[9]

[Vol . 3. No. 2. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. III. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 14, 1894. No. 2.


Eachdraidh Bhartimeuis.

Nuair fhuair sinn crodh bu gle tric a thigeadh aon dhachaidh air a reubadh leis a mnathan. ’Nuair fhuair sinn caoirich bha na mnathan adeanamh na h-uile seòrsa aodaich dan cloimh agus air dan loch bhi làn de na h-uile seòrsa éisg bhitheadh aginn leis a buntàta cha robh faramad aginn ri duine fon ghréin. Bu laithaithean sona iad so ged a shaoileas muinntir an lan duigh nach robh iad ach faoin, ach feumidh mi aideachadh gu robh an t-àit glé dhorcha gun sgoil no fear-teagaisg air taobh stigh Loch mor a Bhras dOir, agus a thuilleadh air a sin cha robh lighiche anns an tir mhor ris an can sinn an diugh siorramachd Inbhirnis, agus ann an geamhradh 1823 chaidh casan nàbuidh dhomh a reodhadh agus bèigin dol leis ann am bàta beag astar thri fichead mile gu ruigen lighiche Domhnullachan Antigonish.

Mun bhliadhna 1824 thainig an lighiche Noble, agus tha moran de luchd-leughidh a MHAC-TALLA eòlach air an òran a chaidh asgriobhadh dan bhean aige leis aBhàrd Mac Illean.

Ann an 1824 chuir fhear Uilleam Compton a Eilean a Phrionnsa, muilleann sàbhaidh agus bleith suas air taobh tuath Loch Malagawatch ni bha glé fhabharrach do mhuinntir an àit. Cha robh rathad bho Judique a nuas Amhuinn Dhennis mun cuairt Malagawatch gu ruige ceann a Bhai- ’n-Iar ach bha ceum bho Cheann a Bhai- ’n-Iar tromhRiver Inhabitantsgu Caolas Chanso. Cha robh ach leantuinn taobh a chladaich dol mun cuairt gach rudhas camus, or cha leigeadh eagal a mhathain leo dol troimhn choille. Ann an 1825 chaidh Iain Lewis òrduichidh leis an uachdaranachd air son criochan a shuidheachadh eadar a mhuinntir a shuidhich air na fearainn, agus dhfhosgail e a cheud rathad bho Loch Malagawatch troimh Amhuinn Dhennis agus Beinn Judique go ruig an Rudha Fada.

Anns abhliadhna cheudna thainig na Kavanaghich gu St. Peters; bha iad amarsantachd ann an Caolas a Bhoom agabhail fiodh a agusga chur dan t-seann dùthaich. ’S cuimhne leam ceithir longan mora tri-chrannach fhaicinn aig an aon àm agabhail a stigh fiodhaagus glé thric a dha sa tri. ’Sa bhliadhna 1827 thog iad long, “James and Toma dhainmich mi ann an aireamh eile dan MHAC-TALLAdo chuideachd a mhunntir Liverpool a Sasunn agus chaidh fear dar coimhearsnaich Iain Mac Neill a bha na dheadh sgoilear a shasuinn oirre agus fhuair e airgiod bhoHome Mission ’an sin air son sgoil fhosgladhan so, nithe a rinn e air dha pilleadhsa bhliadhna 1831. An deigh beagan bhliadhnaichean chaidh e a dhEilean a Phrionnsa farn do shuidhich e. Bha moran a nis acòmhnuidh air Amhainn Dhennis oir bha i ainmeil air son giubhais.

Be Dòmhnull Dhomhnullach a Glengarry an Alba a cheud mhinisteirthainig a Cheap Breatuinn agus sheirbhisich e da bhliadhna eadar Hogamhs am Bhai- ’n-Iars Malagawatch. Chaidh e sin a dhEilean a Phrionns far an robh e go àm a bhais. Ann an 1826 chur Eaglais Saor na h-Alba an t-Urr Iain Mac Illinnean na mhissionary do Cheap Breatuinn agus chomhairlich e do mhuinntir an àite so eaglais a thogail anns an searmanicheadh teachdair nuair thigeadh e, agus anns a bhliadhna 1828 thòisich sinn le aon inntinn agus thog sinn eaglais a bha da fhichead troidh air fad agus deich thar fhichead a leudle tri lobhtachanaonna ceanns air gach taobhagus chumadh i moran sluagh. Bi a cheud eaglais Presbiterianach a chaidh a thogail air Eilean Cheap Breatuinn. Am measg na bhaga togail bha gillòg adeanamh sgliatan tana guithas agus chunnaic mi an deigh sin e asearmanachadh innte an deighbhi air fhòghlum ann an Oil thigh na h-Eaglaise Saoir an Duneidin. Chaidh a cheid searmon a deanamh innte an toiseach an t-samhraidh 1829 leis an Urr Dughall Mac Ceigain. Ann an32 bha an t-Urr. Iain Stewart air a shuidheachadh anns aBhai- ’n-Iar agus bha sinn afaighinn an còigeamh Sabaid da sheirbheis agus ann an37 chaidh an t-Urr. Paruig Mac Gilleain a shuidhucheadh a Hogamah agus bha sinn a faighinn an còigeamh sàbaid da sheirbheis-san mar an ceudna. Bha an t-Urr. Alasdair Mac Fheachair atoirt cuid da sheirbheis dhuinne man ám chaidh a shuidhucheadh air an Amhuinn Mheadhonaich. Chaidh e troimh mhoran cruadal an àm bhi suibhail na mhiossionary bho àit go àit. Cha robh na bàtaichean cho pailtsa tha iad an duigh agus gle tricbe na h-Innseanaich le canùichean cartach a bhitheadhga aiseag, agus fhuair mi dearbhadh a chionn ghoirid gu bhiel e fior gun dfhalbh e bhon Amhuinn Mheadhonaich gu ruig Miramachi ann an aon diu sofar a robh e air ordaineadhoirs annan sin a bha achléir a baisge.

Bha moran missionariesg ar fiosrachadh re nam bliadhnaichean a leanna measg faodaidh mi ainmeachadh na h-Urr. Seumas Friseal Adhamh Mac Aoidh, agus Murchadh Stewart, gun dfhuair sinn an t-Urr. Aonghas MacIllemhaoil bha tri bliadhna deug nar measg ach a tha nissa Bhai- ’n-Iar. Thainig moran atharrachaidh air gach ni bho ma cheud chuimhneann an àit nam bruchlagan beaga tha taighean briaghaeaglais ùr an àit an t-seann tigh-ministeir beagan shlat uaithesgoilein sàbaid us seachdainrathaidean mora eich us carbadanpost a tighinn gu riaghailteachahus iomadh ni eile nach leag mi leas uine a challg an aithris. Is fior an sean-fhacal a thag ràdh, “Is iomadh rud a chi an duine bhios fada beo,”

BARTIMEUS.



[10]

[Vol . 3. No. 2. p. 2]

BLAR ALLT ABHONNAICH.

Air feasgar an 23 de mhios mheadhonach an t-samhraidh, 1314, dhlùthaich an t-arm Sasunnach riù. Thàinig cuid dena marcaichean bu tapaidh glé dhlùth gus am faiceadh iad ciod a bha na h-Albannaichean a deanamh. Bha rìgh Raibeart an sin amarcachd fa chomhair an airm, air aiss air aghart, ’s gun fodhach beag-each, achionn nach robh sùil aige ri cath air an fheasgar sin. Bha e aithnichte thar gach oifigeach eile, le còran òir a bhair a cheann os ceann achlogaid. Bha egiùlan tuagh-chatha stàilinnna làimh. Bha gaisgeach mòr an sin a measg nam marcaichean Sasunnach dam bainm Eanruic de Bohun. Smuainich e so gum bu ghasd an cothrom a bhaig a nis air cliù a chosnadh leis an rìgh a mharbhadh, a bha marcachd air each co beag, agus air leth ochuid saighdearaibh. Chuir en t-each cogaidh na chruinn-leum a null air muin aBhrusaich. Bhan t-Albannach neo-sgàthach ga fhaicinn atighinns dearbh-fhios aige ciod mun robh e. Ach teicheadh cha deanadh e. Bhan t-sleagh fhada, gheur, aig Bohun ga cumail roimhe gus a sàthadh troimh chorp an fhir eile; achn uair a bha e gu bhi aige, thug am Brusach starradh beag as a rathad decheann air sheòls gun do sheachainn en t-sleagh, agus ag éiridhna sheasamhs an diollaid, thug en t-suaibeag ud thar a ghuaille air ceann aBhohuin leis an tuaighchatha, a chaidh tren chlogads tren chloigeann a bhana bhroinn. Thuit am Bohun mòr as a dhiollaid, ’s bha e marbh mun do ràinig en talamh. Thug a chuid oifigearan aghaidh dha nis, air son e dheanamh gniomh co bras, agus nam be féin a bha air tuiteam gum bu cho maith choibhsan teicheadh còmhladh. Achs ann a bham Brusach asior amharc air abhearn a chuir clogad aBhohuin as an tuaigh, ’s gun etoirt freagradh sam bith achMhill mi mo dheadh thuagh-chatha.”

Air maduinn acheathramh fichead dhlùthaich an armailt richéile air son còmhraig. Thòisich amhire-chath leis na fir-bhogha Shasunnach a dhòirteadh a nall làdach shaighdean air na h-Albannaich, aguss eagalach an cunntas a tha luchd-eachdraidh, le aon ghuth, atoirt air amharbhadh sluagh a rinneadh fhads a mhair i. Mur biodh grabadh sam bith air a chnr air na sgriosadairibh ud, dhfheudadh iad an diol a dheanamh air na h-Albannaich na uds a rinn iad sea bliadhna deug roimhe sud air daoinibh Uallais, na h-Eaglais-brice. Ach bha marc-sluagh aBhrusaich dileas agus làn ullamh air son ùmhlachd a thoirt don òrdugh a bhi thall a measg nam fear-bogha. Bhuail iad air na Sasunnaich a ghearradh sios thar muin nan each le claidheamhus sleagh, ’s o nach robh aig achuid ud den arm Shasunnach ach bogh’ ’us saighead, cha burrainn siad iad féin a dhionadh o gharg bhuillibh nam marcaichean, ’s chaidh iad gu tnrn am breislich, ’s dhethn rian. Bha àireamh mòr de eachraidh thaghtaig rìgh Shasuinn a bha ullamh gus na marcaichean Albannach a chumail air falbh. Ach mar is maith a bha fios roimh làimh aig rìgh Raibeart air an rathad a bha iad gus a ghabhail atighinnan aghaidh a chuid marcaichean féin, bha e uilen a thalamh toll, ’s air a lionadh le bioraibh sgriosach. An àm tighinn air aghartn nan leum thachair do mhòran diubh direach mar bha sùil aig righ Raibeart a thachradh. Bha na h-eich adol fodhas na slochdaibhs abriseadh an cnàmhan, ’s na marcaichean air an tilgeadh as an diollaidibh, ’s an druim ri talamh gun chomas éiridh aig truimead an armachd mhàilich, ’n an creich do shleaghaibh fada, geura, nan Albannach. Chaidh, mar so, gach earrann den arm Shasunnach, gu all-tapadh; chaill iad an òrdughs an comas air a chéile chuideachadh. ’An ùine nach robh fada, ’n uair a bha na gillean a bhafàireachas air cùl achnuic afaicinn gun robh an càirdean féin agleidheadh an gruinnd gu maith, ’s gun robh an air lunn a dhol leò, bhruchd iad a nuas le leathad achunicn an aon mheall, gun rian, gun òrdugh, ’s ni eigin de atharrais armachdcabar no ni sam bith air am faigheadh e greim aig gach fear air a ghualainn, no na láimh. ’Nuair a chunnaic na Sasunnaich am pràbar ud adòmhlachadh a nuas taobh achnuic, ’s a smuainich iad gur e bhann armailt lionmhor a bham Brusach atoirt as ùr rin aghaidh, ’s ann a thuit an tuds an tad buileach uatha. Thionndaidh iad air son am beatha thearnadh mar a bfhearr a dhfheudadh iad.

Bha rìgh Eideard féin a measg acheud fheadhainn a thug buinn dhi.


SANAS.

Bathar Ur na h-uile Seachdain.

Na prisean nas isle na bha iad riamh.

Caileagu,
Aodaichean,
Caiseart,
Dluth Geal.

Tha Gailig aig na cleirich.

STOR SHAOR SHIDNI.
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothuich


G . H. GUZZWELL,
SIDNI C. B.,


Taillearachd.
Than stor-taillearachd a bhasna bliadhnaichean a dhfhalbh air a cumail le
Donnacha Mac Ill-Innein
a nis air a ceannach agus ri bhi air a cumail na dheigh so le
Niall Mac Fhearghais,
tha stoc mor dhe gach seors aodaich aige air laimh; bidh tuilleach a dol na cheann gach seachdain. Taghail aige ma thu air son do chuid aodaich a bhi
San Fhasan.



[11]

[Vol . 3. No. 2. p. 3]

Chuir e aghaidh an toiseach air Caisteal Shruileidh, ’an dùil gum faigheadh e dìdeanan sin. Ach dhinnis ceannard na daingnich sin da gum feumtadh a toirt suas do rìgh Alban air-na-mhàireach, ’s nach robh e sàbhailte dha fuireach uair a thim innte. Thionndaidh en sin gu deas, agus mharcaich e féins an grunnan a bha còmhladh ris tri fichead mile mun do lasaich iad eang. Ràinig e Caisteal Dhun-bàrr air achrich Shasunnaich. Bha fear-gleidhidh na daingnich sin dìleas da gus an uair mu dheireadh. Leig se e féins a luchd-coimhideachd a steach don Chaisteal, ’s dhaisig e ann am bàtiasgaich a null do Shasunn e. Phill Morair Seumas Dùghlas, a bha ga ruagadh o Shruileadh gu Dun-bàrr, air ais gun dad air son a shaoithreach, ach an t-eagal a chuir e air an t-Sasunnach.

Cha do chaill Sasunn riamh blàr a bfhuiltiche, ’s bu challaile na blàr Allt abhonnaich. Thuit deich mile fichead diubh an ud, eadar an caths an ruaig a lean an déigh achatha. Bha Gil bheag a thanns an Allt, aig ceann a deas an airm, air a lìonadh suas, ’s air a deanamh còmhnard le eachaibhus daoinibh, mar gum bu drochaid a bhann, ’s bha uisgan uillt sin co dearg le fuil nam marbhs ged a bfhuil e uile. Ghlac na h-Albannaich mòran phriosanachus mòran creiche. Tha Sasunnach àraidh, Manach Mhàmesburg, ann an tuireadh a rinn e air an dhubh ud, ag ràdh gun do chaill iad co maith ri fiach thri muilliona de airgiod an n diugh. Chaidh éiric mhòr a phàigheadh air son achuid de na priosanaich a bhan an daoinibh saoibhir. Agus anns an iomlaideachadh so fhuair rìgh Raibeart a bhan-righ agus a nighean air ais á Sasunn, far an robh iadn am priosunaich ochd bliadhna.

Cha do bhuinnig Alba blàr riamh, ’an linn sam bith, a bfheumaile dhi na blàr Allt aBhonnaich. Leis abhuaidh so, bha làn shaorsainn air a cosnadh o aintighearnas Shasuinn. Agus ged nach do leig an tàmailt leis an righ sin aideachadh, no sith a dheanamh ri Alba féin, bi rioghachsan is gu mòr a chaill air sin na Alba. Bha cumhachd Shasuinn co mòr air a briseadhs nach burrainn i ni bfhaide legionan de eachraidhs de choisichean armaichta thaomadh a nall air Alba. Ach air an láimh eile bha Seanalairean aBhrusaich, Sìr Tòmar Randolph, agus an Dùghlasach gu maith tric abriseadh a steach air toobh tuath Shasuinn, ’s adeanamh mòran millidh, ’us creachaidh feadh nan cearnan sin. Cha do thuit ach àireamh beag de na h-Albannaich Allt abhonnaich. Chaneil luchd-eachdraidh ag aithris ach dithis dhaoin ainmeil a thuits abhlàr. Sir Uilleam Utpont agus Sìr Ualter Ross, dlùth-charaid Eideird Bhruis. Lean an còmhrag ri Sasunn ri linn Eideird. Ach ann an dara bliadhna de rioghachadh a mhic, Eideard III, chaidh an t-sìth a nasgadh ri Alba, leis an daidich righ Shasuinn gun robh Alba saor o sud a mach gu bràth o thighearnas sam bith a bhi aig righribh Shasuinn thairis oirre. Agus gus an t-sìth a dheanamh ni bu treise dhaontaich Eideard gum biodh Ioanna, a phiuthar, air a pòsadh ri Daibhidh, mac agus oighre rìgh Alba. Rinneadh an còrdadh sos abhliadhna 1328. —Eachdraidh na h-Alba, le Aonghas Mac Coinnich.


SGIALACHD.

Bha ròcas ann roimhe so a bha air tòir cobhartaich dha fhein, agus air a thurus goidear mulchag-chàise à uinneig tigh-àiridh; agus càite an deach eg a h-iche ach do bharr craoibhe. Rinn e gurach air spic; agus sùil gan dthug e, ciod a chunnaic e shìos fotha ach gugarlach mor losgainng a bhlianadh fhein an lub. Bha sùilean an losgainnn am faoban éitidh asginneadh romhchlaigeannbha en a shealladh, air leis, cho ro aits gun do chuir e, ri faicinn an spliutaire shliomaich, thruaigh, spliug de bhraoisg-ghàire airan seorsa spliug sin nach tig ach don ròcass e thoradh a ghean. Goirid bhon losgann bha soidearlach de dhamh còir, sultmhar, ag ionaltradh; baidnein uan ag cluaineis mun àilein agus greis mu seach aca air snodadh bhileagan feòir agus bhlàithean.

Co a bhuail a stigh do cheann shìos na cuithe ach gum be madadh alluidh. Sgeadaich e fhein cho seòlta an deise de chulaidh-chaorach, ’s nach daithnich na h-uain a bhaca; chan e mhàin sin, ach fear dhiubh a bha an uilebheist tiotan beag roimhe sin na deaghaidh a mhàthair iche agus a craiceann a shuaineadh mu a ghuailnean, ruith e gu soganach, neochiontach, ’n a choinnimh an dùil gum bé a mhàthair.

Hi-!” os an sionnachs e ag ailadh timchioll aghàraidh an ionad a bha fo sgáil na craoibhe air an robh an ròcasn a ghurach ag gabhail beachd air an losgann ag coimhead air an damh le spliachd-shùil a bha an impis sgàineadh le farmads gu bhi tachdte le ròcuil sglamhrainn. “Nach baoth na h-uain fhein. Sheall thus air abhalcaire fhaoin, mhéalanach ud nach eil ag aithneachadh amhadaidh-allaidh fo chraiceann na caora! An seann chealgaire sin a dhich màthair ciorraidh an s a dhicheas e fhein an nochdhi !”

Bha comhachag am falachn a suain an cós an stoc craoibhe, aguss na cuir a bhann dùisgear. “Pu-, fhir a thann, ged nach eil mi gad léirsinn tha mig ad fhaireachdainn! Mas toigh le cuid de dhfheadhainn na h-uain, tha feadhainn ann air nach beag na geòdh,” os achomhachag.

Agus a ghràidh nan ban, is toigh leatsa an luch,” os an sionnach.

Bidh muinntir Chinag an iche, tha iad ag ràdh,” os achomhachag, “agus leugh mi an leabhar air choireiginn gum beil iad fuathasach déigheil air feòil chon,” os an t-seana bhean chòir a rithist.

O, tra nach do sgrios iad gach mac madaidh dhiubh bharr aghaidh an talmhainn!” os an sionnach.

Agus leugh mi cuideachd an àit eiginn, gum bi na Frangaich ag iche uan losgann, os achomhachag. “Am beil thusid a ghoistidh? Nach ann againn a bha cho-sherim bhinn cheleiridh an raoir!”

Ma bhios na Frangaich ag iche mo chineil-sa, bidh na Sasunnaich ag iche mairt fheoil,” os an losgann le ròchd— “bithidh daimh mhòra, mhosach, dhreallach, Ghallda.”

Pu-uhù!” os achomhachag, “air leam gun cuala mi sin, gu dearbh, agus nach beag orra bonnach-an-t- soduil.”

Ach riamh a chuala gum biodh iad ag iche nan comhachag, no nan sionnach, a bhean chòir?” osa gille-nan-car. “No idir gun suidheadh iad sìos a chreim ròcais,” os an t-uasal a rithists e ri beic don t-seann ròcas a bhan a ghurachs achraoibhs an càis aigen a ghob, “Is triuir sinne nach cuirear an poit a leasachadh ruidht no ròic dhaoinetha sinn os cionn sin.”

Is mise ian aghliocais,” os achomhachag, “bha mi fheins an Seana-

(Air a leantuinn air tdobh 7.)



[12]

[Vol . 3. No. 2. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia miosan, .50
Tri miosan, .25

Thaphris ri bhi air a pàigheadh toiseach na bliadhna.

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail am Breatuinn, an New Zealands an dùthchannan eile air son $1 .52, neo 6s 3d. ’sa bhliadhna.

Tha sinn an dochas gun dean càirdean na Gàilig an uile dhichioll air am MAC-TALLAchumail suas, oirsen aon phaipear Gàilig a tha ri fhaaotainn.

Thugadh iad-san a bhios a sgriobhadh Gàilig garn ionnsaidh an aire nach sgriobh iad ach air aon taobh dan duileig, agus nach bi an sgriobhadh tuilleadh us meanbh.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu.
J . G. MacKINNON,
EditorMac-Talla,”
Sydney, Cape Breton.


SIDNI, IULAIDH 14, 1894.

THAn Reiseamaid Dhubh a nis air ainm eile fhaotann,— “Na Gàidheil Rioghail.” Air eagals gu di-chuimhnichear an seann ainm, tha na h-oifigichs na saighdearan an deigh comunn a chur air chios dan ainmComunn na Reiseamaide Duibhe,” agus bidh dinneir bhliadhnail acan Dun-eideann.

THA na stàitean a reir gach coltais, air a dhol thun air uilc air an t-samhradh so. Chan eil ach ùine ghoirid on chaidh mèinneadairean phennsylvania air ais gun obair, and deigh bhi nan tàmh air son michòrdadh a bheatorra feins am maighstirean, agus a nis tha àireamh mhor den luchd oibreach air rathaidean iaruinn nan Stàitean an Iar nan tamh, a diùltadh an còrr oibreach a dheanamh gus an tig iad fhéins luchd-riaghlaidh nan rathaidean gu còrdadh, agus a bacail do neach sam bith eile car a dheanamhnan àite. Tha eadar da cheud us tri cheud mile nan tàmh, ’s chan eil fhios co aige stadas iad.

CHAIDH dithis ghillean òga mharbhadh leis an dealanach ann an Toronto Di-luain sa chaidh.


LeighsidhMinard ’s LinimentCnatan.


DHFHALBH soitheach á Halifax Maduinn Di-luain air a turns gu Greenland le àireamh dhaoine air bòrd a tha dol a thoirt sgriob rannsacbaidh-a- mach don dùthaich fhuar sin. ’Siomadh soitheach agus sgioba dhfhalbh riamh air a cheart thurus sin gun mhoran soirbheachadh a bhi leotha, ’s chan eil teagamh sam bith nach bi iad so air an aon ruith ri càch.


Litir a Lunnainn.

Bha anCruinneachadh Albannachagainn an so air an 19mh dan mhios. Bhan cho briagh, soilleirs a dhfhaodadh neach iarraidh agus chruinnich aireamh mhor sluaigh a dhfhaicinn gach cleasachd agus cluich a bha dol air aghaidh. Na measg so bha cur na cloiche, tilgeadh an uird cur car den chabar, ruith, leum, ’s mar sin air aghaidh. Ach biad a phiobaireachd agus an dainnsadh a tharruing a chuid bu mho den t-sluagh. Bha mu choig mile a lathair agus moran de na daoine agus na gillean oga air an eideadh leis an fheile-bheag. Anns achath-tharruingthug na Gaidheil gu furasda buaidh air na Goill, agus cha riug mi leas a radh gum biad mo roghainn a bhan uachdar.

Chuinnic mi litir Ghaidhlig bho Siam ann am paipeir naigheachd Gaidhealach o chionn ghoirid. Chur mi an aireamh mu dheireadh a fhuar mi deMac Tallaa dhionnsuidh a Ghaidheil ghasdasgriobh i, agus dhiarr mi air facal no dhà chur thugaibh nuair a gheibheadh e cothrom. ’S e Mac Ille dhuibh is ainm dha.

Anns an litir so tha mi cur ordugh airson £3 10s gu 13 aireamh den phaipeir a phaigheadh airson bliadhna eile. Bithidh sibh cho maths gun cur sibh iad a dhionnsuidh na muinntir a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so.

Air eagals nach dfhuar sibh an litir a sgriobh mi air an 12mh den Cheitein tha mi nis a cur thugaibh anComhradha dhaithris dithis bhalach oga aig a chomh-sheirm air an tritheamh den mhios sin.

Iun, 27, ’94. CABAR FEIDH.


THA duinòg a mhuinntir Toronto a fhuair àithne o chionn ghoirid fuireach cuibhteas tigh na Pàrlamaidan Ottawa. ’S e choisinn sin dha a mhi-mhodh fhéin. Bha e air lobhtan taighe aon lathas bha e tilgeil rudan air feadh an t-sluaigh.


LeighsidhMinard ’s LinimentCrup.


JOST BROS.
(Roimhe so, C . S. Jost &Co .)
STOC MOR DE BHATH ARUR

Bathar Tioram, Caiseart, gach seorsa.
Airneis taighe, Bathar Cruaidh, Soithichean, Siucar, Ti, &c , &c .

Prìsean beaga, moran bathair, ’s bidh sinn gle thoileach a bhiga shealltuinn. Taghail againn aig an t-seann stor,

CHEAPSIDE WAREHOUSE.


Gllios & MacEachuinn
Comhairlichean agus Fir-Tagridh aig Lagh
SIDNI & ST. PETERS, C. B.
J. A. Gillios. AJ. G. MacEachuinn.


D. A. MacFHIONGHAIN,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, E. P. I.


Dr. G. T. MacGILLEAIN,
Dotair Fhiacal,
OIFIG: Os cionn Stor Harrington.
SIDNI. C. B.


SIOSAL & CROWE.
Fir-Tagraidh, Comhairichean
Notairean, &c .
SIDNI, —C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE


HEARN & HEARN,
Fir-Tagridh, Notairean, &c ., &c .,
Sidni & Arichat.
J . H. Hearn. D. A. HEARN.


Leabhraichean Gailig.
RIN REIC AM BADDECK.
Tha Leabhraichean Gailig dhe gach seorsa rin reic aig Niall Domhnullach, anns an stor aig D. F. Mac Rath. Gheibhear Mac Talla gach seachdainsan aite cheudna.



[13]

[Vol . 3. No. 2. p. 5]

NAIDHEACHDAN

THAn amhach-ghoirt ann an Nuadh Ghlaschu. Chaochail àireamh leatha cheana.

THUG tigh na cuspuinnan Sidni a stigh gle fhaisg air ochd mile fichead dollair air a mhios a dhfhalbh.

THA cuid adeanamh dheth gum bim bàrr anns an dùthaich so nas fhearr am bliadhna na bha e o chionn chòig bliadhna fichead.

CHAIDH gille beag le Iain Thompson, an Gleann-comhain, Ont. a mharbhadh le breab a thug each dha maduinn Di-dòmhnaich sa chaidh.

THA méinnean-guail Cheap Breatuinn a deanamh gu math air an t-samhradh so. Air a mhios sa chaidh bha fichead mile dollar air a phàigheadh don luchd-oibreach anns anInternational. ”

CHA robh a fhras chlach-meallain a thuit Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh ach mu mhile air leud, ach bha i gu math fada. Chaidh moran uinneagan a bhristeadhs gach àit an robh i. Rinn i droch mhilleadh air craobhan-meas.

CHAIDH fear Uisdean Grannd a mhuinntir a Bhras dOir mhoir a mharbhadh ann am méinn òiran California, air an t-seachdain sa chaidh. Bha e mu sheachd bliadhna fichead a dhaois. Bhaathair, Donnacha Grannd, air bhàthadh aig a Bhras dOr a dha bhliadhnan t-samhraidh so.

CHAIDH an soitheach-smùid, “Louisburg,” a thagiulain guail eadar Sidni us Montreal, air grunnd aig a bhaile sin air an t-seachdain sa chaidh. Chan eil coire sam bith air a chur air a chaiptean no air na h-oifigich air son sin. Thatar a nisga càradh, agus bidh i air a cuairt abhaistichan ùine gun bhi fada.

BHUAIL soìtheach Eadailteach agus soitheach Ruiseanachna chéile air a Mhuir Dhuibh Maduinn Di-luain sa chaidh, agus chaidh an soitheach Ruiseanach dhan ghrùnnd. Cha robh air an sàbhaladh ach àireamh bheag dhe na bha air bòrd. Thatar a deanamh a mach gu robh mu thri fichead air an call.

THAINIG soitheach a stigh gu Sidni a Tuath an deigh tighinn á portan ceann a a deas America. Air a turus bhrist am Fiabhrus Buidhe mach, agus chaochail fear dhe na h-oigfiich leis. Bha dithis no triùir eile tinn ach bha iad air a dhol am feabhas mun dràinig iad an dùthaich so, agus a reir coltais, bhan soitheach cuibhteas am fiabhrus gu buileach.

THA baile Halifax an deigh lagh cruaidh a dheanamh a thaobh nan con. Tha aig gach duine aig a bheil , ri fhaicinn gu bheilainmsa choltas air a chur sios air leabhar cléirich a bhaile, tha colair ri chumail muamhaich, agus tha da dhollarsa bhliadhna de chis ri bhi air a phàigheadh air a shon. Ma gheibhear an air an t-sràid guncholair air, faodaidh fear-gleidhidh a phuinnd breth airsa chreic.

ThaC . H. Harringtonan dràsdacreic soithichean creadha agus gloine dhe gach seorsa.

CHUIREADH dithis iasgairean a mhuinntir Nobha Scotia an greim am Baddeck an la roimhe air son a bhi marbhadh éisg ledynamiteanns an Amhuinn Mheadhonaich.

BHA soitheach-smùide air a cur na piosan faisg air Kamloops, B. C., an la roimhe. Spraidh an goileadair aice. Bha dithis dhaoine air am marbhadh.

THA searmon Gàilig ri bhi anns an eaglais Bhaistichan Sidni a Tuath aig cairteal gu ceithir am màireach. Bidh an t-Urr. Mr Mac Gilleain à Chicago air ceann na seirbheis. Tha àireamh bhliadhnaichean o nach robh searmon Gàilig sa bhaile sin roimhe.

Bha fear, Tearlach Knight air a bhàthadh aig Soriris, E. P. I., o chionn ghoirid. Bha e mach a snàmh agus dhionndraineadh e, agus fhuaradh a chuid aodaich air a chladachs an aige toirt an aire dhaibh. Fhuarach an corp an ùine ghoirid. Dhfhàg e bean us triuir chloinne.

GHABH drochaid a tha eadar méinn anReserveus Sidni teine aon lathair an t-seachdain sa chaidh agus chaidh a losgadh. Chaidh na carbadan guail thairis oirre beagan mhionaidean mun do thuit i. Ben t-iongatas gun dfhuair iad seachad gun sgiorradh sam bith.

THA àireamh mhor de mhuinntir an eilean so a tilleadh dhachaidh as na Staitean air an t-samhradh so. Di-luain sa chaidh bha deich carbaid làn de luchd-turuis an ceangal ri earball an eich-iaruinn a tighinn cho fad ris naNarrows, ”agus thug e ochd dhiubh gu Sidni. Cha bàbhaist a bhigar ruigheachd ach a dha.

THA sinn duilich e bhi againn ri rinnse mu bhàs GhilleasbuigIc Phàil a chaochailam Malagawatch, air an 27mh la dhen og-mhios. Bha e na dhuine measail aig na h-uile bha eòlach air, na dheagh sgoilair agus geur-fhiosrach air gach mibha dol air adhart air feadh an t-saoghail. Dhfhàg e bantrach agus teaghlach lag na dheigh.

CHAIDH an soitheach-smùidHaverton,” a tha ruith eadar Sidni a Tuath us Montreal fordha faisg an Quebec an la roimhe. Bha àimhreit eapar an caidtean agus na seòladairean, agus tha cuid dhen bharail gum biad na seòladairean a tholl i. Bhan t-uisge da fhichead troigh a dhoimhnead farn do thòisich i ri dhol fodha.

CHAIDH tigh ChoinnichIc Gillinnein, aig na Narrows Bheaga, na theine Di-sathairne sa chaidh, agus bha e air a losgadh gu làr. Bha e fhèinsa bhean aig an àm ag obair pios on tigh, agus cha dfhuair iad fios mun teine gus an robh e tuilleadh us anmoch. ’S i nighean bheag, aois shia bliadhna, a thug an aire dhan toiseach, agus ruith i stigh cho luaths a burrainn dhis thug i mach pàisde bòige na i féin a bhana chadal anns a chreathail. Cha dfhuaireadh ach gle bheag dhen aodachs dhen àirneis a shàbhaladh.

THA e gu math coltach gum beil bliadhna mhath air thoiseach air Canada. Tha gach seòrsa bàrra anns gach cearna dhi cho math no nas fhearr na bha e o chionn àireamh bhliadhnaichean.


Chaidh mise leigheas o chuing leMINARD ’S LINIMENT.
Lot 5, P. E. I. MRS. A. LIVINGSTONE.

Leighseadh mise o lòine leMINARD ’S LINIMENT.
Mahone Bay. IAIN MADER.

Leighseadh mise o chas ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
Bridgewater. IOSUA WEGNACHT.


ADAN! BONAIDEAN!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadhna so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BONAID,
RIBINNEAN,
FLURAICHEAN,
ITEAN NO
GEUGAN

no ni sam bith eile as a gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN.


C . B. TRAVIS,
SIDNI, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan-fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadan, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[14]

[Vol . 3. No. 2. p. 6]

COMHRADH

eadar Domhnull Mac Aoidh agus Alasdair Hepburn aig a chomh-sheirn Ghàidhlig an Lunnairnn air an treas den chéitein.

DOMHNULL. —An e so thu féin Alasdair? Be sin an leigheas air sùilean gorta sealladh fhaighinn dhiotsa, càit an robh thu ga dfhalach fhéin o chionn fhada?

ALASDAIR. —Chan iongantach leam thu sin fhaighneachd ach, fhir mo chridhe! cha be cion toile ach cion comais a chum mise gun sgriob a thoirtna do rathad fad a gheamhraidh, oir chan eil ni sam bith a bheir urrad de thoileachas dhomh ri bhi cluinntinn uat mar tha gnothaichean Gàidhealach a dol air an aghaidh.

D. —Chan eil moran agamsa ra innseadh dhut a bharrachd air na chitheadh tus na paipeirean naigheachd.

A. —Ged is math na paipeirean-naigheachd chan àbhuist domhsabhi creidsinn na bhitheas annta air uairibh; chuala tu an sean-fhacal. “Cha dhiult peann breug.”

D.— ’S fior am facal e; ach, bhon a thachair dhuinn bruidhinn air paipeirean-naigheachd, am beil fios agad gum beil a nis paipeir seachduinneach air a chur a mach anns a Ghàidhlig gun fhacal Beurla bho thoiseach gu dheireadh.

A. —Am beil gu dearbh! Matas mi tha toilichte chluinntinn; ach cainm a thair agus càit am beil e air a chur a mach?

D.— ’S es ainm daMac Tallaagus tha e air a chlo-bhualadh an Ceap Bhreatuinn.

A. —An Ceap Bhreatuinn, thall an America! ’S iad Gaidheil Chanada na seoid; mo bheannachd aca! tha iad a cur na seann dùthcha gu nàire biuleach. Am beilMac Tallara fhaotainn sa bhaile so?

D. —Chan eil, ach ma chuireas tu dainm a dhionnsaìdh an Fhir-deasachaidh cuiridh e thugad e troimhn phost na h-uile seachduinn.

A. —Cuiridh mi ga iarraidh gun dàil oir chaneil e ach ceart gun rachadh na h-uile misneachadh a thoirt don fhior Ghaidheil a tha deanamh na h-oidhirp so. Nach bochd an gnothaich e nach eil paipeir Gaidhlig idir againn san dùthaich so féin? ’S cinnteach nach eil ar càinnt cho marbhs nach burrainn duinn a leithid a chumail suas.

D. —Cha robh a Ghàidhlig riamh nis beothaile na tha i an diugh, agus tha iomadh neach coltach rium fhéin a bhitheadh ro dheonach air ni-eigin den t-seorsa chur air chois nan robh an t-airgead aca, oir chan ann gun chosdas a theid paipilr a chlo-bhualadh, ach mar is trice, chi thu gur iad na Gaidheil as fearr is aithne dhut air an lugha tha cus aiugid a cur dragh.

A.— ’S ann agad a than fhirinn; ’s minic a ghabh mi beachd air cho galldas a dhfhasadh muinntir nuair a rachadh aca air beagan beartais a chur cruinn; chan fhoghnadh an sin ach cùl a chur ris gach deadh chleachdadh a bhaig an sinnsir agus an cinn a phuthadh ri nithe mòra.

D. —Bfhearr dhaibh gu mor ni eigin anns am bitheadh beagan feum a dheanamh len cuid maoin, ge be cho beags a dhfhaodadh e bhi. Nis nach mor am maith a burrainn neach aig an robh beagan ri sheachnadh a dheanamh, le cuid de na seann leabhraichean Gáidhlig a chol-bhualadh as ùr agus a chur a mach aig pris cho iosals gun ruigeadh na h-uile orra?

A. —Bhithéadh sin da rireadh na dheadh dhoigh air cothrom a thoirt don t-sluagh air eolas fhaotainn air litreachas nan seana Ghaidheil agus shaoileadh tu gum bu ghnothaich e anns nach bu chòir call sam bith a bhi gu h-araidh san n duigh, nuair a tha Ghaidhlig air a teagasg anns na sgoilibh, agus mar sin aireamh nis mo comasach air a leughadh.

D. —Feuch mata ma thachaireas Gaidheal sam bith ort aig nach eil fhios ciod a ni e le chuid airgid gun sanais thu so na chluas.

A. —Na bitheadh eagal ort gun di chuimhnich mi sin; ach thoir sùil air an uaireadair; Bu choir domhsa bhi leathach slighe dhachaidh, feumaidh mi tighinn air ais gu h-aithghearr a dhfhaighinn tuilleadh de do naigheachd. Oidhche mhath leat.

D. —Mar sin leat fhein agus moran taing dhut airson do cheilidh.

CABAR FEIDH.


Tha bathar math an còmhnuidh aig D. J. Domhnullach. Brògan, Adan, Aodaichean, agus gach seòrsa bath-ar-eile. ’S tha egan creic gle shaor.


LeighsidhMinard ’s LinimentBreac.


MOORE & JOHNSTON.
THA SINN A CREIC,
Paipear-tearra Tairnnean
Luaidhe Glaine
Glasan Tuaghannan
Saibh Olla
Sguabaichean Bucaidean
Lainntearan Fudar
Sgeinein Siorasan
Paipear-tubhaidh.
SAOR AIR SON AIRGID.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca do
Bhathar de gach seorsa agus
e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar-dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu
IAIN MAC-LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig
207 QUEEN ST., CHARLOTTE-TOWN, E. P. I.

Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.



[15]

[Vol . 3. No. 2. p. 7]

(Air a leantuinn o thaobh 3.)

Ghàidhealn ar companaich; gheobhar gu tric mo dhealbh air a ghearradh air cùirns air tuir na h-Eiphid.”

Gu dearbh chunnaic mi gu tric e air a ghearradh air àrd-dhorsan shaibhlean air aGhalldachd,” os an sionnachs e cur braoisg air fhein. “Tha thud dheagh bhan-sgoileir, a bhan-ghoistidh. Is aithne dhòmhsa rud no dhà mi fhein, ach is eudar dhomh aideach nach eil mim sgoileiris gnothaichean an t-saoghail is tha tighinn fosnear dhomhis fear mi a tha tighinn suas air mo luim fheinduine-uasal bharr na dùthcha, mar gun abradh tu.”

Is ann afochaid air asgoileireachd,” os achomhachag, ’s fàite fanaid air a h-aodann àidh.

Bithidh, a cheist, an uair bhios mise ri sgoileireachd air feadh nan cearcs nan coileach air an spiris,” os an sionnach.

Ach coma, is bochd nacheil sgoil agad: nam bitheadh bheireadh an déile so os mo chionn beagan fiosrachaidh dhut.”

tha ig ràdh,” os an sionnach.

Chan urrainn domh leughadh ri solus an latha,” os achomhachag, ’s chaidh is amhiananaich air a h-ais do chos na craoibhe a chadal gu feasgar.

Plumbas buntàta air a dubh fhacail be sin é,” os an sionnachs e sealltainn suas ris an ròcas.

Saoil, nach ann a tha phròisn ar ban-choimhearsnaich! cha bionghnadh leam ach iag gabhail oirre gliocas an t-saoghail a bhi aiceclod-cheann dall na caillich-oidhchegu dearbh nan abradh i na ròcais.”

An uair a bha an conaltradh so adol air adhart eadar na càirdean ud, bha an damh gu soimeach ag iche an fheòirs an losgann adùr-bheachdachadh air le leithid de dheud rimhiadachds gun spùtadh e nimh air nam burrainn da, agus gun sgàineadh e le neart farmaid mur-bhith nach robh sinn a chomas. Bhan t-uainein gun fhiamh, gun amharus, ’n a shineadh ri taobh amhadaidh-allaidh; a thaobh gun do ghabh esan a shàth dhe mhàthair cha do ghabh e fhathast gnothach ris. Ach coma, bha laiseadh atighìnnn a shùileans toiseach aige airfhiaclan a chasadh agus dhéirich gurt us greann air ri cuimhneachachadh gum bfhéairrde e uain-fheoil gu shuipeir.

A! nach mor na sùilean a thagaibh,” os an t-uans es amhéilich.

Is ann is fhéarr a chi mi thu, éudail.”

A! nach mòr na tuisg a thagaibh.”

Is ann is fhearr a dhich— .”

Mun robh am facal uile mach as a bhial, thainig an ràn déistinneach ud air feadh na cuithe, ’s chlisg gach beò a bhinnte leis an eagal. Ciod a bhan so ach asal a fhuair fàth le tubaist air choir-eiginn, air boiceann leòghainn a chur uimpe, agus atighinnn a still a stigh air bealach a bhair aghàradh us daoines clann ag cur rithe le maideans le gunnaichean.

An uair a chuala am madadh-allaidh an raoic a rinn an asal a bham boiceann an leòghainn, shaoil leis gur h-e righ mòr an fhàsaich e fhein a bhann, ’s thug e as cho luaths a leigeadh a dheise leis. An uair a chual an damh an fhuaim thug e le clisgeadh cuibhleadh roimhn lub, agus saltrar air an losgann, a bhag a dhubh-chàineadh, ’s cairear a chnaimhean air a chéile. An uair a chunnaic an ròcas daoine atighinn le gunnaichean, ghrad-leig e as amhulchags ghabh e na sgiathan. An uair a chunnaic an sionnach amhulchag atuitean, thug eg a h-ionnsuidhdhaithnich e raoic na h-assailagus, ’s an leum a thug e tuitear an gòisinn agus caillear an t-earrball ris. Beudar dha riamh tuille an saoghal imeachd asaonais, ag gabhail air, as droch-uair, gun deachaidh na h-earrbail as an fhasan, agus gur h-ann bu mhisde na sionnaich orra iad.

Anns na cuir a bhann thàinig balachans leadair e an asal le bata gus an robh is an raoicil aig. Cha burrainnam madadh-allaidh mòr-chabag a dhianamh leis gun deach craiceann na caora mu chasan, aguss e bhann gun dthug fear do na daoine an aire dhas gun do thilg e e. An uair a dhfhairich achomhachag abhodhar-fhuaim a bhann chaidh in a breitheall, ’s leis abhoile leum i à còs na craoibhes buailear i am buachaille an clàr an aodainn, agus mharbh e i le cuaille bata. Thàinign a àm fhein am feoladair agus thug e leis an damhs an t-uan; agus fhuair an tuathanach an t-earraballsa ghòisinn, agus chuir e am bràigh an teintein e, ’s cha robh duine thigeadh air chéilidh air, nach innseadh e dha am mìomhadh a fhuair e ag cur gu bàs an t-sionnaich.


TAGHAIL AIG
AONGHAS DOMHNULLACH,
Ceannaiche,
SIDNIC. B.
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.


Anns an
Acadia House
Gheibh thu
Brogan air pris sam bith eadar 50c. us $5 .00.
Brogan seomar, no Cuarain air 25c.
Rubbers dhe gach seorsa.
Aodaichean Deante air gach pris.
Curraichdean ur Adan.
Feuch gun taghail thu.
INGRAHAM & MacGILLEAIN.


Ma ruigeas tu stor
D. J. DOMHNULLACH,
Air Straid Wentworth,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil ega chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


CLO-BHUALADH air a dheanamh gu snasail ann an oifig a Mhac-Talla. Gailig no Beurla. Ma tha dad dhen t-seorsa dhith rot cuir litir thugainn a feorach mam prisean.



[16]

[Vol . 3. No. 2. p. 8]

Oran do Mhac-Leoid Dhunbheagain.

LEIS A CHLARSAIR DALL.

AM BARD. —Gur h-in t-saighead tham chre
A dhfhag treoghaid mo chleibh cho goirt,
Aig na rinn miad dheidh
S min diughsiubhal leam fein gun toirt,
Gun robh misair do thoir,
S bha mim meas gun robh còir agam ort,
A mhic athar mo ghraidh;—
Besan maighear is magh, ’s tusmolc.

Chaidh a chuibhle mun cuairt,
Agus thionndaidh gu fuachd am blaths,
Naile chunnaic mi uair
An Dun rathail nan luaidh a bha
Ard cho-chruinneachan t-sluaigh
Cur ri mathas gun chruas, gun chas;
Dhfhalbh an latha sin uainn
Is than talla gu fuaraidh fas.

Tha Mac-Talla fo ghruaim
Dhfhag em bailam biodh fuaim a cheoil;
Ionad tathaich nan cliar
Tha gun aighear, gun mhiagh, gun doigh,
Tha gun mhire, gun mhuirn,
Tha gun iomrachadh dluth nan corn,
Gun chuirm pailtis ri daimh,
Is gun mhacruis, gun mhanran beoil.

Dhfhalbh Mac-Tallas an Dun,
N uair a thanig oirnn diu nan triath,
S ann thachair e rium
S e air seachran air cul nan sliabh.
MAC-TALLA. —Labhir esan air tus,
Reir mo bheachd-sa gur tubha riamh,
Am measg cuideachd na muirn,
Gus an uiridh an Dun nan cliar.

AM BARD. —A Mhic-Talla nan tur,
S math mo bharail gur tu a bha
Ann an aros nam fiann
A comhaithriseadh gniomh mo lamh.
MAC-TALLA.— ’S ceart do bharail: gur mi
Is bu deacair dhomh fhinbhim thamh
G eisdeachd brosluim gach ceoil,
Ann am fochair Mhic-Leoid an aigh.

S mi Mac-Talla bha uair
G eisdeachd faruinn nan duan gu tiugh,
Farm bu mhuirneach am beus
An am cromadh don ghreinsan t-sruth;
Far am bfhoirmail na seoid,
S iad gu h-oranach, ceolmhor, cluth;
Ged nach faicteadh mo ghnuis
Chluinnteadh leothasan Dun mo ghuth.

S mi Mac-Talla bhathamh
S an aitreamhn robh gradh nan cliar,
An triath tighearnail, teann,
Is an cridhe gun mheangna chliabh.
Thug e speis da thir fein,
Cha do chleachd e Duneideann riamh;
Dhfhag em bonnach gun bheum,
S bfhearr gun leanadhna cheum a shiol.

N am bhig eiridh gu moch
Ann san teaghlach gun sproc, guu ghruaim,
Chluinnteadh gleadhraich nan dos
Is an ceile nan cois osuain.
Nuair a gheibheadh ilan
S i gun duisgeadh an àird an sluagh,
Le meoir fhileanta ghrinn,
S i gu ruith-leumnach, binnsa chruaich.

Bhiodh a rianadair fein
Cur an ire gur h-ebhiodh ann,
S e ag eiridh nam measg
Is an eighe gu tric na cheann.
Ged a bard leinn a fuaim,
Cha tuairgneadh e sinn gu teann,
Chuirteadh tagradh am chluais
Le h-aidmheil gu luaths gu mall.

An am gabhail mu thamh
Gum biodh furtachdsan fhardaich reidh;
Dhomhsa bfhurasda radh
Gum bu chuireideach gair nan teud;
Iad fo iomairt do lamh
Cur am binneas do chach an geill;
S gun bu shiubhlach am chluais
Modhan luthar do luasgan mheur.

Ann san fheasgar an deidh
Am teasa na greintrath-noin,
Bhiodh fir-chneapain ri clair
S manai a feagairt a ghnathcur leo.
Bhiodh da chomhairleach ghearr
A dian labhairts gum bard an gloir;
Is bu thitheach an guin
Air na daoine gun fhuil, gun fheoil.

Gheibhteadh fleasgaich gun sgraing
Ann san talla le gradh gun fhuath,
S oighean grinnen fhuilt reidh
Air an urlar le cheila gluasd,
Iad le ceileiribh beoil
Dannsadh iollagach, ordail, suairc’,
Is fear-bogha nan coir
A cur meadhail a mheoir nan cluais.

AM BARD. —A Mhic-Talla sobha
Ann sa bhail’ ’an do thar mi miul,
S ann an nis duinn as leir
Gu bheil misis tu fein air chul.
Reir do chomais thoir sgeul
Ons fear-comuinn mi-fein is tu;
N robh do mhuinntireas buan
Aig an dream sin don dual an Dun?

S fiosrach misair gach am,
S mu gach aon diu a bhann o thos.
Cait am faicteadh air chuairt
Ceanna-cinnidhthug fuath cho mor
Do dh-fhaoin mhor chuis nan Gall?
S gun an sporanbhi gann de dh-or.
Tighearnan Eilgis Chlar-Sgith
Cha bu bhacadh dhaibh diobhail stoir.

Bho linn nan linntean bha mi
S mi mar aon duina thamh sa chuirb,
S theireadh iomadh Mac-Leoid
Nach robh uireasbhuidh eolais duinn;
Ach cha n-fhaca mi riamh,
Gun taoitear, gun triath an Dun,
S e na fhasach gun fheum,
Gus na laithean so fein bho thus.

AM BAIRD. —Bhon a thanig ort aois
Tha ri radh gur a baoth do ghloir;
Cha n-e fasach a thann,
Ged a tha esan am gun lod.
Is air taoitears beag fheum,
S og thighearna feinna lorg,
S e rifhaotuinn gun fheall
Cur ri baoithe an ceann luchd-chleoc.

(Ri leantuinn.)


LeighsidhMinard ’s L’ mentCrosdachd.


BLIADHNA MHATH UR!

Tha sinn an deigh aireamh mhor de bhrogan a cheannach, agus air son rum a dheanamh dhaibh, reicidh sinn na thagainn air laimh

Gle shaor air son airgid.

Brogan as fhiach $2 .25 air $1 .75 agus cach a reir sin.

Faigh Paidhir air son an Earraich.

Tha sinn mar an ceudnacumail nam brogan a thatar a deanamhsan Fhactoridh aig Sidni a Tuath, na brogan as fhearr cosg a tha rim faotainn, agus tha sinngan reic air pris na factoridh

Brogn-uachdair agus Rubbers dhe gach seorsa.

SIABUNN

air a phris air am faighear e ann a Halifax. Flur o $3 .00 suas, Ti o 20c. Reiseadain o 85c. am bocsa.

AMHLAN DHE GACH SEORSA GLE SHAOR.

Ceannaichidh sinn Coirce, Im, Uidhean, agus Feoil, agus bheir sinn a phris as fhearr orra an coinneamh bathair.

C . H. Harrington & Co.
Sidni, C. B.
Feb. 2, 1894.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort, ruig
UILLEAN W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bitha thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


CLOIMH.

THAm fo-sgriobhair ag iarraidh coig mile punnd cloimhe ri ceannach, agus paidhidh e a phris as fhearrsa mhargadh oirre.

D . F. Mac RATH,
Baddeck, C. B.

titleIssue 2
internal date1894.0
display date1894
publication date1894
level
reference template

Mac-Talla III No. 2. %p

parent textVolume 3
<< please select a word
<< please select a page