh. Cha robh e ach da fhichead bliadhnasa naoi a dhaois, ’s cha robh ena Iompaire ach tri bliadhndeug. Chaidhathair agus tir Iompairean eile roimhe a chur gu bàs le làmhan fuilteach nan Nihilists, agus thug iad iomadh garg-ionnsuidh air fhéin on thàinig e gu bhina fhearriaghlaidh, ach a dhaindeoin gach innleachd a rinn iad, bhàsaich e ann an sìth air a leaba. Bha ena dhuine air an robh deagh mheas, agus bidh ionndrain air anns an Roinn-Eòrpa air fad, a chionn gu robh en cómhnuidh astri ri sìth a ghleidheadh eadar na rioghachdan. Chan eilna mhac a thadolna àite ach duinòg.

Tha deuchainnean againn mar bhalaist doin luing; tha iad gu tricg ar cumail gun dol thairis. An uair a tha moran againn ra ghiulan ni am Freaadal an druim freagarrach air son na h-uallaich. An uair nacheil ni sam dith againn ra ghiulan, Feudaidh an long luchdaichte a bhi mall ann an ruigheachd chum a calaidh fein, ach tha e cunnartach nach ruig an long eutrom an caladh gu brath.

An uair a chith sinn duinne dom bheil speis aig na h-uile, feudaidh sinn a bhi cinnteach ge be co donas gum bheil achliu, gum bheil deagh-bhuaidhean araidh dluth-cheangailte ris, agus sin ann an tomhas mor.

Fhuaireadh cnap de dhòmar-glas (ambergris) air cladach Bhroad Cove an roimhe, la fear Deòrsa Ros. ’S ann glé ainneamh a gheibheir mir dhen stuth sin air cladach cho fada tuath; ’s ann mu chladaichean na Mara Innseanaich as trice gheobhair e. Tha efás ann am broinn nam mucan-mara, agus tha fàile anabarrach cùbhraidh dheth. Tha ena ni glé luachmhor. ’S fhiach an cnap so a fhuaireadh aig Broad Cove tri mile dolair.

Tha na Frangaich afeuchainn ri nàisinich Mhadagasgar a thoirt gu striochdadh, ach cha n-e sin an soirbh. Than cùnntas mu dheireadh a fhuaras as an dùthaich sinn ag innseadh gu bheil iad acur nan Frangach gun dùbhlans ag radh ma sthriochdas iad dhaibh gur annt an uair is fheirdar dhaibh.

Tha gach seòrsaodaich a thatar adeanamh ann Pictou, am mulleanEureka” ’ga chreic ann an Glace Bay an dràsd, mu, choitneamh àiten tàilleirIc Leoid. Tha na h-aodaichean math agus tha iad saor.

Ged is iomadh ionnsuidh a thugadh air ceann-a- tuath an t-saoghail a ruigheachd, ’s ged chaidh ioma duine dhith air a thàilleabh, cha dfhuair duine riamh na bfhaisge air na ceithir cheud mile.

Cha cheaird ùr idir ceaird nam fear-laghaoanns. Bha fir-lagha Eipeit 2300 bliadhna romh Chriosd.

Flur math air $3 .50 a dhargiod. Theid sinn an urras gun dean e aran math. JOST BROS.


Iadsan a Phaigh.

Seumas I. Mac Gilleain, Meadows .
Aonghas Mac AsguillRudhan Rothaich.
Domhnull Mac Neill Gleann Ainslie.
D. I. Mac Leoid, Sidni.
Iain A. Mac Ille-mhaoil, Grand Mira.
An t. Urr. D. Drummond, Boulardarie .
Ailein R. Mac Neill, Glace Bay.
D. I. Mac Dhiarmaid, Hay Cove.
Niall Mac CoinnichCape Geo. Harbor.
Eobhan Mac Colla. Strathroy , Ont.
Murcha C. Murray, Milan , Que.
An t-Urr. A. Mac Gillebhràth, Lismore , N S.
Iain I. Siosal, Pictou .
D. A. Mac Coinnich, Dartmouth .
Iain Mac Fhionghain, Allt-a- Bhaillidh.


Minards Linimentair son Loine.


FLUR
$3 .50 am barailte,
Air son airgid. Theid sinn an urras gun dean e deagh aran.

BROGAN BHAN
$1 .00 am paidhir.
Tha iad laidir agus air an deagh dheanamh.

STOC MOR DE BHATHAR UR.
aig
JOST BROS.
Sidni, C. B., Nov. 9, ’94.


D . A. HEARN,
Fear-Tagraidh, Notair, &c ., &c .,
SIDNI, C. B.


Gllios & MacEachuinn,
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. Mac Eachuinn.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI, C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[149]

[Vol . 3. No. 19. p. 5]

NAIDHEACHDAN.

BHAn rionnach glé phailt aig beul na h-acarsaid so re na seachdain a chaidh seachad.

THA na h-uidhean glé ghann ann an Sidni aig an àm so. cho ganns nach mor gu bheil gin rim faighinn idir.

BHA coinneamh Cléire ann an eaglais St. Andrews Di-ciaduin. Bha àireamh mhath de na ministearan aig a choinneamh.

FHUAIREADH Norah Smith, marbhna leabaidh ann am Montrealsa mhaduinn Di-dòmhnaich, agus tha na h-uile choltas gum ann air a puinnseanachadh a bha i.

CHAIDH muillean-lochdraidh alosgaidh ann an Shubenacadie air an t-seachdain sa chaidh. Bfhiach gach ni a bhann ceithir mile dolair. Cha robh airgiod urrais air sion.

FHUAIREADH beagan de shuidheagan àrda, ’s iad làn abuich, ri taobh an rathaid eadar Sidni Tuaths a Mhéinn, Di-luaih sa chaidh. Chan ell sin cho dona do dhùthaich fhuar mar tha Ceap Breàtunn.

CHAIDH càin a chur air fear Ailein Mac Curdy, ann am Musquodobit o chionn ghoirid, air son droch ghabhail air each. Bha an t-each rag agus smaoinich e gun toireadh e gu rathad e le gabhail air.

Tha sinn acluiuntinn gu bheilear an deigh méinn ghuail fhaighinn ann an Ingonish. Chan eil teagamh nach eil gual ri fhaotainn am falach ann an iomadh cearna den eilein so, anns nach deachasg a iarraidh fhathast.

Chaidh phoit-dhubh a ghlacadh ann an siorramachd Inbhirnis air an t-seachdain sa chaidh, ann an Gleann-Comhain, agus eile aig Méinnean Guail Mhabou. Bha roinn mhath dhen stuth air a ghlacadh cuideachd.

THAn t-Urr. Coinneach Domhnullach, sagart Mhàbou, an deigh am paraisde a leigeadh dheth, agus tha an t-Urr. Iain Mac-a- Mhaighstir gu bhina àite. Tha Maighstir Coinneach ann am paraisde Mhàbou o chionn glé fhaisg air deich bliadhna fichead.

THA caraide sgriobhadh dar n-ionnsuidh o thaobh Loch Lòmond ag innse gun deachaidh duine air chall anns a choìlle ann an sin o chionn àireamh lathaichean, agus nach dfhuaireadh sgeul aìr fhathast. Tha buidheann dhaoine asiubhal nan coiltean gach latha ag iarrardh a chuirp.

CHAIDH nighean bheag, aois cheithir bliadhna, le Calum Mac Néill (Gobha) aig méinn aReserve, alosgadh cho donas nach robh i beò ach ùine glé ghoirid. Bha i fhéin us dithis bheageile, a piutharsa bràthair, acleasach le teine beag a rinn iad anns achoille faisg air an dachaidh. Chaidh ise chur ultach de chairt air an teine, agus ghabh a h-aodach teine. ’N uair thàinig a bràthair far an robh i, bhah-aodach air a losgadh dhith. Thugadh am pàisde bochd dhachaidh, agus an deigh dhi bhi ann an cràdh dheich uairean, chaochail i,

BHA fear Iacob Dalmage, a bhacumail tigh-a- phosta ann an Lacombe, N. W. T., o chionn ghoirid air fhaotainn ciontach de chumail airgid a bhuineadh do mhuinntir eile, ’sga churna fheum fhéin. Co-luathsa thuig e gu robhas adolga chur an greim, dhòl e deoch de stuth puinnseanta agus mar sin chuir e crioch air fhéin.

STOIRM MHOR. —Bhan t-sìde gu math stoirmeil againn ann an so toiseach na seachdain, ach bu shuarach e seach mar bha i acan àiteachan eile. Air cladach an ear nan Stàitean cho fada deas ri Connecticut, agus a tuath cho fada ri New Brunswick, bhan stoirm anabarrach trom, agus rinneadh call mòr leatha. Ann an New Haven, ’am Boston, agusn St. John, rinn an stoirm troimhe-chéile mhor, aleagail phostaicheantelegraphustelephone’ ’sa cur nanwireicheanam measg a chéile. Bha chùis cho dona ann an St. Johns gum bfheudar na taighean a bha cumail soluis ris a bhaile a dhùnadh air eagal gun deante cron, agus chuir a mhòr chuìd de shluagh a bhaile sin oidhche Mhàrt seachad ann an dubh-dhorchadas. Cha n-fhiosrach sinn gun robh call beatha sam bith an lorg na stoirme.

CALL SOITHICH. —Chaidh soitheach dom bainmAnnie M. Pride,” a bhristeadh air na creagan aig Bear Cove faisg air Halifax, mu bheul an latha Di-màirt, agus cha do shàbhaileadh duine dhe na bhair bòrd. Chan eil fhios le cinnt cia meud e bhann, oir cha n-fhacas leothasan a chunnaic idol air na creagan, ach an aon dùine bhair an stiùir. Ach tha iad a deanamh dheth gu robh air a chuid bu leigha cearthar air bòrd, agus theagamh, sianar no seachdnar. Bhan soitheach air a turus eadar Màbou, C. B. us Halifax, agiulain luchd éisg. Tha e air aithris gu robh dithis de nigheanan òga a mhuinntir Cheap Breatuiun agabhail turuis oirre, agus ma bha sin mar sin, bha iad air a call còmhla ri càch. Bha gille beag leis a chaiptein, aois aona bliadhndeug, reir coltais air bòrd cuideachd. Bhuineadh an Caiptean do Yarmouth.


POSAIDHEAN.

Ann am Port Morien, air a 25mh la de dhOctober, leis an Urr. Uilleam Grannd, Calum Mac Fhionghain, ri Peigi Nic Asguill, le chéile á South Bar.

Anns a Bhai- ’n-Iar, air an 19mh la de dhOctober, leis an Urr. A. Mac Ill-mhaoil; Niall MacGilleain, ri Cairistine Nic Fhearghais.

Ann an Sidni Mines, Oct. an 24mh leis an Urr. D. MacIlle-mhaoil, Gilleasbuig Peutan, ri Cairistine A. Dhomhnullach, le chéille à Leitches Creek.


BAIS.

Ann am Margaree( ’n ear-tuath) air an 28mh la de October, Tormoid Mac-a- Phearsain, 69 bliadhna dhaois.


Bathar math agus saor aig D. J. Domhnullach. Taghail aige gun fhios nach tu a gheobh an fhichead dollar.

CumMinard ’s Linimet ’san tigh.


An S. S. Arcadia.
THAN ARCADIA a ruith eadar Sidni us Bagh St. Lawrence na h-uile seachdain, a falbh a Sidni aig ochd uairean maduinn Di-mairt, agus a taghal air an rathad aig Sidni Tuath, St. Anns, Ingonish, agus Aspy Bay, agus a tilleadh na h-uile Diordaoin.
P . KERR,
Maighstir.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dh fhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Fhinnein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[150]

[Vol . 3. No. 19. p. 6]

Am Madadh-alluidh agus na Seachdnar Ghobhair Oga.

Anns an àm a chaidh, bha scana-ghobhar ann, aig an robh seachdnar ghobhar òga agus ghradhichd si iad, mar is abhuist do mhathar a paisdean a ghradhachadh. La a bhann bha i deonach dol don choille agus lon a sholaradh agus ghairm i na seachdnar g a h-ionnsuidhus thuirt i: Tha mis a dol a mach don choille; thoribh fanear uach toir am Madadh-alluidh an car asaibh nan tigeadh e steach mar seo, is cinnteach gun ich (ith) e sibhs eadar bhianus chalg. Bi an glamhsair ag atharrachadh a choslas gu tric ach air a chasan dhubha agus air a ghuth gharbh, bi sibh ga aithnichinn.

Dheigh iad mar aon, coma leibh, bheir sinn an làn-aire, cha ruig sibh leas smuain a ghabhail oirnn. An sin thug i oirre, ameìlich agus adeanamh sòlas di fein air an rathad.

Cha bfhad a bha i air falbh, nuair thaing neach eiginn. don dorus, a bhuail air agus a thuirt; Fosglaibh a Chloinn. Is misur mathair agus thug mi leam rud-eiginn air ur son.

Ach dhaithnich na seachdnar, air a ghuth garbh, gur e am Madadh-alluidh a bhann, agus dh eigh iad. Cha- ’n-fhosgail chan thusar mathair idir tha aig ar mathair guth glan binn, agus tha do ghuth garbh. Is tusàm Madadh-alluidh.

Dhimich Madadh-alluidh dhionnsuidh am marsanta agus cheannaich e dha fein meall mòr de chailce gheal, dhith e sin agus rinn se a ghuth binn. Thaing se a rithisd bhuail e aig an doras agus thuirt e: “Fosglaibh a Chloinn ionmhuinn si ur matair a thann agus thug i leatha rud-eiginn do gach gin agaibh. Ach leig am Madadh alluidh a chassan uinneig, chunnaic na seashdnar seo, ’s dheigh iad. Cha- ’n-fhosgail, cha- ’n- ’eil aig ar mathair ne, cas cho dubh ri sin. Is tusam Madadh-alluidh.

Dhfhalbh am Madadh-alluidhna dheann gu ruige fuineadairus thuirt e. Tha an deigh chas a ghoiteachadh cuir taoisair an sin ghabh ena dheann ruith gu ruige muillearus thuirt e.

Cuir falluid den mhìn bhain air mo chas, ach shoileadh leis a mhuillear gun robh am Madadh-alluigh air neach eiginn a mhealladh agus chaidh en imcheist; ach labhair am Mahadh-alluigh mur cuir, tha migealltuinn gun ich mis thu. Ghabh am muillear an t-eagal agus rinn e mar a dhiarradh air. Nach neonach na daoine?

A nis an treas uair thainig am Madadh-alluidh don dorus, bhuail se, agus thuirt e. Fosglaibh, a Chloìnn tha ur mathair ghradhach air teachd dhachaidh as a choille, agus tha aice rud math eiginn aìrson gach aon agaibh. Ach dheigh na seachdnar comhla, leig fhaicinn dhuinn do chasan toiseach chums gum bi fios da rireadh againn, gum beil ar mathair gu dearbh ann. Leig am Madadh-alluidh a chass an uinneig agus an uair a chunnaic iad gun robh e bàn, chreid iad gun robh gach ni gu ceart, agus dhfhosgail iad an dorus. Ach am fear a thainig a steach, be am Madadh-alluidh e. Dhoilltich iad roimhe, agus shonruich gach aon aite-folaich dha fein. Ghabh fear dhiu fon bhord, fear eile anns an leabidh, an treas fear anns an àmhunn, an ceathramh anns achuilidh, an coigeamh anns an amraidh, an seathamh fon soitheach-phluidsearachd, agus an seachdamh ann am bolg an uaireadair mhòir. Ach cha deach leo, saor on fhear óg anns an uaireadair, fhuair am Madadh-alluidh amach iad uile, agus rinn e an gnothach orra.

An deigh dha a chìocras a shàsuchadh, thriall e mach don mhiadan agus leig se glag dhe fein fo chraoibh mhòir, a bha siud, agus chaidh e na chadal.

Cha bfhad an deigh sin nuair thainig an Seana-ghobhar dhachaidh, ach ciod e an ni seo a bha i gu bhi faicinn ann. An dorus air fhosgladh, am bord agus na cathraichean air an tilgel bun-os-cionn, an soitheach-pluidsearachdna laidhe na spealgan, agus aodaichs cluasagan na leapa air an tilgeadh air an ùrlar.

Rannsuich i an taigh asireadh a cuid leanabanus cha dfhuar i iad. Ghairm i air ainm orra, ’us cha dthug neach feairt, gus an dthainig i air ainm an fhir a boige. An sin fhreagair guth min ciùin. Mhathair, tha mi ann am broinn an uaireadair.

Tharruing i a mach e agus dhinnis e dhi mar thachair; gun dthainig am Madadh-alluidh agus gun robh cach air an slugadh, agus cha saoil sibh mar a ghuils mar a chaoidh i, ag caoineadh a cuid cloinne.

Mu dheireadh chaidh i mach agus lean am fear óg i. Nuair a rainig i am miadan, bha am Madadh-alluidh an sin na laidh fon chraoibh, na chadal fathast. Dhamhairc i gu geur air, o gach uile taobh agus chunnaic i gun robh rud eiginn acaruchadh agus ationndadh no bhroinn. A chiall, arsìs’, mo chlann bhochd; a bha mar ghreim-cubhaig aig an uile-bheisd, am faod e bhi, gu bheil iad beona mhaodail fathast. Beigin don ghobhar òg an taigh a ruigsinn, agus sgian, snathad, us snath a thoirt leis; ni a rinn e na h-uile chabhag.

An sin ghearr a mhathair fosgailt bru an uile-bheisd, agus mas gann a rinn i an darna srad, chuir fear de na gobhar òga a cheann amach troimhn tóll, agus mar a ghearr i air aghart thainig fear amach as deigh fir gus an robh iad uile deas. Agus co ach iadsan, nach biad a bha toilichte a bhi beo a rithisd.

Chaidh iad air mhìre ag iomairt agus aruaig a cheil, ach thubhairt am mathair. Trothadaibh fòs, thoiribh leibh clachan mòra, agus lionaidh sinn bru an fhir seo, mun dùisg e. Shlaod iad na clachan leo, agus chuir siad a steach na bhroinn iad, a liuthads a burrainn iad a chur ann agus dhfhuaigheil iad ri cheile a rithisd e, cho sgiobaltas nach dfhairich e dad, ’s nach do charuich se idir.

Nuair a mhosgail am Madadh-alluidh bha pathadh cho mòr air, sgun robh e deonach, dol don fhuaran agus deoch fhaighinn às. Agus an àm eirigh dha, thoisich nan clachan air braoidhleich air a cheileus thuirt e. Ciod e an ni seo a thachair dhomh, na gobhair òga a shaoil mi a bhi na mo bhroinn tha iad cho cruaidhus cho trom riclachan mòra. Agus air ruigsinn an fhuarain dha, agus air cromadh os cionn an uisge dha, chum deoch a ghabhail, thug tromadas nan clach air tuitean a steach an comhair a chinn, agus chaidh a bhathadh gu muladach.

An uair a chunnaic na gobhair òga seo, thainig iadnad ruith, ’snan ruaig, aleumraich, adannsagus a seinn. Chaochail am Madadh-alluidh-Chaochail am Madadh-alluidh.

Sgeul Gearmailteach, air a h-eadar-theangachadh le

GALL-GHAIDHEAL.


So an tàm air son cur a dhiarraidh a MHAC-TALLA. Tha na h-oidhcheannan afàs fada, agus chan eil sion ann as fearr air an cur seachad na bhi leughadh a phaipeir Ghailig. Cuir thugainn dolairs gheibh thu e uaithhe so gu deireadh na h-ath bhliadhna.



[151]

[Vol . 3. No. 19. p. 7]

Oraid.

Le mearachd a rinneadh an àm a bhi cho-bhualadh na h-òraid a bha air a cheud taobh-duilleig dhen aireamh mu dheireada, bha na leanas air fhagail as:—

Thatar ag radh gur e is crioch do gach comunn dealachadh, ach cha chualas guth air a sgapadh fhathast. Tha mian dochas gum bi e laus bliadhna, agus moran bhliadhnachan an deigh sln mas teid sgaoileadh ann, agus an la a theid, is cinnteach misgum bi cumhne air call air iomadh ni a threig, agus cha chreid mi gum bi focal ra chluinntinn air oidhche shamhna fein.

GALL-GHAIDHEAL.


Bha an talamh gealsa mhaduinn an le sneachdashil air feadh na h-oidhche, agus a lean air sileadh fad an latha Bha chuid mhor dheth a leaghadh air an talamh agus a deanamh puill air rathad. ’S e so acheud shneachda bhaaginn air a gheamhradh.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut ann an Gailig.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearr sa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck C. B.


DUAISEAN

dhaibhsan a gheibh gabhaltaichean ùra don MHAC-TALLA eadar so us BliadhnUr. Bheir sinn don neach a gheibh an àireamh as a cheud duais, an neach as fhaisge thig air sin, an dàrna duais, agus an darna neach as fhaisge thig air sin, an treas duais. ’S iad na duaisean na tri leabhraichean fiachail a leanas.

I. Caraid nan Gaidheal.
II. Sàr-obair nam Bàrd.
III. Foclair GàiligIc Ailpein.

Bidh iad againn ron bhliadhnùir, ’s bidh iad air an cur gan ionnsuidh-san a choisinn iad cho luathsa bhios fhios againn iad. ’S còir do gach aon feuchainn ri àireamh bheag no mhor de ghabhaltaichean ùra fhaotainn don phaipeir. Deanadh gach neach a dhichioll. Iadsan as fhearr a ni gheibh iad na duaisean so, agus iadsan nach fhaigh iad, tha fhios againn féin nach bi aithreachas sam bith orra air son na rinn iad gus càirdean MHIC-TALLA chur an lionmhorachd.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siosaran
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


G . H. GUZZWELL,
Seudair agus Uaireadairiche,
SIDNI, C. B.
Uaireadairean Oir us Airgid, agus Seudan dhe gach seorsa.
Uaireadairean air an glanadhs air an caradh.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.



[152]

[Vol . 3. No. 19. p. 8]

ORAN NAN FASAN.

Rinneadh an t-oran so o chionn corr is fichead bliadhna le Domhnull Mac Rruairidh, no mar a theirear gu cumanta ris ann am Beinn-a- bhaoghla, Domhnull mac Iainic Aonghais, air dha bhithgabhail beachd air mar a bha nigheannan òga na dùthchadh air an èideadh ann am fasanan ùra na Galldachd. Tha Dòmhnull na dheagh bhàrd. Rinn e iomadh òran, agus chaneil a h-aon diubh air dheireadh air an òran so. Bha e air a chlo-bhualadh o chionn iomadh bliadhna, ach gad a bha, tha mi creidsinn gun còrd e ri iomadh aon de lucd-leughaidh aMHIC-TALLA.

Tha Domhnall beò, slan fhathast, Ged is e an aon bhrathair athar a tha beò agam chan fhaca mi e o chionn àireamh bhliadhnachan. Tha dòchas agam gu faic mi e an ùine gun bhith fada, ma bhios sinn beò le cheile. Ma tha h-aon den mhuinntir a chaidh do Mhanitoba a Beinn-a- bhaoghta aleughrdh aMHIC-TALLA, ùraichidh an t-òran so dhaibh iomadh ni mun t-seanu dùthaich. So agaibh an t-òran facal air an fhacal mar a rinneadh e

IAIN.

S tiom dhomh teannadh ri mòran
A chur ann an òrdan
A dhinnseadh cho pròiseil
S a tha òigridh na tìr’;
S beag ad t-ioghnadh luchd-orduigh
A bhithgearain an comhnuidh,
Air na h-adachan connlaich;
Oir tha mòran dhiubh innt’:
Tha luchd-teagaisg an àite,
Atoirt ruith air an caineadh,
Aig cho beags a thanairant’,
S mar a chnàmh iad an tìr;
Ged bhiodh airgiodh achrùin ac’,
Gun cuireadh iad umpe
Ann am fasanan ùra;
S aobhar thùrsbhithga inns’.

Ged a theanuainn ri àireamh
H-uile fasan than dràstac’,
O nach dionnsaich miGrammar,”
Cha dean Gàilig achùis
Air na h-ainmeanan neònach,
A than diugh aig an òigridh
Air na h-èididhean bòidheach
Thagan comhdach as ùr;
Bidhparinnair an guaillean,
Ispelissemun achruachan,
Sfrillseilacair fhuaigheal
Adol mun cuairt aig aghlùin;
Bidhelastic” ’s na brògan
SCordovananns achorr dhiubh;
Len cuid sgàileanan bòidheach
Acomhdach an sùl.

Sid na fasanan mealltach,
Thàinig ugainn bhar Ghalldachd,
Uireadh cléibh air acheann ac
S chota teann uime shìod’:
Len cuid aodaichean aachdair
S beag a chumas den fhuachd thiubh,
Doubie-skirtair an cruchan
Cos ullaichna sibh!
Mar gu faiceadh tu bàta,
Bhiodh atighinn bhar sàile,
Bhiod ampeakair a thearnadh,
Atighinn a mhàn thun achroinn,
Reef” ’santackacgun fhuasgladh,
S iad acoiseachd gu h-uallach,
Len cuid phutanan suaicheant’,
Feuch am buaig iad fear clì.

Sid na maighdeanan guamach
Bhios acasadh an gruaige,
Aguspadair a shuaineadh
An lagan cruaidh chùl an cinn;
Len cuid adachan neònach
Sios afalach an sròine,
N deis an cur ann am òrdugh
Gu bóidheach le sìod’:
S iad a thionndas gu h-ullach,
Ma bhios fleasgach rin gualainn
Feuch an detn iad a bhuaireadh
O mo thruaigheagan sibh!
Ged a dheanadh tum pòsadh,
S doirbh an cumail an òrdugh.
S nach dean iad car dòigheil
Gus an òl iad an .

Sid an rinn an aimlisg
On a thàinig i dhAlba
S beag a chunnaic ar seanamhair
Dhi, gu dearbha rilinn;
S luibh, gu cinnteach, ro shearbh i,
Tha igoid uainn an airgid;
Mur a sguir sibh dheh-eanruich,
S ann a mharbhas i sibh:
Ged a gheibheadh sibh pàisde
Chan urrainn sibhárach,
Bidhur cridhega fhàsgadh
Leis àchràmh a tha innt’;
Gheibh sibh botul an uair sin,
S piob a dh’ “Indiansuas ann;
S beag an t-ioghnadh an sluagh sin
A bhith, mo thruaighe, gun chlì!

Ma thig cogadh no cruadal,
S olc an urran càs cruaidh iad,
Bidh an naimhdean an uachdar,
On chaill an sluagh ud an clì:
O nach deachaidh an àrach
Leis achìch aig am màthaìr,
Cha bhi tapadh no tàbhachd
Anns an àl udn àm strì;
S beag an t-ioghnadh na truaghain
A bhith gun ghaisgeadh gun chruadal,
On a chreachadh an tuath-chéathrn
S a thugadh uatha gach ni;
S nacheil sìon a bhios sughar,
Nochinneassan dùthaich,
Nach toir soitheach na smùide
An ceann gach ùinas an tìr.


Tha Mr. Iain Gunn, a bha o chionn àireamh mhor bhliadhnaicheanna fhear-sealltuinn-thairis air na sgoiltean ann an siorramachdan Inbhirnis us Victoria, an deigh an dreuchd sin a leigeadh uaithe, agus than t-Onarach Iain Mac Fhionghain, Hogamah, air a churna àite.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannaach agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid

Brogan as fhiach $2 .25 air $ 1.75 agus cach a reir sin.

Soithichean Creadha agus Glaine.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris a s fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B
Feb. 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatunn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.

titleIssue 19
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 19. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page